Skip to main content

Full text of "Nadur an duine 'na staid cheithir-fillte ..."

•■ • ' 

'S»v : N^lV<& 

SfifiWpBB BBG 



■'""'■■ : " ,: .: 




|||g ::';.;.■ •■:•■■ ; 

iiilmip 




b88m 



IS '■'■'■■■■" ^ 
■■■'■'■■' ■■•■■'•■.'•."■- ■ '■ 

■ ■;.- i ■ : ■: ."-. 



i$S 






9fl| 


nfl 


$£ 


j^BBBfmnm - 


|fift£ 


H 


«a 


hBiBhBh 










£3 

9JB0I 


1 


m 


IWÌH 



#gs.l.74',a: 




/&><TCl<l/ aJlOt^i^c&T^ 



il^o^z^ /&*/- /(\*-^ J-O-U^J^ 



NADUR AN DUINE 



'NA 



STAID CHEITHIR-FILLTE; 



Staid Ceud Ioneacais; 
Staid Truaillidheachd Iom- 

LAN ; 



Staid Saorsa airToiseachadh; 
Staid Sonais no Truaighe 

IOMLAN ; 



Ann an Cinn Theagaisg f'a Leth. 



TOMAS BOSTON, 

MINISXEIR AN T-SOISGEIL A BHA AN ETERIC. 



Cha 'n 'eil fhios agaibh ciod a' ghne spioraid d' am bheil sibh. 

Luc. ix. 55. 



EDINBUEGH: JOHN GRANT. 

NOEMAN MACLEOD. 

1894. 



EDINBUKGH 

PRINTED BY LORIMER AND GILLIES, 

31 ST. ANDREW SQUARE. 






<$> R 



PEEPACE. 



T)OSTON'S Treatise on Human Nature has been long 
■^ and universally admired by the lovers of true reli- 
gion ; and it appears well entitled to this regard, on 
account of the intrinsic merit of its views of the con- 
dition of man, both in his natuval and in his reneived 
state. The simplicity of its style, and the perspecuity 
of its arguments, render it well calculated to instruct 
the ignorant ; while the luminous views which it 
exhibits of the fundamental principles of our holy 
religion — the simple and unaffected eloquence with 
which it illustrates the most interesting doctrines — 
and the close and pointed application with which it 
urges those doctrines on the conscience and the heart 
of every individual, cannot fail to impress the mind 
of the humble Christian with a deeper and a more 
abiding sense of the wonders of redeeming love. 

This valuable and interesting work was first trans- 
lated into Gaelic by Gilbert M'Donald, of Edinburgh ; 
and although the translation was executed with some 
ability and success, it was still felt that considerable 
alterations were necessary to render it sufficiently 
faithful to the original, and to make its style corres- 
pond as nearly as possible to the different dialects 
used in various districts of the Highlands of Scotland. 



IV PREFACE. 

For accomplishing these objects, and with the view of 
bringing the work within the reach of the poor, the 
late Rev. J. M'Donald, then Minister of Urquhart, 
with that zeal and benevolence in promoting the best 
interests of his countrymen for which he was so 
eminently distinguished, kindly undertook to revise 
the whole of the translation — to restore the true 
meaning of those passages which had been imper- 
fectly understood, or ambiguously expressed — to 
purify the style from provincial expressions and 
grammatical inaccuracies — and to make the ortho- 
graphy accord with that of the improved version of 
the Gaelic Scriptures published by the " Society in 
Scotland for Propagating Christian Knowledge." 

It is therefore presumed that an edition corrected by 
so competent a judge, both of the merits of the work, 
and of the language into which it is translated, will be 
found to contain a faithful translation of the original, 
and to be well calculated for general usefulness through- 
out the Highlands of Scotland, and also in the Colonies, 
where so many of our countrymen are now located. 



I. STAID. 



AN STAID NEOCHIONTACH, NO A' CHEUD IONRACAS SAN 
ROBH AN DUJNE ATR A CHRUTHACHADH. 



Eccles. vii. 29. 

" ITeuch, an ni s:> a mhàin fhuair mi, gu'n d'rinn Dia an duine dìreach, 

ach dh'iarr iad fein iomadh innleachd a maeh." 

THA ceitliir nithe air am bheil e feumail dhoibhsan eòlas 
fhaotainn, le'm b'àill nèamh fliaicinn : 1. Ciocl a bha'n 
duine ann an staid na neochiontachd, mar a rinn Dia e. 
2. Ciod a tha e ann an staid an nàduir thruaillidh, san 
do dhithich se e fèin. 3. Ciod as èigin dha bhi ann an 
staid nan gràs, air a chruthachadh ann an Iosa Criosd gu 
deadh oibre, ma bhitheas e gu bràth air a dheanamh 'na 
fhear comh-pairt do oighreachd nan naomh san t-solus. 
Agus " anns an àite mu dheireadh," Ciod a bhitheas e 'na 
staid shiorruidh, air a dheanamh le Breitheamh nan uile, 
foirfidh ann an sonas, no gu h-iomlan truagh, agus sin gu 
siorruidh. Is cùisean cudthromach iad so, a ta buntuinn 
ri beatha na fior dhiadhachd ; d' am bheil a chuid as mò 
do dhaoine, agus eadhon do luchd aidmheil, nam fior- 
choigrich anns na h-amannaibh olc so. Tha rùn orm, air 
an aobhar sin, le còmhnadh Dhè, na nithe so fhosgladh 
suas, agus cleachdadh a dheanamh dhiubh. 

Tòisichidh mi leis a' cheud aon diubh, eadhon, staid na 
neochiontachd : a chum, air clhuinn an duine fhaicinn air 
a dheanamh maiseach a rèir coslais lùchairt, gu 'n cuir 
an tuiteam ni's mò do chràdh oirnn, gu 'm bi an tuilleadh 
meas againn air a' Phearsa sin gun choimeas, a chuir an 
t-Athair 'na " fliear-càramh a' bhèuma ; " agus a chum gu'n 
teich sinn le rùn suidhichte, a dh' icnnsuidh na slighe sin 
a ta treòrachadh do'n bhaile aig am bheil bunaite neo- 
ghluasadach. 

Tha tri nithe againn anns a' bhonn-teagaisg. 1. An 
staid neochiontach san robh an duine air a chruthaehadh : 
Rinn Dia an duine direach. Tha cluine ann an so a' 
ciallachadh ar ceucl sinnseara, a' chàraid phrìomdh-chos- 
lach, freumh a' chinne-daoine, an saoghal ann an suim ath- 



ghearr, agus an tobar o'n do shruth gach uile ghinealach, 
mar a chithear mu choimeasas sinn, Gen. v. 1. agus 2. 
rann, " Anns an là san do chruthaich Dia an duine, ann 
an eoslas Dhè rinn se e. Firionnaich agus boirionnach 
chruthaich e iad, agus bheannaich e iad, (mar fhreumh a' 
chinne-daoine,) agus thug e Adhamh mar ainm orra'. Tha 
am focal ceudna sa' cheud chainnt a' ciallachadh an aon ni 
a ta 'nar bonn teagaisg : Anns an t-seadh so rinneadh an 
duine dìreach (freagarach ri nàdur Dhè, aig am bheil 
obair iomlan,) as eugmhais neo-iomlaineachd truaillidh- 
eachd, no siol na truaillidheachd, 'na chorp no 'na anam. 
Einneadh e cothromach ; 'se sin ri ràdh, dìreach ri lagh 
agus toil Dhè, as eugmhais mi-riaghailt sam bith 'na anam. 
Leis a' chumadh a fhuair e 'na chruthachadh, bha e 'g amh 
arc gu dìreach ri Dia, mar 'àrd-chrioch : bha'n t-aomadh 
dìreach sin air a thaisbeanadh mar ann an samhladh, le 
deilbh dhìreach a chuirp ; deilbh nach 'eil aig creutair beò 
eile. Mar a bha Daibhidh ann an seadh an t-soisgeil, mar 
sin bha esan ann an seadh an lagha, " aon a rèir cridhe Dhè 
fein," gu h-iomlan fìreanta, fìor-ghlan agus naomh. Binn 
Dia mar so e ; cha d' rinn e air tùs e, agus an deigh sin a 
dheanamh firinneach, ach 'na dheanamh, rinn e firin- 
neach. e. Bha ceud fhireantachd air a co-chruthachadh 
maille ris, air chor as anns a' cheart àm san robh e 'na 
dhuine, gu 'n robh e 'na dhuine fìrinneach, deadh-bheu- 
sach ; leis a' cheart anail leis an do shèid Dia anam beò 
ann, shèid e anam firinneach ann. 

2. Is i so staid leagaidh an duine : " Ach dh'iarr iad a mach 
iomadh ìnnleachd." Thuit iad air falbh o 'm fois ann an Dia, 
agus thoisich iad air an innleachdan fèin iarraidh, a leas- 
achadh an staid ; agus thur-mhill iad i. Bha'n sgrios o'n 
ceart ghluasad fèin ; cha'n fhanadh iad anns an staid san 
d' rinn Dia iad, ach dh' iarr iad a mach innleachdan gu 
iad fèin a thruailleadh agus a mhilleadh. 

3. Thoir fa'near ann an so cinnteachd agus cudthrom 
nan nithe so : " Feuch, an ni so mhàin fhuair mi ; " Creid 
iad, fhuaradh a mach iad leis an duine bu ghlice ; an dèigh 
mìn-rannsachaidh agus geur-fhiosrachaidh. Ann an dà 
rann riomhe, tha Solamh 'ga nochdadh fèin mar gu'm 
biodh e a' rannsachadh an dèigh maitheis san t-saoghal ; 
ach 'se bu chrioch d'a shaothair, nach robh e'n comas da 
toradh sam bith a riaraicheadh e, fhaotainn a mach ; ged 



nacli b'ann a dhìth saoìthreachaidh " oir, mheas e iad 
gach aon an dèigh a chèile a dh' fhaotainn an àireimh a 
niach." " Feuch, so fhuair mi (ars' an Searmonaiche) ni a 
ta m'anam ag iarraidh fathast, ach nach d 'fhuair mi, mar 
tha'm focal ceudna air a leughadh 'nar bonn-teagaisg. 
Cha b' urrainn e riarachadh sam bith fhaotainn a mach, 
a chuireadh stad air a rannsachadh. Fhuair e daoine 
maith ro thearc, aon mar gu b'anu am measg mìle ; mnai 
maith ni bu teirce, cha robh a h-aon maith an measg a 
mhìle mna agus coimhleabaich. 1 Righ xi. 3. Ach am b' 
urrainn sin a' cheist mhòr a fhreagairt, " C' àit am faighear 
gliocas 1 " Cha b' urrainn; agus mu theid fiosrachadh muinn- 
tir eile an aghaidh fiosrachaidh Sholaimh air a' cheann so, 
mar nach masladh sin air a thuigse-san, 's co beag a dh' 
fhuasglas e cheist, a dh' fhanas gun fhuasgladh gus an là 
dheireannach. Ach, am measg na neo-chinnteachd so uile, 
tha aon ni air fhaotainn a mach agus air a dheanamh 
cinnteach: An ni "so fhuair mi a mach." Feudaidh sibh 
earbsa as mar ni a ta ro f hior, agus a bhi làn chinnteach 
uime, " Feuch so ! " suidhichibh bhur suilean air, mar ni as 
airidh air smuaintibh domhain agus cudthromach, eadhon, 
gu bheil nàdur an duine a nis air a thruailleadh ; ach cha'n 
ann o Dhia a bha'n truaillidheachd sin, oir " rinn e an duine 
dìreach ; " ach is ann uapa fèin a bha i, " dh' iarr iad iomadh 
innleachd a mach." 

An teagasg, — Rinn Dia an duine gu h-iomlan ionraic. 

Is i so staid na neo-chiontachd san do shuidhich Dia 
an duine san t-saoghal. Tha 'n staid so air a' cur an cèill, 
sna Scriobtuiribh naomha gu h-aithghearr, an coimeas ris 
na staidean a leanas ; oir cha do mhair an staid so, ach 
chaidh i thairis mar fhaileas, do bhrìgh gu'n do mhi-ghnath- 

aich an duine saorsa a thoile. Feòraichidh mi, Sa' 

cheud àit, Mu fhìreantachd na staid san do chruthaicheadh 
an duine. — San dara àite, Leigidh mi ris dhuibh cuid do 
'n t-sonas a bha'n co-chuideachd agus a' leantuinn na staid so. 
Mu dheireadh, 'Ni mi cleachdadh do'n teagasg gu h-iomlan. 

Mu cheud fhìrearitachd an Duine. 

Sa' cheud àit, Do thaobh fireantachd na staid so, thoir 
fa'near, mar fhìreantachd neo-chruthaichte gur i fireantachd 
Dhè, an t-aon àrd-riaghailt ; tha gach uile fhireantachd 
chruthaichte, co dhuibh as ann an daoinibh no an ainglibh 
a tha i a' co-shea»mh ann an aontachadh leis an lagh. Cha 



n urrainn Crèutair ann an seadh spioradail, gun a bhi ann 
an comain Dhè, do thaobh a ghniomhara agus a chomasan, 
ni s' mò na 's urrainn dha ann an seadh nadurra, gun a bhi 
'na chomain. Is èigin do 'n chrèutair, mar chrèutair, 
aideachadh, gur e toil a Chruitheir an àird-riaghailt ; 
oir' mar nach urrainn e bhi as eugmhais, mar sin cha'n ur- 
rainn dha gun a bhi air a shon, agus a rèir a thoile ; 
gidheadh cha 'n 'eil lagh a' ceangal gus am bheil e air 
fhoillseachadh. Agus -uaithe so tha e soilleir, gu 'n robh 
lagh ann fuidh'n robh an duine mar chrèutair reusanta 'na 
chruthachadh ; agus gu'n robh an lagh so air fhoillseach- 
adh dha. " Rinn Dia an duine dìreach, deir an bonn tea- 
gaisg : Tha e air a roimh-chiallachadh ann an so, gu'n 
robh lagh ann ris an robh e air a chumadh 'na chruthach- 
adli ; mar an uair a tha ni sam bith air a dheanamh a 
rèir riaghailt, gur èigin gu 'm bi an riaghailt fèin air a 
roimh-chiallachadh. Uaith sin feudaidh sinn fhaicinn, 
gu 'm b'e so lagh siorruidh, neo-atharraichte na firean- 
tachd a bh'air a choimhlionadh anns gach puinc dheth, leis 
an dara Adhamh, aig am bheil an inntinn fheolmhor a' cur 
'na aghaidh ; air am bheil cuid do bheachd dorcha fathast 
am nieasg nam Paganach, muinntir " aig nach 'eil an lagh, a 
ta 'nan lagh dhoibh fèin," Roni. ii. 14. Ann an aon fhocal, 
'se so a' cheart lagh a bha'n dèigh sin air a chur sios anns 
na "deich àitheanta," agus air a chur an cèill gu follaiseach, 
do na h-Israelich air sliabh Shinai, ris an abair sinn "Lagh 
nam modhanna ; " agus bha fireantachd an duine a' co-shea- 
samh ann an co'-fhreagradh do 'n lagh no do 'n riaghailt 
so. Gu h-àraid, tha dà chomh-fhreagradh air an iarraidh 
air an duine ; comh-fhreagradh buaghan anama ris an 
lagh, ris am feud thu radh " fìreantachd naduir," agus comh- 
fhreagradh uile ghniomhara ris an lagh, ris an abrar " ii- 
reantachd ghnìomh." A nis, rinn Dia an duine fireanta an 
nàdur, bha'n duine ri e fèin a dheanamh fireanta an gniomh : 
b'e a' cheud aon an gne a chuir Dia 'na laimh, agus b'e an 
dara aon a bhuil bu chòir dha dheanamh dheth. 'Se suim 
na thubhairt mi, gu 'm bi 'n fhìreantachd san robh an duine 
air a chruthachadh, co'-fhreagradh do uile bhuaghaibh agus 
uile chumhachdaibh an anama ri lagh nam modhanna. Is i 
so ris an abair sinn " a' cheud fhireantachd," leis an robh an 
duine air tùs air a chòmhdacliadh. Feudaidh sinn beachd 
a ghabhail orra anns na tri nithibli a leanas. 



Sa' cheud àit, Bha tuigse 'n duine 'na lòcliran soluis. Blia 
eòlas iomlan aig air an lagh, agus air a dhleasdanas da reir 
sin. Bha e air a dheanamh a rèw coslais Dhe, agus 
uime sin cha b' urrainn dha bhi dh' easbhuidh eolais, a ta 
'na earrann do' n choslas sin, Col. iii. 10. : Tha an nuadh 
dhuine air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a rèir iomhaigh 
an ti a chruthaich e. Agus gun amharus, bha so iom- 
cliuidh, gu dheanamh comasach air làn-umhlachd a thabh- 
airt, a chionn nach urrainn umhlachd a bhi a rèir an 
Lagha, mur 'eil i a' sruthadh o mhothachadh air àithne 
Dhè a bhi g' a h-iarraidh. Tha e fior, nach robh aig 
Adhamh an lagh scriobhta air clàir chloiche ; ach bha e 
scriobht' air inntinn, do bhrigh gu'n robh eòlas an lagha air 
a chomh-chruthachadh leis. Dhaingnich Dia air anam e 
agus rinn se e 'na lagh, dha fèin, mar a tha fuigheall am 
measg nan cinneach a' taisbeanadh, Rom. ii. 14, 15. Agus 
do bhrìgh gu'n robh an duine air a dheanamh 'na bheul do 
'n chruthachadh, gu Dia a ghlorachadh 'na oibribh, tha 
aobhar againn a chreidsinn gu robh gu nàdurra fior-eòlas 
aig air oibribh Dhè\ Tha dearbhadh againn air so anns 
gu'n d'thug e ainmean air beathaichibh na macharach sin 
uile a rèir an naduirean fa leth. " Ge b'e ainm a thng 
Adhamh air gach crèutair beò, b'e sin a b' ainm dha," 
Gen. ii. 19. Àgus tha'n uachdranachd a thug Dia dha os 
ceann nan creutairean, gu feum measarra dheanamh dhiubh 
a rèir a thoile, (do ghnàth ann an umhlachd do thoil Dhè,) 
a' taisbeanadh gu'n robh eòlais aig air an nàduiribh fa leth. 
Agus a thuilleadh air so uile, tha 'm fior-eolas bh' aig air 
an lagh a' dearbhadh an eòlais laghail a bh' aige mu ghnoth- 
aiche saoghalta òrduchadh, gnothaiche, a thaobh lagh Dhe, 
" a riaghlas duine maith le ceartas," Salm cxii. 5. 
1 San dara àite, Luidh a thoil dìreach ri toìl Dhe, Eph. 
iv. 24. Cha robh truaillidheachd 'na thoil, cha robh fiar- 
adh no claonadh a chum uilc, oir is peacadh, sin, mar is 
ceart a ghoirear dheth ; uaith so a deir an t-Abstol, Kom. 
vii. 7. " Cha b' aithne dhomh peacadh, ach tre'n Jagh ; 
oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mur abradh an lagh, 
na sanntaich." Claonadh a chum uilc, is e sin da rireadh 
tobar a' pheacaidh, agus uime sin neo-fhreagarach ris an 
ionracas agus an treibh-dhireas a tha 'm bonn teagaisg gu 
soilleir a' dearbhadh a bh' aige 'na chruthachaclh. Bha 
toil an duine an sin, gu nadurra ag amharc, agus ag aomadh 



6 

ri Dia agus ri maitheas, ged a bhi i caochlaicineach. Lha 
an toil, 'na ceud deilbh, air a h-aomadh gu toil a Cruith- 
eir a' leantuinn, mar tha'm faileas a' leantuinn a' chuirp ; 
agus cha robh i air a fàgail ann an tomhas cothrom- 
aiche gu maith agus olc : oir nam biodh i mar sin, 
cha bhiodh an duine dìreach, no ann an nàdur freagarach 
ris an lagh, nach mò a dh' fhuilingeas do 'n chrèutair a 
bhi aon mhionaid, gun a bhi 'g aomadh ri Dia mar àrd- 
chrioch, na dh' fhulaingeas e do'n duine bhi 'na dhia dha 
fèin. Bha 'n lagh air a dhaingneachadh air anam Adh- 
aimh : a nis tha so, a rèir an nuadh choimhcheangail, 
leis am bheil iomhaigh Dhè air a h-aiseag, ann an dà ni, 
1. À' cur an lagha san inntinn ; a ta ciallachadh eòlas 
air : 2. Ga sgiobhadh anns a' chridhe ; a ta ciallachadh 
aomaidhean anns an toil freagarach ri aitheantaibh an 
lagha, Eabh. viii. 10. Air chor, as mar bheir sinn fa'near 
do 'n toil, 'nuair a tha i air a nuadhachadh le gràs, gu 
bheil i leis a' ghràs sin ag aomadh gu duchasach gus a' 
cheart naomhachd a tha'n lagh ag agradh anns gach ear- 
rann dheth ; mar sin bha toil an duine, 'nuair a bheir sinn 
fa'near dha, mar a rinn Dia an toiseach e, sgeudaichte le 
aomadh nadurra gus na h-uile na a ta air an àithne leis 
an lagh. Oir ma tha iadsan a ta air an ath-ghineamh- 
uin 'nan luchd comh-pairt do 'n nàdur dhiadhaidh, mar 
gun teagamh a ta iad ; oir mar sin a deir an Scriobtur, 
2 Pead. i. 4, agus mu tha'n nadur diadhaidh a' ciallachadh 
ni nach lugha na aomadh a' chridhe gu naomhachd, mar 
sin gu cinnteach, cha b'urrainn toil Adhaimh a bhi dh' eas- 
bhuidh na naomhachd so, oir annsan bha iomhaigh Dhè 
iomlan. Is fior gu bheil e. air a ràdh, Rom. ii. 14, 15, 
Gu 'm bheil na Cinnich a' nochdadh obair an lagha sgriobh- 
ta 'nan cridheachaibh ; ach tha so a mhàin a' nochdadh an 
eòlais air an lagh sin mar a ta e : ach tha 'n t-Abstol a 
chum nan Eabhruidheach, 'sa chaibdeil a dh' ainmicheadh, 
a' gabhail an fhocail cridhe an seadh eile ; 'ga eadar-dheal- 
lachadh gu soilleir o'n inntinn. Agus is èigin aideachadh, 
'nuair a tha Dia a' gealltainn, sa' choimhcheangal nuadh, 
" Gu 'n sgriobh e a lagh ann an cridheachaibh a phobuil]," 
gu bheil e ciallachadh ni nach 'eil idir aig na Cinnich ; oir 
ged tha breithneachadh ac' air 'nan inntinnibh, tha'n 
cridheachan a' dol rathad eile : fhuair an toil claonadh agus 
aomadh a tha calg dhìreach an aghaidh an lagha sin. 



Agus uime sin, is èigin do'n fhocal, anns an t-seadli so, a 
bhi ciallachadh a tlmilleadh air breithneachadh na h-inn- 
tinn gu bheil aoniadh na toil a' dol leis ; oir ged tha'n 
t-aomadh so air a choimeasga le truaillidheachd anns a' 
chreutair nuadh, bha e fior-ghlan ann an Àdhamh, 'na 
threibhdhireas. Ann an aon fhocal, mar a b' aithne do 
Adhamh toil a mhaighstir a thaobh dleasdanais, mar sin 
sheas a thoil ris na b' aithne dha. 

San treas àite, Bha aignidhean am. duine, riaghailteach, 
glan, agus noamha ; nithe a ta 'nan earrann fhèumail do 'n 
treibhdhireas san robh e air a chruthachadh. Tha 'n 
t-Abstol a' cur suas athchuinge ann 2 Tes. iii. 5. ' Gu seòladh 
an Tighearn bhur cridheacha chum gràidh Dhè.' 'Se sin, 
" Gu deanadh an Tigheam bhur cridheacha dìreach ; " 
no, gu d' thugadh e orra luidhe dìreach ri gradh Dhè : 
agus tha ar bonn teagaisg ag innseadh dhuinn, gu 'n robh 
an duine mar so air a dheanamh dìreach. Tha 'n nuadh 
dhuine air a chruthachadh ann ani fireantachd agus ann am 
fior-naomhachd, Eph. iv. 24. A nis, feudaidh an naomh- 
achd so, mar a ta i eadar-dhealaichte o fhireantachd, a 
bhi ciallachadh fior-ghloine agus deadh riaghailt nan aig- 
nidhean. Agus mar so, an t-Abstol, 1 Titn. ii. 2. Is aill 
leis fir a dheanamh urnuigh "a' togail suas lamha naomha, 
gun fheirg, gun amharus ; " do bhrigh mar nach fhaicear 
dealbh na grèine ann an uisge salach ; mar sin tha 'n cridhe 
a ta làn a dh' aignidhean neoghlan agus mi-riaghail- 
teach neo-iomchuidh air co-chomunn diadhaidh. Cha 'n 
'eil teagamh, nach robh na h-iarrtuis anns an duine a ta 'g 
èirigh o 'n chorp a' dol a mach an dèigh chuspairean a 
bheireadh riarachadh do bhuaidhibh a' chuirp. Oir do 
bhrigh gu'n robh an duine air a dheanamh suas do chorp 
agus do anam, agus gu'n d'rinn Dia an duine so gu e fèin a 
ghlorachadh agus a mhealtuinn ; agus a chum na criche so, 
gu'n gnathaicheadh e a chreutairean, ann an umhlachd d'a 
uachdranachd fein : tha e soilleir gu'n robh toil an duine 
gu nadurra air a h-aomadh gu maith spioradail agus moth- 
achail ; gu h-àraid gu maith spioradail, an t-àrd-mhaith, 
mar àrd chrioch. Agus uime sin, bha gach gluasad agus 
iarrtus a bha sruthadh o'n chorp fuidh cheannsaì d'a reusan 
agus d'a thoil, a luidh direach ri toil Dhè ; agus cha robh iad 
anns an ni bu lugha 'na h-aghaidh. Mur biodh e mar sin, 
bhiodh e air a dheanamh suas do nithibh a tha'n aghaidh 



8 

a cheile ; air d'a anam a blii gu nadurra ag aomadh gu Dia, 
mar a ehrioch mhòr anns a' chuid a b'airde dheth ; agus 
an t-anam ceudna bhi 'g aomadh gus a' chreutair mar a 
chrioch mhòr anns a' chuid a b'isle dheth, mar a deir iad ; 
ni a ta do-dheanta ; oir cha'n urrainn duine san aon uair 
dà chrioch a bhi aige. Bha aignidhean an duine ma ta, 
'na cheud staid saor o gach salachar, saor o gach tinneas agus 
galar, do bhrigh gu'n robh iad fuidh umhlachd dhligheach 
d'a reusan soilleir, agus d'a thoil naomh. Bha cumhachd 
aige mar an ceudna, gu dheanamh, a reir a thoile, cumhachd 
gus a' mhaith a dheanamh, a bha fios aige bu choir a bhi 
deanta, agus a dh'ionnsuidh an robh a thoil ag aomadh, 
eadhon, uile lagh Dhè a choinihlionadh. Mur biodh e mar 
sin, cha'n iarradh Dia umhlachd iomlan uaithe ; oir, a bhi 
ag ràdh, gu bheil an Tighearn " a' tional san ionad anns nach 
do sgaoil e," is droch thoibheum e, an aghaidh an Dè 
mhaith, agus fhial, Mat. xxv. 24, 25. 

na chaidh a ràdh, feudar fhaicinn, Gu'n robh a' cheud 
fhireantachd a mhinich sinn iomlan agus nadurra, gidh- 
eadh caochlaidheach 

Sa' cheud àit, Bha i iomlan ; araon d'a thaobh san aig an 
robh i, (an duine gu h-uile,) agus a cuspair (an lagh gu 
h-uile,) Iomlan a deiream, d'a thaobhsan aig an robh i ; oir 
bha'n fhireantachd so a' comhdachadh an duine gu leir : bu 
thaois-gheur bheannaichte i, a thaosnaich am meall uile. 
Cha robh aon tarrainn mearachdach am pàilliun nàcluir an 
duine, 'nuair a chuir Dia suas e, ciod air bith mar tha e 
a nis air a chur as a cheile. Bha'n duine an sin, naomh 'na 
anam, 'na chorp, agus 'na spiorad. Am feadh 'sa mhair an 
t-anam neo-thruaillidh, bha ionad còmhnuidh air a chumail 
glan, agus gun smal : bha buill a chuirp 'nan soithichibh 
coisrigte, agus 'nan armaibh fireantachd. Bha gleachd 
eadar feoil agus spioracl, rèusan agus miann ; eadhon an 
claonadh bu lugha gu peacadh, no gu ana-mhiann feolmhor 
anns a' chuid a b'isle do 'n anam, gu h-uile neo-fhreagarach 
ris an treibhdhireas so san robh an duine air a chruth- 
achadh ; agus bha so air a dheilbh gu sgail a chur air 
truaillidheachd nàduir an duine, agus gu duibh-nèul a cliur 
air gràs Dhè ann an Iosa Criosd : Tha e ro chosmhuil ri 
cainnt Adhaimh 'nuair a thuit e, a tha fàgail a' pheacaidh 
aig dorus a Chruitheir, Gen. iii. 12. "A' bhean a thug 
thu gu bhi maille rium, thug ise clhomh do'n chraoibh, 



agus dh'ith me." Acli mar a bha'n fhireantachd so iomlan, 
d'a thaobhsan aig an robh i, a chionn gu'n do chomhdaich 
i an duine gu h-uile ; mar sin, mar an ceudna, bha i iom- 
lan thaobh a' chuspair an Lagh na'omh. Cha robh ni 
anns an lagh, ach ni bha freagarach r'a rèusan agus r'a 
thoil, mar a rinn Dia e; bha anam air a chumadh ann 
am fad agus ann an lèud, ris an àithne, ged tha i ro- 
fharsuinn. Air chor as nach e mhain gu'n robh a' cheud 
fhireantachd so iomlan ann an ruigsin air an duine gu 
h-uile, ach mar an ceudna iomlan anns na h-uile bhuaidh 
do'n duine. 

San dara àite, Mar bha'n fhireantachd so iomlan, mar 
sin bha i nàdurra dha, agus cha robh i os ceann nàduir anns 
an staid sin. Cha'n e nach fheudadh e bhi d'a h-eas- 
bhuidh, agus a bhi fathast 'na dhuine, oir nam biodh e mar 
sin, cha b'urrainn dha a call a dh'easbhuidh a dliearbh-bhith 
a chall : ach bha i co'-cheangailte ris. Bha e air a chruth- 
achadh leatha ; agus bha i f reagarach ris an iomlaineachd 
anns an robh an duine, mar a thainig e mach o làimh Dhe : 
iomchuidh gu dhaingneachadh ann an staid threibhdhirich. 

Gidheadh, san treas àite, Bha i caochlaidheach ; b'fhir- 
eantachd i a dh'fheudta chall, mar tha soilleir o'n truaighe 
a lean. Cha robh a thoil caoin-shuarrach gu maith no gu 
h-olc, shuidhich Dia ris a' mhaith a mhàin i, gidheadh cha 
do shuidhich e a h-aoman air chor as nach b'urrainn dhi 
atharrachadh. M h r eadh, Bha e'n comas dhi tionndadh 
gu olc ; agus sin a mhain leis an duine fèin, air do Dhia 
cumhachd gu leòir a thabhairt dha gu seasamh anns an 
treibhdhireas so, nan toilicheadh e. Na biodh gearan 
aig duine sam bith air obair Dhè anns a' chùis so, oir nam 
biodh Adhamh fireanta ann an dòigh neo-chaochlaidheach, 
b'fheudar gu'm bitheadh e mar sin a thaobh naduir, no 
le saor-thiodhlac : Cha b'urrainn dha bhi mar sin a thaobh 
nàduir, oir buinidh sin a mhain do Dhia, agus tha e neo- 
roinn-phairtichte ri creutair sam bith; nam b'ann le saor- 
thiodhlac, cha d'rinneadh eucoir air, ann an cumail uaithe 
an ni nach b'urrainn dha thagar. Daingneachadh ann an 
staid fhireanta, is duais gràis e, air a thabhairt air son 
buanachaidh firinneach trid staid na deuchainn ; agus a 
bhitheadh air a tabhairt do Adhamh, nan seasadh e mach 
an ùine dh'orduicheadh airson deuchainn leis a Chruithear : 
Agus a ta da rèir sin air a tabhairt do na naoimh, airson 



10 

toillteanais Chriosd, a bha umhal eadhon gu bàs. Agus an so 
tha barrachd aig creidmhich air Adhamh, anns nach urrairm 
iad gu bràth tuiteam gu h-iomlan, no gu h-uile o ghràs. 

Mar so bha'n duine air tùs fìreanta, air dha bhi air a 
chruthachadh a rèir coslais Dhè fèin, Gen. i. 27, ata a' 
co'-sheasamh ann an dearbh bhuaighibh an eòlais, na fir- 
eantachd, agus na naomhachd, Col. iii. 10; Eph. iv. 24. 
Bha gach ni a rinn Dia ro mhaith, a rèir an naduirean fa 
leth, Gen. i. 31. Agus mar sin bha'n duine direach agus 
maith, air dha bhi air a dheanamh a rèir iomhaigh-san a ta 
maith agus direach, Salm xxv. 8. As eugmhais so, 'cha 
b'urrainn e freagradh do'n chrich mhòir a bha 'na chruth- 
achadh, ni a b'e eòlas a ghabhail air Dia, gràdh agus seir- 
bhis a thabhairt da a rèir a thoile. Cha b'urrainn dha bhi 
air a chruthachadh air dòigh eile ; oir b'èigin da bhi co'- 
fhreagarach ris an lagh, 'na bhuaighaibh, 'na nàdur, agus 
'na iarrtuisibh, no bhi an aghaidh sin ; mu bha e air a 
cliruthachadh mar sin, bha e fìreanta ; agus mu bha e an 
aghaidh sin, bha e 'na pheacach ; ni a ta neo-reusanta agus 
uamhasach ri smuaineachadh. 



MU CHEUD SHONAS AN DUINE. 

San dara àite, Leigidh mi fhaicinn cuid do na nithibh 
a bha'n co'-chuideachd no a shruth o fhireantachd ceud 
staid an duine. Tha sonas a' sruthadh o naomhachd ; agus 
mar a bha'n staid so naomh, mar sin bha i sona. 

Sa' cheud àite, Bha'n duine aig an àm sin, 'na chreutair 
ro ghlormhor. Tha aobhair againn a bhi smuaineachadh, 
mar a dhealraich aghaidh Mhaois 'nuair a thainig e nuais 
o'n t-sliabh ; gu'n robh aig an duine gnùis soilleir agus 
taitneach agus maiseach, am feadh 'sa bha e fathast gun 
dorchadas sam bith ann. Ach a cheann gu bheil Dia fèin 
glormhor ann an naomhachd, Ecsod. xv. 11, is cinnteach 
gu'n d' rinn a' mhaise spioradail a chuir Dia air an duine 
'nuair a chruthaicheadh e; 'na chrèutair fìor-ghlormhor 
e ! O cionnus a dhealraich solus 'na chaithe-beatha naomh 
gu glòir a Chruitheir ! am feadh nach robh anns gach 
uile ghniomh ach boilsgeadh dealrach do'n t-solus ghlor- 
mhor neo-choimeasgta sin, a chuir Dia a suas 'na anam ; 
am feadli a mhair an lòchran gràidh sin, a shoillsich o 
nèamh a' lasadh 'na chridhe, mar anns an ionad naomh ; 



11 

agus am feadh a blia lagh an Tighearn, a chuireadh san 
taobli a stigh dheth le meur Dhè, air a choimhead mar 
anns an ionad as ro-naomha ! Cha robh neo-ghìoine ri 
fhaicirin o'n taobh a mach ; cha robh claonadh anns na 
suilibh an dèigh ni truaillidh sam bith ; cha do labhair an 
teanga cainnt sam bith, ach cainnt nèimh ; agus ann an 
aon fhocal, bha " Mac an Righ uile glormhor an taobh a 
stigh, agus bha 'eudach air oibreachadh le h-òr." 

San dara àite, B'e cuspair fabhair nèimh e. Dheal- 
raich e gu soilleir ann an iomhaigh Dhè, nach urrainn gun 
ghradh a thabhairt d'a iomhaigh fèiri, ciod sam bith aite 
am bheil i. Fhad 'sa bha e 'na aonar san t-saoghal, cha 
robh e 'na aonar, oir bha Dia maille ris. Bha a chomh- 
chomunn agus a chomh-labhairt r'a Chruithear do ghnath : 
oir fathast cha robh ni sam bith gu aghaidh Dhè a thionn- 
dadh air falbh o oibre a lamh fèin, oir fathast cha d'thainig 
peacadh a steach, an ni a mhain a b'urrainn am bearn a 
dheanamh. 

Le deadh-ghean Dè, bha e ar ardachadh gu bhi ann 
an co-bhoinn ri neamh anns a' cheud choimhcheangal, 
ris an abrar coimhcheangal nan gniomh. Chuir Dia an 
lagh a thug e dha 'na chruthachadh ann an suidheachadh 
coimhcheangail, san robh umhlachd iomlan air iarraidh mar 
chumha ; b'e beatha an ni a bh'air a ghealltainn, agus b'e 
bàs am peanas. A thaobh a chumha, b'e aon earrann mhòr 
do'n lagh naduir, gu'n creideadh an duine ciod air bith a 
dli'fhoillsicheadh Dia, agus gu'n deanadh e ciod air bith a 
dh'aithneadh e ; de rèir so, air do Dhia an coimhcheangal 
so dheanamh ris an duine, leudaich e dhleasdanas ann an 
toirmeasg dha itheadh do chraoibh an eòlais mhaith agus 
uilc : agus b'e 'n lagh mar so air a leudachadh, riaghailt 
umhlachd coimhcheangail an duine. Cia cho so-dheanta 
'sa bha na nithe so dhasan aig an robh an lagh naduir 
sgriobhta air a chridhe ; agus an lagh sin 'ga aomadh gu 
umhlachdh a thabhairt do lagh no h-aithne so a dh'fhoill- 
sicheadh dha, mar tha e soilleir le guth ard, (Gen. ii. 16.) 
air dha bhi cho fhurasda ri dheanamh 1 Agus gun amharus 
bha e ro iomchuidh gu'm bitheadh riaghailt agus brigh 
umhlachd a' choimhcheangail mar so air an leudachadh ; 
air do'n ni a chuireadh ris, a bhi ann fèin co dheas, far an 
robh umhlachd glan, gu tionndadh ri toil Dhè, an dearbh- 
achd as soilleire air tior-umhlachd, agus air da sin a bhi 



12 

o'n taobh a mach, o'm faicte umhlachd no eas-umhlachd 
air dòigh ro shoilleir. A nis air a' chumha so, gheall Dia 
heatha dha ; buanachadh na beatha nadurra, ann an coimh- 
clieangal anama agus cuirp ; agus beatha spioradail ann 
an deadh-ghean a Chruitheir : gheall e dha mar an 
ceudna beatha shiorruidh air nèamh, gus an rachadh e 
steach, 'nuair a chaitheadh e aimsir a dhearbhaidh air 
thalamh, agus an uair a chitheadh an Tighearn iomchuidh 
atharrachadh gus an Aros is airde. Bha'n gealladh so aii 
beatha air a ghabhail a steach ann am bagradh a' bhais a 
ta air ainmeachadh, Gen. ii. 17. oir an uair a ta Dia ag 
radh, " Anns an la dh'itheas tu dheth, gu cinnteach basaich- 
idh tu;" tha e mar an ceudna a' ciallachadh, "Mur ith 
thu dheth mairidh tu gu cinnteach beò," agus bha so air a 
dhaingneachadh le Seula craoibh eile anns a' gharadh, ris an 
goirte, " Craobh na beatha," o'n robh e air a dhruideadh a 
mach, an uair a pheacaich e, Gen. iii. 22, 23. " Air eagal gu 
sineadh e mach a lamh, agus gu'n gabhadh e mar an ceud- 
na do chraoibh na beatha, agus gu'n itheadh e, agus gu'm 
biodh e beò gu siorruidh. Air an aobhar sin, chuir an 
Tighearn Dia a mach e à garadh Edein." Gidheadh 
cha'n fheudar a smuaineachadh, gu'n robh beatha agus 
bàs an duine an crochadh a mhain ris an aon ni so mu'n 
mheas-thoirmisgte, ach air an lagh gu iomlan ; oir mar 
sin a deir an t-Abstol, Gal. iii. 18. A ta e sgriobhta, " Js 
malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh 
a ta sgriobhta ann an leabhar an lagha, chum an deanamh." 
B'e am meas toirmisgte earrann fhoillsichte do chreidimh 
Adhaimh ; agus mar sin b'fheudar gu'm biodh e air a chur 
gu soilleir fa chomhair : ach a thaobh an lagh nadurra 
b'aithne dha gu nadurra gu'm b'e bàs duais na h-eas- 
umhlachd ; oir cha robh na Cinnich fein aineolach mu'n ni 
so ; " Muinntir d'an aithne ceartas De gu bheil iadsan a 
ni an leithide sin do nithibh toillteanach air bàs." Kom. i. 
32. Agus a thuilleadh air so, dhaingnich an gealladh a 
bh' anns a' bhagradh, beatha Adhaimh, a rèir a chòimh- 
cheangail, fhad 'sa bheheadh e umhlachd do'n lagh nadurra, 
a chuireadh ris an dearbh-aithne sin ; air chor as nach 
robh feum aige gu'm biodh ni sam bith air ainmeachadh dha 
sa' choimhclieangal, ach na bhuineadh do itheadh a' mheas 
thoirmisgte. Gu'n robh beatha shiorruidh air neamh air 
a gealltuinn sa' choimhcheangal so, tha e soilleir do bhrigh 



13 

gu'm b'e am bagradh peanas siorruidh ann an ifrinn : ni 
'nuair a dh' fhàg an duine e fèin buailteach dha, blia 
Criosd air a ghealltuinn a chosnadh beatha maireannaich 
le 'bhàs. Agus tha Criosd e fèin a' mìneachadh geallaidh 
coimhcheangail nan oibre mu thimchioll beatha mair- 
eannaich, 'nuair tha e gealltuinn cumha a' choimhcheangail 
sin do dhuine òg uaibhreach, neach ged nach robh stòras 
Adhaimh aige, a bha gidheadh, ag iarraidh dol a steach gu 
beatha ann an rathad oibreachaidh, mar bha Adamh gu 
dheanamh fuidh'n choimcheangal so, Mata xix. 17. " Ma's 
àill leat dol a steach chum na beatha, ('se sin ri ràdh, beatha 
mhaireannach le deanadas, rann 16) coimhid na h-àitheanta. 

B'e bàs am peanas, Gen. ii. 17. " Anns an là dh' itheas 
tu dheth, gu cinnteach bàsaichidh tu." Bha'm bàs a bh'air 
a bhagradh, mar bha bheatha a bh'air a gealltuinn, agus sin 
gu ro-cheart, eadhon, bàs aimsireil, spioradail, agus sior- 
ruidh. Tha na thachair a' niìneachadh so ; oir anns a' 
cheart là san d'ith e dheth, bha e 'na dhuine marbh san 
lagh ; ach cha do chuireadh a bhinn an gniomh air ball, a 
chionn gu'n robh a shliochd 'na leasraibh, agus gu'n robh 
coimhcheangal eile air ulluchadh : gidheadh, fhuair a chorp 
air an là sin fein a bhuille-bàis agus dh'fhàs e bàsmhor 
Kinn bàs mar an ceudna greim air anam ; chaill e a cheud 
fhìreantachd, agus deàdh-ghean Dhè ; mar dhearbhadh air 
so, gabh beachd air a bhioradh agus air a ghearraclh coguis, 
a thug air e fèin fholach o Dhia. Agus dh'fhàs e buailt- 
each do bhàs siorruidh, a leanadh gu cinnteach air a dhèigh, 
mur bitheadh Eadar-mheadhonair air ulluchadh, a fhuair 
ceangailte e ann an cuibhrichibh a' bhàis, mar cheannairc- 
each ullamh gu bhi air a chur gu dìth. Mar so tha beachd 
ath-ghearr air a thoirt air a' choimhcheangal gus an d'thug 
an Tighearn an duine, ann an staid na neo-chiontachd. \, 

Agus an ni suarach leibhse, gu'n robh talamh mar sin 
ann an co-chomunn ri neamh 1 Cha b'urrainn so bhi air 
a dheanamh do neach.ach dhasan air am bu toil le Righ 
neinih urram a chur. Bu ghniomh gràis e, airidh air an 
Dia ghràsmhor a bha ann an deadh-ghean da ; oir bha 
gràs agus saor-ghean maith anns a' cheud choimhcheangal, 
ged a bha saoiblireas ro phailt a' ghràis, (mar a deir an 
t-Abstol ris, Eph. ii. 7.) air a ghleidheadh airson an dara 
coimhcheangail. Gu cinnteach bu ghniomh gràis, deadh- 
ghean, agus irioslachaidh iongantach ann an Dia, gu'n 



14 ' 

rachadh e steach ann an coimhcheangal ; agus a leithid 
sin do choimhcheangal r'a chrèutair fèin. Cha robh an 
duine fuidh a riaghladh fèin, ach fuidh riaghladh Dhè ; 
agus cha robh ni sam bith aige leis an oibricheadh e ach na 
fhuair e o Dhia. Cha robh coimeas sam bith eadar an 
obair agus na duais a bh'air a gealltuinn. Roimh'n choimh- 
cheangal sin, bha'n duine fuidh cheangal umhlachd iomlan, 
a chionn gu'n robh a thaice nàdurra air Dia : agus b'e'm 
bàs gu nàdurra duais a' pheacaidh, a dh'iarradh agus a dh' 
agradh ceartas Dè, ged nach biodh riamh coimhcheangal 
sam bith eadar Dia agus duine : ach bha Dia saor ; cha 
b'urrainn duine gu bràth beatha shiorruidh agradh mar 
thuarasdal d'a obair, mur biodh a leithid so do choimh- 
cheangal ann. Dh' fheudadh Dia a chrèutair fèin ord- 
uchadh mar a chitheadh e iomchuidh : agus ged a sheasadh 
e 'na threibhdhireas co fhad as a sheasadh an saoghal, 
agus ged nach bitheadh coimhcheangal a' gealltuinn beatha 
maireannaich dha airson umhlachd ; dh' fheudadh Dia a 
làmh-chuideachaidh a tharruing uaithe mu dheireadh, agus 
a thoirt air snàgadh air ais gu broinn na neo-ni o'n d' thug 
an t-uile-chumhachd a mach e. Agus ciod a choire bhiodh 
an sin, 'nuair nach d'thug Dia air ais ach an ni a thug e gu 
saor ? Ach a nis air do'n choimhcheangal a bhi deanta, 
tha Dia a' teachd fuidh fhiachaibh d'a fhireantachd fèin : 
ma ni duine obair, feudaidh e an duais a tha gar air stèidh 
a' choimhcheangail. Is maith a dh'fheudadh na h-aingle 
an sin, air dha bhi air a thogail gus an àrd-inbhe so, an 
fhàilte sin thoirt dha, " Fàilte dhuit, o thusa d'an do nochd- 
adh mòr dheadh-ghean ! a ta'n Tighearna maille riut." 

San treas àite, Rinn Dia 'na uachdaran air an t-saogh- 
al e, 'na phrionnsa thar na creutairean is isle, 'na thigh- 
earna coitchionn agus 'na cheannard na talmhainn uile. 
Thug a Chruithear uachdranachd dha os ceann iasg na 
fairge, agus os ceann eunlaith nan spèur, os ceann na talmh- 
ainn uile, seadh, agus os ceann gach ni beo a ta gluasad air 
an talamh : Chuir e gach ni fo chosaibh, Salm viii. 6, 7, 8. 
Thug e comas da gnàthachadh agus orduchadh measarra 
dheanamh do na creutairibh a ta air an talamh, san fhairge, 
agus sna spèuraibh. Mar so b'e an duine fear-riaghlaidh 
mar gu b'ann an àite Dhè anns an t-saoghal a's isle ; agus 
bha'n tighearnas so mar choslas air àrd-uachdranachd Dhe. 
Bha so ann an co-pairt eadar an duine agus a' bhean, ach 



15 

bha aon ni sonraichte aig an duine, a bhuin dha fein eadh- 
on, gu'n robh uachdranachd aige os ceann na mna mar 
an ceudna, 1 Cor. xi. 7. Faic, mar thainig na creutair- 
ean d'a ionsuidh, a dh' aideachadh an umhlachd agus a 
thoirt urram dha mar an tighearn : agus sheas iad gu 
samhach 'na làthair, gus an d' thug e ainmean orra mar a 
chuid fèin, Gen. ii. 19. Chuir aghaidh an duine tiamh 
orra : sheas na creutairean bu chalma le ioghnadh, gu 
ciùin agus gu samhach a' toirt urram dha mar an tighearn 
agus an uachdaran ! Mar so dha duine air a chrìmadh le 
glòir agus urram, Salm viii. 5. Bhuin an Tighearna ro- 
fhialaidh agus ro-thoirbheartach ris ; chuir e gach ni fo 
chosaibh ; chum e aon ni a mhàin uaith, aon chraobh anns 
a' ghàradh, eadhon craobh eòlais a' mhaith agus an uilc. 

Ach feudaidh gu'n abair thu, Agus am bu mhòr leis so 
a thoirt dha 1 Freagaiream, Cha bu mhòr, ach 'nuair a rinn 
e mar so naomh agus sona e, chuir e gu gràsmhor am 
bacadh so air, ni bha 'na nàdur f èin 'na thaic agus 'da chomh- 
nadh gu chumail o thuiteam. Agus so a deiream airson 
nan tri aobhair so ! (1.) Mar a bha e ro-iomchuidh airson 
onoir Dhè, a rinn an duine 'na uachdaran air an t-saoghal 
a's isle, gu'n dearbhadh e àrd-uachdranachd fèin os ceann 
nan uile, le comhara faicsinneach àraid ; mar sin bha e 
ro-iomchuidh airson tearuinnteachd an duine. Air do'n 
duine bhi air a shuidheachadh ann am Pàras àluinn, bu 
ghnìomh gliocais neo-chriochnach, agus gràis mar an ceud- 
na, aon chraobh a chumail uaithe mar theisteas faicsin- 
neach gur èigin da na h-uile nithe a shealbhachadh o 
Chruithear, mar àrd cheannard ; a chum as 'nuair a 
chunnaic se e fèin 'na uachdaran air na crèutairibh 
nach dìchuiihhnicheàdh e gu'n robh e fèin do ghnàth 
'na iochdaran do Dhia. Bha so mar chuimhneachan air 
a thoirt da o nèamh air a staid chaochlaidhich, gu bhi air 
a thaisgidh suas leis, a churn a mhòr-chaithris. Oir bha'n 
duine air a chruthachadh le saor thoìl gu maith, air an 
robh craobh na beatha 'na dearbhadh : ach bha 'thoil mar 
an ceudna saor gu olc, agus bha chraobh thoirmisgte 'na 
cuimhneachan da air sin. Bha i dha do ghnàth mar gu 
b'ann 'na focal faire an aghaidh uilc, 'na comhara air a 
cur mu choinneamh, a dh' iarraidh air a bhi air fhaicill o 
bhi air a phronnaclh 'na bhloighdibh air carraig a' phea- 
caidh. (3.) Kinn Dia an duine direach, a' treòrachadh gu 



16 

Dia mar an àrd chrioch. Chuir e air mullach an t-sleibh e, 
cosmhuil ri Maois a' cumail suas a làmhan ri nèamh :' 
agus mar a chum Aaron agus Hur suas làmhan Mhaois 
(Ecsod. xvii. 10, 11, 12,) mar sin thug Dia do'n duine cu- 
ma' direach cuirp, agus thoirmisg e dha itheadh do'n 
chraoibh so ; gu chumail anns an t-seasamh thrèibhdhireach 
sin, san robh e air a chruthachadh. Binn Dia na beath- 
aichean ag amharc sios chum na talmhainn, a nochdadh gu 
biodh na shàsaicheadh iadsan air a thoirt as sin ; agus a 
reir sin, tha'n talamh a' toirt seachad na tha freagarach 
ri am feum-san ; nochd cruth-direach cuirp an duine, a ta'g 
amharc suas, gu'n robh a shonas os a cheann ann an Dia, 
agus gu'm b'ann o nèamh, is cha b'ann o'n talamh a bha 
e gu bbi sealltuinn air a shon. A nis theagaisg a' chraobh 
sgiamhach so do'n do thoirmisgeadh dha itheadh, an ni ceud- 
na dha ; nach robh a shonas a' co-sheasamh ann an sealbh- 
achadh nan crèutairean, oir bha uireasbhuidh eadhon ann am 
Pàras : air chor as gu'n robh a' chraobh thoirmisgte, da ri- 
readh 'na làimh do na crèutairean uile, a seòladh an duine 
air falbh uapa fèin gu Dia mar a shonas. Bha chraobh sin, 
'na comhara air folamhachd, crochta mu chionneamh doruis 
a chruthachaidh, air an robh sgriobhta, Cha'n e so t-fhois. 

Sa' cheathramh àite, Mar bha siochaint iomlan aige 
'na uchd fèin, mar sin bha ciùineas iomlan aige o'n taobh 
a mach. Cha robh casaid sam bith aig a chridhe 'na agh- 
aidh ; cha robh ni sam bith an sin aig a choguis r'a dhean- 
amh, ach esan a stiùradh, co-aontachadh leis, agus a 
shàsuchadh ; agus o'n taobh a mach, cha robh ni sam bith 
a chuireadh dragh air. Bha 'n ditlris shona a' caitheamh 
am beatha ann an gràdh foirfidh ; agus ged a bha'n eòlas 
farsuinn, fior, agus soilleir, cha robh eòlas aca air nàire. 
Ged bha iacl lomnochd, cha robh ruthadh 'nan gruaidh- 
ean ; oir cha robh am peacadh, siol na nàire, fathast air 
a chur, Gen. ii. 25, agus cha robh an cuirp mhaiseadh co- 
masach air dochair sam bith fhulang o na sionntaibh : air 
an aobhar sin cha robh feum sam bith ac' air eididh, ni a 
bha o thùs 'na chomhara air ar nàire. Cha robh iad 
buailteach do euslaintibh no do phian sam bith ; agus 
ged nacli robh iad gu 'm beatlia chaitheadh ann an diomh- 
anas ; gidheadh, air saothair, sgios, no fallas nan gruaidh- 
ean, cha robh eolas ac' san staid so. 

;S'«' chuir/eadh àite, Bha caithc-bcatha do tlioill-inntinn gliìan 



17 

agus do aoibhneas neo-thruaillidh aig an duine san staid so. 
Ruith aimhnichean sòlais fiorghlan air a feadh. Bha'n talamh 
le thoradh, a nis 'na àrd ghloir ; cha d'thainig aon ni a steach 
fathast a mhilleadh maise nan creutairean. Shuidhich Dia 
e cha b'ann an aon do àitibh coitchionn na talmhainn, ach 
ann an Eden, àite urramach agus taitneach, mar tha'n 
t-ainm a ciallachadh ; cha'n ann a mhàin ann an Eden, 
ach ann an garadh Edein ; an t-àite bu taitniche do'n ionad 
thaitneach sin : gàradh air a shuidheachadh le Dia fèin, 
gu bhi 'na thigh-còmhnuidh dhasan a b'ionmhuinn leis. 
Oir, 'nuair a rinn Dia na creutairean beò eile, thubhairt 
e, Thugadh na h-uisgeachan a mach gu pailt an creutair 
giuasadach, Gen. i. 20. Agus, Thugadh an talamh a mach 
an creutair beò, rann 24. Ach 'nuair bha'n duine r'a dhea- 
namh, thubhairt e, Deanamaid duine, rann 26. Mar sin, 
an uair a bha chuid eile do'n talamh ri bhi air a chòmhd- 
achadh le luibhean agus craobhan, thubhairt Dia, Thug- 
adh an talamh a mach fèur, agus a' chraobh-meas, Gen. i. 11. 
Ach mu Phàras a deirear, Phlanntuich Dia e, Gen. ii. 8. 
a ta ciallachadh, maise àraid, sa' ghàradh sin os ceann na 
h-uile earrann eile do'n talamh bha aig an àm sin mais- 
each. An sin cha robh uireasbhuidh sam bith air an duine 
air son feum no toil-inntinn ; oir bha ann an sin na h-uile 
chraobh a ta taitneach do'n t-sùil, agus maith air son bèidh, 
rann 9. Cha b'aithne dha na h-aiJghiosan a dhealbh sogh- 
aireachd a chuni ana-mianna a shàsachadh : ach bha leithid 
do thoil-inntinn aige 'sa thainig a mach o làimli Dhè ; gun 
a bhi dol tre làmhan peacach, a ta gu h-ullamh a fagail 
comharan neo-gh]oine air an ni ris am bean iad. Mar 
sin bha 'shòlasan agus a thoil-inntinn araon fior-ghlan. Cia 
mòr an tlachd a th' aig cuid do dhaoine anns na tha iad 
a' faotainn a mach mu obair nàduir, leis a' bheagan eòlais 
a chruinnich iad ! ach cia mò gu mòr am fior-thlacnd a 
bh'aig Adhamh, fhad 'sa bha ghèur-shùil a' leughadh leabh- 
ar-oibre Dhè ; a chuir Dia m'a choinneamh, a chum gu'n 
d'thugadh e glòir dha sna nithibh sin ; agus uime sin rinn 
e gu cinnteach comasach e airson na h-oibre ! ach os ceann 
sin uile, b' eigin do'n eòlas a bh'aig air Dia, agus sin mar a 
Dhia-san, agus an co-chomunn a bh' aige ris, toil-inntinn 
agus tlachd mor a thabhairt dha san ionad a b'uaigniche 
'na chridhe. Ts mòr an tlachd a ta na naoimh a' faotainn 
ann am beachdachadh air glòir Dhè, air am bheil an anama 



18 

aig àmannaibh a ruigheachd, eadhon an uair a ta iad air an 
cuairteachadh le moran anmhuineachdan : ach is mò gu 
mòr a dh' fheudas sinn a smuaineachadh a bh' aig Adhamh 
neochiontach ; cha'n 'eil teagamh nach do bhlais esan na 
sòlasan sin air doigh a b'airde. «1 

San àite mu dheireadh, Bha è neo-bhàsmhor, cha bhàs- 
aicheadh e chaoidh, mur peacaicheadh e; b' ann airson 
peacaidh a chaidh bàs a bhagradh, Gen. ii. 17. a ta nochd- 
adh gu leanadh bàs air a' pheacadh, agus nach ann air 
an nadur neo-pheacach. Chum cail iomlan a' chuirp, a 
thainig o laimh Dhè gu ro-mhaith, agus fìreantachd agus 
naomhachd anama a mach, gach uil' aobhar bàis o'n taobh 
a stigh; cha robh ni air ulluchadh airson beul millteach 
na h-uaighe, ach an corp diblidh, Philip. iii. 21. Agus iad- 
san a pheacaich, Iob xxiv. 19. Agus dhion freasdal araid 
Dhè a chreutair neo-chiontach o ainneart o'n taobh a 
mach. Tha teisteas an Abstoil soilleir, Rom. v. 12, " Tre 
aon duine thainig peacadh a steach do'n t-saoghal, agus 
bàs tre'n pheacadh." Feuch an dorus tre 'n d'thainig bàs a 
steach ! dh' oibrich Satan le 'bhreùgan gus an d' fhuair e 
f hosgladh, agus mar sin thainig am bàs a steach agus thei- 
rear uime sin gu'n robh e 'na mhortair o thùs, Eoin viii. 
44. Mar so nochd mi dhuibh naomhachd agus sonas an 
duine san staid so. Ma their neach sam bith ciod e so 
uile dhuinne, nach do bhlais raimh an staid naomh agus 
shona sin 1 'S eigin doibh fios a bhi aca gu buin so gu h-araid 
ruinne ann a mheud as gu'm b'e Adhamh freumh a chinne- 
daoine uile, ar ceannard agus f ear-ionaid ; a fhuair o Dhia 
oighreachd, agus maoin gu ghleidheadh air a shon fèin 
agus air son a chloinne, agus gu bhi air a thoirt nuas 
dhoibh gu tearuinte. Chuir an Tighearna maoin a chin- 
ne-daoine uile (mar gu b'ann) an aon luing; agus, mar a 
dheanadh iad fèin, rinn e ar n-athair coitchionn 'na fhear 
stiùraidh. Chuir e beannachd san fhrèumh, gu bhi, nan 
rachadh a raighladh gu ceart, air a cho-pairteachadh ris na 
gèugan uile. Do rèir ar bonn teagaisg, air dha Adhamh a 
dheanamh direach, rinn e'n duine direach ; agus bha aig a' 
chinne-daoine uile an treibhdhireachd sin annsan ; oir, ma 
tha'n fhreumh naomh, mar sin tha na gèugan. Ach tuille 
mu thimchoill so an deigh so. Nan seasadh Adhamh, cha 
chuireadh neach sam bith an aghaidh e bhi 'na sheasamh 
air ar son-ne sa' choimhcheangal. 



19 

Feum I. — Gu ar teagasg. Tha so a' nochdadh dhuinn 
(1.) nach b'e Dia, ach an duine e fèin a b'aobhar d'a sgrios. 
Rinn Dia direach e ; chuir a Chruithear suas e, ach 
thilg se e fèin a sios. Am b'e an Tighearn a - bhi 'ga 
sheoladh agus 'ga aomadh gu maith a dheanamh mathair- 
aobhair na roghainn bhronach so a rinn e ? N'an do bhùin 
neamh cho ghann-lamhach ris as gu'n do chuir a' chruaidh 
eigin a dh' ifrinn e a dh' iarraidh cobhair a dheanamh 
suas uireasbhuidh ? Ni h-eadh, b'e agus 'se'n duine ma- 
tliair-aobhair a sgrios fèin. (2.) Feudaidh Dia gu ro- 
cheart umhlachd iomlan iarraidh o dhaoine d'a lagh, agus an 
diteadh, mur toir iad umhlachd iomlan dha, ged nach 'eil 
a nis comas ac' a choimhead. Ann an deanamh mar sin, tha 
e cruinneachadh a mhain san àite san do chuir e. Thug e 
comas do'n duine an lagh gu h-iomlan a choimhead ; chail] 
an duin' an comas sin le choire fèin: ach cha b'urrainn a 
pheacadh-san a chòir sin a thoirt air falbh a bh' aig Dia air 
umhlachd iomlan agairt o a chreutair, agus air peanas chur 
an gniomh airson eas-umhlachd. (3.) Feuch, ann an so faic 
an ceangal neo-chriochnach fuidh 'm bheil sinn, do Iosa 
Criosd an dara Adhamh, a rinn le 'fhuil luachmhor fèin 
air saorsa chaillte cheannach, agus a tha gu saor a rìs 'ga 
tairgse dhuinn, Hos. xiii. 9. agus sin leis an t-sochair so, 
tearuinteachd shiorruidh, air chor as nach urrainn e bhi 
air a chall gu tur ni's mò, Eoin x. 28, 29. Daingnichidh 
saor-ghràs iadsan, a thilg saor-thoil a sios do shlochd truaighe. 

Feum II. — Tha so a' tabhairt achmhasan do thri seorsa 
dhaoine. (1.) Dhoibhsan aig am bheil fuath do chumhachd 
na diadhachd, far am bheil i air a faicinn ; agus nach 
urrainn tlachd a ghabhail ann an ni sam bith, ach anns an 
t-saoghal, agus 'nan anamiannaibh. Gu cinnteach tha 
na daoine so fad o fhireantachd : tha iad 'nan luchd-fuath 
air Dia, Rom. i. 30. oir tha iad 'nan luchd-fuath air iomh- 
aigh. Bhiodh Adhamh trèibhdhireach ann am Pàras 'na 
ghràin d'a leithid so do dhaoine; mar bha e do'n nathair, 
d' am bheil iad gan dearbhadh fèin 'nan cloinn, le'm mi-thlus. 
(2.) Tha e tabhairt achmhasan dhoibh-san, a ta cur an diadh- 
achd gu nàire, agus dhoibh-san a ta gabhail nàire as an 
diadhachd, am fianuis saoghail aingidh. Tha ginealach 
ann a ta co ladurna an aghaidh an Dia a chruthaich iad, 
agus is urrainn ann am mionaid an saltairt sios, 's gu bheil 
iad a' deanamh dimeas air diadhachd, agus fanoid air gach 



20 

nicràbhaidh. "Cò- d'am bheil sibh a' deanamh àbhachd? cò 
ris am bheil sibh a' deanamh beoil fharsuinn, agus a' tarruing 
a macli na teanga 1 " Isa. lvii. 4. Nach ann an aghaidh Dhia 
fèin, gur e iomhaigh ann an caileigin do _ tljomhas a bhi 
air a tarruing air cuid d'a chreutairibh, a ta gan deanamh 
nan amadana 'nur sùilibhse 1 "Ach na bithibh 'nur 
luchd-fanoid, air eagal gun teannaichear bhur cuibhrichean," 
Isa. xxviii. 22. B'e naomhachd a' ghlòir a chuir Dia air 
an duine, 'nuair a chruthaich se e ; ach a nis thionndaidh 
clann nan daoine a' ghlòir sin gu nàire, do bhrigh gu bheil 
iad fein a' deanamh uaill 'nan nàire. Tha cuid eile a ta 
gu folaichte a 'cur an aonta ris an diadhachd, agus ann an 
cuideachd dhiadhaidh aidichidh iad e ; muinntir aig uair- 
ibh eile, chum gum biodh iad cosmhuil r'an coimhears- 
naich air am bheil nàir' a h-aideachadh : tha iad co lag 's gu 
bheil iad air an siabadh air falbh le gaoith beòil nan 
aingidh. Tha gair farsuinn, sgeig mhi-dhiadhaidh no 
focal fanoideach à beul mi-naomha, do mhoran nan 
argumeint gu leòir an aghaidh na diadhachd agus a' 
chràbhaidh : oir ann .an aobhar Dhè" tha iacf mar cholumain 
shimplidh gun chridhe. gu'n tugadh iad so fa'near am 
focal cudthromach sin, Marc viii. 38. Oir ge b'e a ghabhas 
nàire clhiomsa, agus do m' fhoclaibh, anns a' ghinealach adh- 
altranach agus olc-sa, dhethse gabhaidh Mac an duine nàire 
'nuair a thig e ann an glòir Athar, maille ris na h-ainglibh 
naomha." (3.) Tha e a' tabhairt achmhasain do'n fhear-aid- 
mheil uaibhreach fhein-speiseil, aig am bheil meas air fèin ann 
an deise a chàraich e ri chèile do luideagaibh. Tha mòran 
an uair a chruinnicheas iad ri cheile beagan eolais mu 
thimchioll na diadhachd agus a ta a' teachd gu cuicl do 
ath-leasachaidh beatha, a ta 'g atadh suas le meas orra fèin ; 
is comhara truagh so gu bheil toradh an leagaidli 'na 
luidhe co trom orra as nach d'thainig iad fathast chuca fèin, 
Luc. xv. 17. Tha sùilean ac' air an culaobh, a dh' fhai- 
cinn na nithe air an d'rainig iad ; ach cha'n 'eil sùilean ac' 
an taobh a stigh, no sùilean rompa, a dh' fhaicinn an uaireas- 
bhuidhean, a dheanamh gu cinnteach an irioslachadh : oir 
tha fìor-eolas a' toirt air daoine fhaicinn araon ciod a bha iad 
aon uair, agus ciod a ta iad a nis ; agus mar sin a ta e ag 
irioslachadh, agus cha'n fhuiling e dhoibh a bhi toilichte 
le tomhas sam bith do ghràs air an d'rainig iad ; ach tha 
e gan cur gu domhlachadh air an aghaidh, a dìchuimhn- 



21 

eacliadh na nithe a ta air an eùl, Phil. iii. 13, 14. Ach tha 
na daoine sim 'nan leithid do chulaidh-thniais, 'sa bhiodh 
an neach sin, a chuireadh a lùchairt ri theine agus a 
bhiodh a' deanamh uaill à bothan a thog e dha fèin as an 
luaithre, ged a bhiodh e co lag is nach seasadh e an aghaidh 
doininn. 

Feum III. — Chum bròin. An so bha aitreadh àluinn, 
an duin' air a shnaidheadh mar luchairt mhaiseach, ach a 
nis 'na luidhe ann an luaithre : seasamaid agus amhairc- 
eamaid air an sgrios, agus sileamaid deur. Is tuireadh so, 
agus bithidh e 'na thuireadh. Am b'urrainn duinn gun ghul, 
nam faiceamaid ar duthaich air a sgrios, agus air a tionn- 
dadh leis an namhaid gu bhi 'na fàsaicM 'Nam faic- 
eamaid ar tighean ri theine agus ar teaghlaichean a'dol a 
dhlth sna lasraichibh ? Ach tha so uile a' teachd fada 
gearr air an t-sealladh bhrònach, an duine air tuiteam mar 
reul o neamh. Och nach feud sinn a ràdh, gun robh sinn 
mar anns na miosaibh a chaidh seachad, an uair nach robh 
smal 'nar nàdur, nach robh neoil air ar n-inntinn, no 
salachar 'nar cridhe ! MLir bitheadh sinn riamh ann an 
staid a b' fhearr, bhitheadh an call ni bu lugha : ach tha 
iadsan a thogadh a suas ann an scarlaid, ag iadhadh an 
lamh niLi'n òtrach. C' ait a nis am bheil ar ceud ghloir ? 
Aon uair cha robh dorchadas san inntinn, no ceann- 
airc san toil no mi-riaghailt sna h-aignidhean. Ach m-o 
thruaighe ! Cionnus a dh'fhàs a' chaithir dhileas 'na striop- 
aich ì ise bha lan do chothrom, anns an robh ceartas a' gabh- 
ail comhnuidh ; ach a nis mortairean. Dh'fhàs ar n-airgiod 
'na shal, tha ar fion air a mheasgadh le h-uisge. An cridhe 
sin a bha aon uair 'na teampull do Dhia, tha e nis air 
tionndadh gu slochd mhearlach. Bitheadh mar ainm 
dhuinn Ichabod, oir dh' fhalbh a' ghlòir. Bu shona bha thu, 
a dhuine, cò bha cosmhuil riut % Cha b'urrainn cràdh no tin- 
neas do bhualadh, 's cha b'urrainn bàs teachd am fogus dhuit ; 
cha chualas osna uait, gus an robh na measan searbh ud 
air an spionadh o'n chraoibh thoirmisgte. Dhealraich 
neamh ort, agus rinn an talamh gairdeachas : Bu tu 
companach nan aingeal, agus cuis fharmaid dhiabhol. 
Ach cia iosal a ta esan a nis air a leagadh a bha air a 
chruthachadh a chum uachdranachd, agus air a dheanamh 
na tighearn air an t-saoghal ! Thuit an crùn bhar ar cinn : 
mo thruaighe sinn ! chionn gu do pheacaich sinn. Na creut- 



22 

airean a dh' fheith air gu seirbhis a dheanamh dha, tha 
iad a nis, o'n tuiteam, air an cur an ordugh catha 'na agh- 
aidh : agus tha'n aon a's lugha dhiubh, an uair a gheibh 
e comas, ro chruaidh air a shon. Tha uisgeachan a' dol 
thairis air an t-seann saoghal, tha teine a' sgrios Shodoim ; 
tha na reultan 'nan sligheanna àrd a' cogadh an aghaidh 
Shisera'; Tha Losgain, cuileagan, agus miolan a' tionnd- 
adh gu bhi 'nan luchd-millidh do Pharaoh agus d'a chuid 
Eiphitich ; tha Herod air itheadh suas le cnuithibh : 
seadh, tha feum aig an duine air a bhi'n sìth ris na beath- 
aichibh, eadhon ri clachaibh na macharach, Iob v. 23. air dha 
aobhar eagail a bhi aige, na h-uile neach a dh' aimseas 
air gu marbh iad e. Mo thruaighe cionnus a tha sinn 
air tuiteam? Cionnus a tha sinn air ar slugadh suas 
ann an slochd truaighe? Chaidh a' ghrian fuidhe oirnn, 
thainig am bàs a steach air ar n-uinneagan ; chuir ar naimhde 
a mach ar dà shùil, agus tha iad a' deanamh spòrs do ar 
truaighibh. Luidheamaid sios air an aobhar sin ann ar 
nàire, agus comhdaicheadh ar masladh sinn. Gigheadh tha 
dochas ann an Israel do thaobh an ni so. Thig air an 
aobhar sin, pheacaich, amhairc ri Iosa Criosd an dara 
Adhamh ; trèig a' cheud Adhamh agus a choimhcheangal ; 
thig a chuni an Eadar-mheadhonair agus urras a' choimh- 
cheangail nuaidh agus a's fearr ; agus abradh 'ur cridheachan, 
bi thus a' d' uachdaran oirnn, agus bitheadh am bristeadh 
so fo d' laimh. Agus sileadh 'ur sùil a sios, gun chasgadh, 
agus gun sgur air bith, gus an seall an Tighearna nuas, 
agus an amhairc e o neamh. Tuireadh iii. 49, 50. 



AN DARA STAID. 

EADHON, 

STAID NADUIR, NO TRUAILLIDHEACHD 
IOMLAN AN DUINE. 

CEANN I. 

PEACADH STAID NADUIR AN DUINE. 



Genesis vi. 5. 

" Agus chunnaic an Tighearna gu'r.i bu mhòr aingidheachd an duine air 
an talamh, agus gu'n robh uile bhreithneachadh smuaintean a 
chridhe a mhàin olc gach aon la." 

Chunnaic sinn ciod a bha'n duine, mar a rinn Dia e ; 
'na chretitair gràdhach agus sona; gabhamaid beachd a 
nis air mar a dhithich se e fèin ; agus chi sinn e 'na chreu- 
tair peacach agus truagh. 'Si so an staid bhronach gus 
an d'thugadh siim leis an leagadh ; staid cho dubh agus cho 
chraiteach as a bha cheud staid glormhor; agus ri so 
their sinn gu coitchionn, staid naduir, no staid a thaobh 
naduir duine, a rèir mar tha'n t-Abstol ag radh, Eph. ii. 
3. " Agus bha sinn a thaobh naduir 'nar cloinn feirge, eadhon 
mar chach." Agus ann an so, tha dà ni ri thoirt fa'near. 
1. Peacadh ; agus, 2. Truaighe na staid so, sam bheil na 
h-uile a ta neo-iompaichte beo. Toisichidh mi le peacadh 
staid nàduir an duine, air am bheil am bonn-teagaisg, ged 
tha e goiriod, a' toirt cunntas iomlan : " Agus chunnaic an 
Tighearna gu'm bu mhòr aingidheachd an duine." 

'Se gnothuch agus rùn nam briathra sin, Ceartas Dè 
fhireanachadh, san tuil a thabhairt air an t-seann saoghal. 
Thugadh fa'near dà ni àraid mar aobhar air a shon 
sna rannaibh a chaidh roimhe, (1.) Posaidhean coimeasg- 
ta, rann 2. Mic Dhè, sliochd Het agus Enois, luchd- 
aidmheil an fhior-chreidimh, phos iad nigheana dhaoine, 
sliochd mi-naomha malluichte Chain. Cha d' thug iad a' 



24 

chùis am fianuis an Tighearna, chuni gu'n roghnaicheadh 
esan air an son, Salm xlviii. 14, ach gun speis sam bith do 
thoil Dhè, roghnaich iad dhoibh f èin ; cha b'ann a rèir 
riaghailt an creidimh, ach' a rèir an toil-inntinn fèin ; 
chunnaic iad gu'h robh iad sgiamhach : agus rinn am pòs- 
adh riusan an eadar-dhealachadh o Dhia. B'e so aon do 
na h-aobhair a tharruing an dìle, a sguab air falbh an seann 
saoghal. nach ann a dh' fheudadh luchd-aidmheil air 
là-ne, a thagar nach 'eil iad ciontach : ach ged thug am 
peacadh an dìle air an t-saoghal, gidheadh cha do sguab an 
dìle am peacadh sin air falbh, a bha o shean ; mar a dh' 
fheudar fhaicinn mar an ceudna ann ar là-ne, gur e aon 
do na h-aobhair àraid airson am bheil diadhachd a' claon- 
adh. Bha e 'na ni coitchionn am measg nam Paganach, 
gu'm muthadh iad an Diathan, 'nuair a mhuthadh iad 
an staid ann am pòsadh ; agus is iomadh eiseimpleir bhro- 
nach a ta'n saoghal Criosdaidh a' tabhairt air an ni ceud- 
na, mar gu'm biodh daoine do bharail Pharaoh, nach 'eil 
an diadhachd ach a mhàin airson na muinntir sin aig nach 
'eil curam eile sam bith orra, Ecsod. v. 17. (2.) Mòr- 
fhoirneart, rann 4. "Bha famhairean air an talamh sna lai- 
thibh sin," daoine do mhòr-airde, do mhor-neart, agus do 
aingidheachd oillteil, " a' lionadh na talmhainn le foirneart," 
rann 11. Ach cha b'urrainn aon chuid an neart no an 
ionmhas aingidh, buannachd a dheanamh dhoibh ann an 
là na feirge. Gidheadh tha buannachd na foireigin, fath- 
ast a' tarruing dhaoine gu saltairt air an eiseimpleir uamh- 
asach so. Labhair sinn an urrad so mu chomh-chordadh 
nam briathra, agus mu na peacanna araid san robh an 
ginealach sin ciontach. Ach cha b'urrainn do na h-uile 
neach a bha air an sguabadh air falbh leis an dìle bhi cion- 
tach anns na nithibh sin ; agus nach dean breitheamh na 
talmhainn uile ceartas ì Uime sin ann am bhonn-teagaisg, 
tha binn fharsuinn air a tabhairt a mach 'nan aghaidh 
uile : bha aingidheachd an duine mòr air an talamh, agus a 
ta so air a dhearbhadh, oir chunnaic Dia i. Tha dà ni 
air a chur as an letli an so : V^ 

Air tùs, Truaillidheachd beatha ; aingidheachd, aingidh- 
eachd mhòr. Tha mi tuigsinn gu bheil so a' ciallachadh, 
aingidheachd an caithe-beatha : oir tha i gu soilleir air a 
h-eadar-dhealachadh o aingidheachd an cridheachan. Bha 
peacanna an caithe-beatha o'n taobh a mach, mòr annta 



25 

fèin, agus gu mòr air an an-tromachadh leis na nithibh a 
bha 'nan co-chuideachd ; agus so, cha'n ann a mhàin am 
measg sliochd Chain mhalluichte, ach mar an ceudna ani 
measg sliochd Shet naoimh ; bha aingidheachd an duine 
mòr. Agus an sin tha e air a ràdh, gu robh i mòr air an 
talainh. (1.) A dh' fhireanachadh geur-cheartas Dhè, anns 
gu'n d'rinn e, cha'n e mhàin peacaich a ghearradh as, ach 
gu'n do sguab e dheth na creutairean bruideil leis an dìle ; 
a chum agus mar a chuir daoine comharan na mi-dhiadh- 
achd air an talamh, gu'n cuireadh Dia comharan a chor- 
ruich air. (2.) A nochdadh uamharrachd am peacaidh, ann 
an deanamh na talmhainn, a rinn Dia a sgeudachadh airson 
feum an duine, 'na shlochd peacaidh, agus 'na ionad-cluiche 
gu aingidheachd a chur an gniomh gu ladurna an aghaidh 
nèimh. Chunnaic Dia truaillidheachd a' chaithe-beatha so, 
cha'n e mhàin gun robh fios aig air, agus gu'n d'thug e fa'near 
e ; ach thug e orrasan fios a bhi aca gu'n d'thug e fa'near e, 
agus nach do thrèig esan an talamh ged thrèig iadsan nèamh. 
San dara àite, Truaillidheachd an nàduir, " Bha uile 
bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin olc gach 
uair." Tha'n uile dhroch cleachdan ann an so air an lorgach 
adh a dh' ionnsuidh tobair a' chinn-aobhar. E'e cridhe 
truaillidh an tobar o'n do shruth e uile. Tha'n t-anam a 
bha air a dheanamh treibhdhireach 'na uile bhuaghaibh, a 
nis air a chur as a riaghailt. Tha'n cridhe bh'air a dhean- 
amh a rèir cridhe Dhè fèin, a nis calg dhireach 'na agh- 
aidh, 'na inneal deilbh gach uile dhroch smuaintean, 'na 
shlochd gach fonn-collaidh, agus 'na thigh-tasgaidh gach 
uile neo-dhiadhachd, Marc vii. 21, 22. Feuch cridhe an 
duine nàdurra, mar a tha e air a thaisbean 'nar bonn- 
teagaisg. Tha'n inntinn air a salachadh ; tha smuaintean 
a' chridhe olc. Tha'n toil agus na h-aignidhean air an 
salachadh; tha breithneachadh smuaintean a' chridhe, (sin 
ri radh, ciod a ta'n cridhe a' deilbh an taobh a stigh dheth 
fèin le smuaineachadh, mar a tha breithneachadh, roghn- 
achadh, rùnan, innleachdan, iarrtuis, na h-uile gluasad 
o'n taobh a stigh; no mar is fearr a dh' fheudar a ràdh, a 
ta deilbh smuaintean a chridhe, eadhon, deilbh, deanamh, no 
cuniadh nan nithe sin olc, 1 Eachd. xxix. 19.) Seadh, agus 
tha na h-uile bhreithneachadh, na h-uile dheilbh-smuaint- 
ean a' chridhe mar sin. Tha'n cridhc do glmath a' deilbh 
ni-èigin ; ach cha'n 'eil e uair air bith a' dcilbh aon ni 



26 

ceart; tha deilbh nan smuaintean, ann an cridhe an duine 
ì'o-chaochlaidheach ; gidheadh cha'n 'eil iad uair sam bith 
air an cur ann am fonn ceart. Ach nach 'eil air a' chuid 
is lugha, coimeasga do mhaith annta? Cha'n 'eil, tha 
iad a mhàin olc ; cha'n 'eil ni sam bith annta a tha maith 
agus taitneach do Dhia : cha mho is urrainn do ni sam 
bith a ta maith teachd a mach as an ionad-dheilbh sin ; far 
nach 'eil Spiorad Dhè, ach "prionnsa cumhachd an adheir 
ag oibreach adh," Eph. ii. 2. Ciod air bith atharrachadh a 
dh' f heudar f haotainn annta, 's ann a mhain o olc gu h-olc 
a tha e : oir tha breithneachadh a' chridhe, no dealbh nan 
smuaintean ann an daoine nàdurra, do ghnath, no na h-uile 
là olc. O'n cheud là, gus an là mu dheireadh dhoibh anns 
an staid so, tha iad ann an dorchadas, mar mheadhon- 
oidhche ; cha'n 'eil an dearsadh a's lugha do sholus no do 
naomhachd annta ; cha'n urrainn aon smuain naomh teachd 
gu brath o'n chridhe mhi-naomha. cia gràineil an 
cridhe so ! cia truaillidh an nàdur o ta'n so ! a' chraobh 
a tha do ghnàth a' toirt a mach toraidh, ach gun toradh 
maith uair sam bith, ciod air bith fearann sam bi i air a 
suidheachadh, ciod air bith saothair a ghabhair orra is 
èigin di bhi gu nàdurra 'na droch chraoibh : agus ciod 
is urrainn an cridhe sin a bhi, aig am bheil uile bhreith- 
neachadh, uile dheilbh a smuaintean, a mhàin olc, agus sin 
an comhnuidh 1 Tha gu cinnteach an truaillidheachd sm air 
a suidheachaclh 'nar cridhe, air a filleadh a steach 'nar nà- 
dur, rànuig i steach gu smior an anama ; agus cha bhi i air 
a leigheas gu brath, ach le miorbhuil gràis. A nis is ann mar 
sin a ta nadur, gus am bi e air atharrachadh le gràs na h- 
ath-ghineamhuin. Chunnaic Dia a ta rannsachadh a' 
chridhe gun robh cridhe an duine mar sin, thug e aire àr- 
aid dha : agus cha'n urrainn do'n f hianuis f hirinneach agus 
f hior a bhi am mearachd do thaobh ar staid ; ged tha sinne 
ro-ullamh air dol am mearachd anns a' chùis so, agus gu 
tric g'a chur suarach. 

Thoir an aire nach bi smuain ann ad dhroch chriclhe ag 
ràclh, ciod sin duinne'? Sealladh an ginealach ris an robh 
am focal sin a' labhairt ris na nithibh sin. Oir dh' fhàg 
an Tighearna cor a' ghinealaich sin air chuimhne, gu bhi 
'na sgàthan do na h-uile ginealaich 'nan deigh ; anns am 
feud iad truaillidheachd an cridhe fèin f haicinn, agus cion- 
nus a bhitheadh an caithe-beatha fèin mar an ceudna, mur 



27 

cuireadh esan bacadh orra : " Oir, mar ann an uisge 
a fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe 
duine do dhuine," Gnath-fhoc. xxviii. 19. Dheilbh tuiteam 
Adhaimh cridheachan gach uile dhaoine co-ionnan san ni 
so. Uaithe so thà'n t-Abstol, Rom. iii. 10 — 18. a' dearbh- 
adh truaillidheachd nàduir, cridheachan agus beatha nan 
uile dhaoine, o na tha'n Salmadair ag ràdh mu 'na h- 
aingidh 'na la fèin, Salm xiv. 1, 2, 3. ; v. 9. ; cxl. 3. ; 
x. 7. ; xxxvi. 1. ; agus o na tha Ieremiah ag ràdh 'na là- 
san, Ier. xi. 3. agus o natha Isaiah ag ràdh mu na daoine 
bha beo 'na là-san, Isa. lvii. 7, 8, agus a' criochnachadh 
leis sin, ann an Kom. iii. 19. " A nis a ta fhios againn ge 
b'e nithe a ta'n lagh a' labhairt, gur ann riusan a ta fuidh'n 
lagh a ta e 'gan labhairt : chum gu druidear gach uile bheul 
agus Qu'm biodh an saoghal uile buailteach do dhìteadh Dia." 

O O o 

Nam biodh eachdraidh na dìle air a toirt dhuinne gun an 
reusan a thoirt a ta sa' bhonn-teagaisg ; dh' fheudamaid 
uaitbe sin truaillidheachd agus seacharan nàduir an duine gu 
h-iomlan fhaicinn ; oir ciod eile a chomh-stri a dh'fheud- 
adh a bhi aig Dia naomh agus ceart ris na naoidheana a bha 
air an sgrios leis an dìle, oir cha robh peacadh gniomh 
aca? Namfaiceadh sinn duine glic, air dha mìr do ob- 
air innealta dheanamh, agus e làn-toilichte leis 'nuair a 
chuir e as a laimh e, mar mhìr a bha iomchuidh airson an 
fhèum a shonruich e air a shon, 'ag eirigh suas ann am 
feirg agus 'ga bhriseadh 'na bhloidibh, 'nuair a dh' amhairc 
e air an dèigh sin; nach measamaid gu'n robh an deilbh 
aig air a thur-mhilleadh, an dèigh dha dol as a laimh, agus 
nach 'eil e iomchuidh airson an fhèum sin a runaicheadh 
air a shon an toiseach? Cia mò gu mòr, 'nuair a chi sinn 
an Dia naomh agus glic, a' sgrios obair a lamha fèin, mu'n 
dubhairt e aon uair gu soleimnte gu'n robh e gu ro-mhaith, 
nach feum sinn a mheas gu bheil a' cheud dealbh air a tur- 
mhilleadh, nach feud i bhi air a càradh, ach gur eigin di 
bhi air a deanamh nuadh, no air a cur air cul gu h-iomlan ? 
Gen. vi. 6, 7. "Agus b'aithreach leis an Tighearna gu'n 
d'rinn e'n duine air an talamh, agus thog e doilgheas dha na 
chridhe : agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi'n 
duine :" no dubhaidh mi mach e, mar a dhubhas duine mach 
à leabhar, sgriobhadh àraid nach urra bhi air a cheartachadh 
le cuid do na litrichibh no do na focail a ghearradh a mach, 
agus litrichean agus focail eile chur an sud san so 'nan 



28 

àite ; ach is èigin gu'm bi e gu li-iomlan air a dheilbh as 
ùr. Ach an d' thug an dile air falbh truaillidheachd nàd- 
uir an duine ; An do leasaich i a' chuis ì Cha do leasaich. 
Tha Dia, 'na fhreasdal naomha, " chum gu druidear gach 
uile bheul, agus gu'm bi an saoghal nuadh uile buailteach do 
dhìteadh Dhè," co maith ris an t-sean saoghal, a' ceadachadh 
do thruaillidheachd nàduir briseadh a mach ann an Noah, 
athair an t-saoghail nuaidh, an dèigh do'n dìle dol seach- 
ad. Feuch esan mar Adhamh eile, a' peacachadh le meas 
craoibhe," Gen. ix. 20, 21. " Shuidhich e fion-ghàradh, agus 
dh'òl e do'n fhìon, agus bha e air mhisg, agus bha e lomnochd 
a stigh 'na bhùth." A thuilleadh air sin, tha Dia a' tabhairt 
an reusain cheudna an aghaidh dìle nuaidh, a thug e ann 
ar bonn-teagaisg airson dìle thabhairt air an t-seann saogh- 
al : " Cha mhalluich mi, ars esan, a ris an talamh ni's mò air 
son an duine, oir a ta smuainte cridhe an duine olc o' òige," 
Gen. viii. 21. Leis am bheil fios air a thoirt duinne, nach 
'eil leasachadh air a' ghnothach leis a' mheadhon so ; agus 
nam b'e 's gu'n gabhadh e do ghnàth a' cheart rathad ri 
daoine a rinn e, bhiodh e do glmàth a' cur tuiltean air an 
talamh, do bhrìgh gu bheil truaillidheachd nàduir an duine 
a' buanachadh mar a bha e. Ach ged nach b'urrainn an dìle 
truaillidheachd nàduir a thabhairt air falbh, gidheadh 
sheòl i dh' ionnsuidh an rathaid leis an bheil e air a 
dheanamh ; sin ri ràdh, gur èigin do dhaoine bhi air am 
breith o uisge agus o'n Spiorad, air an togail o bhàs spiorad- 
eil ann am peacadh le g'ràs Iosa Criosd, a thàinig trid 
uisge agus trid fuil ; a mach as am bheil ag eirigh saoghal 
nuadh do naoimh ann an ath-ghineamhuin, eadhon mar a 
bha'n nuadh-shaoghal do pheacaich ag èirigh a mach as 
na h-uisgeachan. far an robh iad fada 'nan luidhe adhlaichte 
(mar gu ba'nn) san àirc. Tha sinn ag iunnsachadh so e 
1 Phead. iii. 20, 21, anns am bheil an t-Abstol a' labhairt 
mu àirc Noah, ag ràdh, "Anns an robh beagan sin r'a 
ràdh ochd anaman, air an tearnadh trid uisge. Tha'm 
baisteadh mar shamladh a tha co-fhreagradh dha so 'gar 
tearnadh-ne." A nis air bhi do uisgeacha na dìle 'nan samh- 
ladh a ta co-fhreagradh do'n bhaisteadh ; tha e gu soilleir 
a' leantuinn, gu'n robh iad a' ciallachadh (mar a ta 'm 
baisteadh a' deanamh) ionnlad na h-ath-ghineamhuin, agus 
ath-nuadhachadh an Spioraid naoimh. Gu comh-dhunadh 
ma ta, feudaidh na h-uisgeacha sin, ged tha iad a nis air an 



29 

tiormachadh suas, a bhi mar sgathan duinne, anns am feud 
sinn truaillidheachd iomlan ar nàdur, agus mòr-fheum na 
h-ath-ghineamhuin fhaicinn. 

O'n bhonn-teagaisg mar so air a mhìneachadh, Tha ag 
eirigh an teagasg cudthromach so, a dh' fheudas esan a 
ruitheas a leughadh, sin ri radh, " Gu bheil nàdur na 
duine a nis gu h-iomlan air a thruailleadh." A nis tha 
caochladh truagh, atharrachadh iongantach, ann an nàdur 
an duine ! Far nach robh air tùr aon ni olc ; a nis cha'n 
'eil aon ni maith. Ann an leantuinn an teagaisg, ni mi. 

Air tùs, A dhaighneachadh. 

San dara àite, Nochdaidh mi truaillidheachd nàduir, 'na 
earrannaibh fa leth. 

San treas àite, Nochdaidh mi dhuibh cionnus a tha nàdur 
an duine mar so air a*thruailleadh. 

San àite mu dheireadh, Nithear an co chur. 

GU'M BHEIL NADUE, AN DUINE AIR A THRUAILLEADH. 

Sa' cheud àite, Tha mi gu teagasg truaillidheachd an nà- 
duir a dhaingneachadh ; gus an sgathan a chur fa chomhair 
'ur suilean, anns am feud sibh 'ur nàdur peacach fhaicinn, 
ni, ged tha Dia a' toirt aire shonraichte dha, a ta iomadli 
a' cur an neo-bhrigh. Agus ann an seallamaid sa' cheud 
àifce ri focal Dhè. San dara àite, Ei mothachadh agus 
fìosrachadh dhaoine. 

1. Airson dearbhaidh o'n scriobtur, thugamaid fa'near 
Air tùs' Mar tha'n scriobtur a' toirt aire araid do Adhamh 
air tuiteam a' comh-pairteachadh iomhaigh fèin r'a shliochd 
Gen. vi. 3. " Ghin Adhamh Mac 'na choslas fèin, a reir 
iomhaigh fèin, agus thug e Set mar ainm air." Coimeas ri 
so a' cheud rann do'n chaibideil sin fèin. Anns an là'n do 
chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dè rinn se e. Faic 
an so, mar tha'n iomhaigh .a rèir an d' rinneadh an 
duine, agus an iomhaigh a rèir an do ghin e sliochd air 
an cur fa chomhair a chèile. Einneadh an duine ann an 
coslas De ; is e sin, rinn Dia a ta naomh agus ceart, 
crèutair naomh agus ceart : ach ghin Adhamh air tuiteam 
mac, cha b' ann an coslas Dè, ach 'na choslas fèin ; is e sin, 
ghin Adhamh truaillidh peacach, mac truaillidh peacach. 
Oir mar a ghiulain iomhaigh Dhè fireantachd agus neo- 
bhasmhorachd innte, mar a rinneadh soilleir roimhe : mar 
sin ghiulain iomheigh so Adhamh air tuiteam truaillidìieachd 



30 

agus bàs innte, 1 Corint. xv. 49, 50, coimeas ri so rann 
22. Tha Maois anna a' chuigeadh caibideil sin do Ghen- 
esis, air dha bhi toirt dhuinn a' cheud chunntas bàsmhoir- 
eachd a bha riamh san t-saoghal, ga thoirt a stigh mar so, 
gu'n do ghin Adhamh bàsmhor, daoine bàsmhor. Air dha 
peacachadh rinneadh bàsmhor, e a rèir a' bhagraidh ; agus 
mar sin ghin e mac 'na choslas fèin, peacach, agus uime sin 
bàsmhor : mar so thainig peacadh agus bàs air na h-uile. 
Gun teagamh, ghin e araon Cain agus Abel 'na choslas 
fèin, co maith ri Set. Ach cha'n 'eil an t-iomradh air a 
thoirt mu Abel ; a chionn nach d'fhag e sliochd 'na dhèigh, 
agus bha thuiteam mar a' cheud iobairt do'n bhàs anns 
an t-saoghal, 'na dhearbhadh gu leòr air sin : no mu Chain, 
mu'n saoileamaid gu'm buinneadh e gu h-àraid, do bhrigh 
aingidheachd uamhasach ; agus a thuilleadh air so, chaidh 
a shliochd uile bhathadh anns an dìle : ach tha'n t-iomradh 
so mu Shet, do bhrìgh gu'm b'e athair a t-sliochd naoimh 
e ; agus gur ann uaithe-san a thainig a nuas an cinne- 
daoine uile o'n dìle, agus coslas Adhaimh a thuit orra uile. 

San dara àìte, Tha e soilleir o'n Scriobtuir sin, Iob 
xiv. 4. " Cò a bheir glan à neo-ghlan ? cha tabhair a h-aon." 
Bba ar cèud paranta neo-ghlan, cionnus uime sin is 
urrainn sinne bhi glan ? cionnus a b'urrainn d'ar paranta a 
chaidh romhainn a bhi glan 1 No cionnus a's urrainn d'ar 
cloinn-ne bhi glan 1 An neo-ghloinne a ta air a ciallachadh 
an so; is neo-ghloine pheacach i, oir is neo-ghloine i a ta 
deanamh laithean làn do thrioblaid ; agus tha i nadurra a 
chionn gu'n do shruth i o pharanta neo-ghlan ; Rugadh 
duine o mhnaoi, rann 1. " Agus cionnus a bhios esan glan e 
rugadh o mhnaoi?" Iob xxv. 4. B'urrainn an Dia uile- 
chumhachdach, oir cha'n 'eil teagamh 'na chumhachd, ni 
glan a thabhairt à ni neo-ghlan ; agus rinn e sin a thaobh 
an duine Criosd : ach cha'n urrainn neach eile sin a dhean- 
amh. Tha gach neach a ta air a bhreith a reir gnath 
nàduir, air a bhreith neo-ghlan. Mu bhios an fhreumh 
truaillidh, as èigin do na geugan a bhi mar sin. Cha mho 
tha chuis ni's fearr, ged bhiodh na paranta air an naomh- 
achadh : oir cha'n 'eil iad naomh ach ann an cuid, agus 
sin trid gràis, cha'n ann trid nàduir; agus tha iad a' 
gineamhuin an cloinne mar dhaoine, cha'n ann mar dhaoine 
naomha. Uime sin, mar a tha'm pàranta timchioll- 
ghearrta a gineamhuin leanabh neo-thimchioll-ghearrta, agus 



31 

mar an dèigh an t-siol is fearr a bhios air a chur, a 
bhuaineas siim coirce leis a' mholl ; mar sin tha na par- 
anta is naoimhe a' gineamhuin cloinn mhi-naomha, agus 
cha'n urrainn dhoibh gràs a chom-pairteachadh riu, mar 
a chomh-pàirticheas iad nàdur ; ni a ta mòran do phàranta 
diadhaidh a' faicinn a ta fìor 'nam fidreachadh goirt. 

San treas àite, Thoir fa'near aidmheil an t-Salmadair 
Daibhidh, Salm li. 5. " Feuch ann an euceart dhealbhadh mi, 
agus ann am peacadh ghabh mo mhathair mi 'na broinn." Ann 
ah so tha e dol suas o pheacadh gniomh, gus an tobar o'n 
do shruth e, eadhon nàdur truaillidh. Bu duine e a bha a 
reir cridhe Dhè fèin; ach cha robh e mar sin o thùs. 
Ghineadh e ann am pòsadh dligheach ; ach an uair a bha'm 
meall air a chumadh anns a' bhroinn, bu mheall peacach 
e. Uaithe so goirear do thruaillidheachd nàduir, an seann 
duine : air dhi bhi co sean ruinn fèin, eadhon na sinne 
no gràs, annta-san a ta air an naomhachadh o'n bhroinn. 

Sa' cheathramh àite, Eisd ri breth ar Tighearn air a' 
cheann so, Eoin iii. 6. "Anni sin a ta air a bhreith o'n 
fheoil, is feoil e." Feuch truaillidheachd iomlan a chinne- 
daoine, tha gach uile 'nam feoil ! Cha'n e gu bheil na 
h-uile anmhunn, ged is fìrinn bhrònach sin mar an ceudna ; 
seadh agus tha ar n-anmhuinneachd nàdurra 'na dhearbh- 
adh air ar truaillidheachd naduir; ach cha'n e sin is ciall 
do na briathraibh sin, ach is e so is ciall doibh, tha na 
h-uile truaillidh agus peacach, agus sin a thaobh nàduir : 
uaithe sin, tha ar Tighearn a' rèusanachadh ann an so, 
do bhrigh gur feoil iad, uime sin is èigin doibh a bhi air 
am breith a rìs, no cha'n urrainn doibh dol a steach do riogh- 
achd Dhè, rann 3, 5. Agus mar a tha truaillidheachd ar 
nàduir a' dearbhadh am mòr-fhèum a ta air ath-ghineamh- 
uin; mar sin tha'm mor fheum air ath-ghineamhuin a' 
dearbhadh gu soilleir truaillidheachd ar nàduir : oir c' arson 
a dh' fheumadh duine an dara breith, mur biodh a nàdur 
gu tur air a mhilleadh sa, cheud bhreith ? Is èigin do 
naoidheana a bhi air am breith a ris, oir a xèir nam briath- 
ra (Eoin iii. 3.) cha'n 'eil neach air fhàgail a macli. 
Agus uime sin bha naoidheana air an timchioll-ghearradh 
fuidh 'n t-sean-tiomnadh mar mhuinntir aig am bheil corp 
peacanna na feòla, (a bha air an tabhairt a nuas dhoibh le 
gineamhuin nadurra,) ri chur dhiubh, Col. ii. 11. agus a nis 
le ordugh Iosa Criosd ; tha iad ri bhi air am baisteadh : 



32 

. 

a ta dearbhadh gu bheil iad neo-ghlan, agus nach 'eil slainte 
air an son, "ach tre ionnlad na h-ath-ghineamhuin, agus 
ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh," Tit. iii. 5* 

Sa' chuigeamh àite, Tha'n duine gu cinnteach air a thabh- 
airt a nis gu staid iosail, an coimeas ris mar bha e aon 
uair. Cha d' rinn Dia e ach beagan ni b'ìsle no na h-aingil : 
ach tha sinn nis 'ga fhaicinn air a choimeas ris na beath- 
aichibh a ta bàsachadh. Dh' èisd e ri brùid, agus tha 
e nis air fàs cosmhuil ri aon diubh. Cosmhuil ri Nebuch- 
adnesar, tha a chuibhrionn ('na staid nàduir) maille ris na 
beathaichibh, " a' cuimhneachadh a mhàin nithe talmhaidh," 
Philip. iii. 19. Ni h-eadh, tha barrachd aig na bruidean 
ann an càileigin do thomhas air an duine nadurra, oir tha 
e air a thabhairt ceum ni's isle na iadsan. Tha ni's lugha 
do chiall aige, anns na nithibh a bhuineas da, no a ta aig 
a' chorra-bhàn, no aig a' choluman, no aig a' chorra-mhonaidh, 
no aig a' gholan-ghaoithe, anns na nithibh a bhuineas doibh- 
san. Ier. viii. 7. Tha ni's lngha do thuigse aig, no tha 
aig an damh no aig an asail, Isa. i. 3. Tha mi 'ga fhaicinn 
air a chur do'n sgoil, a chum foghlum on't-seangan, creut- 
air ged nach 'eil fear-seòlaidh aige, no fear-treòrachaidh a 
dhol air thoiseach air; ged nach 'eil fear-amhairc aige no 
oifigeach ga chomh-èigneachadh no ga bhrosnachadh gu h- 
obair ; ged nach 'eil riaghalair aige, ach a dh' fheudas dean 
amh mar is àill leis, a chionn nach 'eil e fuidh uachdran- 
achd do neach air bith ; gidheadh is creutair e, " a dh' 
ulluicheas a bhiadh san t-samhradh, agus a chruinnicheas a 
theachd-an-tir san fhogharadh," Ghnath-fhoc. vi. 6, 7, 8, an 
uair a ta iad so uile aig an duine nàdurra, agus gidheadh e 
ga fhagail fèin buailteach do dhol bàs le ghort siorruidh. 
Ni h-eadh, a thuilleadh air so uile, tha'n scriobtur a' taisb- 
eanadh an duine nàdurra, cha'n ann a mhàin mar aon a ta 
dh' uireasbhuidh bhuaghan maith nan creutairean sin ; ach 
mar aon a ta làn do dhroch bhuaghan nan creutairean a's 
miosa dhiubhsan; anns am bheil a comhlachadh a cheile, 
gairge an leomhain, cuilbheartachd an t-sionnaich, aineolas 
na h-asail fhiadhaich, salchaireachd a choin, agus na muice, 
nimh na nathrach nimhe, agus an leithide sin. Tha'n 
fhirinn fèin a gairm dhiubh nathraiche, siol nan nathraiche 
nimhe ; seadh, os ceann so eadhon clann an diabhuil, Mat. 
xxiii. 33. ; Eoin viii. 44. Gu cinnteach mata, tha nàdur 
an duine gu truagh air a mhilleadh. 



33 

San àite mu dheireadh, " Tha sinn a thaobh nàduir 'nar 
cloinn feirge," Eph. ii. 3. Tha sinn toilltinneach air, agus 
buailteach do fheirg Dhè ; agus sin a thaobh nàduir ; agus 
uime sin, tha sinn gun teagamh a thaobh nàduir 'nar 
creutairean peacach. Tha sinn air an dìteadh mu'n dean 
sinn maith no olc ; fuidh'n mhallachd, mu'm bheil aithne 
agaiun ciod e. Ach am bèuc an leomhan anns a' choille, 
an uair nach 'eil creach air bith aige % Amos iii. 4, is e sin 
ri radh, am bèuc an Dia naomh agus ceart 'na fheirg an 
aghaidh duine, mur bitheadh e le pheacadh air a dheanamh 
'na chreich airson feirge ? Cha bhèuc, cha dean se e, cha'n 
urrainn e dheanamh. Co-dhunamaid mata a rèir focail 
Dhè, gu bheil nàdur an duine 'na nadur truaillidh. 

II. Ma sheallas sinn ri fìosrachadh dhaoine, agus mu bheir 
sinn fa'near staid an t-saoghail, anns na nithibh sin a 
ta soilleir do neach air bith, nach druid a shuilean an agh- 
aidh soluis dealrach ; chi sinn gu h-ealamh a leithid do 
thoradh, as a nochdas gu soilleir an fhreumh so do 
shearbhadas. Bheir mi fa'near beagan do hithibh a bhith- 
eas feumail gus a' phonc so a dhearbhadh dhuinn. 

Sa' cheud àite. — Co nach faic tuil do thruaighibh a' dol 
thairis air an t-saoghaH Agus c' àit an teid duine, far 
nach fliuch e 'chas, mu 'n teid e thar a cheann agus a 
chluasan % Tha na h-uile duine aig an tigh agus o'n tigh, 
anns a' bhaile agus anns an duthaich, ann an cuirtibh agus 
ann am bothannaibh, ag osnaich fuidh aon ni no ni eile, a 
ta neo-thaitneach dhoibh. Tha cuid air an sàruchadh le 
gainne, cuid air an smachdachadh le tinneas agus cradh, cuid 
a' caoidh an call; cha'n 'eil neach as eugmhais trioblaid 
a dh'aon seorsa no seorsa eile, cha'n 'eil staid neach 
air bith co sabhailt, as nach 'eil sgolb èigin an-shocrach 
aig innte. Agus mu dheireadh thig am bàs tuarasdal a' 
pheacaidh, an deigh nan teachdairean so, a chuireadh roimhe, 
agus sguabaidh e gach uile air falbh. A nis, ciod ach am 
peacadh a dh' fhosgail an dorus uisge'? Cha'n 'eil gearan 
no osna a ta air an cluinntinn anns an t saoghal, no deur 
a ta tuiteam o ar sùil, nach 'eil 'na dhearbhadh gu'n do 
thuit an duine mar rèult o neamh ; oir tha Dia a' roinn 
dhoilgheasan 'na fheirg, Iob xxi. 17. Tha so 'na dhearbh- 
adh soilleir air truaillidheachd naduir : a mheud 's gu 
bheil an cuibhrionn do na truaighibh so aig a' mhuinntir 
nach do chuir peacadh fathast an gniomh ; seadh, agus 

G 



34 

tha iad a' tarruing an ceud anail san t-saoghal a' gul, mar 
gu'm b'aithne dhoibh an saoghal, aig a' cheud sealladh, a 
bhi 'na Bhochim, àite luchd-guil. Tha uaighean do'n tomhas 
a's lugha, co maith ris an tomhas a's mò anns an ait adh- 
laic ; agus cha'n 'eil an saoghal aig uair air bith gun chuid 
a ta cosmhuil ri Rachel a' caoineadh a cloinne a chionn- 
nach 'eil iad beo. Matt. ii. 18. 

San dara àite, Thoir fa'near cia lnath 'sa tha'n truaill- 
idheachd nàduir a' toiseachadh air i fèin a thaisbeanadh ann 
an cloinn oga. Tha Solamh a' toirt fa'near "gu'n aithnich- 
ear eadhon leanabh le a bheusaibh," Gnath-fhoc. xx. 11. 
Feudar gu h-ealamh f haicinn ciod an rathad am bheil aom- 
adh a chridhe a' luidhe. Nach 'eil clann Adhaimh a thuit, 
a' leantuinn cos-cheuma an athar, mu'n urrainn dhoibh 
coiseachd leo fèin? Ciod an tomhas a dh' ardan beag, do 
ghloir-mhiann, do dh' an-iarrtuis, do dhiomhanas, do 
cheannairc, agus do dh' eus-aontachd a chum maith a ta 
annta 1 ? Agus an uair a ta iad a' magran a mach a staid 
na naoidheanachd, tha feum "air slait an smachdachaidh, 
a chur air falbh na h-amaideachd a tlia ceangailte 'nan 
cridhe," Gnath-fhoc. xxii. 15. A ta a' nochdadh, mur bac 
gràs e, gu'm bi an leanabh mar Ismael, 'na asail fhiadh- 
aich-dhuine, mar tha'm focal a' ciallachadh, Gen. xvi. 12. 

San treas àìte, Gabh beachd air na peacanna lionmhor 
uamhasach, a ta briseadh a mach anns an t-saoghal. 
Tha aingidheachd an duine fathast mor air an talamh. Feuch 
measan searbh truaillidheachd ar nàduir, Hos. iv. 2. " Le 
mionnaibh agus breugaibh, agus marbhadh, agus goid, agus 
deanamh adhaltrais ; bhris iad a mach, (cosmhuil ri briseadh 
a mach uisgeachan,) agus tha fuil a' ruigheachd gu fuil." 
Tha'n saoghal air a' lionadh le salachar, agus le gach uile 
seorsa graineileachd, aingidheachd, agus mi-naomhachd. 
Cia uaithe a ta'n tuil so do pheacadh air an talamh, ach 
o bhriseadh suas tobraiche "na doimhne mòire, cridhe an 
duine, o'm bheil teachd a mach droch smuaintean, adhalt- 
rannas, striopachas, mortadh, goid, sannt, agus aingidheachd." 
Marc vii. 21, 22. Theagamh gu'm bheil thusa toirt buidh- 
eachas do Dhia, le cridhe slan, nach 'eil thu cosmhuil ris 
na daoine so eile : agus gun amharus tha tuilleadh aobhair 
agad air a shon, no tha eagal orm a tha thu smuaineachadh ; 
oir, " mar ann an uisge, a f hreagras aghaidh do aghaidh, 
mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine," Gnath-fhocail 



35 

xxvii. 19. Mar ag amharc ann an uisge glan, a chi thu 
d' aghaiclh fèin ; mar sin ag amharc dhuit ann ad chridhe 
fèin, feudaidh tu cridheachan dhaoine eile fhaicinn an 
sin ; agus air dhuit amharc air cridheachan dhaoine eile 
feudaidh tu do chridhe fèin fhaicinn annta-san. Air chor 
as gu'm feudadh an creutair is graineil a ta san t-saoghal 
a bhi mar sgàthan dhuit ; anns am bu chòir dhuit truaill- 
idheachd do nàdur fèin, fhaicinn : agus nan deanadh 
tu sin, bheireadh tu buidheachas do Dhia le cridhe taing- 
eil, agus cha'n ann duit fèin, nach 'eil thu gun amharus 
cosmhuil ri daoine eile, a'd'" chaithe-beatha ; a mheud 's gu 
bheil an truaillidheachd nàduir annadsa an aon ni ta e 
annta-san. 

Sa' ckeathramh àite. Gabhaibh beachd air an oibreach- 
adh uamhasach anns am bheil an saoghal air a thilgeadh le 
ana - miann dhaoine. Cha dean leomhain creach air 
leomhain, no madaidh-alluidh air madaidh-alluidh ; ach 
tha daoine air tionndadh gu bhi 'nan madaidh-alluidh an 
aghaidh a cheile, a' teumadh agus a' milleadh a cheile. Nach 
beag na h-aobhair air son an sath daoine an claidheamh ann 
am broillich a cheile'? Tha'n saoghal 'na fhàsaich o nach 
fuadaich an teine is dealraiche as urrainn daoine ghiulan mu'n 
cuairt leo, air falbh na beathaichean fìadhaich a ta 'ga ait- 
eachadh, (agus sin do bhrigh gur daoine agus nach brùidean 
iad,) ach aon rathad no rathad eile bithidh iad air an an leòn- 
adh. O'n là san do dhoirt Cain fuil Abeil, thionndaidh an 
talamh gu bhi 'na thigh marbhaidh ; agus mhair an ruaig 
o na thoisich Nimrod air sealg ; air an talamh mar anns 
an f hairge, tha'n aon a's mò a' milleadh an aon a's lugha. 
An uair a chi sinn an saoghal 'na leithid do ghoil, na 
h-uile aon a' sathadh a cheile le briathraibh no le claidheamh, 
feudaidh sinn a chomh-dhunadh gu bheil droch spiorad 
'nan measg. Tha na teasan dian sin am measg mhic 
Adhaimh, ag innseadh gu bheil an corp uile euslainteach, 
an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. Tha iad sin 
gu cinnteachd a' sruthadh o aobhar anns an leth a stigh, 
Seum. iv. 1. " anamiannaibh a tha cogadh ann ar ballaibh." 

'Sa' chuìgeadh àite, Thugaibh fa'near am feum a ta air 
laghanna dhaoine air an comhdachadh le uamhasan agus 
geur cheartas, ris am fend sinn na tha'n t-Abstol ag ràdh a 
cho-chur, 1 Tim. i. 9, " Nach 'eil an lagh air orduchadh do 
dhuine fireanach ach do dhaoine neo-dhligheach asus eas- 



36 

umhal, dhoibhsan a ta mi-dhiadhaidh agus do pheacachaibh. 
Einneadh duine air son comunn ri a cho-chreutair agus 
thubhairt Dia fèin mu'n chèud duine. an uair a chruthaich 
se e, "nach robh e iomchuidh gu'm biodh e 'na aonar : " 
gidheadh is eigin da nis ann an comunn ri cho-creutair, a 
bhi air iadhadh mu'n cuairt le droighionn. Agus a chum 
uaithe so gn'm faic sinn ni's fearr truaillidheachd nàduir an 
duine, thugaibh fa'near, (1.) Gu bheil na h-uile duine 
gu nadurra ag iarraidh a bhi aig làn-shaorsa ; gu a thoil 
fèin a bhi aige mar lage ; agus nan leanadh e iarrtuis a 
nàduir, chuireadh e le làn-thoil e fèin an taobh a mach 
do lagh Dhia agus dhaoine. Agus uaithe so, rinn cuid 
(aig an robh an cumhachd 'nan lamhari a reir an toil 
nadurra) iad fèin da rìreadh 'nan uachdarain os ceann gach 
uile lagh ; freagarach ri iarrtus uamhasacli an duine air 
thùs, a bhi mar dhèe, Gen. iii. 5. Gidheadh (2.) Cha'n 
'eil duine sam bith a dhearbhadh a bheatha chaitheamh am 
measg cuideachd gun lagh : agus air an aobhar sin tha 
aig luchd creachaidh gun reubainn laghanna 'nam measg 
fèin, ged tha a' chuideachd sin uile a' tilgeadh dhiubh gach 
uile spèis do lagh agus do cheartas. Mar so tha daoine a' 
taisbeanadh gu bheil iad fèin-fhiosrach air truaillidheachd 
nàduir ; gun danadas ac' earbsa chur ann an aon a cheile, 
ach air urras. (3.) Ciod air bith cunnart a ta ann 
a bhi briseadh air a' gharadh; gidheadh tha neart ana- 
miann a' toirt orra gach là dol an coinneamh a chunnairt. 
Cha'n e mhain gu'n toir iad thairis an cliù agus an 
cogais, a' chogais air am bheil mor-mheas anns an t-saogh- 
al ; ach air son toil-inntinn bheagan mhionaidean, agus 
piannta-inntinn air ball a' teachd 'nan dèigh, fagaidh iad 
iad fein buailteach do bhàs ainneartach le laghana na tìre 
sam bheil iad a chomhnuidh. (4.) Tha na laghanna 
gu tric air an tabhairt gu strìochdadh do ana-miannaibh 
dhaoine. Air uairibh ruithidh mòr chuideachdan gu leithid 
do mhi-riaghailt, agus cosmhuil ri aireamh do phriosanaich 
gu'm bris iad dhiubh an geimhle, agus gu'n cuir iad an 
luchd-faire gus an ruaig ; agus cha'n urrainn guth nan lagh- 
anna bhi air a chluinntinn le fuaim airm. Agus is tearc 
a ta àm anns nach 'eil cuid do dhaoine co mor agus co 
dàna as nach 'eil comas aig na laghanna amharc air an 
ana-miannaibh borb san aghaidh ; a thug air Daibhidh 
a ràdh, ann an cùis Ioaib a mhort Abner, "Tha na 



37 

daoine sin mic Sheruiah ro chruaidh air mo shon.' 2 Sam. 
iii. 39. Tha ana-mianna air uairibh a' fàs tuilleadh is laidir 
air son laghanna, air chor as gu bheil an lagh a' lagachadh 
mar chuisle duine a' bàsachadh, Hab. i. 3, 4. (5.) Thoir 
fa'near am feum a tha gu tric air seann laghanna a leasachadh, 
agus air laghanna ùr a dheanamh ; tha so ag èirigh o 
chiontaibh ur anns am bheil nadur an duine mòr-thorr- 
ach. Cha bhiodh feum air a' ghàradh a chàradh, mur 
biodh daoine cosmhuil ri beathaichean neo-cheannsaichte do 
ghnatli 'ga bhriseadh sios. Is iongantach am beachd a ta 
eachdraidh nan Israelach, a bha air an cur air leth do 
Dhia o uile chinnich na talmhainn, a' toirt air an ni so ; 
Ciod an aimhreite uamhasach a bha 'nam measg an uair 
nach robh Eigh ann an Israel, mar a chi sibh anns an xviii. 
xix. xx. agus xxi. Caibdeil do leabhar nam Breitheamhna ; 
cia doilich a bha e an ath-leasachadh, an uair a bha'n luchd- 
riaghlaidh a b' fhearr aca: agus cia ullamh a bha iad. air 
tionndadh a thaoibh a rìs an uair a f huair iad uachdarain 
aingidh. Cha'n urrainn mi gun a bhi smuaineachadh, 
gu'm b'e crioch àraid na h-eachdraidh naomh sin, a bhi 
leigeadh ris truaillidheachd nàduir an duine, am mòr- 
f hèum a bh' air a' Mhesiah, agus air a ghràs ; agus gu'm 
bu choir dhuinn ann an leughadh na h-eachdraidh, a bhi 
deanamh feum dhi a chum na crìche sin. Cia co geur 
'sa tha'm focal a labhair an Tighearna ri Samuel, a thaobh 
Shauil, 1 Sam. ix. 17. Rioghaichidh esan os ceann (no 
mar a tha'm focal a' ciallachadh, ceannsaichidh e) mo 
shluagh. truaillidheachd nàduir an duine ! Cha chuir 
eagal agus uamhunn Dhè nan nèamha bacadh orra ; ach is 
eigin doibh dèe eile a bhi aca air an talamh gu'n ceannsach- 
adh, a chum an cur gu nàire. Breith. xviii. 7. 

San t-seathadh àite, Thugaibh fa'near fuigheall na 
truaillidheachd nadurra sin anns na naoimh. Ged thainig gràs 
a steach, gidheadh cha'n 'eil an truaillidheachd so gu h-iomlan 
air a cur a mach: ged fhuair iad an creutair nuadh gidheadh 
tha moran do 'n t-seann nadur thruaillidh a' fanntuin maille 
riu ; agus tha iad sin a' strì ri cheile an taobh a stigh dhiubh, 
mar a bha na leth-aona am broinn Rebecah, Gal. v. 17. 
Tha iad g'a fhaotainn a lathair maille riu anns gach àm, 
agus anns gach àite, eadhon anns na cuiltibh a's folaichte. 
Ma tha droch choimhearsnach aig duine, feudaidh e 
fhàgail; ma tha droch sheirbhiseach aige, feudaidh e chur 



38 

air falbh aig ceann aimsir; ma tha droch companach aige, 
feudaidh e air uairibh an tigh fhagail, agus a bhi saor o 
'dhragh air an doigh sin. Ach ged rachadh duine naomh 
do'n fhàsach, no ged chuireadh e suas a bhùth ann an 
carraig iomallach anns an fhairge, far nach do sheas 
riamh cos duine, no beathaich, no eunlaith, an sin bithidh 
e maille ris. Ged bhioclh e le Paul air a thogail suas 
gus an treas neamha, thig e air ais leis, 2 Cor. xii. 7. 
Leanaibh se e mar ni am faileas an corp ; ni e ball dubh 
anns an ni a's gloinne a's urrainn e tharruing. Tha e cosmhuil 
ris a chraoibh fhìge anns a' bhalla ciod air bith co dluth 
do'n fhrèumh as a ghearr thu i, gidheadh dh' fhàs i gus 
an robh am balla, air a thilgeadh sios : oir tha 'f hreumhan 
suidhichte anns a' chridhe, mar gu b'ann le boinn iaruinn 
agus umha co fad as a tha'n duine naomh anns an t-saogh- 
al. Tha e gu h-araid beothail 'nuair a b'àill leis am maith 
a dheanamh, Rom. vii. 21. an sin thig an èunlaith a nuas 
air na cairbhibh. Mar so ann an dleasdanas naomh, tha 
spiorad an duine naomh, (mar gu b'ann) air tiormachadh 
suas ; agus tha e air f hàgail mu'm bheil fios aig air, cosmhuil 
ri Michal, aig am bheil iomhaigh anns an leabaidh an 
àite e fir. Cha ruig mi leas ùine chaitheamh ann a bhi 
dearbhadh do phobull Dhè truaillidheachd an nàduir annta 
f èin ; oir tha iad ag osnaich fuidhe ; agus a bhi ga dhearbh- 
adh dhoibhsan bu cosmhuil e ri bhi cumail coinnle ri daoine 
a dh' f heuchainn na greine dhoibh ; agus air son nan aing- 
idh, tha iad ullamh air a chaimein is lngha anns na 
naoimh a mheas mar na beanntaibh ; mur meas iad gu 
leir iad 'nan cealgairean. Ach thugaibh fa'near beagan do 
nithibh air a' cheann so. (1.) Ma bhios e mar so anns a' 
chrann ùr, cionnus a bhios e sa, chrionaich ; Cha'n 'eil 
na naoimh air am breith 'nan naoimh ; ach tha iad air an 
deanamh mar sin le cumhachd gràis na h-ath-ghineamhuin. 
An d'fhuair iad nàdur nuadh, agus am bheil fathast na h- 
uiread do'n t-seann nadur a lathair maille riu ? Cia mor is 
eigin do'n truaillidheachd sin a bhi ann am muinntir eile, 
far am bheil e gu h-iomlan neo-choimeasgta le gràs ! (2.) 
Tha na naoimh ag osnaich fuidh fhuigheall na truaillidh- 
eachd so mar uallach trom; eisd ris an Abstol, Rom. vii. 
24. " Och is duine truagh mi ! co a shaoras mi o chorp a' 
bhàis so?" Ged tha'n duine feolmhor socrach agus suaimhn- 
each, agus ged nach 'eil truaillidheachd a naduir na h-uallach 



39 

dha : am bheil e uime sin saor uaithe 1 Cha'n 'eil idir ; 
's ann a tha e marbh, agus cha'n 'eil e a' mothachadh a' chud- 
throm. Is iomadh osna a chluinnear o leabaidh na h-eus- 
lainte ; ach cha chluinnear a h-aon gu bràth o'n uaigh, 
Anns an naomh mar anns an duine thinn, tha strì laidir ; 
beatha agus bàs a' strì air son na h-uachdranachd : ach 
anns an duine nadurra, mar anns, a' chorp mharbh, cha'n 
'eil f uaim sam bith ; a chionn gu bheil làn chumhachd aig 
a' bhàs air. (3.) Tha'n duine diadhaidh a' cur an aghaidh 
an nadur thruaillidh ; tha e stri ri cheusadh, gidheadh tha 
e mairsinn ; tha e deanamh dichioll air a chur gu bàs do'n 
ghort, agus leis a' mheadhon sin 'ga lagachadh, gidheadh 
tha e beothail : Cionnus air an aobhar sin a ta e 'ga sgaoil- 
eadh, agus 'ga neartachadh fèin anns an anam sin, anns 
nach 'eil e air a cheusadh, ach air a bheathachadh ? Agus 
is e so cor na h-uile a ta neo-iompaichte, a tha deanamh 
ulluchaidh air son na feola, a chum a h-ana-mianna a shas- 
achadh. Ma tha lios an duine dhichiollaich a' toirt obair 
ùr dha gach là, ann an gearradh sios, agus ann an spion- 
adh suas ; is èigin gu cinnteach gu'm bi lios an leisgein a' 
fàs suas le droighnich. 

San àite mu dheireadh, Cha toir mi fa'near air a' 
cheann so, ach aon ni eile, agus is e sin, Gu'm bheil iomh- 
aigh Adhaimh a thuit, 'ga taisbeanadh fèin anns an h-uile 
duine gu nàdurra. Tha cuid do chloinn le dealbh agus 
aogas an aghaidhean, mar gu b' ann, ag innseadh co is 
athair dhoibh : agus mar so tha sinne cosmhuil r'ar cèud 
sinnseara. Tha na h-uile aon againn a' gidlan iomhaigh agus 
lorg an leagaidh air fèin : agus gus an f hirinn so a dhearbh- 
adh, tha mi cur fìanuis air coguisean gach uile, anns na 
nithibh àraid a leannas. 

Air tùs, Nach 'eil iarrtus peacach air eòlas annasach f hao- 
tainn nàdurra dhuinn? Agus nach 'eil so 'na chomhar 
air iomhaigh Adhaimh'? Gen. iii. 6. Nach 'eil daoine gu 
nàdurra ni's dèigheile air eòlas a bhi aca air nithibh ùr 
na tha iad gu bhi deanamh cleachdadh do shean fhirinn- 
ibh air am bheil eòlas aca? Cia cosrnhuil ri sean Adhamh a 
ta sinn anns an ni so, a' sior-iarruidh nithe ùr, agus 
gun bhlas againn air sean fhirinnibh tarbhach? Tha 
ni's mò do iarrtus againn air eòlas f haotainn, na th' againn 
air naomhachd fhaotainn; agus tha sinn a' caitheamh ni's 
mo d'ar smuainte air na nithibh sin is lugha sam bheil 



40 

do fhior-theagasg. Tha feum aig ar n-an-tograidhean 
fiadhaich agus huaireasach air srian gu'n ceannsachadh an 
trà dh'fheumas aignidhean maith agus suidhichte bhi air 
am beothachadh, agus air am brosnuchadh. 

San dara àite, Ma ni an Tighearna le lagh naomh 
agus le f hreasdal glic, bacadh a ciiur oirnn, 'gar cumail air 
ar n-ais o ni sam bith ; nach geuraich am bacadh sin 
faobhar ar n-iarrtuis nàdurra, agus nach dean e sinn ni's 
dèine 'nar n-an-tograidhean : agus anns an ni so nach 'eil 
sinn gu soilleir 'gar brath fèin, a' nochdadh gur sinn sliochd 
Adhaimh? Gen. iii. 2, 3, 4. 'Se mo bharail nach fheudar 
so aicheadh; oir tha fiosrachadh làitheil a' dearbhadh, gur 
ni so a ta ceangailte ri nàdur an duine, gu " bheil na h-uisg- 
eachan a ghoidear milis, agus an t-aran a dh'ithear an uaign- 
eas taitneach," Gnath-fhoc. ix. 17. Bha mothachadh aig 
na Cinnich fèin gu'n robh a leithid so do spiorad ceann- 
airc anns an duine, ged nach robh eòlas ac' air an tobar o'n 
do shruth e. Cia tric a tha daoine a' gabhail saorsa dhoibh 
fein anns na nithibh sin o'n ceangladh siad iad fèin suas, 
nan d' thugadh Dia saorsa dhoibh annta ! Ach tha nàdur 
truaillidh a' gabhail tlachd eadhon aUn an leum thar a' 
ghàradh. Agus nach e bhi cur amaideachd ar n-athar an 
gniomh a rìs, gur fearr le daoine streap air son meas 
toirmisgte 'na cruinneachadh na tha air a chrathadh o 
chraobh mhaith an f hreasdail air an son, an uair a tha làn 
chomas aca o Dhia gu sin a dheanamh *? 

San treas àite, Co do uile chloinn Adhaimh nach 'eil a' 
claonadh gu nadurra a dh' eisdeachd ris an teagasg a 
chuireas air seacharan? Agus nach b'i so a' charraig air 
an do bhriseadh ar ceud pharanta? Gen. iii. 4, 6. Cia 
ullamh a tha'n duine lag riamh o'n àm sin, air buaireanna 
altrum % " Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair, ged 
nach toir duine fa'near," Iob xxxiii. 14. ach is eallamh a 
dh' eisdeas e ri Satan : Is maith a dh'f heudadh daoine 
teachd dheth gu tric, nan cuireadh iad le gràin an aghaidh 
nam buaireanna 'nan ceud thoiseach ; nan gearradh siad 
iad 'nan ceud bhlath, bhàsaichcadh iad gu luath air falbh ; 
ach mo thruaighe ! an uair a ta sinn a' faicinn an ionaid 
airm agus fùdar air a dheasachadh air ar son, agus an teine 
air a chur ris, gidheadh tha sinn a' seasamh gus an ruith 
e, agus gus an sguab e air falbh sinn le a neart. 

Sa' cheathramh àite, Nach 'eil sùilean ar cinn gu tric a 



41 

dalladh sùilean na h-inntinn ; agus nach b'e so ceart chor 
ar ceud pharanta 1 Gen. iii. 6. Cha'n 'eil duine aig àm sam 
bith ni's doille na'n uair a ta e 'g amharc air na cuspairean 
a's ro-thaitniche do'n fheoil. O'n àm san d' fhosgladh 
sùilean ar ceud pharanta do'n mheas thoirmisgte, b' iad 
sùilean dhaoine na geatachan sgrios d'an anamaibh, air an 
d'inntric smuainte neo ghlan agus iarrtuis pheacach do'n 
chridhe, a' leonadh an anama, caitheamh no coguis, agus 
a' toirt air uairibh breitheanais uamhasach air uile choimh- 
thional mar ann an coir Achain, Ios. vii. 21. Bha Iob 
naomh air fhaicill ; o'n chunnart so, o'n dà gheata luain- 
each sin, a chuireas eadhon sgealb bheag cìo fhiodh o 
fheum ; air chor as (mar an righ air an robh eagal le 
dheich mìle, coinneamh a thoirt dhasan a thàinig le fich- 
ead mìle 'na aghaidh, Luc. xiv. 31, 32,) gu'n cuir e teachd- 
aireachd agus gu'n iarr e cumhnant sìth, Iob xxxi. 1. 
" Rinn mi coimhcheangal ri m' shùilean." 

Sa' chuigeadh àite, Nach 'eil e nàdurra dhuinn, cùrani a 
ghabhail do'n chorp, eadhon air cosd an anama ? B'e so 
aon do na h-uilc a bha'm peacadh air ceud pharanta, Gen. 
iii. 6. cia sona a dh' fheudadh sinne a bhith, nam buil- 
licheamaid ach leth na saothair air ar n-anamaibh, a tha 
sinn a' builleachadh air ar cuirp ! 

Nam biodh a' cheist sin, " Ciod is còir dhomh a dlieanamh 
chum gu tèarnar mi ì (Gniomh. xvi. 30,) a' ruidh troimh ar 
n-inntinrje, ach leth co tric as a tha na ceistean sin eile, "Ciod 
a dh'itheas sinn 1 Ciod a dh' òlas sinn 1 Ciod a chuireas sinn 
umainn 1 ?" Mat. vi. 31, is iomadh staid a tha (nis) mi-chos- 
lach a thionndadh gu bhi gle dhòchasach. Ach is i'n fhir- 
inn, gu bheil a' chuid a's mò do dhaoine a' caitheamh am 
beatha, mar nach biodh iad ach na meall feòla ; no mar 
nach biodh feum sam bith 'nan anamaibh, ach mar shalann a 
chumail an cuirp o thruaillidheachd. Is feòil iad, Eoin iii. 
6. "Tha'n aire air na nithibh sin a bhuineas do'n fheoil," 
Rom. viii. 4. "Agus tha iad a' caitheamh am beatha a rèir 
na feòla," rann 13. Ma gheibhear aonta na feola gu 
gniomhachadh, is ainmic a dh' fheithear ri aonta na cog- 
guis : seadh is as tric a ta'n corp air a riarachadh 'nuair tha 
choguis a' labhairt 'na aghaidh. 

San t-seathadh àite, Nach 'eil gach neach a thaobh nàd- 
uir, neo-thoilichte le chrannchur anns an t-saoghal, no le 
ni eigin àraid ana 1 ? B'e so mar an ceudna cor Adhamh, 



42 

Gen. iii. 5, 6. Tha aon ni araid do ghnàth air chall ; air 
chor as guv creutair an duine a ta air a thoirt gu caoch- 
laidhean. Agus ma tha neach sam bith a' cur so an teag- 
amh, amhairceadh iad air gach ni a ta iad a' sealbhach- 
adh ; agus an dèigh dhoibh ath-shealladh a ghabhail diubh, 
èisdeadh iad ri'n cridheachaibh fèin, agus cluinnidh iad 
gearan uaigneach air son ni èigin araid nach 'eil aca ; 
ge do dh' fheudadh e bith, nan d' thugadh iad fa'near a' 
chùis gu ceart, gu faiceadh iad gur fearr dhoibh an ni araid 
sin a bhi dhìth orra. O'n àm san do ruith cridheachan 
ar ceud phàrantan a mach air an sùilibh, air a' mheas 
thoirmisgte, agus a bha le sin oidhche dhorcha air a thabhairt 
air an t-saoghal, aig an sliochd tha galar nàdurra, ris am 
bheil Solamh ag ràdh Seacharan a' mhiann, (no mar a ta'm 
focal a' ciallachadh, " Imeachd an anama." Ecles. vi. 9. 
Is gnè do nèul diabhlaidh so, sam bheil an t-anam ag imeachd 
air feadh an t-saoghail, g'a bheathachadh fèìn le mìltibh do 
nithibh faoin ; a' glacadh a' mhaise chruthaichte so agus 
sud eile ann an smuaintibh agus ann am miann ; a' dol an 
so is an sin, agus do na h-uile àite, ach an t-àite d'am bu 
choir dha dol. Agus cha'n 'eil an t-anam gu bràth air a 
leigheas o'n ghalar so, gus an toir gràs buaidh 'na thoirt 
air ais, gu fois shiorruidh a ghabhail ann an Dia, tre 
Chriosd. Ach gus an tachair so, ged a rachadh duine a rìs 
a chur ann am Phàras gàraidh an Tighearna; cha chum- 
adh na tha do thoil-inntinn an sin e, o amharc, seadh agus 
o lèum thar a' gharadh an dara uair. 

San t-seachdamh àite, Nach 'eil sinn gu mor ni's luaithe 
air ar n-aomadh le droch comhairlibh agus le droch eis- 
empleiribh, no leo sin a ta maith ! Chi sibh gu'm b'e so 
sgrios Adhaimh, Gen. iii. 6. 'Se droch eisempleir gus an 
la'n diugh aon do na h-innleachdan mòr a ta Satan a' 
gnàthachadh a sgrios dhaoine. Agus, ged tha do thaobh 
nàduir, tuilleadh againn do nàdur an t-sionnaich no do 
nàdur an uain ; gidheadh thug cuid fa'near eadhon anns 
a' chreutair so, mar leumas aon uan do'n uisge, gu'n lean 
a' chuid a ta dlùth dha gu h-ealamh 'na dheigh ; feudar so a 
thoirt fa'near, mar an ceudna mu nadur cloinn nan daoine : 
d'am bheil e ro nadurra, gu'n lean iad droch rathad, a 
chionn gu bheil iad a' faicinn muinntir eile air an t-slighe 
sin air thoiseach orra. Tha neart aig droch eisempleir 
gu tric cosmhuil ri sruth laidir, gu'r giulan thar dleasd- 



43 

anas soilleir ; ach . gu h-àraid, ma tha'n eisempleir, air a 
toirt leosan d'am bheil mòr-spèis againn ; dallaidh ar 
spèis dhoibh anns a' chor sin ar tuigse : agus an ni d'an 
tugamaid grain ann am muinntir eile, aontaichidh sinn 
leis, a chum iadsan a thoileachadh. Agus cha'n 'eil ni 
sam bith a's soilleire, no gu bheil daoine gu coitchionn a' 
ròghnachadh deanamh mar a ni a' chuid as mò, agus cha'n 
ann mar a ni a' chuid as fearr do dhaoine. 

San ochdamh àite, Cò do chloinn Adhaimh uile, aig am 
bheil feum a bhi air an teagasg gu duilleach chroinn-fhigis 
fhuaigheal r'a chèile, a chòrnhdach an lomnochd 1 Gen. iii. 
7. 'Nuair a sgrios sinn sinn fèin, agus a rinn sinn sinn 
fèin lomnochd chum air nàire : tha sinn gu nàdurra 'g iarr- 
aidh sinn fèin a chòmhnadh leinn fèin : Agus is iomadh 
oirp bhochd a ta air a gnathachadh, co faoin agus co 
suarach ri duilleach fìgis Adhaimh. Ciod an t-saothair 
a ghabhas daoine a chomhdach am peacanna o'n cogaisibh 
fèin, agus a chur an dath a's fearr is urrainn doibh air ! 
Agus an uair a ta iad air an tabhairt fo gheur-mhothach- 
adh, air chor as nach urrainn doibh gun iad fèin fhaicinn 
lomnochd ; tha e co nàdurra dhoibh oirp a thoirt air 
comhdach fhigheadh as an cuim fèin, is a ta e do'n iasg 
snamh anns na h-uisgeachaibh, no do'n eunlaith itealaich 
anns an athar. Uime sin 'si ceud cheist na muinntir a ta 
fo mhothachadh, Ciod a ni sinn ? Gniomh. ii. 27. Cionnus 
a dh' ulluicheas sinn sinn f èin % Ciod an obair a ni sinn ? 
'S cha mhò a ta iad a' cuimhneachadh gur e'n creutair 
nuadh obair no gniomh Dhè fèin, Eph. ii. 10. ni's mò na 
smuainich Adhamh air a bhith air a chomhdachadh le 
craicinn iobairtean, Gen. iii. 21. 

San naothadh àite, Nach 'eil clann Adhamh, gu nàdurra 
a' leantuinn a chos-cheuma, ann a bhi gam folach fèin 
o ghnùis an Tighearna, Gen. iii. 8. Tha sinn uile co 
dall anns an ni so 'sa bha esan ; a shaoil gu folaicheadh se 
e fèin o ghnùis Dhè, am measg dubhar chraobhan a ghàr- 
aidh. Tha sinn ro-ullamh air tuilleadh tearuinteachd a 
ghabhail ann am peacadh diomhair, no tha sinn ann an aon 
a ta air a chur an gniomh gu follaiseach. " Feithidh sùil 
an adhaltianaich ris an dubh-thra, ag ràdh, cha'n fhaic 
sùil mi, Iob xxiv. 15. Agus ni daoine le saorsa an ni 
sin ann diomhaireachd a bhiodh nair orra dheanamh an 
lathair leinibh ; mar gu'n deanadh dorchadas an folach 



44 

o'n Dia uile-leirsirmeach. Nach 'eil sinn gu nadurra neo- 
churamach mu cho-chomunn ri Dia : nach 'eil sinn eadhon 
neo-speiseil uime ? Cha robh riarnh co-chomunn eadar 
Dia agus sliochd Adhaimh, far nach robh aig an Tighear- 
na fèin a' cheud fhocal. Nan leigeadh e dhoibh, cha'n 
iarradh iad gu brath as a dheigh. Isa. lvii. 17. " Dh' fhol- 
aich mi mo ghnùis." An d'iarr e'n dèigh an Dia bha g'a 
f holach f èin ? B' f hada ghabh e uaithe : " Dh' imich e 
roimhe air slighe a chridhe fèin." 

San deicheamh àite, Cia neo-thoileach a ta daoine air 
peacadh aideachadh, air nàir agus cionnt' a ghabhail 
dhoibh fem 1 Agus nach ann mar so bha chùis anns an 
ni a ta 'nar beachd 1 Gen. iii. 8. Dh' aidich Adhamh a 
lomnochduidh, ni nach b'urrainn da aicheadh ; ach cha 
dubhairt e aon fhocal mu pheacanna : B'e so an t-aobh- 
ar, bu mhaith leis fholach, nam b'urrainn da. Tha e co 
nàdurra dhuinn peacadh fholach, as a tha e duinn a chur 
an gniomh. 'S iomadh dearbhadh bronach a ta againn 
air anns an t-saoghal so ; ach gheibh sinn dearbhadh is, 
soilleire dheth ann an là a' bhreitheanais : " An là anns an 
tabhair Dia breth air nithibh uaigneach dhaoine." E-om. ii. 
16. 'S iomadh beul salach a bhios an sin air fhaicinn, "a 
ta nis ga ghlanadh, agus ag ràdh, cha d'rinn mi olc air 
bith," Gnath-fhocail xxx. 20. 

San àite mu dheireadh, Nach 'eil e nàdurra dhuinn a 
bhi ag eutromachadh ar peacaidh, agus a bhi cur na 
cionta air muinntir eile 1 Agus an uair a cheasnaich 
Dia ar pàranta ciontach, nach do chuir Adhamh a' choire 
air a mhnaoi 1 Agus nach do chuir a' bhean a' choire air 
an nathair? Gen. iii. 12, 13. A nis cha ruigear a leas a 
bhi teagasg na ceilg ifrionnaich so d'a chloinn ; oir mu'n 
urrainn dhoibh ach gann labhairt, ma's urrainn doibh an 
gnionih aicheadh, oirpichidh iad gu seòlta air ni-eigin 
a radh a lughdachadh an cionta, agus a chur na coire air 
neach eile. Seadh, tha so co nàdurra do dhaoine, is gu'n 
cuir iad anns na peacannaibh a's mò, a' choire air Dia fèin ; 
Bheir iad toibheum d' a fhreasdal naomh, fuidh mhi- 
ainm, droch-àgh, no droch bhuaidh ; agus leis a sin càiridh 
iad coire am peacaidh aig dorus neimh. Agus nach b'e 
so aon do chuir Adhaimh an dèigh dha tuiteam 1 Gen. iii. 
12. " Agus thubhairt an duine, A' bhean a thug thu gu bhi 
maille rium, thug ise dhomh do'n chroaibh, agus dh'ith mi." 



45 

Tlioir fa'near ordugh nam briathra : Tha e gabhail a 
leithsgeul anns a' cheud àite ; agus an dèigh sin, ag aideach- 
adh. Tha 'leithsgeul fada ; ach 'aidmheil ro ghoirid ; 
tha e uile air a chur sios ann am focal, "Agus dh'ith mi." 
Cia soilleir agus cia seolta a ta 'leithsgeul ! Mar gu'm biodh 
eagal air nach biodh an ni bhi e ciallachadh air a thuig- 
sinn : A' bhean ars' esan, no a' bhean sin ; mar gu'n seòladh 
e'm Breitheamh a dh' ionnsuidh oibre fèin mu'n bheil 
sinn a' leughadh, Gen. ii. 23. Cha robh ach aon bhean 
an sin anns an t-saoghal ; air chor as gu f eudadh neach 
smuaineachadh nach ruigeadh e leas a bhi co innealta 
agus co beachdaidh, ann an ise a chomharachadh a mach; 
gidheadh, tha ise air a comharachadh a mach 'na 'leith- 
sgeul co beachdaidh, is ge do bhiodh deich mìle ann. A' 
bhean a thug thu dhomh. Ann an so tha e labhairt, mar 
gu'm biodh e air a thoirt gu calldach le tiodhlacaibh Dhè ! 
Agus a chum gu'm faicte an leithsgeul ni's duibhe, tha 
so air a chur ris, a thug thu gu bhi maille riurn, mar ma 
ghnath bhan-chompanach, a sheasamh mar mo bhean-chuid- 
eachaidh. Tha so ag amharc mar gu'n cuireadh Adhamh 
droch run as leth an Tighearn, anns a' ghibt so a thoirt 
dha ! Agus an dèigh so uile, tha dearbhadh nuadh air a tha- 
bhairt mu'm bheil briathra an leithsgeil iomlan : Cha'n 'eil 
e ag ràdh, " Thug a' bhean domh ; " ach, " A' bhean, thug i 
dhomh," a labhairt gu h-oscartha mar gu'n abradh e, 'Ise, 
eadhon ise, thug i dhomh do'n chraoibh. An urrad so air son 
a leithsgeil. Ach tha aidmheil thairis ann an son fhocal, 
mar a labhair se e. " Agus dh'ith mi." Agus cha'n 'eil ni 
sam bith an so, a ta comharachadh ris fèin, agus is co 
beag a ta e nochdadh ciod a dh'ith e. Cia nadurra a 
ta'n t-seoltachd dhubh so do shliochd Adhaimh ! Feud- 
aidh an neach a ruitheas a leughadh. 'S co coitchionn a 
tha beachd Sholaimh fior, Gnath-fhocal xix. 3. " Claon- 
aidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tigh- 
earna ni a chridhe gearan." Abramaid air an aobhar sin 
ri Adhamh a thuit, ar 'n-athair; na h-aicheamaid ar 
daimh ris, dobhrigh gu bheil sinn a' giulan iomhaigh-san. 
Agus a nis, a cho-dhunadh a chinn so, a ta air a dhaing- 
neachadh le dearbhadh soilleir o fhocal an Tighearn, agus o 
ar fiosrachadh agus beachcl f èin : Bitheamaid air ar co-eign- 
eachadh gu teagasg truailliclheachd ar nàduir a chreidsinn ; 
agus gu bhi ag amharc ris an dara Adhamh, an t-Iosa 



46 

beannaichte, air son co-chur fhola luaehmhoir-san, a dh' 
atharrachadh cionta a' pheacaiclh so ; agus air son eifeachd 
a Spioraid naoimh, gu'r deanamh 'nar creutairean nuadli, 
air dhuinn fios abhi againn, Mur bi sinn air ar breth a rìs 
nach feud sinn dol a stigh do rioghachd Dhè. 

MU THRUAILLIDHEACHD NA TUIGSE. 

San dara àite, Theid mi air m' aghaidh a dh' fbios 
rachadh mu thruaillidheachd na nàcluir, 'na ceumaibh 
fa leth. Ach co's urrainn a thuigsinn ? Co's urrainn fhior- 
thomhas fhaotainn a mach, 'na fhad, 'na leud, 'na àirde, 
agus 'na dhoimhne ì " Tha an cridhe cealgach thar na h-uile 
nithe, agus do-leigheas ! Co's urrainn a thuigsinn V' Ier. xvii. 
9. Gidheadh feuclaidh sinn gu h-eallamh urrad dheth a 
thoirt fa'near, as a dh'fhoghnas gu bhi 'na aobhar mor- 
irioslachaidh, agus feudaidh e nochdadh dhuinn an dearbh- 
f heum a ta air ath-ghineamhuin. Tha duine 'na staid nàd- 
uir, gu h-uile truaillidh mar tha'n corp agus an t-anam araon 
air an truailleadh, mar tha'n t-Abstol a' dearbhadh gu fars- 
uinn, Rom. iii. 10 — 18. A thaobh an anama, sgaoil an 
cruaillidheachd nàcluir so i fèin air feadh a cheutfaidhean 
uile ; agus tha i ri faotainn anns an tuigse, san toil, sna 
gneibh, sa' chogais agus anns a' chuimhne. 

1. Tha'n tuisge, air call a comas, air a creachadh da 
ceud ghlòir, agus air a comhdachadh thairis le aimhreite. 
Thuit sinn an lamhan ar namhaid mhòir, mar Shamson 
ann an làmhan nam Philisteach, agus chaill sinn ar da 
shùil " Cha'n 'eil neach ann a thuigeas," Rom. iii. 11. "Tha'n 
inntinn agus a' choguis air an salachadh," Tit. i. 15. Tha 
beachd an cluine nadurra mu nithe diadhaidh truaillidh, 
Salm 1. 21. "Shaoil thu gu'n robh mi gu tur mar thu fèin." 
Tha a bhreithneachadh truaillidh, agus cha'n urrainn dhi 
bhi air dhoigh eile, a chionn gu bheil a shuil olc. Agus 
uime sin, tha na Scriobtuirean, air dhoibh a bliinochdadh gu 
bheil daoine a' cleanamh uile gu h-olc, ag ràdh, " Rinn gach 
fear an ni sin a bha ceart 'na shùilibh fèin," Breith xvii. 6. 
xxi. 26. Agus is eigin gu'm bi a smuaintean, no a reusan- 
achadh air an tilgeadh sios le cumhachd an fhocail; air 
dha sin a bhi co-f hreagarach r'a bhreithneachadh, 2 Cor. x. 5. 
Ach, a chum truaillidheachd so na h-inntinn, no na tuigse, 
a nochdadh ni's àraide, bitheadh na nithe a leanas air an 
tabhairt fa'near 



47 

Air tùs, Tha laigse nàduir ann an inntinnibh dhaoine, 
do thaobh nithe spioradail. Tha'n t-Àbstol a' dearbhadh 
mu na h-uile neach aig nach 'eil grasan an spioraid. " Gu 
bheil e dall, agus gearr-sheallach," 2 Pead. i. 9. Uaithe so 
tha Spiorad Dhè* anns na Scriobtuiribh, a' comhdachadh 
firinn diadhaidh mar gu b'ann le sanihlachaibh talmhaidh ; 
eadhon mar phàrantan a theagaisgeas an clann le bhi 
gnathachadh cosamhlachdan, Hos. xii. 10. Ni ged nach 
'eil e leigheas, gidheadh tha e taisbeanadh laigse nàduir 
ann an inntiimibh dhaoine. Ach cha'n 'eil sinn gun 
dearbhadh air an ni so o fhiosrachadh. Mar, (1.) Cia doil- 
lich a ta e a' chuid mhòr am measg dhaoine a theagasg ann 
an cinn chumanta ar creidimh naoimh ; agus firinn a 
dheanamh co soilleir as gu'n tuig siad iad? Ann an so 
is eigin gu'm bi " àithne air àithne, àithne air àithne ; rann 
air roinn, rann air roinn," Isa. xxxviii. 10. Feuch ris na 
daoine ceudna ann an nithibh eile, is gheibhear iad "ni's 
glice, 'nan ginealach fèin, na clann an t-soluis." Tha tuisge 
agus eòlas aca niu'n obair agus mu'n gnotlmichean anns 
an t-saoghal, co maith ri'n coimhearsnaich ; ged tha iad 
ro neo-mhothachail agus do-theagasg ann an nithibh 
Dhè\ Innis dhoibh cionnus a mheudaicheas iad am maoin 
shaoghalta, no cionnus a shàsaicheas iad an an-mianna, 
agus air ball tuigidh iad na nithe sin; ged tha e ro 
chruaidh a thoirt orra thuigsinn, cionnus a bhios an anama 
air an tearnadh, no cionnus a dh' fheudas an cridheachan 
fois fhaotainn ann an Iosa Criosd. (2.) Gabh beachd 
orrasan aig am bheil ioma sochair os ceann muinntir chnm- 
ant' a chinne-daoine ; aig an robh cothrom deadh fhogh- 
lum agus deadh oilean, seadh, agus a ta air am beannach- 
adh le solus grais, san tomhas anns am bheil e air a roinn do 
na naoimh air an talamh ; gidheadh cia beag a' chuibhrionn 
eolais a ta eadhon acasan air nithibh diadhaidh ! Nach 
mor an t-aineolas agus an aimhreit a ta fathast a' mairsinn 
'nan inntinnibh ! Nach tric a ta iad air an truailleadh, eadh- 
on do thaobh nam firinnean gnathaichte ; agus a' labhairt 
mar leanabh sna nithibh sin. Is truagh an laigse a ta 
annainn, nach urrainn sinn na nithe a dh' fhorllsich Dia 
dhuinn a thoirt fa'near : agus is eigin gur laigse pheacach 
i, o na tha lagh Dhè ag iarraidh oirnn an creidsinn agus an 
aithneachadh. (3.) Ciod na mearachdan cunnartach a 
ta ri'm faotainn am measg dhaoine anns na gnothuichibh is 



48 

cudthromaiche i. Ciod na meallaidhean truagh a ta buadh- 
achadh orra i. Nach 'eil sinn gu tric a' faicinn na muinntir 
sin a ta ann an nithibh eile ni's glice na chuid is mò do 
dhaoine, gur iad na h-amadain is follaisiche do thaobh 
coir mhòr an anama, Mat. xi. 26. " Dh' fholaich tha na nithe 
sin o dhaoinibh eagnuidh agus tuigseach." Tha moran a ta 
mar shùil-iolaire ann an nithibh suarach an t-saoghail so ; 
a tha mar chaillich-oidhche agus ialtagan, ann an solus na 
beatha. Cha'n 'eil gu cinnteach beatha na h-uile duine 
nadurra ach mar aon bhruadar mealltaireachd ; as nach 
urrainn da e fèin gu brath a dhusgadh, gus an dara cuid 
an tig e d'a ionnsuidh fèin le soluis nuadh a dealradh 
air anam o nòamh, (Luc. xv. 17.) no gu'n tog e suas a 
shùilean ann an ifrinn, (Luc. xvi. 24.) Agus uime sin, tha 
e ann am beachd an Scriobtuir, air a mheas mar amadan, 
agus mar aon gun chiall, ciod air bith co glic as a ta e ann 
an nithibh eile. 

San dara àite, Tha tuigse an duine gu nadurra air a 
lionadh le tiugh-dhorchadas ann an nithibh spioradail. 
Air do'n duine, le comhairle an diabhuil, oirpeachadh air 
solus nuadh a chur suas 'na inntinn, (Gen. iii. 5.) an àite 
sin dh' fhosgail e dorsan an t-sluichd gun iochdar ; air 
chor an leis an deataich sin, gu robh e air adhlacadh ann 
an dorchadas. An uair a rinn Dia an duine air tùs, bha 
'inntinn 'na lochran soluis ; ach a nis an uair a ta e teachd 
gu dheanamh thairis a rìs ann an ath-ghineamhuin, tha e g'a 
faotainn 'na dorchadas, Eph. v. 8. " Bha sibh uair-eigin 
'nur dorchadas. Dhùin am peacadh uinneagan an anama ; 
Tha dorchadas thar an fhearann sin uile ! Is tìr dorchad- 
ais, agus sgail bàis e, far am bheil an solus 'na mhor dhorch- 
adas : Tha puionnsa an dorchadais a' riaghladh an sin ; 
agus cha'n 'eil ni sam bith ach oibre an dorchadais air an 
clealbh ann ! Tha sinn air mhodh spioradail air ar breth 
dall, agus cha'n urrainn sinn a bhi air ar n-aiseag as eug- 
mhais miorbhuil gràis. Is i so do staidse, co sam bith thu, 
nach 'eil air do bhreth a rìs. Agus a chum gu'm bi mothach- 
adh agad mu'n ni so, gabh na dearbhaidhean a leanas. 

1. Dearbhadh, A dorchadas, a bha san t-saoghal 
roimhe, agus aig an àm san d' thàinig Criosd, ag eirigh 
mar ghrian na rlreantachd air an talamh. An uair a chiall 
Adhamh le 'pheacadh, an ceud sholus leis an robh e air a 
sgeadachadh 'na chruthachadh, thoilich e Dia 'na dheadh- 



49 

ghean dha, foillseachadh gràsmhor a dheanamh air inntinn 
agus air a thoil fèin dha, do thaobh staid na slàinte, Gen. 
iii. 15. Bha so air a thoirt a nuas leis-san, agus le aith- 
richibh diadhaidh eile, roimh an tuil, gidheadh bhuadh- 
aich dorchadas nadurra inntinn an duine, co mor an agh- 
aidh an fhoillseachaidh sin, as gu'n d'thug e air falbh na 
h-uile mothachadh air fior dhiadhachd o'n t-seann saoghal, 
ach na mhair dheth ann an teaghlach Hoah, a bha air an 
sabhaladh anns an àirc. Mar a mheudaich daoine air 
an talamh, an dèigh na dìle, mheudaich dorchadas nadurra 
na h-inntirm a rìs, agus bha'n solus a' caitheadh as, gus 
an do bhàsaich e am nieasg a' chuid mhòir do'n chinne- 
daoine, agus bha e mhain air a choimhead am measg gineah 
aich Shem ; agus, eadhon 'nam measgsan, bha e dluth air 
dol as, an uair a ghairm Dia Abraham o sheirbhis dhèe 
eile, Iosua xxiv. 15. Thug Dia do Abraham foillseach- 
adh is soilleire agus is laine : agus cho-pairtich esan sin 
r'a theaghlach, Gen. xvii. 19. Gidheadh, tha'n dorch- 
adas nadurra ga chaitheamh air falbh an ceann aimsir ; ach 
na bha air a ghleidheadh am measg sliochd Iacoib. Air 
dhoibhsan a bhi air an toirt sios do'n Eiphit, bhuadhaich 
an dorchadas co mòr, as nach robh ach ro-bheag moth- 
achaidh 'nam measg air fìor-dhiadhachd : agus b' f heudar 
gu'm biodh foillseachadh nuadh air a thoirt dhoibh san 
f hasach. Agus is iomadh neul dorchadais a chaidh thairis 
air an f hoillseachadh sin, an drasd agns a rìs, o àm Mhaois 
gus an d'thàinig Criosd. An uair a thàinig Criosd, bha'n 
saoghal air a roinn do Iudhaich agus do Chinnich. Bha na 
h-Iudhaich agus am fior-sholus maille riu, an taobh a stigh 
do reachdan, Salm cxlvii. 19, 20. Bha eadar iadsan agus 
an saoghal Geintileach balla eadar-dhealaichte do dheanamh 
Dhè, is e sin lagh nan deas-ghnathan ; agus, air sin, bha 
balla eile air a thogail, do dheanamh an duine fèin, eadhon 
naimhdeas domhain eadar an dà chuideachd. Ma dh' amh- 
airceas sinn an taobh a mach do'n bhalla, (agus, ach a 
mhain na proselitich sin do na Cinnich a threig iodhal- 
aoradh, tre shoillseachadh cuid do'n t-solus a bha bris- 
eadh a niach orra o'n taobh a stigh do'n bhalla, a rinn 
aoradh do'n fhior-Dhia, ach nach do cho-aontaich ri deas- 
ghnathan Mhaois,) cha'n fhaic sinn ni san bith ach "àitean 
dorcha na tìre lan do ionnadaibh comhnuidh an f hoirneirt. " 
Chomhdaich tiugh - dhorchadas aghaidh an t-saoghai] 

D 



50 

Ghentilich; agus clia robh eolas na slàinte idir aithnichte 
'nani measg. Bha iad air am bathadh ann an saobh-chrabh- 
adh agus ann an iodhal-aoradh ; agus mhèudaich iad an 
iodhalan gu àireamh co mor, as gun robh os ceann deicli 
mile fìchead dhiubh san Koinn-Eorpa d'an robh iad a' toirt 
aoraidh. Ciod air bith gliocas a bha'm measg am Fealls- 
anach, "cha b' aithne do'n t-saoghal leis a' ghliocas sin Dia," 
(1 Cor. i. 21.) agus cha robh 'nan uile mhìn-rannsachadh 
nm chreidimh, ach màgradh anns an dorcha, Gniomh. xvii. 
27. Ma dh' amhairceas sinn an taobh a stigh orrasan aig 
an robh na reachdan, (ach ro-bheag a bha 'g osnaich agus 
a' feitheamh ri comhfhurtachd Israeil,) chi sinn tiugh- 
dhorchadas air aghaidh a' ghinealaich sin. Ge do thug- 
adh Oracla Dhè dhoibhsan, bha iad gidheadh ro thruaill- 
idh 'nan teagasg. Bha'n gnathan air am meudachadh; 
ach bha eolas mu na nithibh sin anns am bheil beatha na 
diadhachd a' co sheasamh, air chall ; cha robh aithne aig 
maighstirean Israeil air nadur no air feum na h-ath-ghin- 
eamhuin, Eoin iii. 10. B'e 'n creidimh-san a bhi togail 
air an sochairean-breith, mar chloinn Abraham, Mata iii. 
9. a bhi deanamh uaill 'nan timchioll-ghearradh agus ord- 
uighean follaiseach eile, Philip. iii. 2, 3. agus le bhi a' 
cur doigh san lagh, (Rom. ii. 17.) an dèigh dhoibh, le'n 
sgàile feallsach, a ghearradh co ghoirid, as gu feudadh iad 
dol dluth air a choimhlionadh, Mata v. 

Mar so bha dorchadas air aghaidh an t-saoghail, an uair 
a thàinig Criosd, an solus fìor d'a ionnsuidh. Agus mar 
sin tha dorchadas air na h-uile anam gus an èirich Esan, 
mar reult na maidne anns a' chridhe. Tha cheud dhorchad- 
as 'na dhearbhadh air an dara dorchadas. Ciod, ach an 
dorchadas nadurra a tha air inntinn dhaoine a b' urrainn, 
mar so solus follaiseach an f hocail a chaitheamh air falbh, 
ann an gnothuch air an robh sonas siorruidh an crochadh ì 
Cha do dhìchuimhnich daoine an seol air an coimhideadh 
iad am beatha; ach cia grad a chaill iad an eolas air slighe 
na slainte air son an anama, a tha gu mor ni's luachmhoire 
agus ni' cudthromaiche ? An uair a bha teagasg Aith- 
riche agus Fhàidhean gun eifeachd, b' fheudar gum biodh 
daoine air an teagasg le Dia fèin, an ti a mhain is urrainn 
sùilean na tuigse fhosgladh. Ach a chum gu faicte gu 
soilleir gu'n do luidh truaillidheachd-inntinn an duine ni bu 
doimhne na gu biodh i air a leio;heas le foillseachadh o'n 



51 

taobli a niach a mhain ; cha robh ach ro-bheag air an iomp- 
achadh le sear monachadh Chriosd, "a labhair mar nach do 
labhair duine riamh," Eoin xii. 37, 38. Cha d' rinneadh 
an leigheas mor air a' ghinealach, gus an d'thainig an spior- 
ad naomh an co-chuideachd searmonachaidh nan abstol ; 
a bha do rèir a' gheallaidh, Eoin xiv. 12. ri oibre mor a 
dheanamh. Agus ma dh'amhairceas sinn ris na mior bhuile 
a dh'oibricheadh le'r Tighearna beannaichte, chi sinn 
gu'n do thaisbein e gu soilleir, le co-chur na cungaidh ris 
an anam air son leighis eucailean a' chuirp, (mar ann an cor 
an duine bha tinn leis a' pharilis, Mata ix. 2.) gu'm b'e 
ghnothuch mor do'n t-saoghal a leigheas eucailean an an- 
ama. Chi sinn gu robh miorbhuil' air oibreachadh air 
aon a bha air a bhreith dall, air a dheanamh air dòigh 
a bha mar gu b'ann a' nochdadh do'n t-saoghal mar ann 
an sgathan, an staid agus an leigheas, Eoin ix. 6. "Binn 
e criadh, agus sgaoil e chriadh air suilibh an doill." Ciod 
an ni a b'fhearr a' b'urrainn doill'-inntinn dhaoine a thaisb- 
eanadh, no suilean a bhi air an druideadh le talamhl Isa. 
vi. 10. " Druid an sùilean : " Druid a suas iad, le ungadh, 
no le ceangal, mar a dh' fheudadh am focal a bhi air a 
mhìneachadh. Agus caib. xliv. 18. "Dhruid e an sùilean." 
Is e is ciall do'n fhocal, " chomhdaich e thairis an sùilean." 
Mar bha'n tigh anns an robh an luibhre, bha e gu bhi air 
a chomhdachadh thairis. Lebh. xiv. 42. Mar so tha focal 
an Tigheam a' nochdadh an ruin a bh' aig an obair iong- 
antach sinn ; agus leis an fhocal sin a' nochdadh dhuinne, 
gu bheil sùilean ar tuigse gu nadurra duinte. An sin is 
èigin do'n duine dhall dol agus a' chriadh so ionnlaid dheth 
ann an lochan Shiloaim ; cha dean uisge sam bith eile an 
gnothuch so. Mur biodh an t-uisge sin sa' ciallachadh an 
ti a chuir an t-Athair a dh'ionnsuidh an t-saoghail, "a dh' 
f hosgladh nan sùilean dalla," Isa. xlii. 7. is e mo bharail nach 
d'thugadh an soisgeulach dhuinn mìneachadh an ainm, a' 
deir e a ta ciallachadh " Air a chur," Eoin ix. 7. Agus mar 
sin feudaidh sinn fhaicinn gu bheil dorchadas nadurra ar 
n-inntinn co mòr as nach 'eil leigheas air a shon ; ach o f huil 
agus Spiorad Iosa Criosd, aig am bheil a mhàin an sabh-shul, 
is urrainn a thoirt oirnn gu'm faic sinn Taisb. iii. 18. 

2. Dearbhadh. Tha cridhe agus beatha gach duine 
nadurra 'nan torr do dhorchadas, do throimhe-cheile agus 
do aimhreite, ciod air bith anns an nochd se e fèin ann 



52 

am fianuis dhaoine : "Oir bha sinne fèm"mar an ceudna, 
ars' an t-Abstol Paul, " uair-eigin eu-ceillidh, eas-umhal, air 
seacharan, a' deanamh seirbhis do iomadh gne do ana-miann- 
aibh agus do an-toilibh," Tit. iii. 3. agus gidheadh, aig an 
àm sin, bha e " neo-choireach a rèir na fireantachd a ta san 
lagh," Philip. iii. 6. Tha so 'na dhearbhadh soilleir, gu 
bheil " an t-suil gu h-olc, air bhi do'n chorp uile làn dorchad- 
ais," Mata vi. 23. Tha chuid neo-nuadhaichte do'n chinne- 
daoine, air an iomain triomh'n t-saoghal, cosmhuil ri air 
eamh do dhaoine dall ; nach gabh aon chuid fear-sèolaidh, 
no uach urrainn iad fèin a sheòladh : agus a ta iad uime sin 
a' tuiteam o aon àirde agus àirde eile gu sgrios ! Tha cuid 
a' ruith an deigh an sainnt, gus am bheil iad air an troimh- 
lot le iomadh cradh ; cuid a' stad ann an clabar nan an- 
amianna ; cuid eile gam bruthadh f èin air carraig an uaibh- 
air agus na fèin-speis ; na h-uile h-aon a' tuis leach adh air 
aon chlach-thuis lidh no clach-thuis lidh èigin eile ; tha'n 
t-iomlan diubh gan ruith fèin air roinn claidheimh a' 
cheartais, am feadh a tha iad a' dian leantuinn an aignidh- 
ean agus an ana-mianna neo-cheann suichte an taobh a 
ta iad gan treorachadh ; agus am feadh a tha cuid 'nan 
luidhe 'nan aonar anns an t-slighe, tha cuid eile a' teachd 
air an aghaidh, agus a' tuiteam an comhar an cinn thairis 
orra. Agus uime sin, " Is an aoibhin do'n t-saoghal (dhall,) 
air son oilbheuman," Mat. xvii. 7. Tha mearachdan anns 
an tuigse a' mèudachadh anns an t-saogbal; do bhrigh 
gur i an "oidhche ta ann sam bheil uile bheathaiche na 
coille a' snàgadh a mach." Tha muinntir neo-nuadhaichte 
uile am mearachd do thaobh fior-shonais ; oir ged a shuidhich 
a' chreidimh Chrios daidh a' phuinc sinn anns an steidh, gidh- 
eadh, cha'n 'eil ni is lugha na cumhachd grais as urrainn a 
dhaingneachadh ann an cleachdana na tuigse. Tha na h- 
uile dhaoine a' cordadh ann an iarrtus a bhi sonadh : ach am 
measg na muinntir neo-nuadhaichte, a thaobh na slighe 
gu sonas, tha ach beag co lìon barail as a tha do dhaoine 
air ant-saoghal ; air dhoibh "tionndadh gach aon 'ga shlighe 
fèin," Isa. liii. 6. Tha cosmhuil ris na Sodomaich dhall 
mu'n cuairt do thigh Lot; bha iad uile ag iarraidh gu 
faigheadh iad an dorus, tha cuid a' rannsachadh a' bhalla 
ann an aon aite, agus cuid ann an àite eile ; ach cha b'urr- 
ainn a h-aon diubh a' ràdh gu cinnteach, gun d' fhuair se e ; 
a<ms mar sin feudaidh an duine nadurra tuiteam air maith 



53 

sam bith ach an t-àrd-mhaith. Amhairc ann ad chridhe 
neo-nuadhaichte fèin, agus an sin chi thu gach ni bun os 
cearm ; neamh 'na luidhe an iochdar, agus an talamh an 
uachdar ! Amhairc air do chaithe-beatha, an sin feudaidh 
tu fhaicinn, mar tha thu cluiche mar dhuine cuthaich, a' 
greimeachadh ri faileasan, agus a' deanamh dearmaid, air a' 
clmspair : a' ruith gu dian an dèigh an ni sin nach 'eil, agus 
a' deanamh tàir air an ni sin a ta, agus a bhitheas gu bràth ! 

3. Dearbhadh. Tha'n duine nàdurra do ghnath mar 
fhear oibre a ta air fhagail gun solus, aon chuid a' cleas- 
achd no a' deanamh cron. Feuch ri d' chridhe a ghlac- 
adh aon uair is aill leat, agus gheibh thu e a' figheadh lion 
an damhain-alluidh, no a' gur uighean na ri-nathrach, (Isa. 
lix. 5.) a' ruith sios agus suas troimh 'n t-saoghal, na a' 
cladhach chum an t-sluic ; air a lionadh aon chuid le 
dìomhanas, no le gràineilachd ; a' saoithreachadh ann an 
neo-ni, no ann an ni is miosa na neo-ni : comhara bronach 
air inntinn dhorcha ! 

4. Dearbhadh. Tha'n duine nàclurra a dh' easbhuidh 
eolais slainteil air nithe spioradail. Cha'n aithne dha an 
Dia ris am bheil a ghnothuch ; tha e aineolach mu 
Chriosd ; agus cha'n 'eil f hios aig ciod e peacadh. Tha na 
daoine a's mò gliocas agus innleachd, dall mar na faimh, 
mu na nithe sin. Tha, ach gidheaclh is urrainn cuid diubh 
labhairt mu'n timchioll gu deas-bhriathrach : Agus mar 
sin dh'fheudadh na h-Israelich sin labhairt, mu na 
buaireanna, na comharan, agus na miorbhuilean, a chunnaic 
an sùilean, (Deut. xxix. 3.) muinntir, gidheadh, do nach 
d' thug an Tighearna cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh' 
f hajcinn, agus cluasan a chluinntinn gus an là sin, rann 4. 
Is iomadh duine, tha giulan ainm a' a Chriosdaidh, a dh' 
fheudas aidmheil Pharaoh a dheanamh mu chreidimh, 
Ecsodus v. 2. " Cha'n aithne dhomhs' an Tighearna, is cha 
mho a dhealaicheas iad ris," an ni sin a tha e 'g aithne 
dhoibh a leigeadh as. Tha Dia dhoibhsan mar phrionnsa 
folaichte, am measg a chuid iochdarain ; nach 'eil a' 
faotainn gnàthachadh as fear uatha, no ge b' iad a' 
choimpeirean iad, Salm 1. 21. Am bheil aithne aca air 
Criosd, no am bheil iad a' faicinn a ghlòir, agus maise sam 
bith ann, air son am bheil e ri bhi air iarraidh ì Nam biodh 
aithne ac' air, cha chuireadh iad suarach e, mar a tha iad 
a' deanamh : Chuireadh sealladh d'a ghlc-irsan a leithid do 



54 

nèul air na h-uile maise cruthaichte, as gu'n gabhadh iad e 
air son, agus ann an àite ua h-uile ; agus ghabhadh. iad 
gu toileach ris, mar a tha e g'a thairgseadh fèin anns an t- 
soisgeul, Eoin iv. 10. Salm ix. 10. Mata xiii. 44, 45, 
46. Am bheil fios acasan ciod e peacadh, a tha 'g altriun 
na nathrach 'nan uchd, a tha cumail greim daingean air 
ceilg, agus a' diultadh a leigeil as 1 ? Tha mi 'g aideachadh 
gun amharus, gu'm feud eòlas nadurra bhi aca mu na nithibh 
sin mar a bh' aig na h-Iudhaich neo-chreidmheach mu 
Chriosd, a chunnaic iad agus ris an do labhair iad ; ach 
bha glòir spioradail ann-san, a bha mhàin air aithneachadh 
le creidmhich, Eoin i. 14. Agus do thaobh na gloir sin, 
cha b'aithne do'n t-saoghal (neo-chreidmheach) e, rann 10. 
Ach an t-eòlas spioradail cha'n urrainn iad a bhi aca ; tha e 
os ceann breithneachaidh na h-inntinn fheolmhoir, 1 Cor. 
ii. 14. "Cha ghabh an duine nadurra ri nithibh spioraid 
Dè : or is amaideachd leis iad ; agus cha'n 'eil e'n comas 
da eolas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh 
spioradail a thuigear iad." Feudaidh e gun amharus 
labhairt umpa; ach cha'n urrainn e sin a dheanamh ach 
mar a labhras duine mu mhil no fion-geur, nach do 
bhlais riamh millseachd an aoin, na searbhachd an 
aoin eile. Tha cuid do bheachd aige mu f hirinnibh spior- 
adail, ach cha'n 'eil e faicinn nan nithe fèin a ta air am 
tìlleadh a suas ann am briathraibh na fìrinn, 1 Tim. i. 7. 
"Cha'n.'eil iad a' tuigsinn cion a deir iad, no ciod 
mu'n bheil iad a' toirt cinnte." Ann an aon fhocal 
tha eagal ann an daoine nadurra, tha iad ag iarraidh, 
agus ag aidmheil, cha'n 'eil f hios aca ciod. Mar so feudaidh 
sibh fhaicinn, gu bheil tuigse an duine, gu nadurra, trom- 
luchdaichte le tiugh-dhorchadas ann an nithibh spioradail. 

San treas àite, Tha ann an inntinn an duine, claonadh 
nadurra gu olc ; leis am bheil e tachairt, ciod air bith cruaidh- 
chas a gheibh e an uair a tha e an sàs ann an nithibh 
a tha da rireadh maith, gu blieil e 'g oibreachadh gu furasda 
anns an olc ; oir anns a' chùis sin tha e mur gu'm biodh 
e 'na fhonn fèin, Ier. iv. 22. Tha'n inntinn fheolmhor 
a' siubhal gu trom ann an smuaintibh mu nithe maith ; 
ach siubhlaidh i gu dian ann an smuaintibh mu'n olc. 
Am feadh 's a ta naomliachd ma coinneamh, tha cuibh- 
richean orra ; ach aon uair is gu'm faigh i thar a' gharadh 
tha i mar èun a f huair a mach as a chliabh : agus tha 'n 



55 

duine 'na fhear claon-bharail da rireadh. Beachdaicheamaid 
gu h-athghearr, air breithneachadli agus air smuaintibh na 
h-inntinn fheolmhoir; agus gheibh sibh dearbhadh soilleir 
air a claonadh thruagh so gu olc ! 

1. Dearbhadh. Mar tha duine a' call a sheallaidh an 
uair a tha e faotainn buiìle trom air a cheànn, leis am bheil 
ag èiridh solus mealltach, agus leis am bheil e a' faicinn na 
mìltean do fhaileasan : mar sin an duine, air dha bhi air a 
bhualadh dall, do gach ni a ta da rireadh maith agus a ta 
air son a sheilbh shiorruidh, tha shuilean air am fosgladh 
air dha bhi fiosrach air an olc : agus mar sin tha briathran 
a' bhuaireadair air an dearbhadh, Gen. iii. 5. Tha briathr- 
an an Fhaidh soilleir, " Tha iad seolta a dheanamh uilc ì ach 
maith a dheanamh, cha'n aithne dhoibh," Ier. iv. 22. Tha 
innleachd nadurra aig inntinn an duine gu olc a dhealbh : 
Cha'n 'eil a h-aon co simplidh ann, aig nach 'eil seòltachd 
gu leor a dhealbh innleachdan gu'n ana-mianna a shàs- 
uchaclh, agus gu'n anama a sgrios ; ged nach 'eil cumh- 
achd ann an laimh na h-uile neach gu'n innleachdan a 
chur an gniomh. Cha ruigear a leas an eallainn dhubh so 
a theagasg do dhuine sam bith; ach mar a dh'fhasas 
luibhean lobhta, anns an lios a ta air a dhìchuimhneach- 
adh, mar sin fàsaidh an gliocas so (a ta talmhaidh, coll- 
aidh, diabhluidh, Seum. iii. 15.) a suas ann an inntinn- 
ibh dhaoine, do bhrìgh truaillidheachd an naduir. 
C'ar son a bhiodh iongantas oirnn mu'n toradh a ta sruth- 
adh o innleachd dhaoine truaillidh; mu'n t-seoltachd 
leis am bheil iad a' deanamh tarcuis air neamh, a' cur an 
aghaidh firinn agus naomhachd, agus a' sàsuchadh an ana 
mianna fèin agus ana-mianna dhaoine eile"? Tha 
iad a' dol leis an t-sruth, cha'n iongantach ged a ni iad 
astar mòr ; tha am maoin san taobh a stigh, agus tha e 
a' meudachadh le bhi 'ga chleachdadh : agus tha oibre 
an dorchadais air an dealbh leis an tuilleadh cothrom, a 
chionn gu bheil an inntinn gu leir as eugmhais soluis spiorad- 
ail ; ni a chuireadh nìaille air an obair, nam biodh e ann 
an tomhas sam bith annta, 1 Eoin iii. 9. Ge b'e neach a 
ghineadh o Dhia, cha dean e peacadh ; cha dean se e le 
seoltachd ; . oir, a ta a shiol-san a fanntuinn ann. Ach air 
an laimh eile, "Tha e mar shùgradh do'n amadan olc a 
clheanamh : ach tha gliocas aig fear na tuigse," Gnath-fhoc. 
x. 23. " Tha bhi deanamh uilc gu h-ìnnleachdach (mar 



56 

tha'm focal a' ciallachadh) 'na chluiche, no 'na shùg- 
radh, do amadan." Tha e ga dheanamh gu furasda ; agus 
c'ar son, ach do bhrigh gur amadan e, agus nach 'eil 
gliocas aige ; ni a mhilleadh innleachdan an dorchadais 'ì 
Mar is nadurra tha ni sam bith, 's ann is usa a dheanamh. 

2. Dhearbhadh. Leig leis an inntinn thruaillidh ach an 
cothrom air neach a bhi air a chur an sàs, no a dheanamh 
seirbhis eigin do Dhia, air chor is an t-innleachd, mur 'eil 
e peacach ann fèin, gu'm feud e gidheadh fàs peacach, le e 
bhi air a dheanamh ann an àm neo-iomchuidh ; theid e gu 
h-eallamh gu innleachd no gu deuchainn sam bith le 
leum gu grad a thaoibh ; ni nach b' urrainn e dheanamh, 
nan smuainicheadh e gu h-iomchuidh. Mar so Saul, aig 
nach robh fios ciod a dheanamh e, mu'n do thòisich an 
Sagairt air comhairle chur ri Dia, chuir e roimhe gu h- 
eallamh, co luath 'sa bha lamh an t-sagairt an sàs : thug a 
chridhe fèin an sin freagradh dha, agus cha'n fhuillingeadh 
e dha feitheamh ri freagradh o'n Tighearna, 1 Sam. xiv. 
18, 19. Tha leithid sin a dh' eolas diabhluidh aig an innt- 
inn thruaillidh, ann an deilbh an ni sin a chumas daoine o'n 
dleasdanas do Dhia. 

3. Dearbhadh. Nach 'eil an inntinn fheolmhor, gu 
nadurra a' deanamh strì ri greim a dheanamh air nithibh 
spioradail ann an smuaineachadh ; mar gu'm biodh an 
t-anam gu h-iomlan air a shlugadh suas ann am fuil agus 
feoil, agus gu'n tionndadh e na h-uile ni gu 'choslas f èin 1 
Amhairceadh na daoine a 's cleachta ri mìn-smuaineachadh 
air an anamaibh fèin, agus gheibh iad an claonadh so 'nan inn- 
tinnibh ; air am bheil an t-iodhal-aoradh a bh' ann o shean, 
agus a ta buadhachadh fathast anns an t-saoghal, 'na dhear- 
bhadh cinnteach. Oir tha e gu soilleir a' nochdadh, gu'm 
b'aill le daoine gu nàdurra, dia faicsinneach a bhi aca, agus, 
gu'm faiceadh iad an ni d'am bheil iad a' deanamh aoraidh, 
agus air an aobhar sin chaochail iad gloir an Dè neo-thruaill- 
idh gu dealbh. Eom. i. 23. Dh' fhògair an t-ath-leas- 
achadh anns na duthchaibh so, (gu ma beannuichte gu'n 
robh an Tighearn air a shon,) iodhal-aoradh, agus dealbh- 
an, a mach as ar n-eaglaisean ; ach is e ath-leasachadh 
cridhe a mhain, is urrainn a bhriseadh ann an smuaintibh 
agus a dh' fhogras air falbh an dealbh-aoradh innteachin 
agus diomhair o inntinnibh dhaoine. Cha robh an 
saoghal riamh aig àm a dhorchadais, ni bu mhò deigh 



57 

air son an dara aoin, no tha'n inntinn neo-naonihaichte 
air son an aoin eile. Agus uaithe so, tha smuainte uamh- 
asach agus graineil neo-shuidhichte mu Dhia, mu Chriosd, 
mu'n ghloir a tha shuas, agus na h-uile nithe spioradail. 

4. Dearbhadh. Cia cruaidh an obair ann inntinn fheol- 
mhor a chumail an làthair an Tighearna : Cia doillich 
leatha caidreadh a thoirt do smuainte maith, agus buanach- 
adh ann am beachdachadh nithe spioradail ì Ma tha neach 
aig uair sam bith air èigneachadh, gu smuaineachadh mu 
churam mor anama, tha e ni's so-dheanta creutair neo- 
cheannsuichte acrach a thaladh, na'n inntinn fheolmhor a 
chumail o ruith a mach an deigh diomhanais an t-saoghail. 
An uair a tha Dia a' labhairt ri daoine le fhocal, no iad- 
san a' labhairt ris san ann an urnuigh, nach 'eil an inntinn gu 
tric a' fàgail an cuirp an làthair an Tighearna, cosmhuil ri 
dealbhan, aig am bheil sùilean, ach nach faic ; agus cluas- 
an, ach nach cluinn ? Tha'n corp striochdta an làthair 
Dhè, ach tha'n saoghal a' toirt air falbh a' chridhe : ged 
tha na sùilean dùinte, tha'n duine a' faicinn mìle diomh- 
anas ; tha'n inntinn anns an àm cheudna, cosmhuil ri èun a 
fhuair fuasgailte as a chliabh, a' leum o phreas gu preas : 
air chor as nach 'eil an duine a' teachd d'a ionnsuidh fèin, 
gus am bheil e air dol o làthair an Tighearna. Na 
h-abair, gu bheil e neo-chomasach an inntinn a shocrach- 
adh : tha e cruaidh gun teagamh, ach cha'n 'eil e neo- 
chomasach ; is urrainn gràs o'n Tighearn a dheanamh, 
(Salm cviii. 1,) ni cuspairean taitneach e ; glacaiclh 
smuainte tlachdmhor inntinn an fhir-rannsachaidh : cha'n 
'eil inntinn an duine shaoghalta an cunnart dol air seach- 
aran an uair a tha e smuaineachadh mu ghnothuiche, 
a' deanamh a mach a chunntais, no a' meas a chuid airg- 
id ; mur freagair e thu air tus, innsidh e dhuit nach 
cual e thu, bha e'n sàs ; bha 'inntinn socraichte. ISTa'm 
bitheamaid air ar tabhairt an lathair righ, a thagar air 
son ar beatha, cha bhitheamaid ann an cunnart a bhi 
'g amharc timchioll seòmair 'na lathaireachd : Ach is ann 
an so a tha'n t-eadar-dhealachadh, gu bheil an inntinn 
fheolmhor an uair a tha i cuairteachadh maith spioradail sam 
bith, as a fonn fèin, agus uime sin, cha'n urrainn dhi soc- 
rachadh. 

5. Dearbhadh. Ach ciod air bith co doillich is a tha 
e an inntinn a chumail air smuaintibh maith ; leanaidh i 



58 

mar ghlaoidh, ris an ni sin a ta olc agus truaillidh, cos- 
mhuil rithe fèin ! 2 Pead ii. 14. "Aig am bheil suileaii lan do 
adhaltranas, agus do nach 'eil e'n comas sgur do pheacadh." 
Cha'n urrainn an suilean sgur do pheacadh, (mar sin tha'm 
focal a' ciallachadh,) is e sin, tha'n cridheachan agus an 
inntinnean, a' taomadh a mach air an suilean, an ni a ta'n 
taobh a stigh ; tha iad cosmhuil ri beathach cuthaich nach 
urrainn a bhi air a chumail a stigh aon uair 's gu'm faigh 
e a cheann a mach. Leig leis an smuain thruaillidh aon 
uair dol fuasgailte air a cuspair fèin ; bithidh e 'na obair 
chruaidh a toirt air a h-ais uaithe a rìs, ged a bhitheadh 
reusan agus toil air son a toirt air a h-ais. Oir, ann an 
sin tha i 'na fonn fèin ; agus tha bhi 'ga tarruing o a 
neoghloine, mar gn'm biodh iasg air a tharruing as an 
uisge, no mar gu'm biodh aon d' a bhuill air a reubadh o 
dhuine. Ruithidh an inntinn cosmhuil ri teine air a chur 
ri fùdar, nach gabh fois gus nach urrainn e dol ni's faide. 

6. Dearbhadh. Thoir fa'near mar tha'n inntinn fheolmhor 
a' deanamh suas uireasbhuidh fior-chuspairean do'n chridhe 
thruaillidh; a chum gun dean i air a' chuid is lugha 
peacaich sona ann o bhi, a' mealltainn sonais 'nan smuain- 
eachadh air ana-miannaibh. Mar so tha'n cridhe truaill- 
idh ga bheathachadh fèin le peacannaibh smuaineachaidh. 
Tha 'n duine neo-ghlan air a lionadh le breithneachadh 
neo-ghlan, air d'a shùilean a bhi làn adhaltranais ; lion- 
aidh an duine sanntach a chridhe leis an t-saoghal, ged 
nach urrainn e a làmhan a lionadh leis; cuiridh an duine 
mì-runach, le tlachd an gniomh a dhioghaltais 'na uchd 
fèin ; tha'n duine farmadach, an taobh a stigh d'a inntinn 
chumhann a' beachdachadh le toil-inntinn air a choimh- 
earsnach air a leagail iosal ; agus gheibh na h-uile ana- 
miann an inntinn thruaillidh 'na caraid dhoibh ann an àm 
feuma. Agus mar so tha'n inntinn a' deanamh, cha'n ann 
a mhain 'nuair a tha daoine 'nan faireach, ach air uairibh, 
eadhon an uair a tha iad 'nan codal ; leis am bheil e 
tachairt, gu bheil na peacanna sin air an cur an gniomh 
ann am bruadair, air an robh an cridheachan a' ruith an 
uair a bha iad 'nam faireach. Tha fios agam, gu bheil 
cuid a' cur amharus air peacadh nam nithe sin : ach, an 
urrainn sinn a smuaineachadh, gu bheil iad sin co-fhreag- 
arach ris an nàdur naomh agus an fhonn spioraid sin, 
a bha ann an Adhamh neo-chiontach, agus ann an Iosa 



59 

Criosd, agus bu choir a bhi anns na h-uile duine'? Is 
e trnailliclheachd an nàduir, air an aobhar sin, a ta dìteadh 
an " luchd-bruadair neo-ghlan," ìud. 8. Bha fiosrachadh 
aig Solamh air cleachdanua grais 'na chodal : Ann am 
bruadar rinn e urnuigh, ann am bruadar rinn e an rogh- 
ainn a b' fhearr ; ghabhadh riu araon le Dia, 1 Eigh iii. 
5 — 15. Agus ma dh' fheudas duine, 'na chodal, sin a 
dheanamh a ta maith agus taitneach do Dhia 1 ? cionnus 
mar an ceudna nach fheud e 'na chodal sin a dheanamh 
a ta olc agus mi-thaitneach do Dhia 1 ? B'àill le Solamli 
ceudna, gu'm biodh daoine air am faicill uaithe so ; agus 
tha e tabhairt an leighis is fhearr 'na aghaidh, 'se sin, 
"An lagh air a' chridhe," Gnath-fhoc. vi. 20, 21. 'Nuair 
a choidleas tu (rann 22,) glèidhidh e thu ; eadhon, o 
pheacachadh ann ad chodal : is e sin, o bhruadair peac- 
ach. Oir neach a bhi air a chumail o pheacadh, (cha'n ann o 
thrioblaid,) 'se sin fior-èifeachd lagh Dhè a bhi air a dhaing- 
eachadh air a chridhe, Salm cxix. 11, agus mar so tha'n 
rann uile ri bhi air a tuigsinn, mar a chi sinn o rann 23. 
" Oir is lochran an àithne ; agus is solus an reachd : agus 
is iad slighe na beatha, achmhasain teagaisg." A nis 
tha'n lagh 'na lochran soluis, fnar a tha e a' treorachadh 
ann an slighe dleasdanais ; agus is iad achmhasain theag- 
aisg o'n lagh, slighe na beatha mar a tha iad a' cumail o 
pheacadh, ni mò am bheil iad a' treorachadh ann an slighe 
na sìthe, ach mar a tha iad a' stiùradh ann an rathad an 
dleasdanais ; is cha mhò a tha iad a' cumail duine o 
thrioblaid, ach mar a tha iad ga chumail o pheacadh. 
Agus is comharaichte an ni araid anns am bheil Solamh 
a' leigeil so ris, eadhon peacadh na neo-ghloine, " Chum do 
ghleidheadh o'n droch mhnaoi," rann 24, a ta ri bhi air a 
ceangal ri rann 22, mar a chithear ann an cuid do na 
h-eadar-theangaichean. Is leoir na nithe so a dhearbhadh 
dhuinne mu chlaonadh nadurra so na h-inntinn gu olc. 

Sa' cheathramh àite, Tha eas-aonta anns an inntinn 
fheolmhor, an aghaidh firinnean spioradail, agus grain ann 
an gabhail riu. Tha i 'na caraicl co beag do fhirinnibh 
diaclhaidh, is a ta i do naomhachd. Tha firinnean a' 
chreidimh nadurra, a ta, mar gu b'ann a' deanamh spairn 
gu dol a steach a dh' inntinnibh dhaoine nadurra, a' cumail 
phriosanach "ann an neo-fhireantachd," Rom. i. 18. Agus 
do thaobh firinnean a' chreidimh-fhoillsichte, tha clroch 



60 

cridhe an ana-creidimh annta, a ta cur an aghaidh an leigeadh 
a steach, agus tha neart airm-chogaidh feumail, a thoirt na 
h-inntinn am braighdeanas gu'n creidsinn, 2 Cor. x. 4, 5. 
Rinn Dia foillseachadh air 'inntinn agus air a thoil do 
pheacaich, mu shlighe na slainte : " Thug e dhuinn teagasg 
'fhocal naoimh : " Àch am bheil daoine nadurra da rìreadh 
ga chreidsinn % Cha'n 'eil gun amharus : " Oir, esan 
nacli creid ann am mac Dhè, cha'n 'eil e a' creidsinn Dhè," 
mar tha soilleir, 1 Eoin v. 10. Cha'n 'eil iad a' creidsinn 
geallanna an fhocail ; tha iad ag amharc orra a mhàin 
mar bhriathra taitneach : Oir, iadsan a ta gabhail riu, tha 
iad leo sin air an deanamh 'nan luchd comh-pairt do'n 
nadur dhiadhaidh, 2 Phead. v. 10. Tha na geallanna mar 
chuird airgid, air an leigeadh a nuas o neamh, a tharruing 
pheacach a dh' ionnsuidh Dhè, agus gu'n aiseag thairis gu 
tir a' gheallaidh ; ach tha iad gan tiìgeadh uatha. Cha'n 
'eil iad a' creidsinn bagraidh an fhocail. Mar dhaoine a ta 
air thurus ann am fàsach, a' giùlan teine leo, a chur 
teicheadh air beathaichibh fiadhaich ; mar sin rinn Dia a 
lagh 'na "lagh teine," (Deut. xxxiii. 2,) ga chuairteachadh 
le bagraidh feirge : ach tha daoine gu nadurra n' as bruid- 
eile na na beathaiche fèin; agus is eigin doibh beant- 
uinn ris a' bheinn theinntich neulaich, ged a rachadh an 
sathadh troimhe le sleagh ! Cha'n 'eil teagamh agam, 
nach tagair a' chuid is mò dhibhse a ta fathast ann an 
staid dhorch' an nàduir, nach 'eil sibh ciontach : Ach, 
cuimhnichibh, gun robh na h-Iudhaich fheolmhor, ann 
an làithibh Chriosd, co earbsach, ribhse gun do chreid iad 
Maois, (Eoin ix. 28, 29,) ach tha esan a' cur an earbsa 
'na tosd, le innseadh dhoibh gu soilleir, "nan creideadh sibh 
Maois, chreideadh, sibh mise," Eoin v. 46. Nan creideadh sibh 
firinnean Dhè, cha bhiodh a dhanadas agaibh tair a dhean- 
amh mar a tha sibh a' deanamh, Airsan, is e'n fhìrinn 
fèin. Tha cheart eigin a ta sibh a' faotainn ann an co- 
aontachadh leis an fhirinn so, a' brath an neo-chreidimh 
a tha mi cur as 'ur leth. JSTach d' thàinig e co fad air 
aghaidh aig cuid anns an là so, as gu'n do chruadhaich iad 
an ceann-aoidhean le an-danadas agus le an-diadhachd, air 
chor as gu bheil iad gu follaiseach a' deanamh tair air 
na h-uile creidimh foillsichte ì Gu cinnteach is ann a 
pailteas a' chridhe a tha'm beoil a' labhairt. Ach ged 
nach 'eil sibhse a' togail 'ur guth an aghaidh nan neamha, 



61 

mar tlia iadsan a' deananih; tha cheart fhreurnh do neo- 
chreidimh anns na h-nile dhaoine, a thaohh naduir ; agus tha 
e a' rioghachadh annaibhse, agus rioghaichidh e, gus an dean 
cumhachd gràis 'ur n-inntinnean a thoirt an braighdeanas 
do chreidimh na fìrinn. A chuni dearbhadh a thoirt duibh 
air a' cheann so, thugaibh aire do na tri nithibh a leanas. 

1, Dearbhadh. Cia tearc iad a ta air am beannachadh 
le soillseachadh san taobh a stigh, le obair àraid spioraid 
Chriosd, a' tabhairt beachd dhoibh air fìrinnibh diadh- 
aidh 'nan dealradh spioradail agus neamhaidh? An 
d'fhoghluim sibhse firinnean a' chreidimh, a ta sibh ag 
aidmheil ì Tha iad agaibh a mhain le sochair foillseach- 
aidh o'n taobh a mach, agus o bhur foghlum ; air chor as 
gu'm bheil sibh 'nur Criosduidhean, a chiorin nach d'rugadh 
agus nach do theagaisgeadh sibh ann an dùthaich Phag- 
anach, ach ann an dùthaich Chriosduidh. Tha sibh 'nur 
coigrich do obair an Spiorad naoimh, o'n leth a stigh a' 
togail fianuis air an fhocal, agus leis an fhocal ann bhur 
cridheachan ; agus mar sin cha'n urrainn duibh dearbhachd 
a' chreidimh a bhi agaibh, a tliaobh an fhoillseachaidh o'n 
taobh a mach a ta air a dheanamh anns an fhocal, 1 Cor. 
ii. 10, 11, 12. Agus tha sibh air an aobhar sin fathast 
'nur neo-chreidich. "Tha e scriobhta sna fàidhibh, Agus 
bithidh iad uile air an teagasg o Dhia. Gach nach uime 
sin a chuala agus a dh' fhoghluim o'n Athair, thig e a m' 
ionnsuidhse," ars ar Tighearna, Eoin vi. 46. A nis cha d' 
thàinig sibh a dh' ionnsuidh Chriosd ; air an aobhar sin cha 
robh sibh air bhur teagasg o Dhia. Cha robh sibh mar 
sin air bhur teagasg, agus uime sin, cha d' thàinig sibh ; 
cha'n 'eil sibh a' creidsinn. Faicibh am foillseachadh o'm 
bheil eadhon creidimh ceud-thoiseach teagaisg a' sruth- 
adh, Mata xvi. 16, 17. "Is tusa Criosd, Mac an Dè 
bheò. Is beannaichte thusa, a Shimoin Bhar Iona ; oir 
cha d'fhoillsich fuil agus feoil sin duitse, ach m' Athair-sa 
a ta air nèamh." Ma bheanas Spiorad an Tighearna gu 
bràth riutsa, a dh' oibreachadh annad a' chreidimh sin a 
ta do oibreachadh Dhè ; feudaidh e bith gu'm bi urrad 
aimsir air a caitheadh ann an tilgeadh sios na seann steigh 
as a bheir ort a thuigsinn am mòr-fhemn a ta air oibreach- 
adh a threin-neirt, agus gu d' neartachadh gu creidsinn a' 
cheart cheud-thoiseach teagaisg, a ta thu a nis a' smuain- 
eachadh, anns nach 'eil thu a' cur teagamh, Ephes. ii. 19. 



62 

2. Dearbhadh. Cia iomadh luchd-aidmlieil a rinn long- 
bhriseadh d' an creidimh, (a leithid 'sa bha e,) an àm buair- 
idh agus dèuchainn ! Faic mar thuiteas iad mar reultan 
o neamh, an uair a tha'n t-Ana-criosduidh a' buadhach- 
adh ! 1 Tesa. ii. 11, 12. "Cuiridh Dia treun oibreachadh 
meallaidh d' an ionnsuidh, ionnus gu'n creid iad a' bhrèug ; 
chum gu'm bi iad uile air an dìteadh, nach do chreid an 
fhìrinn." Tuitidh iad ann am meallaidhean damnuidh, a 
chionn nach do chreid iad riamh an fhirinn, ge do shaoil iad 
fèin agus daoin' eile mar an ceudna, gu'n do chreid iad i. 
Tha 'n tigh sin air a thogail air a' ghaineamh, agus tha'n 
creidimh sin air droch stèigh, nach giùlain a niach, ach a ta 
gu h-uile air a thilgeadh sios, 'nuair a thig an doinionn. 

3. Dearbhadh. Tabhair fa'near co neo-fhreagarach is 
a ta caithe-beatha a' chuid is mo do dhaoine, ris a' chreid- 
imh a ta iad ag aidmheil : Feudaidh tu an àird an ear 
agus an àird an iar a thoirt cuideachd co luath 'sa bheir 
thu an aidmheil agus an cleachdan-sa euideachd. Tha 
daoine a' creidsinn, gu'n loisg an teine iad ; agus air an 
aobhar sin cha tilg siad iad f èin ann : Ach is fior, gu'm 
bheil a' chuid is mò do dhaoine ag caitheamh am beatha, 
mar gu'n smuainicheadh iad nach 'eil an soisgeul ach 
mar sgeula faoin, agus nach 'eil ann am fearg Dlie 
air a foillseachadh 'na fhocal, an aghaidh an neo-fhireant- 
achd agus am mi-dhiadhachd, ach ni a mhàin a chur eag- 
ail orra. Ma tha sibh a' creidsinn teagasg an fhocail, cionn- 
us a tha e tachairt g'um bheil sibh co neo-churamach 
mu staid bhur n-anama am fianuis an Tighearna. Cionn- 
us a tha e tachairt gu'm bheil sibh co-beag cùram mu'n 
phuinc chudthromaich sin, Co dhiubh a tha no nach 'eil 
sibh air bhur breth a rìs. Tha mòran a' caitheamh am 
beatha mar a rugadh iad, agus tha iad cosmhuil ri basach- 
adh mar tha iad a' caitheamh am beatha, agus gidheadh 
tha iad beo ann an sìth ! Am bheil iadsan a' creidsinn 
peacaidh agus truaighe na staid nàduir 1 Am bheil iad a' 
creidsinn gu'm bheil iad 'nan cloinn f eirge ? Am bheil iad 
a' creidsinn nach 'eil slainte as eugmhais ath-ghineamhuin ; 
agus nach 'eil ath-ghineamhuin ann, ach sin a ta deanamh 
duine 'na chreutair nuadh ì Ma tha sibh a' creidsinn geall- 
anna an fhocail, c'arson nach 'eil sibh a' gabhail riu, agus 
a' ^aoithreachadh gu dol a steach do'n fhois a th' air a 



63 

gealltuimi 1 Co 'n lundaire nach eladhaicheadh air son 
ionmhais fliolaichte nan creideadh e da rìreadh gu'm faigh- 
eadh se e 1 Oibrichidh daoine le fallas an gruaidh air son 
loin, do bhrigh gu bheil iad a' creidsinn, le sin a dheanamh, 
gu'm faigh iad e ; gidheadh cha dean iad saothar iomch- 
uidh air son an trom chudthrom shiorruidh do ghlòir ! 
C'arson, ach clo bhrìgh nach 'eil iad a creidsinn focail a 
glieallaidh? Eabh. iv. 1, 2. Ma tha sibh a' creidsinn 
nam bagraidhean, cionnus a tha sibh a' caitheadh bhur 
beatha 'nur peacannaibh, a' caitheadh bhur beatha mach 
à Criosd, agus gidheadh duil agaibh ri tròcair ì Am bheil 
an leithide sin a' creidsinn gu'r e Dia an t-on naomh 
agas ceart, nach saor air sheol sam bith an ciontach'? 
Cha'n 'eil, cha'n 'eil ; cha'n 'eil a h-aon a' creidsinn : " cha 
mhor gu bheil aon a' creidsinn, cia co ceart an Dia 'sa tha'n 
Tighearn, agus cia co garg is a ni e dioghaltas ! " 

Sa' chuigeadh àite, Tha ann an inntinn an duine claon- 
adh nadurra gu breugan agus mealltaireachd ; a tha treor- 
achadh gu comhnadh le ana-miannaibh ; " tha iad a' dol 
air seacharan o'm breith a' labhairt bhreug," Salm lviii. 3. 
Tha so againn, maille ris a' chuid eile do thruaillidheachd 
ar naduir o ar ceud pharantaibh. Dh' fhoillsich Dia an 
fhìrinn dhoibh, ach tre mealltaireachd a' bhuaraclair chuir 
iad an teagamh air tùr i, an dèigh sin mhi-chreid iad i, 
agus ghabh iad ri breig an àite na fìrinn. Agus mar 
dhearbhadh cinnteach air so, feudaidh sinn a' cheud earrann 
sin do chreud an diabhuil fhaicinn, " Gu cinnteach cha'n 
fhaigh sibh bàs," (Gen. iii. 4.) ni a bha air a sparraclh leis 
air ar ceud pharantaibh, agus ris an do ghabh iad ; agus ris 
an do ghabh an sliochd gu nadurra, agus a chumas iad 
daingean, gus an èignich solus o neamh iad gu dealachadh 
ris. Tha e ga sgaoileadh fèin tre chaitheamh beatha 
dhaoine nadurra, a tha, gus am bi an coguisean air an 
clusgadh, a' siubhal a rèir an ana-mianna fèin; do ghnàth 
a' gleidheadh an ceud phuinc, "Nach fhaigh iacl gu cinn- 
teach bàs." Agus tha so gu tric air a chleachdadh gu leithid 
a dh' àirde is gur urrainn an duine a radh os cearm a mhall- 
achd a chaidh a bhagradh, "Bithidh sìth agam, ged 
ghluais mi ann an an-miann mo chridhe fèin, a chur misge 
ri pathadh ! " Deut. xxix. 1 9. Ciod sam bith barrachd 
a th' aig firinnean Dhè os ceann mearachd a thaobh 
foghluim, no air sheol sam bith eile ; tha bhuaidh so do 



64 

ghnath aig mearachd air an duine nadurra an aghaidh 
na firinn, eadhon gu'm bheil ni-eigin an taobh a stigh 
dheth, a ta 'g ràdh, nach robh e fior ! air chor as gu 
bheil an inntinn reidh ri co-aontachadh leis. Agus is e so 
an t-aobhar. Gur e'ni fior-theagasg, "an teagasg a ta a 
reir na diadhachd," Tit. i. 1. Is e mearachd an teagaisg a 
ta a rèir mi-dhiadhachd : oir cha'n 'eil uair sam bith 
mearachd anns an inntinn, no mi-fhireantachd air a 
sgaoileadh anns an t-saoghal, a thaobh a' chreidimh, aig 
nach 'eil daimh ri aon truaillidheachcl, no truaillidheachd 
eile sa' chridhe, a rèir mar tha'n t-abstol ag ràdh, 2 Tesa. 
ii 12. "Cha do chreid iad an fhirinn, ach bha tlachd 
aca anns an eucoir." Air chor as mar nach ann air an aon 
doigh a ghabhar ri fìrinn agus mearachd, mar sin gu'm 
bheil aig mearachd toiseach air a bhi air a gabhail ann 
an inntinnibh dhaoine 'nan staid nadur. Air an aobhar 
sin cha'n iongantach, ged tha daoine a' cur cul ri fìrinnibh 
soilleir agus orduighean follaiseach an t-soisgeil, agus a' 
gabhail gu h-eallamh ri mearachd agus ri sgeimh mhaiseach 
o'n taobh a mach ann an nithibh a' chreidimh ; do bhrigh 
gu bheiliad sin co taitneach do ana-miannaibh a' chridhe, 
agus do dhiomhanas inntinn an duine nadurra. Agus is 
ann uaith so mar an ceudna tha e tachairt, gu bheil co 
lionar a' gabhail ri teagasg Dia-aicheadh ; oir cha'n 'eil a 
h-aon ga dheanamh sin ach ann an co-aontachadh ri'n ana- 
miannaibh neo-cheannsaichte, cha'n 'eil a h-aon, ach iadsan 
d' am bitheadh e 'na shochair nach robh Dia anm 

San àite mu dheireadh, Tha'n duine gu nadurra ard-innt- 
inneaeh : Oir, an uair a tha'n soisgeul a' teachd le cumhachd 
d'a ionnsuidh, "tha e air a ghnathachadh ann an tilgeadh 
sios reusonachaidh, agus gach ni àrd a dh' àrdaicheas e fèin 
an aghaidh eolais Dè," 2 Cor. x. 6. Cha'n ann an lios nad- 
uir a tha blàth na h-iriosalachd inntinn a' fas ; ach tha e air 
a phlanndachadh le meur Dhe, ann an cridhe nuadhaichte ; 
agus tha e air fhoghlum o'n Iosa mhacanta. Is nadurra do 
dhuine, smuaineachadh gu h-àrd uime fèin, agus mu na nithe 
is leis fèin ; oir thug am buille a f huair e leis an leagadh seal- 
ladh mearachdach dha; leis am bheil taisbeanadh mu'n 
cuairt dha cnuic mar bheanntaibh ; agus leis am bheil 
mìltean do mhaisealachda faileasach 'gan taisbeanadh fèin 
d'a bharail mhearachdaich ! " B' àill leis an duine fholamh a 
bhi glic " (is ann mar sin a ta e g'a mheas fèin, agus is ann 



65 

mar sin bu mhaith leis meas a bhi aig daoine eile air,) 
"ged is ann mar loth asail fhiadhaich a bheirear duine," Iob 
xi. 12. Tha shlighe ceart a chionn gu'r i a shlighe fèin i : 
oir "Tha uile shlighean duine ceart 'na shùilibh fèin, Gnath- 
fhocail xxi. 2. Tha 'staid gu maith, do bhrigh nach aithne 
dha na's fearr; "tha e as eugmhais an lagha," Eom. vii. 9. 
agus uime sin tha 'dhòchas laidir, agus earbsa daingean. Is 
tùr Bhabeil eile e air a thogail an aghaidh nèimh ; agus 
cha tuit e co f had agus is urrainn cumhachd an dorchadais 
a chumail suas. Tha'm focal a' cur seisdeadh ris, gidh- 
eadh tha e seasamh ; tha bearnan air uairibh air an dean- 
amh air, ach tha iad gu luath air an caradh. Aig uair 
eile tha e uile air a chreathnachadh ; ach tha e fathast a' 
cumail suas : gus an aon chuid an dean Dia fèm le spiorad 
crith-chridhe a thogail an taobh a stigh do'n duine, a 
ta 'ga thilgeadh a sios, agus nach eil a' fagail clach air 
muin cloiche, (2 Cor. x. 4, 5.) no gus an tilg am bàs 
sios e, agus an tilg e a bhunaite bun os ceann, Luc. xvi. 23. 
Agus mar a tha aig an duine nadurra smuainte àrd uime 
fèin, mar sin tha smuainte suarach aige mu Dhia, ciod 
sam bith mar tha e 'g aideachadh, Salm 1. 21. "Shaoil thu 
gu robh mise gu tur mar thu fèin." Tha teagasg an t-soisg- 
eil, agus diomhaireachd Chriosd 'nan amaideachd dha; 
agus 'na chaithe-beatha tha e 'gan gnathachadh mar sin, 
1 Cor. i. 18. agus ii. 14. Bheir e focal, agus oibre 
Dhè, ann an riaghladh an t-saoghail, an lathair caithir a 
reusoin f heolmhoir fèin ; agus ann an sin tha iad gu 
h-an-dana air am masluchadh agus air an dìteadh, Hos. xiv. 
9. Tha ceannsachadh gnathaichte an fhreasdail air uair- 
ibh air a thoirt dheth, agus tha comas air a thoirt do 
Shatan an inntinn f heolmhor a bhrosnachadh ; agus anns 
an staid sin, tha e cosmhuil ri nead seangain, air a rusg- 
adh agus air a chur troimhe cheile ; tha amharusan, aich- 
eadhan, agus reasonachadh ifrionnach a' domhlachadh 
ann, agus cha'n urrainn iad a bhi air an cur a thaoibh le aon 
reuson a dh' f heudar a thoirt 'nan aghaidh, gus an tarruing 
cumhachd do'n àird an inntinn, agus gus an ceannsaichear 
ceanairc nam mearachdan truaillidh. An urrad so mu thruaill- 
idheachd na tuigse ; ni ged nach d' innseadh a leth a dh' 
f heudas a nochdadh dhuibh am fìor-fheum a ta air gràs na 
h-ath-ghineamhuin. Thoir a nis mar ainm air an tuigse 
Ichabod ; oir dh' f halbh a' ghloir uaipe. Smuainichibh air 

E 



66 

so, sibhse a ta fathast ann an staid nàduir, agus caoidhibh 
bhur co am fianuis an Tighearna, chum gun èirich grian 
na fireantachd oirbh, mu'm bi sibh air bhur glasadh suas 
ann an dorchadas siorruidh. Ciod am feum a ta 'nur 
gliocas saoghalta % Ciod an tairbh a ta 'nur n-aidmheil air 
a' chreidimh am feadh a ta 'ur tuigse fìllte suas 'na dorch- 
adas agus 'na h-aimhreite nadurra, gu tur as eugmhais so- 
luis na beatha'? Ciod air bith gibhtean no airde gus an 
d'rainig an duine nadurra, (is èigin duinn mar ann an staid 
an duine aig an robh an luibhre, Lebhit. xiii. 44.) a 
ghairm neo-ghlan gu h-iomlan, tha phlàigh 'na cheann. Ach 
cha'n e so uile, tha i 'na chridhe mar an ceudna; tha 
'thoil air a truailleadh, mar a nochdas mi air ball. 

MU THRUAILLIDHEACHD NA TOILE. 

Tha'n toil an t-ard cheutfadh sin, (a bha aon uair firinn- 
each agus fuidh riaghladh Dhè,) a nis air fàs 'na brath- 
adair, agus tha i air a riaghladh leis agus air a shon ! 
shuidhich Dia i anns an duine, gu h-iomlan 'na siol ceart ; 
ach tha i nis air caochladh 'na geig chrionaich na fìonain 
coimhich ! Bha i, air tùs, air a suidheachadh ann an umh- 
lachd iomchuidh do thoil Dhè : mar a nochd sinn roimhe : 
ach tha i nis gu h-iomlan air dol a thaoibh. Ciod sam 
bith mar a tha cuid ag àrdachadh cumhachd saor thoil, 
bheireadh sealladh do spioradalachd an Lagha, (do nach 
freagair air doigh sam bith cleachdanna deadh bhèusan,) 
agus beachd domhain air truaillidheachd naduir air a 
thabhairt le oibreachadh spioraid Dhè air an taobh a stigh 
a' toirt mothachaidh mu pheacadh, mu fhìreantachd agus 
breitheanas, air daoine gu mothaicheadh iad am fior-f heum 
air cumhachd saor ghràis, a dh' atharrachadh cuibhrichean 
na h-eucorach o'n t-saor-thoil. A churn plàigh so a' chridhe 
f hosgladh suas, bheir mi fa'near na nithe a leanas. 

Air tùs, Tha anns an toil neo-nuadhaichte, neo-chomas 
iomlan air an ni sin a ta maith agus taitneach ann am 
fianuis Dhè a clheanamh. Tha toil an duine nàdurra ann 
an gèimhlichibh Shatain; air a glasadh a stigh, agus air 
a cuairteachadh le h-olc, agus cha'n urrainn ì gluasad a mach 
à sin, ni's mò na's urrainn duine marbh e fèin a thogail 
as 'uaigh, Eph. ii. 1. Cha'n 'eil sinn ag àicheadh dha 
comas roghainn a deanamh, agus a bhi leantuinn, agus 
a' gnathachadh, ann ni a ta niaith, ach, ged is urrainn e 



67 

toil a bhi aige anns an ni sin a ta maith, cha'n urrainn e 
toil cheart agus mhaith a bhi aige. Eoin xv. 5. As 
m' eugmhais-sa, (sin ri ràdh dealaichte uamsa, mar gheig o'n 
stoc, mar tha'm focal agus am bonn-teagaisg a' ciallach- 
adh) cha'n urrainn sibh aon ni a dheanamh, eadhon aon ni a 
ta da rireadh gu spioradail maith. Tlia cheart roghainn agus 
iarrtuis an dèigh nithe spioraclail, fèolmhor agus fèineil, 
Eoin vi. 26. " A ta sibh ga m' iarraidh, a chionn gu'n d' ith 
sibh do na builinnibh, agus gu'n do shàsaicheadh sibh." 
Cha'n e mhàin nach tig e dh' ionnsuidh Chriosd, ach cha'n 
urrainn e teachd, Eoin vi. 44. Agus ciod an ni taitneach 
is urrainn neach a dheanamh do Dhia, nach 'eil a' creidsinn 
annsan a chuir an t-Athair uaithe? A dhearbhadh an 
neo-chomais so air maith a dheanamh, leis a' mhuinntir 
neo-iompaichte, thugaibh fa'near an dà ni a leanas. 

1. Dearhhadh. Cia tric a tha'n solus a' dealradh mu 
choinneamh dhaoine, air chor as nach urrainn iad gun am 
maith fhaicinn bu choir dhoibh a roghnachadh, agus 
an t-olc bu choir dhoibh a threigsinn; agus gidheadh cha 
mhò tha do chumhachd aig an cridheachan gu gabhail ris 
an t-solus sin, na ged a bhiodh iad air an glacadh le laimh 
neo-f haicsinnich 1 Tha iad a' faicinn an ni a ta ceart, 
agus gidheadh tha iad a' leantuinn, agus cha'n urrainn iad 
gun bhi leantuinn, an ni a ta mearachdach % Tha'n cog- 
aisean ag innseadh dhoibh na slighe cheirt, agus mar an 
ceudna ag aontachadh rithe ; gidheadh cha'n urrainn an 
toil a bhi air a toirt d'a h-ionnsuidh : tha'n truaillidheachd 
g'an ceangal, air chor as nach urrainn iad gabhail rithe ; 
mar sin tha iad ag osnaich, agus a dol air an ais, an 
ceart aghaidh an soluis. Agus mur an mar so tha 
chùis, cionnus a ta e tachairt gu bheil am focal, agus 
slighe na naomhachd a' faotainn a leithid a dh' aoidheachd 
anns an t-saoghal % Cionnus a ta e tachairt nach 'eil argum- 
aidean agus reusain air taobh na diadhachd agus na beatha 
naomha, a ta annta fèin, a' giulan a stigh eaclhon air an 
inntinn fheolmhor a' tarruing dhaoine gus an taobh sin 1 ? 
Ged nach biodh ann ach barail, mu bhith neamha agus 
ifrinn, bu leoir e thoirt air an toil roghainn e dheanamh do 
shlighe na naomhachd, nam biodh i comasach air an rogh- 
ainn sin a dheanamh le reusan a mhàin : ach " Daoine d' an 
aithne ceartas Dè, (gu bheil iadsan a ni an leithide sin 
toillteanach air bàs ; ) gidheadh ni h-e mhàin gu bheil iacl 



68 

fèin 'gan deanamh, ach a ta mar an ceudna tlachd aca do'n 
mhuinntir a ni iad." Eom. i. 32. Agus cionnus a tha 
e tachairt, nach 'eil iadsan a ta 'g àrdachadh cumhachd 
na saor-thoil, a' dearbhadh am harail am fìanuis an 
t-saoghail, le eiseimpleir fhollaiseach, 'nan cleachdain co-mòr 
os ceann chaich ann an naomhachd, as a tha'm harail mu'n 
cumhachd nàdurra os ceann chaich ? No, am bheil a' 
bharail so air a cumail a mhain a chum ana-mianna a 
dhion, a dh' fheudas daoine ghleidheadh co fhad 's as àill 
leo ; agus an nair nach 'eil tuilleadh feum ac' orra, is urr- 
ainn an tilgeadh dhiubh ann am mìonaid, agus leum a mach 
à h-uchd Dhelilah gu h-uchd Abrahaim ì Ciod air bith 
feum a tha cuid a 'deanamh do'n bharail sin, tha i innte 
fèin, agus 'na nadur fèin, a' tilgeadh sgaile farsuinn mar 
clhion airson aingidheachd cridhe agus beatha. Agus feudar 
a thabhairt fa'near gu bheil a' chuid mhòr do luchd èisd- 
eachd an t-soisgeil, do gach seorsa, air an sàruchadh 
leatha ; oir is frèumh seirbhe i, a ta nadurra do na h-uile 
dhaoine. Is ann uaithe sin a ta sruthadh co beag curam 
mu staid shiorruidh an anama ; choimhlion dail agus cuir 
seachad anns a' ghnothuch chudthromach sin, leis am bheil 
mòran obair air fhagail gun deanamh le cuid gu leabaidh 
bàis ; am feadh 's a ta cuid eile air an sgrios le giùlan 
laghail, agus aineolas mu bheatha a' chreidimh, agus gun a 
bhi deanamh feum do Chriosd air son naomhachd ; agus 
so uile a' sruthadh o bheachd mu chumhachd naduir. Is 
co taitneach a tha'n ni so do'n nadur thruaillidh. 

2. Dearbhadh. Labhradh agus innseadh iadsan aig au 
robh an lagh le cumhachd spioraid an daorsa, air a chur 
mu'n comhair 'na spioradalachd, a chum mothachadh a 
thoirt dhoibh, ma fhuair iadsan iad fein comasach air an 
cridheachan aomadh g'a ionnsuidh anns an staid sin ; cha 
d' fhuair, oir, mar is mò a dhealraich an solus sin 'nan 
anamaibh, 'san is mò agus is mò a fhuair iad an cridheachan 
neo-chomasach air co-aontachadh leis. Tha cuid a ta air 
an tabhairt gu àite briseadh a mach, a tha fathast ann an 
camp an diabhuil, is urrainn innseadh o'm fiosrachadh, 
nach urrainn solus air a leigeil air an inntinn beatha thabh- 
airt do'n toil, gu a neartachadh gu gabhail ris ; agus 
b' urrainn iad an teisteas a chur ris an ni so, nam b'àill leo. 
Ach gabhaidh teisteas Phauil d'a thaobh so, a blia fada o 
chreidsinn 'na staid neo-iompaichte cia cho neo-chomasach a 



69 

bha e air maith a dheanamh, ach dh' iunnsaich so e le fios- 
rachadh, Rom. vii. 9 — 12. Tha mi 'g aideachadh, gu'm feud 
seora graidh a bhi aig an duine nadurra do'n lagh ; ach 
'sann an so a tha cudthrom na cùise, tha 'g amharc air 
an lagh naomh, ann an deise fheolmhoir; agus mar sin 
am feadh 's a ta e 'g altrum creutair d'a dheanadas fèin, 
tha e smuaineachadh gu bheil an lagh aige ; ach, tha e da 
rìreadh as eugrahais an lagha oir fathast cha'n 'eil e faic- 
inn an lagh 'na spioradalachd. Nam faiceadh e mar sin 
e, chitheadh se e calg dhireach an aghaidh a nàduir fèin; 
agus nach b' urrainn a thoil gabhail ris, gus am biodh e 
air atharrachadh le cumhachd grais. 

San dara dite, Tha anns an toil neo-nuadhaichte, gràin 
do'n ni a ta maith. 'Se peacadh beatha an duine nàdurra ; 
tha e co doillich leis dealachadh ris, is a tha na h-iasga 
air teachd o'n uisge gu talamh tioram. Cha'n e mhàin 
nach urrainn e teachd a dh' ionnsuidh Chriosd, ach cha 
tig, e, Eoin v. 40. Tha e salach, agus is fuathach leis a 
bhi air a ghlanadh, Ier. xiii. 28. "Nach bi thu air do ghlan- 
adh 1 C'uin idir a bhitheas sin ? " Tha e tinn, ach tha fior- 
f huath aige do'n leigheas : tha leithid do ghràdh aige d'a 
thinneas, is gur fuathach leis an Leighich. Tha e ann 
am braighdeanas, na phriosanach, agus 'na thràill ; ach 
tha gradh aige d'a fhear-buaidh, d'a mhaor, agus d'a 
mhaighstir: tha speis aige d'a chuibhrichibh, d' a phrio- 
san, agus d'a thraillealachd. Mar dhearbhadh air a' ghràin 
so do mhaith, 'ann an toil an duine, bheir mi fa'near na 
nithe a leanas. 

1. Dearbhadh. Droch ghiùlan cloinne. Nach 'eil sinn 
'gam faicinn gu nadurra, speiseil mu shaorsa pheacach 1 ? 
Cia neo-thoileach a tha iad air a bhi f uidh uachdranachd % 
Cia cruaidh leo a bhi air am bacadh ì Is urrainn an saoghal 
teisteas a thabhairt, gu bheil iad mar dhaimh neo-chleachdta 
ris a' chuing : agus gur so-dheannta daimh og a thabhairt fuidh 
riaghladh, na iadsan a thabhairt fuidh cheannsachadh o shaorsa 
pheacach. Feudaidh na h-uile neach fhaicinn an so, mar 
ann an sgathan, bu bheil duine gu nadurra fiadhaich agus 
ceann-laidir, a reir mar a thug Sophar fa'near, Iob xi. 12. 
gu "bheil an duine a ta air a bhreth mar loth asail fhiadh- 
aich." Ciod tuilleadh is urrainn sinn a radh 1 Tha e mar 
loth ; loth na h-asail ; loth na h-asail f hiadhaich ! Ier. ii. 24. 
"Mar asail fhiadhaich cleachdta ri fasach, a thairngeas 'a 



70 

gliaoth suas 'na cuinneanaibh, ann an ciocras a n-anamaj 
an uair a thig a miann co a philleas i." 

2. Dearbhadh. Ciod an t-saothair agus an trioblaid 
a tha daoine gu tric a' faghail gu'n cridheachan a thabh- 
airt gu dleasdanais dhiadhaidh, agus nach mòr an t-uallach 
do'n chridhe fheolmhor mairsinn annta? Is cruadalach 
leis an saoghal fhagail ùine bheag, a chomhradh ri Dia. 
Cha'n 'eil e so-dheannta aimsir a ghabhail an iasachd o 
na moran do nithibh, gu a buileachadh air an aon ni feum- 
ail. Tha daoine gu tric a' dol a dh' ionnsuidh Dhè ann 
an dleasdanais, le'n aghaidh ris an t-saoghal ; agus an uair 
tba'n cuirp air beinn nan orduighean, gheibhear an cridh- 
eachan aig iochdar an t-sleibh, " a' dol an deigh an sainnt." 
Esec. xxxiii. 31. Tha iad ullamh air sgitheachadh do 
mhaith a dheanamh : oir cha'n 'eil dleasdanais naomha 
taitneach d'an nadur truaillidh. Thoir aire dhoibh aig 
an gnothuichte saoghalta ; cuir 'nan suidhe iad le'n cuid- 
eachd fheolmhoir; no leig leo a bhi deothal ciochan an 
ana-miann, tha'n aimsir an sin dhoibhsan ag itealach, agus 
a' ruith gu luath, air chor as gu'n deach i seachad mu'n d' 
thug iad fa'near. Ach cia trom a tha'n ùine a' tarruing, 
fhad 'sa tha urnuigh, searmoin, no sabaid a' mairsinn? 'Se 
là an Tighearn an là is faide do'n t-seachduin uile le mòr- 
an; agus air an aobhar sin, 's eigin doibh cadal ni's faide 
air a' mhaduinn, agus dol ni's luaithe d'an leabaidh air an 
oidche sin, na's gnàthach leo ; a chum is gu'm bi 'n là 
air a shìneadh gu tomhas iomchaidh : oir tha'n cridheachan 
ag radh an taobh a stigh dhiubh, " C'uin a theid an t-sàbaid 
seachad 1 " Amos viii. 5. 'Said uairean an aoraidh, na h- 
uairean is fhaide do'n là sin, uaith sin, 'nuair a tha 'n 
dleasdanais thairis, tha iad mar dhaoine f huair fuasgladh 
o'n uallach; agus an uair a tha'n t-searmoin air a crioch- 
nachadh, tha moran aig nach 'eil gràs no modh gu stad gus 
an teid am beannachadh a radh, ach, cosmhuil ris na h- 
ainmhidhean, tha'n ceann air falbh co luath 'sa chuireas 
aon a lamh 'g am fuasgladh : C'arson, ach a chionn, an 
uair a ta iad aig orduighean, gu'm bheil iad, mar Dhoeg, 
" air an cumail an làthair an Tighearna," 1 Sam. xxi. 7. 

3. Dearbhadh. Thoir fa'near mar tha toil an duine na- 
durra " ag eiridh suas an aghaidh an t-soluis," Iob xxiv. 13. 
Tha'n soluis air uairibh a' dol a stigh, a chionn nach 'eil e 
comasach air a chumail a mach : ach tha e 'gradhachadh 
dorchadais ni's mò na'n solus. Tha air uairibh, le neart 



71 

na fìrinn, dorns a mach na tnigse air a bhriseadh suas 
ach tha dorus a stigh na toil a' mairsinn dùinte. An sin 
tha ana-mianna ag èiridh an aghaidh soluis ; tha truaill- 
idheachd agus cogais a' gleachd, agus a' comhrag mar ann 
am blàr-comhraig ; gus am bheil truaillidheachd a' f aotainn 
làmh an uachdar, agus a' chogais air a h-eigneachadh gu dol 
air a h-ais ; tha mothachadh air peacadh air a mhort ; agus 
tha'n fhirinn air a deanamh agus air a cumail na priosanach 
air chor is nach 'eil i deanamh tuilleadh grabaidh. An uair 
a tha'm focal air a shearmonachadh, no air a leughadh, 
no a tha slat Dhè* air an duine nadurra, tha air uairibh 
mothachadh a' briseadh a stigh air, agns tha 'spiorad 
air a leon, ann an tomhas mòr no beag ; ach a chionn 
nach 'eil na mothachaidhean sin comasach air a leagail, 
tha e rnith air falbh leis na saighdean saithte 'na chogais ; 
agus mu dheireadh, air aon seol no seol eile, tha e ga'n 
spionadh a mach, agus tha e ga imlich fèin slan a rìs. 
Mar so, an uair a tha'n solus a' dealradh, air do dhaoine 
bhi gu nàdurra mi-speiseil uime, tha iad gu ceannairceach 
a' dunadh an sùilean ; gus am bheil Dia air a bhrosnuch- 
adh gu'n dalladh, agus gus am fàs iad ceann-laidir an agh- 
aidh an fhocail agus an aghaidh an fhreasdail mar an ceudna. 
Mar sin, rachadh iad far an àill leo, is urrainn iad snidhe 
socrach ; cha'n 'eil f ocal o neamh dhoibhsan, a tha dol ni's 
doimhne no d' an cluasan, Hos. iv. 17. " Tha Ephraim air 
a clhluth-cheangal ri 'iodholaibh, leig leis." 

4. Dearbhadh. Thugamaid fa'near mar a tha anama 
taghta a' cur an aghaidh spioraid an Tighearna, 'nuair a 
ta e ag oibreachadh, gu'n tabhairt o chumhachd Shatain 
gu Dia. Cha'n 'eil righ Shioin a' faotainn iochdrana ach 
le buille chlaidheimh, ann an là a chumhachd, Salm 
cx. 2, 3. • Cha tig neach d'a ionnsuidh, ach iadsan a 
ta air an tarruing le laimh Dhè, Eoin vi. 44. 'Nuair a 
tha'n Tighearn a teachd a dh' ionnsuidh an anama, tlia 
e faotainn an duine laidir a' gleidheadh an tighe, agus 
sìth dhomhain agus seasgaireachd an sin, an uair a tha'n 
t-anam 'na throm-chodal ann an gàirdeanaibh an diabhuil ! 
Ach, " is eigin gu'n toirear a' chreach o'n duine laidir, agus 
gu'n leigear a' chobhartach as." Uime sin, tha'n Tighearn 
a' dusgadh a' pheacaich, a' fosgladh a shùilean, agus 'ga 
bhualadh le h-uamhas, an uair a tha na neoil os a cheann, 
agus a tha claidheamh an dioghaltais air a chumail r'a 
uchd ! A nis cha bheag a shaothair gu aghaidh nihais- 



72 

each a chur air cridhc dorcha ; eagail a thilgeadh clheth 
ciil a chur riu, tionndadh a thaoibh o smuaineachadh air 
an teagasg mhi-thaitneach mu staid 'anama. Mar urrainn 
e mar sin e fèin a shaoradh uatha, tha reusan feolmhor air 
a ghairm a steach gu cuideachadh leis, agus ag radh cha'n 
'eil aobhar air son eagail; feudaidh gach ni a bhi gu 
maith fathast : agus ma tha esan gu h-olc, gu'm bhi mor- 
an gu h-olc. An uair a tha'm peacach air a chur a mach 
à so agus a' faicinn nach 'eil buannachd ann an dol do 
ifrinn le cuideachd, tha e cur roimhe a pheacanna a threig- 
sinn, ach cha'n urrainn e an tilgeadh dheth co luath; tha 
ùine gu leoir, agus ni se e an dèigh laimh. Tha 'chogais ag 
ràdh, " An diugh ma dh' eisdeas sibh r' a ghuth, na cruadh- 
aichibh bhur cridhe : ach tha esan ag eigheach am maireach a 
Thighearn ; am maireach a Thighearn ; agus, air ball a 
Thighearn ; gus nach 'eil air ball sin cosmhuil ri teachd gu 
bràth. Agus mar so tha e teachd iomad-uair o urnuighean 
agus aidmheilean, gun ni sam bith ach le uchd làn do 
mhothachaidhean ni's geire : oir cha'n 'eil an cridhe do 
ghnàth a' tilgeadh uaithe a ghreim mhilis, co luath 'sa 
tha'n aidmheil air a dheanamh leis a' bheul, Breith. x. 
10 — 16. Agus an uair a ta cogais a' toirt orra dealach- 
adh ri cuid do ana-miannaibh, tha cuid eile air an gleidh- 
eadh mar shùilean deas, agus làmhan deas ; agus tha seal- 
lanna doilghiosach 'nan deigh-san ris an do dhealaich iad : 
Mar bha maille ris na h-Israelich, a chuimhnich le cridh- 
eachan searbh an t-iasg a dh'ith iad gu pailt san Eiphit, 
Aireamh xi. 5. Ni h-eadh, an uair a tha e air a chur 
thuige, air chor as gur eigin da ràdh an làthair an Tigh- 
earna gu bheil e toileach dealachadh ri uile iodholaibh, 
bheir an cridhe a' bhreug do'n teangaidh ! Ann an aon 
fhocal, atharraichidh an t-anam anns an staid so o aon ni 
gu ni eile, (cosmhuil ri iasg leis an dubhan 'na ghiallaibh,) 
gus nach urrainn e tuilleadh a dheanamh ; agus gus an tig 
cumhachd a bheir air striochdadh, " mar an asail fhiadh- 
aich 'na mìos," Ier. iii. 14. 

San treas àite, Tha ann an toil an duine claonaidh nad- 
urra gu olc, agus aomadh oillteil gu peacadh ! Tha daoine 
gu nadurra " an ti air cul-sleamhnachadh o Dhia," Hos. ii. 7. 
" Tha iad a' tuiteam sios (mar tha'm focal a' ciallach- 
adh) gu cul-sleamhnachadh ; " eadhon mar bhalla aomta, 
a thuiteas gu làr gu h-obann, ann an tiota. Cuir naomh- 



73 

aclid agus beatha air an aon taobh, peacadh agus bàs air 
an taobh eile ; fàg an toil neo-nuadhaichte dhi f ein, roghn- 
aichidh i peacadh, agus diultaidh i naomhachd ! Cha'n 'eil 
ni's mò do theagamh ri chur air so, no gu'n ruith an t-uisge 
a sios a dhoirtear air bràigh cnuic, agus cha'n ann a suas ; 
no, gu'n teid an lasair a suas, agus cha'n ann a sios. 

1. Dearbhadh. Nach e rathad an uilc a' cheud rathad anns 
am bheil clann nan daoine ag imeachd 1 Nach 'eil e soilleir 
gu'm bheil an iarrtuis ag aomadh gus an taobh chlì, an uair 
nach 'eil do sheoltachd aca na dh'fholaicheas e 1 Ann an 
ceud fhosgladh air sùilean duinn anns an t-saoghal, tha seall- 
adh fiar againn gu ifrinn, cha'n ann gu neamh ! Co luath 'sa 
dh' aithnichear gur creutairean rèusanta sinn, aithnichear gur 
crèutairean peacach sinn, Salm lvii. 3. " Tha na h-aingidh a 
claonadh o'n bhroinn; tha iad a' dol air seacharan o'm breith a' 
labhairt bhreug." Sean. xxii. 15. "Tha amaideachd ceang- 
ailte ann an cridhe leinibh ; ach cuiridh slat an smachdachaidh 
fad uaithe i." Tha amaideachd ceangailte anns a' chridhe, 
tha i fillte 'nar dearbh nadur. Cha'n fhuasgail an t-snaim; 
's eigin a briseadh as a cheile le buillibh. Cha dean briathr- 
an an gnothuch, 's èigin an t-slat a ghabhail gu fogradh 
air falbh : agus mur bi i air a fogradh fad air falbh, 
coinnichidh agus ceanglaidh i fèin agus an cridhe a rìs r'a 
cheile. Cha dean an t-slat dhi fèin so ; oir tha fiosrach- 
adh goirt mhoran pharantan a' dearbhadh nach dean : agus 
Solamh fèin, ag innseadh dhuibh, Gnath-fhoc. xxvii. 22. 
" Ged phronn thu amadan ann an soitheach pronnaidh 
am measg cruithneachd Ie bruthadair, cha dealaich 'amaid- 
eachd ris." Tha i cho ceangailte 'na chridhe. Ach is 
aon do orduighean T>è an t-slat air a h-orduchadh a chum 
na crìche sin ; a tha cosmhuil ris an f hocal air a deanamh 
èifeachdach leis an Spiorad ann an co-chuideachd orduigh 
fèin. Agus tha so mar an ceudna, a' nochdadh, gu'm 
bheil feum aig parantaibh a bhi a' smachdachadh an 
cloinne, an tus an nàdur buaireasach fèin a cheannsach- 
adh ; agus amharc air mar ghnothuch mor-chudthromach ! 
a' dol mu'n cuairt da, le mor-earbsa air an Tighearna ; 
agus a bhi 'ga leantuinn" le urnuigh, a chum gu'm biodh e 
air a bheannachadh, nam b'àill leo e bhi eifeachdach. 

2. Dearbhadh. Cia ullamh a tha daoine air a bhi air an 
toirt a thaoibh gu peacadh ! A' chlann nach 'eil f urasd a lub- 
adh gu maith, tha iad air dhoigh eile baoghalta so-lubta ; 



74 

iadsan nach urrainn a bhi air an tarruing leis an fhocal 
gu naomhachd, tha iad "air an treorachadh le Satan aig a 
thoil ! " Bha Esau mi-naomh, an duine seolta sin, (Gen. 
xxv. 27.) co furasd air a chur as a' bheannachadh le 
foill, agus ged a b' amadan no duine gun seadh e ! mar is 
nàdurra tha ni sam bith, 's ann is so-dheanta e : Mar sin 
tha cuing Chriosd so-iomchar do na naoimh, mar a tha 
iad 'nan luchd co-pairt do nadur dhiadhaidh, agus tha peac- 
adh so-dheanta leis an dhuine neo-neudhaichte ; ach, tha 
maith fhoghlum, co do-dheanta, 'sa tha e do'n Etiopach a 
chraicionn a mhuthadh ; a chionn gu bheil an toil, gu nad- 
urra a' claonadh gu h-olc ; ach tha i an aghaidh a' mhaith. 
Is urrainn leanabh a thoirt air ni cruinn ruith, an uair 
nach urrainn e ni ceithir-oisneach do'n cheart chudthrom 
a charuchadh; oir gluaisidh an ni a's lugha e, do bhrigh 
gu bheil e cruinn; is ann mar sin a gheibh daoine an 
cridhe so-aomta gu peacadh, an uair a ta e mar chud- 
throm marbh ann an slighe na naomhachd : 'se is aobhar 
da so, suidheachadh agus claonadh nadurra a' chridhe, 
leis am bheil e ag aomadh agus a' lubadh gu h-olc. 
Nam biodh toil an duine gu nadurra, mar mheidh, 
cothromach gu maith agus olc, ghabhta ris an dara ni 
co luath is ris an ni eile ; ach tha fiosrachadh a' dearbh- 
adh, nach ann mar sin a tha chùis. Ann an eachdraidh 
naomh nan Israelach, gu h-araidh ann an leabhar nam 
breitheamhna cia tric a chi sinn iad a' treigsinn an Tigh- 
earn, an Dia cumhachdach ! agus ann an deigh air iodh- 
olaibh nan cinneach a bha mu'n timchioll'? Ach an do 
ghabh aon do na cinnich sin riarnh tlachd ann an Dia Israeil, 
agus an do thrèig iad an iodholan fein? Cha do ghabh 
idir, ged tha'n duine gu nàdurra air a thoirt do chaoch- 
laidhean, cha'n 'eil e ach o olc gu h-olc ; cha'n ann o olc 
gu maith, Ier. ii. 10, 11. "An do chaochail cinneach 
an dèe, eadhon iad sin nach robh nan dèe 1 Ach chaochail 
mo shluagh-sa an glòir air son ni gun bhuannachd." Gu 
cinnteach cha'n 'eil toil an duine mar mheidh chothromach, 
ach tha aomadh innte dh' ionnsuidh an taoibh dhochair. 

3. Dearbhadh. Tabhair fa'near mar a tha daoine a 
ghnàth a' dol air an aghaidh ann an slighe a' pheacaidh, gus 
an teid stad a chur orra, agus sin le laimh eile 's cha'n ann 
le'n laimh f ein ; Isa. lvii. 17. "Dh' fholaich mi mo ghnùis, 
agus dh' imich e roimhe gu fìar, air slighe a chridhe fèin." 



75 

Ma bheir Dia air falbh a lanih-bhacaidh, agus gu'm fàg e 
an t-srian air muineal a' pheacaich, cha'n 'eil e 'n teagamh 
ciod an t-slighe a raghnaicheas e ; oir (thoir fa'near) 'si 
slighe a' pheacaidh, slighe a chridhe; tha 'chridhe gu nà- 
durra ag aomadh an rathad sin ; tha claonadh nàdurra ann 
gu peacadh. Co fhad as a leigeas Dia leo, imichidh iad 
'nan slighe fèm, Gniomh. xiv. 16. Tha'n duine nàdurra co 
daingean 'na roghainn bhronach fèm, is nach ruigear a leas 
tuilleadh gu f heuchainn gu bheil e as o shlighibh Dhè, ach 
innseadh gu bheil e air a shlighibh fèin. 

4. Dearbhadh. Ciod sam bith drùthadh a tha nithe Dhè 
a' deanamh cha mhair iad. Ged tha 'chridhe daingean mar 
chloich, seadh ni's cruaidhe no a' chlach-mhuillinn iochdar- 
ach, ann an gabhail riu; tha e air an doigh eile neo- 
sheasmhach mar uisge, agus cha'n urrainn e an gleidheadh : 
tha 'chridhe a' deanamh spairn an aghaidh gabhail riu; 
agus an uair a ta iad a' druthadh air tha e gam fuadach air 
falbh, agus a' pilleadh a dh' ionnsuidh a chlaonadh nàdurra, 
Hos. vi. 4. " Tha bhur maitheas mar nèul maiclne, agus 
mar an drùchd mhoch, a shiubhlas air falbh." Tha neul 
na maidne a' gealltainn fras mhaith, ach an uair a dh' èireas 
a' ghrian caithidh e as ; tha 'ghrian a'. teachd air an druchd 
mhoch, agus tha e a' tiormachadh as : mar sin tha'n treabh- 
aiche a' call a dhochais. Ts amhluidh maitheas an duine 
nàdurra : bheir àmhghar, geur-eigin, no diteadh goirt cog- 
ais air ann an cuid tionndadh o dhroch shlighe ; ach do 
bhrìgh nach 'eil a thoil air a h-ath-nuadhachadh, tha slighe 
na diadhachd fathast an aghaidh a ghnè; agus, uime sin, 
tha so a' falbh a rìs, Salm lxxviii. 24, 36, 37. Ged a dh' 
fhanas clach a thilgear san adhar an sin ùine ro-bheag, 
gidheadh bheir a cudthrom fèin a nuas i dh'ionnsuidh na 
talmhainn a rls ; agus is ann mar sin a tha daoine neo- 
nuadhaichte a' pilleadh a chum an aonairt san lathaich ; a 
chionn ged a bha iad air an ionnlaid, gidheadh nach robh an 
nadur mucail air atharrachadh. Is doilich a thoirt air fiodh 
fliuch teine ghabhail, is doilich a thoirt air an teine chumail ; 
ach is cruaidhe na aon diubh sin, a thoirt air an toil neo- 
nuadhaichte am maith a fhuaradh a ghleidheaclh ; ni a ta 
'na dhearbhadh soillear air a chlaonadh nàdurra a tha san 
toil a chum uilc. 

A dearbhadh mu dheireadh, Am bheil na naoimh a nis a' 
deanamh seirbhis do'n Tighearn mar bu ghnàthach leo dhean- 



76 

amh do'n pheacadh 'nan staid neo-iompaichte 1 Fada uaithe, 
Rom. vi. 20. "An uair a bha sibh 'nur seirbhisich do'n 
pheacadh, bha sibh saor o'n f hìreantachd." Fhuair peacadh 
an t-seirbhis uile, agus cha do ghabh e f ear comh-pairt ; ach . 
a nis an uair a tha iad 'nan seirbhisich do Chriosd am bheil 
iad saor o'n pheacadh'? Cha'n 'eil, tha fathast cuid do 
ghniomharan an t-sean duine maille riu, a' nochdadh nach 
'eil e ach a' bàsachadh annta. Agus uaithe sin, tha'n 
cridheachan gu tric 'gam mealladh, agus tha iad a' sleamh- 
nachadh a thaoibh gu olc, " an uair a b' àill leo maith a 
dheanamh," Rom. vii. 21. Tha feum aca air faire, agus air 
an cridheachan a ghleidheadh leis gach uile dhìchioll : agus 
tha'm fiosrachadh brònach a' teagasg dhoibh, "An ti a 
dh' earbas as a chridhe fèin is amadan e," Gnath-fhocail 
xxviii. 26. Mu's ann mar so a ta e sa' chrann ur, cionnus a 
bhios e anns a' chrionnaich % 

Sa? cheathramh àite, Tha ann an toil an duine eas-uamh- 
lachd fìor-eusaonta, agus naimhdeas do Dhia fèin, agus d'a 
thoil naomh, Rom. viii. 7. "Tha'n inntinn fheolmhor 
'na naimhdeas an aghaidh Dhè' : oir cha'n 'eil i umhal do 
lagh Dhè is cha mhò a tha'n comas di bhi." Bha'n toil 
aon uair an àite Dhe anns an anam, air a' cur an sin a 
riaghladh air a shon ; ach tha i a nis, air a' cur suas 'na 
aghaidh. Nam b' àill leat a coslas fhaicinn, 'na staid nàd- 
urra, chi thu i an aghaidh toil Dhè. Ma tha 'm meas 
a ta air a chur mu choinneamh shùilean neach, ach air a 
thoirmeasg, is leòir sin a tharruing a chridhe as a dhèigh. 
Bheir mi eisempleir uime so, mu pheacadh mionnachaidh 
agus mallachaidh mi-naomh ; d' am bheil cuid air an toirt 
thairis co mòr as gu'm bheiì iad a' deanamh uaill annta : 
a' bruchdadh a mach mionnan agus mallachadh uamh- 
asach, mar gu'm biodh ifrinn a' fosgladh le fosgladh am 
beoil, no ag atadh an cainnte le mionnaibh ioganach, mar 
air m' ana?n, mo chreidimh, agus an leithide sin ; agus so uile, 
gun bhrosnachadh sam bith, ged nach 'eil eadhon sin 'na 
leithsgeul. Tnnis dhomh, guidheam ort, (1.) Ciod a' 
bhuannachd a ta'n so 1 Gheibh am mearlach ni-eigin 'na 
laimh air son a shaothair ; gheibh am misgeir làn a bhronn : 
ach ciod a gheibh sibhse? Tha muinntir eile a' deanamh 
seirbhis do'n diabhuil air son duais ; ach tha sibhse 'nur 
saighdearaibh saor dha, gun dùil ri duais sam bith, ach bhur 
n-obair fèin, ann bhur masladh a chur air neamh; agus 



77 

mur cloan sibh aithreachas, gheibh sibh bhur duais ann 
an làn tomhais ; an uair a theid sibh do ifrinn, leanaidh 
bhur n-obair sibh. Cha bhi aig a' mhisgeir ann an sin 
boinne uisge, a dh'fhuarachadh a theangaidh ; agus cha 
mhò a leanas saoibhreas an duine shanntaich e do'n t-saogh- 
al eile ; ach leanaidh sibh an sin bhur sean cheird ; agus 
bithidh an t-siorruidheachd fada gu leòir, a thabhairt 
duibh làn bhur cridhe dheth ! (2.) Ciod an toil-inntinn a 
tha'n so, ach na tha sruthadh o bhur saltairt air an lagh 
naomh 1 Ciod a' bhuaidh do'r corp tha mionnachadh no mal- 
lachaclh a' riarachadh 1 Ma tha iad a' sàsuchadh bhur cluasan, 
cha'n urrainn iad ach a mhàin a dheanamh leis an fhuaim a 
tha iad a' deanamh an aghaidh nan nèamh ! Ged a bheireadh 
sibh thairis sibh fèin do na h-uile seorsa mi-naomhachd 
agus fèolmhoireachd, tha co beag toil-inntinn ri fhàsgadh 
uatha sin, is gur eigin duinn fhaicinn, gu bheil bhur gràdh 
dhoibh air an son f èin ; gràdh diabhluidh, gun tuarasdal, 
gun duil ri buannachd no toil-inntinn uapa air sheol sam 
bith eile. Ma their neach sam bith, gur ainmhidhean na 
daoine sin ; biodh e mar sin ; gidheadh, mo thruaighe ! 
tha pailteas do na h-ainmhidhean sin anns an t-saoghal : 
gheibhear sna h-uile àite iad. Agus fuilingibh dhomh a 
radh, gur eigin am meas mar bheul an t-saoghail neo- 
iompaichte uile, an aghaidh neimh, Rom. iii. 14. "Aig 
am bheil am beul lan do mhallachadh agus do sheirbhe." 
Rann 19, "A nis tha fhios againn, ge b'e nithe ta'n lagh 
a' labhairt, gur ann riu-san a ta fuidh'n lagh a tha e 'gan 
labhairt; chum gu druidear gach uile bheul, agus gu'm bi 
an saoghal uile buailteach do dhìteadh Dhè." 

Tha casaid agam an aghaidh gach uile duine agus bean 
neo-iompaichte, sean no òg, ri bhi air a dhearbhadh le 
teisteas Scriobtuir na fìrinn, agus le teisteas an cogaisean 
fèin ; sin ri radh, co dhuibh a tha iad ag aidmheil no nach 
'eil ; co air bith iad, do bhrigh nach 'eil iad air am breith a 
rìs, tha iad 'nan naimhdibh 'nan cridhe clo Dhia ; do Mhac 
Dhè do Spiorad Dhè, agus do lagh Dhe. Eisclibh so, anama 
neo-churamach, a tha beò gu socrach 'nur staid nacluir ! 

Air tùs, Tha sibh 'nur naimhdibh do Dhia ann bhur n- 
inntinn, Col. i. 21. Cha'n 'eil sibh fathast rèidh ris : 
cha'n 'eil an naimhdeas nadurra fathast air a mharbhaclh, 
ged a dh' fheuclas e bhi' na luidhe folaichte, agus nach 'eil 



78 

sibh ga mhothaehadh. (1.) Tha sibh 'nur naimhdibh do 

dhearbh-bhith Dhè, Salm xiv. 1. "Thubhairt an t-amadan 

'na chridhe, cha'n 'eil Dia ann." Bu mhaith leis an duine 

uaibhreach nach biodh neach os a cheann f èin ; bu mhaith 

leis a' cheannairceach, nach biodh righ ann ; agus leis an 

duine neo-iompaichte, a ta 'na mheall do uabhar agus do 

cheannairc, nach biodh Dia ann ; tha e ag ràdh 'na chridhe, 

bu mhaith leis gu'm biodh e mar sin, ged a tha uàir 

agus eagal air a labhairt a macli. Agus gu bheil na h- 

uile dhaoine nàdurra 'nan leithide sin do amadain, tha e 

soilleir mar tha'n Abstol ag ainmeachadh o chuid do'n 

t-Saìlm so ; " Chum gu druidear gach uile bheul," Eom. iii. 

10 — 12, 19. 'Tha mi 'g aideachadh, gun amharus co-fhad 

'sa tha duine nàdurra ag amharc air Dia mar Chruith- 

ear agus mar Fhear-coimhid an t-saoghail, a chionn gu 

bheil-gràdh aige dha fèin, uime sin, cha'n 'eil a chridhe ag 

èiridh suas an aghaidh an Ti a bhuilich gach maitheas air ; 

ach taisbeinidh an naimhdeas so gu luath, an uair a dh' amh- 

airceas e air Dia mar Fhear-riaghlaidh agus mar Bhreitheamh 

an t-saoghail, ga cheangal gu fior naomhachd, fuidh phian 

a mhallachd; agus ga theannachadh le cuibhrichibh a' 

bhais, air son a pheacaidh ! Eisd anns a' chor so, ri guth 

a chridhe, agus chi thu gur e their e, Nach 'eil Dia ann ! 

(2.) Tha sibh 'nur naimhdidh do nadur Dhè, Iob xxi. 

14. "Their iad ri Dia, Imich uainn; oir cha'n àill leinn 

eolas do shlighean." Cuiridh daoine suas doibh fèin, 

iodhol a reir am barail f èin an àite Dhè ; agus an sin tuitidh 

iad a sìos agus ni iad aoradh dhi. Cha'n 'eil gràdh dha 

air dhoigh eile, ach mar bha gràdh Iacoib do Leah, fhad 

'sa ghabh e i an àite Eacheil. Tha na h-uile duine nad- 

urra 'na namhaid do Dhia, mar tha è air fhoillseachadh 

'na fhocal. Cha'n e a' Bhith neo-chriochnach naomh, 

cheart, chumhachdach agus fhior, an Dia a ta esan a' 

gràdhachadh, ach an Dia d' am bheil gràin aige. Tha 

daoine d'a rireadh a thaobli naduir 'nan luchd fuath air 

Dia, (Eom. i. 30,) agus, nam b' urrainn dhoibb, dheanadh 

iad e an ni nach 'eil e. Oir thugaibh fa'near, gur firinn 

chinnteach ; ciod sam bith a tha Dia ann f èin, is e sin Dia ; 

agus, uime sin, cha'n 'eil a bhuaghan no 'iomlaineachd 

air dhoigh sam bith dealaichte uaithe fèm. Mur iad 

buaghan Dhè e fèin, is bith choimeasgta e, agus mar sin 

cha'n e a' cheud bhith e (ni ri labhairt is e toibheum) oir tha 



79 

na h-earrannan a ta air an coimeasgaclh roimh an choimeasg 
fèin : ach is esan Alpha agus Omega, an ths agus a' chrioch. 
A nis air a' cheann so crram mothachadh a thoirt duibh, 
thairginn cuid do cheistean, d'ur cogaisean, (1.) Cionnus 
a tha deadh-ghean 'ur cridheachan do gloinne neo-chrioch- 
nach agus naomhachd Dhè 1 ? Bheir a' chogais freagradh 
do'n cheist so, nach labhair am beul a mach. Mur 
'eil sibh 'nur luchd co-pairt d'a naomhachd, cha'n urr- 
ainn sibh a bhi reidh ris an ni so. Air do na Paganich 
fhacinn nach b'urrainn iad a bhi cosmhuil ri Dia ann an 
naomhachd, rinn iad diathan cosmhuil riu fèin ann am 
mi-naomhachd, le sin leig iad fhaicinn ciod an seorsa dèe a 
b' aill leis an duine nàdurra bhi aige. Tha Dia naomh; 
an urrainn creutair mi-naomh gràdh a thabhairt d'a naomh- 
achd neo-sealach-san 1 Cha'n urrainn, is iad na fireana a 
mhàin is urrainn "buidheachas a thabhairt ri cuimhneach- 
adh air a naomhachd," Salm xcvii. 12. Is solus Dia; an 
urrainn creutairean an dorchadais gairdeachas a dheanamh 
anns an t-solus 1 Cha'n urrainn, " Gach neach a ta deanamh 
uilc, tha e toirt fuath do'n t-solus," Eoin iii. 20. " Oir, ciod 
e comunn an t-soluis ris an dorchadas 1 ? 2 Cor. vi. 14, 
(2.) Ciod an spèis a thug 'ur cridheachan do cheartas 
Dhè ? Cha'n 'eil duine a ta air a thoirt suas d'a ana-miann- 
aibh (mar tha na daoine neo-iompaichte uile) nach biodh 
toileach le fuil a chuirp an litir sin a dhubhadh a mach o 
ainm Dhè. An urrainn am fear-ceannairc gràdh a thoirt 
d'a bhreitheamh-dìtidh 1 JSTo peacach neo-fhireanaichte, 
do'n Dia a ta firineach'? Cha'n urrainn, Lucas vii. 47. 
"Ge b'e neach d'am maithear beagan, bithidh a ghràdh 
beag. Uaithe so, do bhrigh nach urrainn daoine teagasg a' 
cheartais a dhubhadh a mach as a' Bhiobul ; gidheadh tha 
e na shealladh co goirt doibh, as gu'n dean iad strì ri 
dhubhadh a mach as an inntinnibh : Agus tha iad 'gan 
sgrios f èin, le dànadas air a throcair ; an uair nach 'eil 
iad curamach gu fireantachd fhaotainn anns an seas iad an 
làthair a cheartais ; ach, " A ta 'g radh 'nan cridhe, cha 
dean an Tighearn maith, ni mo ni è olc," Seph. i. 12. 
(3.) Ciod an speis a th' agaibh do uile-fhiosrachadh agus 
uile-làthaireachd Dhè'? B'fhearr le daoine gu nàdurra 
iodhoil dhall a bhi aca, no Dia uile-fhaicsinneach, agus 
uime sin, tha iad a' deanamh na dh' fheudas iad, gu iad 
fèin fholach, mar a rinn Adhanih o ghnùis an Tighearna 



80 

Clia mhò tha do ghràdh aca do Dhia uile-fhaicsinneach, 
uile-lathaireach, no th' aig a' ghaduiche gu'n biodh am 
breitheamh 'na fhianuis air a clhroch ghniomhara. 'Nan 
cuirte gu'n roghainn-san e, bheireadh iad an guth gu'n 
cuirte Dia as an t-saoghal, agus gu'm biodh e air a dhruid- 
eacìh a stigh ann an neamh ; oir is i cainnt a' chridhe 
fheolmhoir "Cha'n 'eil an Tighearn 'g ar faicinn : Threig an 
Tighearn an talamh," Esec. viii. 12. (4.) Ciod an speis a 
th' agaibh do f hirinn Dhè, ann fèin, agus anns an fhocal 1 
Cha'n 'eil iad ach ro thearc anns an t-saoghal a chuireadh 
o'n cridhe an lamh-sgriobhaidh ri briathraibh an Abstoil 
Rom. iii. 4. " Biodh Dia fior, ach gach duine 'na bhreu- 
gaire," ni h-eadh tha gu cinnteach moran ann, aig am 
bheil dochas nach bi Dia firinneach d'a fhocal. Tha 
mìltean ann a ta 'g eisdeachd an t-soisgeil, aig am bheil 
dòchas a bhi air an sabhaladh, agus a' smuaineachadh, gu 
bheil na h-uile ni ceart beo air son siorruidheachd, aig nach 
robh riamh fiosrachadh mu'n nuadh-bhreith, no nach eil 
idir a gabhail curam mu'n cheist sin, Am bheil iad air 
am breith a rìs no nach 'eil ? Ceist a ta coslach ri dhol 
as an t-sealladh 'nar measg-ne san làso. Tha briathran 
ar Tighearna soilleir agus dearbhta, Mur beirear duine a 
ris, cha'n urrainn e rioghachd Dhè fhaicinn. Ciod iad 
an leithide sin do dhochais, mata, ach fior-dhòchais (leis 
an urram is mo biodh e air a labhairt) gu'n toir Dia air ais 
fhocal, agus gu'm bi Criosd 'na fhaidh mealltach? Ciod 
eile tha'm peacach a' ciallachadh, An uair a chluinneas e 
briathran a mhallachaidh, an sin gu'm beannaich se e fèin 
'na chridhe, ag ràdh bithibh sìth agam, ge do ghluais mi 
ann an ana-miann mo chridhe. 

San àite mu clheireadh, Ciod an speis a th' agaibh do 
chumhachd Dhè % Cha ghradhaich neach sam bith e 
air son (a chumhachd) le beachd ceart air, ach an creutnir 
nuadh ; ge do dh' fheudas eagal tràileil a bhi air muinntir 
eile air son (a chumhachd so.) Cha'n 'eil duine nadurra, 
nach d' thugadh na tha 'na chomas, gu tùr eile Bhabeil a 
thogail, gus (an cumhaclid) so a chumail a stigh. Air na 
h-aobharaibh sin, tha mi a' dearbh-innseadh gu'm bheil na 
h-uile duine neo-iompaichte 'ne namhaid do Dhia. 

San dara àite, Tha sibh 'nur naimhdibh do Mhac 
Dhè. Tha'n naimhdeas sin 'nur cridhe do Chriosd, a 
bheireadh oirbh cur leis na treabhaiche a mharbh an t- 



81 

oighre, agus a thilg a mach e as an f hion-lios ; nam biodh 
sibh air bhur cuairteachadh le 'm buairidhean-san, agus 
fuidh co beag ceannsachaidh 'sa bha iadsan. An cù mi, a 
deir thu, gu'n deanainnse sin do ni' Shlanuighear taitneach ? 
Mar sin thubhairt Hasael ann an cùis eile; ach an uair 
a thainig am buaireadh air, bha è 'na chù gu dheanamh ! 
Is lionmhor iad a their mu Chriosd gur e'n Slànuighear 
taitneach e, aig am bheil an cogaisean ag innseadh dhoibh, 
nach do dheothail iad riamh urrad mhillseachd uaithe, as 
a f huair iad o'n ana-miannaibh millis fèin, a ta deich cuairt 
ni's milse leo n' an Slànuighear. Cha'n 'eil e air dhoigh 
sam bith eile taitneach, dhoibh, ach mar tha iad a' mi- 
ghnathachadh a bhàis agus fhulangais, a chum an an- 
mianna a mhealtuinn ann an sìth ; a chuni as gu'n caith- 
eamh iad am beatha mar is àill leo anns an t-saoghal, agus 
an uair a bhàsaicheas iad, gu'm bi iad air an cumail a 
mach o ifrinn ! Mo thruaighe ! is Criosd meallta ta 
taitneach leibhse, aig am bheil bhur n-anama gabhail gràin 
do'n Chriosd sin, " neach is e dealradh glòir an Athar, 
agus fior-iomhaigh a phearsaidh." Tha sibhse mar a bha 
na h-Iudhaich fheolmhor aig an robh tlachd ann, mu'n 
do thuig iad a ghnothuch do'n t-saoghal ; ann am barail 
gu'm biodh e 'na fhear-saoraidh aimsireil dhoibh, Mal. iii. 
1. Ach an uair a thainig e, agus a shuidh e mar fhear- 
leaghaidh agus glanaidh airgid, (rann 2, 3.) agus a thilg 
e mach iad mar airgiod nach fiu, iadsan a shaoil gu'm biodh 
urram mor aca au rioghachd a' Mhesiah; bhior a theagasg 
an cogaisean, agus cha do stad iad gus an do thum iad an 
làmhan 'na f huil ! Chum bhur sùilean f hosgladh air an 
ni so, cuiridh mi fa'r comhair naimhdeas bhur cridheachan 
an aghaidh Chriosd, agus 'oifìgean uile. . 

1. Tha na h-uile duine neo-iompaichte, 'na nàmhaid do 
Chriosd, 'na oifig faidh. T.ha e air orduchadh leis an 
Athair, mar am Faidh mòr agus am Fear-teagaisg ; ach 
cha'n ann air gairm an t-saoghail, a chuireadh 'na agh- 
aidh le aon ghuth 'nan staid nadurra ; agus air an aobh- 
ar sin, an uair a thainig e, bha e, air a dhìteadh mar 
fhear-meallaidh agus toibheum. Mar dhearbhadh air an 
naimhdeas so, bheir mi fa'near dà ni. 

1. Dearhhadh. Thoir fa'near an aoidheachd a tha e 
faotainn, 'nuair tha e teachd a theagasg anama san taobh 
a stigh le Spiorad. Tha daoine deanamh na dh'fheudas 



82 

iad 'a dhruideadh an cluas, cosmhuil ris an nathair bhodhar, 
a chum as nach chrinn iad a ghuth; tha iad a ghnàth a' 
cur an aghaidh an Spioraid Naoimh. Cha'n 'eil iad ag 
iarraidh eolas a shligheanna ;" agus tha iad uime sin, ag 
iarraidh air imeachd uapa. Tha'n seann droch-sgeul gu tric 
air a thogail 'na aghaidh, san àm sin, Eoin x. 20. " Tha 
e air mni-cheill, c'arson a tha sibh ag èisdeachd ris?" 
Tha saothair anama a th' air a dhusgadh le spiorad na 
daorsa, air a mheas le moran mar bhoile agus mar 
chuthach; tha daoine mar so a' toirt toibheim do obair 
an Tighearn a chionn gu bheil iad fèin air mhi-cheill, 
agus nach urrainn iad breth a thabhairt air na nithibh sin. 

2. Dearbhadh. Thoir fa'near an aoidheachd a tha e faot- 
ainn 'nuair a tha e teachd a theagasg dhaoine o'n taobh a 
mach le 'f hocal. 

(1.) Tha dimeas air a dheanamh air 'fhocal sgriobhta, 
an Biobul : dh'f hàg Criosd againn e, mar an leabh- 
ar air son ar teagaisg, a sheoladh dhuinn an slighe 
anns am feum sinn gluasad, nam bu mhaith leinn 
teachd gu duthaich Emanuel. Is lochran e, a thoirt sol- 
uis dhuinn tre shaoghal dorcha, gu solus siorruidh. Agus 
dh' f hag e mar f hiacha oirnn gu'n rannsaicheamaid e leis an 
dichioll sin, leis an cladhaicheadh daoine anns an talamh air- 
son airgid agus òir, Eoin v. 39. Ach, mo thruaighe ! 
cionnus a tha'n t-ionmhas naomh so air a mhi-naomhach- 
adh le moran ! Tha iad a' deanamh fanoid air an f hocal 
naomh, leis an teid breth a thoirt orra aig an là 
dheireannach : agus is fearr leo an anama a chall no dealach- 
adh ri 'm fanoid; a' sgeudachadh an cainnt fhein-speiseil 
ana-miannach le briathraibh scriobtuir; anns am bheil iad 
a' deanamh ni co mi-chiallach, as ge do chladhaicheadh 
neach ann an slochd a dh' f haotainn miotailte, gu leaghadh, 
chum a thaomadh sios 'na scornan fèin agus an scornan a 
choimhearsnaich ! Tha mòran gan caitheadh fèm, a 
leughadh leabhraiche sgeula agus tha'n inntinnean tòir 
orra, mar tha'n lasair air an asbhuain thioram ; 'nuair 
nach 'eil cridhe no blas aca do'n fhocal naomh, agus air 
an aobhar sin, is ainmic a ghabhas iad Biobul 'nan laimh. 
Ge b'e ni ta taitneach do dhiomhanas an inntinn, tha e solas- 
ach agus ciatach; ach ge b'e ni tha moladh naomhachd d' 
an cridheachan mi-naomha, tha sin a' deanamh an spior- 
aid trom agus muladach. Is mor an toil-inntinn a gheibh 



83 

iadsan ann an leughadh oran diomhain, no leabhar sgeul- 
achd, d' am bheil am Biobul co beag blas ri gealagan 
uibhe ! Tha moran a' cur seachad am Biobuil le'n eud- 
ach-Sàbaid; agus ciod sam bith feum a tha aca air an 
trusgain, cha'n 'eil feum ac' air am Biobuil, gu pilleadh 
na h-ath-Shàbaid. Mo thruaighe ! Tha'n duslach a tha 
luidhe air bhur Biobuil 'na fhianuis 'nur n-aghaidh a nis, 
agus bithidh e 'na fhianuis aig an là dheireannach air 
naimhdeas 'ur cridheachan an aghaidh Chriosd mar 
Fhàidh. Thuilleadh air so uile, measg na muinntir tha 
gu gnàthaichte a' leughadh nan Scriobtuir, nach tearc iad 
a tha 'ga leughadh mar fhocal an Tighearna d' a anam- 
aibh, agus a tha cumail co-chomunn ris anns an fhocal 
Cha'n 'eil iad a' deanamh a theisteis 'nan comhairlichean 
dhoibh ; agus cha'n 'eil an cor fa leth 'gan cur a dh'ionnsuidh 
am Biobuil. Tha iad 'nan coigrich do fhior shòlas nan 
Scriobtur. Agus ma tha iad uair sam bith trom-inntinn- 
each, is ni eigin eile thuilleadh air an fhocal a dh' ath- 
bheothaicheas iad ; mar a bha Ahab air a leigheas o throm- 
inntinn, le fion-lios Naboit f haotainn. 

(2.) Tha dimeas air a dheanamh air focal Chriosd air a 
shearmonachadh. Tha'n aoidheachd a thug a' chuid is 
mò do'n t-saoghal, a dh' ionnsuidh an robh e air a chur, 
air a h-ainmeachadh ann am, Mata xxii. 5. " Chuir iad an 
suarachas e. ' Agus a thaobh an f hocail, tha dimeas air 
a dheanamh orrasan a ta 'ga shearmonachadh ; ciod air 
bith leithsgeul eile ghabhas daoine air son an tàir air a' 
mhinistreileachd, Eoin xv. 20. " Cha'n 'eil an seirbhis- 
each ni's mò na a Tighearn. Ma rinn iad geur-lean- 
mhuinn ormsa, ni iad geur-leanmhuinn oirbhse mar an 
ceudna; ma choimhid iad m' fhocalsa, coimhididh iacl 
bhur focalsa mar an ceudna. Ach na nithe so uile ni 
iad oirbh air son m' ainme-sa." Gu'm b'e Lebhi am mac a 
bh' air f huathachadh, is diomhaireachd e, a rinn an saogh- 
al a mhìneachadh, anns gach linn. Ach ged tha'n 
soitheach criadha san do chuir Dia an t-ionmhas air a 
thionndadh le moran gu soithichean anns nach 'eil tlachd 
sam bith; gidheadh, c'arson a tha'n t-ionmhas fèin air a 
chur an dimeas? Ach tha dimeas air a dheanamh air, 
agus sin le fianuis air an là'n diugh. A Thighearn, co a 
chreid ar teachdaireachd % Co ris a labhras sinn ì 'S urrainn 
daoine, Sabaidean tosdach, aon an deigh aon a dheanamh 



84 

dlioibh f ein, gun chlaoidh d'an cogais ; agus mo thruaighe ! 
an uair a ta iad a' teachd gu orduighean, cha'n 'eil iad sa' 
chuid mhor ach 'gan taisbeanadh fèin (mar tha'm focal, gu 
bhi air am faicinn) an lathair an Tighearn, agus gu a chuirt- 
ean a shaltairt ; mar a dheanadh àireamh do bheathaich- 
ean, nam biodh iad air an iomain d'an ionnsuidh, (Isa. i. 
12) 's co beag a chithear do urram agus do eagal Dhia 
air an spioraid ! Tha mòran a' seasamh mar bhaUachan 
umha 'g èisdeachd an fhocail, nach dean searmonachadh 
an fhocail am bhriseadh is lugha air an caith-beatha 
truaillidh 1 Cha tearc iad a tha fàs ni's miosa, fuidh 
àithn' air àithne, agus is e as crioch dha so uile, tha " iad a' 
dol, agus a' tuiteam air an ais ; agus a' briseadh, agus air 
an ribeadh, agus air an glacadh ! Isa. xxvii. 13. An leoir 
deoir fhola a chaoidh, gu'm bheil (an soisgeul) gràs Dhè, 
mar so air a ghabhail ann an dionhain ! Cha'n 'eil annaine 
ach guth aoin ag èigheach, tha'm Fear-labhairt ann an 
neamh, agus tha e a' labhairt ribhse o neamh le daoine : 
C'arson a tha sibh 'ga dhiultadh-san a ta labhairt ? Eabh. 
xii. 25. Kinn Dia ar Maighistir-ne 'na oighre air na h- 
uile nithibh, agus chuireadh sinne a dh' iarraidh ceile dha. 
Cha'n 'eil neach ann co luachmhor, ris-san ! cha'n 'eil aon 
co neo-airidh as a ta iadsan do am bheil an tairgse 
so air a tabhairt ! Ach tha prionnsa an dorchadais air 
a roghnachadh air thoiseach air Prionnsa na sìth ! Thainig 
neul uamhasach dorchadais air an t-saoghal le peacadh 
Adhaimh : ni's uamhasaiche, no ged bhiodh a' ghrian, a' 
ghealach agus na reulta gu brath air am filleadh a suas ann 
an duibhre dorchadais ! Agus an sin bhitheamaid gu 
siorruidh 'nar luidhe, mur biodh gràs so an t-soisgeil, 
air a thaisbeanadh mar ghrian dhealraich gu fhogradh air 
falbh, Tit. ii. 11. Acli gidheadh tha sinn a' teicheadh 
mar chailleach-oidhche uaithe ! agus, mar na beath- 
aichean fiadhaich, tha sinn a' luidhe sios ann ar sluichd : 
'Nuair a tha ghrian ag èirigh, tha sinn air ar bualadh 
dall le solus ; agus mar chreutairean dorchadais, a gradh- 
achadh dorchadais a roghainn air solus ! 'Sann mar sin a 
tha naimhdeas cridheachan dhaoine an aghaidh Chriosd, 
na oifig fàidh. 

2. Tha'n duine nàdurra 'na namhaid do Chriosd, 'na 
oifig sagairt. Tha e air orduchadh leis an Athair, 'na 
Shagairt gu eiorruidh ; a chum le iobairt agus eadar- 



85 

ghuidhe-san a mhàin, gn'm biodh aig peacaich sìth agus 
comas teachd a dh'ionnsuidh Dhè ; ach, tha Criosd air a 
cheusadh, 'na cheap-tuislidh agus 'na amaideachd do'n chuid 
neo-nuadhaichte do'n chinne-daoine, d'am bheil e air a 
shearmonachadh, 1 Cor. i. 23. Cha ghabh iad ris, mar an 
t-slighe nuadh agus bheò. Is cha'n 'eil Esan, le guth an 
t-saoghal, 'na Ard-Shagart os ceann tighe Dhè. Tha na- 
dur truaillidh a' dol rathad eile gu oibreachadh. 
y 1. Dearbhadh. Cha'n 'eil aon do chloinn Adhaimh gu 
nàdurra toileach am beannachadh a ghabhail ann an trusg- 
ain a bhuineas do neach eile ; ach bhiodh iad do ghnàth 
cosmhuil ris an damhan-alluidh, am fìachaibh dhoibh fèin 
air son gach ni ; agus mar sin streapadh iad suas do neamh 
le snàithein air a shniamh as an uchd fèin ; oir tha iad ag 
iarraidh a bhi fuidh 'n lagh, (Gal. i. 21.) agus " a' dol mu'n 
cuairt ag iarraidh am fireantachd fèin a chur air chois," 
Kom. x. 3. Tha'n duine, gu nadurra, ag amharc air Dia 
mar Mhaighstir mòr, agus e fèin mar a sheirbhiseach, d'an 
eigin oibreachadh, agus neamh a chosnadh mar a thuaras- 
dal : Uaithe so, 'nuair a tha chogais air a dusgadh, tha e'n 
duil, a chum e fèin a shabhaladh, gu'm feum e uile agartas 
an lagha a fhreagradh ; seirbhis a dheanamh do Dhia co 
maith agus is urrainn e, agus guidhe air son tròcair anns 
na bheil e teachd goirid. Agus mar so tha moran a' teachd 
gu dleasdanais, nach 'eil gu brath a' teachd o'n dleasdanais 
gu Iosa Criosd. 

2. Dearbhadh. Mar a tha meas àrd aig daoine gu nad- 
urra air an dieasdanais, tha iad am barail a rinneadh gu 
maith ; mar sin tha iad ag amharc gu'n gabh Dia riu a 
rèir mar tha'n obair air a deanamh, cha'n ann a rèir na 
cuibhrionn a ta ac' ann am fuil Chriosd ! " C'arson a thraisg 
sinn, deir iad, agus nach 'eil thusa a' faicinn ì " Tha iad a' 
cur meas orra fèin air son an gniomhara agus air son nan 
nithe air an d' ràinig iad, seadh air son a bheachd a tha 
aca mu chreidimh, (Philip. iii. 4 — 7.) a' gabhail dhoibh 
fèin, an ni a tha iad a' spùineadh o Chriosd, an t-Ard-Shag- 
art mòr. 

3. Dearbhadh. Gheibhear an duine nadurra 'na dhol a 
dh'ionnsuidh Dhè ann an dleasdanais, do ghnàth, an dara 
cuid as eugmhais Eadar-mheadhonair, no le tuilleadh is an 
aon Eadar-mheadhonair Iosa Criosd. Tha nàdur dall, 
agas uime sin an-dàna : cuiridh i daoine dh'ionnsuidh 



86 

Dhè mach à Criosd ; a' ruith le cabhaig 'na lathair, agus 
a' cur an iarrtais 'na laimh, gun a bhi air an toirt a 
steach le Fear-ruin na neamha, na bhi cur an iarrtais 
'na laimh-san. Tha a' ghnè so co daingean air a shuidh- 
eachadh anns a chridhe neo-nuadhaichte, 's gur ainmic a 
chluinnear ainm Chriosd à beoil moran do luchd-eisdeachd 
an t-soisgeil an uair a labhrar riu mu dhochas an slàinte ! 
Feoraich dhiubh cionnus a tha duil aca maitheanas peac- 
aidh fhaotainn 1 Innsidh iad duit, gu bheil iad ag iarraidh 
agus ag amharc air son tròcair, a chionn gu bheil Dia 'na 
Dhia tròcaireach : agus is e sin uile na tha do dhòchas 
aca : Tha muinntir eile ag amharc air son tròcair as leth 
Chriosd : Ach cionnus a tha fios aca gu'n gabh Criosd an 
cuis 'na laimh ? Cionnus, ach mar a tha aig na papanaich 
an eadar-meadhonairean ris an Eadar-mheadhonair, mar 
sin tha aca-san. Tha fios aca nach urrainn e gun a dhean- 
amh ; oir tha iad ag urnuigh, ag aidmheil, a' bròn, agus 
tha iarrtais mhor aca, agus an leithide sin ; agus mar sin 
tha ni eigin aca d'an cuid fèin, g'am moladh dha : cha 
robh iad riamh air an deanamh bochd 'nan spiorad, agus 
air an toirt le laimh fhalamh a dh' ionnsuidh Chriosd a 
leigeadh an uile chudthrom air 'fhuil-san a ta reiteachadh. 

3. Tha'n duine nadurra 'na namhaid do Chriosd, 'na 
oifig righ. Shuidhich an t-Athair an t-Eadar-mheadhon- 
air 'na Kigh ann an Sion, Salm ii. 6. Agus tha e air aithne 
do na h-uile gus am bheil an soisgeul a' teachd, air an cun- 
nart a's àirde, am mac a phògadh agus iacl fèin a striochdadh 
dha, rann 12. Ach is e guth nadurra a' chinne-daoine, Air 
falbh leis ! mar a chi sibh, rann 2, 3. Cha'n àill leo esan 
a bhi 'na righ os an ceann, Luc. xix. 14. 

1. Dearbhadli. Ka h-oidhirpean a tha nadur truaillidh 
a' toirt air an uachdranachd a spionadh as a lamhan. Cha 
luaithe bha e air a bhreth, ach air dha bhi air a bhreith 
'na Kigh, na rinn Herod gear-leanmhuinn air, Mata ii. 
Agus an uair a bha e air a cheusaclh, "chuir iad a' chùis- 
dhltidh' sgriobhta os a cheann, Is e so Iosa, Eigh nan 
Iudhach," Mata xxvii. 37. Ged is rioghachd spioradail a 
rioghachd-san, agus nach ann do'n t-saoghal so ; gidheadh 
cha'n urrainn iad rioghachd f hulang dha (an taobh a stigh 
do rioghachd,) rioghachd nach aidich uachdaran no ceann- 
ard sam bith eile ach an t-Eadar-mheadhonair rioghail. 
Tha iad a' deanamh dànadas air a chòirichean rioghail, ag 



87 

atharrachadh a statuin-ne, a reachdan, agus 'orduighean, a' 
cuniadh aoraidh ri innleachdan an cridhe ; a' toirt a steach 
luchd-dreuchd agus dreuchdan d'a rioghachd, nach 'eil ri'm 
faotainn anns an leabhar sam bheil riaghailt a rioghachd : 
ag orduchadh riaghladh faicsinneach a rioghachd, mar is 
fearr a fhreagras da'n rùn feolmhor fèin. 'S ann mar sin a 
ta naimhdeas cridheachan dhaoine, an aghaidh Eigh Shioin. 

2. Dearbhadh. Cia neo-thoileach a tha daoine gu nad- 
urra, gu striochdadh agus gu bhi air an cumail a stigh, 
le reachdan agus le teagasg a rioghachd ! Mar Eigh, is 
Fear-tabhairt lagha e, (Isa. xxxiii. 22.) agus shuidhich e 
uachdranachd fhaicsinneach, riaghailt-smachdachaidh agus 
achmhasain, 'na eaglais, a cheannsachadh nan daoine mi- 
riaghailteach, agus a chum iochdaranna a chumail ann an 
ordugh, agus sin uile le oifigich d'a shuidheachadh fèin, 
Mata xviii. 17, 18. : 1 Cor. xii. 28. : 1 Tim. v. 17. : Eabh. 
xiii. 17. Ach tha iadsan 'nan sealladh sùl goirt do'n t- 
saoghal fheolmhoir, aig ani bheil gradh do shaorsa peac- 
ach. Agus uime sin, tha iad ag èigheach a mach, "Bris- 
eamaid o cheile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an 
cuing," Salm ii. 3. Uaithe sin, gheibhear an obair so, air 
dhoigh àraid a' gleachd an aghaidh sruth naduir thruaillidh, 
a tha s<a' chuid mhoir a' cur an aghaidh na h-eaglais, "mar 
nach biodh righ ann an Israel," gach aon a' deanamh an 
ni sin a tha ceart 'na shùilibh fèin. 

3. Dearbhadh. Ciod sam bith mar a dh'fheudar daoine 
nadurra thoirt gu bhi gabhail orra bhi fuidh umhlachd do 
Eigh nan naomh, gidheadh tha ana-mianna do ghnàth a' 
gleidheadh na caithreach agus na h-uachdranachd 'nan 
cridheachaibh, agus tha iad a' deanamh seirbhis do iomadh 
gnè • ana-mianna agus an toileau, Tit. iii. 3. Cha'n 'eil a h- 
aon, ach iadsan anns am bheil Criosd air a dheilbh, a tha 
da rireadh a' cur a' chriiin air a cheann, agus a gabhail 
rioghachd Chriosd an taobh a stigh dhiubh. Is e a chrùn- 
san," an crun leis an do chrùn a mhathair e, air là a phò- 
saidh." Cò do'n mhuinntir sin nach d' irioslaicheadh le 
cumhachd gràis, a dh' fhuiKngeas dhasan cur suas agus a 
sios 'nan anamaibh mar is àill leis ? Ni h-eadh, air son 
muinntir eile, gheibh tighearna sam bith uachdranachd os 
an ceann roimh "Tighearna na gloire ; " bheir iad aoidh- 
eachd chàirdeil d'a naimhdibh, agus cha toir iad gu brath 
iad fèin suas gu h-iomlan d'a uachclranachd-san, gus an 



88 

toirear buaidh orra ann an là a chumhachd. Mar so chi sibh, 
gu bheil an duine nadurra 'na namhaid do losa Criosd 'na 
uile oifigibh. 

Ach Oh ! cia cruaidh iompaidh a chur air daoine anns 
a' phuinc so ! Tha iad ro neo-thoileach gabhail ris. Agus, 
air dhoigh àraidh tha naimhdeas a' chridhe an aghaidh 
Chriosd, 'na oifig sagairt, mar gu b'ann air fholach o 
shealladh a' chuid is mò do luchcl eisdeachd an t-soisgeil. 
Tha fathast mì-run àraidh air a thaisbeanadh anns an naclur 
thruaillidh 'na aghaidh anns an oifìg sin. Feudar a thoirt 
fa'near gu bheil naimhdean sin ar Tighearna bheannaichte 
na Sosinianaich, a' ceadachadh dha bhi 'na Fhàidh agus 'na 
Righ freagarach, ach tha iad ag aicheadh dha a bhi 'na 
shagart freagarach ; agus tha so taitneach gu leor do 
thruaillidheachd ar nàduir, oir fuidh choimhcheangal nan 
oibre, bha aithne air an Tighearna mar Fhàidh no Fear- 
teagaisg, agus mar an ceudna mar Eigh no uachdaran : ach 
cha robh còlas iclir air mar Shagart. Mar sin cha'n 'eil 
aithne aig duine air a' bheag sam bith do dhiomhaireachd 
Chriosd, mar an t-slighe chum an Athar, gus am bi e air 
fhoillseachadh dha : Agus an uair a ta e air fhoillseachadh, 
tha'n toil ag èirigh suas 'na aghaidh, oir tha nadur truaill- 
idh calg-dhìreach an aghaiclh diomhaireachd Chriosd, agus 
innleachd mòr na slainte tre Shlànuighear air a cheusadh, 
a ta air fhoillseachadh anns an t-Soisgeul. Chum an fhir- 
inn chudthromach sin a shoilleireachadh, thugaibh fa'near 
na ceithir nithe so. 

Air tùs, Air do'n anam a bhi gabhail ri innleachd oir- 
dhearc na slainte tre Iosa Criosd, agus a bhi a' cur gnoth- 
uichean na slainte air an steidh sin an lathair an Tigh- 
earna, tha sin air a chur an ceill le Sgriobtur na firinn 'na 
chomhara cinnteach air fior-naomh, a ta sona an so, agus 
a bhitheas sona 'na dheigh so, Mata xi. 6. " Agus is beann- 
aichte an ti nach faigh oilbheum annam-sa." 1 Cor. i. 23, 24. 
" Ach a ta sinne a' searmonachadh Chriosd air a cheus- 
adh, 'na cheap-tuisliclh do na h-Iudhaich, agus do na 
Greugaich 'na amaideachd ; ach dhoibhsan a ta air an 
gairm, araon Iudhaich agus Greugaich, Criosd cumhachd 
Dhè, agus gliocas Dhè." Phil. iii. 3. " Oir is sinne an 
timchioll-ghearradh, a ta deanamh aoraidh do Dhia san 
Spiorad, agus a' deanamh gairdeachais ann an Iosa Criosd, 
agus nach 'eil a' cur muinghinn san fheoil." A nis cionnus 



a dli' fheudadh so a bhi, nam b'urrainn nàdur co-aontach- 
adh leis an innleachd òirdhearc sin. 

San dara àite, 'Se nàdur truaillidh an ni a ta cur an 
aghaidh deilbh an t-soisgeil. Anns an t-soisgeul tha Dia 
a' gealltuinn Iosa Criosd mar am meadhon mor gu cluine 
ath-cheangal ris fèin : thug e mar ainm air, Eadar-mheadh- 
onair, aon anns am bheil a mhor-thlachd ; agus cha bhi a 
h-aon aige ach esan, xvii. 5. " Ach cha ghabh nadur ris," 
Salm lxxxi. 11. Shuidhich Dia an t-aite-coinneamh air 
son na reite, eadhon feoil Chriosd ; d'a reir sin, bha Dia 
ann an Criosd, (1 Cor. v. 29,) mar phàillinn na coinneimh 
a dheanamh suas na slthe ri peacaich : Ach daoine nad- 
urra, ge do bhàsaicheadh iad gu bràth, cha tig iad d'a 
ionnsuidh. Eoin v. 40. " Agus cha'n àill leibh teachd a 
m' ionnsuidh-sa, chum gu'm faigheadh sibh beatha." Ann 
an slighe an t-soisgeil, is eigin do'n pheacach seasamh an là- 
thair an Tighearna le fireantachd air a meas dha ; ach tha 
nadur truaillidh air son fèin-fhireantachd : agus, uime sin, 
co fhad 'sa tha daoine nadurra a' leantuinn an deigh fir- 
eantachd, tha iad " a' leantuinn an deigh lagh na fìrean- 
tachd, (Rom. ix. 31, 32,) agus cha'n ann an deigh an 
Tighearn ar fireantachd. Tha nàdur do ghnàth ag iar- 
raidh i fèin a thogail suas, agus cuid aobhar uaill a bhi 
aice : Ach is e gnothuch mor an t-soisgeil gras àrdachadh, 
nàdur irioslachadh, agus uaill a dhruideadh a mach, Rom. 
iii. 27. Is e suim ar creidimh nàdurra, maith a dheanamh 
uainn fèin, agus air arson fèin, Eoin v. 44. Is e suim 
creidimh an t-soisgeil, sinn fèin àicheadh, agus maith a 
dheanamh o Chriosd, agus air son Chriosd, Phil. i. 21. 

San treas àite, Tha na h-uile ni ann an nadur an agh- 
.aidh* creidsinn ann an Iosa Criosd. Ciod a' mhaise as 
urrainn an duine dall a thoirt fa'near ann an Slànuighear 
air a cheusadh gu'n iarradh se e 1 Cionnus as urrainn an 
toil a ta gu nadurra lag, seaclh, a ta neo-thoileach gu 
maitli a dheanamh Esan a roghnachadh 1 Is maith a dh' 
fheudas an t-anam a ràdh ris ann an là an t-seisdibh spior- 
adail, mar a thubhairt na Iebusaich ri Daibhidh ann an 
cùis eile, "Cha tig thu a steach an so, mur toir thu air 
falbh na doill agus na bacaich," 2 Sam. v. 6. 'Se rathad an 
naduir, dol a dh' ionnsuiclh neach f èin air son gach uile ni ; 
a reir riaghailt choitchionn steidh modhanna mi-naomh- 
aichte, " Gu'm bu chòir do dhuine earbsa chur ann fèin ; " 



90 

ni a ta a reir teagasg a' chreidimh, a mhàin 'na amaid- 
eachd : oir is ann mar sin a tha e air ainmeachadh, Gnath- 
fhoc. xxviii. 23. " An ti a dh' earbas as a chridhe fèin is 
amadan e." A nis, is e creidimh, an t-anam a bhi dol a 
mach as fein air son gach uile ni : agns air an laimh eile, 
tha nadnr a' breithneachadh gnr e sin amaideachd, 1 Cor. 
i. 18, 23. Air an aobhar sin tha fenm air oibreachadh treun 
neart, a thoirt air peacaich creidsinn, Eph. i. 19. Isa. liii. 1. 
Tha sinn a' faicinn geallanna faillteach do pheacaich, ann an 
coimhcheangal an t-soisgeil, a ta mor, farsuinn, agus saor, 
gun chumha sam bith, Isa. iv. 1. Taisbean xxii. 17. Mur 
urrainn iad fhocal lom a chreidsinn thug e dhoibh a mhionn- 
an air, Esec. xxxiii. 11. Agus, a chum an tuilleadh dearbh- 
aidh a thoirt dhoibh, chur e seulachan ri choimhcheangal a 
bh' air a dhaingneachadh le mionnan, eadhon na Sacrameinte 
naomha. Air chor as nach b' urrainn tuilleadh a bhi air 
iarraidh air an neach as neo-fhirinniche san t-saoghal a 
thabhairt oirnn a chreidsinn, no a rinn an Tighearn 'na 
chaoimbneas dhuinne, gu thabhairt oirnn esan a chreidsinn. 
Tha so a' dearbhadh gu soilleir gu bheil nadur an aghaidh 
creidsinn ; agus gu bheil feum acasan " a theich gu Criosd 
chum dìdein, greim a dheanamh air comhfhurtachd laidir," 
(Eabh. vi. 18,) a cumail cothrom riu an aghaidh an 
amharuis laidir, agus an aomaidh gu neo-chreidimh. M's 
fhaide, mar an ceudna, feudar a thoirt fa'near mar tha anns 
an fhocal air a chur gu ginealach mi-chùramach neo- 
ghràsmhor, gu bheil gach ni a ta aca 'na aghaidh, air am 
freagradh roimh laimh ; agus gu bheil briathran grasmhor, 
air an cur ri cheile, mar a dh' fheudas sibh a leughadh, Isa. 
lv. 7, 8, 9. Ieol. ii. 13. C'arson ì Do bhrigh gu bheà fìos 
aig an Tighearna, 'nuair a tha peacaich air an làn dusgaflh," 
gu'm bi amharusan, eagalan, agus reusonachaidhean 
feolmhor ag èirigh 'nan uchd an aghaidh creidsinn, co tiugh 
ri duslach ann an tigh air a thogail le bhi sguabadh urlar 
tioram. 

San àite mu dheireadh, Tha claonadh an naduir thruail- 
lidh a dh' ionnsuidh an lagha, no coimhcheangal nan gniomh ; 
agus tha na h-uile duine nadurra, co fhad 'sa tha e 'ga chur 
fèin a dh' iarraidh slainte ga chleachdamh fèin san rathad 
sin : agus cha'n 'eil e ga threigsinn, gus am bi e air a bhual- 
adh as le cumhachd o Dhia. A nis, tha slighe na slainte 
tre oibre, agus an t-slighe a ta tre saor-ghràs, ann an Iosa 



91 

Criosd neo-fhreagarach ri cheile, Eom. xi. 6. "Agus ma's 
ann tre ghràs cha'n ann o oibribh ni 's mò : no cha ghràs 
gràs ni's mò. Ach ma's ann o oibribh, cha'n ann o ghràs 
à sin snas ; no cha'n obair à sin suas obair." Gal. iii. 13. 
Agus cha'n 'eil an lagh o chreidimh : ach, an duine a ni 
iad gheibh e beatha annta." Uime sin, ma tha toil an duine 
gu nadurra ag iarraidh slighe na slainte tre'n lagh; tha i 
a' dol calg-dhireach an aghaidh deilbh an t-soisgeil. Agus, 
chithear gur ann mar so, a tha claonadh nadurra ar cridh- 
eachan, ma bheirear fa'near na nithe a leanas. 

1. Be'n lagh coimhcheangal Adhaimh, agus cha b' àithne 
dha aon eile ; mar bha e 'na cheann agus 'na fhear-ionaid 
a chinne-daoine uile, a bha air an tabhairt do'n choimh- 
cheangal maille ris, agus air am fàgail fuidh leis, ged tha iad 
as eugmhais neart gu choimhlionadh. Uaithe sin, tha'n 
coimhcheangal so air fhilleadh 'nar nadur; agus ge do 
chaill sinn neart ar n-athar, tha sinn gidheadh, ag aomadh do 
ghnath a dh' ionnsuidh an rathaid air an do chuireadh esan, 
mar an ceann agus fear-ionaid anns a' choimhcheangal sin ; 
is e sin le deanamh gu bitheamaid beò. 'Se so ar creidimh 
nàdurra, agus an steidh a tha daoine gu nadurra a gabh- 
ail os laimh a bhi ceart. Mata xix. 16. Ciod am maith 
a dheanamh chum gu faigh mi a' bheatha mhaireannach ? 

2. Thugaibh fa'near, mar a chuir an saoghal do ghnàth 
an aghaidh teagaisg saor-ghràis ann an Iosa Criosd, le 
daoine bhi cur suas air son slighe nan oibre ; leis a sin 
a' taisbeanadh aomadh a chridhe. Tha e soilleir gur e 
crioch mhòr deilbh an t-soisgeil, a bhi 'g àrdachadh saor- 
ghras Dè, ann an Iosa Criosd, Rom. iv. 16. " Uime sin is 
ann o chreidimh a ta'n oighreachd, ionnus, gu'm biodh i tre 
ghràs." Faic Eph. i. 6. agus caib. ii. 7, 9. Tha uile 
fhìrinnean an t-soisgeil a' comhlachadh ann an Criosd ; 
air chor as gur e'n fhìrinn fhoghlum, " Chriosd fhoghlum," 
Eph. iv. 20. Agus is e fior-theagasg, a bhi air ar teagasg 
mar a ta'n fhirinn ann an Iosa, rann 21. Bha anns na 
h-uile frithealadh-gràis agus deadh-ghean o nèamh, co 
dhiubh a b'ann do chinnich no do dhaoine fa leth, ni-eigin 
mu'n cuairt doibh a bha cur an cèill saorsa gràis ; mar a 
bha anns a' cheud dealachadh a rinneadh le deadh-ghean 
Dè, chuireadh cul ri Cain, am brathair bu shine, agus 
ghabhadh ri Abel, am brathair a b' òige ! Tha so a' 
dealradh tre eachdraidh a' Bhiobuil uile. Ach 's co fìor, 



92 

gu bheil nadur truaillidh gu h-araidh a' cur an aghaidh 
na puinc so. 'S maith a dh' fheudas neach a ràdh, do no 
h-uile mearachd ann an creidimh, o na bha Criosd, Sliochd 
na mna, air a shearmonachadh, gu'm b'e so mu oibribh 
an aghaidh saor-ghràis, annsan, am mearachd bu luaithe 
a bha beò ; agus gu bheil e cosmhuil gur e'n aon mu 
dheireadh a bhàsaicheas. Bha aireamh mor do mhear- 
achdan, a dh' èirich suas an dèigh a cheile d'an do ghabh 
an saoghal mu dheireadh nàire, agus d'an d' fhàs e sgìth ; 
air chor as gu'n deachaidh iad as : Ach mhair am mearachd 
so o Chain, ceud ughclar an t-saobh-chreidimh so, gus an 
là 'n dingh; agus cha robh riamh àm anns nach robh 
cuid a bha a' dluth-leantuinn ris, eadhon anns na 
h-amannaibh sam bu mhò an solus. Cha'n ann gun 
aobhar a tha mi 'g ràdh gur e Cain an t-ughdar aige ; 
oir 'nuair a thug Abel iobairt na rèite, tairgse-fola, do 
cheud-ghinibh a threud (cosmlmil ris a' Chìs-mhaor, a' 
bualadh air uchd, agus ag ràdh, "A Dhia dean trocair orm- 
sa ta 'm pheacach ") thàinig Cain air aghaidh le 'thabhartas 
buidheachais, do cheud thoradh an fhearainn, (Gen. iv. 
3, 4.) cosmhuil ris an Phairiseach uaibhreach, ag ràdh, "A 
Dhè, tha mi toirt buidheachais duit." Oir ciod an t-aobhar 
a bha aig Cain air a bhi feargach, agus c'arson a mhort 
e AbeU Nach b' ann a chionn gu'n do ghabhadh ris le 
Dia air son 'oibre 1 Gen. iv. 4, 5. Agus c' arson a mharbh 
se e? Ach a chionn gu'n robh 'oibre fèin olc, agus oibre 
a bhràthar fireanta:" (1 Eoin iii. 12.) sin ri radh, air an 
deanamh ann an creidimh agus ghabhadh riu, an uair a 
bha oibre Chain air an deanamh as eugmhais creidimh, 
agus uime sin air an diultadh, mar tha'n t-Abstol a' teagasg, 
Eabh. xi. 4. Agus mar sin, ann am fuil a bhrathar, sgriobh 
e sios a naimhdeas an aghaidh slighe fireanachaidh an 
duine, agus gabhail ris, am fianuis Dhè tre chreidimh, an 
aghaidh oibre, a chum a nochdadh do na ginealaich a 
thigeadh 'na dhèigh. Agus, o'n àm sin, 's tric a shnàmh 
an iobairt gun fhuil ann am fuil na muinntir a chuir 
cul rithe ! Bha'n gealladh a rinneadh do Abraham, air 
an t-siol anns am bitheadh na h-uile chinnich air am bean- 
nachadh, co mòr air a dhorchachadh am measg a shliochd 
anns an Eiphit, as nach faca chuid mhor dhiubh am feum 
air a bheannachadh anns an rathad sin, gus an do chuir 
Dia fein casg air am mearachd, le lagh teinnteach o shliabh 



93 

Shinai, " Thugadh e air son eusaontais, gus an tigeadh 
an soil d' an d' rinneadh an gealladh;" Gal. iii. 16. Cha 
ruig mi leas innseadh dhuibh, mar a bha nioran aig Maois 
agus aig na fàidhibh ri dheanamh ann an daoine a thabh- 
airt o speis d' am fìreantachd fèin ; tha'n naothamh 
caibideil do leabhar Dheuteronomi gu h-iomlan air a 
chaitheadh air an ni sin. Bha na mearachdan co mhor 
air a' phuinc sin ann an làithibh ar Slànuighear. Ann an 
làithibh nan Abstol, 'nuair o bha teagasg an t-saor-ghràis 
gu ro shoilleir air a shearmonachadh, thog am mearachd 
sin suas a cheann an aghadh an t-soluis bu mhò ; mar 
dhearbhadh air .so faic an litir a chum nan Romanach 
agus nan Galatianach. Agus o'n àm sin cha robh am 
mearachd so air chall ; air do'n Phapanachd a bhi 'na 
sliochd coitchionn ann an gabhail a steach gach saobh- 
chreidimh a bha roimhe sin san t-saoghal, agus am 
mearachd so mar chridhe agus mar bheatha mheallaidh sin. 
Agus, fadheoidh, feudar a thoirt fa'near, mar a bha'n eag- 
lais do ghnath a' claonadh o a fior-ghloine, gu'n robh 
teagasg an t-saor-ghràis anns a' cheart tomhas air a 
dhorchachadh. 

3. Tha aomadh nadurra cridhe an duine do shlighe an 
lagha an aghaidh Chriosd, co mor is a thionndas an soith- 
each salach, an stuth is gloine a chuirear ann gu 'bhlas fèin ; 
mar sin tha'n duine nadurra a' tionndadh an dearbh shoisg- 
eul gu lagh, agus a' tionndadh coimhcheangal nan gràs gu 
coimhcheangal gniomh ! Bha lagh nan iobairte do na h- 
Iudhaich, 'na fhior-shoisgeul ; a bha cumail a mach fola, bàs, 
agus meas cionta do'n neo-chiontach no ghnath fa chomhair 
an sùl, mar an aon rathad slainte : Gidheadh bha 
ceart bhord, ('se sin, an altair leis na h-orduighean fa 
leth a bhuineadh dhi, Mal. 12,) 'na ribe dhoibh, Rom. xi. 
9, co fhad 'sa rinn iad feum dheth, ann bhi deanamh suas 
nan nithe san robh iad a' teachd gearr ann an umhlachd 
do lagh nam modhanna ; agus dhlùth-lean iad ris air chor 
as gu'n d'rinn iad di-meas air-san, a bha'n altair agus na h- 
iobairtean a' comharachadh a mach dhoibh mar am brìgh 
aca uile : Eadhon mar Hagar, d' am buineadh a mhàin a 
bhi deanamh seirbhis, air a tabhairt le'n athair gu leabaidh 
a ban-mhaighstir ; cha b' ann gun a bhi samhlachadh a 
mach diomhaireachd ann an rìm Dhè, " Oir is iad so an dk 
choimhcheangal," Gal. iv. 24. 'S ann mar so tha teagasg 



94 

an t-soisgeil air a thruailleadh le Papanaich, agus le 
naimhdibh eile do theagasg saor-ghràis. Agus gun amharus, 
ciod sam bith mar a bhitheas cinn dhaoine nadurra air 
an cur ceart anns a' phunc so ; co cìnnteach is a tha 
iad a mach à Criosd, tha'n creidimh, an aithreachas, agus 
an umhlachd (leithid 'sa tha iad) air an cur leo-san an 
àite Chriosd agus 'fhireantachd ; agus tha leithid do 
dhochas aca 's mar gu'n deanadh iad leo sin lagh nuadh a 
choimhlionadh. 

4. Is mor an cruadal le mic Adhaimh dealachadh ris 
an lagh, mar choimhcheangal oibre. Cha dealaich a h- 
aon ris air an doigh sin, ach iadsan a ta cumhachd Spior- 
aid nan gràs a' sgarrachdainn uaithe. 'Se'n lagh ar ceud 
fhear posda, agus tha e faotainn ceud ghaol gach neach. 
An uair a ta Criosd a' teachd a dh' ionnsuidh an anama, 
tha e ga fhaotainn pòsda ris an lagh ; air chor is nach mò 
as urrainn no's àill leis bhi pòsda ri aon eile, gus an eigin 
da dealachadh ris a' cheud fhear-posda, mar tha'n t-Abstol 
a' teagasg, Kom. vii. 1 — 4. A nis chuni gu'm faiceadh 
sidh ciod an seorsa dealachaidh a tha'n so, thugaibh fanear. 

(1.) Is bàs e, Rom. vii. 4. Gal. iii. 19. Cha bhuadh- 
aich earailean air an anam anns an ni so : their e ris a' 
cheud fhear-pòsda, mar a thubhairt Rut ri Naomi, "Gu'n 
deanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuille mar an 
ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus 
thusa." Agus an so, tha peacaich firinneach d' am focal : 
bàsaichidh iad do'n lagh, mu'm pòs iad ri Criosd. Tha'm 
bàs cruaidh leis gach neach : ach cia cruadalach a shaoileas 
sibh le mnaoi ghràdhaich air leabaidh a bàis dealachadh r'a 
companach pòsda, companach a h-òige, agus ris a' chloinn 
ghràdhaich a rug i dha ! Se'n Lagh am fear-posda sin ; agus 
is iad na h-uile dhleasdanais a rinneadh leis an duine na- 
durra, a' chlann sin. Ciod a' ghleachd, mar gu'm b' ann air 
son beatha, bhitheas anns a' chridhe mu'm faighear an deal- 
achadh o cheile ! Feudaidh cothrom a bhi agam labhairt 
air sin an deigh so. Air an àm so, gabhaidh briathra 
goirid (ach laidir) an Abstoil uime, Rom. x. 3. " Oir 
air dhoibh a bhi aineolach air flreantachd Dhè, agus ag 
iarraidh am fireantachd fèin a chur air chois, cha do 
striochd iad do fhìreantachd Dhe." Tha iad a' dol mu'n 
cuairt a dhaingneachadh am fìreantachd fèin, cosmhuil ri 
fear-deasboireachd dian ann an sgoilibh, ag iarraidh a' cheist 



95 

niu'm bheil e deasboireachd, a dhaingneachadh : no cosmhuil 
ri crochadair a ta fàsgadh aidmheil o neach a ta fo phian 
an inneil bhàis. Tha iad a' dol mu'n cuairt ga dhaing- 
neachadh, a thabhairt air seasamh. Tha'm fireantachd cos- 
mhuil ri tigh air a thogail air a' ghaineamh, cha'n urrainn e 
seasamh, ach is àill leo gu'n toirear air seasamh : tha e 
tuiteam ; tha iad 'ga chur suas a ris. Ach fathast tha e 
tuiteam sios orra ; gidheadh, cha'n 'eil iad a sgur do dhol 
mu'n cuairt a thoirt air seasamh. Ach c' arson a tha'n 
t-saothair so uile mu thimchioll fireantachd chlaonta ? 
A chionn, a leithid 'sa ta i, gur i 'n cuid fèin i. Ciod 
a' choire a th' aca do fhìreantachd Chriosd 1 ? Ciod ach a 
chionn gu'n cuireadh sin iad fuidh fhiachaibh do shaor- 
ghràs air son na h-uile ni; agus is e sin an ni do nach 
striochd an cridhe àrdanach air chor air bith. Is ann 
an so a tha cudthrom na cuise a' luidhe, Salm x. 4. 
" Cha'n iarr an t-aingidh ann an uabhar a chridhe, 'Se sin 
(am briathraibh eile) cha'n urrainn e ruamhar a dheanamh, 
agus is nàir leis deirc iarraidh." Is ann mar sin a tha'n stri 
mu'm bàsaich an t-anam do'n Lagh. Ach an ni a ta leig- 
eadh f haicinn fathast tuille do ghnè oillteil so a' chridhe ; 
tha nadur gu tric a' faotainn na h-uachdranachd air a' 
ghalar ; air chor is an t-anam a bha a reir coslais 
marbh do'n Lagh, f had 'sa bha mhothachaidhean geur agus 
goirt, tha e nis gu a thruaighe, a faghail saorsa o'n tinneas 
mu'n robh dochas, agus ni (a ta ro nadurra) tha e leant- 
uinn ni's dluithe na rinn e riamh ris an Lagh, eadhon mar 
a dhlùthaicheadh bean air a tabhairt air a h-ais o gheat- 
achan a bhàis, r's fear-pòsda. 'Si so is crioch do shaoth- 
air mhoran, mu chor an anama : tha iad gun amharus air 
an tabhairt gu leantuinn ni's dluithe ri dleasdanais'; ach tha 
iad co fada o Chriosd 'sa bha iad riamh mur 'eil ni's faide. 

(2.) Is bàs ainneartach e, Eom. vii. 4. " Tha sibh marbh 
do'n Lagh;" air dha bhith air a mharbhadh, air a mhort- 
adh, no air a chur gu bàs, mar tha'm focal a' ciallachadh. 
Tha làmh mhor aig an Lagh f èin ann an so ; tha'm fear- 
pòsda a' lot, Gal. ii. 19. "Tha mise, tre'n lagh marbh 
do'n lagh." Tha'n t-anam a bhàsaicheas am bàs so, cos- 
mhuil ri bean ghradhaich, pòsda ri fear an-iochdmhor ; ni 
i na's urrainn i, ga thoileachadh, gidheadh cha'n 'eil e idir 
toilichte, ach tha e 'ga sàruchadh, 'ga sgitheachadh, agus 
ga bualadh, gus am bheil i a' briseadh a cridhe, agus gus 



96 

am bheil am bàs 'ga cur saor ; mar a chithear ni's soilleire 
an deigli so. Mar so rinneadh soilleir gu bheil cridh- 
eachan dhaoine gu nàdurra ag aomadh gu slighe an Lagha, 
agus gu bheii iad an aghaidh deilbh an t-soisgeil : agus 
tha'n dara punc a th' air a thabhairt 'nur n-aghaidh-sa 
ta neo-iompaichte air a dhearbhadh, eadhon gu bheil sibh 
'nur naimhdibh no Mhac Dhè. 

3. Tha sibh nur naimhdibh do Spiorad Dhè. Is esan 
Spiorad na naomhachd : Tha'n duine nadurra mi-naomh, 
agus is taitneach leis a bhi mar sin ; agus uime sin, " tha e 
cur an aghaidh an Spioraid naoimh," Gniomh. vii. 51. Is 
e obair an Spioraid, " dearbh-shoilleireachd a thabhairt do'n 
t-saoghal mu pheacadh, mu fhìreantachd, agus mu bhreith- 
eanas, Eoin xvi. 8. Ach Oh ! cionnus a tha daoine ri strì 
gus na mothachaidhean sin a chumail uapa; tha iad co 
dìchiollach gu sin a dheanamh as a b'urrainn iad a bhi gu 
buille chumail diubh, a bhiodh a' bagradh call sùla deis, no 
làimhe deis ! Ma chuireas Spiorad an Tighearn a shaighdean 
an sathadh annta, air chor as nach urrainn iad an seachnadh ; 
tha'n cridhe ag ràdh, mar a thubhairt Ahab ri Eliah, neach 
a dh' fhuathaich e, agus roimh an robh eagal aige, " An 
d' fhuair thu mi, mo namhaid!" Agus, tha iad d' a rireadh, 
a' buntainn ris mar namhaid, a' deanamh an uine dhichioll 
gu am mothachaidean a mhuchadh, agus gus an roimh- 
theachdairean sin a ta teachd a dh' ulluchadh slighe don' 
Tighearna san anam a mhort. Tha cuid a' lionadh an 
lamh le gnothuichean an t-saoghail, a chur am mothach- 
aidhean as an cinn, mar Chain, a thòisich air baile thog- 
ail; tha cuid 'gan cur dhiubh le dàil agus geallaidhean 
sgiamhach mar a rinn Felics : cuiridh cuir air falbh iad 
le cluiche ann an cuideachd ; agus tha cuid 'g an cur dhiubh 
le codal. 'Se'n Spiorad naomli Spiorad an naomhachaidh ; 
d' an obair, ana-mianna a chlaoidh, agus truaillidheachd a 
losgadh suas ; cionnus air an aobhar sin, as urrainn an 
duine nadurra, d'am bheil ana-mianna mar bhuill a chuirp, 
seadh mar a bheatha, gun bhi 'na namhaid dha. 

San àite mu dheireadh, Tha sibh 'nur naimhdibh do 
Lagh Dhè. Ged tha'n duine nadurra ag iarraidh a bhi 
fuidh 'n Lagh, mar choimhcheangal oibre, a' roghnachadh 
na slighe sin air son slàinte, an aghaidh diomhaireachd 
Chriosd, gidheadh, mar a tha e 'na riaghailt air son beatha 
ag iarraidh naomhachd iomlan, agus a' diteadh gach uile 



97 

sheorsa neo-ghloine, tlia e na namhaid dha : " cha'n 'eil i 
umhal do lagh Dhè, is cha mhò tha'n comas di bhi," Rom. 
viii. 7. Oir, (1.) Cha'n 'eil duine neo-iompaichte ann, nach 
'eil ann an dàimh-posaidh ri ana-miann araidh, ris nach 
dealaich a chridhe air chor sam bith. A nis, mar nach ur- 
rainn e 'iarrtuis a thogail suas gus an lagh naomh, bu mhaith 
leis an lagh a thoirt a nuas gu iarrtuis-san : dearbhachd 
soilleir air naimhdeas a chridhe 'na aghaidh. Agus, uime 
sin, tha tlachd ann an lagh Dhè, reir an duine an taobh a 
stigh, air a chur sios anns an Fhocal, mar chomhara air 
anam grasmhor, Rom. vii. 22. ; Salm i. 2. Is ann o'n 
naimhdeas nadurra so a' chridhe an aghaidh an lagha, a 
dh' eirich na h-uile mìneachadh Pharasachail a rinneadh 
uime ; leis am bheil an aithne, a ta innte fèin ro-fhar- 
suinn, air a deanamh ni's taitniche do iarrtus nadurra a' 
chridhe. 

(2.) An uair a tha'n lagh 'na spioradalachd, air a chur 
dhachaidh a dh' ionnsuidh na coguis nadurra, tha e bros- 
nuchadh suas truaillidheachd. Mar is dluithe a tha e 
teachd, is ann is àirde tha nadur ag èirigh 'na aghaidh. Anus 
a' chor sin, tha e mar oladh do'n teine, ta an aite bhi ga 
mhuchadh, a deanamh na lasair ni's mò : " An uair a thainig 
an aithne, dh' ath-bheothaich am peacadh," ars' an t-Abstol, 
Rom. vii. 9. Ciod an reusan a bheirear uime so, ach 
naimhdeas nadurra a' chridhe an aghaidh an lagha naoimh 1 
Mar is mò a chuirear an aghaidh truaillidheachd neo- 
chlaoidhte, is ann is mò a dh' atas i. Co-dhunamaid, air 
an aobhar sin, gu bheil na daoine neo-iompaichte, 'nan 
naimhdibh 'nan cridhe do Dhia, d' a Mhac, d'a Spiorad, agus 
d'a Lagh, gu bheil eas-umhlachd nadurra, eusaontas agus 
naimhdeas ann an toil an duine, do Dhia fèin, agus d'a thoil 
naomh. »^, 

Sa' chuigeadh àite. Tha ann an toil an duine, ceannairc 
an aghaidh an Tighearna. Tha toil an duine gu nad- 
urra ceann-laidir ann an slighe an uilc. Bithidh a th@il 
fèin aige, ge do sgriosadh i e. Tha e leis-san, mar leis an 
Lebhiatan, (Iob xli. 29.) " Measaidh e mar chonnlaich gath- 
an; agus ni e gàire ri crathadh sleagha." Tha'n Tighearn 
a' gairm air le 'fhocal, agus ag radh ris, mar a thubhairt 
Paul ri fear-coimhead a' phriosain, 'nuair a bha e gu e 
fèin a mharbhadh, " Na dean cron sam bith ort fèin : " A 
pheacaich, " C' arson a bhasaicheas sibh," Esec. xviii. 31. 

Q 



98 

Ach cha'n eisd iad. " Tha gach aon a' pilleadh gu 'shlighe, 
mar a dhian-ruitheas an t-each a chum a' chomhraig." 
Tha gealladh air beatha againn, ann an cruth aithne, 
Gnath-fhocail iv. 4. " Coimhid m' àitheanta agus mair 
beò." Tha sin a' leigeadh fhaicinn gu 'bheil peacaich 
neo-aithreachail 'nan luchd fèin-sgrios, 'nam fèin-mhortair- 
ean d'an deoin. Tha iad a' ciontachadh an aghaidh na 
h-àithne, a bhi beò ; mar gu'n cuireadh seirbhiseach duine 
gu toileach e fèm gu bàs do'n ghort, no gu'n òladh e gu 
gionach copan nimhe, a dh' aithn a mhaighstir dha a 
sheachnadh : Eadhon mar sin tha iadsan a' deanamh ; 
cha'n àill leo bhi beò, 's àill leo bàsachadh, Gnath-fhocal 
viii. 36. "ladsan uile a dh' fhuathaicheas mi gràdhaich- 
idh iad am bàs." ciod an cridhe tha'n so ! Is cridhe 
cloich e, Esec. xxxvi. 26. cruaidh agus do-lubaidh, mar 
chloich : Cha leagh trocairean e, cha bhris breitheanais 
e; gidheadh brisidh e mu'n lub e. Is cridhe neo-mhoth- 
achail e : ged tba cudthrom peacaidh air a' pheacach a 
ta toirt air an talamh criothnachadh ; ged tha cudthrom 
feirge air a ta toirt air na diabhuil criothnachadh, gidh- 
eadh tha e siubhal gu h-eutrom fuidh'n eallach; cha'n 
'eil e a' mothachadh a chudthrom ni's mò na tha clach, 
gus am bheil Spiorad an Tighearna 'ga bheothachadh gu 
fhaireachdain ! 

San àite mu dheireadh, Tha'n toil neo-nuadhaichte gu 
h-iomlan fiar a thaobh crìch mhoir agus àraidh an duine. 
Cha'n i crioch araidh an duine nadurra a Dhia, ach e fèin. 
Tha'n duine 'na bhith a ta a mhain ann an crochadh agus 
ann an daimh ri bith eile : cha'n 'eil bith no maitheas a 
thaobh naduir aige, uaithe f èin : ach gach ni a th' aige, is 
ann o Dhia a ta e, mar cheud aobhar, agus tobar gach uile 
iomlaineachd, nadurra no spioradail ; tha e air f hilleadh 'na 
cheart nadur a bhi an crochadh ri bith eile, air chor as 
nan tarruingeadh Dia air ais uaithe, gu'n seargadh e gu 
neo-ni. À dh' fhaicinn, uime sin, ciod sam bith a ta ann 
an duine, gur ann uaithe-san a ta e ; 's cinnteach gu'm bu 
choir dha bhi air a shon-san anns gach ni a ta e deanamh- 
mar tha na h-uisgeachan a ta teachd o'n fhairge, a' dean, 
amh, tha iad a' tionndadh gu nadurra d' a h-ionnsuidh a 
rìs. Agus mar so bha'n duine air a chruthachadh, ag 
amharc ri Dia, mar 'ard-chrioch : ach air dha tuiteam gu 
peacadh, thuit e air falbh o Dhia, agus thionndaidh e d'a 



99 

ionnsuidli fèin; agus cosmhuil ri fear-brathaidh a' glacadh 
na righ-chaithreach, tha e cruinneachadh màil a chrùin d'a 
ionnsuidh fèin. A nis tha so a' nochdadh làn chlaonadh, 
agus truaillidheachd iomlan anns an duine ; oir far am 
bheil a' chrioch àraidh agus dheireannach air an atharrach- 
adh cha'n fheud maitheas a bhi 'n sin. 'Se so cor 
nan uile a dhaoine, 'nan staid naduir, Salni xiv. 2, 3. " Dh' 
amhairc an Tighearn a nuas a dh' fheuchainn an robh 
neach ann a bha 'g iarraidh Dhè. Chlaon iad uile ; (sin 
ri ràdh, o Dhia ; cha'n 'eil iad ag iarraidh Dhè, ach iad 
fèin : agus ged tha iomadh fuigheall maith do dheadh 
bheusan ri fhaotainn 'nam measg, gidheadh,) Cha'n 'eil 
neach ann a ni maith, cha'n 'eil eadhon aon." Oir, ged 
tha cuid diubh a' ruith gu maith, tha iad f athast bharr na 
slighe ; cha'n 'eil iad ag cuimseachadh ris a' chomhara 
cheart : " Tha iad fèin-speiseil," (2 Tim. iii. 2,) tuilleadh 
graidh aca dhoibh fèm " na ta aca do Dhia," rann 4. Uime 
sin, air do Iosa Criosd teachd a dh' ionnsuidh an t-saogh- 
ail, a thabhairt dhaoine air an ais a rìs a dh' ionnsuidh 
Dhè, thainig e gan toirt a mach asda fèin sa' cheud àit, 
Mata xvi. 25. Tha na daoine diadhaidh ag osnaich fuidh 
fhuigheall gne oillteil so a' chridhe ; tha iad 'ga aideach- 
adh, agus 'gan cur fèin 'na aghaidh, 'na uile mhealltair- 
eachd agus carthachd chunnartach. Tha na daoine neo- 
iompaichte, ged tha iad ro neo-mhothachail uime, fuidh 
a chumhachd ; agus ciod sam bith taobh a tha iad 'gan 
tionndadh fèin, cha'n urrainn iad dol a mach à cuairt na 
fèin: tha iad 'gan iarraidh fèin tha iad ag oibreachadh. 
air an son f èin ; tha'n gniomhara nadurra, saoghalta agus 
beusach, ciod air bith tobar o'm bheil iad a' sruthadh, a' 
ruith a dh' ionnsuidh, agus a' coinneachadh, ann an cuan 
marbh na/^w»! 

Tha chuid a's mò do dhaoine co fada o bhi a' deanamh 
Dhia na àrd-chrioch dhoibh, 'nan gniomharaibh nadurra 
agus beusach, is nach 'eil Dia idir 'nan smuaintibh. Tha'n 
ithe agus an òl, agus an leithide sin do ghniomhara nadurra, 
air an son fèin, an toil-inntinn no am feum fèin, gun suil ri 
crioch a's àirde. Sech. vii. 6. " Kach d'ith sibh air bhur son 
f èin 1 " Cha'n 'eil suil aca ri gloir Dhè anns na nithibh sin 
mar bu choir dhoibh, 1 Cor. x. 31. Cha'n 'eil iad ag 
itheadh agus ag òl, a chumail suas an cuirp air son seirbhis 
an Tighearna, cha'n 'eil iad 'gan deanamh a chionn gu'n 



100 

dubhairt an Tighearna na dean mortadh. Cha mhò a ta na 
boinnean sin do mhilseachd a tha'n Tighearna a' cnr sa' chreu- 
tair, a' togail an anama a dh' ionnsuidh a' chuain sin do thoil- 
inntinn a ta anns a' Chruithear, ged tha iad mar chomh- 
ara air a chur suas aig dorus nèimh, a dh' innseadh do 
dhaoine mu'n lanachd maitheis a ta ann an Dia f èin. Gniomh. 
xiv. 17. Ach is efe'in, agus cha'n e Dia, a ta air iarraidh le 
daoine nadurra annta. Agus ciod iad gniomhara beusach 
an duine neo-iompaichte, ann an ceannachd, ann an reic, 
no ann an obair, ach toradh dha fèin? Hos. x. 1. Mar sin 
bha pòsadh, agus tabhairt ann an pòsadh, air a mheas am 
measg pheacanna an t-sean saoghail, (Mat. xxiv. 38.) oir cha 
robh sùil aca ri Dia annta sin, gu esan a thoileachadh, 
ach 'se na bh' aca 'nam beachd, iad fèin a thoileachadh, 
Gen. vi. 3. Fadheoidh, is e fèin crioch mhor dhaoine 
nadurra, 'nan gniomharaibh crabhaidh : tha iad a' deanamh 
dhleasdanais air son ainme, (Mata vi. 1, 2,) no air son buan- 
nachd eigin shaoghalta, Eoin vi. 26. No, ma tha iad ni's 
suairce, is e'n sìth, agus air a' chuid is mò, iad a bhi air 
an saoradh o ifrinn agus fearg, no an sonas siorruidh fèin, 
a' chrioch is mò agus is àirde th'aca, Mata xix. 16 — 22. 
Tha'n suilean air an cumail, air chor as nach 'eil iad a' 
faicinn gloir Dhè\ Tha iad gun teagamh ag iarraidh Dhè, 
ach cha'n ann air a shon-san, ach air an son fèin. Cha'n 'eil 
iad idir 'ga iarraidh ach air son am maith f&n; mar sin 
tha'm beatha uile air fhigheadh ann an aon deilbh do 
ghnath-thoibheum ; a' deanamh Dhia 'na mheadhon, agus 
fe'in mar chrioch, seadh, mar àrd-chrioch dhoibh. 

Agus mar so thug mi dhuibh sealladh ann an tomhas air 
toil an duine, 'na staid naduir, air a tharruing o'n Sgriobtur 
agus o fhiosrachadh dhaoine fèin. Na h-abair ris à so suas 
Naomi, ach Marah ; oir is searbh e, agus is freumh searbh- 
lachd e. Na, h-abair ris ni's mò, saor-thoil, ach ana-miann 
traileil ; saor gu olc, ach saor o mhaith, gus an dean gràs 
an ath-nuadhachaidh cuibhrichean na h-aingidheachd fhuas- 
gladh. A nis, a chionn gu bheil gach ni clì, agus nach 
urrainn ni bhi ceart, far am bheil an tuigse agus an toil co 
truaillidh, bithidh mi aithghearr anns na nithibh a leanas, a 
ta ann an ordugh a' co-leantuinn truaillidheachd ard- 
bhuaghan so an anama. 



101 

Truaillidheachd nan Aignidhean, na coguis, agus na 
Cuimhne an corp nafhear co-pairt do'n truaillidheachd so. 

III. Tha na h-aignidhean air an truailleadh. Tha 
aignidhean an duine neo-iompaichte gu h-uile as an ordugh 
agus as an riaghailt : Tha iad mar an t-each neo-cheanns- 
aichte, an dara cuid nach gahh r'a mharcach, no a ruith- 
eas gu teann air falhh leis. Mar so tha cridhe an duine, gu 
nadurra, 'na mhathair do ghraineileachd, Marc. viii. 21, 
22. " Oir is ann o'n taohh a stigh, à cridhe dhaoine, a 
thig a mach droch smuaintean, adhaltrannas, striopachas, 
mortadh, goid, sannt." Tha aignidhean an duine nadurra 
gu truagh as an riaghailt : Is uilbheist spioradail e ! Tha 
'chridhe far am bu choir d'a chosan a bhi suidhichte air 
an talamh ! Tha 'shailtean air an togail suas an agh- 
aid neimh, an t' àite am bu choir d'a chridhe a bhi 
air a shocrachadh ! Gniomh. ix. 5. Tha aghaidh ri ifrinn, 
tha chul ri neamh ! agus, uime sin, tha Dia a' gairm air 
tionndadh. Tha e gràdhachadh an ni bu choir dha fhuath- 
achadh, agus a' fuathachadh an ni bu choir dha ghràdh- 
achadh ! a' deanamh aoibhneis anns an ni bu choir bròn 
a chur air, agus ri bron air son an ni bu choir aoibhneas 
a chur air ! a' deanamh uaill 'na naire, agus fo naire d'a 
aobhar uaill; a gràineachadh an ni bu choir dha iarraidh, 
agus ag iarraidh an ni bu choir dha ghraineachadh ! 
Gnath-fhocal ii. 13 — 15. Tha iad gun amharus ag 
amas a' chomhara, (mar a rinn Caiaphas ann an cùis eile) 
a ghlaodh a mach ris na h-Abstoil mar dhaoine " a thionnd- 
aidh an saoghal bun os ceann," (Gniomh. xvii. 6.) oir is i 
sin an obair a th' aig an t-soisgeul anns an t-saoghal, far 
an do chuir peacadh na h-uile ni as a riaghailt, air chor 
as gu bheil neamh a' luidhe gu h-iosal agus an talamh os a 
cheann ! Ma tha aignidhean an duine nadurra dol an deigh 
cuspairean laghail, an sin tha iad an dara cuid ro-làidir 
no ro-lag ! Tha aig toilinntinne laghail an t-saoghail, 
air uairibh, tuilleadh is beag, ach air a' chuid mhoir tuill- 
eadh 'sa choir dhiubh ; an dara cuid, cha'n f haigh iad an 
coir, no ma gheibh, is tomhas e, a ta air a gheinneadh, agus 
a' cur thairis ! Tha aig nithe spioradail do ghnath ro 
bheag dhiubh. Ann an aon fhocal, tha iad do ghnàth beag 
no mor : cha'n 'eil iad idir ceart, tha iad a mhain olc ! 
A nis, tha ann an so cord tri-fillte an aghaidh neimh, agus 

^ # o 



102 

naonihachd, nach 'eil furasd a bhriseadh ; " duine dall, toil 
cheannairceach, agus aignidhean mi-riaghailteach neo- 
shuidhichte." Tha'n inntinn air a h-at le fèin speis, ag radh, 
nach bu choir do'n duine striochdadh; air do'n toil a bhi 
an aghaidh toil Dhè, tha i ag radh nach aill leis a dhean- 
amh ; agus tha na h-aignidhean truaillidh ag eirigh an adh- 
aidh an Tighearn, a dhion na toill thruaillidh, ag radh, cha 
dean se e. Mar so tha'n creutair bochd a' seasamh a mach an 
aghaidh Dhè agus maitheis ; gus am bheil là do chumh- 
achd ag teachd, anns am bheil e air a dheanamh 'na chreut- 
air nuadh. 

IV. Tha 'choguis air o truailleadh agus air a salach- 
adh. Tit. i. 15. Is droch shuil i, a ta lionadh caithe- 
beatha neach le moran dorchadais, agus aimhreite; air 
dhi bhi gu nadurra ne-chomasach air a h-obair a dhean- 
amh, gus am bheil an Tighearna le solus nuadh a leigeadh 
a stigh air anam, a' dusgadh na coguis, tha i mairsinn cod- 
altach agus neo-ghniomhach. Cha'n urrainn a' choguis 
gu bràth a h-obair a dheanamh, ach a reir an t-soluis a ta 
aice gu oibreachadh lcis. Uime sin, do bhrigh nach urrainn 
an duine nàdurra nithe spioradail a thuigsinn, air mhodh 
spioradail, (1 Cor. ii. 14.) tha 'choguis gu nadurra, gun 
fheum anns a' phuinc sin ; air dhi bhi air a cur na 
leithid do throm-chodal, as nach 'eil ni sam bith, ach 
soillseachadh slàinteil o'n Tighearna, is urrainn a cur gu 
oibreachadh anns an ni sin. Tha solus na coguis nadurra 
ann am maith agus ann an olc, ann am peacadh agus ann 
an dleasdanais, ro dhorch : Uime sin ged a dh' fheud- 
as i achmhasan a thoirt air son pheacanna garbh, gidh- 
eadh, do thaobh oibreachaidh diomhair a' pheacaidh, 
cha'n urrainn i achmhasan a thabhairt, do bhrigh nach 'eil 
i 'g an tuigsinn. Mar so leumaidh coguis an aghaidh moran, 
ma bhitheas iad aig àm sam bith air mhisg, ri mionn- 
achadh, a' dìchuinihneachadh urnuigh, no ma bhios iad 
ciontach ann am peacadh garbh sam bith ; muinntir 
aig am bheil, air dhoigh eile, sìth shocrach, ged a tha 
iad a' caitheadh am beatha an am peacadh a mhi-chreid- 
imh, 'nan coigrich do aoradh spioradail, agus do bheatha 
a' chreidimh. Agus air do'n t-solus nadurra a bhi ach 
fànn agus lag, ann am moran do nithibh gus am bheil e a' 
ruigheachd, tha 'choguis, anns a' chor sin a bualadh mar 
ghreim ann am cliadhaich neach, a ta gu h-ealamh a' dol 



103 

air falbh ; tlia a brosnachadh gu dleasdanas, agus a h- 
achmhasan air son peacaidh, agus a strì 'na aghaidh ro 
fhann, ni a ta'n duine nadurra a' faighinn gu fur- 
asda thairis. Ach do bhrìgh gu bheil solus mearachd- 
ach anns an inntinn dhorch, air do'n choguis nadurra bhi 
leantuinn an t-soluis sin, their i " olc ri maith, agus 
maith ri olc," Isa. v. 20. Agus mar sin tha i gu tric 
cosmhuil ri each dall anmeineach, a tha gu dian ga thilg- 
eadh fèin agus a mharcach sios agus gach ni a tha teachd 
'na rathad ! Eoin xvi. 2. " Ge b'e neach a mharbhas sibh, 
saoilidh e gu bheil e deanamh seirbhis do Dhia." An uair a 
tha 'choguis nadurra air a dusgadh le Spiorad a' mhoth- 
achaidh, tha i gun amharus buaireasach agus beucach 
agus cuiridh i an duine gu iomgain eagalach ! tha i gu 
h-uamhasach a' gairm uile chumhachdan an anama g' 
a cuideachadh 'na teinn ! a' thoirt air a chridhe rag 
cr othnachadh, agus air na gluinibh lubadh ! a cur nan 
sul a ghul, an teangadh a dh' aidmheil ; agus a' toirt 
air an duine a mhaoin a thildeadh a mach do'n fhairge, 
nithe a tha esan a' meas a tha cur long an anama 
fodha, ged tha'n cridhe fathast a' dol 'nan deigh. Ach, 
gidheadh, is droch coguis i, a ta gu nadurra a' treòrachadh 
gu an-dochas ; agus ni i sin gu h-eifeachdach, mar 
ann an cor Iudais ; mur 'eil aon chuid ana-mianna 
a' buadhachadh orra, g'a cur 'na codal, mar ann an 
cor Fhelics, (Gniomh. xxiv. 25.) no fuil Chriosd a' 
buadhachadh g'a crath-ghlanadh o oibribh marbha, mar 
ann an cor gach uile ata air fhior-iompachadh, Eabh. ix. 14. 
agus x. 22. 

San àite mu dheireadk, Tha eadhon a' chuimhne a' 
giulan comharan soilleir air an truaillidheachd so. JSi a 
ta maith agus luachmhor a bhi air a chuimhneachadh, 
mar nach 'eil e ach a' gabhail greim lag, tha e gu h-ullamh 
a' falbh ; tha a chuimhne mar shoitheach eudionach 
a' leigeadh leis ruith a mach, Eabh. ii. 1. Mar chriathar 
a tha làn, 'nuair a tha e san uisge, a leigeas na h-uile 
ni as an uair a ta e air a thoirt a mach; mar sin tha 
chuimhne, do thaobh nithe spioradail. Ach cia co-ullamh 
'sa ghleidheas i an ni bu chor dhi a dhichuimhneach- 
adh? Tha nithe olc a' teachd o stigh orra air chor as 
ged bu mhaith le daoine an cumail as an inntinn, gidh- 
eadh gu bheil iacl a' dlùth-leantuinn rithe mar ghlaodh ! 



104 

Ciod air bith co dì-chuimhneach as a tha daoine ann an 
nithibh eile, is cruaidh leo an eucoir a dheanadh neach orr' 
a dhì-chuimhneachadh. Mar sin tha chuimhne gu tric a' 
fadadh teine ùr ri seana mhiannaibh ; tha i tabhairt air 
daoine 'nan sean aois, a bhi ag ath-dheanamh peacaidh an 
òige, am feadh a ta i a rìs g' an cur fa chomhair na h-inn- 
tinn le tlachd, leis am bheil iad ag imlich a suas an sean 
sgeith. Agus mar so tha i cosmhuil ris an ridail, a leigeas 
troimpe an siol fallain, agus a chumas na siolainnean. An 
fhad so mu thruaillidheachd an anama. 

Tha'n corp ièin., mar an ceudna, na fhear co-pairt 
do'n truaillidheachd agus do'n t-salachar so, co fhad as a 
tha e an comas da. Time sin, tha'n Sgriobtur a' gairm 
dheth feoil pheacach, Kom. viii. 3. Feudaidh sinn so a 
thoirt fa'near ann an dà ni. (1.) Tha gne-nadurra, no 
mar is fearr a dh' fheudar a radh, mi-ghnè cuirp chloinn 
Adhaimh, mar is gnè i a dh' fhàg am peacadh gin 
ann, mar sin tha aomadh duchasach anns a' chorp gu 
peacadh, tha e brosnachadh, gu peacadh, a' treòrachadh 
an anama gu ribeachan, seadh, tha e fèin 'na ribe do'n 
anam. Tha'n corp 'na chreutair fiadhaich, 'na leithid do 
mhiotailte, is mur bi e air a phronnadh sios, air a 
chumail fuidh smachd, agus air a throm-bhualadh, gun tilg 
e ann t-anam gu moran peacaidh agus truaighe, 1 Cor. ix. 
27. Tha graineileachd anns a' chorp. (Philip. iii. 21.) 
nach bi air atharrachadh a thaobh na naoimh, gus an 
leaghar sios ann an uaigh e, agus gus am bi e air a chur 
gu cumadh ùr, aig an aiseirigh gu teachd a mach 'na chorp 
Spioradail ; agus cha bhi e gu bràth air a thoirt air falbh 
o chuirp 'na muinntir sin nach 'eil 'nan luchd co-pairt 
do aiseirigh na beatha. (2.) Tha'n corp a' seirbhiseach- 
adh an anama ann am moran pheacanna. Tha 'bhuill 'nan 
airm-chogaidh, no nan inneil eucoir, leis am bheil daoine 
a' cogadh an aghaidh Dhè, Kom. vi. 13. Tha na suilean 
agus na cluasan 'nan dorsan fosgailte, tre am bheil 
miannan neo-ghlan agus iarrtuis pheacach a' teachd a 
steach do'n anam : " Is saoghal do aingidheachd an teanga," 
Seum. iii. 6. " Is olc do-chasgaidh i, lan do nimh marbh- 
tach," rann 9. Leis an teangaidh, tha'n cridhe neo-ghlan a' 
brùchdadh a machmòran d'a shalachar. Is " uaigh fhosgailte 
an scomach," Kom. iii. 19. Tha na cosan a' ruith air 
gnothaichean an diabhuil, rann 15. Tha 'bhru air a dean- 



105 

amh 'na dia, (Philip. iii. 19.) cha'n ann a mhain le misg- 
eirean agus luchd ana-caithidh, ach leis na h-uile duine 
nadurra, Sech. vii. 6. Mar sin tha'n corp, gu nadurra, 'na 
fhear-oibre do'n diabhul ; agus 'na thigh-stoir-airm an 
aghaidh an Tighearna ! 

Gu co-dhunadh, Tha'n duine, a thaobh naduir, gu 
h-uile air a thruailleadh : "0 bhonn na coise, eadhon gu 
ruig an ceann, cha'n 'eil fallaineachd ann." Agus, mar 
anns an otrach, tha na h-uile ni a ta ann a' cuideachadh gus 
an iomlan a thruailleadh ; mar sin tha'n duine nadurra, fhad 
'sa tha e san staid sin, a' fàs do ghnath ni's miosa agus nis 
miosa. Tha'n t-anam air a dheanamh ni's miosa leis a' 
chorp, agus an corp leis an anam; agus tha uile bhuaghan 
an anama a' cuideachadh gu aon a cheile a thruailleadh ni's 
mò agus ni's mò. An urrad so mu'n dara ceann choitchionn. 

MAR A BHA NADUR AN DUINE AIR A THRUAILLEADH. 

San treas àite, Nochdaidh mi mar a tha nadur an duine 
air teachd mar so gu bhi air a thruailleadh. Dh' aithn- 
ich na cinnich, gu'n robh nadur an duine air a thruaill- 
eadh ; ach cha b'urrainn iad innseadh cionnus a thainig am 
peacadh a steach. Ach tha'n Sgriobtur ro shoilleir air a' 
cheann sin, Rom. v. 12. "Tre aon duine, thainig peac- 
adh a steach do'n t-saoghal," rann 19. "Trid eas-umh- 
lachd aoin duine, rinneadh moran 'nam peacaich." Thruaill 
peacadh Adhaimh nadur an duine, agus ghoirtich e am 
meall do'n chinne-daoine uile. Lobh sinn uile ann an 
Adhamh, mar ar freumh. Thainig an nimhe steach do'n 
fhreumh, agus mar sin dh'fhàs na geugan nimheil. Dh' 
fhàs an fhionain 'na fionain Shodoim, agus dh' fhàs 'na 
fion-dhearcan 'nan domblas. Rinneadh Adhamh, le 'pheac- 
adh, cha'n e mhain ciontach, ach truaillidh ; agus mar 
sin thug e nuas cionta agus truaillidheachd d'a shliochd, 
Gen. v. 3. ; Iob xiv. 4. Le 'pheacadh, ruisg se e fèin 
d'a cheud fhireantachd, agus thruaill se e fèin; bha sinn 
annsan, mar ar ceann coimhcheangail, air dha bhi 'na 
cheann-umhlachd air arson ann an coimhcheangail, 'nan 
oibribh ; bha sinn ànnsan mar shiol, mar ar ceann nadurra ; 
uime sin thuit sinn ann, agus le eas-umhlachd-san rinneadh 
sinne 'nar peacaich, mar Lebhi ann an leasraibh Abrahaim 
a dh' ioc an deachamh, Eabh. vii. 9, 10. Tha a' cheud 



106 

pheacadh-san air a ruheas dhuinne ; uime sin tha sinne gu 
ceart air ar fagail fuidh easbhuidh a cheud-fhireantachdsan, 
ni air dhi a bhi air a tabhairt dhasan mar ar ceann coit- 
chionn, a thilgeadh dheth le pheacadh ; agus uaithe so, tha 
truaillidheachd naduir an duine gu h-iomlan annsan agus 
annainne a' sruthadh; air do fhireantachd agus truaillidh- 
eachd a bhi 'nan dà ni a ta'n aghaidh a cheile, is eigin gu'm 
bi aon diubh so do ghnath anns ann duine, mar chuspair 
iomchuidh air a shon. Agus air do Adhamh ar n-athair 
coitchionn a bhi truaillidh, tha sinne mar sin mar an ceud- 
na ; oir, " Co is urrainn ni glan a thabhairt à neo-ghlan ? " 

Ged is leoir a dhearbhadh, ceartais an fhrithealaidh 
so, gur ann e 'n Tighearn a bha e; a ta deanamh gach 
uile ni ceart; gidheadh gu tosd a chur air gearan an 
naduir uaibhrich, thugamaid fa'near ni's faide na nithe 
a leanas. (1.) Anns a' choimhcheangal anns an robh 
Adhamh 'na fhear-ionaid air ar soin-ne, bha sonas siorruidh 
air a ghealltuinn dhasan agus d'a shliochd, nam b'e as 
gu'n d' thugadh e ('se sin Adhamh) umhlachd iomlan, 
mar fhear-ionaid a' chinne-daoine uile : Oir, mur bith- 
eadh coimhcheangal ann, cha b' urrainn iad beatha shior- 
ruidh a thagar leis an umhlachd a b' iomlaine bheireadh 
iad; ach dh' fheudadh iad, an deigh sin uile bhi air am 
pilleadh gu neo-ni, gidheadh a reir ceartais naduir bhith- 
eadh iad buailteach do fhearg shiorruidh Dhe, air son 
peacaidh. Co anns a' chor sin, nach aontaicheadh ri esan a 
bhi 'na fhear-ionaid ? (2.) Bha cumhachd gu seasamh air 
a thabhairt do Adhamh, air dha bhi air a dheanamh dir- 
each. Bha e co comasach air seasamh air a shon fèin, 
agus air son a shliochd, as a b' urrainn neach 'na dheigh a 
bhi gu seasamh air an son fèin. Bhiodh deuchainn so a' 
chinne-daoine, ann am fear-ionaid gu luath thairis, agus 
bhiodh an crun air a chosnadh dhoibh uile, nan seas- 
adh esan ; oir, nam bitheadh a shliochd neo-cheangailte 
ris, agus na h-uile h-aon air fhagail gu deanamh air a shon 
fèin, bhiodh an deuchainn do ghnath a' dol air. a h-agh- 
aidh, mar a thigeadh daoine do'n t-saoghal. (3.) Bha'n 
daimh nadurra, bu laidire aige, gu cheangal, air dha bhi 
'na athair coitchionn dhuinn. (4.) Bha 'mhaoin fèin anns 
an luing, bha chuidsan uile ann an cunnart co maith r'ar 
cuid-ne. Cha robh seilbh air leth aige eadar-dhealuichte 
uainne, ach nan dichuimhnicheadh e ar leas-ne, b' eigin 



107 

da a leis fèin a dhìchuimhneachadh. (3.) Nan seasadh 
esan, bhiobh againne solus inntinn-san, fireantachd a thoile, 
agus naomhachd aignidhean, le fìor-ghloinne iomlan air 
a cur a nuas d'ar n-ionnsuidh ; cha b' urrainn sinn tuiteam ; 
bhitheadh crun na gloire tre umhlachd-san gu brath air 
a dheanamh cinnteach dha fèin agus d'a shliochd. Tha 
so soilleir o nadur f ear-ionaid a' choimhcheangail ; agus air 
dhuine a bhi caillte tre pheacadh Adhaimh, cha'n fheudar 
reusan a thabhairt, nach bitheamaid air ar sabhaladh tre 
'umhlachdsan. Air an laimh eile, is reusanta, air dhasan 
tuiteam, gu giulaineadh sinne maille ris an call. San 
àite mu dheireadh, 'S eigin doibhsan a ta cur an aghaidh 
an t-suidheachaidh so, cul a chur r' an coir ann an Criosd ; 
oir cha'n 'eil sinn air dhoigh sam bith eile air ar deanamh 
'nar peacaich tre Adhamh, ach mar tha sinn air ar deanamh 
fireanta tre Chriosd, o'm bheil againn araon fireantachd air 
a meas duinn, agus fireantachd air a gin annainn. Cho mhò 
rinn sinn roghainn do'n dara Adhamh mar ar ceann agus 
fear-ionaid anns an dara coimhcheangal, no rinn sinn do'n 
cheud Adhamh anns a cheud chiomhcheangal. 

Na biodh iongantas air neach, gu'm b' urrainn a leithid 
do atharrachadh uamhasach a bhi air a dheanamh le aon 
pheacadh ar ceud pharanta ; oir leis a' pheacadh sin thionnd- 
aidh iad air falbh o Dhia mar an ard-chrioch, a ta ann fein 
a' nochdadh truaillidheachd iomlan. Bha moran uilc air 
fhilleadh a stigh 'nan peacadh; thuit iad gu h-uile air 
falbh o Dhia ! Bhris iad an lagh gu h-iamlan ! Leis a' 
pheacadh sin bhris iad na deich aitheanta an aon uair. 
(1.) Eoghnaich iad diathan ùr. Einn iad an dia d' am brionn, 
le'm f eolmhoireachd : Einn iad an dia do fhein-speis le'n 
gioir-mhiann : seadh, agus rinn iad an dia do'n diabhul le 
esan a chreidsinn, agus le mi-chreideas a thoirt d' an Cruith- 
ear. (2.) Ge d' fhuair iad aithne Dhè, mu'n mheas thoirm- 
isgte, -gidheadh cha do choimhead iad i. Einn iad tarcuis 
air an ordugh sin a bha co soilleir air a h-aithne dhoibh agus 
dh' fheuch iad ri rathad a chumadh dhoibh fèin, gu seirbhis 
a dheanamh do'n Tighearna. (3.) Thug iad ainn an 
Tighearn an Dia an diomhanas ; a' deanamh dimeas air a 
bhuaghaibh air a cheartas, air 'fhirinn, agus air a chumh- 
achd, &c. Thruaill iad a' chraobh naomh sin ; mhi-ghnath- 
aich iad 'fhocal, anns nach do chreid ìad e ; mhi-ghnathaich 
iad an ni sin d' a chruthachadh-sa ris nach bu choir dhoibh 



108 

'habh iad beachd mearachdach air a 
fhreasdal ; mar gu'm biodh Dia a' seasamh an aghaidh an 
sonais ; leis a' chraoibh sin a thoirmeasg dhoibh • agus, air an 
aobhar sin, cha d'fhuiling e dhoibh dol as o cheart bhreith- 
eanas. (4.) Cha do chuimhnich iad an t-Sabaid, a choimh- 
ead naomh ; ach chuir siad iad fèin à riaghailt gu seirbhis 
cheart a thoirt do Dhia air a là ièin. Cha mhò a chum iad 
staid na fois naomh sin anns an do shuidhich Dia iad. 
(5.) Thilg iad dhiubh an dleasdanais d'a cheile; dhì- 
chuimhnich Eubha i fèin, agus rinn i an gniomh gun a 
comhairle chur r' a fear is thug sin sgrios orra le cheile : 
ann an àite do Adhamh a comhairleachadh gu aithreachas, 
's ann a striochd e do'n bhuaireadh, agus a dhaingnich e i 
'na drocli gniomh. Dhìchuimhnich iad na h-uile dleasda- 
nas d'an sìiochd. Cha d' thug iad onoir d' an Athair air 
neamh ; agus, air an aobhar sin, cha robh an laithean fada 
anns ann fhearann a thug an Tighearn an Dia dhoibh. (6.) 
Thug iad sgrios orra fèin agus air an sliochd uile. (7.) 
Thug siad iad fèin thairis do ana-miann agus do fheol- 
mhoireachd. (8.) Thug iad air falbh an ni nach bu leo fèin, 
an aghaidh toil shoilleir an Ti mhoir d' am buineadh e. (9.) 
Thog iad fianuis mhealltach, agus rinn iad breug an agh- 
aidh an Tighearn, an fianuis aingle, dhiabhla, agus aon a 
cheile : mar gu'm biodh iad a' nochdadh gu'n do bhuineadh 
gu cruaidh riu, agus gu'n robh neamh a' diultadh an sonais ! 
(10.) Bha iad neo-thoilichte le'n crannchur, agus shanntaich 
iad droch shannt d' an tigh fèin ; ni a thug sgrios orra fèin 
agus air an sliochd. Mar so bha iomhaigh Dhè air an 
duine air a dubhadh a mach gu h-uile ann an aon uair. 

TEAGASG TRUAILLIDHEAOHD AN NADUIR AIR A 
CHO-CHUR. 

Feum I. A chum foghluim. Am bheil nadur an duine 
gu h-iomlan air a thruailleadh ? Mu tha. 

1. Cha'n iongantach ge do dh'fhosglas an uaigh a 
bheul leir-sgriosach air arson, do luath 'sa tha bhru 'g ar 
tilgeadh a mach ; agus gu'm biodh a' chreadhal air a tionn- 
dadh gu bhi 'na ciste-mhairbh, a ghabhail a steach a' 
mhill thruaillidh : oir tha sinn gu leir, ann an seadh 
spioradail, air ar breth marbh; seadh, agus salach (Salm 
xiv. 3.) olc, breun, agus boltrach mar ni truaillidh, mar 
a tha'm focal a' ciallachadh, Na bitheamaid a' gearan air 



109 

na truaighibh d' am bheil sinn buailteach, 'nar teachd do'n 
t-saoghal, no ann iad a bhi marsuinn, am feadh a ta sinn 
anns an t-saoghal. An so tha 'n nimh a phuinnseanaich na 
h-uile sruthan do chomhfhurtachd talmhaidh a ta againn r'a 
òl. Is e truaillidheachd naduir an duine, a ta toirt gach 
uile thruaighe na beatha so, air eaglaisibh, air rioghachdaibh, 
air teaghlaichibh, air anamaibh agus air cuirp dhaoine. 

2. Faic an so, mar ann an sgathan, tobar gach aingidh- 
eachd, mi-naomhachd, agus faileas diadhachd a ta san 
t-saoghal ; an tobar o'm bheil na h-uile mi-riaghailt ann ad 
chridhe agus ann ad bheatha a' sruthadh. Oibrichidh na 
h-uile ni cosmhuil ris fèin, freagarach d'a naduir fèin ; agus 
mar sin tha'n duine truaillidh ag oibreachadh gu truaillidh. 
Cha ruig thu leas iongantas a ghabhail mu pheacanna do 
chridhe agus do bheatha fèin, na mu pheacanna agus 
ceannairceas dhaoine eile : ma tha fiaradh ann an corp is 
eigin da bhi bacach 'na cheum ; agus ma tha'n t-uaradeir 
air a chur mearachd, cionnus is urrainn e an uair a nochd- 
adh gu ceart ì 

3. Faic an so, an t-aobhar mu'm bheil peacadh co 
taitneach, agus diadhachd 'na h-eallaich do spioradaibh 
feolmhor : tha peacadh 'na ni nadurra, cha'n 'eil naomh- 
achd mar sin. Cha'n urrainn daimh ionaltradh anns an 
fhairge, no iasga anns na machraichibh tarbhach. Eachadh 
muc a bheirte gu luchairt, air falbh a rìs, a dh' aornagain sa' 
chlàbar. Tha nadur truaillidh eadhon a' claonadh gu neo- 
ghloine. 

4. Foghluim uaithe so, nadur agus feum na h-ath-ghin- 
eamhuin. Air frtis, tha so a' nochdadh nadur na h-ath-ghin- 
eamhuin anns an dà ni so : (1.) Cha'n atharrachadh ann 
an cuid, ach anns an iomlan e, ged tha e neo fhoirfidh anns 
a' bheatha so. Tha'n nadur gu h-uile air a thruailleadh, 
agus air an aobhar sin, 's fheudar do'n leigheas dol troimh 
na h-uile h-earrann deth. Cha'n e mhain gu bheil ath- 
ghineamhuin a' deanamh ceann nuadh, ann an eolas, ach 
cridhe nuadh, agus aignidhean nuadh ann an naomhachd. 
Tha na h-uile nithe a' fàs nuadh, 2 Cor. v. 17. Ged 
bhiodh neach, a gheibheadh mòran lotan, air leigheas 
dhiubh uile, ach aon lot a mhain ; dh'fheudadh e 'fhuil a 
chall gus am basaicheadh e leis an aon sin, co maith agus 
le mìle. Mar sin, mur teid an t-atharrachadh troimh 
an duine gu h-iomlan, tha e gun fheum. (2.) Cha'n 



110 

atharrachadh e a ta air a dheanamh le dichioll dhaoine, 
ach le treun-neart cumhachd Spioraid Dhè. Is eigin do 
dhuine a bhi air a bhreth o'n Spiorad, Eoin iii. 5. Feudar 
galaran nach 'eil ceangailte ri nadur a leigheas le daoine, 
ach cha'n fheudar iadsan a ta nadurra a leigheas ach le 
miorbhuil, Eoin ix. 32. Ged dh'fheudas an t-atharrach- 
adh a bheirear le daoine, le deadh fhoghlum, no tha air an 
sparradh orra le coguis nadurra, a bhi air a mheas am measg 
dhaoine mar atharrachadh slainteil, cha'n 'eil e mar sin; 
oir tha ar nadur truaillidh, agus cha'n urrainn neach sam 
bith ach Dia an naduir atharrachadh. Ged dh'fheudas 
garadair, le geug pheur a phlanndachadh ann an craoibh- 
ubhall, a thoirt air a chraoibh-ubhall peuran o ghiulan; gidh- 
eadh cha'n urrainn innleachd duine nadur na craoibh-ubhaill 
atharrachadh : Mar sin, f eudaidh neach beatha nuadh a cha- 
radh r'a shean chridhe, ach cha'n urrainn e gu brath an 
cridhe atharrachadh. San dara àite, Tha so mar an ceudna 
a' nochdadh gur eigin iompachadh a bhi; tha e gu h-iom- 
lan feumail a chum slainte, Eoin iii. 3. " Mar beirear duine 
a rìs, cha'n fheud e rioghachd Dhè fhaicinn. Cha'n urrainn 
ni neo-ghlan dol a steach do'n nuadh lerusalem : ach tha 
thu gu h-uile neo-ghlan, fhad 'sa tha thu ann ad staid na- 
duir. Nam biodh uile bhuill do chuirp as an altaibh, 
b' eigin gach alta bhi air fhuasgladh mu'm bitheadh na buill 
air an cur ceart a rìs : 'Si so staid t' anama-sa, mar a chual' 
thu : agus air an aobhar sin, is eigin duit a bhi air do 
bhreth a rìs, no cha'n fhaic thu neamh a chaoidh, mar 
faic thu i fad as mur a chunnaic an duine saoibhir ann an 
ifrinn. Na meall thu fèin; cha toir tròcair Dhè, cha toir 
fuil Chriosd do neamh thu ann ad staid neo-iompaichte ; oir 
cha'n fhosgail Dia gu brath tobar trocair, a nigheadh air 
falbh a naomhachd agus 'fhirinn fèin; cha mhò a dhoirt 
Criosd 'fhuil luachmhor, a dhubhadh a mach firinnean Dhè, 
na a thilgeadh shlighean Dhè mu shlainte pheacairean bun 
os ceann. Ann an Neamh ! Ciod a dheanadh sibhse an sin, 
nach 'eil air 'ur breth a ris ? Sibhse nach 'eil air sheol sam 
bith iomchuidh air son Chriosd an ceann : Bu shealladh an- 
nasach sin : Ceann naomh, agus buill gu h-iomlan truail- 
lidh ! Ceann lan do ionmhasan grais ; buill anns nach 'eil 
ni sam bith ach ionmhasan aingidheachd ! Ceann umhal do'n 
bhàs, agus sailltean a' breabadh an aghaidh neimh ! Cha 
mha tha sibh iomchuidh air son a chomuinn a tha shuas, na 



111 

tha beathaichean air coluadar ri claoine. Tha fuath agad 
do fhior-naomhachd ; agus aig ceud sealladh do naomh 
ann an neamh, dh' eigheadh tu mach. " An d' fhuair thu 
mi, mo namhaid ! M h-eadh, nam bitheadh e comasach 
gu'm faigheadh an duine neo-iompaichte do neamh anns an 
staid sin, cha rachadh e ann air sheol sam bith eile, ach 
mar a theid e nis a dh' ionnsuidh dleasdanais na naomh- 
achd, is e sin, le bhi fàgail a chridhe 'na dheigh. 
n, Feum II. A chum bròiu. Is maith a dh' fheudas sinn 
bròn a dheanamh air son do staid o dhuine nadurra : oir 
is i staid as brònaiche sam feud neach a bhi, a mach a 
ifrinn ? Is mithich bron a dheanamh air do shon ; oir 
tha thu marbh cheana, marbh am feadh a tha thu beo ! 
Tha thu giulan mu'n cuairt leat anam marbh ann an corp 
beò, agus a chionn gu bheil thu marbh, cha'n urrainn thu 
bron a dheanamh air son do staid fèin. Tha thu graineil 
ann an sealladh Dhè, oir tha thu gu leir truaillidh. Cha'n 
'eil agad maith sam bith annad : tha t'anam 'na thorr do 
dhorchadas, do cheannairc, agus do shalachar, am fìanuis 
an Tighearna ? Theagamh, gu bheil rùn maith, agus 
iarrtuis mhaith agad ; ach tha fìos aig Dia nach 'eil ni 
maith annad, ach gu bheil uile bhreithneachadh do chridhe 
a mhàin olc. Cha'n urrainn thu maith a dheanamh ; cha'n 
urrainn thu ni sam bith ach peacadh a dheanamh ! Oir, 

Air tùs, Tha thu "a' d' sheirbhiseach do'n pheacadh," 
(Kom. vi. 17.) agus uime sin, "saor o fhireantachd, (rann 
20.) Ciod sam bith a ta fireantachd a' gabhail a steach 
innte, tha thusa, anam bhochd, saor uaithe ; cha'n 'eil thu, 
cha'n urrainn thu buntainn rithe : Tha thu fuidh chumh- 
"achd a' pheacaidh; cumhachd anns nach faigh fìreantachd 
àite sam bith. Tha thu a' d' leanabh agus a' d' sheirbhis- 
each do'n diabhul ged nach fìosaiche no buidseach thu, do 
bhrigh gu bheil thu fathast ann an staid naduir, Eoin viii. 
44. " Tha sibh o bhur n-athair an diabhul." Agus, a chum 
mearachd a sheachnadh, thugaibh fa'near, gu bheil aig pea- 
cadh agus aig Satan, dà sheorsa sheirbhiseach : (1.) Tha 
cuid an sàs mar gu b'ann ann an obair gharbh ; tha 
iad sin a' giulan còmhara an diabhuil ann an clar an eud- 
ainn, aig nach 'eil coslas na diadhachd, ach a ta mi-naomha, 
tur aineolach, modhail, gun urrad as a' coimhlionadh dleas- 
danais na diadhachd o'n taobh a mach, ach a ta caitheamh 
am beatha, ann an sealladh an t-saoghail. mar dhaoine 



Ii2 

talmhaidh, aig am bheil an aire a mhain air nithibh talmh- 
aidh, Phil. iii. 19. (2.) Tha cuid ag oibreachadh ann an 
seirbhis as grinne do'n pheacadh, tha iad a' giulan comhara 
an diabhuil 'nan laimh dheis, ni is urrainn dhoibh, agus 
a ta iad a' folach o shealladh an t-saoghail : Tha iad sin 'nan 
cealgairean diomhair, is urrainn urrad iobradh do'n inntinn, 
as a ta mhuinntir eile a' tabhairt do'n fheoil, Eph. ii. 3. 
Tha iad sin air an sgrios le ceird as diomhaire anns a' 
pheacadh, mar a ta uabhar, neo-chreidimh, fein-iarrtus 
agus an leithide sin, a ta taomadh a steach, agus a' creach- 
adh an anama thruaillidh gu h-uile. Tha iad sin araon 
'nan seirbhisich do'n aon teaghlach ; an dara aon co fhada 
o fhireantachd ris on aon eile. 

San dara àite, Cionnus a ta e comasach dhuitse ni maith 
sam bith a dheanamh, thusa aig am bheil do nadur gu h- 
uile air a thruailleadh ì An urrainn meas fàs far nach 'eil 
freumh ? No, an urrainn ni sam bith a bhi gun mhathair- 
aobhair ì " Am feud a' chraobh fhige dearcan oladh a thoirt 
uaipe ? No a' chraobh-fhiona, figean ? Ma tha do nàdur gu 
h-iomlan truaillidh, mar a tha gun amharus, tha gach ni a 
ta thu deanamh gu cinnteach mar sin mar an ceudna ; oir 
cha'n urrainn ni sam bith dol os ceann a nihathair-aobhair : 
" An urrainn an droch chraobh toradh maith a thabhairt ? " 

Ah ! jSTach truagh an sealladh esan, nach urrainn ni sam 
bith a dheanamh ach peacadh ? Is tusa an duine, co air bith 
thu, a ta fathasd ann ad staid naduir. Eisd o pheacaich, 
ciod i do staid ! 

Air tùs, Tha peacanna gun àireamh ga d' chuairteach- 
adh ! Tha beanntan do chionta 'nan luidhe ort ? Tha 
tuiltean do neo-ghloine a' dol tharad ! Tha ana-miann- 
a beo, do gach seorsa, air an iomain a sios agus a suas 
ann an cuan marbh t-anama, far nach urrainn ni maith a 
bhi beo, do bhrigh na truaillidheachd a tha'n sin ! Tha do 
bhilean neo-ghlan ! tha fosgladh do bheil mar fhosgladh 
uaigh an-abuich, làn do dhroch bholtrach agus do bhreine, 
Eom. iii. 13. " Is uaigh fhosgailte an scornach." Tha do 
ghniomhara nàdurra 'nam peacadh ; oir, " An uair a dh' 
ith sibh agus 'nuair a dh' òl sibh, nach d' ith sibh air 'ur 
son f èin, agus nach d' òl sibh air 'ur son f èin % " Sech vii. 
6. Tha do ghniomhara saoghalta peacach, Gnath-fhocail 
xxi. 4. " Tha treabhadh nan aingidh peacach." Tha do 
ghniomhara cràbhaidh peacach, Gnath-fhocail xv. 8. " Is 



113 

gràineileachd do'n Tighearn iobairt nan aingidh. Tha 
smuaintean agus breithneachadh do chridhe a mhàin olc. 
Feudaidh gniomh a bhi gu h-ealamh air a dheanamh, 
focal gu luath air a labhairt, smuain ruith gu siubhlach 
tre'n chridhe ; ach cha'n 'eil gach aon diubh so ach 
a' cur ris a' chunntas ; an cunntas brònach ! co 
lionmhor 's a ta do smuainte, briathran, agus gniomh- 
ara ; 's co lionmhor sin do pheacanna ! Mar is faide 
a bhitheas tu beo, is ann as àirde a dh' fhàsas do 
chunntais ! Nam bitheadh deur air a shileadh air son na 
h-uile peacadh, dh' fheumadh do cheann a bhi 'na uisg- 
eachan, agus do shuilean 'nan tobair dheur ; oir cha'n 
'eil ni ach peacadh a' teachd uait ! Cha'n 'eil do chridhe 
a' deilbh ni sam bith ach droch smuainte 1 ? Cha'n 'eil 
ni ann ad bheatha, ach ni a ta air a dhealbh le d' chridhe ; 
agus, air an aobhar sin, cha'n 'eil ni ann ad chridhe no 
ann ad bheatha ach olc. 

• San dara àite, Tha do dhiadhachd uile, mu tha diadh- 
achd idir agad, 'na saothair chaillte, a thaobh fireanach- 
aidh an lathair Dhè, no a thaobh eifeachd shlainteil sam 
bith dhuit fèin. Am bheil thu fathast ann ad staid nad- 
uir? Gu cinnteach ma tha, tha do dhleasdanais 'nam pea- 
caibh, mar a dh' ainmicheadh an ceart uair. Nach biodh 
am fion is fearr neo-bhlasda ann an soitheach anns nach 'eil 
tlachd'? Mar sin tha diadhachd an duine neo-iompaichte. 
Fuidh 'n lagh, cha d' rinn an t-eudach anns an robh feoil 
na h-iobairt air a giulan, ge do bhean e ri nithibh eile, 
iadsan naomha; ach ma bhean esan a bha neo-ghlan ri 
ni sam bith, co dhiubh coitchionn no naomh, rinn se e neo- 
ghlan : Eadhon mar sin cha'n urrainn do dhleasdanais 
t' anam truaillidh a dheanamh naomh, ge do bhiodh iad 
annta fèin, maith; ach tha do ehridhe truaillidh 'g an 
salachadh, agus 'g an deanamh neo-ghlan, Hag. ii. 12 — 14. 
Bu ghnàth leat t' oibre a roinn gu dà sheorsa, cuid 
maith, cuid olc ; ach is eigin duit an àireamh a rìs, agus an cur 
uile fuidh aon cheann, oir tha Dia a' sgriobhadh orr' uile, 
a mhain olc. Tha so bronach : Cha'n iongantach ge do 
chithear iadsan ag iarraidh deirc anns an f hoghara, a ' ta 
filleadh an lànih gu codal an àm cur an t-sll : ach is ro- 
bhochd an staid a bhi saoithreachadh le muinntir eile san 
earrach, agus gidheadh gun a bheag r' a bhuain san 

H 



114 

f hoghara ; agus is i so staid gach uile luchd aidmheil 
a ta beo agus a' bàsachadh 'nan staid nàdurra. 

San àite mu dheireadh, Cha'n urrainn thusa thu fèin a 
chuideachadh. Ciod is urrainn thu a dheananih, a thoirt air 
falbh do pheacaidh, thusa a ta gu h-iomlan truaillidh 1 ? 
Cha'n urrainn gu fìrinneach ach peacachadh. Ma thoisicheas 
duine nadurra air maothachadh, air deur a' shileadh air son 
a pheacaidh, agus air ath-leasachadh, tha'n cridhe truaillidh 
air ball a' deanamh greim, air a chuid is lugha, air toill- 
teanas comh-fhreagarach do na rinneadh leis ; rinn e 
moran e ièm, tha e ann am barail, agus nach fheud Dia 
gun tuilleadh a dheanamh air a shon, air son na rinn e : 
Anns an àm cheudna, cha'n 'eil e deanamh ni sam bith 
ach peacadh ; air chor as gur e an toillteanas comh-fhreag- 
arach ris na rinneadh leis, an lobhar is eigin a bhi air a 
chur a mach as a' champ ; an t-anam marbh is eigin a bhi 
air adhlacadh as an t-sealladh ; agus am meall truaillidh 
is eigin a bhi air a thilgeadh do'n t-slochd. Cionnus as 
urrainn dhuit duil a bhi agad thu fèm a leigheas le aon 
ni as urrainn thu dheanamh 1 An nigh poll agus sal- 
achar a mach salchaireachd 1 Agus an gian thu mach 
peacadh le peacachadh ? Ghabh Iob slighe chreadha g' a 
sgriobadh fèin, a cheann gu'n robh a làmhan co lan neasg- 
aidean 'sa bha chorp : Is e so staid t'anama thruaillidh-sa ; 
nach feud a bhi air a leigheas ach le Iosa Criosd, aig an 
robh " a neart air tiormachadh mar shoitheach creadha," 
Salm xxii. 15. Tha thu bochd gun amharus, ro thruagh 
agus bochd, Taisb. iii. 17. Cha'n 'eil dìon agad ach 
didein bhreug ; cha'n 'eil ni agad air son t'anama ach luid- 
eaga salach ; cha'n 'eil ni agad g'a bhiathadh ach plaosgan, 
nach urrainn sàsuchadh. Thuilleadh air sin, fhuair thu 
a leithid do lot ann an leasraibh Adhaimh, as nach 'eil 
e fathast air a leigheas, air chor as gu bheil thu gun 
neart, (Rom. v. 6.) neo-chomasach air deanamh no air 
oibreachadh air do shon fèin. M h-eadh a thuilleadh air 
so uile, cha'n urrainn dhuit urrad as iarraidh gu ceart, ach 
tha thu a' d' luidhe mar naoidhean ruisgte anns an achadh 
fhosgailte, Esec. xvi. 5. 

Feuiii III. Tha mi ag earalachadh ort an fhirinn dhubh- 
ach so a chreidsinn. Mo thruaighe ! tha e soilleir, gur beag 
a ta i air a creidsinn anns an t-saoghal. Is tearc iad a ta 
fo churam gu'n caithe-beatha truaillidh atharrachadh ; 



115 

ach tha iad ni 's teirce gu mor a ta 'g iarraidh an nàdur 
atharrachadh ! Cha'n 'eil fios aig a' chuid is mò do dhaoine 
ciod a ta iad, no ciod na spiorada d' am bheil iad : Tha 
iad mar an t-suil, a ta faicinn raoran nithe, ach nach 
'eil ga faicinn fèin Ach, gus an aithne dhuibh gach aon 
plaigh a' chridhe fèm, cha'n 'eil earbsa air son 'ur leigheis. 
C' arson nach creid sibh e 1 ? Tha teisteas soilleir an 
Sgriobtuir agaibh air a shon ; ach cha'n fhurasda libh a 
leithid sin do dhroch bharail a bhi agaibh oirbh fèm. 
Mo thruaighe ! is e sin nadur 'ur galair, Taisb. iii. 17. 
"Cha'n 'eil thios agad gu bheil thu doirinneach, agus 
truagh agus bochd, agus dall, agus lomnochd." A Thigh- 
earna fosgail an suilean gu fhaicinn, mu'm faigh iad bàs 
dheth, agus ann an ifrinn gu tog iad an suilean, agus 
gu'm faic iad an ni nach faic iad a nis. 

Co-dhunaidh mi a phunc chudthromach so, mu thruaill- 
idheachd naduir an duine, le beagan fhocail air punc 
eile o'n bhonn teagaisg. 

Teagasg, " Tha Dia a' tabhairt aire àraidh d' ar truaill- 
idheachd nadurra, no do pheacadh an naduir." 

Air so tha e toirt teisteis air dà dhoigh : Sa cheud àite, 
Le 'fhocal ; mar anns a' bhonn teagaisg : " Chunnaic Dia 
gu'n robh uile bhreithneachadh smuaintean cridhe an duine 
a mhain olc an còmhnuidh," Faic Salm xiv. 2, 3. San dara 
àite, Le oibribh. Tha Dia a' sgriobhadh a ro-aire dheth, 
agus a chorruich ris, mar ann am moran d'a oibribh, mar 
sin gu h-àraidh anns an dà obair so : (1.) Ann am bàs 
cloinn daoine 'nan naoidheantachd. Is iomadh truaighe 
d'an robh iad buailteach : Bhathadh iad anns an dìle ; 
sgriosadh iad ann an Sodom le teine agus pronnasg ; 
mharbhadh iad leis a' chlaidheamh, bhruthadh iad leis na 
clachan, agus tha iad do ghnàth a' faghail bàis nadurra ! 
Ciod is fior aobhar dha so; C' arson a tha'n Dia naomh 
mar so g'an dian-leantuinn ; Ann an air son peacadh am 
pàranta ; Feudaidh sin a bhi 'na aobhar aig an Tigh- 
earna gu tagar riu ; ach is eigin gur e am peacadh fèin 
is ceann-aobhair do'n bhinn a ta air a toirt a mach 'nan 
aghaidh; Oir, "an t-anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs, 
arsa Dia," Esec. xviii. 4. An e am peacadh gniomh fèin? 
Cha'n 'eil sin aca. Ach mar a ni daoine air losgannaibh agus 
air nathraiche, a mharbhas iad aig a' cheud sealladh mu'm 
bheil iad a' deanamh aon choire, a chionn an nadur puin- 



116 

seanta ta annta ; is ann mar sin a ta anns an ni so. (2.) 
Ann am bretk nadurra cloinn thaghta Dhè. An uair a 
tha'n Tighearna gu an nadur atharrachadh, bheir e air 
peacadh an nàdur luidhe trom air an spioradaibh. 'Nuair 
a tha run air an truaillidheachd a leigeadh a mach, sàth- 
aidh e 'n scian domhain 'nam anamaibh, a' ruigheachd gu 
freumh a' pheacaidh, Rom. vii. 7, 8, 9. Tha'n fheoil, 
no truaillidheachd an nàduir, air a lotadh, air dhi bhi air 
a ceusadh, co mhaith r'a h-an-tograibh agus a h-ana-mian- 
naibh, Gal. v. 24. 

Feum. Biodh againn uime sin, suil àraidh air truaillidh- 
eachd agus air peacadh ar naduir, tha Dia g'a fhaicinn. 
O gu'm faiceadh sinne mar an ceudna e, agus gu'm bith- 
eadh peacadh do ghnàth 'nar fìanuis ! Ciod am feum a 
tha dhuinn beachd a ghabhail air peacanna eile, 'nuair a 
tha mathair-aobhair so a' pheacaidh as an t-sealladh ? 
Tionndaidhibh 'ur suilean a stigh, gu peacadh 'ur naduir. 
Tha aobhar eagail gu bheil aig moran ri tòiseachadh fathast 
ris an obair so ; gu'n do dhruid iad an dorus, 'nuair tha an 
gaduiche mor fathast anns an tigh gun fhaotainn a mach. 
Is punc chudthromach so ; agus 'na laimhseachadh, 

I. A chuni mothachaidh, dearbhaidh mi, cnid do na 
nithibh anns nach 'eil daoine a' sealltuinn air peacadh an 
naduir, d' am bheil an Tighearn a' toirt aire àraidh. 
(1.) Daoine a bhi ag amharc orra fèin le mor-dhochas, 
mar nach bitheadh iad ann an cunnart pheacanna garbha. 
Ghabhadh iomadh gu h-olc, nam faigheadh iad a leithid 
do rabhadh as a thug Criosd d'a Abstoil, Lucas xxi. 34. 
" Thugaibh an aire dhuibh fein o gheocaireachd agus o 
mhisg." Nan smuainicheadh neach sam bith gu'm briseadh 
iadsan a mach ann an gràineileachdaibh garbh, bbiodh iad 
ullamh air a ràdh, an cù mise? Thogadh e uabhar an 
cridheachan, ach cha ghluaiseadh e 'n eagal agus an ball- 
chrith, a chionn nach aithne dhoibh truaillidheachadh an 
naduir. (2.) Easbhuidh anmhuinrjeachd ris a' mhuinntir 
a ta tuiteam. Tha moran arms a' ehor sin a' tilgeadh 
dhiubh tim-chridhe iochdmhor a' Chriosduidh ; oir cha'n 'eil 
iad "a' toirt aire dhoibh fèin, nach buairear iad mar an 
ceudna," Gal. vi. 1. Tha corruich dhaoine gu tric gus a' 
cheum a's airde an aghaidh lochdan dhaoine eile, 'nuair tha 
peacadh a' faotainn caidreamh suaimhneach 'nan uchd fèin. 
Eadhon an duine maith Daibhidh, 'nuair a bha e fèin 



117 

anns a' chor bu mhiosa, 's ann a b' airde bha chorruich 
an aghaidh lochdan dhaoine eile. An fhad 'sa bha chog- 
uis 'na codal, fuidh a chionta, ann an cùis Uriah; tha 
Spiorad an Tighearn a' toirt fa 'near ; " gu'n do las 'fhearg an 
aghaidh an duine gu mor," anns a' chosamlachd, 2 Sam. 
xii. 5. Agus, tha deadh aobhar a smuaineachadh, gur 
ann aig an àm sin, a bhuin e ris na h-Amonaich co an- 
iochdmhor, mar tha e air a chur sion rann 31. " Gan 
cur fuidh shàbhan, agus fuidh chliathan iaruinn, agus a' 
toirt orra dol tre àth nan clacha-creadha." Bheir gràs air 
daoine bhi eudmhor an aghaidh peacaidh ann an dream eile, 
co maith as annta f èin ; ach tha suilean a ta sealltuinn a steach 
air truaillidheachd an nàduir, gan sgeudachadh le iochd 
agus truacantachd, agus 'gan lionadh le taingealachd do'n 
Tighearna, nach iad fèin a ta air am fàgail gu bhi 'nan 
ball-amhairc tre laigse naduir. (3.) Tha àireamh mor do 
dhaoine, agus mu 's e 's gu bheil iad air an cumail o 
thrioblaidean ann an nithibh saoghalta, agus o bhriseadh a 
mach 'nan caithe-beatha agus giulan, aig nach 'eil fhios 
ciod e sin cridhe dubhach : Ma tha trioblaid a' teachd nan 
caraibh, do nach urrainn an cridheachan uaibhreacli 
striochdadh gu 'ghiulan ; bithidh iad ullamh air a radh, 
o nach robh sinn air falbh : Ach cha'n 'eil truaillidheachd 
an naduir a' leigeadh leo gu brath a bhi 'n geall air neamh. 
Ma tha ana-mianna a' briseadh a mach gu follaiseach, 
aig àm sam bith, tha'n sìth air a' milleadh; ach cha'n 
'eil peacadh an nàduir aig àm sam bith 'g an deanamh, 
trom-chridheach. (4.) A bhi cur dàil an aithreachais 
ann an dochas dol 'na cheann an deigh so. Tha'n amanna 
suidhichte aig moran air son aithreachais agus ath-leasach- 
aidh : mar gu'm biodh a' leithid do cheannsal ac' air an 
ana-miannaibh, as gu feud iad ceadachadh dhoibh tuill- 
eadh neart a ghlacadh agus gidheadh an ceannsachadh. 
Tha iad a' cur rompa an slighe leasachadh, gun suil ri 
Iosa Criosd, aonadh ris, agus neart uaithe : dearbhadh 
soilleir gu bheil iad 'nan coigrich dhoibh fèin; agus 
mar sin tha iad air am fàgail dhoibh fèin, agus tha'n 
ruinean sgiamhach a' seargadh : oir, mar nach 'eil iad a' 
faicinn an uireasbhuidh, cha'n 'eil iad a' faotainn an 
fheum do 'n drùchd o neamh gu'n uisgeachadh. (5.) 
Daoine bhi dol teann air buairidhean, agus ro-chinnteach 
asda fèin nach tuit iad leo. Tha iad 'g an tilgeadh fèin 



118 

gu neo-eagallach ann an rathad buairidh, an earbsa gu'n 
tig iad as saor; ach naui biodh niothachadh aca air 
truaillidheachd an naduir, bhitheadh iad air am faicill o 
dhol a steach ann am fonn an diabhuil : mar a bhiodh 
neach aig am biodh builg fhudair mu'n cuairt da, fuidh 
eagal dol far am bheil sradan teine ag eirigh air, eagal 
gu'm biodh e air a losgadh suas. Is maith a thig do Chriosd- 
uidhean a bhi gan cur fèin an teagamh : " A Thighearn, 
am mise e % " Cha bhi iadsan aig am bheil eolas air ceilg 
an cridhe, ro earbsach as an cuimse fèin. (6.) Aineolas 
air plàighibh a' chridhe. Is ni annasach eolas fhaotainn 
air plàighibh a' chridhe : tha cuid dhiubh, gu cinnteach 
sgriobhta le litrichean co mor, as gu'm feud an neach a 
ruitheas an leughadh ; ach tha cuid eile dhuibh ni's fol- 
aichte air chor as gur tearc iad a dh' aithnicheas iad. 
Cia tearc iad, d'am bheil aomadh a' chridhe gu mi-chreid- 
imh, 'na uallach ì Cha'n 'eil iad ga thoirt fa'near. Tha 
moran aig an robh mothachadh geur mu pheacanna eile, 
nach do mhothaich riamh am mi-chreidimh ; ged is e 
sin am peacadh a ta gu h-àraidh air a shloinneadh a mach 
ann am fior-mhothachadh, Eoin xvi. 8, 9. " Bheir e dearbh- 
shoilleireachd do'n t-saoghal mu pheacadh — do bhrìgh nach 
'eil iad a' creidsinn annam-sa." An togradh so gu bhi cur 
ar fireantachd fèin ar bonn, is luibh e a ta gu nadurra a' 
f às suas ann an cridhe gach neach ; ach is tearc iad air am 
bheil fallus ga spionadh a mach, tha e na luidhe am fol- 
ach gun a bhi air fhaotainn a mach. Tha aomadh a' 
chridhe gu slighe coimhcheangail nan oibre 'na phlàigh 
dhiomhair a' chridhe do mhoran : is e na tha do chruadal 
acasan, an cridhe fhaotainn gu dleasdanais ; cha'n 'eil e idir 
'na chruadal dhoibh an cridheachan a thabhairt o dhleas- 
danais agus os an ceann gu Iosa Criosd. Cia co doillich 
sa ta e daoine a bhualadh a mach as am fìreantachd fèin ! 
Gidheadh tha e ro chruaidh a dhearbhadh orra gu bheil 
iad a'leigeil taice sam bith orra ! San àite mu dheireadh, 
TJabhar agus fèin-bharail. Bheireadh sealladh do thruaill- 
idheachd an nàduir, beachd iriosal do dhuine, agus bheir- 
eadh e airsan aig am bheil e, e fèin a mheas, 'na cheann- 
feadhna nam peacach. Anns na saòrsannaibh a's mò air an 
ruigeadh e, bhitheadh e 'na luchd d'a chridhe, agus dh' 
fholaicheadh e uabhar o 'shuilibh. 'Se easbhuidh lan 
irioslachadh a' ruigsinn a steach gu peacaidh an naduir, 



119 

truaigh moran do luchd-aidmheil, oir ni cladhachadh domhain 
eadar-dhealachadh mor eadar luchd-togail glic agus luchd- 
togail amaideach, Luc. vi. 48, 49. 

II. Nochdaidh mi dhuibh cuid do nithibh, anns am bu 
choir dhuibh beachd araidh a ghabhail air peacadh 'ur nad- 
uir. (1.) Biodh suil àraidh agaibh air, 'nuair tha sibh ag 
iarraidh gu losa Criosd. Am bheil sibh a' mothachadh 
feum sam bith agaibh air Criosd, a tha 'g ur cur d'a iorms- 
uidh mar Leigli an anama 1 na dìchuimhnichibh ur 
n-eucail, 'nuair a tha sibh an lathair an Leigh. Cha'n 
aithne dhoibhsan riamh fathast an ghnothuch gu Criosd, 
nach deachaidh d'a ionnsuidh air son peacaidh an nàduir ; 
a chum 'fhola thoirt air falbh a chionta agus a chum a 
Spioraid a bhriseadh a chumhachd. Ged ehuireadh 
sibli ann an searbhalachd 'ur n-anama, 'na lathair rolla a 
ruigeadh gu neamh, d' ur peacanna dearmaid agus dean- 
adais; gidheadh nam biodh peacadh 'ur nàduir a mach 
as, bithibh cinnteach, gu'n do dhìchuimhnich sibh a chuid 
a b' fhearr do'n ghnothuch a tha aig peacach bochd gu 
Leigh an anama. Ciod. am feum a dheanadh e do 
mhuinntir Iericho, na soithiche uile bha 'nam baile chur 
an lathair Elisa làn do'n uisge bha olc, mur treoraich- 
eadh iad a mach e dh' ionnsuidh an tobair, a thilgeadh an 
t-salainn ann? 2 Bigh ii. 19, 20, 21. Is furasda cleachda 
a dheanamh dheth. (2.) Biodh suil àraid agaibh air 'nur 
n-aithreachas, co dhiubh is ann 'na thoiseachadh no ann an 
dol air adhart ; 'nur ceud aithreachas, agus ann an ath- 
nuadhachadh bhur n-aithreachas, an deigh sin. Ged 
tha duine gu tinn, cha'n 'eil eagal bàis da, mur buail 
an tinneas a chridhe : agus is co-beag a tha do eagal bàis 
a' pheacaklh, co-fhad 's nach beannar ri peacadh ar nàd- 
uir. Ach nam b'àill libh da rireadh aithreachas a dhean- 
amh, treoraichidh na sruthain a suas sibh a dh' ionnsuidh 
an tobair ; agus deauaibh bron os ceann truaillidheachd 
bhur nadur, mar aobhair gach uile pheacaidh, ann an 
cridhe, ann am beul, agus ann an caithe-beatha. Salm 
li. 4, 5. "A' t' aghaidh, a' t' aghaidh fèin a mhain 
pheacaich mi, agus rinn mi an t-olc a' d' shealladh — Feuch, 
ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh 
ghabh mo mhathair mi 'na broinn." (4.) Biodh beachd 
àraidh agaibh air ann bhur fèin-cheusadh, Gal. v. 24. 
" Agus iadsan as le Criosd, cheus iad an fheoil." Is e freumh 



120 

na seirbhe e, is eigin a bhi air a bhualadh, agus ris an 
èigin tuadh am fèin-cheusaidh a bhi air a cur ; no tha sinn 
a saoithreachadh an dìomhain. Is dìomhain do dhaoine 
dol mu'n cuairt a ghlanadh nan sruthan, 'nuair nach 'eil 
iad aig saothair sam bith mu thimchioll an tobair shal- 
aich : Is diomhain an diadhachd, a bhi 'g oirpeachadh 
an caithe-beatha dheanamh da rireadh maith, am feadh 
'sa tha truaillidheachd an nàduir a' cumail a sean neart, 
agus nach 'eil a cumhachd air a bhriseadh. San àite mu 
dheireadh, Tha sibh ri beachd a ghabhail air bhur n- 
ìmeachd lathail. Is eigin da-san le'm b' àill gluasad gu 
ceart, aon sùil a bhi aige suas ri Iosa Criosd ; agus suil 
eile ris an taobh a stigh, ri truaillidheachd a naduir fèin. 
Cha leoir, gu'n amhairc sinn mu'n cuairt duinn; is eigin 
duinn mar an ceudna amharc an taobh a stigh dhinn : is 
ann an sin a tha'm balla ni's laige : 's ann an sin a tha'n 
namhaid is mò a th' againn 'na luidhe ; agus is ann an sin 
a tha aobhar air son faire agus bròin gach là. 

III. Bheir mi cuid do reusain, air son am bu chòir 
dhuinn aire àraidh a thabhairt do pheacadh ar nàduir. 

1. A chionn, do na h-uile pheacadh, gur e is farsuinn 
agus is sgaoiltiche : Tha e dol troimh 'n duine gu h-iomlan, 
agus a' milleadh gach ni. Tha peacanna eile a' mill- 
eadh earranna fa leth do iomhaigh Dhè; ach tha so, ann 
an aon uair, a' dubhadh an iomlan ! Tha galar a tha 
teachd air ball sam bith do'n chorp, olc; ach tha sin a 
tha air feadh nan buill uile ni's miosa. 'Se truaillidh- 
eachd an naduir, nimh na sean nathrach, a ta air a thilg- 
eadh ann an tobar a ghniomh; agus a ta mar sin a' 
salachadh gach uile ghniomh, uile anaileachadh an anama. 

2. 'Se is aobhar do na h-uile ana-miannaibh fa leth 
agus do na peacannaibh gniomh, 'nar cridheachaibh agus 
'nar caithe-beatha : Is e an siol a dh' fhàg an Lebhiatan mor 
ann an anamaibh dhaoine ; o'n do ghineadh an sgaoth sin 
uile do pheacanna gniomh, agus do ghraineileachda : Marc. 
vii. 21. " Is ann o'n taobh a stigh, à cridhe dhaoine, a thig a 
mach droch smuaintean, adhaltrannas," — Is e'n tobar searbh 
e : Cha'n 'eil ann an ana-miannaibh fa leth ach sruthain a 
ta ruith uaithe : a ta tabhairt a mach a dh' ionnsuidh an 
caithe-beatha earrann a mhàin, ach nach 'eil a' tabhairt a 
mach an iomlan do na tha'n taobh a stigh. A nis tha'n tobar 
do ghnath os ceann nan sruthan : Mar sin, c' aite sam bith 



121 

am bheil an t-uisge maitli, tiia e ni ; s fearr anns an tobav ; 
agus c' aite sam bith am bheil e olc, tha e ni 's miosa ann 
an sin. Air do thruaillidheachd an naduir a bhi an ni sin 
a ta salachadh nan uile, is eigin gur i fèin an ni as ro- 
ghraineile do na h-uile. 

3. Is i, ann an seadh, gach uile pheacadh ; oir is i siol 
nan uile pheacanna i, nach 'eil ag iarraidh ach cothrom 
air an cinn a thogail suas; air do'n t-siol a bhi ann an 
truaillidheachd an naduir, mar a tha'n toradh anns a' 
cheann-aobhair : Uaithe sin, theirear rithe, corp a' bhàis, 
(Rom. vii. 24.) mar air a dheanamh suas do na buill fa 
leth a bhuineas d' a leithid sin do chuirp pheacanna, (Col. 
ii. 11.) aig am bheil a bheatha a' luidhe ann am bàs spior- 
adail. Is e 'm fonn malluichte e, a ta comasach air na 
h-uile dhroch luibh a thoirt a mach ! Mar tha sgaoth do 
bheistean nimheil ni's uamhasaiche na aireamh bheag dhiubh 
a ta snàgadh a mach; mar sin is eigin gu bheil peacadh 
do naduir, a mhathair sin nan graineileachda, ni's miosa na 
ana-mianna sam bith fa leth, a ta air am faicinn a' gluasad 
ann ad chridhe agus caithe-beatha. Cha'n fhacas riabh na 
h-uile peacadh a' briseadh niach ann an caithe-beatha an 
neach a b' uamhasaich a bha beo ; ach seall a steach 'a d' 
nadur truaillidh agus a sin feudaidh tu gach peacadh air 
leth fhaicinn, na shìol 'sna fhreumh. Tha lànachd do 
na h-uile neo-fhireantachd an sin ! Kom. i. 29. Ann an 
sin tha Dia-aicheadh, ìodhol-aoradh, toibheum, mortadh, 
adhaltrannas, agus gach ni a ta gràineil ! Theagamh nach 
'eil thusa toirt fa'near aon sam bith dhiubh sin ann ad- 
chridhe ; ach tha tuilleadh anns an doimhne do-rannsuichte 
na h-aingidheachd sin, na 's aithne dhuitsa. Tha do chridhe 
truaillidh cosmhuil ri nead sheangan, fhad 's a ta chlach 
'na luidhe air, cha'n f haicear a h-aon duibh ; ach, thoir a' 
chlach air falbh, gluais an àird iad, a mhàin le barr cuinnlein, 
agus chi thu ciod an sgaoth tha'n sin, agus cia co beothail 
'sa tha iad : Is ann direach mar sin a bhiodh sealladh do d' 
chridhe dhuitsa, nan deanadh an Tighearn ach am bacadh 
a chuir e air, a thoirt air falbh, agus nam fuilingeadh e do 
Shatan, a bhrosnachadh an aird le buaireadh ! 

4. Is e peacadh air naduir do na h-uile peacadh e 
sin as daingean agus as marainniche. Ged d' fheudas 
cionta agus sal pheacanna gniomh mairsinn, gidheadh, 
tha iad annta fèin a' dol thairis. Cha'n 'eil sin misg- 



122 

ear do ghnàth aig a' chupan, no an neach neo-ghlan do 
ghnath a' cur neoghloine an gnionih : ach tha truaillidh- 
eachd an naduir 'na pheacadh mairinneach ; tha e fant- 
uinn le daoine, 'na làn-neart a dh'oidhche agus a là, aig 
gach uile àm ; ceangailte riu mar le cuibhrichean iaruinn 
agus umha, gus am bi an naduir air atharrachadh le gràs 
an iompachaidh ; agus mairidh 'fhuigheall anns na creid- 
mhich, gu bàs a' chuirp. Cha bhi uabhar, farmad, sannt 
agus an leithide sin, a ghnàth a gluasad annad : Ach tha'n 
nadur uaibhreach, sanntach, agus feolmhor do ghnàth maille 
riut. Eadhon mar an t-uaireadair a tha mearachdach, nach 
'eil a' bualadh do ghnàth am mearachd : ach tha'n suidheach- 
adh mearachdach a' mairrinn ann, gus mhor-atharrachadh. 

5. Is e am peacadh mòr e a tha rioghachadh, Rom. vi. 12. 
"Na rioghaicheadh am peacadh uime sinn ann bhur corp 
basmhor, air chor as gu'n d' thugadh sibh ùmhlachd dha 
'na ana-miannaibh." Tha tri nithe a dh'fheudas sibh a 
thoirt fa'near anns a' chridhe thruaillidh : (1.) Tha nàdur 
truaillidh ann : Suidheachadh truaillidh a' chridhe, leis am 
bheil daoine neo-iomchuidh air son gach uile mhaith, agus 
iomchuidh air son gach uile uilc. 'Se so ris am bheil an t- 
Abstol ag radh, peacadh a ta rioghachadh. (2.) Tha 
ana-mianna fa leth no an-tograidhean an truaillidheachd na- 
duir sin, ris am bheil an t-Abstol ag radh, na h-ana-mianna ; 
mar tha uabhar, sannt, agus mar sin sios. (3.) Tha aon phea- 
cadh 'nam measg sin, a ta cosmhuil ri Saul am measg an 
t-sluaigh, ni 's àirde gu mor na cach, eadhon am peacadh a 
ta gu furas ag iadhadh umainn, Eabh. xii. 1. 'Se so ris an 
abair sinn gu tric am peacadh a ta'n uachdar ; a chionn gu 
bheil e mar gu b' ann a' rioghachadh os ceann ana-mianna 
araid eile, air chor as gur eigin doibh striochdadh dha. Tha'n 
triuir sin cosmhuil ri amhainn a ta air a roinn gu moran 
shruthan aig am bheil aon sruthan a's mò na cach. 'Si truaill- 
idheachd an naduir ceann na h-aimhne, aig am bheil iomadh 
ana-miann araidh sam bheil i a' ruith ; ach tha cuid mhor 
dhi ruith anns a' pheacadh sin d' an goirear àrd-pheacadh 
duine. A nis, air dhoibh sin uile a bhi air am beathachadh 
le peacadh ar naduir : tha e soilleir, gur e sin am peacadh 
mor a ta rioghachadh, nach 'eil idir a' call uachdranachd os 
ceann ana-mianna araidh a ta beò agus a' bàsachadh maille 
ris agus leis. Ach, mar ann an cuid do aimhnichean, nach 
'eil an t-ard-shruth a' ruith do ghnath anns an aon chlais, 



123 

mar sin, feudaidh peacanna araid aig am bheil an uachd- 
ranachd a bhi air an caochladh, mar a dh' fheudas ana-miann 
ann an oige bhi air a chaochladh gu sannt ann an sean aois. 
A nis, ciod am feum a ta bhi deanamh ath-leasachadh ann 
am peacaibh eile, am feadh 's a ta 'm peacadh mor aig am 
bheil an uachdranachd a' mairsinn 'na làn chumhachd ? Ciod 
ge do bhitheadh ana-miann àraid air a bhriseadh, ma tha 
ani peacadh sin, peacadh ar nàduir a' gleidheadh na caith- 
reach 1 Cuiridh e suas aon eile 'na àite. Mar, an uair a ta 
slighe an uisge air a' dunadh ann an aon àite, am feadh nach 
'eil an tobar air a dhruideadh suas, sruthaidh e mach rà- 
thad eile : Agus mar so tha cuid a' cur uatha an struitheal- 
achd, ach tha sannt a' teachd 'na àite : Tha cuid a' tilgeadh 
air falbh an gniomhara mi-naomha, agus cha'n 'eil truaill- 
idheachd an nàduir a' cur a h-àrd-shruth an ràthad sin, mar 
a rinn i roimhe ; ach tha i ruith ann an clais eile, eadhon 
ann an spiorad làghail, fèin-fhìreantachd, no an leithide 
sin. Air chor as gu bheil daoine air am milleadh le dith 
seallaidh air peacadh an nàduir. 

San àite mu dheireadh, Is olc a thainig a nuas mar oigh- 
reachd, Salm li. 5. " Ann am peacadh ghabh mo mhathair 
'na broinn mi." Cha'n 'eil peacanna fa leth mar sin, ach 
tha iad a' sruthadh o'n ceann-aobhair : feudaidh mac crion- 
na bhi aig athair struthach ; ach tha'n galar so air a ghin- 
eamhuin ann an nadur ; agus uime sin, ni's cruaidhe r'a 
leigheas. Gu cinnteach, air an aobhar sin, bu choir am 
focal a bhi air a thoirt a mach an aghaidh a' pheacaidh so, 
mar an aghaidh righ Israel, 1 Righ xxii. 31. " Na cogaibh 
ris a' bheag no nis a' mhòr, ach ri so 'na aonar." Oir air 
do'n pheacadh so bhi air a bhriseadh, tha na h-uile peacadli 
eile air am briseadh maille ris ; agus am feadh a tha esan 
a' seasamh iomlan, cha'n fhaighear buaidh. 

IV. Chum gu faigh sibh beachd do thruaillidheachd 
bhur nàduir, mholainn tri nithe dhuibh : (1.) Gabhaibh 
curam gu eòlas fhaotainn air spioradalachd agus farsuinn- 
eachd lagh Dhè ; oir is e sin an sgathan 's am feud sibh 
sibh fèin fhaicinn. (2.) Thugaibh aire d' ur cridheachaibh 
aig gach uile àm, ach gu h-àraidh aig àm buairidh. Tha 
buaireadh 'na theine a tha dusgadh sàl a' chridhe ghràin- 
eil : Thugaibhse fa'near gu curamach ceud thoiseach 
na truaillidheachd. San àite mu dheireadh, Rachaibh a 
dh' ionnsuidh Dhè, tre Iosa Criosd, gu bhi air 'ur soills- 



124 

eachadh le a spiorad. Doirtibh a niach 'ur n-anama am 
fianuis an Tighearn, mar mhuinntir a ta toileach eòlas 
fhaotainn air gràineileachd 'ur nàduir: Abraibh ris, "An 
ni nach aithne dhomh, teagaisg thusa dhomh : " Agus bith- 
ibh toileach solus a ghabhail a steach o'n fhocal. Creidibh 
agus chi sibh : Is ann leis an fhocal a tha'n spiorad a' 
teagasg; ach a dh' easbhuidh teagasg an Spioraid, bithidh 
na h-uile teagasg eile air bheag buannachd. Ge do 
dhealruicheadh an soisgeul mu'n cuairt duibh, mar a' ghrian 
air mheadhon-là, agus ge do bhitheadh an fhìrinn mhor 
so air a shearmonachadh air an doigh as soilleire ; cha'n 
fhaic sibh gu brath sibh fèin 'gu ceart, gus an soillsich 
spiorad an Tighearn a choinneal an taobh a stigh d' ur 
cridhe. Cha'n e lanachd agus glòir Chriosd, truaillidh- 
eachd agus graineileachd ar naduir, air am foghlum gu 
ceart, ach far am bheil Spiorad Chriosd 'na fhear-teagaisg. 

Ach a nis gus a' phuinc chudthromach so a cho-dhun- 
adh, bitheadh na chaidh a ràdh, a' nochdadh dhuibh uile 
am feum a th' agaibh air Criosd. Sibhse a ta air bhur 
tabhairt a mach as 'ur staid thruaillidh naduir gu 
Criosd, bithibh iriosal ; a' teachd fathast a dh' ionnsuidh 
Chriosd, agus a' deanamh, cleachdamh d'ur n-aonachd 
ris, a chum an tuilleadh lagachaidh do fhuigheall na 
truaillidheachd nadurra so. Am bheil bhur nadur air 
atharrachadh ? Cha'n 'eil e mar sin, ach ann an cuid : 
bha là ann, 's nach b'urrainn dhuibh cathrachadh ; a nis tha 
sibh air bhur leigheas. Ach cuimhnichibh nach 'eil an 
leigheas fathast iomlan, tha sibh fathast ag imeachd gu 
bacach : Agus ge do bhitheadh nithe a' dol leibh ni 's 
fearr na a ta iad, bu chòir do chuimhneachan air mar a 
bha sibh, do thaobh naduir, bhur cumail iosal. Gabh- 
aibhse a ta fathast 'nur staid naduir ris : Creidibh truaill- 
idheachd bhur naduir; agus bitheadh Criosd agus a 
ghràs, luachmhor 'nur suilibh. nach biodh sibh a 
nis fo churam mu thimchioll staid 'ur n-anama ! Ciod 
a tha sibh a' runachadh a dheanamh 1 Is eigin duibh 
bàsachadh ! Is eigin duibh a bhi air bhur taisbeanadh 
an lathair caithir breitheanais Dhè' ! An luidhe sibh sios 
agus an cadail sibh oidhche eile gu socrach, anns an staid 
so ? Na deanaibh e ; oir, mu'n tig là eile, f eudaidh sibh a bhi 
air bhur cur 'nur seasamh an lathair caithir breitheanais 
Dhè, ann an eudach mairbh bhur staid thruaillidh : agus 



125 

bhur n-anama gràineil a bhi air an tilgeadh gu slochd an 
sgrios, mar mheall truaillidh, gu bhi gu brath air adhlac- 
adh o lathair Dhè" ! Oir, tha mi a' deanamh fianuis duibh 
uile, nach 'eil sìth ri Dia, nach 'eil maitheanas no neamh 
air bhur sonsa, san staid so ! Cha'n 'eil ach ceum eadar 
sibh agus sgrios siorruidh, o lathair an Tighearna ! Mu 
bhitheas snaithean caol na beatha, a dh' fheudas a bhi 
air a bhriseadh le buille (beag,) mu'm bheil sibh a' moth- 
achadh dha, da rireadh air a bhriseadh am feadh a ta sibh 
san staid so, tha sibh air bhur sgrios gu brath, agus sin gun 
leigheas ! Ach imichibh gu luath a dh' ionnsuidh Iosa 
Criosd ; ghlan e anama co gràineil r' ur n-anama-sa, agus 
"glanaidh e fathast am fuil-san nach do ghlan e," Ioel iii. 
21. An fhad so, " Mu pheacadh staid naduir an duine." 



CEANN II. 

TBUAIGHE STAID NADUIR AN DUINE. 

Ephesianaich ii. 3. 

" Bha sin a thaobh, naduir 'nar cloinn na feirge, eadhon mar chach." 

Air dhomh " peacadh staid naduir an duine " a nochdadh 
dhuibh, tha mi a nis air teachd gu Truaighe na staid sin 
fheuchainn duibh. Cha'n urrainn staid pheacach a bhi ach 
'na staid thruaigh. Ma theid peacadh air thoiseach, lean- 
aidh truaighe gu nadurra 'na dheigh. Tha truaillidh- 
eachd agus sgrios co ceangailte r'a cheile, as gu bheil an 
Spiorad naomh ag radh ri truaillidheachd, sgrios, eadhon 
sgrios siorruidh. Gal. vi. 8. " An ti a chuireas d'an fheoil, 
buainidh e o'n fheoil truaillidheachd." Is e sin, sgrios sior- 
ruidh ; mar a tha e soilleir ann e bhi air a chur ri aghaidh 
beatha shiorruidh, san earrainn 'na dheigh sin. Agus 
mar sin, air do'n Abstol a nochdadh do na h-Ephesianaich 
am fior staid a thaobh naduir, eadhon, gu'n robh iad marbh 
ann an euceartaibh, gu h-uile truaillidh ; tha e ag innseadh 
dhoibh ann am briathraibh an teagaisg, an staid a leanadh 
i, eadhon gu'n robh an slochd air a chladhach air an son, am 
feadh a bha iad ann an staid sin na truaillidheachd : Air 



126 

dlioibh "a bhi marbh ann am peacaibh, bha iad a thaobh 
naduir, 'nan cloinn na feirge, eadhon mar chach." 

Tha ceithir nithe againn anns na briathraibh so. 

1. Truaighe staid naduir. Is staid feirg i, co maith 
ri staid pheacach. Bha sinn, ars' an t-Abstol, 'nar cloinn 
feirge ; ceangailte thairis, agus buailteach do fheirg Dhè ! 
fuidh fheirg, ann an tomhas àraidh ; agus ann am fearg, 
ceangailte thairis gu tuilleadh feirge, eadhon gu lan thomhas 
dhi, ann an ifrinn, far am bheil a tuiltean a' dol thar nam 
priosanach gu siorruidh ! Mar so Saul 'na fheirg, a thug 
breitheanas air Daibhidh gu chur gu bàs, (1 Sam. xx. 31.) 
agus Daibhidh, 'na fheirg, a' toirt binne bàis a mach an 
aghaidh an duine 'sa chosamhlachd, (2 Sam. xii. 5.) thuirt 
gach fear dhiubh, mu an neach a mheas e bhi ciontach, 
gu cinnteach bàsaichidh e ; no, mar tha na focail 'sa cheud 
chainnt, " Is mac bàis e." Mar sin tha'n duine nadurra 
'na leanabh feirge, 'na mhac bàis. Tha e 'na fheor droch- 
bheirt marbh san lagh, 'na luidhe ann an cuibhrichibh 
cionta ; ciontach, fuidh dhìteadh, air a chumail daing- 
ean 'na gheimhlibh, gu là cur an gniomh na binne ; là o 
nach teid e as, mur faigh e maitheanas o Dhia an ti as 
breitheamh, agus mar an ceudna, as fear-toireachd air. 
Air an doigh sin, gun amharus, feudaidh clann na 
feirge fàs 'nan cloinn na rioghachd. Ciod sam bith co 
coitchionn 'sa tha'm focal sa' bhonn-teagaisg air ainm- 
eachadh anns na sgriòbtuiribh naomha, is focal cudthrom- 
ach e, mar tha soilleir, 'nuair tha'n t-Abstol ag ràdh 
mu dhaoine nadurra, " clann na h-eas-umhlachd, (rann 2.) 
gu bheil e ciallachadh tuilleadh, na gu'n robh iad 'nan 
cloinn eas-umhal ; oir feudaidh clann an Tighearn iad 
fèin a bhi eas-umhal : Mar sin, tha tuilleadh ann a bhi 'nan 
cloinn feirge, na bhi buailteach do fhearg, no fuidh fheirg. 
Bha Iosa Criosd buailteach do fheirg, agus fuidh f heirg ; 
ach tha mi an amharus nach 'eil barantas againn a ràdh, 
gu'm bu leanabh feirg e. Tha'm focal a' ciallachadh, 
ciod sam bith an cor anns am bheil daoine 'nan staid nad- 
uir, gu bheil iad fuidh fheirg Dhe ! gu bheil iad gu 
h-iomlan fuidh fheirg ; tha fearg, mar gu'm b'ann air a 
filleadh a stigh 'nan ceart nadur, agus air a choimeasga 
san duine gu h-iomlan ; a ta (ma dh' fheudas mi labhairt 
mar sin) 'na mheall feirge fèm, 'na leanabh ifrinn, mar 
tha'n t-iarunn a ta san teine uile 'na theine ! Oir tha 



127 

daoine a thaobh naduir, 'nan cloinn feirge ; a teachd a 
mach, (mar a dh' fheudas sinn a ràdh) à broinn na feirge. 
Bha luibh sgàile Ionah 'na mhac oidhche, (ris an abair sinn 
"a thainig a nios ann an oidhche," Ionah iv. 10.) mar gu'n 
tigeadh i à bolg 'na h-oidhche, (mar tha sinn a' leugh- 
adh mu bholg na maidne, Salm cx. 3.) agus mar sin, 
air do'n bhreith a bhi leantuinn na broinn o'n d' thàinig 
e, chaidh e seachad ann an cabhaig. Theirear ri sradan 
teine, " mic an teine loisgich," Iob v. 7. ; Isa. xxi. 10. "Och 
mo bhualadh, agus arbhar (no mac) m' urlair ! " Air a 
bhualadh ann an urlar na f eirge ; agus mar gu b' ann air 
a thoirt a mach leis : Mar so tha'n duine nadurra 'na 
leanabh feirge : " tha e teachd a steach mar uisge 'na chòm, 
agus mar oladh 'na chnamhaibh," Salm cix. 18. Oir ge do 
b'e Iudas an aon mhac sgrios am measg nan Abstol ; 
gidheadh, tha na h-uile dhaoine, a thaobh naduir, do'n 
aon teaghlach cheudna. 

2. Tha againn an so sin o'n d' eirich suas an truaighe so. 
Tha i aig daoine thaobh naduir : 'S ann o'n naduir a fhuair 
iad i, is cha'n ann o 'm brìgh, no o bhith an naduir, 
oir cha'n e sin, 's cha b' e sin, peacadh, agus air an aobhar 
sin, cha'n urrainn e an deanamh 'nan cloinn feirge, ged 
air son peacaidh a dh' fheudas i a bhith fuidh fheirg. 
Cha ann o'n nadur mar air a cumadh leis a' Chruithfhear 
ag cruthachadh an duine, ach o'n nadur mar a ta e air a 
shalachadh agus air a thruailleadh leis an leagadh ; o ghne 
pheacach no o thruaillidheachd an naduir, (mu'n do labhair 
sin roimhe) an gnè o'm bheil gach gniomh a' sruthadh, 
agus (ged sguireadh daoine do na ghniomh,) an gnè a mhàin 
a tha ri fhaotainn ann an staid neo-iompaichte. A nis, leis 
an nadur so, tha daoine 'nan cloinn feirge ; mar ann an àm 
plaigh bhuailtich tha neach a' tarruing a stigh bàs maille 
ris a' ghalar a ta riaghladh. Uime sin do bhrìgh o ar ceucl 
bhitlv gu bheil sinn mar coloinn Adhaimh, 'nar cloinn 
thruaillidh, air ar dealbh ann an euceart, air ar gineamhuin 
ann an peacadh ; tha sinn mar an ceudna, o 'n mhionaid 
sin, 'nar cloinn f eirge ! 

3. Farsuinneachd na truaighe so. Tha na h-uile a 
thaobh naduir 'nan cloinn feirge. Sinne, ars' an t-Abstol, 
eadhon mar chach ; Iudhaich co maith ri Cinnich. Iadsan 
a ta nis, tre ghràis 'nan doinn do Dhia, cha robh a thaobh 



128 

naduir, ann an staid a b'fhearr no iadsan a ta fathast 'nan 
staid naduir. 

San àite mu dheireadh, Tha fios air a thabhairt duinn 
anns na briathraibh air atharrachadh glormhor agus 
sona ! Bha sinn 'nar cloinn feirge, ach cha'n 'eil sinn 
niar sin a nis : Thug gràs a mach sinn as an staid eagal- 
aich sin ! So tha'n t-Abstol ag radh uime fèin agus mu 
chreidmhich eile : Agus mar so is maith a thig e do phobull 
Dè, a bhi 'nan seasamh gu tric air an traigh, a dh' amh- 
arc air an ais air fairge ruaidh na staid feirge, san robh 
iad aon uair 'gan aoirneagan, eadhon mar mhuinntir eile. 

STAID AN DUINE, THAOBH NADUIR, 'NA STAID FEIRGE. 

Bonn-teagaisg. " Tha staid an naduir, 'na staid feirge." 
Tha na h-uile neach a ta ann an staid naduir neo-iomp- 
aichte, ann an staid f eirge. Tha sinn air ar breith 'nar cloinn 
f eirge ; agùs tha sinn a' mairsinn mar sin, gus am bheil 
sinn air ar breith a rìs. Seadh, co luath 'sa bha sinn 
'nar cloinn do Adhamh, bha sinn 'nar cloinn na feirge ! 

Bheir mi steach na th' agam ri radh air a' cheann so 
le cuid do nithibh a thabhairt fa'near, mu thimchioll fars- 
uinneachd staid na feirge so ; a dh' fheudas a bhi feumail 
gu slighe an fhocail fhosgladh gu'r coguisean. 

Chaidh fearg co farsuinn as a chaidh peacadh. An 
uair a pheacaich aingil bhris fearg Dhè a steach orra mar 
thuil ! " Cha do chaomhain Dia na h-aingil a pheacaich, ach 
thilg e sios do ifrinn iad ! " 2 Pead. ii. 4. Agus leis a sin 
bha e air a dheanamh soilleir, nach dean oirdhearcas nad- 
urra sam bith anns a' chreutair, a dhion o fhearg Dhè, 
mu dh' fhàsas e aon uair 'na chreutair peacach. Mu 
bhitheas iomhaigh a Chruithfhear air a tabhairt aon uair 
o'n mhir is maisiche agus is finealta do obair neimh, le 
peacadh, is urrainn Dia a bhriseadh, agus ni e bhriseadh 
'na bhloighdibh 'na f heirg ; mur bi dioladh air a thabhairt 
d' a cheartas, agus an iomhaigh sin air a deanamh suas ; 
aon chuid diubh sin cha'n urrainn am peacach e fèin a 
dheanamh. Pheacaich Adhamh ; agus bha meall uile 
chinne-daoine air a ghoirteachadh, agus air a cheangal 
thairis do amhuinn theinntich feirge Dhè ! Agus o'n 
bhonn-teagaisg feudaidh sibh fhoghlum, (1.) Nach urr- 
ainn aineolas mu'n staid sin, daoine shaoradh uaipe : 
Blia na Cinnich do nach b' aitlme Dia, " a thaobh naduir, 



129 

'nan -cloinn feirge, eadhon mar chach." Feudaidh tigh 
duine bhi ri theine, feudaidh a bhean agus a chlann 
bàsachadh anns na lasraichibh • 'nuair nach 'eil fìos aige- 
san air, agus, uime sin, nach 'eil curam aige mu thim- 
chioll : 'S ann mar sin a tha bhur staid-sa, sibhse a ta 
aineolach mu na nithe sin ! Tha fearg gu tosdach a' dol 
domhain 'nur n-anama, 'nuair a ta sibh 'g 'ur beannachadh 
fèin, ag radh, bithidh sìth agaibh ! Cha ruig sibh a leas 
comhar as cinntiche iarraidh air a bhi 'nur cloinn feirge, 
no nach fhaca sibh riamh sibh fèin mar sin. Cha'n urr- 
ainn sibh a bhi 'nur cloinn do Dhia, nach fhaca riamh 
sibh fèin 'nur cloinn do 'n diabhul. Cha'n urrainn sibh a 
bhi air an t-slighe do neamh, nach fhaca riamh sibh fèin 
a thaobh naduir, air an rathad-mhor gu h-ifrinn. Tha 
sibh tur aineolach air bhur staid a thaobh naduir ; agus 
mar sin aineolach air Dia, agus air Criosd, agus air bhur 
feum air : Agus ged tha sibh a' meas gu dean bhur n-ain- 
eolas bhur dion o fheirg ; gidheadh, gabhaidh e o bheul 
Dhè fèin, gu'n sgrios e sibh, mur bi e air a ghluasad 
air falbh, Isa. xxvii. 11. " Is sluagh gun tuigse iad ; 
uime sin, cha ghabh an ti a rinn iad truas diubh," faic 2 
Tes. i. 8. ; Hos. iv. 6. (2.) Cha saor sochairean o'n 
taobh a mach daoine o staid na feirge so : Oir, bha na 
h-Iudhaich, clann na rioghachd, sluagh sònraichte Dhè, 
'nan cloinn na feirge, eadhon mar chach. Ged tha sibh 
'nur buill-eaglais, 'nur luchd comh-pairt do uile shochair- 
aibh-eaglais ; ge do thainig sibh nuas o pharantaibh diadh- 
uidh, o theaghlaichibh mor agus urramach ; bithibh an ni 
is aill leibh, tha sibh, a thaobh naduir, 'nur n-oighreachan 
air ifrinn, 'nur cloinn feirge. (3.) Cha'n urrainn aid- 
mheil, no airde gus am feudar ruigheachd ann an aidmheil 
na diadhachd, duine shaoradh o staid so na feirge. Bha 
Paul 'na aon bu teinne do luchd comh-bharail a chreicl- 
imh Iudhaich, (Gniomh. xxvi. 5.) gidheadh na leanabh 
na feirge, eadhon mar chach, gus an robh e air iompach- 
adh. Tha'n cealgair diomhair agus an neach mi-naomha 
cosmhuil ri cheile, a thaobh an staid, ciod air bith eaclar 
dhealachadh a tha 'nan caithe-beatha ; agus bithiclh 
iad cosmhuil ri cheile 'nan ciìch bhronaich, Salm cxxv. 
5. " Iadsan a theid e thaoibh d'an slighibh claon, iom- 
ainidh an Tighearn a mach le luchd-deanamh an uilc." 
(4.) Cha'n 'eil aig a' chloinn òg nach 'eil fathast ach a' dol 

i 



130 

a macli a chum an t-saogliail ri iad fèin a dheanamh 'nan 
cloinn feirge, le bhi leantuinn na cuideachd mhi-naomha. 
Tha iad 'nan cloinn na f eirge a thaobh naduir ; mar sin 
tha e deanta cheana : Bha iad air am breith 'nan oigh- 
reachan air ifrinn ; ni iad gun amharus, iad fèin ni's mò 
mar sin, mur teich iad, 'nuair tha iad òg, o'n fheirg sin 
gus an robh iad air am breith, gu Iosa Criosd. San àite 
mu dheireadh, Ciod sam bith a tha daoine a nis tre ghras, 
bha iad eadhon mar chach tre nadur : Agus bhuineadh 
dhoibhsan a bha ann am fois o'n òige air nach 
d'thainig atharrachadh sam bith, smuaineachadh gu tric 
air an fhirinn bhronaich so. A nis, air do na nithe sin a bhi 
air am filleadh anns na briathraibh, nochdaidh mi, anns a' 
cheud aite, ciod i staid so na feirge. San dara aite, 
daingnichidh mi am bonn-teagaisg : Agus an deigh sin, 
ni mi cleachdamh dheth. 

1. Tha mi ri nochdadh, Òiod i staid so na feirge. Ach 
co as urrainn corruich Dhè ann am feirg a lan chur an 
ceill ! Cha'n urrainn neach. Gidheadh feudar urrad dhi 
fhaicinn, as a dh' fhoghnas gu dearbh-shoilleireachd a 
thabhairt do dhaoine mu'n fheum mhor a ta air teicheadh 
gu Iosa Criosd o staid na feirge sin. 'Se fearg ann an 
daoine, buaireas spioraid air son eucoir a rinneadh oirnn, 
le iarrtus gu dioladh a ghabhail air son na h-eucoir : 
'nuair a tha i teachd gu h-airde, agus a ta i air a daing- 
neachadh air spiorad neach, a deirear corruich rithe. A nis, 
cha'n 'eil aignidhead buaireasach ann an Dia, gu bhi labh- 
airt gu ceart ; tha iad sin neo-f hreagarach ri neo-chaoch- 
laideachd agus iomlaineachd a bhith : Agus air an aobhar sin, 
tha Paul agus Barnabas (a chum gu cuireadh iad an aghaidh 
mearachd nan Licaoinianach, a shaoil gu'm bu dee iad) 
ag innseadh dhoibh, gu'm bu daoine " cosmhuil riu fèin iad 
thaobh fulangais," Gniomh. xiv. 25. Tha fearg, uime 
sin, air a cur à leth Dhè cha'n ann a thaobh buadh bhuair- 
easach na feirge, ach a thaobh a toradh. Tha fearg 'na 
teine an còm duine, a ta pianadh an duine fèin : Ach cha'n 
'eil buaireas ann an Dia ; cha'n 'eil 'fhearg air chor sam 
bith, a' milleadh na fois agus an t-sonais neo-chriochnach 
a ta aige ann fèin. Is gniomh fior-ghlan siochainteach 
a thoile i ; a ta toirt a mach nithe uamhasach an aghaidh 
a pheacaich ! Is beag is aithne dhuinn mu Dhia neo- 
chriochnach ; ach tha e 'ga irioslachadh fèin ri 'r n-anmh- 



131 

uineachd, a' labhairt uime fèin minn a reir gnàth dhaoine. 
Thugamaid, uime sin, fa'near do fheirg duine, ach cuir 
eamaid uainn gach ni 'nar smuaintibh mu fheirg Dhè, a 
ta taisbeanadh neo-iomlaineachd ann-san, agus mar sin 
feudaidh sinn teachd gu tomhas do bheachd orra ciod air 
bith cho beag. Air an doigh so, tha sinn air ar treorach- 
adh gu beachd a ghabhail do fhearg Dhè an aghaidh an 
duine nadurra, anns na tri nithibh so a leanas. 

Air tùs, Tha fearg ann an cridhe Dhè* 'na aghaidh. 
Cha'n 'eil an Tighearn a' gabhail ris, ach tha e 'n corruich 
ris. Tha na h-uile duine nadurra 'na luidhe fuidh chorr- 
uich Dhè ; agus tha sin ni's truime na beannta umha ! 
Ged tha e toilichte leis fèin, agus ged tha daoine eile 
toilichte leis mar an ceudna ; gidheadh tha Dia ag amh- 
arc a nuas air mar ann am feirg ris. 1. Tha 'phearsa 
fuidh chorruich Dhè : " Is fuath leat uile luchd-deanamh 
an uilc," Salm v. 5. Tha peacadh an duine dhiadhaidh a' 
cur corruich air an Tighearn ; gidheadh tha 'phearsa 
" taitneach ann a Mhac gradhach," Eph. i. 6. " Ach, tha 
Dia am feirg ris a' chiontach gach la," Salm vii. 11. Tha 
teine feirge a' lasadh a ghnath 'na aghaidh, ann an cridhe 
Dhè ! Tha iad 'nan coin agus 'nam mucan, 'nan creut- 
airèan ro-ghraineil ann an sealladh Dhè ! Ged tha'n staid- 
naduir air a sgeadachadh le aidmheil dhealrach, gidheadh 
tha iad 'nan grain do Dhia ! Tha iad dha-san, mar dheat- 
aich 'na shroin, (Isa. lxv. 5.) agas mar uisge meagh-bhlath, 
gu bhi air a sgeith a mach as a bheul, (Taisb. iii. 16.) uaigh- 
ibh gealuichte, (Mat. xxiii. 27.) sliochd nathraiche nimhe, 
Mat. xii. 33, agus " sluagh a chorruich," Isa. x. 6. Tha 
e neo-thoilichte leis gach ni a ta iad a' deanamh : tha e 
neo-chomasach dhoibh a thoileachadh, air dhoibh a bhi 
'nan ana-creidmhich, Eabh. xi. 6. Tha fuath aige d' am 
pearsaidh, agus mar sin cha'n 'eil tlachd aige 'nan oibre 
as fearr, ach tha mi-thlachd aige annta, Isa. lxvi. 3. 
" Tha esan a dh' iobras uan, mar gu'n cuireadh e an ceann 
do mhadadh. Tha'n dleasdanas, mar air a dheanamh leo san, 
'na ghràineileachd do'n Tighearn, Sean, xv. 8. Agus, 
mar a thionndas daoine an cul orrasan ris am bheil corruich 
aca ; mar sin tha'n Tighearn, an uair a tha e diultadh co- 
chomunn ris an duine nadurra 'na dhleasdanais, a' taisbean- 
adh dearbhadh soilleir air a chorruich. 

San dara àite, Tha fearg ann am focai Dhè 'na aghaidh. 



132 

An uair a ta fearg anns a' chridhe, tha i 'g iarradh bhi 
air a leigeadh a mach air na bilibh : Mar sin tha Dia a' 
cogadh ris an duine nadurra " le claidheamh a bheoil," Tais. 
ii. 16. Cha'n 'eil focal an Tighearn aig àm sam bith a' 
labhairt maith uime, ach tha e do ghnath 'ga mhallachadh 
no 'ga dhìteadh ! 'S ann uaith so a tha e tachairt, an 
nair a tha e air a dlmsgadh, gu bheil am focal air a 
leughadh, no air a shearmonachadh, gu tric a' meudach- 
adh uamhais ! 1. Tha e dìteadh a ghniomhara uile, co 
maith r'a nadur truaillidh. Cha'n 'eil ni a ta e dean- 
amh, ach ni tha'n lagh a' dearbhadh a bhi 'na pheacadh. 
Is riaghailt umhlachd iomlan e ; o am bheil esan a ghnath, 
anns na h-uile nithibh ag cloanadh : agus mar sin tha e 
tilgeadh na h-uile ni a ta e deanamh, mar pheacadh. 
2. Tha e cur an ceill a bhinne, agus a' seinn mallachd 
Dhè 'na aghaidh, Gal. iii. 10. " Oir a mheud 's a ta do 
oibribh an lagha, tha iad fuidh 'n mhallachadh : oir a ta 
e sgriobhta, Is malluichte gach neach nach buanaich anns 
na h-uile nithibh a ta sgriobhta ann an leabhar an lagha 
chum an deanamh." Ciod sam bith co maith 'sa shoirbhich- 
eas an saoghal leis, tha'n lagh a' cur an ceill truaigh a neamh 
'na aghaidh, Isa. iii. 11. Tha'm Biobul 'na bhalg-saigh- 
ead air a lionadh le saighdibh feirge 'na aghaidh, ullamh gu 
bhi air an tomadh a stigh air anam. Tha bagraidhean 
Dhè 'na fhocal, an crochadh os a cheann mar neul dorcha, 
ullamh gu frasadh a imas air na h-uile mionaid. 'Se 'm 
focal gun amharus barantas an duine dhiadhaidh an agh- 
aidh feirge, ach tha e a' ceangal peacadh agus fearg an 
duine nadurra ri cheile, mar gheall cinnteach air a sgrios, 
mu mhaireas e anns ann staid sin ! Mar sin, air do'n 
choguis a bhi air a dusgadh, agus a' breithneachadh a 
cheangail so air a dheanamh leis an lagh, tha'n duine air 
a lionadh le h-uamhasan 'na anam. 

San treas àite, Tha fearg ann an laimh Dhe, an agh- 
aidh an duine nadurra : Tha e fuidh bhuillibh mor feirge 
cheana, agus tha e buailteach do thuilleadh ! 

1. Tha fearg air a chorp. Is mìr do chreadh mhall- 
uichte e, air am bheil fearg a' taomadh a steach a reir 
bagradh a' cheud choimhcheangail, Gen. ii. 17. "Anns 
an la dh' itheas tu dhi, gu cinnteach basaichidh tu ! " 
Cha'n 'eil galar, no pian, no guin a tha teachd air, nach 'eil 
a teachd (air) le gath corruich Dhe ann ! Tha iad uile 



133 

'nan cordaibh bàis air an cur roimh laimh a cheangal a' 

phriosanaich ! 

2. Tha fearg 'na luidhe air 'anam. (1.) Cha'n urrainn 
co-chomunn a bhi aige ri Dia : Tha e "amaideach, agus 
cha seas e an lathair Dhia," Salm v. 5. 'Nuair a pheac- 
aich Adhamh, thionndaidh Dhia a macli à Phàras e : agus 
tha daoine nadurra mar a dh' fhàg Adliamh iad, air am 
fogradh o lathair ghrasmhor an Tighearna; agus cha'n 
urrainn iad teachd dluth dha anns an staid sin. Tha 
cogadli eadar neamh agus iadsan ; agus mar sin tha na 
h-uile co-chomunn air a ghearradh as. "Tha iad as eug- 
mhais Dhia anns an t-saoghal," Eph. ii. 12. Tha ghrian 
air dol fodha orra, agus cha'n 'eil an dealradh is lugha do 
dheadh-ghean o neamh dhoibhsan. (2.) Uaithe sin, tha'n 
t-anam air fhàgail gu seargadh as 'na aingidheachd. 
Tha'n dorchadas nadurra a ta 'nan inntinnibh, an eus-aonta 
do mhaith a tha 'nan toil, mi-riaghailt an aignidhean, 
agus neo-ghloine an coguisean, agus am plàighean nad- 
urra uile, air am fàgail orra ann an rathad peanais ; 
agus air dhoibh a bhi air am fàgail mar sin, tha iad a' 
meudachadh gach là ! Tha Dia a' tilgeadh cuibhrionn 
do nithe maith an t-saoghail d' an ionnsuidh, ann an 
tomhas mor no beag, mar tha cnaimh air a thilgeadh 
a dh' ionnsuidh a' choin ; ach mo thruaighe, tha 'fhearg 
'nan aghaidh air a taisbeanadh anns nach 'eil iad a' faot- 
ainn grais sam bith. Tha Leigh an anama a' teachd 
mu'n cuairt dhoibh, agus a' dol seachad orra, agus a' leigh- 
eas dream eile' ri 'n taobh ; an uair a tha iadsan a' searg- 
adh as 'nan euceartaibh, agus ag abachadh gach la air son 
leir-sgrios ! (3.) Tha iad fosgailte do thuilleadh phlaigh- 
ean eagalach air an anama, eadhon anns a' bheatha so. 
1. Tha iad air uairibh a' faotainn buillean marbhtach ; 
buillean uaigneach o laimh Dhia ann an corruich ! Saighd- 
ean feirge, a tha dol a stigh 'nan anamaibh gun fhuaim, 
Isa. vi. 10. "Dean cridhe an t-sluaigh so reamhar ; agus 
dean an cluasan trom, agus druid an suilean, mu'm faic 
iad le 'n suilibh." Tha Dia a' strì riu car tamuill, agus tha 
mothachadh a' teachd a steach air an coguisibh ; ach tha 
iad ri ceannairc an aghaidh an t-soluis, agus tha iad, le 
breitheanas uaigneach, air am bualadh sa' cheann, air 
chor as o'n uair sin gu bheil iad, mar gu b' ann, a' caith- 
eamli am beatha agus a' lobhadh air aghaidh an fhea- 



134 

ainn. Tha'n cridheachan air am marbhadh, tha'n aig- 
nidhean air seargadh, an cognisean neo-mhothachail; agus 
tha'n anama gu h-iomlan air crionadh ! "Air an tilg- 
eadh a macli mar gheig, agus air crionadh," Eoin xv. 6. 
Tha iad air am bualadh le doille ann an ceart bhreith- 
eanas. Tha iad a' druideadh an suilean an aghaidh an 
t-soluis, agus tha iad air an tabhairt thairis do'n diabhul, 
iad an t-saoghail so, gu bhi ni's mo air an dalladh, 2 Cor. 
iv. 4. " Seadh tha Dia a' cur treun oibreachadh meallaidh 
d' an ionnsuidh, ionnus gu'n creid iad a' bhreug," 2 Tes. 
ii. 11. Tha eadhon a' choguis, cosmhuil ri solus mealltach air 
a' chladach 'gan treorachadh air creagan, leis am bheil 
iad air am briseadh 'nam bloighdibh. Tha iad 'gan 
cruadhachadh fèin an aghaidh Dhia; agus tha esan 'gan 
tabhairt thairis, agus 'gam fàgail do Shatan agus d' an 
cridheachan fèin, leis am bheil iad air an cruadhachadh ni 
's mò agus ni's mò. Tha iad gu tric air an "toirt thairis 
do ana-miannaibh graineil," Rom. i. 26. Tha'n srein air 
a leigeadh fuasgailte air am muineil ; agus tha iad air am 
fàgail gu ruith gus na h-uile neo-mheasarrachd gun tomhas, 
mar tha'n ana-mianna garg 'gan tarruing. 2. Tha iad 
air uairibh a' faotainn bhuillean, beothail, leis am bheil 
an anama a' fàs cosmhuil ri Sliabh Shinai, far nach 'eil 
ni ri fhaicinn ach teine agus deatach ! anns nach 'eil ni 
ri chluinntinn ach tairneanach feirge Dhè, agus fuaim 
trompaid an lagha bhriste a' fàs ni's treise agus ni's treise ! 
a ta 'gan deanamh, cosmhuil ri Pasur, Ier. xx. 4. "'Nan 
uamhas doibh fèin ! " Tha Dia a' gabhail trusgain sal- 
ach am peacanna, anns am bu ghnath leo codal gu 
muinghinneach, 'ga comhdachadh thairis le pronnusc, agus 
'ga cur ri theine mu'n cluasaibh ! Mar sin - tha if rinn aca 
an taobh a stigh dhoibh ! 

3. Tha fearg anns na h-uile ni tha'n duine nadurra a' 
mealltuinn. Ciod sam bith a tha dh' uireasbhuidh 'na thigh, 
tha aon ni nach 'eil uair sam bith a dh' uireasbhuidh 
an sin, Seau. iii. 33. " Tha mallachd an Tighearna ann 
an tigli an aingidh ! " Tha fearg 'na luidhe air na h-uile 
ni a th' aige ; air an aran a tha e 'g itheadh, an deoch a 
tha e 'g òl, agus an t-eudach a tha e caitheamh ! Tha 
bhascaid agus a cuibhrionn malluichte, Deut. xxviii. 17. 
Tha cuid do nithe a' dol air aimhreite air; agus tha sin 
ag eirigh o'n fheirej so : Tha nithe eile a' dol leis a 



135 

reir iarrtuis, agus tha fearg ann an sin mar an ceudna 

oir tha e 'na ribe d'a anam ! Sean. i. 32. "Sgriosaidh soirbh- 
eachadh nan amadan iad fèin." Tha'n fhearg so a' tionnd- 
adh a bheannachdan gu mallachdan, Mal. ii. 2. " Mall- 
aichidh mi 'ur beannachdan ! seadh, mhalluich mi iad 
cheana." Tha'n Lagh Naomh 'na litir-mharbhaidh dhoibh, 
2 Cor. iii. 6. Tha ministreileachd an t-soisgeil 'na 
bholtrach bàis • chuni bàis, caib. ii. 16. Ann an Sa- 
crameint Suipeir an Tighearna tha e ag itheadh agus 
ag òl breitheanais d'a fèin, 1 Cor. xi. 29. M h-eadh, a 
thuilleadh air sin uile, tha Criosd fèin dha, "'na chlach 
thuislidh, agus 'na charraig oilbheim ! " 1 Pead. ii. 8. Mar 
so, tha fearg a' leantuinn an duine nadurra, mar tha 'fhaileas 
a' leantuinn a' chuirp. 

4. Tha e fuidh chumhachd Shatain ! Gniomh. xxvi. 18. 
Thug an diabhul buaidh air, mar sin buinidh e dha le 
buaidh ; 's e a chobhartach dhligheach e, Isa. lxix. 24. 
Tha'n duine nadurra air a dhìteadh cheana, Eoin iii. 18. 
agus uime sin, fuidh laimh throm an ti aig am bheil cumh- 
achd a' bhàis, is e sin, an diabhul ! Agus tha e cumail 
a' phriosanaich ann am priosan staid naduir, ceangailte 
eadar lamha agus chosa, Isa. lxi. 1. " Air uallachadh le iom- 
adh gne ana-mianna," mar shlabhruidhean leis am bheil e 
'gan cumail daingean. Cha ruig thu leas, mar tha moran 
a' deanamh, a bhi gairm air an diabhul do ghabhail ; oir tha 
greim daingean aige dhiot cheana, mar leanabh feirge. 

San àite mu dheireadh, Cha'n 'eil barrantas aig an duine 
nadurra air aon mhionaid do thearuinteachd o fheirg Dhè, 
a theachd air gus a chuid is faide ! Einn mallachd an 
lagh a ta air a' cur an ceill 'na aghaidh a cheangal cheana 
ris a' chrann; air chor as gu feud saighde cheartais dol 
troimh 'anam, agus annsan gu'm feud na h-uile truaighe 
agus na h-uile plaigh coinneachadh, a ta sruthadh o 
f hearg dhioghaltach Dhè ! Faic mar a tha e air a chur 
suas mar chomhara mu choinneamh saighde na feirge, 
Salm vii. 11, 12, 13. "Tha Dia am feirg ris a' chiontach 
gach là. Mur pill e, geuraichidh e 'chlaidheamh : chuir 
e 'bhogha air lagh, agus dheasaich se e ! Dh' ulluich e 
air a shon innil bàis ! " Am bheil e luidhe sios a chodal ì 
Cha'n 'eil gealladh as aithne dha, no air an urrainn da 
aithne bhi aige, g'a chumail à ifrinn mu'n duisg e ! Tha 
ceartas a' dian-ruagadh, agus ag eigheach dioghaltais air a 



136 

pheacach ! Tha'n lagh a' tilgeadh saighdean teinnteach a 
mhallachdan do ghnàth air ! 'Si foighidinn a ta air a 
caitheadh agus fad air a d' fheuchainn a tha 'ga chumail 
beò ! Tha e ag siubhal am measg naimhdean, fo airm 'na 
aghaidh ! Feudar Magor-Misabib a thoirt mar ainm air ; 
is e sin, "Uamhas mu'n cuairt!" Ier. xx. 3. Tha aingil, 
diabhla, daoine, beathaichean, clachan, neanih, agus talamh, 
a' feitheamh air focal an orduigh o'n Tighearna, gu a sgrios ! 
Mar so tha'n duine nadurra beò, ach is eigin da basach- 
adh mar an ceudna; agus tha'm bàs 'na theachdair uamh- 
asach dha ! Tha e teachd d'a ionnsuidh armaichte le 
feirg, agus a' cur tri àitheantan cràiteach 'na laimh. (1.) 
Tha'm bàs ag àithne dha cead gu siorruidh a ghabhail do 
na h-uile nithe san t-saoghal so ! e ga fhàgail, agus imeachd 
gu saoghal eile ! Och ! nach uamhasach an àithne so do 
leanabh na feirge ! Cha'n urrainn dha comhfhurtachd 
a bhi aige o neamh ; oir is e Dia a namhaid ! Agus air 
son nithe an t-saoghail, agus sasuchadh ana-mianna, na 
nithe a mhàin o'n robh a shòlas a' sruthadh, tha iad 
sin ann an aon mhionaid air an tiormachadh suas uaithe gu 
brath ! Cha'n 'eil e ullamh air son saoghail eile ; cha robh e 
smuaineachadh dol air falbh co luath : no, mu bha, fath- 
ast cha'n 'eil cuibhrionn air a deanamli cinnteach dha ann 
an saoghal eile, ach an oighreachd gus an robh e air a 
bhreith, agus a bha meudachadh gach là, eadhon ionmhas 
feirge ! Ach is eigin da falbh ; is eigin da dealachadh r'a 
dhia creadha, an saoghal, agus ciod tuilleadh à th' aige? 
Cha robh riamh an dearsadh bu lugha do sholus no do 
dheadh-ghean o neamh d'a anam ; agus a nis, tha'n fhearg 
a bha'n crochadh anns a' bhagradh mar neul cosmhuil ri 
laimh duine, a' dorchachadh aghaidh neimh uile os a 
cheann ! Agus ma sheallas e air an talamh (o'm bu 
ghnatli le 'sholus uile sruthadh,) "feuch teanntachd agus 
doilleireachd dubhar an amhghair ! Agus ruaigear e chum 
dorchadais!" Isa. viii. 22. (2.) Tha'm bàs a' tabhairt 
àithne do'n anam agus do'n chorp 'dealachadh o cheile gus 
an là mhòr! Tha 'anam air iarraidh uaith. Luc. xii. 20. 
cia truagh a bhios an dcalachadh sin do leanabh na 
feirge ! Bha curam gun amharus air, mu nithe feumail 
na beatha so ulluchadh air son a chuirp, ach mo thruaighe, 
cha'n 'eil ni sam bith air a thasgaidh air son beatha eile 
dlia ; cha'n 'eil ni sam bith gu bhi 'na shiol do aiseirigh 



137 

ghlormhoir ! Mar a chaith e 'bheatha, mar sin bàsaich- 
idh e ; agus èiridh e a rìs 'na fheoil pheacach, na chonn- 
adh air son teine feirge Dhè ! Air son an anama, cha 
robh e riamh curamach gu ulluchadh a dheanamh air a 
shon : Bha e 'na luidhe anns a' chorp, marbh, do Dhia, 
agus do gach ni a bha da rireadh maith; agus mar sin 
as eigin da bhi air a ghiulan a mach do'n t-slochd, aun 
an eudach-mairbh a staid naduir ; oir air do'n bhàs a nis 
teachd, is eigin do na compauaich sa' pheacadh deal- 
achadh. (3.) Tha'm bàs a' toirt àithne do'n anam 
taisbeanadh an lathair caithir bhreitheanais Dhè, am fcadh 
a ta'n corp 'na luidhe, gu bhi air a ghiulan do'n uaigh ! 
Ecles. xii. 7. " Pillidh an spiorad chum Dhè a thug uaith e." 
Eabh. ix. 27. "Tha e air orduchadh do dhaoinibh bàs 
fhaotainn, ach 'na dheigh so breitheanas ! " Bu mhaith 
do'n anam pheacach, nam feudadh e bhi air adhlacadh 
maille ris a' chorp : ach cha 'n urrainn sin tachairt, is eigin 
dha dhol a dh' fhaotainn a bhinne ! agus bithidh e air a 
ghlasadh suas ann am priosan ifrinn, am feadh 's a ta 
an corp malluichte 'na luidhe am priosan na h-uaighe gu 
là mor a' bhreitheanais ! 

Àn uair a thig crioch an t-saoghail, a chaidh orduch- 
adh , le Dia ; seididh an trompaid, agus eiridh na mairbh. 
An sin air àithne a Bhreitheimh, tilgidh an talamh sgìth a 
mach na cuirp, cuirp mhalluichte na muinntir sin a 
chaith am beatha agus a bhàsaich 'nan staid naduir ! 
Bheir an fhairge, am bàs, agus ifrinn, uapa am mairbh ! 
Taisb. xx. 13. Bithidh an cuirp agus an anama truagh 
air an coimhcheangal r'a cheile, agus air an cur 'nan seas- 
amh an làthair caithir-bhreitheanais Chriosd ! An sin 
theid a' bhinn eagalach sin a thoirt a mach orra, " Imich- 
ibh uam, a shluagh mailluichte, dh' ionnsuidh an teine 
shiorruidh, a' dh'ulluicheadh do'n diabhul agus d'a aing- 
libh!" Mat. xxv. 41. Air lorg sin " imichidh iadsan 
chum peanais shiorruidh ! " rann 46. Bithidh iad gu 
siorruidh air an druideadh suas ann an ifrinn, agus cha'n 
fhaigh iad gu brath am boinne is lugha do chomhfhur- 
tachd, no an fhois is lugha o am pianntaibh ! Ann an 
sin bithidh iad air an sgrios le peanas calla ; air dhoibh 
a bhi air an cur a mach gu siorruidh o chomunn Dhè, 
aingle agus naoimh ! Bithidh uile mheadhona nan 
gràs agus gach uile dhochas mu shaorsa, gu siorruidh air 



138 

an druideadh a mach o'n sùilibh ! Cha bhi boinne do 
uisge ac' a dh' fhuarachadh an teanga ! Luc. xvi. 24, 25. 
Bithidh iad air an sgrios le peanas geur-mhothachaidh air 
pian. Cha'n e mhain gur eigin doibh imeachd o Dhia, ach 
imeachd gu teine, gu teine siorruidh ! Anns an àite sin, 
chà bhàsaich a' chnuimh a bhitheas g'an cagnadh, gu 
brath ! cha teid an teine bhitheas ga'n losgadh gu 
brath a mhuchadh. Leis an dara laimh cumaidh Dia 
suas iad, feadh na siorruidheachd, agus leis an laimh eile, 
bithidh e dortadh a lan shoithiche feirg' orra ! is i 
so staid sin na feirge, anns am bheil daoine nadurra a' 
caitheadh am beatha; air dhoibh a bhi fuidh thomhas do 
fheirg Dhè, agus buailteach do thuilleadh. Ach, a chum 
beachd ni 's faide ghabhail dheth so, thugamaid fa'near 
buaghan na feirge sin. (1.) Cha'n fheudar cur 'na h- 
aghaidh, cha'n 'eil seasamh 'na lathair ! " Co sheasas a' d' 
lathair, an uair a bhios fearg orf?" Salm lxxvi. 7. An 
urrainn a' chnuimh no an leomann iad fèin a dhion 'na 
aghaidh-san a ta rùnachadh am bruthadh 1 ? 'S co beag 
as urrainn duine a ta 'na chnuimh, seasamh an lathair Dhia 
ann an corruich. Tha'n duine amaideach, gun amharus, 
a' toirt dùlan do neamh ! Ach tha'n Tighearna gu tric 
eadhon anns an t-saoghal so, a' fosgladh a leithid do 
thuilte feirge orra, as nach urrainn iad le'n uile neart an 
casg ; ach tha iad air an iomain air falbh mar le tuil ! 
Cia mò gu mor a bhios e ann an ifrinn ? (2.) Tha e do- 
ghiulan ! An ni nach urrainn neach cur 'na aghaidh, 
ulluichidh se e fèin gu ghiulan : ach, " Co a ghabhas 
comhnuidh maille ri teine millteach ■? Co a ghabhas 
comhnuidh maille ri lasraichibh siorruidh *? " Tha fearg 
Dhè na cudthrom a chuireas sios daoine do'n ifrinn is 
iochdaraiche. Is uallach i nach urrainn duine seasamh 
f uidhe : Co is urrainn spiorad briste ghiulan 1 Gnath-fhoc. 
xviii. 14. (3.) Is fearg i o nach urrainn iadsan dol as, 
a theid air an aghaidh gu neo-aithreachail ann an slighe 
a' pheacaidh : " Am fear a chronaichear gu minic, gidh- 
eadh a chruaidhicheas a mhuineal, sgriosar e gu h-obann, 
agus sin gun leigheas." Gnath-fhoc. xxix. 1. Feudaidh sinn 
a nis gun amharus, teicheadh uaipe, le teicheadh gu Iosa 
Criosd ; ach iadsan a tha teicheadh o Chriosd, cha bhi e 
comasach dhoibh a seachnadh. C' ait an urrainn daoine 
teicheadh o Dhia a ta gabhail dioghaltais 1 C'ait am 



139 

faigh iad fasgadh ? Cha'n eisd na cnuic riu ; bithidh na 
sleiblitean bodhar da'n àrd-eighibh, 'nnair a ghlaodhas iad 
riu, am folach o fheirg an Uain. (4.) Is fearg chunih- 
achdach agus dhian i. " Co d' an aithne neart t'fheirge, 
agus a reir t' eagail do chorruich?" Tha sinn ullamh gu 
eagal a ghabhail roimh fhearg dhuine os ceann na bu choir 
dhuinn ; ach cha'n urrainn neach sam bith fearg Dhè a 
mheas a bhi ni's uamhasaiche na a ta i. Cha bhi a cumh- 
achd gu bràth air aithneachadh gus a' chuid is faide, do 
bhrigh gu bheil i neo-chriochnach, agus air an aobhar sin, 
cha'n 'eil crioch aice. Ciod air bith co garg is a ta i, aon 
chuid air thalamh no ann an ifrinn, is urrainn Dia a toirt 
air a h-aghaidh ni 's faide. Tha na h-uile ni ann an Dia, 
ro-iomlan 'na ghne ; agus air an aobhar sin, cha'n 'eil fearg 
sam bith co dian r'a fheirg-san. pheacaich, cionnus 
a bhios tusa comasach air an fheirg sin a ghiulan, " a reubas 
tu as a cheile !" Salm l. 22. "agus a phronnas gu luaithre 
thu ! " Luc. xx. 18. Is uamhasach eachdraidh an dà 
mhath-ghamhuinn bhoirionn, a reub clann Eheteil. 2 Righ 
ii. 23, 24. Ach cha'n 'eil uile neart bheucaich nan leomh- 
an, nan liopard, agus nam math-ghamhuinn bhoirionn o'n 
do bhuineadh cuileanan, comasach air ach beachd faoin 
a thabhairt dhuinn air cumhachd feirge Dhè. Hos. xiii. 
7, 8. "Uime sin bithidh mise dhoibh mar leoman; mar 
liopard anns an t-slighe bheir mi fa'near iad. Coinnich- 
idh mi iad mar mhath-ghamhuinn o'n do bhuineadh a cuil- 
eannan; agus reubaidh mi sgairt an cridhe." (5.) Is 
fearg ro-gheur agus phianntach i. Is fearg loisgeach 
i, fearg theinnteach. Cha'n 'eil pian sam bith a's doruin- 
niche na i sin a ta air a deanamh le teine ; agus cha'n 
'eil teine sam bith co garg ri teine feirge Dhè, " a loisgeas 
gus an ifrinn iochdrach ! " Deut. xxxii. 22. Is urrainn 
saighdean feirge dhaoine dol troimh fheoil, fuil agus 
cnamhan : ach cha'n urrainn iad ruigheachd gus an anam : 
Ach theid fearg Dhè sios do'n anam, agus mar sin lotaidh 
i duine troimhe anns a' chuid i anmhuinne dheth. Cos- 
mhuil ri duine 'nuair a ta e air a bhualadh le tairneanach, 
cha'n fhaicear gu tric lot anns a' chraicionn; gidheadh 
tha bheatha air falbh, agus tha na cnamhan, mar gu b'ann 
air an leaghadh : Mar sin is urrainn fearg Dhè dol a steach, 
agus anam neach a leaghadh an taobh a stigh dheth, an 
uair a ta chomhfhuitachd thalmhaidh iomlan mu'n 



140 

cuairt da, gun bhuntainn riu, mar ann an cor Bhelsasair, 
Dan. v. 6. (6.) Is fearg bhuan i, a ta co-ruidh ri buan- 
achadh an duine ann an staid neo-iompaichte ; do ghnàth 
ann an co-chuideachd ris, o'n bhroinn gus an uaigh : 
Cha'n 'eil ach beag do làithibh dorcha anns nach fhaicear 
a' ghrian air uairibh a' dealradh a mach o na neoil ; ach 
is neul buan fearg Dhè, orrasan air am bheil i, Eoin iii. 
36. " Tha fearg Dhe a' gabhail comhnuidh airsan nach 'eil 
a' creidsinn." (7.) Is fearg shiorruidh i. O anam thruaigh ! 
Mur teich thu o'n fheirg so gu Iosa Criosd, bha tois- 
each aig do thruaighe, ach cha bhi crìoch gu bràth 
aice. Nan deanadh bàs sgriosach do shlugadh gu h-iom- 
lan suas, agus do chumail gu bràth daingean anns an 
uaigh, bu chaoimhneas e ; ach is eigin duit a bhi beò a 
rìs, agus cha bhàsaich thu gu bràth, chum gu'm bi thu 
gu bràth a' basachadh, ann an lamhaibh an Dè bheò. 
Mùchaidh am bàs fuar lasair duine a ta lasadh 'nar n- 
aghaidh, mur dean ni sam bith eile e : ach fearg Dhè 
'nuair a ta i air a' pheacach mulliona do bhliadhnaibh, 
bithidh i do ghnath 'na feirg a ta ri teachd. Mal. iii. 7. 
1 Tes. i. 10. mar uisg' aimhnè a ta do ghnàth a teachd, 
ciod sam bith co mor as a chaidh seachad. Am feadh a 
mhaireas Dia, bithidh e a dian-ruagadh na connspaid. San 
àite mu dheireadh, Ciod sam bith co uamhasach is a ta i, 
agus ged tha i siorruidh, gidheadh is fearg ro-cheart i. Is 
teine dealrach i, anns nach 'eil an deatach is lugha do 
ana-ceartas. Tha'n fhairge do fheirg a ta beucaich gu 
mor an aghaidh a' pheacaich, soilleir mar chriostal. Cha 
'u urrainn breitheamh na talmhainn uile eucoir a dhean- 
amh : Cha'n 'eil aignidhean gluasadach ann, oir tha iad 
sin neo-fhreagarach ri iomlaineachd a naduir. " Am 
bheil Dia eucorach a tha deanamh dioghàltais ? (labhram 
mar dhuine) Nar leigeadh Dia : co cionnus a bheir Dia 
breth air an t-saoghal ì " Rom. iii. 5, 6. 

TEÀGASG STAID NA EEIRGE, AIR A DHMNGNEACHADH 
AGUS AIR A DHION. 

II. Daingnichidh mi an teagasg. Thoir fa'near (air 
tùs) Cia cho cinnteach 'sa tlia bagradh a' cheud choimli- 
cheangail : "Anns an là dh' itheas tu dhi, gu cinnteach 
basaichidh tu ! " Gen. ii. 17. Le so air da pheacadh agus do 
pheanas a bhi coimhcheangailte r'a cheile, tha fìreantachd 



141 

Dhè a' daingneachadh coimhlionadh a bhagraidh. A nis, 
air do na h-uile dhaoine bhi a thaobh nàduir fuidh 'n 
choimhcheangal so, tha 'm briseadh a rinneadh air 'gam 
fàgail fuidh 'n mhallachd. (2.) Tha ceartas Dhè ag 
agradh gu'm bi mac a' pheacaidh 'na mhac feirge ; chum, 
air do'n lagh a bhi air a bhriseadh, gu'm biodh a bhag- 
radh air a chur an gnìomh. Cha'n urrainn Dia, mar Uach- 
daran agus mar Breitheamh an duine, gun cheartas a 
dheanamh. Gen. xviii. 25. A nis is ceart an ni do Dhia 
fearg iocadh air son peacaidh, 2 Tes. i. 6. Tha e do shùile 
ni's gloine na gu'n seall e air olc, Hab. i. 13. Agus is gràin 
leis uile luchd-deanamh na h-aingidheachd, Salm v. 6. 
(3.) Tha dìtidhean na coguis nadurra a' dearbhadh so. Tha 
coguis ann an uchd dhaoine, is urrainn innseadh dhoibh, gu 
bheil iad 'nam peacaich ; agus uime sin, buailteach do chor- 
ruich Dhè. Labhradh daoine, aig uair sam bith gu ciallach 
riu fèin, agus mothaichidh iad gu bheil an fhianuis ac' annta 
fèin : " Muinntir d' an aithne ceartas Dè, gu bheil iadsan a 
ni an leithide sin do nithibh toillteanach air bàs," Eom. 
i. 32. (4.) Tha piantan na nuadh-bhreith, tha obair spior- 
aid na daorsa, air anama taghta, chum an iompachadh, a' 
dearbhadh so. Leis a so tha'm peacanna agus an truaighean 
nàdurra, mar a tha iad buailteach do chorruich Dhè, gu 
soilleir air an teagasg dhoibh : a' lionadh an cridhe le eagal 
roimh 'n chorruich sin. A nis, do bhrìgh gur e spiorad 
so na daorsa, spiorad Dhè, d' an obair, dearbh-shoilleir- 
eachd a thabhairt " mu pheacadh, mu fhìreantachd, agus 
mu bhreitheanas," Eoin xvi. 8. is eigin gu'm bi an teisteas 
so fior ; oir cha'n urrainn Spiorad na fìrinn fianuis a thabh- 
airt do bhreig. Aig an àm cheudna, air do f hior-chreid - 
mhich a bhi air an saoradh o staid na feirge, cha'n 'eil iad a' 
faotainn Spiorad na daorsa a rìs a chum eagail, ach tha 
iad a' faotainn Spiorad na h-uchd-mhacachd, Rom. viii. 
15. Agus, uime sin, ma tha eagalan do'n t-seòrsa sin 
ag èirigh, an deigh do'n anam a bhi air a dhluth-cheangal 
ri Criosd ; 's ann o Spiorad nan naomh fein a ta iad, 
no o spiorad ni's miosa. San àite mu dheireadh. Tha 
fulangais Chriosd gu soilleir a' dearbhadh an teagaisg so. 
C'arson a bha Mac Dhè 'na Mhac fuidh fheirg, ach a 
chionn gu'n robh clann nan daoine 'nan cloinn feirge 1 ? 
Dh' fhuiling e fearg Dhè, cha b' ann air a shon fein, ach 
air an sonsan a bha buailteach dhi 'nam pearsaibh fèin. 



142 

Cha'n e mhàin gu bheil so a ; dearbhadh gu'n robh sinn 
buailteach do fheirg; ach, niar an ceudna, gur eigin do'n 
fhearg sin a bhi air a leigeadh a mach, ann an dioladh a 
ghabhail air son a' pheacaidh. Ma bha so air a dhean- 
amh ris a' chrann ùr, ciod a thig ris a' chrionaich 1 ? Ciod 
an staid thruagh anns an eigin do'n pheacach a bhi, a ta 
mach à Criosd ! nach 'eil air mhodh beo air a dhluth-cheangal 
ri Criosd, agas aig nach 'eil comh-pairt, d'a Spiorad. Dia 
nach do chaomhain a Mhac fèin, is cinnteach nach caomh- 
ain e a leithid sin do neach. 

Ach bithidh an duine neo-iompaichte, aig nach 'eil ach 
beag meas air onoir Dhè, ullamh air eiridh suas an 
aghaidh a Bhreitheimh ; agus 'na chridhe fèin, a' diteadh 
an rathaid breth -so : Gidheadh, air do'n Bhreitheamh a 
bhi neo-chriochnach 'na cheartas, is eigin gu'm bi a bhreth 
cothromach. Agus, air an aobhar sin, a chum do bheul 
a dhunadh pheacaich uaibhrich, agus a chum casg a 
chur air do fhrionas an aghaidh a' Bhreitheimh chothrom- 
aich : thoir fa'near, Air tìts, Gur peacach thu a thaobh 
nàduir ; agus tha e ro reusanta, gu'm bi cionta agus fearg 
co sean ri peacadh, C'arson nach tòisicheadh Dia air 
onoir fèin a dhion, co luath 'sa thoisicheadh cnuimhean 
suarach taireil air a masluchadh 1 ? C'ar son nach teumadh 
an nathair an gaduiche, co luath 'sa leumas e thar a ghàr- 
adhl C'ar son nach gabhadh am bagradh greim air a' 
pheacach co luath 'sa thilgeas e air falbh an àithne 1 Tha 
nàdur nimheil na nathrach a' toirt lan-aobhar do dhuine 
a marbhadh, co luath 'sa ruigeas e oirre. Agus a nis 
feudaidh tu bhi dearbhta, gu bheil do nàdur 'na aon mheall- 
naimhdeas an aghaidh Dhè. San dara àite, Cha'n e 
mhàin gu bheil naimhdeas agad an aghaidh Dhè ann ad 
nàdur; ach thaisbein thu e, le peacannaibh gniomh a ta 
'n shuilibhse 'nan gniomharaibh naimhdeis. Thug thu t- 
ana-miann a mach gus a' bhlàr-chath 'an aghaidh an Tighearn 
t-ard-uachdaran ! Agus a nis, air dhuit a bhi a' d' chiont- 
ach co mor, tha do dhìteadh ceart; oir, a thuilleadh air 
do pheacadh nàduir, rinn thu sin an aghaidh neimh, ni 
nan deanadh tu an aghaidh dhaoine, b' fheudar gu'n rach- 
adh do bheatha air a shon : Agus nach glac fearg o 
neamh thu? (1.) Tha thu ciontach do fhuil agus ard- 
cheannairc an aghaidh Kigh nèimh. B'e smuain agus 
durachd do chridhe, air am bheil fios aige-san co maith ri 



143 

briathraibh do bheoil, Cha'n 'eil Dia annf Salm xiv. 1. 
Thilg thu uachdranachd dhiot; sheirm thu an trompaid, 
agns chnir thn snas bratach na ceannairc 'na aghaidh ; 
air dhnit a bhi a' d' aon dinbhsan a ta 'g ràdh, " Cha'n àill 
leinn an duine so bhi 'na righ oirnn," Lnc. xix. 14. Rinn 
thn strì an aghaidh, agus mhnch thn a Spiorad; chnir 
ann acl chleachdan cnl ri lagh, air a chur an ceill le theachd 
airean ; dhruid thu do chluasan an aghaidh an guth, agus 
chuir thu air falbh iad a' bron air son t-uabhair. Dh' 
eirich thn suas ann an coimhcheangal le 'namhaid mor an 
diabhul ! Ged bha thu a' d' sheirbhiseach mionnaichte 
do Righ na gloire, gach là a' faghail d' a shochairean, 
agus a' teachd beò air a mhaitheas ; tha thu a' cumail co- 
chomunn, agus reite ri a namhaid mhòiyagus a gniomhach- 
adh air a shon an aghaidh do Thighearna ! oir, " Is iad 
ana-mianna an diabhuil a ni sibh," Eoin viii. 44. (2.) Tha 
thu a' d' mhortair an lathair an Tighearna ! Chuir thu 
ceap-tuislidh t'aingidheachd mu choinneamh an t-saogh- 
ail dhoill; agus sgrios thu anama muinntir eile le d' 
shlighe pheacaich ! Agus, ged nach faic thu a nis, feudaidh 
an t-àm teachd, anns am faic thn fuil do chairdean, do 
choimhearsnaich, do luchcl-eolais, agus muinntir eile, air 
do cheann! Mat. xviii. 7. "Is an-aobhinn do'n t-saogh- 
al air son oilbheuman. Is an-aobhinh do'n duine sin tre'n 
tig an t-oilbheum ! " Seadh, tha thu a' d' fhein-mhortair 
an làthair Dhè. Gnath-fhoc. viii. 36. "Esan a pheacaich- 
eas a' m' aghaidhse, ni e cron d'a anam fèin; iadsan uile 
a dh' fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs ! " Esec. 
xviii. 31. "C'ar son a bhàsaicheas sibh?" Tha laghan dhaoine 
a' dol co fada''s as nrrainn iad au aghaidh an fhein-mhort- 
fhear le bhi diultadh ait-adhlacaidh d'a chorp am measg 
muinntir eile, agus a' glacadh a mhaoin. Am bheil e 'na 
iongantas ge do bhiodh lagh Dhè co cruaidh an 
aghaidh luchd-muirt anama. Am bheil e iongantach, gur 
eigin doibhsan, a ta 'g imeachd o Dhia a nis, ciod sam 
bith a chostus e dhoibh, a bhi air an eigneachadh gu 
imeachd uaithe-san, mu dheireadh, gu teine siorruidM 
Ach, an ni fathast as mo cionta, tha thu ciontach do mhort 
Mac Dhè. Oir measaiclh an Tighearn thu am measg na 
muinntir a lot e, Taisb. i. 7. Chuir thu cul ris, co niaith 
's chuir na h-Iudhaich; agus, le cul a chur ris, dh'fhir- 
eanaich thu an gniomh-san. Cha d' aidich, iadsan gun 



144 

amharus gu'm b'e Mac Dhè e, ach tha thusa 'ga aideach- 
adh. Ni rinn iadsan 'na aghaidh, b' ann an staid irios- 
lachaidh a rinn iad e ; ach tha thusa cur 'na aghaidh 'na 
staid àrdaichte. An-tromaichidh na nithe sin do dhìteadh. 
Ciod an t-iongantas, ma ta, mu bhios guth an Uain, air 
atharrachadh gu beucaich an leòmhain, an aghaidh an 
an fhir-bhrathaidh agus a' mhort-fhear. 

Cunnail. Ach their cuid, " Nach 'eil-neo-chothromachd 
mòr eadar ar peacadh agus an fhearg air am bheil thu 
labhairt ì " Freagram, Cha'n 'eil : Cha'n 'eil Dia a' dean- 
amh peanais ni's mò na tha'm peacach a' toilltinn. A 
chum do mhearachd a chur ceart anns a' chùis so, thoir 
fa'near, (1.) Na duaisean mor a choimhcheangail Dia ri 
umhlachd. Cha'n 'eil fhocal ni's làine do fheirg theinnt- 
ich an aghaidh peacaidh, na tha e do dhuaisean grasmhor 
air son an h-umhlachd a ta e ag iarraidh. Ma tha neamh 
anns na geallaidhean, tha e ro-chothromach gu'm biodh 
ifrinn anns na bagraidhean. Mur bitheadh bàs anns a' 
mheidh maille ri beatha, truaighe shiorruidh maille ri 
sonas siorruidh, c' ait am bitheadh an co-chothrom 1 
Thuilleadh air so, tha'm peacadh a' toilltinn na truaighe ; 
ach cha'n 'eil ar n-oibre a's fearr a' toilltinn an t-sonais : 
Gidheadh tha iad le cheile air an cur f'ar comhair; peac- 
adh agus truaighe, naomhachd agus sonas. Ciod an t- 
aobhar a ta mar sin air gearan ì (2. ) Ciod sam bith 
co cruaidh 'sa tha'm bagradh, gidheadh tha gu leor aige 
r'a dheanamh ruigneachd gu crioch an lagha. "Biodh 
eagal an ti ud oirbh ; " deir ar Tighearna, " aig am 
bheil cumhachd, an deigh neach a mharbhadh, a thilgeadh 
do ifrinn ; seadh, a deiream ribh, biodh eagal an Ti 
so oirbh," Luc. xii. 3. Tha so a' nochdadh an eagal 
a thigeadh dhuinn bhi oirnn roimh chumhachd agus roimh 
mhorachd Dhè ! Ach, gidheadh, cia tearc iad air am 
bheil eagal da rireadh roimhe. Tha flos aig an Tighearna 
gu bheil an cridhe peacach an dian-gheall air an ana-miann- 
aibh a shàsuchadh ; tha iad a' leantuinn co dluth ris na 
criochan salach sin, as nach e neart beag a tharruingeas 
a mach uapa iad. Tha feum acasan a tha siubhal troimh 
fhasaichean, anns am bheil iad an cunnart o fhiadh- 
bheathaichean, air teine ghiulan leo : Agus tha feum ac' air 
geinn cruaidh, aig am bheil fiodh cnapach ri sgoltach : Mar 
sin, is eitmi tm'm bi lagh naomh air a dhion le fearg uamhas- 



145 

ach, ann an saoghal 'na luidhe an aingidheachd. Ach, 
cò iad a ta gearan gu bheil an fhearg so ro-mhor, ach 
iadsan d' am bheil i ro bheag gu'n tarruing o'n slighibh 
peacach ? Se 'n duine a ghabh air a bhi fuidh eagal roimh 
a Thighearn, a chionn gu'n robh e 'na dhuine cruaidh, a 
ghleidh a phunnd taisgte ann an neapaicin ; agus mar sin 
bha e air a dhìteadh as a bheul fèin, Luc. xix. 20 — 22. 
Is tusa an duine sin, eadhon thusa, d' am bheil mi tabh- 
airt freagraidh do ghearain. Cionnus is nrrainn an 
fhearg fo 'm bheil thu, agus d'am bheil thu buailteach, 
a bhi ro-mhor, 'nuair nach leor i fathast gu d' dhusgadh 
gu teicheadh uaipe 1 An àm e bhi lagachadh peanais an 
lagha, 'nnair a tha daoine a' saltairt àitheanta fuidh 'n cois 1 
(3.) Thoir fa'near mar a bhuin Dia r'a Mhac fèin, an Ti 
"nach do chaomhain e," Rom. viii. 32. Ghlac fearg Dhè 
greim air 'anam agus air a chorp le cheile, agus thug i gu 
h-ùir a' bhàis e. 'S ann do bhrìgh nàdur an Ehir-fhulaing, 
a bha neo-chriochnach, agus a bha uime sin, comasach ann 
an aon uair, air uile uallach na feirge a ghiulan nach robh 
'fhulangais siorruidh : Agus, air an aobhar sin, bha luach 
neo-chriochnach 'na fhulangais. Ach, ann an luach, is eigin 
doibh bhi air an sìneadh mach f eadh na siorruidheachd. Agus 
ciod am bonn casaid as urrainn a bhi aig iochdaran ceann- 
airceach air a thaobh fèin, an aghaidh a' pheanais a rinneadh 
air mac an righ'? (4.) Tha 'm peacach a' deanamh na's 
urrainn da an aghaidh Dhe : " Feuch, rinn thu aingidheachd 
mar a b' urrainn dhuit," Ier. iii. 5. Nach do rinn thu ni 
bu mhò " agus ni bu mhiosa, biodh a bhuidheachas dhasan 
a chum air t'ais thu — do 'n t-slabhruidh leis an robh am 
madadh-alluidh air a chumail a stigh, is cha'n ann duit fèin. 
Cha 'n iongantach ge do nochdadh Dia a chumhachd air 
a' pheacach, a ta a' cur a mach a chumhachdsan an aghaidh 
Dhè, co fhad agus is urrainn dha ruigheachd. Cha chuir- 
eadh an duine neo-iompaichte stad air a shlighe peacach, 
agus cha mhò a chuireadh e crioch rithe mur biodh e 
air a chumail air ais le cumhachd Dhè, air son aobharan 
glice : agus air an aobhar sin, tha e ceart gu 'm bi e gu 
brath fuidh fheirg. (5.) Is ann an aghaidh morachd 
neo-chriochnach a ta 'm peacadh a' bualadh ! agus mar 
sin a ta e, air doigh fa leth, 'na olc neo-chriochnach. 
Tha 'm peacadh a' meudachadh 'na dhroch-thoillteanas, a 
reir mòrachd an neach d' an toirear oilbheum. Ma leonas 

K 



146 

duirte a choinihearsnach diolaidh a mhaoin air a shon ; 
ach ma leonas e 'phrionnsa, is eigin d' a bheatha dol, 
chnm dioladh a thabhairt. Tha neo-chriochnachd Dhè a' 
deanamh feirg neo-chriochnach 'na ceart thoillteanas airson 
a' pheacaidh. Tha Dia ann an diomb neo-chriochnach ris 
a' pheacadh ; agus an uair a chuireas e 'n gnìomh e, is 
eigin da bhi cosmhuil ris fèin, agus a dhiomb a thaisbean- 
adh le meadhona comh-fhreagarach. San àite mu dheir- 
eadh, Bithidh iadsan a bhios 'nan luidhe gu brath fuidh 
f heirg, gu siorruidh a' peacachadh ; agus, uime sin, is 
eigin doibh a bhi gu siorruidh a' fulang : cha'n ann a mhàin 
a thaobh oibreachadh laghail ceartais Dhè, ach do bhrìgh 
gur e peacadh a pheanas fèin, ceart mar is i umhlachd 
naomh a duais fèin. 

AN TEAGASG MU THIMCHIOLL STAID NADURRA AN 
DUINE AIR A CHO-CHUR. 

Feum (1.) Air son Foghluim. Am bheil ar staid, thaobh 
nàduir, 'na staid feirge % Mu tha, 

1. 'S cinnteach nach 'eil sinn air ar breith neo-chiont- 
ach. Tha na slabhruidhean feirge so a ta do thaobh 
nàduir oirnn, ag innseadh gu 'n robh sinn air ar breith 'nar 
ciontach. Feudaidh na cuibhrichean-speilidh leis am 
bheil naoidheana air an ceangal eadar lamh agus chos 
co luath as a ta iad air am breith, ar cur an cuìmhne 
air cuibhrichean na feirge, leis am bheil iad air an cumail 
'nam priosanaich, mar chloinn feirge. 

2. Ciod an cuthach anabarr a ta ann do pheacaich a 
bhi dol air an aghaidh 'nan slighe peacach. Ciod e, 
ach a bhi carnadh eibhle teine air do cheann fèin, agus a 
bhi cur an tuilleadh connaidh ri teine na feirge ; a bhi 
" carnadh suas feirge dhuit fèin fa chomhair là na feirge ! " 
Eom. ii. 5. " Feudaidh tu bhi air do sgrios, 'nuair a lasas 
ach gu beag a chorruich ! " Salm ii. 1 2. C'arson a mheud- 
aicheas tu i fathast ni's mò ì Tha thu cheana air do cheangal 
le leithid do chuibhrichean bàis, as nach bi gu furasda air 
am fuasgladh ; ciod am feum a th' air tuilleadh 1 Staid a 
pheacaich neo-churamach, agus thoir so fa'near. 

3. Cha 'n 'eil aobhar gearain agad, fhad 's thu à ifrinn : 
"C' uim an dean duine beò gearan 1 ?" Tuir. iii. 39. Ma 
bhios aon a thoill a bheatha chall, air fhogradh o 
thir a dhuchais, agus air fhàgail buailteach do iomadh 



147 

cruaidh-chàs ; 's maith a dh'f heudas e giulan leo uile gu 
foighidneach, a chionn gu bheil a bheatha air a caomh- 
nadh. Am bheil sibh a' monmhur, a chionn gu bheil sibh 
fuidh chràdh tirmeis ì Ni h-eadh, thugaibh buidheachas do 
Dhia, nach 'eil sibh anns an àite, far nach bàsaich a' chnuimh 
gu bràth. Am bheil thu gearan nach 'eil thu ann an 
staid co maith san t-saoghal ri cuid do d' choimhears- 
naich ? Bi taingeil, nach 'eil thu ann an staid na muinntir 
a ta air an damnadh ! An do chaill thu do mhaoin 1 Biodh 
iongantas ort nach do sgrios teine feirge Dhè thu fein. Pog 
an t-slat, pheacaich ; agus aidich tròcair : oir cha d' rinn 
" Dia peanas oirnn a reir ar droch thoillteanais," Esra ix. 13. 
4. Ann an so tha cuimhneachan, araon air son bochd 
agus beartach (1.) Tha mhuinntir is bochda a ta dol o 
dhorus gu dorus, agus aig nach 'eil sgillin air fhàgail 
dhoibh le 'm pàranta, air am breith gu h-oighreachd. Dh' 
fhàg an ceud athair Adhamh iad 'nan cloinn f eirge ; agus 
a' buanachadh 'nan staid naduir, cha'n urrainn iad dol 
mearrachd oirre : " Oir is e so cuibhrionn an duine aing- 
idh o Dhia, agus an oighreachd a dh'orduicheadh dha le 
Dia," Iob xx. 29. Oighreachd a dheasaicheas ionad- 
comhnuidh dhoibh-san aig nach 'eil ionad san cuir iad an 
ceann : Tilgear iad do dhorchadas iomallach, (Mata xxvi. 
30.) oir dhoibh-san tha duibhre an dorchadais gu siorruidh 
air a thasgaidh, (Iud. 13.) far am bi an leaba 'na doil- 
ghios : "Luidhidh iad sios ann an doilghios." Isa. L. 11. 
Bithidh an lòn 'na bhreitheanais ; oir " beathaichidh Dia 
iad le breitheanas," Esec. xxxiv. 16. Agus bithidh an 
deoch 'na fion dearg feirge Dhè, a dheasgainean faisgidh 
agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn, Salm 
lxxv. 8. Tha fios agam gu'm bi iadsan a ta fa.lamh do 
mhaoin shaoghalta, agus a ta dh' easbhuidh air eolas agus 
air gràdh Dhè, muinntir, uime sin, ris am feudar a ràdh 
gur iad bochdan an diabhuil iad, ullamh air a ràdh ann an 
so, " Tha dochas againn gu'n toir Dia oirnn ar n- 
uile thruaighe fhulang anns an t-saoghal so, agus gu 'm 
bi sinn sona san ath-shaoghal :" Mur gu 'n deanamh an 
staid thruagh sa' bheatha so, an sonas tearuinte ann an 
siorruidheachd. Mearachd mor agus millteach. Agus- 
is i so oighreachd eile a th' aca, " breugan, diomhanas^ 
agus nithe gun tairbhe," Ier. xvi. 16. Ach, " sguabaidm 
a' chlach-mheallain air falbh an didein-bhreige," Isa. xxviiL 



148 

17. Am blieil thu smuaineachadh, O pheacaich, gu 'n 
dean Dia a tha toirt àithne do Bhreitheamhna air an tal- 
amh, " gu'n suim a bhi aca do ghnuis an duine bhochd, 
ann am breitheanas, (Lebh. xix. 15.) breitheanas fhiar- 
adh air do shonsa'? Cha dean, biodh fios agad gu cinnt- 
each, ciod sam bith co truagh as a tha thu ann an so, gu'm 
bi thu gu siorruidh truagh an deigh so, ma chaitheas tu 
do bheatha agus ma bhasaicheas tu ann ad staid nàduir, 
(2.) Tha moran aig am bheil gu leoir anns an t-saoghal, 
aig am bheil ni 's mò na tha fios ac'. Bha agad, is maith 
a dh' fheudta, dhuine neo-iompaichte ! staid, cuibh- 
rionn mhaith, no stoc mor air fhàgail dhuit le d' athair ; 
rinn thu buil dheth, agus tha grian an t-soirbheachaidh 
a' dealradh ort, air chor as gur urrainn thu ràdh le 
Esau, Gen. xxxiii. 9. " Tha agamsa pailteas : " Ach biodh 
fios agad, gu bheil tuilleadh na sin uile agad, oighreachd 
mu nach 'eil thu a' smuaineachadh ; is leanabh feirge thu, 
oighre air ifrinn. Is oighreachd sin a mhaireas maille 
riut, am measg na h-uile caochladh a ta anns an t-saoghal, 
co fada 'sa mhaireas tu ann ad staid neo-iompaichte. 
An uair a dh'fhàgas tu do mhaoin do mhuinntir eile, 
theid an oighreachd so maille riut fèin gu saoghal eile. 
Cha 'n ioghnadh ged tha damh air son marbhaidh air a 
bhiathadh gu reamhar, agus nach 'eil e saoithreachadh 
mar dhaimh eile, Iob xxi. 30. "Tha na h-aingidh air an 
gleidheadh chum là an sgrios : bheirear a mach iad 
chum là na feirge." Air an aobhar sin, "Dean gàird- 
eachas, agus deanadh do chridhe subhach thu, siubhail ann 
an slighibh do chridhe, agus ann an sealladh do shùl ;" 
caith do bheatha os ceann achmhasain agus rabhainne o fho- 
cal Dhè ; nochd thu fèin a' d ; duine aig am bheil spiorad 
treun le eagal Dhè a thilgeadh dhiot ! dean fanoid air 
nithibh spioradail ; caithe do bheatha cosmhuil riut f èin, a' 
d' leanabh feirge, a' d' oighre air ifrinn. " Ach biodh 
fhios agad, air an son so uile gu'n toir Dia chum breith- 
eanais thu," Ecles. xi. 9. Bi cinnteach duit fèin, gu 'n 
tig do bhriseadh ullamh gu h-obann, an tiota. Isa. 
xxx. 13. " Oir mar fhuaim droighnich fuidh phoit, 
mar sin tha gàire an amadain," Ecles. vii. 6. Tha'n las- 
air sgiamhach, agus an fhuaim mhòr a tha iad a' dean- 
amh, a' dol thairis gu h-ealamh ; mar sin bithidh do 



149 

shubhachas ! agus o an sin, ni 'n fhearg sin a tha nis a' dol 
a sios gu sàmhachd t'anam fuaim eagalach ! 

5. Is an-aoibhinn da san, a ta cosmhuil ri Moab " ann an 
snaimhneas o 'oige," Ier. xlviii. 11. agus nach fhaca riamh 
neul dubh na feirge an crochadh os a cheann. Tha mor- 
an ann " air nach 'eil atharrachadh, uime sin, cha'n 'eil 
eagal Dè orra," Salm lv. 19. Chaith iacl am beatha ann 
an deadh chreidimh, mar a deir iad ris, fad an laithean 
uile ; sin ri ràdh, cha robh riamh comas aca droch iomradh 
a chreidsinn mu staid an anama. Tha moran ann a 
thainig a dh' ionnsuidh na diadhachd aca gu ro-f hurasda ; 
agus mar thainig i gu h-eutrom d' an ionnsuidh, mar 
sin falbhaidh i uatha, 'nuair tha'n deuchainn a' teachd. 
Am bheil sibh a' smuaineachadh gu'n teich daoine o fheirg 
le bruadar maidinn? No 'n teich iad o'n fheirg nach 
fhaca iad ramh g' an ruagadh ì 

6. Na biodh iongantas oirbh, ma chi sibh neach ann an 
cruaidh-chàs mor mu staid anama, leis am bu ghnà uair eigin 
bhi suilbhir, agus co beag curam mu shlainte, ri aon d'a 
choimhearsnaich. An urrainn neach beachd ceart fhaofc- 
ainn deth fèin, mar ann an staid feirge, agus gun a bhi 
air a lot le cràdh, uamhasan agus mor-churam? 'Nuair 
tha cudthrom os ceann neart neach 'na luidh air, agus e 
'na aonar, cha'n urrainn e lamh no cos a ghluasad : Ach 
'nuair a thig aon 'ga togail dheth, ni e strì gu faotainn 
saor uaipe. Ni fuaim tairneanaich feirge focail Dhè, air a 
thoirt a steach do'n anam le Spiorad an Tighearn an 
duine gu cinnteach a chumail 'na dhusgadh. 

San àite mu dheireadh, Cha'n iongantach fearg a theachd 
air eaglaisibh agus air cinnich, agus oirnne anns an tìr 
so ; agus gu mothaich na cìochrain agus a' chlann gun 
bhreith fathast, a buille. Tha chuid is mò do 'n ghinealach 
a ta lathair, fathasd 'nan cloinn feirge. Is tearc iad a tha 
teicheadh uaipe, na a' gabhail rathaid gu bacadh ; ach 
tha gach inbhe do dhaoine 'ga cuideachadh air a h-agh- 
aidh ! Chuir na h-Iudhaich cul ri Criosd, agus tha'n 
clann a' fulang buillean na feirge na Sè ceud deug bliadhna 
so chaidh seachad ! gu'n deonaicheadh Dia nach bi an droch 
luigheachd a ta air a tabhairt do Chriosd agus d'a shoisg- 
eul leis a' ghinealach so, air a leantuinn le feirg air na 
linnibh a ta ri teachd. 

Feum, (2.) A chum earail. Agus an so, 1. Bheir mi 



150 

focal aithghearr dhoibh-san a ta fathast ann an staid neo- 
iompaichte. 2. Dhoibh-san a ta air an tabhairt a mach 
aisde. 3. Do gach uile measg a cheile. 

1. Dhnibh-sa a ta fathast ann an staid neo-iompaichte 
sheirminn a' chaismeachd ; agns bheirinn rabhadh dhuibh gn 
sealltainn ribh fèin, am feadh fathast a ta earbsa ann ! sibhs' 
a' chlann feirge ! na gabhaibh fois ann an staid thruaigh 
so; ach teichibh a chum Iosa Criosd, an aon didein. 
Deanaibh cabhag agus teichibh d'a ionnsuidh ! Tha staid 
na feirge 'na h-aite comhnuidh ro theith gu mairsinn innte, 
Micah ii. 10. "Eiribh agus imichibh, oir cha'n i so 'ur 
comhnuidh." pheacaich ! am bheil fhios agad c' ait 
am bheil thu? Am bheil thu faicinn do chunnart? 
Chaidh am mallachd a stigh gn t'anam. Is i fearg do 
thrusgan. Tha na neamha a' fàs ni's dhuibhe 's ni's duibhe 
os do cheann. Tha'n talamh sgìth dhiot. Tha'n slochd 
a' fosgladh a beoil air do shon ! agus nam biodh snathain 
do bheatha air a ghearradh air an àm so, tha thu gu 'n doch- 
as o so a mach gu siorruidh. A chuideachd, nam faiceamaid 
sibh a' cur cupain do phuinnsein ri 'r beul, nach ruitheamaid 
agus nach spìonamaid as 'ur lamhan e. Xam faiceamaid an 
tigh r'a theine nu'n cuairt duibh, 'nuair a bha sibh 'nur 
trom-chadal a stigh, ruitheamaid d' ur n-ionnsuidh agus 
spìonamaid a mach sibh as. Ach, mo thruaighe tha sibh 
deich mìle uair ann an tuilleadh cunnairt. Gidheadh 
cha'n urrainn sinne tuilleadh a dheanamh ach 'ur cunnart 
innseadh dhuibh ; cuireadh a thabhairt, earail, tagar, agus 
guidhe oirbhe, gu'n amhairceadh sibh ribh fèin ; agus bròn 
a dheanamh air son 'ur dìth-mothachaidh agus rag-mhuin- 
ealais, 'nuair nach urrainn sinn a thoirt oirbh rabhadh a 
ghabhail. Mur biodh dochas air son 'ur leigheis, bhiodh- 
maid 'nur tosd, agus cha phiannadh sinn sibh roimh an àm. 
Ach ged a tha sibh caillte agus ar 'ur dìtheachadh, tha 
dochas ann an Israel do thaobh an ni so. Uime sin, 
eigheam ribhse, ann an ainm an Tighearn, agus ann am 
briathraibh an Fhàid Sech. ix. 12. " Pillibh a chum an 
daingnich, o phriosanacha an dochais ! " Teichibh gu Iosa 
Criosd, a mach à staid so 'ur naduir. 

Brosnuchadh. 1. Am feadh 'sa tha sibh anns an staid 
so, is eigin duibh seasamh no tuiteam a reir an lagha, no 
coimhcheangal nan oibre. JNan tuigeadh sibh so gu 
ceart, rachadh e tre 'ur cridheachan mar mhìltibh do 



151 

shaiglidean. B' fhearr clo neach a bhi 'na thraill do na 
Turcaich, fuidh bhinn a bhi air a chur do shoithichean 
ramhach, no fuidh dhaorsa do na h-Eiphtich, na bhi fuidh 
choimhcheangal nan oibre a nis. Bha'n cinne-daoine uile 
air an tabhairt fuidhe ann an Adhamh, mar a chuala sinn 
roimhe : agus tha thusa, a' d' staid neo-iompaichte, fath- 
ast far an d' fhàg Adhamh thu. Is fior, gu bheil coimh- 
cheangal eile air a thoirt a stigh ; ach ciod sin duitse, 
nach 'eil fathast air do thabhairt d' a ionnsuidh ? Is eigin 
duit a bhi f uidh aon do 'n dà choimhcheangal sin ; an dara 
cuid fuidh 'n lagh, no fuidh ghràs. Tha 'n uachdranachd 
a th' aig do pheacadh os do cheann, a' taisbeanadh gu 
soilleir nach 'eil thu fuidh ghràs ; tha thu uime sin, fuidh 
an lagh, Kom. vi. 14. Na bi smuaineachadh gu 'n do 
chuir Dia a thaobh an ceud choimhcheangal, (Mat. v. 17. 
18.; Gal. iii. 10.) Cha do chuir, "Ardaichidh e an lagh, 
agus cuiridh e urram air." Tha e air a bhriseadh gun 
amharus air do thaobhsa ; ach is amaideach a bhi smuain- 
eachadh, gu bheil thu uime sin air d'fhuasgladh uaithe : 
Cha'n 'eil, is eigin duit seasamh no tuiteam leis, gus an 
urrainn thu do shaorsa a thaisbeanadh o Dhia ièm, an Ti 
as fear-tagraidh anns a' choimhcheangal sin ; agus so cha'n 
urrainn thu dheanamh, a chionn nach 'eil thu ann an Criosd. 
A nis, a chum beachd a thoirt duibh air 'ur truaighe, 
anns a' chor so, thugaibh fa'near na nithe so a leanas; 
(1.) Le so tha sibh air 'ur ceangal thairis do bhàs, a 
thaobh bagraidh a' bhàis anns a' choimhcheangal sin, Gen. 
ii. 27. Air do 'n chumha bhi air a bhriseadh, tha sibh 
buailteach do 'n pheanas. Mar sin tha e 'gur fagail fuidh 
fheirg. (2.) Cha'n 'eil slaint air 'ur son fuidh'n choimh- 
cheangal so, ach air chumha a ta neo-chomasach dhuibhse 
choimhlionadh. Is eigin do cheartas Dè dioladh fhaotainn 
air son na h-eucoir a rinn sibh cheana. Sgrìobh Dia an 
fhirinn so ann an litrichean mora fola a Mhic fèin. 
Seadh, agus is eigin duibh umhlachd iomlan a thabhairt 
do 'n lagh sam àm ri teachd. Mar sin a deir an lagh, 
Gal. iii. 12. "An duine a ni iad gheibh e beatha annta." 
Thig ma ta, pheacaich ! feuch an dean thu fàradh leis 
an ruig' thu gu righ-chaithir Dhè. Sìn a mach do 
ghairdean, agus feuch ma 's urrainn dhuit itealaich air 
sgiathaibh na gaoithe, greim a ghabhail air na neoil, agus 
dol a steach troimh na neamha f aicsinneach sin ! agus an deigh 



152 

sin gu 'n streap sibh, no gu 'm bris sibh troimh bhallachan 
Iaspeir na caithreach a's airde : M thu na nithe sin co luatli 
's a ruigeas tu neamh ann ad staid nadurra, no fuidh 'n 
choimhcheangal so. (3.) Cha'n 'eil maitheanas fuidh 'n 
choimhcheangal so. Is e maitheanas sochair a bhuineas 
do choimhcheangal eile, ris nach 'eil gnothuch sam bith 
agadsa; Gniomh. xiii. 39. "Agus trid-san a ta gach neach 
a chreideas air a shaoradh o na h-uile nithibh o nach 'eil 
e 'n comas duibh bhi air bhur saoradh le lagh Mhaois." 
Air do shonsa, tha thu ann an lamha fìr-fèich an-iochdmhoir, 
a bheireas air scornan ort, ag ràdh, " Ioc dhomh na bheil 
agam ort ! " agus tilgidh e ann am priosan thu, gu fantuinn 
an sin gus an ioc thu an fheorling dheireannach ; mur 
bi thu co glic as gu 'm faigh thu urras ann an àm a 
ta comasach air freagradh air son t' uile fhiacha, agus 
air saorsa thabhairt dhuit. Is e Iosa Criosd a mhàin as 
urrainn so a dheanamh. Tha thu fantuinn fuidh 'n 
choimhcheangal so, agus tha thu tagair trocair : Ach ciod 
an steidh air am bheil thu tagar 1 Cha'n 'eil aon ghealladh 
air trocair no air maitheanas anns a' choimhcheangal sin. 
Am bheil thu tagair trocair air sgath trocair 1 ? Thig ceartas 
a steach eadar thusa agus trocair; agus tagraidh e bag- 
radh bristidh coimhcheangail Dè, nach fheudar aicheadh, 
(4.) Cha'n 'eil aite air son aithreachais anns a' choimhcheangal 
so, as urrainn còmhnadh a dheanamh ris a' pheacach. Oir 
co luath 'sa pheacaicheas tu, tha 'n lagh a' leagail a mhall- 
achd ort, a tha mar chudthrom marbh nach urrainn thu 
air sheol sam bith a thilgeadh dhiot ; cha 'n urrainn, ged a 
bhiodh do cheann 'na uisgeachan, agus do shuilibh 'nan 
tobraichean deoir, a' gul a là agus a dh' oidhche air son 
do pheacaidh. Is e sin " an ni nach robh an comas do 'n 
lagh a dheanamh do bhrìgh gu robh e anmhunn tre 'n 
fheoil, Eom. viii. 3. A nis tha thu a' d' Esau mi-naomha 
eile, a reic an beannachd ; agus cha'n 'eil àit aithreachais 
ged dh'iarr thu e gu durachdach le deuraibh, am feadh 'sa 
ta thu fuidh 'n choimhcheangal sin. (5.) Cha ghabhar 
an toil an ait a' ghniomh fuidh 'n choimhcheangal so ; ni 
nach d' rinneadh air son deadh-thoil, ach dcadh oibre, 
tha 'm mearachd air a cheann so a' sgrios moran. Cha'n 
'eil iad ann an Criosd, ach tha iad a' seasamh fuidh 'n cheud 
choimhcheangal : agus gidheadh tagraidh iad an t-sochair 
so. Tha so dìreach mar gu'n deanadh aon feisd d'a 



153 

theaghlach fein, agus an deigh dhoibh suidh aig a' bhòrd, gu'n 
tigeadh seirbhiseach duine eile a ruith air falbh o mhaigh- 
stir, gu h-an-dàna air aghaidh, agus gu'n suidheadh e 
'nam measg : ISTach d' thugadh maighstir na feisde achmhasan 
do 'n choigreach sin, " a charaid, cionnus a thainig thusa 
steach an so % " Agus, a chionn nach buin e do 'n teagh- 
lach, àithnidh e dha falbh air ball. Ged a ghabhas 
maighstir ri deadh-thoil a leinibh fèin air son a' ghnìomh, 
am feud seirbhiseach tuarasdail duil a bhi aige ris an t- 
sochair sin'? (6.) Cha 'n 'eil gnothuch agaibh ri Crioscl, 
am feadh 'sa tha sibh fuidh 'n choimhcheangal so. Le lagh 
Dhè, cha'n urrainn bean a bhi posda ri dà fhear aig an 
aon àm : 's eigin an dara cuid gu'n dean bàs no litir- 
dhealaich an ceud phosadh a sgaoileadh, mu'n urrainn dhi 
neach eile a phosadh. Mar sin as eigin duinn a bhi air tùs 
marbh do 'n lagh, mu ; n urrainn dhuinn a bhi air ar posadh 
ri Criosd, Eom. viii. 4. 'Se 'n lagh an ceud fhear-posda . 
Tha Iosa Criosd, an neach a thogas na mairbh, a' posadh 
na bantraich, a bha 'n deigh a cridhe bhriseadh agus a 
bhi air a marbhadh leis a' cheud fhear-posda. Ach am 
feadh 'sa tha'n t-anam anns an tigh maille ris a' cheud 
fhear-posda, cha 'n urrainn e dàimh-phosaidh a thagar ri 
Criosd ; no sochairean coimhcheangal-posaidh, anns nach 
'eil e fathast air tionnsgnadh. Gal. v. 4. '•' Cha 'n 'eil 
tairbhe sam bith ann an Criosd dhuibhse, a ta air bhur 
fìreanachadh tre 'n lagh, thuit sibh o ghràs." Is iad sìth, 
maitheanas, agus an leithide sin do shochairean, sochairean 
choimhcheangail nan gràs. Agus cha'n fheud sibh smuain- 
eachadh air a bhi a' seasamh a mach o Chriosd agus o choimh- 
cheangal a' phosaidh ris, agus a bhi fathast a' tagar nan 
sochairean sin ; ni's mò na dh' fheudas bean aon duine a bhi 
tagar sochair ceangal-posaidh a chaidh a dheanamh eadar 
duine eile agus a bhean fèin. San àite mu dheireadh, Faic 
an litir-dhealaich, a thugadh mach ann an cuirt nan neamh, 
an aghaidh nan uile a ta fuidh choimhcheangal nan gnìomh, 
Gal. iv. 30. Cha bhi mac na banoglaich 'na oighre maille 
ri mac na mna saoire. Coimeas ris a so rann 24. Cha 'n 
fheud oighrcachan na feirge a bhi 'nan oighreachan gloire. 
Iadsan air am bheil cumhachd aig a' cheud choimhcheangal 
gu am fogradh a mach à neamh, cha 'n urrainn an dara 
coimhcheangal an toirfc a steach ann. 

Cunnuil. . Cha 'n 'eil e air an aobhar sin comasach dhuinn 



154 

a blii air ar tearnadh. Freagradh, Cha 'n 'eil, fhad 'sa tha 
sibh anns an staid sin : Ach, nam b' aill leibh a bhi 
mach as a' chor namhasach sin, greasaibh a mach as an staid 
sin. Ma bhios mort-fhear fuidh bhinne bàis, co fhad 'sa 
bhios e beò an taobh a stigh do 'n rioghachd, ruigidh an 
lagh air a bheatha ; ach ma 's urrainn dha teicheadh, agus 
faotainn thar chuantaibh gu rioghachd uachdaran eile cha'n 
urrainn ar lagh-ne ruigheachd air an sin. Is e so bu 
mhaith leinn sibhse dheanamh : Teichibh a mach a riogh- 
achd an dorchadais, "gu rioghachd Mic a ghràidh-san ; a 
mach à uachdranachd an lagha, gu uachdranachd a' ghràis : 
an sin cha bhi uile mhallachdan an lagha, no choimhchean- 
gail nan gniomh, comasach gu bràth air ruigheachd oirbh. 

Bro&nuchadh 2. sibhse chlann na feirge ! Tha bhur 
staid truagh; oir chaill sibh Dia, agus is call do-labhairt 
sin ! " Tha sibh as eugmhais Dhia anns an t-saoghal," Eph. 
ii. 12. Ciod sam bith a dh' fheudas sibh a radh as leibh fèin, 
cha'n urrainn sibh a ràdh gur leibh Dia. Ma dh' amhairc- 
eas sinn air an talmh, theagamh gur urrainn sibh innseadh 
dhuinn, gur leibh am fearann, an tigh, no an treud spreidhe 
sin. Ach amhairceamaid suas ri neamh, an leat an 
Dia, an gràs, agus a' ghlòir sin ? Gu cinnteach, cha'n 
'eil cuid no crannchur agad sa' chùis sin. 'Nuair a tha 
Nebuchadnesar a' labhairt mu bhailtibh agus mu riogh- 
achdaibh, cia mor-chuiseach a ta e labhairt. Babilon 
mhor, a thog mise ! mo chumhachd ! mo mhorachd. Ach 
tha e 'g innseadh sgeula bochd, 'nuair a tha e labhairt mu 
Dhia, ag radh, bhur Dia-sa ! Dan. ii. 47. agus iv. 30. 
Mo thruaighe; a pheacaich, ciod sam bith a th' agad, 'dh 
imich Dia uait. Och truaighe an anama a ta gun Dia. 
An do chaill thu Dia ! Mu chaill, (1.) Dh' fhalbh sùbh 
agus brìgh gach ni a th' agad anns an t-saoghal ! an duine 
gun Dia, ciod sam bith a th' aige, is aon e a ta falamh, 
Mat. xxv. 29. Bheir mi dùbhlan do'n duine neo-iomp- 
aichte, teachd gu sasuchadh 'anama, ciod sam bith a ta e 
sealbhachadh, a chionn nach e Dia a Dhia-san. Fad uile 
laithe a bheatha, tha e 'g itheadh ann an dorchadais : Anns 
na h-uile staid tha mi-thaitneas uaigneach a' leantuinn a 
chridhe mar thanasg. Tha ni eigin a dh' easbhuidh air 
an anam, ged is niaith a dh' fheudta, nach 'eil fhios aige 
ciod e, agus mar sin bithidh e gu bràth, gus am pill an 
t-anam gu Dia, tobar an t-sòlais. (2.) Cha'n .urrainn thu 



155 

ni ceart sam bith a dheananih air do shon fein, oir dh' imich 
Dia uait. "Dhealaich anam uait," Ier. vi. 8. cosmhuil ri 
cios as an alt, an crochadh ris, do nach 'eil duine faghinn 
feum, mar a tha 'm focal ann an sin a' ciallachadh. Air 
dhuit Dia a chall, chaill thu tobar gach maith ; agus le 
sin, gach uile ghràs, gach uile mhaitheas, agus uile 
fheartan tearnaidh a Spioraid. Ciod uime sin is urrainn 
thu dheanamh? Ciod an toradh is urrainn dhuit a thoirt 
a mach ni's mò na's urrainn a' gheug a ta air a gearradh 
o'n fhreumh 1 ? Eoin xv. 5. "Dh' fhàs thu mi-tharbhach. 
(Rom. iii. 13.) mar ni salach breun, a mhàin iomchuidh 
air son an otraich. (3.) Thainig am bàs an aird gu t' 
uinneagan ; seadh, agus shocruich e air t'aghaidh. Oir tha 
Dia, "aig am bheil beatha 'na dheadh-ghean," (Salm xxx. 
5.) air imeachd uait; agus mar sin dh' imich anam t'an 
ama air falbh. Nach meall breun an corp 'nuair tha 'n 
t-anam air falbh ! Ni's breine gu mor na sin, tha t'anam 
anns a' chor so. Tha thu marbh am feadh a ta thu beò. 
Na h-aicheadh e, do bhrìgh gu bheil do chainnt air stad, 
gu bheil do shuilean air dunadh, agus gach gluasad spior- 
adail annad air sgur. Tha t' fhior-chairdean a tha faic- 
inn do staid ri bròn, a chionn gu'n d' imich thu gus an 
fhearann thosdach. (4.) Cha'n 'eil fìor-charaid agad am 
measg uile chreutairean Dhè ; oir a nis air dhuit deadh- 
ghean a Mhaighstir a chall, tha'n teaghlach uile air eiridh 
a' d' aghaidh ! Tha choguis 'na namhaid dhuit : Cha 
labhair am focal gu bràth gu maith umad : Tha luchd- 
muinntir Dhè a' gabhail gràin diot co fhad 'sa tha iad a' 
faicinn an staid sam bheil thu, (Salm xv. 22.) Tha 
fiadh-bheathaiche agus clacha na macharach ann an 
coimhcheangal a' t' aghaidh, Iob v. 23. ; Hos. ii. 18. 
Tha do bhiadh, do dheoch, agus t'eudach a' gearan air 
bhi seirbhiseachadh an truaghain a chaill Dia, agus a ta 
'gam mi-ghnathachadh gu eas-onoir a thoirt dha. Tha'n 
talamh ag osnaich f odhad ; seadh, tha'n cruthachadh uile 
ag osnaich agus am pein a' saoithreachadh le cheile air do 
shon-sa, agus air son do leithid, Rom. viii. 22. Cha bhi 
gnothuch sam bith aig neamh riut ; oir, " Cha teid air 
chor sam bith a steach innte ni air bith a shalaicheas," 
Taisbean xxi. 27= "Tha mhàin ionad nam marbh air 
gluasad shios air do shon," gu do choinneachadh aig do 
theachd, Isa. xiv. 9. San àite mu dheireadh, Tha'n t' ifrinn 



156 

air toiseachadh cheana. Ciod a ta deanamh ifrinn, ach a 
bhi air ar druideadh a mach o lathair Dhè 1 Imichibh uam 
a shluagh malluichte ! A nis dh' imich sibh o Dhia cheana, 
leis a' mhallachd oirbli ! An ni sin a ta sibh a' ròghnachadh 
a niSj is e a bhios 'na pheanas duibh an deigh so mur pill 
sibh. Mar is i staid gràis, staid gloire 'na ceud-thoiseach ; 
mar sin is i staid gun ghràs, ifrinn 'na ceud-thoiseach ; ni, 
ma mhaireas i, a thig gu foirfeachd air a chearm mu dheir- 
eadh. 

Brosnuchadh 3. Thoir fa'near na comharan uamh- 
asach air fearg Dhè ; agus foghnadh iad gu d' dhusgadh 
gu teicheadh a mach as an staid so. Thoir fa'near, 
1. Mar a thuit i air daoine. Eadhon anns an t-saoghal 
so, bha moran air an cur suas mar chomharan air diogh- 
altas, Dhè, chum gu gabhadh muinntir eile eagal. Sguab 
fearg air falbh mor-chuideachd, a thuit le cheile le laimh 
Dhia ann an corruich. Thoir fa'near "mar, nach do 
chaomhain an Tighearn an seann saoghal a' toirt a steach na 
dìle air an t-saoghal aingidh, agus a' tionndadh caithriche 
Shodoim agus Ghomorah gu luaithre, gu 'n do dhìt e le 
leir-sgrios iad, 'gan deanamh 'nam ball-sampuill dhoibh-san 
a bhiodh mi-dhiadhaidh an deigh sin ! 2 Pead. ii. 5, 6. 
Ach tha e fathast ni's uamhasaiche bhi smuaineachadh air 
a' ghul, a' chaoidh, agus air a' ghiosgan fhiacal sin tha measg 
na dream a ta 'n ifrinn a' togail suas an sùilean, ach nach 
urrainn boinne uisge fhaotainn a dh' fhuarachadh an teanga. 
Creid na nithe siu, agus gabh rabhadh leo ; air eagal gu'n 
tig leir-sgrios ort mar rabhadh do mhuinntir eile. 2. Thoir 
fa'near mar a thuit fearg air na h-ainglibh a thuit, aig am 
bheil an staid gu h-iomlan gun dochas ! B' iadsan a thug 
a' cheud oidheirp air garadh an lagha naoimh a bhriseadh ; 
agus chuir Dia suas iad mar chomharan air 'fhearg an 
aghaidh a' pheacaidh. Dh' fhag iad aon uair an aite-comh- 
nuidh fèin, agus cha d' fhuiling e riamh dhoibh amh 
arc a stigh a rìs air toll an doruis ; ach tha "iad air an 
coimhead ann an geimhlibh siorruidh, fuidh dorchadas fa 
chomhair breitheanais an là mhoir ! Iud. 6. " San àite mu 
dheireadk, Faic mar a bhuin Dia ann an corruich r'k Mhac 
fèin, a sheas ann an aite pheacach taghta ! Rom. viii. 32. 
" Cha'n do chaomhain Dia a Mhac fèin ! " Dh' fheudta 
bhi an duil gu'm biodh trocaìr-chaomhnaidh air a taisbean- 
adh an so, nam biodh i idir ann. Nam faigheadh neach 



157 

sam bith an trocair so, is cinnteach gu'm faigheadh a 
Mhac fèin i ; ach cha do chaomhain se e. Bha tlachd 
an Athar air a dheanamh 'na dhuine dhoilghiosan. Esan, 
a's e gliocas Dhè, thoisich e air a bhi fuidh uamh-chrith, 
ullamh gu • failneachadh air falbh le h-uamhunn mor ! 
Thug cudthrom na feirge so air braona mora fola shil- 
eadh. Le dian-neart an teine so, bha 'chridhe mar cheir 
air leaghadh am meadhon a chuim ! Eaic an sa co geur- 
cheart 'sa tha Dia an aghaidh peacaidh. Bha ghrian air 
a deanamh dorcha leis an t-sealladh uamhasach so ! bha 
na creagan air an sgoltadh ; na h-uaighean air am fos- 
gladh. Bha'm bàs, mar gu b' ann, le mor-iongantas, 
a' leigeadh le 'phriosanaich dol air falbh. Ciod e dìle, 
fras do theine agus pronnusc, air Sodomitich, fuaim uamh- 
asach an t-saoghail a' leaghadh as, steidh nan neamh agus 
na talmhainn a' tuiteam sios a dh' aon uair, aingle air an 
tilgeadh sios o na neamha do shlochd gun iochdar ! Ciod 
iad sin uile, deiream, ann an coimeas ri so, Dia a fulang, 
ag osnaich ! a' bàsachadh air crann-ceusaidh ! Einn naomh- 
achd neo-chriochnach so, a thoirt air peacadh taisbeanadh 
'na dhath fèin, eadhon graineil ann an tomhas neo-chrioch- 
nach ! Agus an caith daoine am beatha gu socrach, 'nuair a 
tha iad buailteach do'n fheirg so ! 

San àite mu dheireadh, Thoir fa'near, co e 'n Dia ris am 
bheil do ghnothuch, cò'n Ti d'am bheil thu buailteach d'a 
fheirg. Is Dia neo-chriochnach ann an eolas agus ann 
an gliocas e ; air chor as nach urrainn aon do d' pheac- 
aidh, ciod air bith co diomhair as a ta iad, a bhi air am 
folach uaithe. Gheibh e gu cinnteach a mach gach uile 
mheadhon leis am bi fearg air a cur an gniomh, chum 
dioladh a cheartais. Tha e do chumhachd neo-chrioch- 
nach, agus uime sin is urrainn dha na 's aill leis a dhean- 
amh an aghaidh a' pheacaich. Cia trom as eigin do bhuil- 
ean na feirge bhi, a ta air an leagail le laimh uile chumh- 
achdaich. Is urrainn cumhachd neo-chriochnach am peac- 
ach a dheanamh 'na phriosanach, eadhon an uair a ta e sa' 
bhoile as mò an aghaidh neimh. Is urrainn an cumhachd 
sin gach earrann air leth do'n duslach a thabhairt rìs o'n 
uaigh, an cur rìs r' a cheile, an t-anam agus an chorp a rìs 
a cheangal ri cheile, an cuir nan seasamh an làthair caithir 
a bhreitheanais, an greasadh air falbh do'n t-slochd, agus an 
cumail suas le aon laimh, tre shiorruidheachd, 'nuair a tha 



158 

ìad air an sgiursadh leis an laimh eile ! Tha e neo- 
chrìochnaichte an ceartas, agus is eigin da air an aohhar sin 
peanas a chur an gniomh : Bhiodh e an aghaidh a nàduir, 
fhulang do'n pheacach dol as o fheirg. Uaithe sin, tha 
bhi cur na feirge so an gniomh taitneach dha : oir ged 
nach 'eil tlachd aig an Tighearn ann am bàs a' pheac- 
aich, mar .is e sgrios a chreutair fèin e ; gidheadh tha 
e gabhail tlachd 'na chur an gniomh, do bhrigh gur e cur 
an gniomh a' cheartais e : " Frasaidh e air na h-aingidh 
ribeachan, teine agus pronnusc, agus doinionn uamhas- 
ach ! " Thoir fa'near an t-aobhar. " Oir is ionmhuinn 
leis an Tighearna cheart ceartas," Salm xi. 6, 7. "Bheir 
mi air mo dhian fheirg luidhe orra agus bheir mi dhomh 
fein fois!" Esec. v. 13. "Ni mise mar an ceudna gaire 
ri'r sgrios-sa ! " Gnath. i. 26. Fadheoidh, Tha, e beò gu 
siorruidh, a ghabhail dìolaidh air son na connspaid. Chi 
sinn air an aobhar sin, gur eagalach an ni tuiteam an 
lamhaibh an Dè bheò ! 

Dùisg uime sin, pheacaich òg ! dùisg o shean pheac- 
aich ! a ta fathast anns an staid san robh thu air do 
bhreith. Cha'n ann o Dhia a tha'n tearuinnteachd a ta 
thusa gabhail, is e codal a' bhàis a ta ann. Eirich a mach as, 
mu'n duin an slochd a bheul ort. Is fior, gu'm feud sibh 
uchd-eididh iarruinn a chur umaibh, bhur n-eudan a 
dheanamh 'na umha, agus bhur cridheachan mar an ada- 
mant : co as urrainn a leasachadh 1 Ach brisidh Dia an 
aghaidh umha sin, agus bheir e air a' chridhe adamaint sin, 
mu dheireadh, dol 'na mhìle bloighdibh. Feudaidh sibh, 
ma's aill leibh, strì a dheanamh gus na nithe sin a chur as 
bhur cinn, a chum gu'm feud sibh fathast codal ann an 
craicionn slan, ged tha sibh ann an staid feirge ; feudaidh 
sibh ruith air falbh gur n-obair leis 'na saighdibh saithte 
'nur coguisibh, gu an oibreachadh air falbh ; no gur leap- 
aichean gu'n codal air falbh ; no gu cuideachd, gu su- 
gradh, agus gu'n cur air falbh le gaire : Ach bithidh ais- 
eirigh eagalach aig agartas coguis a ta mar so air a mù- 
chadh. Agus tha'n là teachd, anns am bi saighde na feirge 
saithte cho teann ann ad anam, as mach bi thu comasach 
air an spionadh a mach tre linnibh na siorruidheachd, mur 
gabh thu rabhadh ann an àm ! 

Ach ma tha neach sam bith ag iarraidh teicheadh o'n 
fheirg a ta ri teachd, agus a chum na crìche sin ag iarr- 



159 

aidh eolas fhaotainn air ciocl an t-slighe ghabhas iad; 
thairginn dhoibh na comhairlean tearc so, agus tha mi ag 
earlachadh agus a' guidhe orra, mar tha gràdh aca d' an 
anama fèin, gabhail riu. 1. Eachaibh a leth-taobh gu aite 
uaigneach àraidh, agus an sin smuainichibh air bhur 
truaighe. Creidibh e, agus suidhichibh bhur smuainte 
air. Cuireadh gach aon a' cheist ris fèin, Cionnus is 
urrainn dhomh mo bheatha chaitheadh anns an staid so? 
Cionnus is urrainn dhomh bàsachadh innte 1 Cionnus a dh' 
eireas mi rìs, agus a sheasas mi an lathair caithir-breith- 
eanais Dhè innte? 2, Smuainich gu curamach air peac- 
adh do naduir, do chridhe, agus do bheatha. Sruth- 
aidh beachd caoimhneil mu fheirg o mhothachadh domhain 
air peacadh. Cha'n 'eil e doilich dhoibhsan a ta 'gam 
faicinn fèin ro-pheacach, iad fèin fhaicinn 'nan oighreachan 
feirge. 3. Dean dichioll gu Dia fhireanachadh anns 
a' chùis so. Cha dean a bhi gearan air Dia mu thimchioll 
an ni so, agus a bhi beucaich mar tharbh fladhaich ann 
an lion, ach do dhaingneachadh ni 's mò innte. Tha 
irioslachadh anama an lathair an Tighearna, feumail a 
chum teichidh : cha reic Dia saorsa, ach bheir e gu saor 
i dhoibhsan a chi iad fèin gu h-uile neo-airidh air a dheadh- 
ghean. San àite mu dheireadh, Tionndaidhibh bhur 
suilean, phriosanaiche an dochas gus an Tighearn Iosa 
Criosd ! agus gabhaibh ris, mar tha e 'ga thairgse fèin 
anns an t-soisgeul. "Cha'n 'eil slainte ann an neach air 
bith eile," Gniomh. iv. 12. "Tha Dia 'na theine dian- 
loisgeach," Eabh. xii. 29. Tha sibh 'nur cloinn feirge mur 
seas an t-eadar-Mheadhonair a steach eadar esan agus 
sibhse, tha sibh caillte gu brath ! Eabh. ii. 3. 'jSTam b' aill 
leibh a' bhi tearuinte, thigibh fuidh a sgail. Cha'n urrainn 
aon bhoinne" do'n fheirg sin tuiteam an sin, oir "tha e 
saoradh o'n fheirg a ta ri teachd," 1 Tes. i. 10. Gabh ris 
anns a' choimcheangal, anns am bheil e 'ga thairgse fèin 
duit; agus mar sin ni thu, mar a' bhan-traill, do bheatha 
shaoradh, leis an Ehear a thug buaidh, a phosadh. Cuiridh 
fhuilsan teine na feirge sin as a ta lasadh a t' aghaidh. 
Ann an trusgan geal fhireantachd san bithidh tusa tearuinte ; 
oir cha'n urrainn doinionn na feirge dol troimh. 

II. Bheir mi focal no dha do na naoimh. 

Air tùs, Cuimhnichibh, " Ànns an àm sin, (san robh sibh 
'nur staid nadurra) gu'n robh sibh as eugmhais Chriosd, 



160 

as eugmliais dochais ; agus gun Dia anns a t-saoghal." 
Cuimhnichibh air an staid san robh sibh roimhe, agus 
gabhaibh ath-shealladh do thrnaighe na staid sin. Tha 
euig cuimhneachan a dh' fheudas mi uaithe sin, a thoirt 
do uile cho-chruinneachadh nan naomh, nach 'eil ni 's 
mò 'nan cloinn na feirge, ach 'nan oighreachan air Dia, 
agus 'nan comh-oighreachan maille ri Criosd, ged tha iad 
fathast fuidh aois. (1.) Cuimhnichibh anns an là san do 
ghlac an Tighearna sibhse air laimh; nach robh sibh ann 
an cor ni b' fhearr na muinntir eile. ciod a ghluais e 
gu sibhse ghabhail, 'nuair chaidh e seachad air bhur coimh- 
earsnaich ! Fhuair e sibhse 'nur cloinn feirge eadhon mar 
chach, ach cha d' fhàg e mar sin sibh. Thainig e do'n 
phriosan chumanta, far an robh sibh 'nur luidhe 'nur 
geimhlibh, eadhon mar chach ; agus o mheasg co'-chruin- 
neachaidh do luchd droch-bheart, spion e sibhse mach, 
dh'àithn e gu'm biodh bhur geimhlichean air an toirt 
dhibh, chuir e maitheanas 'nur lamhaibh, agus thug e sibh 
gu saorsa ghlormhoir chloinne Dhe : 'nuair a dh' fhàg e 
muinntir eile ann an cuibhrichean an diabhuil ! (2.) 
A ghluasad gu gradh e thabhairt duibh, anns an la san do 
nochd se e fèin air thùs, chum bhur saoradh. Bha sibh 
'nur cloinn feirge, eadhon mar chach ; iomchuidh air son 
ifrinn, agus gu h-uile neo-iomchuidh air son neimh : 
Gidheadh, thug an Eigh d'a luchairt sibh ! thug Mac an 
Righ a ghradh dhuibh, do chiontaich fuidh bhinn dìtidh, 
agus ghabh e steach sibh ann an ceangal posaidh ris fèin, 
air an là sam f eudadh sibh a bhi air bhur tabhairt amach 
chum a chrochaidh ! " Seadh, Athair, do bhrìgh gu'm b' 
ann mar sin a bha do dheadh thoilsa ! " Mata xi. 26. (3.) 
Cuimhnichibh gu'n robh sibh na b' iomchuidh a bhi air 'ur 
gràineachadh no bhi air 'ur gràdhachadh anns an là sin. 
Biodh iongantas oirbh, 'nuair a chunnaic e sibh 'nur fuil, 
nach 'd amhairc e oirbh le grain, agus nach deachaidh e 
seachad oirbh ! Biodh iongantas oirbh gu'm biodh a leithid 
sin do àm, gu brath 'na àm graidh ! Esec. xvi. 8. (4.) 
Cuimhnichibh gu bheil sibh air 'ur sgeadachadh le iteagan 
coingheill. Is i a sgeimh-san a ta air a cur oirbh, rann 14. 
B'esan a thug dhibh bhur n-eudach-priosain, agus a sgeud- 
aich sibh le trusgain fireantachd, le culaidhibh slainte ! Truasg- 
ain leis a' bheil sibh air bhur n-eudachadh mar na lilighean 
nach 'eil a saoithreachadh, na a' snìomh. Thug e na 



161 

cuibhrichean o bhur gairdeinibh, an cord o bhur muineil ; 
chuir e sibh 'na leithid do dheise as gu feudadh sibh a bhi 
iomchuidh air luchairt neimh, eadhon a dh' itheadh aig bord 
an Bigh. (5.) Cuimhnichibh bhur lochdan an diugh ; 
mar rinn buidealair Pharaoh, a dhi-chuimhnich Ioseph. 
Cuimhnichibh mar a dhi-chuimhnich sibhse, agus cia co 
neo-chaoimhneil 'sa bhuin sibh ris-san, a chuimhnich oirbhse 
'nur staid iosal. An e so bhur caoimhneas do bhur caraid ? 
Ann an là bhur fuasglaidh, an do smuainich sibh gu'm b' 
urrainn sibh mar so esan a chuideachadh, neach as e bhur 
Tighearna. 

San dara àite, biodh truas agaibh ri cloinn na feirge, 
an saoghal 'na luidhe san olc. An urrainn sibh a bhi neo- 
churamach mu'n staidsan, sibhse bha aon uair anns a' 
chor cheudna 1 Fhuair sibh gu tìr gun amharus, ach tha 
bhur companaich fathast ann an cunnart a bhi air an 
sgrios ; agus nach dean sibh na h-uile comhnadh riu chum 
an saoradh 1 Mar a ta iadsan, bha sibhse uair eigin ; 
feudaidh so truacantachd a tharruing uaibh, agus a thoirt 
oirbh gach uile mheadhon a ghnathachadh chum an leigh- 
eas. Faic Tit. iii. 1, 2, 3. 

San treas àite, Biodh iongantas oirbh ris a' ghradh sin 
gun choimeas, a thug a niach sibh à staid na feirge ! Bha 
gradh Chriosd 'na ghradh gniomhach ; ghradhaich e t'anam 
o shliochd na truaillidheachd ! Cha b' obair fhurasda 
beatha pheacaich dhìte a cheannach ; ach thug e bhea- 
tha fèin air son do bheatha-sa. Thug e 'fhuil luach- 
mhor a mhuchadh lasair na feirge sin, a loisgeadh suas 
thu. Gheibh daoine an sealladh a's fearr do na reulta 
o iochdar sluichd dhomhain : o shlochd so na truaighe gus 
an robh thu air do thilgeadh leis a' cheud Adhamh, feud- 
aidh tu an sealladh as fearr faotainn do Ghrian na fireant- 
achd, 'na lan-mheud. Is esan an dara Adhamh, a thug a 
mach thu as an t-slochd uamhuinn, agus a clàber làthaich. 
Cia leathan a bhi sgiort a' ghraidh sin, a chomhdaich 
aireamh co mor do pheacanna. Feuch fhad, a ruigh- 
eachd " o shiorruidheachd gu siorruidheachd," Salm cii. 17. 
A dhoimhne, a' dol co iosal as gu d' shaoradh " o'n t-slochd 
a's iochdaraiche," Salm lxxxvi. 13. Airde, ann ad thogail 
suas " gu suidhe ann an ionadaibh neamhaidh ! " Eph. ii. 6. 

Sa' cheathramh àite, Bithibh iriosal, giulainibh siuil 
iosal, imichibh gu foil uile bhliadhnachan bhur bheatha. 

L 



162 

Na bithibh uaibhreach as bhur tiodhlacan, bhur gràsan, 
sochairean, no as na nithe gus an d'rainig sibh ; ach cuimh- 
nichibh gu'n robh sibh 'nur cloinn feirge, eadhor mar 
chach. Tha pheucag ag imeachd gu mall a' h gadh 
sios 'iteagan lannaireach, an uair a ta e 'g amharc air 
a chasan dubha. Seallaibhse ri slochd na h-uamha, o'n 
do chladhaicheadh sibh, agus gluaisibh gu h-iriosal, mar a 
bhuineas do luchd-feiche saor-ghrais. 

San àite mu dheireadh, Bithibh gu h-iomlan air son bhur 
Tighearna. Tha e mar fhiachaibh air na h-uile mnaoi a 
bhi dleasdanach d'a fear ; ach tha ise fo cheangal dub- 
ailte a thugadh o phriosan no o'n otrach. Mu shaor bhur 
Tighearna sibhse o fheirg, bu choir dhuibh air son a' 
cheart aobhar sin, a bhi gu h-uile air a shonsan : a bhi 
'g oibreachadh air a shon, a bhi fulang air a shon, agus a 
bhi deanamh ciod air bith a ghairmeas e sibh gu dheanamh. 
Cha'n 'eil aobhar aig na naoimh a bhi gearan, mu'n crann- 
chur anns an t-saoghal, ciod sam bith mar bhitheas e. 
'S maith a dh' fheudas iad an crann-ceusaidh a ghiulan air 
a shonsan, leis an robh am mallachd air a thabhairt air 
falbh uapasan. Is maith a dh'fheudas iad feirg dhaoine 
a ghiulan, 'na aobhar-san, a shaor iadsan o fheirg Dhè ! 
agus dol gu misneachail do theine air a shonsan, leis am 
bheil teine ifrinn air a mhuchadh air an sonsan. Bha t'anam 
agus do chorp, agus gach ni bha agad san t-saoghal, uair- 
eigin fo f heirg ; thu e air falbh an fhearg sin : Nach 
bi na nithe sin uile chum a sheirbhis ? Is ann air son Iosa 
Criosd, nach 'eil t'anam air a chlaoidh le fearg Dhè ; agus 
nach bi e air an aobhar sin, 'na theampull d'a Spiorad ? 
Is ann air a shonsan a mhàin, nach 'eil do chridhe 
air a lionadh le h-uamhunn agus eu-dochas ! Cò dha, 
air an aobhar sin, d'am bu cnoir dha bhi air a thoirt suas, 
ach dhasan 'na aonar'? Is ann a mhàin air son Iosa 
Criosd, nach 'eil do shùilean air an dalladh le deatach an 
t-sluichd, do lamhan air an cuibhreachadh le geimhlibh, 
dorchadais, do theanga a' losgadh ann an teine ifrinn, agus 
do chasan a' seasamh anns an loch a ta losgadh le teine 
agus pronnusc. Agus nach bi na sùilean sin air an gnath- 
achadh air a shon, na lamhan sin ag oibreachadh air a shon, 
an teanga sin a' labhairt air a shon, agus na casan sin a' 
ruidh gu luath air a ghnothuchibh-se. Dhasan a ta 
creidsiii gu'n robh e 'na leanabh feirge, eadhon mar chach, 



163 

ach a ta nis air a sliaoradh leis an Iosa bheannaichte, clia 
bhi ni sam bith tuilleadh is mor, r'a dheanamh no r'a 
fhulang air son Fhear-saoraidh, 'nuair a bhios gairm shoilleir 
aige gu dheanamh. 

III. Gu co-dhunadh, le focal do gach uile : Na 
smuainicheadh neach sam bith gu suarach mu'n pheacadh, 
a ta fàgàil a' pheacaich buailteach do fheirg Dhè. ìSTa 
biodh peacadh 'ur nàduir, a cheangail euing feirge Dhè 
co moch mu'r muineil, na ni beag 'nur suilibh. Biodh 
eagal an Tighearn oirbh, do bhrìgh 'fheirge uamhasaich. 
Criothnaichibh ri smuaineachadh air peacadh, an ni 
ris am bheil Dia 'na leithid do fhearg-theinntich. Amh- 
aircibh air 'fheirg, agus biodh eagal oirbh, agus na peac- 
aichibh. Am bheil sibh a' saoilsinn gur h-ann tha so 
gu'r tarruing gu eagal trailleil ? Nam biodh e mar 
sin, b'fhearr do neach a bhi 'na thràill do Dhia le cridhe 
ball-chritheach, no bhi 'na shaor dhuine do'n diabhul, le 
coguis loisgte agus cridhe Adameint : Ach cha'n 'eil a' 
chùis mar sin ; feudaidh sibh a ghradhachadh, agus mar 
so eagal a bhi oirbh mar an ceudna. Seadh, bu choir 
dhuibh e bhi oirbh, ged bu naoimh sibh do'n inbhe 
a's airde. Faic Salm cxix. Mat. x. 28. Luc. xii. 5. 
Eabh. xii. 28, 29. Ge do chaidh sibh thar doimhne mhor 
na feirge, air dhuibh a bhi ann an Iosa Criosd, gidheadh 
is reusanta gu'n criothnaicheadh bhur cridheachan, 'nuair 
a dh' amhairceas sihh air bhur n-ais orra. Tha bhur 
peacadh fathast a' toilltinn feirge, eadhon mar pheacanna 
chaich : agus b' uamhasach a bhi ann an amhuinn theine, 
ged bha sinne le miorbhuil air 'ur dion uaipe air a leithid do 
dhoigh as nach b' urrainn dhi dochann a dheanamh dhuinn. 



CEANN III. 



NEO-CHOMAS AN DUIKE GU H-IOMLAN AIR E 
FEIN A LEIGHEAS. 

Oir air dhuinne bhi fathast gun neart, an àm iomchuidh bhàsaich 
Criosd air son nan daoine neo-dhiadhaidh. — Rom. v. 6. 

Ghan urrainn neach air bith teachd a' m' ionnsuidhse, mur tarming 
an t-Aihair a chuir uaith mise e. — EoiN vi. 44. 

Fhuair sinn a nis sealladh do thruaillidheachd iomlan 
naduir an duine, agus do'n chudthrom feirge sin a ta 'na 



164 

luidhe air, do dhoimhne na truaighe sin gus am bheil e air 
tuiteam sios, 'na staid naduir : Ach tha aon earrann d'a 
thruaighe d' an coir dhuinn aire shonraichte thabhairt, 
eadhon, a neo-chonias gu h-iomlan air e fèìn. a leigheas ; tha 
eolas air an ni so f eumail, air son a' pheacaich gu h-iom- 
chuidh irioslachaidh. Is e na tha rùn orm an so, a nihain 
beagan do nithe a nochdadh, a thabhairt mothachaidh do'n 
duine neo-iompaichte air a neo-chomas, a chum gu faic e 
feum àraidh air Criosd, agus air cumhachd a ghrais. 

Mar nach urrainn duine a ta air tuiteam ann an slochd, 
e fèin a chuideachadh a mach as, ach air aon do dhà rath- 
ad; an dara cuid, le e fèin a dheanamh an iomlau, no a 
chuid eile, le greim a ghabhail, agus le feuni a dheanamh do 
chomhnadh a ta air a thairgse dha le muinntir eile : Mar sin, 
cha'n 'eil sinn gu bhi saoilsinn gur urrainn duine neo-iomp- 
aichte e fèin a chuideachadh a mach as an staid sin, ach 
ann an rathad an lagha, no coimhcheangal nan oibre, le 
e fèin a dheanamh an iomlan, as eugmhais Chriosd; no 
ann an rathad an t-soisgeil, no choimhcheangal nan gras, le 
feum a dheanamh d'a neart fèin gu greim a ghabhail, agus 
gu feum a dheanamh do'n chomhnadh a ta air a thairgse 
dha le Slanuighear. Ach, mo thruaighe, tha'n duine neo- 
iompaichte marbh anns an t-slochd, agus cha'n urrainn dha 
e fèin a chuideachadh air aon do na rathadibh sin : Cha'u ur- 
rainn dha dheanamh air a' cheud rathad ; oir tha'n ceud 
bhonn-teagaisg ag innseadh dhuinn, 'nuair thainig ar Slanuigh- 
ear gu'r comhnadh, gu'n robh sinn gun neart, neo-chomasach 
air sinn fèin a leigheas. Bha sinn neo-dhiadhaidh ; uime 
sin fuidh uallach do chionta agus do fheirg : Gidheadh 
gun neart ; neo-chomasach air seasamh fuidhpe, agus neo- 
chomasach air a tilgeadh dhinn, no faotainn uaipe. Air 
chor as gu 'm biodh an cinne-daoine uile gu cinnteach air 
an sgrios, mur basaicheadh Criosd air son nan daoine neo- 
dhiadhaidh, agus mur d' thugadh e cobhair d' an ionn- 
suidhsan nach b'urrainn gu brath iad fèin a leigheas. Ach 
'nuair tha Criosd a' teachd agus a' tairgse comhnadh do 
pheacaich, an urrainn iad gabhail ris ; an urrainn iad feum 
a dheanamh do chuideachadh 'nuair tha e teachd g' an 
laimh % Cha'n urrainn ; Tha'n dara bonn-teagaisg ag innseadh 
dhuinn nach urrainn iad a dheanamh : " Cha'n urrainn neach 
air bith teachd a m' ioimsuidhse, (sin ri radh) creidsinn 
annamsa, (Eoin vi. 44.) mur tarruing an t-Athair e." Is 



165 

tarruing so a neartaicheas iad gu teachd, eadhon iadsan, 
nach tigeadh gus an àm sin ; agus air an aobhar, sin, nach 
b' urrainn iad fèin a chuideachadh, le feum a dheanamh 
do'n chuideachadh, a bh' air a thairgse dhoibh. Is tarruing 
i a ta do ghnath eifeachdach ; oir cha'n ni as lugha i na 
bhi 'g eisdeachd agus a' foghlum o'n Athair : ni ge b'e ta 
'na fhear comhpairt dhi, thig e dh'ionnsuidh Chriosd, 
rann 25. Air an aobhar sin, cha tarruing i a ta sruthadh 
o bhuaidh argumeid air inntinn neach a dh'fheudas a bhi ; 
seadh, agus ,a ta do ghnath, neo-eifeachdach ; ach is tarruing 
i a ta le treun-neart, Eph. i. 19. ro-fheumail dhoibhsan aig 
nach 'eil neart annta fèin, gu teachd a ghabhail greim do'n 
chuideachadh a ta air a thairgse. 

Eisd air an aobhar sin, dhuine neo-iompaichte ! agus 
bi lan chinnteach as, mar tha thu ann an staid ro thruagh 
do thaobh naduir ; mar sin gu bheil thu neo-chomasach air 
thu fèin a leigheas air sheol sam bith. Tha thu millte; 
agus ciod an rathad a ghabhas tu gu thu fèin a leigheas ! 
Cò do 'n dà rathad so a roghnaicheas tu 1 Am f euch thu ris 
leat fèin, no an dean thu feum chomhnadh? Am feuch 
thu ri rathad nan oibre, no ri rathad an t-soisgeil? Tha 
fios agam gu ro mhaith, nach feuch thu ri rathad an t- 
soisgeil, gus aon uair am faic thu gu bheil an leigheas neo- 
chomasach, ann an rathad an lagha : Air an aobhar sin 
toisichidh sinn, far am bheil nàdur truaillidh a teagasg do 
dhaoine toiseachadh, eadhon, aig rathad lagh nan oibre. 

1. A pheacaich, ghuidhinn ort, gu'n creideadh tu, nach 
dean t' oibreachadh an gnothuch. Oibrich, agus dean na's 
urrainn dhuit, cha bhi thu comasach gu 'brath air thu fèin 
oibreachadh a mach à staid na truaiUidheachd agus na feirge 
so. Is eigin duit Criosd a bhi agad, no bithidh tu air do 
sgrios gu siorruidh. Is e mhàin Criosd annadsa is urrainn 
bhi na dhochas na gloire. Ach ma's eigin duit deuchuinn 
a dheanamh air ; an sin as eigin dhomh a leigeadh fhaicinn 
duit o ,fhocal neo-chaochlaideach an Dè bheò, dà ni is eigin 
duit a dheanamh air do shon fèin : Agus ma's urrainn dhuit 
an deanamh; is eigin aideachadh, gu bheil thu comasach 
air thu f èin a leigheas ; ach, mur urrainn, an sin cha'n 'eil 
thu comasach air ni sam bith a dheanamh air an rathad so 
air son do leigheis. 

Air tùs, "Ma's aill leat dol a steach chum na beatha, 
coimhid na h-aitheanta," Mat. xix. 17. Is e sin ri radh, ma's 



166 

àill leat, le deanadas, dol a steach chum na beatha, an sin 
coimhid gu coimhlionta na deich àitheanta. Oir is e crioch 
nam briathra, uabhar cridhe an duine thoirt a nuas ; 
agus a nochdadh dha am feum mor a ta aige air Slanuigh- 
ear, o a neo-chomas air an lagh a choimhead. Tha'ni 
freagradh air a thabhairt co-fhreagarach do'n earaìl. 
Thug ar Tighearn achmhasan da air son a mhiodail, "A 
mhaighstir mhaith," rann 16. ag innseadh dha, "Nach 'eil 
aon neach maith, ach a h-aon, eadhon Dia," rann 17. 
Mar gun abradh e, tha thu'm barail gu bheil thu fèin 
a' d' dhuine maith, agus mise a' m' dhuine maith eile : Ach, 
far am bheil iomradh air maitheas, feudaidh aingle agus 
daoine sgail a chur air an aghaidhean an lathair an Dia 
mhaith. Agus, do thaobh a cheiste, anns am bheil e 
taisbeanadh aomadh gus an lagh, cha'n 'eil Criosd a' toirt 
freagradh dha, ag radh, Creid agus bithidh tu air do 
thearnadh ; cha bhiodh sin co iomchuidh, ann an cor 
aon a shaoil gu'm b'urrainn dha deanamh gu maith gu leoir 
air a shon fèin, nam b'e 's gu'm b'aithne dha ciod na nithe 
maith bu choir dha dheanamh : Ach freagarach do'n ghne 
inntinn san robh an duine dh'iarr e air na h-àitheanta a 
choimhead ; coimhid iad gu mìn, agus gu cliongalta, 
cosmhuil riusan a ta faire air luchd droch-ghniomh ann 
am priosan, air eagal gu teid a h-aon diubh as, agus 
gu'n teid am beatha air son am beatha-san. Faic air an 
aobhar sin, dhuine neo-iompaichte ! ciod as urrainn 
thu dheanamh anns a' chuis so ? Oir, ma's aill leat thu 
fein a thearnadh air an doigh so, is eigin duit àitheanta 
Dhè an choimhead gu foirfidh. Agus, (1.) Is eigin do 
t'umhlachd a bhi iomlan do thaobh gnè an naduir o'm bheil 
i 'g eirigh. 'Se sin, is eigin do t'anam, an tobar o'm bheil do 
ghniomhara, a' sruthadh, a bhi fior-ghlan agus gu h-iomlan 
as eugmhais peacaidh. Oir tlia'n lagh ag agradh gach dleas- 
nas a bhi iomlan : cha'n ann a mhain ann an gniomh, ach 
ann an nadur agus mar sin tha e dìteadh peacaidh gin ; neo- 
ghloine naduir, co maith as neo-ghloine ghniomhara. A nis, 
ma's urrainn thu so a thoirt gu crìch ; bithidh tu comasach 
air ceist sin Sholaimh a fhreagairt ann an rathad nach robh 
a h-aon do chloinn Adhaimh riamh comasach air a freagairt, 
Gnath-f hoc. xx. 9. " Cò a dh' fheudas a radh, Ghlan mi mo 
chridhe'? Ach mur urrainn thu sin a dheanamh, tha 
cadhon easbhuidh na h-iomlaineachd so 'na pheacadh ; 



167 

agus mar sin 'g ad fhàgail fosgailte do'n mhallachd, agns 
'gad ghearradh as o bheatha. Seadh, tha e deanamh, t' 
uile ghniomhara, eadhon do gimiomhara is fearr peacach : 
" Oir co a bheir glan à neo-ghlan'?" Iob xiv. 4. Agus am 
bheil thus a am barail, gur urrainn thu le peacadh thu fèin a 
chuideachadh o pheacadh agus truaighe ? 

2. 'S eigin do t'umhlachd a bhi mar an ceudna iomlan 
anns gach earrann dhi : 'S eigin di a bhi co leathan ri 
uile laghe Dhè. Ma bhios tu dh' uireasbhuidh aon ni, tha 
thu caillte ! Oir tha'n lagh a' bagradh a mhallachd airsan 
nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann ! 
Gal. iii. 10. 'S eigin duit umhlachd o'n taobh a stigh agus 
o'n taobh a mach, a thoirt do'n lagh uile ; na h-àitheanta 
uile a choimhead, ann an cridhe agus beatha. Ma bhriseas 
tu aon air bith dhiubh, ni sin do sgrios cinnteach. Druid idh 
smuain dhiomhain no focal faoin a snas thu fuidh 'n mhallachd ! 

3. Is eigin di bhi iomlan a thaobh tomhais ; mar 
bha umhlachd Adhaimh, fhai 'sa mhair e 'na neo-chiont- 
acKd. So tha'n lagh ag iarraidh, agns cha ghabh e ri ni 
as lugha, Mat. xxi. 37. " Gradhaichidh tu an Tighearn 
do Dhia le d' uile chridhe, agus le d' uile anam, agus le 
d' uil' inntinn." Ma bhios aon cheum do'n ghradh sin a ta 
air iarraidh leis an lagh, air chall ; mur bi gach earrann do 
t' umhlachd co-shìnte ris an airde as mò a ta air aithneadh ; 
tha 'n ni sin anns am bheil thu gearr 'na bhriseadh air an 
lagh, agus mar sin tha e fathasd 'gad fhàgail fuidh'n mhall- 
achd. Feudaidh neach urrad do shoithiche uisge thabh- 
airt a dh'ionnsuidh tighe ri theine, 's is urrainn dha 
ghiulan ; agus gidheadh feudaidh e bhi air a losgadh, agus 
bithidh e air a losgadh mur toir e urrad leis as a 
mhnchas an teine. Eadhon mar sin, ged a dheanadh 
tusa na's urrainn dhuit, ann an coimhead nan àitheanta; 
ma dh' fhailnicheas tu anns an tomhas is lugha do'n 
umhlachd a tha'n lagh ag iarraidh, tha thu gu cinnteach 
air do sgrios gu brath; mur g'abh thu greim do Chriosd, 
a' cur cul ri t'fhireantachd fèin, mar luideig shalaich. 
Faic Eom. x. 5., Gal. iii. 10. 

San àite mu dheireadh, Is eigin di a bhi buan-mhairean- 
nach, mar bha umhlachd an duine Criosd ; a rinn do ghnath 
na nithe a bha taitneach leis an Athair : Oir is iad 
briathra an lagha, " Is malluichte esan nach buanaich anns 
na h-uile nithibh a ta sgriobhta anns an lagh, chnm 



168 

an deanamh." Uaith so, ged bha umhlachd Adhaimh, car 
aimsir, uile iomlan ; gidheadh a chionn mu dheireadh gu'n 
do thuislich e ann an aon phuinc, eadhon, ann an ithe do'n 
mheas thoirmisgte, thuit e fuidh mhallachd an lagha. Ged 
a bhitheadh duine 'sa iochdaran dleasdanach d'a righ, gu 
deireadh a laithean, agus an sin gu'n eireadh e an ceannairc 
'na aghaidh; is eigin da basachadh air son a cheannairc. 
Eadhon mar sin, ged a chaitheadh tusa uile laithean do 
bheatha, ann an umhlachd iomlan do lagh Dhè; agus a 
mhain aig uair do bhais, gu'n tugadh tu àite do aon smuain 
dhiomhain, no gu'n labhradh tu aon fhocal faoin, dhubhadh 
am focal faoin, no an smuain dhiomhain sin a mach t' uile 
roimh-fhireantachd, agus sgriosadh iad thu; sin ri radh, 
anns an rathad so 's am bheil thu ag iarraidh thu fèin a 
leigheas. A nis, is i a leithid so a dh' umhlachd as eigin 
duit a choimhlionadh, nam b' aill leat thu f èin a shaoradh 
ann an rathad an lagha. Ach ge do bheireadh tu umhlachd 
mar so, tha'n lagh 'g ad bhualadh a sios fuidh fheirg, gus 
am bi iarrtus eile air a riarachadh, eadhon, 

San dara àìte, 'S eigin duit na tha dh'fhiacha ort 
iocadh. Cha'n fheudar àicheadh nach 'eil thu a' d' pheac- 
ach ; agus ciod air bith a bhitheas tu san àm ri teachd, is 
èigin do cheartas, a bhi air a riarachadh air son do pheacaidh, 
a chuireadh a cheana an gniomh. 'S èigin do dh' onoir an 
lagha bhi air a cumail suas, le thu bhi fulang na feirge 
chaidh a bagradh. Theagamh, gu'n d' atharruich thusa 
do chaithe-beatha, no gu bheil a rùn ort sin a dheanamh a 
nis, agus gu tòiseachadh air aitheanta Dhè a choimhead ; 
ach ciod a rinn thu, no ciod a ni thu ris na sean f hiacha ? 
Tha t'umhlachd do Dhia, ge do bhiodh i iomlan, 'na fiach 
a bhuineas dasan, air son an àm sam bheil, i air a coimhlion- 
adh : agus cha mhò is urrainn dhi riarachadh air son peac- 
aidh a rinneadh cheana, na's urrainn tuathanach a mhaigh- 
stir a riarachadh le mall na bliadhna a ta làthair a dhiol- 
adh air son nam bliadhnacha chaidh seachad. An urrainn 
dioladh feiche ùr, duine shaoradh o shean chunntais? 
Cha'n urrainn, na meallaibh sibh fèin ; gheibh sibh na 
cunntais sin air an tasgaidh suas aig Dia, "agus air an 
seulachadh am measg 'ionmhasan," Deut. xxxii. 34. Is 
eigin air an aobhar sin, gu'n giùlan thu an fhearg sin d' 
am bheil thu buailteach le d' pheacadh, a reir an lagha ; no 
is èigin duit aideachadh nach 'eil thu comasach air tfiul- 



169 

an, agns air an aobhar sin feum chuir air an urras 'an 
Tigheam Iosa Criosd. Feoraicheam a nis dhiot, am bheil 
thu comasach air ceartas Dè a riarachadh? An urrainn 
thu t' fhiacha ièin iocadh % 'S cinnteach nach urrainn, oir 
do bhrìgh gur Dia neo-chriochnach d' an d' thug thu oil- 
bheum, is eigin, air do'n pheanas bhi freagarach ri nadur 
aii oilbheim, gu'm bi e neo-chriochnach. Ach is ann mar 
sin a tha e, cha'n urrainn do d' pheanas no do d'fhulangais 
air son peacaidh, a bhi neo-chriochnach ann an luach, do 
bhrìgh gur creutair criochnaichte thu ; uime sin is eigin 
doibh buanachadh no mairsinn gu siorruidh. Agus mar sin, 
cha'n 'eil ann ad fhulangais gu leir san t-saoghal so, ach 
earlais air na 's eigin duit fhulang anns an t-saoghal ri 
teachd ! A nis a pheacaich, ma's urrainn thu na h-agartais 
sin uile fhreagradh, feudaidh tu thu fèin a leigheas an 
rathad an lagha; ach nach 'eil thu fèin-fhiosrach air do 
neo-chomas air aon do na nithibh sin a dheanamh, ni's mò 
gu mor air an iomlan a dheanamh? Gidheadh, mur dean 
thu 'n t-iomlan, cha dean thu ni sam bith. Tionndaidh 
uime sin, a dh' ionnsuidh aon rathad caithe-beatha a's aill 
leat, tha thu fathast ann an staid feirge. Meudaich t' umh- 
lachd gus a' cheum as airde as urrainn dhuit; fuiling na 
leagas Dia ort ; seadh, meudaich an eallach, ma's aill leat, 
agus siubhail fuidh 'n iomlan, gun a mhi-fhoighidin is 
lugha ; gidheadh cha riaraich sa uile agartais an lagha ; 
agus uime sin, tha thu fathast a' d' chreutair caillte. Och 
a pheacaich ! ciod a tha thu deanamh, 'nuair a ta thu 
strì ri thu fèin a chuideachadh ; ach nach 'eil thu gabh- 
ail Iosa Criosd, agus ga d' dhlùth-cheangal fèin ris? Tha 
thu a' saoìthreachadh anns an teine, ga d' sgìtheachadh 
fèin air son fìor-dhiomhanas : a' saoithreachadh gu dol do 
neamh tre 'n dorus a ghlais peacaidh Adhaimh, air chor 
as nach urrainn e fèin no a h-aon d' a shliochd caillte dol 
gu brath a steach troimhe. Nach 'eil thu faicinn claidh- 
eamh lasarach a' cheartais 'g ad chumail air falbh o chraoibh 
na beatha? Nach 'eil thu cluinntinn an lagha cur an 
ceill mallachd ort, air son gach ni tha thu deanamh, eadhon 
air son t' umhlachd, t' urnuighean, do dheoir agus t'ath- 
leasachadh-beatha, do bhrìgh air dhuit a bhi fuidh uach- 
dranachd an lagha, nach 'eil t'oibre is fearr co maith 'sa 
tha e ag iarraidh iad a bhi, fuidh phein a' mhallachd? 
Creidibh e dhaoine, mu chaitheas sibh bhur beatha, agus 



170 

ma bhàsaicheas sibh a mach à Criosd, gun a bhi da rireadh 
air bhur dlùth-cheangal risan mar an dara Adhamh an 
Spiorad tha tabhairt beatha, agus mur tig sibh fuidh 
dhion fhola-san a reiticheas : ged a dheanadh sibh a chuid 
as fhaide as urrainn duine sam bith air thalamh a dhean- 
amh ann an àitheanta Dhe a choimhead, nach faic sibh gu 
bràth aghaidh Dhè ann an sìth. Ged a ghabhadh sibh o'n 
àm so cead gu siorruidli a dh' aoibhneas an t-saoghail so, 
agus d' a uile ghnothuiche ; agus ged nach biodh sibh o'n 
àm so niach a' deanamh ni sam bith ach a' saoithreachadh 
mu shlainte bhur n-anama : ge do rachadh sibh do 
fhasach eigin, san tigeadh sibh beo air feur na mach- 
rach, sam biodh sibh 'nur companaich do na dragonaibh 
agus do na cumhachagaibh : Ged rachadh sibh a thaoibh 
gu slochd eigin dhorcha do'n talamh, agus ged ghuileadh 
sibh an sin air son bhur peacaidh, gus an caitheadh sibh 
'ur sùilean, seadh, gus an sileadh sibh a mach uile bhrìgh 
bhur cuirp ; ged dh' aidicheadh sibh le 'r teanga, gus an 
leanadh i ri 'r giall ; ged dheanadh sibh urnuigh gus am 
fasadh bhur gluinean cruaidh mar adhaircean ; ged thrasgadh 
sibh gus am biodh bhur cuirp mar chnamha gun fheoil ; 
agus, an deigh so uile, a thoirt gu bhi air a losgadh ! 
Chaidh am focal a mach o bheul an Tighearn ann am 
fìreantachd, agus cha'n urrainn dha pilleadh air ais, bhiodh 
sibh air bhur sgrios gu brath an deigh so uile, do bhrìgh 
nach 'eil sibh ann an Criosd. Eoin xiv. 6. " Cha tig aon 
neach chura an Athar ach tromhan-sa." Gniomh. iv. 12. 
" Cha'n 'eil slainte ann an neach air bith eile." Marc. xvi. 
16. "Ge b' e nach creid, dìtear e." 

Cumiuil, Ach tha Dia 'na Dhia trocaireach, agus tha 
fios aige nach urrainn sinne uile iarrtuis a fhreagradh ; tha 
dochas againn, air an aobhar sin, a bhi air ar tearnadh, ma 
ni sinn co maith 's as urrainn dhuinn, agus ma choimhideas 
sinn na h-aitheanta co maith 's a dh' fheudas sinn. 

Freagradh, 1. Ged tha thu comasach air moran do nith- 
ibh a dheanamh, cha'n 'eil thu comasach air aon ni a dhean- 
amh gu ceart : Cha'n urrainn thu ni sam bith a dheanamh 
taitneach do Dhia, air dhuit a bhi mach à Criosd, Eoin xv. 
5. "As m' eugmhais-se cha 'n urrainn sibh aon ni a dhean- 
amh." Cha 'n urrainn duine neo-nuadhaichte, mar a tha 
thusa, ni sam bith a dheanamh ach peacadh; mar a 
dhearbh sinn cheana. Tha do ghniomhara a's fearr 'nam 



171 

peacadh, agus tha iad mar sin a' meudachadh t'fhiacha 
do cheavtas : Cionnns ma ta a dh'fheudar a smnaineach- 
adh gun lughdaicheadh siad iad ? 2. Ged thairgeadh Dia 
daoine shabhaladh air chumha gu 'n deanadh iad gach 
ni a b' urrainn dhoibh, ann an umhlachd d' a aitheantaibh ; 
tha deadh aobhar againn a smuaineachadh, nach biodh 
iadsan a rachadh a dh'ionnsuidh an rathaid sin, gu bràth 
air an tearnadh : Oir, c' ait am bheil an duine ta dean- 
amh co maith 's as urrainn dha. Cò nach 'eil a' faicinn 
iomadh ceum clì a thug e, a dh'fheudadh e sheachnadh? 
Tha liuthad ni ri dheanamh, a liuthad buaireadh gu'r 
tabhairt a thaoibh o rathad ar dleasdanais, agus tha ar 
nàdur co ro-ulJamh gu bhi air a lasadh o ifrinn, as gu 'm 
failnicheamaid gu cinnteach, eadhon ann am ponnc araidh, 
a ta 'n taobh a stigh d' ar comas nadurra. Ach, 3. Ged 
dheanadh tu gach ni as urrainn dhuit a dheanamh, 's 
ann an diomhain a tha thu 'n dochas bhi air do shabhal- 
adh air an rathad sin. Ciod am focal o Dhia air am bheil 
an dochas so air a steidheachadh ? Cha'n 'eil e air a 
steidheachadh air lagh no air soisgeul, agus uime sin, cha'n 
'eil ann ach mealladh. Cha'n 'eil e air a steidheachadh 
air an t-soisgeul ; oir tha'n soisgeul a' treòrachadh an 
anama as fèin, gu Iosa Criosd air son gach uile, agus tha e 
" daingneachadh an lagha," Kom. iii. 31. Air an laimh eile, 
cha'n urrainn an dochas so agaibhse a bhi air a dhaing- 
neachadh ach air sgrios an lagha, a dh'àrdaicheas Dia 
agus a ni e urramach. Agus uaith so cliithear, nach 'eil e 
air a steidheachadh air an lagh. 'Nuair a chuir Dia Adh- 
amh a dh'oibreachadh air son sonais da fèin agus d' a 
shliochd, b'e umhiachd iomlan an cumha bh' aìr iarraidh 
air, agus bha mallachd air a chur an ceill air son easumh- 
lachd. Air do'n lagh a bhi air a bhriseadh leis-san, thainig 
e fèin agus a shliochd fo pheanas a' pheacaidh a chuireadh 
an gniomh ; agus, leis sin uile, do ghnath ceangailte gu 
umhlachd iomlan : Oir ìs mi-reusanta bhi smuaineach- 
adh, gu'n dean peacadh duine, agus fulang air son a pheac- 
aidh a shaoradh a dhleasdanas umhlachd d' a Chruithear. 
'Kuair a thainig Criosd ann an àite nan daoine taghta, a 
cheannach an slainte, b' iad na cumhachan an ni ceudna, 
Bha na daoine taghta an sàs aig ceartas ; ma tha run 
airsan an saoradh, tha na cumhachan air an deanamh 
aithnichte : 's cigin da dìoladh air son am peacaidh, leis 



172 

a pheanas a thoill e fhulang, 's eigin da'n ni sin a dhean- 
amh nach urrairin iadsan a dheanamh, eadhon, umhlachd 
iomlan a thabhairt do'n lagh, agus mar sin gach uile fhir- 
eantachd a choimhlionadh. A reir sin, rinn e so gu h- 
uile, agus mar sin b'esan crioch an lagha, chum fireantachd 
do gach neach a chreideas, Rom. x. 4. Agus a nis am 
bheil thu smuaineachadh gun lnghdaich Dia na cumh- 
achan sin duitse, 'nuair nach d'fhuair a Mhac fèm lughd- 
achadh dhiubh? Na biodh duil agad gu'n lughdaich ged 
iarradh tu e le deoir fhola; oir nam buadhaicheadh iad, 
b'fheudar dhoibh buadhachadh an aghaidh firinn, ceartais 
agus onoir Dhè, Gal. iii. 10. "Is malluichte gach uile 
neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgriobhta 
ann an leabhar an lagha chum an deanamh." Rann 12. 
" Agus cha'n 'eil an lagh o chreidimh ; ach an duine a ni 
iad gheibh e beatha annta." Is fior, gu bheil Dia trocair- 
each : Cha'n urrainn e gun a bhit rocaireach, mur sabh- 
ail e thusa ann an rathad nach 'eil aon chuid freagarach r'a 
lagh no r' a shoisgeul. Nach d'fhoillsicheadh a mhaitheas 
agus a throcair gu leoir, ann an cur Mic a ghràidh a dhean- 
amh an ni nach robh an comas do'n lagh a dheanamh, do 
bhrìgh gu robh e anmhunn tre 'n fheoil? Dh'ulluich Dia 
cobhair air an sonsan nach urrainn iad f èin a chobhair : Ach 
is àill leatsa, air bhi dhuit neo-mhothachail air do laigse 
fèin thu fèin a leigheas le t'oibre f èin ; am f eadh nach 'eil 
thu ni's comasaiche air a dheanamh, no tha thu comasach 
air beanntaibh umha atharachadh as an àite. 

Air an aobhar sin, co-dhuinidh mi, gu bheil thu neo- 
chomasach air thu fèin a leigheas, le rathad nan oibre, no 
an lagha : gu 'n co-dhuineadh tusa an ni ceudna mu d' 
thimchioll f èin. 

II. "Feuchamaid san aite is faisge, ciod is urrainn am 
peacach a dheanamh gu e fèin a leigheas ann an rathad an 
t-soisgeil. Theagamh gu bheil thu smuaineachadh, ged 
nach urrainn thu 'n t-iomlan a dheanamh leat fèin a' d' 
aonar ; gidheadh, air do Iosa Criosd a bhi tairgse cobhair 
dhuit, gur urrainn thu dhiot fèin gabhail ris agus feum a 
dheanamh dheth gu d' leigheas : Ach a pheacaich ! bi 
dearbhta mu t' fheum mor air gràs Chriosd ; oir gu cinn- 
teach tha cobhair air a tairgse, ach cha'n urrainn thusa 
gabhail rithe : tha cord air a thilgeadh a mach, a tharruing 
pheacach long-bhriste gu tìr ; ach, nio thruaighc ! cha'n 



173 

'eil lamhan aca dheanamh greim dheth : Tha sibh mar 
naoidheana air am fàgail sa' mhachair fhosgailte, d' an 
eigin bàsachadh ged tha 'm biadh 'na luidhe laimh riu, 
mur cuir neach 'nam beoil e. Gu dearbhadh a thabhairt 
do dhaoine nadurra uime so, Thugaibh fa'near, 

Air tùs, Ged tha Criosd air a thairgse san t-soisgeul, 
gidheadh cha'n urrainn dhoibh creidsinn ann. Is e creid- 
imh shlainteil, creidimh muinntir thaghta Dhè ; tiodhlac 
araid Dhè dhoibh, air oibreachadh annta le a Spiorad. Tha 
slainte air a tairgse dhoibhsan a chreideas ann an Criosd ; 
ach cionnus a dh'fheudas sibhse creidsinn? Eoin v. 44. 
Tha i air a tairgse dhoibhsan a thig a dh'ionnsuidh 
Chriosd ; ach, Cha'n urrainn neach air bith teachd d'a 
ionnsuidh-san, mar tarruing an t-Athair e. Tha i air a 
tairgse dhoibhsan a dh' amhairceas ris, mar air a thogail 
suas air crann an t-soisgeil : (Isa. xiv. 22.) Ach tha 'n 
duine nadurra gu spioradail dall; Taisb. iii. 17. agus a 
thaoibh nithe Spioraid Dhè, cha 'n 'eil e 'n comas da eolas 
a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh spioradail 
a thuigear iad, 1 Cor. ii. 14. Ni h-eadh, Ge b' e neach leis 
an àill, 's e bheatha, thigeadh e: (Taisb. xxii. 17.) Ach is 
eigin gu 'n tig latha cumhachd air a' pheacach, mu'm 
bi an toil umhal : Salm cx. 3. 

San dara àite, Cha 'n 'eil ni sam bith aig an duine, gu 
nadurra, leis an dean e feum, chum a leighis, do'n chuideach- 
adh a ta air a thabhairt a steach anns an t-soisgeul. Tha 
e air a thilgeadh air falbh ann an staid feirge ; ach tha e 
air a cheangal eadar làmh agus chos, air chor as nach 
urrainn da greim a dheanamh air cuird a ghraidh, a tha 
air an tilgeadh a mach dha san t-soisgeul. Cha 'n urrainn 
am fear-ceird a's seolta oibreachadh gun inneil ; 's cha mhò 
is urrainn do 'n fhear-chiuil a 's seolta cluich gu ceart air 
inneal-ciuil a ta à ordugh : Cionnus as urrainn neach creid- 
sinn, cionnus is urrainn neach aithreachas a dheanamh, aig 
am bheil a thuigse 'na dorchadas, (Eph. v. 8.) aig am bheil 
a chridhe 'na chridhe cloiche, do-lubaidh, neo-mhothachai], 
(Esec. xxxvi. 26.) aig am bheil aignidhean gu h-iomlan as 
an ordugh, agus mi-riaghailteach ; aig am bheil eas-aonta 
do mhaith, agus aomadh gu olcl Tha gairdeine chomasan 
naduir ro ghoirid gu ruigheachd gu comhnadh tha os ceann 
naduir ; uaithe so, is iadsan, a 's mò aig am bheil do bhar- 
rachd ann an comasan nadurra, gu tric coigrich is mò do 



174 

nithibh spioràdail, Mat. xi. 25. " Dh'fholaich thu na 
nithe sin o dhaoine eagnaidh agus tuigseach. 

San treas àite, Cha 'n urrainn duine atharrachadh slaint- 
eil oibreachadh air f èin : Ach is eigin da bhi mar sin air 
atharrachadh, no cha 'n urrainn dha creidsinn, no aithreach- 
as a dheanamh, no gu brath nèamh fhaicinn. Cha'n 
urrainn gniomh sam bith a bhi gun • ghnè naduir f reagarach 
ris: Is iad creidimh, aithreachas, agus an leithide sin, 
toradh an nàduir nuaidh ; agus cha'n urrainn iad gu brath 
a bhi air an toirt a mach leis an t-sean naduir thruaillidh. 
A nis, ciod is urrainn an duine nadurra dheanamh anns a' 
ghnothuch so ? 'S eigin da bhi air ath-nuadhachadh, air 
ath-ghineamhuinn a rìs gu beo-dhochas : Ach, mar nach 
urrainn leanaban bhi cur neirt an gniomh 'na ghineamh- 
uinn fèin, mar sinn cha'n urrainn duine bhi cur neirt an 
gniomh 'na ath-ghineamhuinn ; ach 's ann tha neart air a 
chur an gniomh air. Tha'n cridhe duinte an aghaidh 
Chriosd ! cha'n urrainn duine fhosgladh ; 's e Dia a mhain 
a ni sin, le 'ghras, Gniomh. xvi. 14. Tha e marbh ann am 
peacadh ; 's eigin da bhi air ath-bheothachadh, 'sa bhi air 
a thogail à uaigh : Cò 's urrainn so a dheanamh ach Dia 
fèin ì Eph. ii. 1,5. Ni h-eadh 's eigin da " bhi air a 
chruthachadh ann an Iosa Criosd chum deadh oibre." Eph. 
ii. 1 0. Is oibre uile-chumhachdach iad sin, agus cha 'n urr- 
ainn iad a bhi air an deanamh le cumhachd is lugha. 

Sa' cheathramh àite, Tha 'n duine 'na staid thruaillidh 
fuidh neo-chomas iomlan air ni sam bith a ta da rireadh 
maith a dheanamh, mar a rinneadh soilleir gu farsuinn 
roimhe : Cionnus air an aobhar sin is urrainn da umhlachd 
a thabhairt do 'n t-soisgeul ? Tha 'naduir calg-dhìreach an 
aghaidh an t-soisgeil : Cionnus is urrainn dha uaithe fein, 
a bhi reidn ri innleachd na slainte, agus gabhail ris an 
leigheas a ta air a thairgse ? Tha truaillidheachd naduir 
an duine a' dearbhadh, gu ro chinnteach, a neo-chomas air 
e fèin a leigheas air sheol sam bith : Agus co sam bith aig 
am bheil mothachadh air an dara aon diubh sin, 's eigin da 
gabhail ris an aon eile ; oir seasaidh agus tuitidh iad le 
cheile. Ged bhitheadh na h-uile ni a choisinn Criosd 
air a thairgse do 'n duine neo-iompaichte air son aon smuain 
mhaith, cha'n urrainn dha sin fèin a bhi aige, 2 Cor. iii. 
5. " Cha 'n e gu bheil sinn comasach uainn fèin chum ni 
sam bith a smuaineachadh uainn fèin : " Ged bhitheadh 



175 

e air a thairgse air son aon fhocail mhaith, gidheadh, 
cionnus a dh'fheudas sibh nithe maithe a labhairt, o a 
ta sibh fèin olc 1 ? Mat. xii. 34. Ni h-eadh ge do rachadh 
fhàgail duibh fèin, chum roghainn a dheanamh do 'n ni sin 
diubh as usadh ; tha Criosd f èin ag innseadh dhuibh, Eoin xv. 
5. " As m' eugmhais-sa cha'n urrainn sibh aon ni a dheanamh." 

San àite mu dheireadh, Cha 'n urrainn an duine nadurra 
gun a bhi cur an aghaidh an Tighearn a ta tairgse cuid- 
eachaidh dha ; gidheadh tha buaidh air fhaotainn air sin, 
anns an daoine taghta, le gràs an iompachaidh. Ann urr- 
ainn an cridhe cloiche gun chur an aghaidh a' bhuille? 
Cha 'n e mhain gu bheil neo-chomas, ach tha naimhdeas 
agus ragaireachd ann an toil an duine, a thaobh naduir. 
Tha fios aig Dia, a dhuine nadurra, co dhiubh a tha no nach 
'eil fios agadsa air, " Gu bheil thu reasgach, agus gu 'n 
robh do mhuineil mar fheith iarrumn, agus d' eudan 'na 
umha," Isa. xlviii. 4. agus cha 'n fhaighear buaidh air, ach 
leis-san, a bhris na geatan umha, agus a ghearr sios na 
croinn iaruinn. Is ann uaith so a ta leithid do chruaidh 
obair ann am peacach iompachadh. Tha air uairibh coslas 
air a bhi air a ghlacadh ann an lion an t-soisgeil ; gidheadh 
tha e gu h-ealamh a' sleamhnachadh air ais a rls. Tha 'n 
dubhan a' glacadh greim air ; ach tha e ri strì, gus air 
dha faotainn saor dheth, gu bheil e dol air falbh le lot 
fuilteach. 'Nuair tha deadh-dhochas mu thimchioll aig a' 
mhuinntir sin, a ta saoithreachadh chum gu 'n dealbhar 
Criosd ann ; cha 'n 'eil gu tric ni sani bith air a thoirt a 
mach ach gaoth. Tha'n cridhe cealgach a' deanamh 
iomadh dichioll gu Slanuighear a sheachnadh, agus gus an 
duin a mhealladh d' a shonas siorruidh. Mar so tha 'n duine 
nadurra 'na luidhe gu domhain ann an staid pheacaidh 
agus feirge, gu h-uile neo-chomasach air e fèin a leigheas. 

Geist (1.) Ma tha sinn gu h-uile neo-chomasach air 
maith sam bith a dheanamh, cionnus a dh'fheudas Dia bhi 
ag iarraidh oirnn a dheanamh ? 

Freagradh, Air do Dhia an duine dheanamh dìreach, 
(Ecles. vii. 29.) thug e comas dha na h-uile ni a dh' 
iarradh e air a dheanamh : chaill an duine an comas so, le 
choirre fèin. Bha e mar fhiacha oirnn seirbhis a dheanamh 
do Dhia, agus gach ni a dh'àithneadh e dhuinn a dheanamh, 
mar a chreutairean ; agus mar an ceudna, bha sinn, thuil- 
leadh air sin, fuidh cheangal cumhnanta, a chum na crìche 



176 

sin. A nis, air dhuinn, le'r coire fèin, ar comas a chall, 
an caill Dia a choir air obair iarraidh uainn, a chionn 
gu 'n do thilg sinn uainn an neart a thug e dhuinn, gu 
choimhlionadh 1 Nach 'eil còir aig an Fhear-fheiche 
air dioladh iarraidh air son airgid, ge do struidh am 
fear a ta fuidh na fiachaibh air falbh e, agus ged nach 'eil 
e comasach air a phaigheadh dha? Gu deimhin, mur 
feud Dia iarraidh oirnne ach na tha sinn comasach air 
a dheanamh; cha 'n 'eil feum againn air tuilleadh 'g ar 
tearnadh o fheirg, ach sinn fèin a dheanamh neo- 
chomasach air son gach uile dhleasdanas, agus sinn fèin 
fhàgail gun neart a chum seirbhis a dheanamh do Dhia, 
air sheol sam bith, mar tha daoine mi-naomha gu tric a 
deanamh : Agus mar sin, mar is doimhne tha neach air a 
bhathadh ann am peacadh, 's ann is mò a dhion o fheirg ; 
oir, far nach fheud Dia dleasdanais iarraidh uainne, cha 'n 
'eil sinn a' peacachadh ann an dearmid a dheanamh air ; 
agus far nach 'eil peacadh, cha 'n fheud fearg a bhi. 
(A thaobh na dh'fheudar a radh leis an anam neo-irios- 
laichte, an aghaidh ar Stoc a bhi air a chur ann an lamha 
Adhaimh ; bha ceartas an t-suidheachaidh sin air a shoill- 
eireachadh roimhe.) Ach os barr, tha'n duine neo-nuadh- 
aichte gach la a' tilgeadh air falbh ceart-fhuigheall chom- 
asan nadurra ; an solus agus an neart sin, a ta r' am faot- 
ainn am measg fuigheall na tuiteam anns a' chinne-daoine. 
Ni h-eadh, a thuilleadh air so, cha chreid e a neo-chomas 
air e fèin a chomhnadh ; air chor as gu'm bi e air a dhìt- 
eadh a mach as a bheul fèin. Tha eadhon iad sin a ta 
deanamh an neo-chomas nadurra gu maith a dheanamh, 
na comhdach d' an leisg, a' cur dail, co maith ri muinntir 
eile, ann an tionndadh gu Dia o àm gu h-àm ; fuidh mhoth- 
achadh, tha iad a' deanamh geallanna mor air ath-leasach- 
adh, ni, an deigh sin do nach 'eil suim aca ; agus tha iad a' 
cur dail 'nan aithreachas gu leaba bàis, mur gu'm b' urrainn 
iad iad fèin a chuideachadh ann am mionaid : ni a ta nochd- 
adh gu bheil iad fadà o mhothachadh ceart air an neo- 
chomas nadurra, ciod sam bith a tha iad a' gabhail orra. 

A nis, Ma dh'fheudas Dia an dleasdanas iarraidh air 
daoine, nach 'eil iad comasach air a dheanamh ; feudaidh 
e, ann an ceartas, peanas a dheanamh orra air son nach 
'eil iad 'ga dheanamh, ged nach 'eil comas aca. Ma tha 
eumhachd aige fiacha umhlachd agar ; tha cumhachd aige 



177 

mar an ceudna àm fear a ta fuidh fhiach gun chomas a 
phaigheadh a thiJgeadh am priosan, a chionn nach d' rinn 
e paigheadh. A thuilleadh air so, ged nach 'eil comasan 
gràsmhor aig daoine neo-iompaichte, cha'n 'eil iad a dh' 
easbhuidh comasan nadurra ; gidheadh cha 'n àill leo feum 
ceart a dheanamh dhiubh. Tha moran do nithibh is urrainn 
dhoibh a dheanamh, nach 'eil lad a' deanamh ; cha'n àill 
leo an deanamh, agus air an aobhar sin bithidh an dìteadh 
'na ni ceart. M h-eadh, tha 'n neo-chomas gu h-uile gu 
maith a dheanamh o'n saor-thoil fèin ; "cha'n àill leo teachd 
a dh' ionnsuidh Chriosd," Eoin v. 40. Cha'n àill leo aith- 
reachas a dheanamh, 's àill leo basachadh, Esec. xviii. 51. 
Mar sin bithidh iad gu ceart air an dìteadh ; a chionn nach 
b' aill leo pilleadh gu Dia, no teachd a dh'ionnsuidh 
Chriosd, ach gu'n do ghradhaich iad an cuibhrichean ni 's 
mò na 'n saorsa, agus an dorchadas ni 's mò na 'n solus, Eph. 
iii. 19. 

Ceist (2.) C'arson ma seadh a ta thu searmonachadh 
Chriosd duinn, a' gairm oirnn teachd d' a ionnsuidh, creidsinn 
ann, aithreachas a ghabhail, agus meadhonna na slainte a 
ghnathachadh 1 Freagradh, A chionn gur e do dhleasdanas 
sin a dheanamh. Is e do dhleasdanas gabhail ri Criosd, 
mar tha e air a thairgse san t-soisgeul ; aithreachas a 
dheanamh air son do pheacaidh, agus a bhi naomh anns 
gach uile ghnè chaithe-beatha : tha na nithe sin air an 
àithne dhuit le Dia; agus is e àithne-san, is cha 'n e do 
chomas-sa, tomhas do dhleasdanais. Os barr, is iad na gairme 
agus na h-earailean so na meadhonna a thoilich Dia a 
ghnathachadh, a chum a mhuinntir thaghta iompachadh, 
agus a dh'oibreachadh grais 'nan cridhibh ; d' an ionns- 
uidhsan thu "creidimh a' teachd tre eisdeachd," Rom. x. 17. 
an uair a ta iad co neo-chomasach air iad fèin a chobhair 
's tha chuid eile do 'n chinne-daoine. Tha deadh aobhar 
againn air àithne Dhè a dhùisgeas na mairbh, dol a dh' 
ionnsuidh an uaighean agus glaodhaich 'na ainmsan, 
" Mosgail thusa a tha d' chodal ! agus eirich o na marbhaibh, 
agus bheir Criosd solus duit," Ephes. v. 14. Agus, do 
brìgh nach 'eil eadar-dhealachadh ri bhi air aithneachadh 
eadar na daoine taghta agus muinntir eile, mu'm bheil iad 
air an iompachadh ; mar tha ghrian a' dealradh air agh- 
aidh an duine dhoill, agus a tha'n t-uisge tuiteam air na 
creagaibh co raaith as air a' mhachair thoraich ; mar sin tha 

M 



178 

sinne a' searmonachadh Chriosd do na h-nile, agns tilgeadh 
an t-saighead air thuairmeas, a threoraicheas Dia fèin 
mar a chi e iomchuidh. Os barr, cha 'n 'eil na gairmean 
agus na h-earailean so gu h-uile an diomhain, eadhon 
dhoibhsan nach 'eil air an iompachadh leo. Feudaidh an 
leithide sin do mhuinntir mothachadh fhaotainn, ged 
nach 'eil iad air an iompachadh : ged nach bi iad air an 
naomhachadh leis na meadhonna sin, feudaidh iad gidh- 
eadh a bhi air am bacadh leo, o ruith gus an neo-mheas- 
arrachd sin do aingidheachd, gus an ruitheadh iad mur 
bhi iad so. Tha meadhonna nan gràs mar gn b' ann, a' 
cnr ola chùbhraidh air iomadh anam marbh, nach 'eil a 
chaoidh air an ath-bheothach leo; ged nach 'eil iad 'g an 
aiseag gu beatha, tha iad gidheadh, 'g an cumail o aileadh 
breun a bhi dhiubh co laidir as a bhitheadh dhiubh air 
dhoigh eile. Fadheoidh, Ged nach urrainn dhuibh sibh fèin 
a leigheas no greim a dheanamh air a chuideachadh a ta air 
a thairgse dhuibh anns an t-soisgeul, gidheadh, eadhon le 
cumhachd naduir, feudaidh sibh feum a dheanamh do na 
meadhonna follaiseach agus gnathaichte, leis am bheil 
Criosd a' co-pairteachadh sochaire na saorsa do pheac- 
aich chaillte, a ta tur neo-chomasach air iad f èin a shaoradh 
o staid a' pheacaidh agus na feirge. Feudaidh, agus is 
urrainn sibh, ìna 's aill leibh, iomadh ni a dheanamh, a 
chuireadh sibh ann an rathad maith air son cobhair 
fhaotainn o'n Tighearn Iosa Criosd. Feudaidh sibh dol co 
fad air bhur n-aghaidh, as "nach bi sibh fada o rioghachd 
Dhè," mar a rinn an sgriobhach tuigseach, (Marc. xii. 34.) 
ged bha e a reir coslais, as eugmhais comasan os ceann na- 
duir. Ged nach urrainn duibh sibh fèin a leigheas, gidh- 
eadh feudaidh sibh teachd a dh'ionnsuidh an lochain far an 
robh moran d' ur leithidse do dhaoine euslainteachd air an 
leigheas. Cha 'n 'eil neach agaibh gu 'r cur ann, gidheadh 
feudaidh sibh luidhe aig a thaobh ; agus, " Cò aig am bheil 
fios nach pill an Tighearn, agus nach fàg e beannachd 'na 
dheigh'T' Mar ann an cor an duine euslan, a ta air ain- 
meachadh, Eoin v. 5 — 8. Tha mi 'n dochas nach 'eil Satan 
'g ur cumail le slabhraidhean ri 'r tighibh, na 'gur ceangal 
le cuibhreach air bhur raontaibh air la an Tighearna ; ach gu 
bheil sibh aig saorsa, agus gu 'm feud sibh feitheamh aig dorsa 
a' Ghliocais ma's aill libh. Agus an uair a tha sibh a' teachd 
an sin, cha'n 'eil e bualadh dhrumachan 'nur cluasaibh, 



179 

air chor as nach cluinn sibh ciocl a tha air a ràdh : cha'n 
'eil ainneart air a dheanamh, a thoirt oirbh gach ni a 
chluinneas sibh a chàradh ri muinntir eile : feudaidh sibh 
gach ni a ta freagarach d' ur staid agus cor a chàradh 
ribh fèìn : agus an uair a theid sibh dhachaidh, cha'n 'eil 
sibh air bhur ceangal 'nur tighibh, far as maith a dh' 
fheudta nach 'eil coluadar diadhaidh ri chluinntinn, ach 
feudaidh sibh dol a thaoibh gu aite dìomhair, far am feucl 
sibh beachd-smuaineachadh, agus ceistean iomchuidh a chur 
ri' ur coguis, mu na chuala sibh. Cha'n 'eil sibh air bhur 
sealbhachadh le diabhul balbh, air chor as nach urrainn 
sibh bhur beoil fhosgladh ann an urnuigh ri Dia. Cha'n 
'eil sibh air bhur fuadachadh as bhur leapaichibh g' ur 
gnothuiche saoghalta, agus o bhur gnothuiche saoghalta 
gu'r leapaichibh a rìs, as nach feud sibh, nam b' aill leibh, 
ùin' a bhuileachadh ann an urnuigh ri Dia, mu staid bhur 
n-anama a ta dol a dhìth. Feudaidh sibh sibh fèin a 
cheasnachadh mu staicl bhur n-anama, air sheol cudthromach 
mar ann an lathair Dhè. Feudaidh sibh a bhreithneachadh 
nach 'eil gràs agaibh ; agus gu bheil sibh caillte agus air 
bhur sgrios as eugmhais, agus gu 'm feud sibh eigheach 
ri Dia air a shon : Tha na nithe sin ann an comas 
bhur naduir, agus feudar an cleachdamh far nach 'eil gràs. 
'S eigin gu 'n tromaich e bhur cionta, nach 'eil sibh aig 
urrad do shaothair mu thimchioll staid agus cor bhur 
n-anama luachmhoir. Agus mur dean sibh na 's urrainn 
dhuibh a dheanamh, bithidh sibh air bhur dìteadh, cha'n 
ann a mhàin ais son bhur n-uireasbhuidh gràis, ach air son 
bhur dimeas air. 

Ceist (3.) Ach tha so uile neo-fheumail, a chionn gu 
bheil sinn gu h-iomlan neo-chomasach air sinn fèin a 
chumail a mach à staid an pheacaidh agus na feirge. 
Freagradh, Na tugaibh aite do 'n mhealladh sin, a ta 
cur o cheile na nithe a cheangail Dia ri cheile ; eadhon, 
gnathachadh nam meaclhonna, agus mothachadh a bhi 
againn air ar neo-chomas fèin. Ma thig Spiorad Dhè gu 
brath a dh' oibreachadh le cumhachd grasmhor ann bhur 
n-anama, bithidh an sin lan-mhothachad agaibh air bhur 
n-uile neo-chomas, agus gidheadh theicl sibh a ghnathach- 
adh nam meadhonna gu beothail. Ni sibh air bhur son 
fèin, niar gu 'n deanadh sibh an t-iomlan ; agus meas- 
aidh sibh gach ni a ni sibh, mar nach deanadh sibh 



180 

ni sam bith. Nach dean sibh ni sam bith air bhur son 
fèin, a chionn nach urrainn sibh an t-iomlan a dheanamh? 
Na deanaibh co-dhunadh co chruaidh as sin an aghaidh 
bhur n-anama fèin : Deanaibh na 's urrainn dhuibh, agus 
theagamh am feadh a ta sibh a' deanamh na 's urrainn 
dhuibh air bhur son fèin, gu'n dean Dia air bhur son 
sin nach urrainn sibhse dheanamh. "Am bheil thu tuig- 
sinn na nithe a ta thu lenghadh ? " ars' Philip ris a' Chaill- 
teanach : " Agus thubhairt esan, Cionnus is urrainn mi, 
mur seol neach eigin mi?" Gniomh. viii. 30, 31. Cha 
b' urrainn dha 'n sgriobtur a thuigsinn a bha e leughadh, 
gidlieadh b' urrainn dha leughadh: rinn e na b' urrainn 
dha, leugh e ; agus am feadh a bha e leughadh, chuir Dia 
fear-mìneachaidh d' a ionnsuidh. Bha na h-Israelich ann 
an teanntachd mhor aig an fhairge ruaidh ; agus cionnus a 
b' urrainn doibh iad fèin a chuideachadh, an uair a bha 
beannta air an dara laimh ; agus freiceadan nan naimhde 
air an laimh eile ? An uair a bha Pharaoh agus a shluagh 
air an culaobh, agus an fhairge ruadh rompa; ciod a 
b' urrainn iad a dheanamh ? " Abair ri cloinn Israel " ars' an 
Tighearn ri Maois, "dol air an aghaidh," Ecsod. xiv. 15. 
Ciod a' chrioch air son an rachadh iad air an aghaidh ? 
An urrainn dhoibh slighe reidh a dheanamh dhoibh fèin 
troimh 'n fhairge 1 Cha 'n urrainn : ach rachadh iad air 
an aghaidh, a deir an Tighearn ; ged nach urrainn doibh 
fairge a thionndadh gu talamh tioram, gidheadh is urrainn 
dhoibh dol air an aghaidh gus a' chladach, agus mar sin 
rinn iad ; agus an uair a rinn iad na dh'fheudadh iad, 
rinn Dia air an son an ni nach b' urrainn dhoibhsan a 
dheanamh. 

Ceist. An do gheall Dia gu 'n iompaicheadh agus gu'n 
tearnadh e iadsan, a ta ann an gnathachadh nam meadh- 
onna, a' deanamh na dh'fheudas iad a chum iad fèm a 
shaoradh ? Freagradh, Cha'n fheud sinn labhairt gu h- 
eucorach mu Dhia : Air do dhaoine nadurra bhi 'nan 
coigrich do choimhcheangal a' gheallaidh, (Eph. ii. 12.) 
cha'n 'eil a leithid sin do ghealladh air a dheanamh dhoibh. 
Gidheadh cha 'n 'eil iad a' deanamh gu reusanta, mur 
'eil iad a' deanamh feum do na h-uile comas a th' aca, 
agus mur dean iad na dh'fheudas iad. Oir, (1.) Tha 
e so-dheanta gu 'm feucl iad soirbheachadh san t-slighe 
so. Ma ni sibh na dh'fheudas sibh, theagamh gu 'n dean 






181 

Dia air bhur son ni nach urrainn sihh a dheanamh air 
bhur son fèin. Is leoir so a thoirt air duine roghainn a 
dheanamh ann an gnothuch co chudthromach as so, 
Gniomh. viii. 22. "Guidh air Dia, ma dh'fheudar gu 
maithear dhuit smuainte do chridhe." Ioel ii. 14. " Cò 
aig am bheil fios nach pill eV' Ma dh'fheudar duil a 
bhi ri soirbheachadh, bu choir an oidhirp a thabhairt, 
Ma 's e, ann an long-bhriseadh aig fairge, gu 'n gabh- 
adh gach fear do na maraichean agus do 'n luchd-siubh- 
ail, bord briste chum e fdin a thearnadh, agus gu 'm 
faiceadh aon diubh cach uile 'gan call, an deigh an uile dhich- 
ioll gu iad f èin a thearnadh ; gidheadh bheireadh an doch- 
as air tearnadh air an doigh so, airsan na dh'fheudadh e 
dheanamh le mhìr briste. C' arson uime sin, nach 'eil 
sibh a' reusonachadh ribh fèin, mar a rinn a' cheathrar 
lobhar, a shuidh aig geatacha Shamaria, 2 Righ vii. 3, 4. 
C' arson nach 'eil sibh ag ràdh, " Ma dh'fhanas sinn an so, 
gun a bhi deanamh na 's urrainn dhuinn, bàsaichidh sinn ; 
thugamaid an oidhirp, ma bhios sinn air ar caomhnadh 
bithidh sinn beo : mur bi, cha 'n fhaigh sinn ach am bàs. 
(2.) Feudaidh e bhi gu 'n soirbhich an rathad so : tha Dia 
maith agus trocaireach ; is toigh leis iongantas a chur air 
daoine le 'ghràs, agus tha e gu tric " air fhaotainn leosan 
nach robh ga iarraidh," Isa. lxv. 1. Ma ni sibh so, tha sibh 
an fhad so an rathad bhur dleasdanais ; agus tha sibh a' 
deanamh feum do na meadhonna, leis an gnathach leis an 
Tighearna daoine bheannachadh, air son leigheis spiorad- 
ail : tha sibh 'gur cur fèin ann an rathad an Leigh mhòir ; 
agus mar sin feudaidh gu 'm bi sibh air bhur leigheas. 
Chaidh Lidia le muinntir eile " do'n àite far am b' àbhaist 
urnuigh a dheanamh, agus dh'fhosgail an Tighearn a 
cridhe," Gniomh. xvi. 13, 14. Tha sibh a' treabhadh agus 
a' cur, ged nach urrainn neach sam bith innseadh dhuibh 
gu cinnteach, gu 'm faigh sibh urrad as bhur siol a rìs. 
Tha sibh a' gnàthachadh meadhonna chum bhur slainte, 
ged nach 'eil sibh cinnteach gu 'n soirbhich iad. Anns na 
nithibh sin tha dochas gu 'r cur thuige ; agus c' arson 
nach deanadh sibh sin sa' chùis so mar an ceudna? 
Tha sinn a' faicinn, gu faigh dian athchuinge mor- 
bhuaidh am measg dhaoine ; air an aobhar sin bithibh ag 
urnuigh, a' beachd-smuaineachadh, agus ag iarraidh conih- 



182 

nadh o Dhia; bithibh tric aig caithir nan gràs a guidhe 
air son gràis; agus na failnichibh. Ged nach 'eil suim 
aig Dia dhibhse, a ta san staid sam bheil sibh, 'nur n-aon 
mheall peacaidh; gu h-uile graineil agus air bhur truaill- 
eadh, ann an uile bhuaghaibh bhur n-anama; feudaidh 
esan, gidheadh, meas a chur air 'ordugh fèin. Ged nach 
'eil suim aige do 'ur n-urnuighean no do 'ur beachd-smuain- 
eachadh, gidheadh feudaidh meas a bhi aige do urnuigh, 
do bheachd-smuaineachadh, agus an leithide sin do mheadh- 
onna a ta air an òrduchadh leis fèin, agus mar sin am 
beannachadh dhuibhse. Uime sin, mur dean sibh na dh' 
fheudas sibh ; cha 'n e mhain gu bheil sibh marbh, ach tha 
sibh a' toirt breith oirbh fèin nach fìu sibh a bheatha 
mhaireannach. 

Gu co-dhunadh, Gabhadh na naoimh iongantas ri 
saorsa agus cumhachd grais, a thainig d' an ionnsuidh 'nan 
staid uireasbhuich, a thug air an cuibhrichean tuiteam 
dhiubh, air a' gheata, iaruinn fosgladh dhoibh, a thog an 
creutair caillte, agus a thug a mach iad o staid a' pheac- 
aidh agus na feirge, san luidheadh iad, agus san rachadh iad 
a dhìth, mur bitheadh iad gu trocaiieach air am fìosrach- 
adh. Biodh mothachadh aig an duine nàdurra air a neo- 
chomas gu e fèin a leigheas. Biodh fios agad gu bheil thu 
gun neart, agus nach urrainn duit teachd a dh'ionnsuidh 
Chriosd, gus am bi thu air do tharruing. Tha thu caillte, 
agus cha 'n urrainn dhuit thu fèin a chobhair. Feudaidh 
so steidh do dhochais a chrathadh, thusa nach fhaca riamh 
t' fhior-fheum air Criosd agus air a ghras ; ach a ta 'm 
barail gu 'n dean thu solar air do shon fèin, le d' mhodh- 
alachd, le d' dheadh-bheusan, le d' iarrtais agus le d' dhleas- 
danais mharbh ; agus le creidimh agus aithreachas, a dh' 
fhàs suas a' d' bhuagha nadurra, as eugmhais cumhachd 
agus eifeachd grais Chriosd. biodh mothachadh agad 
air t'fhior-fheum air Criosd, agus air a ghrasa buadhach- 
san : creid do neo-chomas gu h-iomlan air thu f&n a leigh- 
eas ! agus mar sin feudaidh tu bhi air t' irioslachadh, air do 
chrathadh à t'fhein-earsba, agus luidhe sios an duslach agus 
luaithre, ag osnaich a mach do chor truagh an lathair an 
Tighearna. Bhiodh sealladh iriosal do d' laigse nadurra ; 
laigse an naduir thruaillidh, 'na cheum a chum fuasglaidh. — 
An fhad so mu staid nadurra 'n duine, staid truaighe iomlan. 



183 



STAID III, 



EADHON, 

STAID GRAIS; NO SAORSA AIE TOISEACHADH. 



CEANN I. 

ATH-GHINEAMHUIK 

" Air dhuìbh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha'n ann o shiol truaillidh, ach 
neo-thruaillidh, le focal an De bheo agus a mhaireas gu siorruidh." 

1 Phead i. 23. 

Theid sinn a nis air ar n-aghaidh gu staid a' ghrais, staid 
toiseachaidh leigheis nàduir an duine, gus am bheil na 
h-uile a bhios 'nan luchd comhpairt do shonas siorruidh 
air an atharrachadh, luath no mall anns an t-saoghal 
so. Is ni e a ta sruthadh o atharrachadh gràsmhor air a 
dheanamh orrasan a shealbhaicheas a' bheatha mhairean- 
nach ; f eudar an t-atharrachadh so bheachdachadh anns an 
dà ni so : (1.) A thaobh fior staid an naduir, staid na 
truaillidheachd, tha caochladh air a dheanamh orra ann an 
ath-ghineamhuin, leis am bheil an nadur air atharrachadh. 
(2.) Do thaobh an staid mar fuidh 'n lagh, staid feirge, 
tha atharrachadh air a dheanamh orra, le iad a bhi air an 
aonadh ris an Tighearna Iosa Criosd ; leis am bheil iad air 
an cur an taobh a mach do dhìteadh. Tha rùn orm, air an 
aobhar sin, iad sin a laimhseachadh, eadhon, Ath-ghineamhuin, 
agus Aonadh ri Criosd, mar na h-ath-arrachaidhean mòr 
agus farsuinn a ta air an deanamh air peacach leis am bheil 
e air a shuidheachadh am an staid a' ghràis. 

Tha cheud aon diubh sin againn anns a' bhonn-teagaisg, 
maille ris na meadhonna gnathaichte o 'n taobh a mach, leis 
am bheil e air thoirt mu 'n cuairt. Tha ? n t-Abstol ann an 
so, chum na naoimh a bhrosnachadh gu dleasdanas na naomh- 
achd a leantuinn, agus gu h-araid gu gràdh brathaireil, 'g 



184 

an cur an cuimbne mu 'n gbineambuin spioradail : Tha e 'g 
innseadb dboibh gu 'n robh iad air am breith a rìs; agus 
sin leis an t-siol neo-thruaillidh, le focal Dhè. Tha so a' 
taisbeanadh gu 'n robh iad 'nam braitbrean, 'nan luchd comh- 
pairt do 'n nadur nuadh cheudna, an ni is e 'n fhreumb o "m 
bheil naomhachd, agus gu h-araid o'm bheil gradh brath- 
aireil a' sruthadh. Tha sinn aon uair air ar breith 'nar pea- 
caich, is eigin duinn a bbi air ar breith a ris, chum gu biodh- 
amaid 'nar naoimh. Tha'm focal fèin a' ciallachadh a bhi air 
ar gineamhuin ; agus is ann mar sin a dh'fheudar a leugh- 
adh, Mat. xi. 11. a bhi air ar gineadb, Mat. i. 20. agus a bhi 
air ar breith, Mat. ii. 1. A reir sin, feudar am focal so anns 
a' bhonn-teagaisg a ta air a tharruing o 'n fhocal eile, a 
ghabhail anns an t-seadh is farsuinne, agus mar so am beachd 
mu dheireadh a filleadh a steach anns an dà bheachd eile ; 
agus mar sin, tha ath-ghineamhuin 'na fior-atharrachadh 
os ceann naduir air an duine gu h-iomlan, gu h-iomchitidh 
air a coimeas ri gineamhuin nadurra no corporra, mar a 
chithear an deigh so. Meadhonna gnathaicbte na b-ath- 
ghineamhuin, d' an goirear an siol, o 'm bbeil an nuadh 
chreutair air a dhealbh cha siol truaillidh e : do shiol 
truaillidh, tba an cuirp gun amharus air an gineamhuin : 
Ach tha'n siol spioradail, o'm bheil an creutair nuadh air 
a ghineamhuin, neo-thruaillidb ; eadhon, Focal an Dè 
bheò, agus a mhaireas gu siorruidh. Tha fuaim focail 
Dè a' dol thairis eadhon mar ni fuaime eile; ach mairidh 
am focal, bithidh e beò, agus fanaidh e, do thaobh a bhuaidh 
shiorruidh air na h-uile air am bheil e ag oibreacbadh, 
'Se 'm focal, "a ta air a shearmonachadh dhuibhse anns an 
t-soisgeul," rann 25. 's a ta air a choimeasgadh le Spiorad 
Dhe, meadhon na h-ath-ghineamhuin ; agus is ann leis a 
ta peacaich mharbh air an togail gu beatha. 

Teagasg. Tha na h-uile duine a ta ann an staid grais 
air am breith a rìs. Tha na h-uile neach grasmhor, 'se 
sin ri radh, iadsan a tha 'n staid fabhoir ri Dia, agus aig 
am bbeil nadur agus buaghan grasmhor, 'nan daoine iom- 
paichte. Ann an labhairt mu 'n teagasg so, Nochdaidh mi, 
ciod i ath-ghineamhuin : A rìs, c' uime a ghoirear sin dhi : 
agus an sin ni mi cleachdamh do 'n teagasg. 

MU NADUR NA H-ATH-GHINEAMHUIN. 
I. A chum nàdur na h-ath-ghineambuin a tbuigsinn gu 



185 

ceart, thoir fa'near, sa' cheud àite :' Mar a tlia toirreachas 
mealltach ann an nàcìur, gu bheil e mar an ceudna ann an 
gràs. Agus leo sin tha moran air am mealladh ; a' gabh- 
ail cuid do atharrachaidhean a rinneadh orra an àit an 
atharrachaidh mhor agus iomlan so. A chum na mear- 
achdan sin a thoirt as an rathad, biodh na nithe so 
leanas air an tabhairt fa'near : 1. Their moran am math- 
air ris an eaglais, nach aidich Dia a bhi 'nan cloinn 
da fèin, Dàn Sholaimh i. 6. Bha mic mo mhathar 
(braithrean breige) am fearg rium. Cha'n 'eil na h-uile 
a ta air am baisteadh air am breith a ris : Bha Simon air 
a bhaisteadh, gidheadh fathast " ann an domblas na seirbhe, 
agus fuidh chuibhreach na h-eucorach," Gniomh. viii. 13, 
23. Far an e an creidimh Criosduidh aidmheil na dùcha, 
bithidh moran air an ainmeachadh air Criosd, aig nach 'eil 
ni sam bith ni 's mò dheth no 'n t-ainm : Agus clia'n iogh- 
nadh sin, do bhrigh gu'n robh aig an diabhul a ghabhair 
am measg chaorach Chriosd, sna h-àitibh sin anns nach 
robh ach tearc a bha 'g aidmheil a' chreidimh Chriosduidh, 
1 Eoin ii. 19. " Chaidh iad a mach uainne, ach cha robh 
iad dhinn." 2. Cha'n e foghlum fallain ath-ghineamhuin. 
Feudaidh foghlum ana-mianna dhaoine chuibhreachadh, 
ach cha'n urrainn e 'n cridheaehan atharrachadh. Tha'm 
madadh-alluidh 'na chreutair millteach fathast, ged tha 
e an geimhlibh. Bha Iosa gle dhiadhaidh fhad 'sa bha 
dheadh fhear teagaisg Iehoiada beò ; ach 'na dheigh sin 
nochd e gu h-ealamh ciod an spiorad d' an robh e le 
tuiteam obainn o'n chreidimh, 2 Eachd. xxiv. 2, 17, 18. 
Tha deadh eiseimpleir gle neartmhor, ann an atharrach- 
adh an duine o'n taobh a niach , ach tha'h t-atharrachadh 
sin gu tric a' dol dheth, 'nuair a tha neach ag atharrachadh 
a chuideachd ; air am bheil iomadh dearbhadh air a thabh- 
airt anns an t-saoghal. 3. Tha bhi tionndadh o mhi- 
naomhachd fholaiscach gu modhalach agus measarrachcl 
a' teachd gearr air an atharrachadh shlainteil so. Tha 
cuicl, a ta car aimsir, gle fhuasgailte, gu h-araid an laith- 
ibh an òige ; ach tha iad an deigh sin ag ath-leasachadh, 
agus a' fàgail an slighean mhi-naomha. Ann an so tha 
caochladh, gidheadh is caochladh e a dh'fheudar fhaot- 
ainn ann an daoine a ta gu tur as eugmhais gràis Dè, agus 
aig am bheil am fireantachd a' teachd co fada gearr, is 
nach 'eil i teachd suas ri fireantachd nan S&riobhaiche 



186 

agus nam Phairiseach. 4. Feudaidh neach a bhi 'n sàs 
ann an uile dhleasdauais na diadhachd o'n taobh a mach 
agus gidheadh gun a bhi air a bhreith a ris. Ged 
fheudar luaidhe a thilgeadh gu iomadh dealbh, gidheadh 
cha'n 'eil innte fathast ach miotailte shuarach. Feudaidh 
daoine dol as o shalachar an t-saoghail, agus gun iad a bhi 
ach 'nan coin agus 'nam mucan, 2 Pead. iii. 20, 21. Tha 
uile ghniomhara na diadhachd o 'n taobh a mach, an taobh 
a stigh do chomasan nadurra. Seadh, feudaidh dealbh 
uile ghrasan an spioraid a bhi aig cealgairean ; oir tha 
sinn a leughadh mu fhior-naomhachd, Eph. iv. 23. agus 
creidimh neo-chealgach, 1 Tim. i. 5. a ta taisbeanadh gu 
bheil dealbh naomhachd, agus creidimh cealgach ann. 
5. Feudaidh daoine bhi gle theann anns an diadhachd 
a th' aca; agus gidheadh a bhi 'nan coigrich do'n nuadh- 
bhreith, Gniomh. xxvi. 5. " Chaith mi mo bheatha a' 
m' Phairiseach, a reir an luchd chomh-bharail as teinne 
d' ar creidimh-ne." Tha e teanntachd neo-naomhaichte 
fèin aig nadur ann an creidimh. Bha urrad do'n teannt- 
achd so aig na Phairisich, as gu'n robh iad ag amharc 
air Criosd mar neach nach b' fhearr no duine fuasgailte. 
Duine aig am bheil a choguis air a dusgadh, agus a ta 
beo fuidh chumhachd choimhcheangail nan oibre, ciod 
nach dean e, a ta 'n taobh a stigh d' a chomasan nadurra 1 
B' i 'n fhirinn a bh' ann, ge do thainig i mach o bheul 
ifrinneil, "croicionn air son croicinn, eadhon gach ni a ta 
aig duine, bheir e air son anama," Iob ii. 4. 6. Feudaidh 
geur shaothair-anama agus pianta a bhi aig neach, agus 
gidheadh bàsachadh anns an inbhe bhreith. Bha moran 
ann am pein, nach d'thug a mach ach, mar gu b' ann, 
gaoth. Feudaidh piantan gorta agus agartais coguis a bhi 
ann, a thig gu neo-ni mu dheireadh. Bha aig Pharaoh 
agus aig Simon Magus a leithid do mhothachadh, a sa thug 
orra urnuighean muinntir eile iarraidh air an son : ghabh 
Iudas aithreachas, agus fuidh uamhasan coguis, thug e 
air an ais a bhuinn airgid a fhuair e gu h-ana-ceart. 
Cha'n òr gach ni a dhearsas : Feudaidh craobhan teachd 
fuidh bhlath gealltuinneach san earrach, air nach faighear 
toradh sam bith san fhoghara : agus tha aig cuid do 
mhuinntir saothair-gheur anama, nach 'eil ach 'nan roimh- 
bhlas air ifrinn. 

Feudaidh dochainn bhi air a dheanamh air an nuadh- 



187 

bhreith, ciod sam bith an deadh choslas a ta orra 'na toiseach, 
air dà dhoigh. Air tùs, Tha cuid cosmhuil ri Sarah, (Gen. 
xxxviii. 28, 29.) a' teachd gus a' bhreith ach a' dol air an 
ais a rìs. Tha mothachaidhean geur aca car tamuill ; ach 
tha iad sin a' dol air falbh, agus tha iad a' fas co neo-chur- 
amach mu thimchioll slainte, co ain-diadhaidh 'sa bha iad 
riamh, agus gu tric ni's miosa na bha iad riamh ; " bithidh 
an staid dheireannach ni's miosa na an toiseach," Mat. xii. 
45. Tha iad a' faotainn gràs dusgaidh, ach cha'n 'eil iad a' 
faotainn gràs iompachaidh ; agus tha sin a' dol air falbh a lion 
ceum is ceum, mar tha solus an fheasgair a' dol air falbh, 
gus an crìochnaich e ann an dorchadas a' mheadhoin oidhche. 
San dara àite, Tha cuid a tha cosmhuil ri Ismael a' 
teachd a mach tuilleadh is luath ; tha iad air am breith 
roimh àm a' gheallaidh, Gen. xvii. 2. coimeis Gal. iv. 22. 
agus na roinn a leanas. Tha iad air an togail le oibre 
lagha mhain, agus cha'n 'eil iad a' fuireach gu àm geallaidh 
an t-soisgeil. Tha iad a' glacadh thuca comhfhurtachd 
an t-soisgeil, is cha'n 'eil iad a' feitheamh gus am bheil 
e air a thabhairt doibh ; agus tha iad gu h-amaideach a' 
tarruing an comhfhurtachd o'n lagh a lot iad. Tha iad 
a' caradh an ioc-shlaint leigheas riu fèin, mu'm bheil an 
lot gu leoir air a rannsachadh. Tha'n lagh, am fear-posda 
an iochdmhor sin, 'gam bualadh gu goirt, agus tha e tilg- 
eadh mallachadan agus dioghaltais a steach air an anama ! 
An sin tha iad a' toiseachadh air ath-leasachadh, air ur- 
nuigh, air bròn, air geallaidhean agus air bòideachadh, 
gus am bi an spiorad so air a chur 'na thosd ; 'nuair a tha 
sin air a dheanamh, tha iad a rìs a' tuiteam 'nan codal 
ann an gàirdeinibh an lagha : ach cha'n 'eil iad idir air an 
crathadh a mach asda fèin, no as am fìreantachd fèin, no 
air an tabhairt air an aghaidh gu Iosa Criosd. San àite mu 
dheireadh, Feudaidh giuasad iongantach nan aignidhean a 
bhi ann an anama ris nach do bheanadh idir le gràs an iom- 
pachaidh. Far nach 'eil gràs, feudaidh gidheadh gu'm bi 
tuilte do dheoir, mar ann an Esau, nach d' fhuair àit 
aithreacbais, ge do dh'iarr se e gu durachdach le deuraibh, 
Eabh. xii. 17. Feudaidh lasaidhean mor do dh'aoibh- 
neas a bhi ! mar ann an luchd eisdeachd an fhocail, a ta 
air an cumail a mach anns a' chosamhlachd, leis an fhear- 
ann chlachaidh, muinntir "a ta gabhail ris air ball le gaird- 
eachas," Mat. xiii. 20. Feudaidh mar an ceudna iarrtais 



188 

mhor a bhi 'n deigli nithe maith, agus mor-thlachd annta 
mar an ceudna, mar anns na cealgairibh sin a ta air am 
ainmeachadh, Isa. lviii. 2. "Gidheadh o là gu là tha iad 
'gam iarraidh-sa; agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo 
shlighibh." — Is miann leo bhi teachd dluth do Dhia. Faic 
co ard as a dh' fheudas iadsan air uairibh seasamh, a ta 
fathast a' tuiteam air falbh ! Eabh. vi. 4, 5, 6. Feudaidh 
iad a bhi air an " soillseachadh, agus blasad air an tiodhlac 
neamhaidh, a bhi 'nan luchd comh-pairt do'n Spiorad 
naomh, agus blasad air deadh fhocal Dè, agus cumhachdan 
an t-saoghail ri teachd." Tha oibreachadh coitchionn 
spioraid Dhè, cosmhuil ri tuil air fearann, a' deanamh 
tionndaidh iongantach air nithe 'gan cur bun os ceann. 
Agus 'nuair tha iad a' dol seachad, tha na h-uile ni a' ruith 
anns a' chlais ghnathaichte a ris. Feudaidh na nithe sin 
uile bhi, far nach 'eil spiorad naomhachaidh Chriosd aig 
àm sam bith a' tàmh anns an anam, ach tha'n cridhe 
cloiche fathast a' mairsinn ; agus anns a' chor sin, cha'n 
urrainn na h-aignidhean sin gu'n seargadh, a chionn nach 
'eil freumh aca. 

Ach tha ath-ghineamhuin 'na h-atharrachadh fior, agus 
iomlan leis am bheil an duine air a dheanamh 'na chreutair 
nuadh, 2 Cor. v. 17. Tha'n Tighearna Dia.a' deanamh 
a' chreutair 'na chreutair nuadh, mar tha'n t-6r-cheard a 
leaghadh sios soitheach na h-eas-onoir, agus 'ga deanamh 
'na shoitheach a chum onoir. Tha'n duine, a thaobh a staid 
nadurra, gu h-uile as a riaghailt leis an tuiteam ; tha gach 
aon bhuaiclh do'n anam, mar gu b' ann air an cur as an 
àite : Ann an ath-ghineamhuin, tha'n Tighearn a' fuasgladh 
na h-uile alt, agus 'ga chur ceart a rìs. A nis, tha 'n t- 
atharrachadh so a ta air a dheanamh san ath-ghineamhuin, 

1. 'Na atharrachadh air gneithibh agus an-tograibh an 
anama. Cha'n atharrachadh e air brìgh, ach air gneithibh 
an anama. Tha na gneithean truailJidh air an gluasad air 
falbh, agus na gneithean a ta 'nan aghaidh sin air an tabhairt 
'nan àite : " Tha'n seann duine air a chur deth," Eph. iv. 22. 
" Tha'n nuadh cllmine air a chuir uime," rann 24. Cha do 
chaill an duine aon do bhuaghan rcusanta anama leis a' pheac- 
adh : tha tuigse aige fathast, ach bha i air a dorchachadh ; 
bha fathast toil aige, ach bha i an aghaidh toil Dhè. Mar 
sin, ann an ath-ghineamhuin, cha'n 'eil brìgh nuadh air a 
cruthachadh, ach tha gneithcan nuaclh air an co-pakt- 



189 

eachadh ; solus an aite ' dorchadais, fireantachd an aite neo- 
fhireantaehd. 

2. Is atharrachadh os ceann nadur i. Tha esan " a ta 
air a bhreith o rìs, air a bhreith o'n Spiorad," Eoin iii. 5. 
Feudaidh atharrachaidhean mor a bhi air an deanamh le 
cumhachd nàduir, gu h-araid 'nuar a tha e air a chuid- 
eachadh le meadhonna nan gràs o'n taobh a mach : agus 
feudaidh nadur a bhi air a thabhairt gu airde co mor le 
oibreachadh coitchionn an Spioraid, as gu'm feud neach 
leo sin a bhi air a thionndadh gu bhi 'na dhuine eile, (mar 
bha Saul, 1 Sam. x. 6.) neach gidheadh nach d' fhàs 
riamh fathast 'na dhuine nuadh. Ach, ann an ath-ghin- 
eamhuin, tha nadur fèin air atharrachadh, agus tha sinn 
air ar deanamh 'nar luchd comhpairt do 'n nadur dhiadh- 
aidh : agus is eigin di so a bhi na h-atharrachadh os ceann 
naduir. Cionnus is urrainn dhuine, a ta "marbh ann an 
euceartaibh agus ann am' peacaibh," sinn fèin ath-nuadhach- 
adh, ni 's mò na 's urrainn do dhuine marbh e fèin a thog- 
ail as an uaigb 1 ? Cò, ach spiorad naomhachaidh Chriosd, 
is urrainn Criosd a dhealbh anns an anam, a chum athar- 
rachadh gus an iomhaigh cheudna 1 ? Cò ach "Spioraid an 
naomhachaidh," is urrainn cridhe nuadh a thabhairf? Is 
maith a dh'fheudas sinn a ràdh, nuair a chi sinn duine mar 
so air atharrachadh, Is e so meur Dhè ! 

3. Is atharrachadh e.gu coslas Dhè, 2 Cor. iii. 18. "Air 
bhi dhuinne — ag amharc mar ann an sgathan air gloir an 
Tighearna, tha sinn air ar n-atharrachadh chum na h-iomli- 
aigh ceudna." Gach ni a ta gineamhuin, ginidh e a ghnè, 
fein. Tha 'n leanabh a' giulan iomhaigh a pharanta ; 
agus tha iadsan a ta air an gineadh o Dhia, a' giulan 
iomhaigh Dhè. Air do 'n duine bhi ag iarraidh e fèin a 
dheanamh mar Dhia, rinn se e fèin cosmhuil ris an diabhul. 
'JSTa staid naduir tha coslas an diabhuil air, mar tha coslas 
athar air leanabh, Eoin viii. 44. " Tha sibhse o bhur n-athair 
an diabhul. Ach 'nuair a tha'n t-atharrachadh sona so 
a' teachd, tha iomhaigh Shatain air a tabhaiit air falbh, 
agus tha iomhaigh Dhè air a h-aiseag. Is e Criosd fèin, 
neach "as e dealradh gloir an Athar, an riaghailt a reir 
am bheil an creutair nuadh air a dhealbh, Kom. viii. 29. 
" Oir an dream a roimh-aittmich e, roimh-orduich e iad mar 
an ceudna chum a bhi co-chosmhuil ri dealbh a Mhic." 



190 

Uaith so a deirear uime, gu blieil e air a dhealbh anns a' 
mhuinntir ath-nuadhaichte, Gal. iv. 19. 

4. Is atharrachadh farsuinn e : " Rinneadh na h-uile nithe 
nuadh," 2 Cor. v. 17. Is taois bheannaichte e, a gheuraicheas 
am meall uile, an spiorad uile, an t-anam, agus an corp. 
Tha peacadh gin a' truailleadh an duine gu h-iomlan; 
agus tha gràs an iompachaidh, ni is e an leigheas, a' dol 
co fada 'sa chaidh an leon. " Tha toradh so an Spioraid anns 
an uile nihaitheas," maitheas na h-inntinn, maitheas na toil, 
mhaitheas nan aigne, maitheas an duine gu h-iomlan. Tha 
neach a' faotainn cha 'n e mhain ceann nuadh, gu eolas 
a ghabhail air diadhachd ; no teanga nuadh, gu labhairt 
uimpe ; ach cridhe nuadh, gu a gradbachadh agus gu 
gabhail rithe, anns an iomlan d' a chaithe-beatha. 'Nuair 
tha 'n Tighearn a' fosgladh tuilte grais air la nuadh-bhreith 
an anama, tha na h-uisgeachan a' ruith troimh 'n duine gu 
h-iomlan, gu ghlanadh agus gu dheanamh torrach. Anns 
na h-atharrachaidhean nàdurra sin mu'n do labhradh 
roimhe, tha mar gu b' ann, mìrean do dh'eudach nuadh 
air an cur air seann trusgan ; beatha nuadh air a fuaigheal 
ri seann chridhe : ach tha'n t-atharrachadh grasmhor, 'na 
atharrachadh dearbhta, 'na atharrachadh araon air cridhe 
agus caithe-beatha. 

5. Gidheadh is atharrachadh neo-iomlan e. Ged tha 
na h-uile earrann do 'n duine air a nuadhachadh, cha'n 'eil 
earrann sam bith dheth nu h-iomlan air a nuadhachadh. 
Mar a tha aig naoidhean na h-uile ball do dhuine ach 
cha 'n 'eil a h-aon diubh air teachd gu fàs iomlan ; mar 
sin tha ath-nuadhachadh a' toirt iomlaineachd do tbaobh 
na h-uile earrann do 'n duine, gu bhi air a toirt air a h-agh- 
aidh ann an ceumaibh na naomhachd, 1 Pead. ii. 2. " Mar 
naoidheanna air an ur-bhreith, iarraibh bainne fìorghlan 
an fhocail, chum as gu fàs sibh leis." Ged a ta ann an 
iompachadh solus neamhaidh air a leigeadh steach do 'n inn- 
tinn ; gidheadh tha fathast cuid do dorchadas an sin : 
Ged tha 'n toil air a nuadhachadh cha 'n 'eil i gu h-iom- 
lan air a nuadhachadh ; tha fathast cuid do'n t-seana 
aomadh gu peacadh a' mairsinn : Agus mar so bithidh a' 
chùis, "gus an cuirear air bul an ni sin nach 'eil ach ann an 
cuid," agus gus an tig solus na gloire a steach. Bha 
Adhanih air a chruthachadh 'na làn-mheudachd ; ach is 
eigin doibhsan a ta air am breith, uine bhi aca gu fàs 



191 

suas : Mar sin tha iadsan a ta air am breith a rìs, a' teachcl 
a mach do shaoghal nuadh nan gràs, ach neo-ionilan ann 
an naomhachd ; ged bha Aclhamh, air dha bhi air a 
chruthachadh dìreach, aig a' cheart àm sin gu h-iomlan 
fireanta, as eugmhais a chiomeasga bu lugha do neo-iom- 
laineachd. 

San àite mu dheireadh, Gidheadh is atharrachadh buan- 
mhaireannach e, nach teid gu brath air falbh. Tha'n 
siol neo-thruaillidh, deir am bonn-teagaisg ; agus mar sin 
tha'n creutair a ta air a dheilbh leis. Cha'n urrainn a' 
bheatha a ta air tabhairt ann an ath-ghineamhuin, ciod 
air bith crionadh fuidh am feud i tuiteam, a bhi gu bràth 
air a call : " Tha shiol a' fantuinn annsann a ghineadh o 
Dhia," 1 Eoin iii. 9. Ge do bhiodh na geuga air an 
gearradh sios, fanaidh an fhreumh anns an talamh ; 
agus air dhi bhi ai a h-uisgeachadh le drùchd neimh, 
fàsaidh i a rìs : Oirr " cha ghluaisear freumh nam firean," 
Gnath-fhocail xii. 3. 

Ach, gu teachd gu nithe fa leth. 

Air tùs, ann an ath-ghineamhuin, tha 'n inntinn air a 
soillseachadh gu slainteil : Tha solus nuadh air a leigeadh 
a steach do 'n tuigse, air chor as iadsan " a bha uair-eigin 
'nan dorchadas, gu bheil iad a nis nan solus san Tighearn," 
Eph. v. 6. Tha dearsaidhean soluis na beatha a' faotainn 
a steach a dh'ionnsuidh slochd dorcha a' chridhe : An 
sin tha 'n oidhche thairis, anns tha solus na maidne air 
teachd, a dhealraicheas ni 's mò agus ni's mò gu ruig an la 
iomlan. A nis tha'n duine air a shoillseachadh. 

1. Ann an eolas Dè. Tha smuainte eile aige mu 
Dhia, nach robh riamh roimhe aige, Hos. ii. 20. " Ni mi 
ceangal posaidh riut ann am firinn, agus gabhaidh tu eolas 
air an Tighearna." Bheir Spiorad an Tighearn air ais 
e chum na ceiste sin, Ciod e Dia? Agus ceasnaichidh 
e as ùr e air a' phuinc mhor sin, air chor as gu'm feud e 
a ràdh, " Le eisdeachd na clnaise chuala mi thu ; ach a nis 
chunnaic mo shùil thu ! " Iob xlii. 5. Tha gloinne dheal- 
ruichte Dhè, à gheur cheartas, uil' fhoghainteachd, agus 
buaghan glormhor eile a ta air am foillseachadh 'na fhocal, 
leis an t-solus nuadh so, air an nochdaclh do 'n anam, le 
soilleireachd agus clearbhachd a tha toirt urrad do bhar- 
rachd air an eolas a bh' aige air na nithibh sin roimhe 'sa 



192 

tha aig sealladh nan sùl air sgeul coitchionn na clnaise. 
Oir tha e nis a' faicinn an ni mhain mu'n do chual e roimhe. 

2. Tha e air a shoillseachadh ann an eolas peacaidh. 
Tha smuainte eile aig uime, na bu ghnath leis. Eoimhe 
cha b' urrainn a shealladh dol tre 'n bhrat a chuir Satan 
aìr ; ach a nis tha Spiorad an Tighearn ga rùsgadh dha, 
agus a' toirt air falbh an dath agus an comhdach, agus 
tha e 'ga fhaicinn 'na dhathan fèin, mar an t-olc as mò, 
"eadhon ro-pheacach," Rom. vii. 13. cia gràineil agus 
uamhasach a ta na h-ana-mianna d' an robh e riomhe 
a' tabhairt gràidh, a nis a' taisbeanadh. Ge do bhitheadh 
iad 'nan sùil dheis, spìonadh e mach iad ; ge do bhitheadh 
iad 'nan laimh dheis, dh'aontaicheadh e an gearradh 
dheth. Tha e faicinn cia cho graineil is a ta peacadh am 
fianuis Dhè, cia co sgriosach is a ta e do'n anam ! agus tha 
e 'ga fhaicinn fèin 'na amadan, air son gu'n robh e co 
fhada cogadlr an aghaidh an Tighearna, agus a' tabhairt 
àite-comhnuidh do 'n fhear-mhillidh sin mar charaid uchd. 

3. Tha e air a theagasg ann an eolas uime fèin. Bheir 
gràs an iompachaidh air an struidheir " teachd chuige fèin," 
Luc. xv. 17. agus ni e daoine lan do shùilibh an taobh à 
stigh, a dh'fhaicinn, gach neach, plàigh a chridhe fèin. Air 
do 'n inntinn a bhi air a soillseachadh gu slainteil tha'n 
duine faicinn co. anabharr truaillidh 'sa tha a nadur; co 
mor sa bha 'n naimhdeas an aghaidh Dliè agus a lagh 
naomh a ghabh comhnuidh fhada an sin, air chor as gu 
bheil anam a' gabhail grain dheth fèin. Cha'n 'eil uaigh 
fhosgailte, na slocan-aolaich, co salach agus graineil 'na 
shuilibh's a ta e fèin, Esec. xxxvi. 31. " An sin cuimh- 
nichidh sibh 'ur droch shlighe fèin, agus 'ur deanadais 
nach robh maith agus fuathaichidh sibh sibh fèin ann 'ur 
sealladh fèin." Cha'n 'eil an duine ni 's miosa na bha e 
roimhe, ach tha 'ghrian a' dealradh ; agus mar sin tha na 
truaillidheachdan sin air am faicinn, nach b' urrainn dha 
fhaicinn, 'nuair nach robh soilleireachd ann : mar tha 'm 
focal an Isa. viii. 20. an uair fathast nach robh là nan 
gràs a' dealradh air. 

4. Tha e air a shoillseachadh ann an eolas air Iosa 
Criosd, 1 Cor. i. 23, 24. " Ach a ta sinne a' searmonach- 
adh Chriosd air a cheusadh, 'na cheap-tuislidh do na h- 
Iudhaich, agus do na Greugaich 'na amaideachd : Ach 
dhoibhsan a ta air an crairm, araon ludhaich agus 



193 

Grengaìch, Criosd cumhachd Dbè agus gliocas Dhè:" Is 
lior, ge do dh' fhendas daoine neo-iompaichte Criosd a 
shearmonachadh, nach 'eil eolas ac' air, ach a mhain bar- 
ail, barail mhaith uime; mar a ta aig neach mu phonnc- 
aibh cruaidh teagaisg, anns am bheil e fada o bhi cinnteach. 
Mar an uair a choinnicheas tu coigreach air an rathad 
mhor, air dha e fèin a ghiulan gu ciatach, tha beachd 
maith agad uime ; agus air an aobhar sin tha thu gu 
toileach a' dol an coluadar ris : ach cha 'n earb thu t'airgiod 
ris, a chionn ged tha barail mhaith agad mu'n duine, 
gidheadh tha e 'na choigreach dhuit, cha'n 'eil eolas agad air. 
Mar sin tha moran aig am bheil barail mhaith mu Chriosd, 
ach cha'n earb iad iad fèin ris, do bhrìgh nach aithne dhoibh 
e. Ach tha soillseachadh slàinteil a' giulan an anama os ceann 
barail, gu eolas cinnteach air Criosd agus air òirdheirceas, 
1 Tes. i. 5. " Oir cha d' thainig ar soisgeul-ne d' ar n-ionn- 
suidh-sa ann am focal a mhain, ach mar an ceudna ann an 
cumhachd, agus anns an Spiorad naomh, agus ann am mor 
lan-dearbh bheachd." Tha solus gràis mar so a' nochdadh 
cho co-fhreagarach as a ta diomhaireachd Chriosd, ri buagh- 
aibh na diadhachd, agus ri cor a' pheacaich. Uaith so 
tha mhuinntir iompaichte a' gabhail iongantais do dheilbh, 
na slainte tre Chriosd air a cheusadh, tha iad a' leigeil an 
uile chudthrom air, agus le 'n uile chridhe ag aontachadh 
leis : Oir, ciod sam bith a ta e do mhuinntir eile, 
dhoibhsan 's e Criosd, cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè. 
Ach air do na daoine neo-iompaichte, a bhi aineolach uime 
so, tha iad a' gabhail oilbheim dheth ; cha 'n earb iad an 
anama anns an t-soitheach sin, ach earbaidh siad iad fèin 
ri buird bhriste am fìreantachd f èin. Tha 'n soìus ceudna 
a' toirt dearbhadh soilleir air a' mhor-luach, an ard-ghloir, 
agus an oirdheirceas a ta ann an Criosd, a dhorchaicheas 
gach òirdheirceas cruthaichte, mar a bheir eirigh na greine 
air na reulta an cinn fholach : agus mar sin bheir e air 
a' cheannuiche gu'n reic e na tha aige, a cheannach an aon 
neamhnuid ^hiachmhor so, Mat. xiii. 45, 46. agus a' toirt 
air an anam a bhi lan-toilichte gabhail ri Criosd air son 
nan uile, agus an aite gach uile. Eadhon mar cheann- 
uiche neo-ghlic, d' an tairgeadh neach neamhnuid ro 
luachmhor, air son a cheannachd uile, aig nach 'eil misneach 
shuarach cordadh a dheanamh air a shon ; oir ged tha e am 
barail, gur fhiach aon neamhnuid tuilleadh 'sa th' aige uile, 

N 



194 

gidheadh cha 'n 'eil e cinnteach uime : ach 'nuair a tha 
òr-cheard a' teachd d' a ionnsuidh agus ga dheanamh cinnt- 
each, gur fìu e dhà urrad 'sa th' aige uile do bhathar; 
tha e 'n sin gu togarrach a' cordadh, agus gu cridheil a' deal- 
achadh ris gach ni a ta aige air son an neamhnuid sin. 
Fadheoidh, Tha'n soillseachadh so ann an eolas Chriosd, 
a' nochdadh gu soilleir do dhaoine lannachd annsan, iom- 
chuidh gu leoir a dheanamh suas an uireasbhuidhean ; gu 
leoir a shàsuchadh iarrtuis neo-chriochnach anam neo- 
bhasmhoir. Tha iad cinnteach gu bheil a leithid sin do lan- 
achd annsan, agus sin gu bhi air a chomh-pairteachadh ; 
tha iad a' leigeil an taice air mar fhirinn chinnteach 
agus tha 'n anama, air an aobhar sin, a'" gabhail am fois 
shìorruidh annsan. 

5. Tha 'n duine air a theasgasg ann an eolas mu dhiomh- 
anas an t-saoghail, Salm cxix. 96. "Chunnaic mi crìoch gach 
iomlaine." Tha gras ath-nuadhachaidh ag ardachadh 
an anama, 'ga chur, mar gu b' ann, am measg nan reulta, 
o 'm f aicear an talamh 'na ni beag, na ni ro-bheag ; eadhon 
mar a chunncas neamh roimhe, am feadh 'sa bha 'n t-anam 
air adhlaiceadh anns an talamh. Tha gras a' toirt duine 
steach gu saoghal nuadh, far nach 'eil an saoghal so air a 
mheas ach mar ionad-cluiche diomhanais, 'na fhasach 
uamharra, 'na ghleann dheur. Chuir Dia suas comhara 
diomhanais aig dorus gach solas cruthaichte ; gidheadh 
cionnus a tha daoine a' domhlachadh do'n tigh, a' gairrn 
agus ag amharc air son ni eigin a ta gu sasuchadh, eadhon 
an deigh e bhi air innseadh dhoibh mìle uair nach 'eil a 
leithid do ni ann, nach 'eil e ri fhaotainn ann sin ! Isa. lvii 
10. "Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu ; ach 
cha dubhairt thu, Cha 'n 'eil dòchas ann." C' arson a tha 
daoine co amaideach? Ann an so tha fìrinn na cùise a' 
luidhe, cha 'n 'eil iad a' faicinn le solus grais, cha 'n 'eil 
iad a' breithneachadh, gu spioradail, comhara an diomhan- 
ais sin : Ghabh iad gu tric sealladh reusanta dheth ; ach 
an urrainn sin an cridhe a sgarachdainn o'n t-saoghal ? 
Cha'n urrainn, ni 's mò na 's urrainn dealbh teine cuibhrichean 
a' phriosanaich a losgadh. Ach is e solus gràis, solus na 
beatha, a ta cumhachdach agus eifeachdach. 

San àite mu dheireadh, A chum an t-iomlan a dhean- 
amh suas ann an aon fhocal, Ann an ath-ghineamhuinn 
tha 'n inntinn air a soillseachadh ann an eolas air nithe 



195 

spioradail, 1 Eoin ii. 20. " Tha agaibhse ungadh o'n ti naomh, 
('se sin o Iosa Criosd, Taisb. iii. 18. Tha sùil aig an ni 
so ris an ionad naomh, o 'n robh an t-ola naomh air a 
thabhairt a dh'ungadh nan sagart,) agus is aithne dhuibh 
na h-uile nithe, eadhon, nithe a ta feumail a chum slainte. 
Ged nach 'eil fòghlum leabhair aig daoine, gidheadh ma 
tha iad air am breith a rìs, tha fòghlum an Spioraid aca ; 
oir tha'n leithide sin uile air an teagasg o Dhia, Eoin vi. 
45. Tha Spiorad na h-ath-ghineamhuinn a' teagasg dhoibh 
an ni nach b' aithne dhoibh roimhe : Agus an ni a b' 
aithne dhoibh, mar leis a' chluais a mhain, tha e teagasg 
dhoibh a rìs, mar leis an t-suil. Tha solus grais 'na 
sholus a ta buadhachadh, a' toirt air daoine aonta chur 
ri fìrinne diadhaidh air teisteas Dhè a mhain. Cha 'n ni 
searbh a dh'inntinn an duine gabhail ri focal Dhè air fhoill- 
seachadh : Tha moran a' gabhail orra meas mor a bhi aca air 
na Scriobtuiribh, muinntir, gidheadh, air nach toir teist- 
eas shoilleir an Scriobtuir cul a chur ri 'm baraile nadurra 
fèin; ach bheir an soillseachadh so air inntinnibh dhaoine 
ruith mar bhraighde an deigh cuibhle carbaid Chriosd : 
air an sonsan, fuilingidh iad do'n charbad so iomain 
thairis ; agus an reusanachadh f èin, agus gach ni ard a 
dh'ardaicheas e fèin an aghaidh eolas Dè, a thilgeadh sios 
2 Cor. x. 5. Bheir e orra gabhail ri rioghachd Dhè mar 
leanabh beag, (Marc x. 15.) a ta smuaineachadh gu bheil 
deadh aobhar aige ni sam bith a chreidsinn, mu their ath- 
air gu bheil e mar sin. 

San dara àite, Tha 'n toir air a h-ath-nuadhachadh. 
Tha 'n Tighearn a' toirt air falbh a' chridhe chloiche, agus 
a' tabhairt cridhe feola, Esec. xxxvi. 26. Agus mar sin, 
tha e togail suas clann do Abraham as na clachan. Tha 
gras an ath-nuadhachaidh cumhachdach agus eifeachdach, 
agus a' tabhairt suidheachadh nuadh do 'n toil : Cha 'n 'eil 
e gun amharus 'ga h-eigneachadh, ach tha e 'ga tarruing 
gu taitneach, gidheadh gu cumhachdach, air chor as gu 
blieil a shluagh toileach ann an là a chumhachd, Salm 
cx. 3. Tha deas-bhriathrachd neamhaidh ann am bilibh 
an Èadar-Mheadhonair, gu peacaich a chosnadh, xlv. 2.. 
"Dhoirteadh gràs ann ad bhilibh." Na lamhan tha corda 
duine, agus ceangiaiche graidh, gu'n tarruing as a dheigh,. 
Hos. xi. 4. Ni gradh lion air son anama taghta, a ni 
gu cinnteach an giacadh, agus a tharruingeas iad gii 



196 

tìf. Tha cuird graidh Chriosd 'nan cuird laidir : agus dh' 
fheumadh iad a bhi mar sin ; oir tha na h-uile peacach 
ni 's truime na heinn umha, agus tha Satan maille ris a' 
chridhe fèin a' tarruing air rathad eile. Ach tha gradh 
laidir mar am bàs ! Agus tha gradh an Tighearna do'n 
anam air son an do bhasaich e, 'na ghradh ro laidir, a 
dh'oibricheas co cumhachdach as gur eigin da buadhachadh. 

1. Tha'n toil air a leigheas d'a neo-chomas gu maith a 
dheanamh. Am feadh a ta fosgladh a' phriosain, dhoibhsan 
a ta ceangailte, air a chur an ceill anns an t-soisgeul ; tha 
Spiorad Dhè a' teachd gu dorus a' phriosain, 'ga fhosg- 
ladh a' dol a dh'ionnsuidh a' phriosanaich, agus le cumh- 
achd a ghrais, a' toirt air a chuibhrichean tuiteam dheth ! 
a' briseadh cuibhreach na h-eucorach, leis an robh e air 
a ghlacadh ann am peacadh, air chor as nach b' urrainn 
dha toil no gniomh gu ni maith sam bith a dheanamh a 
bhi aige ; tha e 'ga thabhairt a mach gu iohad farsuinn, 
" Ag oibreachadh ann faraon an toil agus an gniomh, a 

'reir a dheadh-ghean fèin," Phil. ii. 13. Is ann an sin, is 
urrainn an t-anam, a bha ceangailte ris an talamh, gluasad 
a dh'ionnsuidh neimh ; tha 'n lamh sheargta air a h-aiseag 
agus feudar a sìneadh a mach. 

2. Tha grain shuidhichte an aghaidh an uilc air oib- 
reachadh san toil. Tha duine a' faotainn, anns an ath- 
ghineamhuinn, Spiorad nuadh air a chur an taobh a stigh 
dheth, (Esec. xxxvi. 26.) agus tha 'n spiorad sin a' miann- 
achadh an aghaidh na feola, Gal. v. 17. Do ghreim 
milis a' pheacaidh, a shluig e sios co gionach, tha e nis 
a' gabhail grain, agus b' aill leis a bhi saor dheth, eadhon 
co toileach as a bhiodh neach a dh'òl cupan puinsein, air a 
thilgeadh a mach a rìs. 'Nuair a ta casg air a chur air 
an t-sruth, tha 'n salachar a' luidhe anns an tobar gun 
ghluasad ; ach aon uair 's gu bheil an tobar air a ghlan- 
adh tha an t-uisge a ta sruthadh a mach ag oibreach- 
adh air falbh an t-salachair a lion cuid is cuid : Eadhon 
mar sin, am feadh 'sa tha'n duine a' buanachadh ann an 
staid neo-iompaichte, tha peacadh 'na luidhe gu socrach 
anns a' chridhe ; ach co luath 'sa tha 'n Tighearn a' bual- 
adh a' chridhe chloiche le slait a neirt, ann an la an 
iompachaidh, tha gras anns an duine " 'na thobar uisge a' 
sruthadh suas chum na beatha maireannaich," Eoin iv. 14. 
ag oibreachadh air falbh truaillidheachd nàdur, agus ceum 



197 

air chetun " a' glanadh a' chridhe," Gnìomh. xv. 9. Tha'n 
toil ath-nuadhaichte ag eiridh an aghaidh a' pheacaidh, 
a' hualadh aig a fhrenmh, agus aig a gheugaibh mar an 
ceudna. Tha ana-mianna a nis doilghiosach, agus tha'n 
t-anam a' deanamh dichioll air an cur bàs do'n ghort. 'Se 
n' nadur truaillidh tobar gach uile olc, agus uime sin bithidh 
an t-anam 'ga chur gu tric an lathair an Leigh mhoir. O 
ciod am bròn, an nàire, agus an fhèin-ghrain, a ta lionadh 
a' chridhe, anns an la sam bheil gràs a' teachd a steach 
ann le buaidh ! oir a nis tha'n duine bha air mhi-cheill air 
teachd chuige fèin, agus cha'n urrainn dha cuimhneachadh 
air amaideachd gun a bhi air a bhioradh gus a chridhe. 

San àite mu dheireadh, Tha'n toil air faotainn aomadh, 
suidheachadh, agus togradh gu maith a dheanamh. 'Na 
staid thruaillidh, bha i ag aomadh gu rathad eile, 
air dhi bhi so-lubaidh agus aomta gu olc a mhain : Ach 
a nis, le aon tarruing o'n ghàirdein chumhachclach agus 
uile bhuaghach, tha i air a tarruing o olc gu maith, agus 
tha i faotainn suidheachadh eile. Agus mar bha 'n suidh- 
eachadh a bh' aice roimhe nadurra ; mar sin, tha'n suidh- 
eachadh so nadurra mar an ceudna, a thaobh an naduir nuadh 
a ta air a thabhairt san ath-ghineamhuinn, aig am bheil a 
mianna naomh fèin co maith 'sa bha mianna mi-naomha aig 
an t-seann nadur thruaillidh, Gal. v. 17. Tha'n toil, mar 
air a h-ath-nuadhachadh, a' lubadh agus ag aomadh ri Dia 
agus Diadhachd. 'Nuair a rinn Dia an duine, bha 'thoil, 
do thaobh a rùin, ag amharc ri Dia mar ard-chrioch ; do 
thaobh a roghainn, bha i sealltuinn ris an ni sin a thoilich- 
eadh Dia. 'Nuair a dhìthich an duine e fèin, bha thoil 
air a cumadh calg-dhìreach an aghaidh sin ; b' e fèin àrd 
chrioch, agus b' i thoil fèin a lagh. Ach 'nuair tha'n duine 
air a dheanamh as ùr, ann an ath-ghineamhuinn, tha 
gras a' cur ceart na h-eas-òrduigh so ann an tomhas, ged 
nach 'eil e gu h-iomlan ; do bhrigh nach 'eil sinn air 
ar n-ath-nuadhachadh ach ann an cuid, am feadh 'sa tha 
sinh san t-saoghal so. Tha e tabhairt a' pheacaich air 
ais uaithe fèin, gu Dia, mar àrd-chrioch, gu fìrinnoach, 
ged nach 'eil gu h-iomlan, Salm lxxiii. 25. " Cò th' agam 
anns na neamhaibh ach thusa? agus an coimeas riut cha'n 
'eil neach air thalamh air am bheil mo dhèigh." Phil. i. 
21. "Oir dhomhsa bhi beò is e sin Criosd." Bheir e air 
e fèin àicheadh ; agus ciod air bith taobh a thionndas e, 



198 

gu bhi do ghnath a' siùdheachadh air Dia mar àrd chrioch 
an anama ghrasmhoir, a dhachaidh " ionad comhnuidh 
o linn gu linn," Salm cx. 1. Le gràs an ath-nuadhach- 
aidh tha'n toil air cumadh ri toil Dhè. Tha i air a cum- 
adh ri thoil san aithne, air dhi a bhi air a cumadh le 
h-aomaidhean naomha, freagarach ris gach aon d'a aitheanta. 
Tha 'n lagh gu h-iomlan air a sgriobhaidh, air an anam 
ghrasmhor ; tha na h-uile earrann deth air a sgriobhadh 
a rìs air a' chridhe ath-nuadhaichte ; agus ged tha fuigh- 
eall truaillidheachd a' dubhadh an sgriobhaidh, air a leithid 
do dhoigh, agus gu tric nach urrainn an duine e fèin a 
leughadh : gidheadh, is urrainn dhasan a sgriobh e a lengh- 
adh aig gach uile àm. Cha'n 'eil e uair sam bith air a 
dhubhadh gu tur a mach, is cha'n urrainn dha bhi ; an ni 
a sgriobh e, sgriobh se e, seasaidh e ; oir is e so an coimh- 
cheangal. Cuiridh mi mo reachdan 'nan inntinn, agus 
sgriobhaidh mi iad air an cridhibh," Eabh. viii. 10. Agus 
is coimhcheangal salainn e, coimhcheangal siorruidh. Tha 
e mar an ceudna co fhreagarach do thoil a fhreasdail ; air 
chor as nach bi an duine ni 's mò 'na mhaighstir air a ghiulan 
fèin, 's nach bi e cumadh a mach a chrannchur dha fèin ; 
tha e ag iunnsachadh a radh o chridhe, " toil an Tighearna 
gu robh deanta, taghaidh e ar n-oighreachd dhuinn," 
Salm xlvii. 4. Mar so tha'n toil air a h-aomadh gu 
gabhail ris na nithe sin, ris nach b' urrainn dhi gu brath 
gabhail 'na staid thruaillidh. Gu h-araid, 

(1.) Tha'n Tighearn ann an reite ri coimhcheangal 
na sìth. Tha 'n Tighearn a' gealltuinn coimhcheangal sìth 
do pheacaidh ; coimhcheangal a dheilbh e fèin agus a sgriobh 
e anns a' Bhiobul ; ach cha'n 'eil iad toilichte leis. Ni h-eadh 
cha'n 'eil e comas do chridhe neo-iompaichte bhi toilichte leis. 
Nani biodh e air a chur 'nan lamhan gu dheilbh a reir an 
inntinnse, dhubhadh iad iomad ni a mach as, a chur Dia 
ann ; agus chuireadh iad iomad ni ann a chum Dia as ; ach 
tha 'n cridhe ath-nuadhaichte lan toilichte leis a' choimh- 
cheangal, 2 Sam. xxiii. 5. "Binn e coimhcheangal siorruidh 
riumsa, air a shuidheachadh anns gach ni, agus cinnteach ; 
oir is e so mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile." Ged 
nach b' urrainn an coimhcheangal a bhi air a thoirt a nuas 
gu an toil thruaillidh-san, tha'n toil-san, le gras, air a toirt 
a suas a dh'ionnsuidh a' choimhcheangail ; tha iad lan- 
toilichte leis : cha'n 'eil ni ann, a b' àill leo bhi as ; agus 



199 

cha'n 'eil ni as, a b'àill leo bhi ann. (2.) Tha'n toil 
air a deanamh deonach gu gabhail ri Iosa Criosd an 
Tighearna. Tha'n t-anam toileach striochdadh dha. Bheir 
gras na h-ath-ghineamhuinn a nuas smuaintean uaibhreach 
a' chridhe, a bha air an togail suas an aghaidh an 
Uachdarain dhlighich : Brisidh e an fheith iaruinn, a 
bha cumail a' pheacaich o chromadh sios dha, agus a tha e 
toirt air gun a bhi rag-mhuinealach ni 's mò, ach striochd- 
adh dha fèin. Tha e toileach cuing-aitheanta Chriosd 
a ghabhail air; an crann-ceusaidh a thogail, agus a lean- 
tuinn. Tha e lan-toilichte Criosd a ghabhail air chumha 
sam bith, Salm cx. 3. " Bithidh do shluagh ro thoileach 
ann an la do chumhachd." 

A nis, air do'n inntinn a bhi air a soilleachadh air mhodh 
slainteil, agus an toil air a h-ath-nuadhachadh ; tha'm peac- 
ach leis a sin a' cur air fèin agus tha e air a neartachadh gu 
gairm an t-soisgeil a fhreagradh. Mar sin, tha obair mhor 
na h-ath-ghineamhuinn deanta; tha daingneach laidir a' 
chridhe air a ghlacadh : tha aite air a dheanamh air son an 
Tighearn Iosa Criosd anns na h-ionada is diomhaire do'n 
anam, air do dhorus a mach na toil bhi air fhosgladh 
dha maille ri dorus a steach na tuigse. Ann an aon fhocal 
tha Criosd air a ghabhail do'n chridhe gun seasamh 
'na aghaidh : tha e air teachd do'n anam, le Spiorad beoth- 
achaidh ; leis ani bheil beatha spioradail air a tabhairt 
do 'n duine, a bha ann fèin marbh ann am peacadh : agus 
feudaidh sinn a smuaineachadh gur e cheud ghniomh beo 
a ni e gabhail gu toileach ri Iosa Criosd, air aithneach- 
adh 'na mhaise òirdheirc ! 'se sinn creidsinn an, druideadh 
ris, mar tha e air aithneachadh, air a thairgse, agus air a 
thaisbeanadh ann am focal a ghrais an soisgeul glormhor ; 
'se 'n toradh a ta'n ath-ghearr a' sruthadh uaith so, aonadh 
ris, Eoin i. 12, 13. " A mheud 'sa ghabh ris, thug e dhoibh 
cumhachd (no sochair) a bhi 'nan cloinn do Dhia ; eadhon 
dhoibhsan a ta creidsinn 'na ainm : a bha air an gineamh- 
uinn cha'n ann o thoil na feola, no o thoil duine, ach o 
Dhia." Eph. iii. 17. "Ionnus gu'n gabh Criosd comh- 
nuidh ann bhur cridhe tre chreidimh." Air do Chriosd an 
cridhe a ghlacadh le treun-neart, agus air dha dol gu 
buadhach a steach ann, san ath-ghineamhuinn, tha'n t-anam, 
le creidimh, 'ga striochdadh fèin da, mar a tha e air a chur 
sios, 2 Eachd. xxx. 8. Mar so, tha'n Kigh glormhor so, a 



200 

thainig do'n chridhe le Spiorad ; a' gabhail comhnuidh ann 
le creidimh. Air do'n anam a bhi air a tharruing, ruithidh 
e ; agus air dha bhi air a ghairm gu h-eifeachdach, thig e. 

San treas àite, Ann an ath-ghineamhuinn, tha atharrach- 
adh sona air a dheanamh air na h-aignidhean : tha iad araon 
air an cur san òrdugh agus air an cur fuidh riaghladh. 

1. Tha'n t-atharrachadh so a' cur nan aignidhean ceart, 
gan suidheachadh air cuspairean freagarach, 2 Tes. iii. 5. 
"Gu seoladh an Tighearn bhur cridheacha chum gràidh 
Dhè." Tha iarrtuis an duine ath-nuadhaichte air an cur 
ceart ; tha iad air an suidheachadh air Dia fèin, agus air 
na nithe a ta shuas. Tha esan a bha 'g eigheach roimhe leis 
an t-saoghal, " Cò nochdas dhuinn ni maith?" ag atharrach- 
adh a ghuth, agus ag radh, " Tog oirnne solus do ghnuise, 
a Tighearna," Salm iv. 6. Bha uair ann, anns nach fhaca 
e maise sam bith ann an Criosd, gu 'n iarradh se e ; ach a 
nis tha e 'na " uile iarrtus, tha e gu h-uile ionmhuinn." Dan- 
Shol. v. 16. Tha ard-shruth iarrtuis air tionndadh gu 
ruith a dh' ionnsuidh Dhè ; oir is ann an sin tha'n " aon ni 
a ta e ag iarraidh," Salm xxvii. 4. Tha e 'g iarraidh a bhi 
naomh, co maith ri bhi sona ; agus is fearr leis a bhi gràs- 
mhor 'na bhi mor. Tha 'dhochais, a bha roimhe iosal, 
agus bha air an socrachadh air nithibh a ta air thalamh, a 
nis air an togail, agus air an suidheachadh air a' ghloir a 
ta ri bhi air a foillseachadh. Tha dochas aige ris a' bheatha 
mhaireannaich a ta air a steidheachadh air focal a gheall- 
aidh, Tit. i. 2. Dochas a ta aige, mar acair an anama, 
a ta daingneachadh a chridhe fuidh dheuchainne, Eabh. 
vi. 19. Agus tha e 'g chur gu e fèin a ghlanadh, eadhon 
mar a tha Dia glan, 1 Eoin iii. 3. Oir tha e air ath-ghin- 
eamhuinn a rìs gu beo-dhochas, 1 Phead. i. 3. Tha 'ghradh 
air a thogail agus air a shuidheachadh air Dia fein, (Salm 
xxviii. 1.) air a lagh naomh, Salm cxix. > 97. Ge do 
bhuaileas e an aghaidh an ana-miann is ionmhuinn leis, a 
deir e, " Tha 'n lagh naomh, agus an àithne naomh, agus 
cothromach, agus maith," Eom. vii. 12. Tha gradh aige 
do orduighean Dhè, Salm lxxxiv. 1. "Cia so-ghradhach 
do phàilliuna, a Thighearna nan slogh 1 ?" Air dha dol 
thairis o bhàs gu beatha, tha gradh aige do na braithrean, 
(1 Eoin iii. 14.) do phobull an Tighearna, mar a deirear 
riu, 1 Phead. i. 10. Tha gradh aige do Dhia air a shon 
fèin ; agus do na nithe a 's le Dia, air a sgathsan. Seadh, air 



201 

dha bhi 'na leanabh do Dhia, tha gradh aige d' a naimhdibh 
fèin. Tha Athair neamhaidh iochdmhor agus maitheas- 
ach : " Tha e tabhairt air a ghrein fèin eirigh air na droch 
dhaoinibh, agus air na deadh dhaoinibh, agus a' cur uisge 
air na fireanaibh, agus air na neo-fhireanaibh : " Agus uime 
sin, tha esan do 'n inntinn cheudna, Mat. v. 44, 45. Tha 
'fhuath air tionndadh an aghaidh a' pheacaidh ann fèin agus 
ann am muinntir eile, Salm ci. 3. "Is fuathach leam obair 
luchd-eusaontais ; cha lean i rium." Tha e 'g osnaich 
fuidh fhuigheall na truaillidheachd, agus tha e gabhail fad- 
ail air son saorsa, Rom. vii. 24. "Och is duine truagh mi ! 
Cò a shaorsa mi o chorp a' bhais so 1 " Tha aoibhneas agus 
a thlachd anns an Tighearna Dia, ann an solus a ghnùise ; 
'na lagh, agus 'na phobull, a chionn gu bheil iad cosmhuil 
ris. 'Se 'm peacadh an ni roimh mò am bheil 'eagal, tha e 
nis 'na thobar broin da, ged bha e roimhe 'na thobar 
toilinntinn da. 

2. Tha 'n (t-atharrachadh so a') stiuradh nan aignidhean, 
air dhoibh a bha air an suidheachadh air cuspairean freag- 
arach. Tha ar n-aignidhean, air an suidheachadh air 
a' chreutair, gu nadurra ro laidir; 'nuair a ta sinn a' dean- 
amh aoibhneis ann, tha sinn ullamh air tuilleadh 'sa choir a 
dh' aoibhneas a dheanamh ; agus an uair a ta sinn ri bròn 
air a shon, tha sinn ullamh air tuilleadh 'sa choir do bhròn 
a dheanamh : ach tha gras a' cur srian ris na h-aignidh 
ean sin, a bearradh an sgiathan, agus 'gan cumail an 
taobh a stigh do chriochan, chum as nach sruth iad thar 
an uile bhruachan. Bheir gras air duine 'athair agus a 
mhathair, agus a bhean-phosda, agus a chlann ; seadh, agus 
a bheatha fèin mar an ceudna fhuathachadh ann an coimeas 
ris ; 'se sin ri radh, gradh ni 's lugha thabhairt dhoibh, 
no bheir e do Dhia, Luc. xiv. 26. Naomhaichidh e mar 
an ceudna aignidhean laghail : a' toirt orra sruthadh o 'n 
ghnè cheart, agus 'gan treorachadh gu criochaibh ceart. 
Feudaidh iarrtuis mi-naomha bhi as deigh Chriosd agus a 
ghràis : Mar an uair a ta daoine ag iarraidh Chriosd cha'n 
ann air son graidh sam bith dha, ach a mhain air son graidh 
dhoibh fèin : " Tabhraibh dhuinne cuid do bhur n-ola, ars x 
na h-oighean amaideach, "oir a ta air lochrain a' dol as." 
Mat. xxv. 8. Feudaidh bron mi-naomh bhi air son peac- 
aidh : Mar an uair a ta neach a' deanamh broin air a shon, 
eha 'n ann'do bhrigh gu bheil e neo-thaitneach do Dhia, ach 



202 

a mhain do bhrìgh na feirge a ta ceangailte ris, mar a rinn 
Pharaoh, Iudas, agus muinntir eile. Mar sin feudaidh 
duine gradh a thoirt d' a Athair agus d'a mhathair, o fhonn 
nadurra a mhain, gun mheas sam bith a bhi aige air aithne 
Dhè a ta 'ga cheangal gu sin a dheanamh. Ach tha gras 
a' naomhachadh nan aignidhean 'nan leithide sin do chor- 
aibh, a' tabhairt orra ruith ann an claodhan nuadh graidh da 
Dhia, speis d'a aitheantaibh, agus meas d' a ghloir. A rìs, 
tha gras a' togail suas nan aignidhean, far am bheil iad 
tuilleadh as iosal : Tha e tabhairt ard-chaithir nan aig- 
nidhean do Dhia ; agus a' spionadh a nuas na h-uile bha 
togail an aite co dhiubh as daoine no maoin iad, a' tabhairt 
orra luidhe aig a chosaibh, Salm lxxiii. 25. " Cò th' agam 
anns na neamhaidh ach thusa? Agus an coimhmeas riut 
cha 'n 'eil neach air thalamh air am bheil mo dheigh." Tha 
e air a ghràdhachadh air a shon f èm ; agus muinntir agus 
nithe eile air a shon-san : Is e na nithe a ta taitneach 
annta, do 'n chridhe ath-nuadhaichte, an dealradh do 
mhaitheas Dbe' a ta air fhaicinn annta ; oir do anama gras- 
mhor, tha iad a' dealradh le soluis iasaid a mhain. Tha so a' 
feuchainn cionnus a tha gradh aig na naoimh do na h-uile 
dhaoine, agus gidheadh fuath aca dhoibhsan aig am bheil 
fuath do Dhia, agus a' deanamh tair air na h-aingidh, mar 
dhaoine suarach : tha fuath aca dhoibh agus tha iad a' 
deanamh tàir orra, air son an aingidheachd, cha 'n 'eil ni 
bhuineas do Dhia ann an sin, agus air an aobhar sin, cha 'n 
'eil ni gradhach no urramach ann : ach tha gradh aca 
dhoibh, air son an deadh ghne, no am buagha, co dhiubh 
nadurra no beusach ; do bhrìgh, co sam bith anns an bheil 
iad, gu bheil iad o Dhia, agus gu 'm feud iad a bhi air an 
lorgachadh da ionnsuidh-san mar an ard-thobar. 

Fadheoidh, Tha gras na h-ath-ghineamhuinn a' suidheach- 
adh nan aignidhean co daingean air Dia, as gu bheil an 
duine air a dheanamh deonach air aithne Dhè, gu ghreim 
a leigeadh dheth do na h-uile ni eile, a chum gu 'n gleidh e 
a ghreim air Criosd ; " athair agus a mhathair f huathachadh," 
ann an coimeas ri Crioscl, Luc. xiv. 26. Bheir e eadhon 
air comhfhurtachdan laghail, cosmhuil ri falluing Ioseiph, 
crochadh fuasgailte mu dhuine ; a chum gu 'n dealuichte 
riu 'nuair a ta e an cunnart a bhi air a ribeadh le 'n gleidh- 
eadh. Mur robh sruth ar n-aignidhean riamh mar so 
air a tionndadb, tha sinn gun teagamh a' dol slos leis an 



203 

t-sruth do 'n t-slochd. Ma tha aig ana-miann nan sul, 
ana-miann na feola, agus aig uabhar na beatha, an ard- 
chaithir 'nar cridheachan, a bu choir a bhi 'na ionad- 
comhnuidh do 'n Athair, do 'n Mhac, agus do'n Spiorad 
Naomh ; mur robh riamh urrad graidh againn do Dhia, 
as a th' againn dhuinn fèin : Ma bha peacadh ann an cuid 
searbh dhuinn, ach nach robh e riamh co searbh 'sa bha 
fulangas, nach robh e riamh co searbh 'sa bha pian a bhi 
air ar sgaradh uaithe, tha sinn gu cinnteach 'nar coigrich 
do 'n atharrachadh shlainteil so ; oir tionndaidh gras na 
h-aignidhean bun os ceann, co luath 'sa thig e do 'n chridhe. 
Sa cheathramh àite, Tha choguis air a nuadhachadh. 
A nis, air do sholus nuadh a bhi air a chur suas anns an 
anam ann an ath-ghineamhuinn, tha choguis air a soillseach- 
adh, air a teagasg, agus air a fòghlum ; tha coinneal sin 
an Tighearn (Gnath-fhoc. xx. 27.) a nis air a smaladh 
agus air a deanamh soilleir, air chor as gu bheil i a' deal- 
radh, agus a' cur a mach a soluis do na h-àitibh is 
iomallaiche do 'n chridhe, a taisbeanadh pheacanna, mu 
nach robh an t-anam air fhaicill roimhe ; agus air dhoigh 
àraid, a' nochdadh truaillidheachd no graineileachd an nàd- 
uir, an siol agus a' ghin o 'm bheil gach uile pheacaidh 
gniomh a' struthadh ; tha so a' toirt a mach a' ghearain nuadh 
sin, Eom. vii. 24. " Och is duine truagh mi ! co a shaoras 
mi o chorp a' bhais so ? " Tha choguis sin a luidh roimhe 
'na codal ann an uchd an duine, a nis air a dusgadh ; agus 
a' tabhairt air guth a bhi air a chluinntinn tre 'n anam uile ! 
Agus air an aobhar sin, cha'n 'eil tuilleadh fois aige ann an 
leabaidh an lundaire ; is eigin da eirigh agus a bhi dean- 
amh, "greasad, agus teicheadh air son a' bheatha ! " 
Tha i gu cumhachdach a' brosnachadh gu umhlachd, eadh- 
on anns na gniomhara is spioradail e, nach d' thainig roimh 
f uidh bheachd na choguis nadurra : agus tha i gu cumhachd- 
ach a' cur bacaiclh o pheacaidh, eadhon o na peacaidhean 
sin nach 'eil fosgailte do shealladh an t-saoghail. Tha i a' 
sparradh air ard-uachdranachd Dhè, ris am bheil an cridhe 
a nis ann an rèite, agus a ta e gu toilichte ag aidmheil : 
agus mar sin tha i cur an duine gu dhleasdanais ciod sam bith 
cunnart a bhios o'n t-saoghal : Oir tha i lionadh a chridhe 
le eagal De, air chor as gu bheil neart eagail an duine aii 
a bhriseadh. Thug so air moran am beatha chur 'nan 
laimh, agus a' chreidimh a leantuinn, air an robh iad 



204 

aon uair a' deananih tarcuis, agns ag imeachd gu dian anns 
an t-slighe d' an robh grain aca roimhe, Gal. i. 32. "An 
ti anns an àm a chaidh seachad, a bha 'gar geur-lean- 
mhuinn, tha e nis a' searmonachadh a' chreidimh a bha e a' 
sgrios roimhe so." Tha ciont a nis a' toirt air a' choguis 
gu mothaich i; tha cnuimh shearbh innte air son peac- 
anna a chaidh seachad, a ta lionadh an anama le sar- 
uchadh, le bron, agus fèin-ghrain : Agus tha na h-uile 
smuain nuadh mu na peacanna sin, ullamh gu thoirt air 
lotaibh sileadh as ur le doilghios. Tha i air a' deanamh 
maoth do thaobh peacaidh agus dleasdanais, air son an àm 
ri teachd ; air dhi a bhi aon uair air a losgadh, tha eagal 
aice roimh an teine, agus tha i fuidh eagal leum thar a' 
ghàradh, far an robh i roimhe air a lot leis an nathair. 
Fadheoidh, Tha choguis ath-nuadhaichte ag iomain a' 
pheacaich a dh' ionnsuidh Iosa Criosd, mar an aon leigh a 
mhain is urrainn gath a' chionta tharruing a mach ; agus 
is i 'fhuilsan a mhain as urrainn a choguis a ghlanadh o 
oibre marbh, (Eabh. ix. 14.) a' diultadh gach fois a ta air 
a thairgse dhi o laimh sam bith eile. Agus tha so 'na 
dhearbhadh soilleir, nach e mhain gu bheil teine air a chur 
ris a' choguis (mar a dh'fheudas i bhi an staid neo-iomp- 
aichte,) ach mar an ceudna gu bheil ola air a chur orra 
le gràs an iompachaidh. 

Sa' chuigeadh àite, Mar nach robh a cuid fèin do'n truail- 
lidheachd a dh'uireasbhuidh air a' chuimhne, tha i mar an 
ceudna air a deanamh ni 's fearr le gràs an iompachaidh. 
Tha chuimhne air a lagachadh, do thaobh nan nithe 
sin nach fiu aite innte ; agus tha daoine air an teagasg gus 
na h-uile a rinneadh orra a dhi-chuimhneachadh, agus gu'n 
corruich a leigeadh dhiubh, Mat. v. 44, 45. " Deanaibh maith 
do na daoine air am beag sibh, agus deanaibh urnuigh air 
son na muinntir a ta buntuinn ribh gu naimhdeil. A clmm 
gu 'm bi sibh (sin ri radh, gu 'm bi e soilleir gu bheil sibh.) 
'nur cloinn aig bhur n-Athair a ta air neamh." Tha i air a 
neartachadh air son nithe spioradail. Tha ughdarras Shol- 
aimh againn air son droch cuimhne, Gnath-fhocail iii. 1. 
A MJiic, a deir e, na di-chuimhnich mo lagh. Ach cionnus 
a bhios e air a chumail an cuimhne 1 Gleidheadh do 
chridhe m' aitheanta. Ni gras cuimhne-cridhe eadhon far 
nach 'eil deadh chuimhne cinn. Salm cix. 11. "A' m' chridhe 
choimhid mi t'fhocal." Air do 'n chridhe bhi da rireadh air 



205 

a ghlacadh le millseachd chumhachdach na firinn, cuidich- 
idh e a chuimhne a ghleidheadh nan nithe air am bheil a 
leithid do bhlas, Nan luidheadh firinne diadhaidh ni 
bu doimhne air ar cridheachan, dheanadh iad leis a sin 
luidhe ni bu doimhne air ar cuimhne. Salm cix. 93. " Gu 
brath cha dì-chuimhnich mi do reachdan ; oir leosan 
bheothaich thu mi." Tha gras a' naomhachadh na cuimhne. 
Tha cuimhne fharsuinn ach mi-naomhaichte aig rnoran ; 
a ta mhain a' cruinneachadh eolais, leis am bheil an dìteadh 
air an-tromachadh : ach tha a' chuimhne ath-nuadhaichte 
"a' cuimhneachadh 'àitheanta-san a chum an deanamh," 
Salm ciii. 18. Is tigh-tasgaidh naomh i, anns am bheil na 
nithe a dh'fheumas an Criosduidh 'na shlighe gu Sion air 
an gleidheadh : Oir tha creidimh agus dòchas gu tric a' 
faotainn comhnadh uaipe, ann an uair dhorcha. Is i tigh- 
tasgaidh faireachdain na h-aimsir a chaidh seachad i : agus 
is iad sin comharan slighe a' chreidmhich ; leis an tig e gu 
thoirt fa'near c' ait am bheil e, eadhon ann an am dorcha, 
Salm xlii. 6. " O mo Dhia, leagadh sios m' aman an taobh 
a stigh dhiom : uime sin cuimhnichidh mi ortsa, mo Dhia, 
o thìr Iordain." Cuidichidh i leis an anam mar an ceudna 
gu bron diadhaidh agus fèin-ghrain ; a' cur sean chionta as 
ùr am fìanuis na coguis, agus a' tabhairt air a fuil bhi ruith 
a rìs ged tha'm peacaidh air a mhaitheadh cheana, Salm 
xxv. 7. " Na cuimhnich peacanna m' oige." Agus far am 
bheil cionta gun mhaitheadh 'na luidhe air a' choguis a tha 
tuiteam 'na codal, tha i gu tric air a deanamh 'na meadhon 
gu focal a thabhairt a stigh, a ni ann am mionaid, an t-anani 
uile chur air ghluasad; mar an uair a chuimhnich Peadar 
briathran Iosa, chaidh e mach agus ghuil e gu goirt, Mat. 
xxv. 75. Tha focal Dè, air bhi dha air a thasgaidh suas ann 
an cuimhne naomhaichte, feumail do dhuine a chur an 
aghaidh buairidhean ; cuiridh e'n claidheamh 'na laimh an 
aghaidh naimhde spioradail, agus tha e 'na sholus a stiuradh 
a cheuma ann an slighe a' chreidimh agus na fireantachd. 

San t-seathamh àite, Tha atharrachadh air a dheanamh 
air a chorp, agus air na buill aige, a thaobh am feum; 
tha iad air an coisrigeadh do 'n Tighearna : " Tha eadhon 
an corp do 'n Tighearna," 1 Cor. vi. 13. " Is e teampull 
an Spioraid naoimh e," rann 19. Tha na buill aige a bha 
roimhe " 'nan inneil neo-fhireantachd, chum peacaidh, a 
nis air fàs 'nan inneil fireantachd, do Dhia," Rom. vi. 1 2. 



206 

" Seirbhisich do'n fhireantachd chum naomhachd," rann 19. 
An t-suil a threoraich smuainte peacadh do'n chridhe, 
tha i fuidhe choimhcheangal gun sin a dheanamh ni's mò, 
(Iob xxxi. 6.) ach gu seirbhis a dhp~namh do'n anam, ann 
a bhi beachdachadh air oibribh. a c ;as a' leughadh focail 
Dhè. A' chluas a bha gu tric mar dhorsair bàis, a' leig- 
eadh a steach peacaidh, tha i nis air tionndadh gu bhi 'na- 
geata na beatha, tre 'm bheil focal na beatha a' dol steach 
do 'n anam. An "teanga, a las cursa an naduir," (Seum. 
iii. 6.) tha i air a h-aiseag gus an oifig gus an robh i air a 
h-orduchadh leis a' Chruithear ; eadhon, gu bhi 'na h-inneal 
gu gLoir a thoirt dha, agus chum a chliù a sgaoileadh. Ann 
an aon fhocal, tha 'n duine gu h-iomlan air son Dhè, 'na 
anam agus 'na chorp, a ta leis an atharrachadh bheann- 
aichte so air an deanamh 'nan cuid dha. 

San àite mu dheireadh, Tha'n t-atharrachadh grasmhor so 
a' dealradh a mach anns a' chaithe-beatha. Tha eadhon an 
duine o'n taobh a mach air ath-nuadhachadh. Ni cridhe 
nuadh nuadhachd beatha. 'Nuair a nighean an Righ uile 
glormhor an taobh a stigh, tha h-eudach air oibreachadh le 
h-òr, Salm xlv. 13. Ni suil ghlan an corp uile lan soluis, 
Mat. vi. 22. Chithear an t-atharrachadh so anns na h-uile 
earrann do chaithe-beatha duine, gu h-araid anns na nith- 
ibh a leanas. 

1. Ann an atharrachadh chuideachd. Ged rinn e 
aon uair tair air cuideachd nan naomh, 's iad a nis "a' 
mhuinntir oirdheirc anns am bheil uile thlachd," Salm 
xvi. 3. "Is fear-comuinn mi dhoibhsan uile air am bi t'- 
eagal," ars' an Salmadair rioghail, Salm cxix. 63. Ceang- 
laidh duine ath-nuadhaichte e fèin ris na naoimh ; oir tha 
esan is iadsan a dh'aon inntinn, anns an ni sin is i an 
obair mhor, agus an gnothuch : tha aca uile an aon nadur 
nuadh ; tha iad a' siubhal gu tìr Imanuel', agus tha iad a' 
labhairt r' a cheile ann an cainnt Chanaain. 'S diomhain 
do dhaoine gabhail orra bhi diadhaidh, fhad 'sa tha iad a' 
deanamh roghainn do chuideachd mhi-dhiadhaidh ; oir 
"sgriosar companach nan amadan," Gnath-fhoc. xiii. 20. 
Bheir diadhachd air duine bhi air fhaicill o e fèin a thilgeadh 
ann an teaghlaich mhi-dhiadhaidh, no cairdeas neo-iomch- 
uidh sam bith a chumail ri droch dhaoine, mar a bhios 
neach a ta glan air fhaicill o dhol do thigh galair bhuailtich. 

2. Bithidh e 'na dhuine nuadh, 'na dhàimhibh fa leth. 



207 

Blieir gràs air daoine bhi gràsmhor, 'nàn dàimhibh fa leth, 
agus treoraichidh e iad gu duchasach gu treibhdhireas, 
ann an coinihlionadh dhleasdanais gach inbhe sam bheil iad. 
Cha 'n e mhain gu bheil e deanamh daoine agus mnathan 
niaith ; ach tha e dear t ^.mh iochdarain maith, fìr agus mna- 
than pòsda maith, clann, seirbhisich, agus ann an aon fho- 
cal, luchd-daimh maith anns an eaglais, anns an dùthaich, 
agus anns an teaghlach. Is e am fior chomhara a ta air a 
thabhairt an aghaidh diadhachd moran, eadhon, gu bheil 
iad, 'nan droch luchd-daimh ; tha iad 'nan droch fhir pòsda, 
nan droch mhnathan pòsda, 'nan droch mhaighstirean, 'nan 
droch sheirbhisich. Cionnus a dhearbhas sinn gu bheil sinn 
'nar creutairean nuadh, ma tha sinn fathast dìreach mar 
bha sinn roimhe, 'nar dàimhibh fa leth? 2 Cor. v. 17. 
" Uime sin ma ta neach sam bith ann an Criosd, is creutair 
nuadh e, chaidh na seann nithe seachad, feuch rinneadh na 
h-uile nithe nuadh." Cosnaidh fior dhiadhachd teisteas do 
dhuine, o choguisean a chairde a's dilse, ged tha tuilleadh 
eolais acasan air anmhuinneachd peacach na ta aig muinn- 
tir eile, mar a chi sinn anns a' chor sin, 2 Righ iv. 1. 
"Fhuair t' ogiach m' fhear bàs, agus tha fios agad gu 'n 
robh eagal an Tighearn air t' oglach." 

3. Tha atharrachadh mòr anns an rathad sam bheil e 
leantuinn a ghnothuiche saoghalta. Cha 'n e an saoghal ni 
's mò na h-uile dha, mar bu ghnàth leis. Ged tha daoine 
naomh an sàs ann an gnothuiche an t-saoghail, co maith ri 
daoine eile ; gidheadh, cha 'n 'eil an cridheachan air an 
slugadh suas ann. Tha e soilleir gu bheil gnothuch aca ri 
neamh, co maith as ri talamh, Philip. iii. 20. "Tha ar 
caithe-beatha-ne air neamh." Agus tha iad a' dol mu 'n cuairt 
d' an gnothuiche anns an t-saoghal mar dhleasdanas a ta 
air a chur orra le Tighearna nan uile; a' deanamh an 
gnothuiche laghail, mar thoil Dhia, Eph. vi. 7. Ag oib- 
reachadh, a chionn gu 'n dubhairt e, " Ea dean gadachd." 

4. Tha curam àraid orra, air son meudachadh rioghachd 
Chriosd anns an t-saoghal : tha iad a nis a' gabhail taobh 
aobhar Dhè, agus tha meas ac' air Ierusalem os ceann an 
aoibhneis a 's airde, Salm cxxxvii. 6. Ciod sam bith co 
uaigneach as a ta iad a' caitheamh am beatha, bheir gràs 
orra bhi do spiorad follaiseach, air am bi curam mu airce 
agus obair Dhè, mu shoisgeul Dhe, agus mu phobull Dhè, 
eadhon iadsan dhiubh nach fhac iad riamh san aghaidh. 



208 

Mar clilann Dhè, thu gu nadurra curam orra mu na nithe 
sin. Tha curam nuadh nach bu ghnath leo aca mu mhaith 
spioradail muinntir eile. Agus cha luaithe tha iad a' 
hlasad air cumhachd gràis iad fèin, no tha iad ag iarraidh 
bhi 'nan luchd-oibre air son Chriosd agus naomhachd anns 
an t-saoghal so ; mar tha soilleir ann an cor na mnà o 
Shamaria, neach, air do Chriosd e fèin a nochdadh dhi, a 
dh'falbh do 'n bhaile, agus a dubhairt ris na daoine, 
Thigibh, faicibh duine a dh'innis dhomhsa na h-uile nithe 
a rinn mi riamh ! An e so Criosd 1 Eoin iv. 28, 29. 
Chunnaic agus mhothaich iad olc a' pheacaidh, agus air an 
aobhar sin tha truas aca do 'n t-saoghal a ta 'na luidhe san 
olc. Bu mhiann leo aithinne a spionadh as an teine, a' 
cuimhneachadh gu 'n robh iad fèin air an spionadh as, 
saothraichidh iad a chum an diadhachd . a mholadh do 
mhuinntir eile araon le'm briathraibh, agus le 'n eiseimpleir ; 
agus is fearr leo iad fèin aicheadh ann an nithe gun suim 
no le feum neo-sheirceil a dheanamh dhiubh, muinntir eile a 
sgrios, 1 Cor. viii. 13. " Uime sin ma bheir biadh aobhar 
oilbheim do m' bhràthair, cha'n ith mi feoil a chaoidh, chum 
nach tabhair mi aobhar oilbheim do m' bhrathair." 

5. Tha atharrachadh mor, anns an fheum a ta iad a' 
deanamh do shòlasan laghail. Cha 'n 'eil iad a' gabhail 
fois annta mar an crioch, ach tha iad 'gan gnathachadh 
mar mheadhona chum an cuideachadh 'nan slighe. Tha 
iad a' tarruing an comhfhurtachdan o no tobraichean a's 
airde, eadhon an uair a ta na tobraichean a 's ìsle a' sruthadh. 
Mar so air do Hanah mac fhaotainn, cha d' rinn i gaird- 
eachas co mor anns a' ghibht as a rinn i ann-san a thug 
e, 1 Sam. ii. 1. "Agus rinn Hanah urnuigh, agus thubh- 
airt i, tha mo chridhe a' deanamh gairdeachais anns an 
Tighearna, " Sec/lh, 'nuair a ta comhfhurtachdan na beatha 
air falbh, is urrainn dhoibh teachd beo as an eugmhais, agus 
"gairdeachas a dheanamh anns an Tighearna, ged nach 
toir an crann-tìge uaith blàth, Hab. iii. 17, 18. Tha 
gras a' teagasg feum a dheanamh do nithe iomchuidh na 
beatha so mar anns an dol-seachad, agus measarrachd 
naomh a nochdadh anns na h-uile nithe. An cridhe, a 
bha roimhe air a shlugadh suas anns na nithe sin gun ea- 
gal, tha e nis fuidh eagal a bhi ro-thoilichte leo : agus, air 
dha bhi fuidh eagal cunnairt, tha e 'gan gnàthachadh 
gu faicilleach; mar a tha coin na h-Eiphit a' ruith 'nuair 



209 

tha iad ag imlich an uisge as an ànihainn Mus, air eagal 
nan crocodil a ta innte. 

San àite mu dheireadh, Tha'n t-atharrachadh so a' deal- 
radh a mach ann an coimhlionadh dhleasdanais na diadhachd. 
Esan a bha caitheadh a bheatha ann an dichuimhn orra, cha 
dean e mar sin tuilleadh, ma thainig gràs Dhè aon uair d'a 
chridhe. Ma tha duine air ùr-bhreith, iarraidh e bainne 
fior-ghlan an fhocail, 1 Phead. ii. 2. Co luath 'sa tha 'n 
neach gun urnuigh a' faotainn spioraid a' ghrais bithidh e 
ann 'na spioraid ath-chuinge, Sech. xii. 10. Tha e co nadurra 
do'n neach a ta air a bhreith a rìs toiseachadh air urnuigh, 
as a tha e do'n leanabh a ta air ùr-bhreith bualadh air ràn- 
aich, Gniomh. ix. 1 1. " Eeuch, a ta e ri urnuigh ! " Bithidh a 
chridhe 'na theampull do Dhia, agus a thigh 'na h-eaglais. 
Tha 'n t-aoradh a bha roimhe eutrom agus foirmeil a nis 
spioradail agus beothail ; do bhrìgh gu'n do bheanadh ris a' 
chridhe agus ris an teanga le eibhle bheò o nèamh ; agus cha 
ghabh e fois ann an coimhlionadh a dhleasdanais a mhain, mar 
an curamach gu obair a chur seachad ; ach tha e anns na 
h-uile dleasdanas, ag iarraidh comuinn ri Dia ann an Criosd : 
'gam meas gu ceart mar mheadhona air an comharrachadh 
le Dia chum na crìche sin, agus tha e meas gu'n do chaill 
e shaothair, mar ruig e air sin. An fhad so mu nadur 
na h-ath-ghineamhuin. 

AN COSLAS A TA EADAR GINEAMHUIN NADURRA 
AGUS SPIORADAIL. 

II. Tha mi air teachd gu nochdadh c' ar son a deirear 
ris an atharrachadh so ath-ghineamhuin, a bhi air ar breith 
a rìs. A deirear so ris, a chionn a' choslais a ta eadar gin- 
eamhuin nadurra agus gineamhuin spioradail : a ta co- 
sheasamh anns na nithe fa leth so leanas. 

Air tùs, Tha gineamhuin nadurra 'na ni diomhair ! agus 
mar sin tha gineamhuin spioradail, Eoin iii. 8. "Tha 
ghaoth a' seideadh far an aill leatha, agus tha thu cluinn- 
tinn a fuaim, ach cha 'n 'eil fhios agad cia as a tha i teachd, 
no c' ait a tha i dol : is ann mar sin a tha gach neach a 
tha air a bhreith o'n Spiorad." Tha obair an Spioraid air 
a mothachadh, ach tha a rathad oibreachaidh 'na diomhair- 
eachd nach urrainn dhuinn a thuigsinn. Tha solus nuadh 
air a leigeadh a steach do'n inntinn, agus tha'n toil air a 
nuadhachadh ; ach cionnus tha 'n solus air a chur a steach 

o 



210 

cìonnus a tha'n toil air a glacadh le ceanglaichibh graidh 
agus cionnus a tha'n ceannairceach air a dheanamh 'na 
bhraighdeanach toileach, cha mhò is urrainn dhuinn inn- 
seadh, na's urrainn, dhuinn innseadh "cionnus a dh'fhàsas 
na cnamhan am broinn na mna a bhios torrach," Ecles. xi. 
5. Mar a chluinneas duine fuaim na gaoithe, agus a 
mhothaicheas e a gluasad ach nach 'eil fios aige c' ait 
am bheil i toiseachadh, no c' ait an sguir i ; 's ann mar 
sin a ta' na h-uile neach a ta air a bhreith o'n Spiorad ; tha 
e mothachadh an atharrachaidh a ta air a dheanamh air, 
ach cha'n 'eil fhios aige cionnus a tha e air a dheanamh. 
Aon ni air am feud e fìos a bhi aige, air dha bhi dall, gu 
bheil e nis a' faicinn : Ach tha siol nan gras a' gineamhuin 
agus a' fàs suas air doigh nach fios da, Marc. iv. 26, 27. 

San dara àite, Anns gach aon diubh, tha'n creutair a' 
teachd gu bith a bhi aige, nach robh aige roimhe. Cha'n 
'eil an leanabh ann, gus am bheil e air a ghineamhuin : agus 
cha'n 'eil bith ghrasmhor aig duine, no bith ann an gras, gus 
am bi e air ath-ghineamhuin. Cha'n e ath-ghineamhuin 
co mor a bhi leigheas duine thinn, as a bhi beothachadh 
duine mhairbh, Eph. ii. 1, 5. Tha'n duine 'na staid thruail- 
lidh, 'na neo-bhith ann an gràs ; agus tha e air a thabh- 
airt gu bith nuadh bhi aige, le chumhachdsan " a ta gairm 
nan nithe nach 'eil idir ann, mar gu 'm biodh iad ann ; air 
dha bhi air a chruthachadh ann an Iosa Criosd chum dheadh 
oibre," Eph. ii. 10. Uime sin tha ar Tighearn Iosa, a chum 
aobhar dochais a thoirt do na Laodiceanaich, 'nan staid 
thruaigh agus bhochd, 'ga nochdadh fèin mar "thoiseach 
cruthachaidh Dhè," Tasb. iii. 14. Eadhon gniomh- 
toiseach a' chruthachaidh, oir bha na h-uile nithe air an 
deanamh leis-san air tùs, Eoin i. 3. O'm feudadh iad a 
thoirt fa'near, a chionn gu'n d' rinn e iad 'nuair a bha iad 
'nan neo-ni, gu'm b' urrainn dha an deanamh a rìs, 'nuair 
a bha iad ni bu mhiosa na neo-ni ; a' cheart lamh a rinn 
iad 'nan creutairean dha fèin, b' urrainn dha 'n deanamh 
'nan creutairean nuadh. 

San treas àite, Mar nach 'eil lamh sam bith aig an lean- 
abh ann e fèin a ghineamhuin, ni mò tha lamh aig lean- 
abh Dhia ann e fèin ath-ghineamhuin : Cha 'n 'eil an aon 
a' deanamh a chuideachaidh is lugha 'na ghineamhuin fèin : 
's cha mhò tha'n aon eile a' dheanamh a chuideachaidh a's 
lugha, ann an rathad eifeachd, 'na ath-ghineamhuin fèin. 






211 

Oir ge do dh'fhèudas duine e fèm a chur laimh ris an 
loclian ; gidheadh cha'n 'eil lamh aige ann an gluasad an 
uisge, cha'n 'eil cumhaehd aige gu leigheas. Tha aon air 
a bhreith 'na leanadh do righ, aon eile 'na leanabh do 
dhuine bochd ; cha 'n 'eil lamh sam bith aig an leanabh 
san eadar-dhealachadh so. Tha Dia a' fàgail cuid 'nan 
staid thruaillidh : cuid eile tha e tabhairt gu staid grais no 
ath-ghineamhuin. Ma tha 'n onoir so air a cur ort, beag 
taing dhuitsa ; oir co tha deanamh eadar-dhealachadh ortsa 
o neach eile % 1 Cor. iv. 7. 

Sa' cheathramh àite, Tha dealbh iongantach anns gach 
breith. Is iongantach an dealbh a tha 'n corp an duine, 
anns am bheil a choimhlion ball ; cha'n 'eil a h-aon air chall 
cha 'n 'eil aon a chorr ! Air do'n t-Salmadair a chorp fèin 
a thoirt fa'near, tha e ag amharc air mar mhìr a dh' obair 
iongantach : " Is uamhasach, iongantach a dhealbhadh 
mi ! " ars' esan, Salm cxxxix. 14. agus "dhealbhadh mi 
gu h-iongantach ann an ionadaibh iochdarach na talmh- 
ainn!" rann 15. 'Se sin, anns a' bhroinn, far nach 'eil 
fhios agam cionnus a ta na cnàmhan a' fàs, ni 's mò na ta 
fios agam ciod a ta air a dheanamh ann an ionadaibh iochd- 
rach na talmhainn. Ann an gineamhuinn nadurra, tha sinn 
gu h-iongantach air ar deilbh, mar mhìr a dh' obair 
ghreis, mar tha 'm focal a' ciallachadh ! Is ann eadhon mar 
sin a ta e san ath-ghineamhuin, Salm xlv. 14. "Bheirear 
chum an Eigh, ann an trusgan do obair ghreis, trusgan air 
oibreachadh gu h-iongantach." 'Se 'n aon fhocal a ta san dà 
earrainn do'n Sgriobtur. Agus ciod e 'n trusgan sin tha'n 
t-Abstol ag innseadh dhuinn, Eph. iv. 24. Is e "an nuadh 
dhuine, a tha air a chruthachadh a reir Dhè, am flreantachd 
agus am fìor naomhachd." 'Se sin an trusgan, a deir e anns 
an àite cheudna, a's eigin duinn a chur umainn ; cha'n e 
gu bheil e dunadh a mach fireantachd Chriosd a ta air a 
meas : tha iad araon gu h-iongantach air an deilbh, mar 
ard-obair gliocais do-rannsuichte Dhè\ an deilbh iong- 
antach do ghrasan a ta anns an nuadh chreutair ! an 
creutair glormhor air ùr-dheanamh, a reir iomhaigh Dhè ! 
Is e gràs air son gràis ann an Criosd, a ta deanamh suas 
ad duine nuadh, Eoin i. 16. Eadhon mar ann an gineamh- 
uin chorporra, a tha aige an leanabh ball air son gach 
ball th' aige a pharanta ; tha na h-uile ball aige ann an 
inbhe àraid, a ta aig a phàranta. 



212 

Sa' chuigeadh àite, Tha so uile, anns a' bhreith, ag eir- 
idh suas o ni a ta ann fèin gle bheag agus suarach. 
cumhachd Dhè ann an deanamh a leithid do chreutair 
do shiol truaillidh ! Agus ni 's mò gu mor, ann an tabh- 
airt a mach a' chreutair nuadh o thoiseachadh co beag ! Tha 
e mar an neul beag, cosmhuil ri bois duine, a sgaoil gus 
an robh na speuran air an dorchachadh le neulaibh agus 
le gaoith, agus bha uisge mor ann, 1 Righ xviii. 44, 45. 
Gheibh aon duine focal aig searmoin, a tha na ceudan ri 
thaobh ag eisdeachd agus a' leigeadh thairis ; ach tha e 
mairsinn maille ris-san, ag oibreachadh ann, agus cha'n 'eil 
e 'ga fhagail gu brath, gus am bheil an saoghal beag air a 
thionndadh bun os ceann leis ; se sin gus am fàs e 'na dhuine 
nuadh. Tha e cosmhuil ris an smuain a bhuail ceann 
Ahasueruis, agus a chum codal o shùilibh, a thug a leithid 
do ghluasad air, as nach do sguir iad, gus an robh Morde- 
cai air a thoirt, ann an greadhnachas rioghail, a' marcachd 
tre 'n t-sraid, Haman uaibhreach a' ruith aig a chois ; an 
Haman ceudna 'na dheigh sin air a chrochadh, Mordecai 
air àrdachadh, agus an eaglais air a saoradh a cheannairc 
ifrinneil Haman ! Esth. vi. 1. Tha'n grainne do shiol 
mustaird a' fàs 'na chrann, Mat. xiii. 31, 32. Is taitneach 
le dia nithe mor a thabhairt o thoiseachadh beag. 

San t-seathamh àite, Tha gineamhuin nadurra air a toirt 
air a h-aghaidh a lion ceum is ceum, Iob x. 18. "Mar 
bhainne nach do thaom thu mi mach, agus mar chaise nach 
do dhaingnich thu mi?" Mar sin tha ath-ghineamhuin. 
Tha'n t-anam gu gnathaichte, anns an ath-ghineamhuin, 
mar bha'n duine dall a bha air a leigheas le'r Tighearna, 
neach a chunnaic air tùs daoine ag imeachd mar chraobhan ; 
'na dheigh sin chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir, 
Marc. viii. 24. Is fior, air do 'n ath-ghineamhuin a bhi 'na 
dol thairis o bhas gu beatha, gu bheil an t-anam air a thabh- 
airt beo ann am mionaid ; cosmhuil ris, mar tha'n ceud- 
fhas, air a thoirt gu h-iomlaineachd anns a' bhroinn, tha'n 
t-anam air a chur anns a' mheall gun bheatha. Feudaidh 
sinn, gidheadh a smuaineachadh ni eigin cosmhuil ri ceud- 
fhas, ann an gineamhuin spioradail, leis am bheil an t- 
anam air ulluchadh air son beothachaidh ; agus tha 'n nuadh 
chreutair comasach air fàs, 1 Phead. ii. 2. agus aìr beatha 
fhaotainn ni 's pailte, Eoin x. 10. 

San t-seachdamh àite, Anns gach aon diubh tha dàimhe 



213 

nuadh. Feudaidh a' mhuinntir ath-nuadhaichte a radh ri 
Dia, an Athair ; oir is iad a chlann iad, Eoin i. 12, 13, air 
an gineamhuin uaithe, 1 Phead. i. 3. 'Si a' bhean nuadh- 
phosda, bean an Uain, 'se sin, 'si an eaglais am mathair, 
Gal. iv. 27. Tha iad ann an daimh, mar bhraithrean, mar 
pheathraichean ri ainglibh agus ri naoimh air an glorach- 
adh, eadhon teaghlach neimh. Tha iad do 'n stoc neamh- 
aidh ; agus tha 'n aon a's suaraiche dhiubh, nithe an-uasal 
an t-saoghail, nithe gun daimh, mar tha'm focal a' ciallach- 
adh, (1 Cor. i. 28.) iadsan nach urrainn uaill a dheanamh 
as an fhuil a ta ruith nan cuislean, seadh tha iadsan le 'n 
nuadh-bhreith, dlùth ann an daimh ri muinntir oirdheirc 
na talmhainn. 

San ochdamh àite, Tha coslas eadar am parant agus an 
leanabh. Tha na h-uile ni a ta gineamhuinn, a' gineamh- 
uin a choslais fèin ; agus tha mhuinntir ath-nuadhaichte, 
" 'nan luchd comh-pairt do nadur na diadhachd, 2 Phead. 
ii. 4. Tha buaghan naomha Dhè" ann an tomhas agus ann 
an ceum, air an co-pairteachadh ris an anam ath-nuadhaichte, 
agus mar so tha iomhaigh Dhè air a h-aiseag ; air chor, as 
mar a tha 'm leanabh cosmhuil r'a athair, tha 'n creutair 
nuadh cosmhuil ri Dia fèin, air clha bhi naomh maa a tha 
esan naomh. 

San àite mu deireadh, Mar nach 'eil breith sam bith gun 
phian, araon do 'n mhathair agus do 'n leanabh ; mar sin 
tha pian mhor ann am breith a' chreutair nuadh. Tha beag 
no mor aig a' chloinn do na pianta-breithe sin, leis am bheil 
iad air am bioradh 'nan cridhe. Gniomh ii. 37. Tha pianta 
goirt aig an anam, 'nuair a ta e fuidh gheur-mhothachadh, 
agus irioslachadh : Cò is urrainn spiorad leonta ghiulan 1 
Tha mhathair ann am pein, tha " Sion ann an saothair," 
Isa. lxvi. 8. Tha i ag osnaich, a' gearan, ag eigheach, agus 
ann an saothair chruaidh, 'na ministeirean, agus 'na buill, 
a thoirt a mach cloinn d'a Tighearna, Gal. iv. 19. "Mo 
chlann bheag, air am bheil mi a rìs ri saothair, gus an 
dealbhar Criosd annaibh." Agus cha d' fhuair mathair 
riamh tuilleadh aoibhneis gu 'n robh leanabh mic air a 
bhreith do 'n t-saoghal, no tha aice-sa ann an nuadh-bhreith 
a cloinne. Ach an ni a tha ni 's ro chomharraichte na so 
uile, tha sinn a' leughadh cha 'n e mhain mu obair, no 
saothair anama ar Tighearn Iosa Criosd ; ach (an ni a's 
ro fhreagaraich ris so,) mu phianta, no ioghanna, mar 



214 

aon a' saothreàchadh ann am breith cloinne, (Isa. liii. 11.) 
Mar sin tha'm focal air a ghnàthachadh ann an Gniomh. 
ii. 24. gu ceart a' ciallachadh. Is ceart a dh' fheudas e an 
t-ainm a thoirt air an nuadh chreutair a thug Kachel air a' 
Mhac a cheannuich i gu daor, Benoni, is e sin, mac mo 
dhoilgheis ; agus mar a thug i mar ainm air fear eile dhiubh 
Naphtali, is e sin, mo ghleachd ; oir chur pianta na saothair 
sin esan "gu ard-eigheach agus deoir," Eabh. v. 7. seadh, 
gu " cruaidh-ghleachd, agus fallas fola," Luc. xxii. 44. 
Agus aig a' chrìch, bhàsaich e leis na piantaibh sin ; bha iad 
dhasan 'nam piantaibh a' bhais, Gniomh. ii. 24. 

TEAGASG NA H-ATH-GHINEAMHUIN AIR A CHO-CHUR. 

1. Fheum, na chaidh a ràdh, feudaidh sibh fheuchain, 
co dhiubh, a tha no nach 'eil sibh ann an staid grais. Ma 
tha sibh air bhur tabhairt a mach à staid na feirge no an 
sgrios, gu staid nan gras no na slainte ; tha sibh 'nur creut- 
airibh nuadh, tha sibh air bhur breith a ris. Ach their 
sibh, Cionnus a bhios fios againn, am bheil no nach 'eil 
sinn air ar breith a ris ì Freagradh, Nam feoraicheadh 
sibh dhiomsa an d'eirich a' ghrian, cionnus a bhiodh fìos 
agaibh, co dhiubh a dh'eirich no nach d' eirich i 1 Dh'iar- 
rainn oirbh amharc an aird ris na speuran agus a faicinn 
le 'ur suilean. Agus am bu mhaith leibh fios fhaotainn mu 
dh'eirich an solus ann bhur cridhe? seallaibh a steach, 
agusfaicibh: Is solusgrais e, agus nochdaidh se e fèin. Seall 
a' t' inntinn ; faic an robh i air a soillseachadh ann an 
eolas Dhè. An robh thu air do theagasg san taobh a stigh, 
ciod e Dia ? An robh do shuilean riamh air an tionndadh 
gus an taobh a stigh, gu thu fèin fhaicinn ; peacadh do staid 
thruaillidh, truaillidheachd do naduir, peacaidh do chridhe 
agus do bheatha? An robh thu riamh air do threòrach- 
adh gu beachd a ghabhail air co anabarr olc is a ta peac- 
adh 1 Am faca do shuilean an Eigh Iosa 'na mhaise ; 
gliocas eagsamhuil Dhè ann, 'na oirdheirceas dhealruichte, 
agus 'na lanachd iomlan, agus uile fhoghainteachd-san, 
maille ri diomhanas agus falamhachd gach ni eile 1 A rìs, 
Ciod an t-atharrachadh a ta air do thoiH Am bheil na 
cuibhrichean, leis an robh i aon uair air a cumail o bhi 
gluasad a dh'ionnsuidh neimh, air an tabhairt air falbh 1 ? 
Agus an d' fhuair do thoil suidheachadh nuadh ? Am bheil 
thu mothachadh grain do ; n pheacadh, agus iarrtas gu maith 



215 

air oibreachadh ann ad chridhe ? Am bheil t' anam air 
tionndadh gu Dia, mar t' ard-chrioch? Am bheil do thoil 
air a nuadh-chumadh ann an caileigin freagarach do thoil 
Dè 'na lagh agus 'na fhreasdal? Am bheil thu lan-reidh 
ri coimhcheangal na sith, agus am bheil thu gu suidhichte 
toileach gabhail ri Criosd, mar tha e air a thairgse san 
t-soisgeul ? Agus do thaobh atharrachadh air d'aignidhibh, 
am bheil iad air an ath-leasachadh, agus air an suidheach- 
adh air cuspairean ceart? Am bheil t' iarrtuis a' dol an 
deigh Dhè ? Am bheil iad air ainm, agus air cuimhne uime ? 
Isa. xx vi. 8. Am bheil t'uile dhochas ann ? Am bheil do 
ghradh air a shuidheachadh air, agus t' fhuath air a shuidh- 
eachadh an aghaidh a' pheacaidh? Am bheil t' eusaontais 
an aghaidh Dè co maitheasach, a' luidhe le bron air do 
chridhe ; agus am bheil t' eagal roimh 'n pheacadh ni 's mò 
na roimh f hulangas ? Am bheil t-aignidhean fuidh riaghailt ? 
Am bheil iad, do thaobh comhfhurtachdan cruthaichte, air 
an toirt a nuas, air doibh a bhi tuilleadh is ard ; agus do 
thaobh Dhè ann an Criosd, air an togail suas, air dhoibh 
a bhi ro iosal? Am bheil aige-san an ard-chaithir ann ad 
chridhe ? Agus am bheil t-uile comhfhurtachdan agus sol- 
asan laghail saoghalta, air an cuir sios aig a chosaibh ? An 
robh do choguis air a soillseachadh agus air a' dusgadh, a' 
diultadh gach uile fhois, ach o cho-chur fola an Fhir-shaor- 
aidh ? Am bheil do chuimhne air a naomhachadh, do chorp 
air a chur air leth gu seirbhis Dhia, agus am bheil thu nis 
ag imeachd ann an nuadhachd beatha? Mar so feudaidh 
sibh fhaicinn ma tha no nach 'eil sibh air 'ur breith a rls. 

Ach . a chum bhur comhnadh ni's faide anns a' ghnoth- 
uch so, labhraidh mi beagan mu chomhara eile air ath- 
ghineamhuin, eadhon, Gradh do no braithrean ; dearbh- 
adh leis an robh a' mhuinntir bu laigse agus bu ghealtaiche 
do na naoimh gu tric a' faotainn comhfhurtachd 'nuair 
nach b' urrainn dhoibh a bheag sam bith do sholas fhaot- 
ainn o chomharan eile a bheirte dhoibh. So tha'n t-Abstol 
a' nochdadh, 1 Eoin iii. 14. "Tha fhios againn gu'n deach- 
aidh sinn thairis o bhas gu beatha, do bhrìgh gu bheil 
gradh againn do no briathribh." Cha'n fheudar a smuain- 
eachadh gu bheil an t-Abstol leis na briathribh, anns an 
aite so, a' ciallachadh briathrean do thaobh daimh choit- 
chionn, ris a' cheud Adhamh, ach ris an dara Adhamh, Iosa 
Criosd; do bhrìgh, ciod satn bith mar tha deadh-ghean 



216 

agus deadh-thoil do na chinne-daoine uile, a' gabhail tàmh 
anns an anam ath-nuadhaichte, air dha sin a bhi 'na earrann 
bheo do iomhaigh Dhè ; gidheadh, tha'n t-iomlan do'n cho- 
theagasg a' labhairt umpa-san a tha "nam mic do Dhia," 
rann, 1, 2. "clann Dhè," rann 10. " air an gineadh o 
Dhia," a' cur dealachaidh eadar clann Dhè, agus clann an 
diabhuil rann 10. eadar iadsan a ta o 'n diabhul, rann 8. 
12. agus iadsan a ta o Dhia, rann 10. Agus tha 'm bonn- 
teagaisg fèin a' teachd a steach mar reusan, gun iongantas 
a bhi oirnn gu bheil an saoghal a' toirt fuath do na braith- 
rean, do chloinn Dhè, rann 13. Cionnus is urrainn dhuinn 
iongantas a ghabhail deth, a chionn gur e gradh do na 
braithribh an dearbhadh air neach a dhol thairis o bhas gu 
beatha? Agus air an aobhar sin, b' amaideach a bhi 'g 
amharc air son graidh am measg muinntir an t-saoghail 
a ta marbh ann an euceartaibh agus peacaibh. Cha 'n urr- 
ainn dhoibh gradh a thoirt do na briathribh ; cha 'n iogh- 
nadh, air an aobhar sin, gu bheil fuath aca dhoibh. Uime 
sin, tha e soilleir, gur e ta air a chiallachadh le briathrean 
ann an so, briathrean troimh ath-ghineamhuin. 

A nis, a chum an comhara so na h-ath-ghineamhuin a 
chur ann an solus ceart, thoir fa'near na trì nithe so; 
(1.) An gradh so do na briathribh, is gradh e a ta dhoibh 
mar bhraithribh ; tha sinn a' toirt graidh dhoibh ann an 
seadh a' bhonn-teagaisg, 'nuair is e gras no iomhaigh Dhè 
annta, ard-aobhar ar graidh dhoibh. 'Nuair a tha gradh 
againn do na daoine diadhaidh air son an diadhachd, do 
na naoimh air son an naomhachd; tha gradh againn do 
Dhia annta, agus mar sin feudaidh sinn a cho-dhunadh 
gu bheil sinn air ar breith o Dhia : " Oir ge b'e ghradh, 
aicheas an ti a ghin, gradhaichidh e mar an ceudna 
an ti a ghineadh leis," 1 Eoin v. 1. Feudaidh cealgair- 
ean gradh a thoirt do na naoimh, air son an daimh 
shaoghalta dhoibh, air son an deadh choluadar ; a chionn 
gu bheil iad do 'n aon bharail riu fèin ann an ponnca diadh- 
aidh ; agus air son iomadh aobhar eile, d' an leithide sin, leis 
am feud daoine aingidh gradh a thoirt do dhaoine diadh- 
aidh. Ach is sona iadsan, as urrainn gradh a thoirt doibh 
air son a' ghrais a ta annta ; air son an naduir agus an 
gnè neamhaidh ; d' an urrainn an neamhnuid so a spionadh 
à otrach nan anmhuinneachd a ta annta agus mu 'n cuairt 
doibh ; a ni greim air agus a ghradhaicheas iad air a shon 



217 

(2.) Is gràdh e bhios air a thabhairt do na h-uile, anns 
am faicear gràs Dhè. Iadsan aig am bheil gràdh do aon 
naomh, a ehionn gur naomh e, bithidh gràdh aca do na 
naoimh uile, Eph. i. 15. Biodh gràdh aca do na h-uile, a ta 
a reir am beachd-san, a' giulan iomhaigh Dhè. Iadsan nach 
urrainn gràdh a thoirt do neach grasmhor ann an luideag- 
aibh, ach a bheir gradh dhoibhsan a mhain a ta caitheadh 
deadh thrusgain cha 'n 'eil an gràdh so do na braithribh 
annta. Iadsan aig nach 'eil gràdh ach do chuid a ta d' am 
barail fèin, ged nach ann doibhsan a mhain a thug Dia 
gras; is anama iad a ta tuilleadh is cumhann gu bhi ir 
an cur am meag na cloinne. Ciod sam bith na ponnca 
sam bheil daoine dealachadh uainn 'nam barail no 'nan 
slighe, gidheadh ma tha iad a' taisbeanadh còrdadh 
ruinn 'nan gradh do Dhia, agus do'r Slanuighear Iosa 
Criosd, agus ann an giulan 'iomhaigh-san, bheir sinn gradh 
dhoibh mar bhraithribh, ma tha sinn fèin do 'n teaghlach 
nèamhaidh. Agus, (3,) Ma tha 'n gradh so annainn, mar 
is mò tha do 'n ghras so a' taisbeanadh aig neach sam bith, 
's ann is mò bhios do ghradh againn dha. Mar is dèine 
tha teine naomh a' ghrais a' lasadh ann an neach sam bith 's 
ann is mò lasas teine a' ghraidh ann an cridheachan fior 
Chriosduidhean doibh. Cha 'n 'eil na naoimh, mar a tha 
iomadh do dhaoine a ta 'gan deanamh fèin 'nan cinn-iuil do 
mhuinntir eile ; agus a' tabhairt graidh dhoibh co f ad 'sa tha 
iad am barail gu bheil iad cosmhuil rin fein. Ach ma tha 
choslas orra barrachd a bhi aca orrasan, agus an dorchach- 
adh ; tha 'n gradh air a thionndadh gu fuath agus farmad, 
agus ni iad dìchioll air a' chliu a bhuineas do 'n eiseimpleir 
dhiadhaidh ac', a thabhairt uatha ; do bhrìgh nach 'eil blas 
aca air ni sam bith san diadhachd, a ta dol thar an tomhas 
fèin : Tha na tha do bheatha agus do chumhachd na diadh- 
achd a' taisbeanadh ann am muinntir eile, a mhain a' dusg- 
adh a' ghearain mhi-runaich 'nan cridheachan fèin-speiseil. 
Ach air an sonsan a ta air am breith a rìs, tha 'n gradh agus 
an aigne dhoibh a reir an tomhas do 'n iomhagh dhiadh- 
aidh a ta iad a' toirt fa'near annta. 

A nis, nam bu mhaith leibh cleachdamh a dheanamh do 
na nithe sin a chum eolas fhaotainn air 'ur staid, Chomh 
airlichinn duibh, (1.) Cuid d'ur aimsir a chur air leth, 'nuair 
a ta sibh aig an tigh, gu ath-bheachd a ghabhail air 'ur 
staid ; agus feuchaibh 'ur staid leis na chaidh a radh. Is 



218 

iomadh iad iag am bheil comhfhurtachd agus soilleir- 
eachd mu 'n staid aig searmoin, a ni ann an ùine ghoirid, 
a chall a rìs : Do bhrìgh, am feadh 'sa ta iad ag eisdeachd 
an fhocail air a shearmonachadh, gu bheil iad a' socrachadh 
air, ach cha 'n 'eil iad a' smuaineachadh air na nithe sin gu 
suidhichte agus gu h-athaiseach 'nuair a ta iad 'nan aonar. 
Tha 'n gniomh tuilleadh is obann agus goirid gu comh- 
fhurtachd bhuan a thabhairt. Agus tha gu tric co beag 
smuaineachaidh uime, as gu bheil e teachd gu droch crìoch. 
Air an aobhar sin, tòisich air an obair so aig an tigh, an 
deigh dhuit guidhe gu durachdach ann an urnuigh ri Dia 
air son a chòmhnath innte. Na bi gearan nach 'eil ùin' 
agad, fhad 'sa bhios an oidhche leantuinn an la ghniomh- 
aich; no nach 'eil ait agad, fhad 's a tha na machraichean 
agus na saibhlean ri 'm faotainn. (2.) Ath-nuadhaich t' 
aithreachas an lathair an Tighearna. Feudaidh cionta, 
do nach do ghabhadh aithreachas, a ta 'na luidhe air a' 
choguis, t-uile shoilleireachd agus do chomharan grais a 
dhorchachadh. Tha e brosnachadh Spioraid an Tighearna 
gu imeachd ; agus an uair a ta esan air f albh, tha ar solus 
a' dol as. Cha 'n iomchuidh an t-àm do 'n chriosduidh a 
bhi leughadh a chomharan, 'nuair a ta choinneal air a cur 
as le lot cionta eigin a ta luidhe air a choguis. 

San àite mu dheireadh, Dean feum do chomasan an naduir 
nuaidh : Biodh grasan an Spioraid Naoimh annad, 'gan 
taisbeanadh fèin le bhi gnìomhach. Nam bu mhaith leat 
fios a bhi agad ma tha teine naomh air fhadadh ann ad uchd, 
's eigin duit an eibhle sheideadh; oir, ged tha teine ann, 
agus ged is eibhle beo i, gidheadh, ma tha i fuidh 'n 
luaidh, cha toir i solus duit. Suidhichibh rùn daing- 
ean 'nur cridheachan, tre 'n ghras a ta ann an Iosa Criosd, 
gu aontachadh leis gach dleasnas aithnichte, agus gu faire 
an aghaidh gach peacadh aithnichte ; air dhuibh togradh 
inntinn a bhi agaibh, gu bhi air 'ur teagasg anns na nithe 
nach aithne dhuibh. Nan orduicheadh anama grasmhor 
mar so an rannsachadh mu 'n staid, tha e ro choslach 
gu 'n tigeadh iad gu deireadh solasach. Agus nan gabh- 
adh dream eile a leithid sin do bheachd cudthromach, agus 
nan deanamh iad deuchainn fhirinneach air an staid, 
'gan cur f èin 'nan seasamh an laithir caithir an coguis ; 
dh'fheudadh iad sealladh an àm iomchuidh fhaotainn air 
an graineileachd fèin. Ach tha di-chuimhn air fèin-ranns- 



219 

achadh, a' fagail a chuid is mò do dhaoine fuidh mheall- 
aidhean bronach, an thaobh an staid ; agus tha mòran do 
na naoimh fèin leis a sin a' call beachd solasach air gras 
Dhè annta. 

Ach a chum gu 'n d' thugainn tuilleadh còmhnadh do 
fhior Chriosduidhean, 'nan rannsachadh mu 'n staid ; nochd- 
aidh mi, agur freagraidh mi gu h-aithghearr cuid do choir- 
ibh agus amharusan, a dh'fheudas bacadh a chur air cuid 
do dhaoine o bheachd solasach fhaotainn mu 'n staid shona. 
Cha'n fheudar aran na cloinne a chumail air ais, ged a dh' 
fheudas na coin greim a ghabhail deth 'nuair a ta e air a 
shìneadh d'an ionnsuidh-san. 

1. Chor, Tha mi fuidh amharus nach 'eil mi air m' 
ath-ghineamhuin, a chionn nach 'eil fios agam air a' cheart 
àm san robh mi air m' iompachadh ; 's cha 'n urrainn mi na 
ceuma fa leth a lorgachadh anns an robh e air a thoirt 
mu 'n cuairt. Freagradh, Ged tha e ro-thaitneach, a bhi 
comasach air cunntas a thoirt air tòiseachadh, agus air 
teachd air aghaidh obair an Tighearn air ar n-anama, mar is 
urrainn cuid do naoimh gu soilleir a thabhairt, (gidheadh 
tha 'n seol air am bheil an Spiorad ag oibreachadh, fath- 
ast 'na dhìomhaireachd,) cha 'n 'eil so gidheadh feumail 
gu bhi dearbhadh fior-ghras. Is sona dhasan is urrainn a 
radh, anns a' chor so, mar a thubhairt an duine dall anns 
an t-soisgeul, air aon ni tha fhios agam, air dhomh a bhi 
dall gu bheil mi nis a' faicinn. Cosmhuil ris, 'nuair a chi 
sinn lasraichean, tha fhios againn gu bheil teine ; ged 
nach 'eil fìos againn cionnus no c' uin' a thòisich e : Mar sin 
feudar fìrinn a' ghrais fhaicinn annainn; ged nach 'eil 
fhios againn cionnus no c' uin' a bha e air a dhortadh 'nar 
cridheachaibh. Ma's urrainn dhuit an t-atharrachadh gras- 
mhor, a ta air oibreachadh air t'anam a breithneachadh ; 
mu dh' aithnicheas, tu gu bheil t'inntinn air a soillseach- 
adh, do thoil air a h-aomadh gu aontachadh ri toil Dhè 
anns na h-uile nithibh, gu h-araid ann an gabhail ri slighe 
na slainte trid Fir-shaoraidh air a cheusadh : is ann an 
diomhain a ta thu cur trioblaid ort fèin, agus a' diultadh, 
comhfhurtachd a ghabhail, a chionn nach 'eil fhios agad, 
cionnus no ciod an rathad san robh e air a thoirt mu 'n cuairt. 

Cor. Nam bithinnse a' m' chreutair nuadh, cha b' 
urrainn peacadh buadhachadh a' m' aghaidh mar tha e 
deanamh. Freag. Ged nach fheud sinn cluasag a chur 



220 

fuidh chealgairean, gu 'n ceann a shocrachadh oirre, eadhon 
fadsan a ta gabhail saorsa dhoibh fèin dol air an aghaidh 
'nam peacaidhean, agus a ta deanamh gràs Dhè freagarach 
d' an ana-mianna, a' luidhe sìos gu toilichte ann an cuibh- 
reach na h-aingidheachd, cosmhuil ri daoine aig am bheil 
tlachd ann an cuibhrichean òir ; gidheadh is èigin aideach- 
adh, " gu 'n tuit am firean seachd uairean san là, agus feud- 
aidh euceart buadhachadh an aghaidh clann Dhè." Ach, 
ma tha thu ag osnaich fuidh throm-uallach cuirp a' bhàis, 
truaillidheachd do naduir, a' gabhail gràin diot fèin air son 
peacaidh do chridhe agus do bheatha, a' deanamh strì chum 
t'ana-mianna a mharbhadh, a' teicheadh gach la gu fuil 
Chriosd air son maitheanais, agus ag amharc r'a spiorad 
chum naomhachaidh, ged is èigin duit a radh leis an t- 
Salmadair, thug eucearta buaidh orm ; gidheadh feudaidh 
tu radh leis-san mar an ceudna, " m'eusaontais glanaidh tusa 
uam," Salm lxv. 3. Cha 'n 'eil an nuadh chreutair fathast 
a' sealbhachadh an tighe 'na aonar, tha e chomhnuidh ann 
an droch coimhearsnachd, eadhon, fuigheall na truaillidh- 
eachd, fuigheall an naduir thruaillidh : tha iad sin a' strì 
ri cheile chum na buadha, " Tha 'n fheoil a' miannachadh 
an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na 
feola," Gal. v. 17. Agus tha air uairibh truaillidheachd 
a' buadhachadh, a' tabhairt leanabh Dhe' ann am braigh- 
deanas do lagh a' pheacaidh, Eom. vii. 23. Na tugadh 
uime sin an truaillidheachd, a ta buadhachadh an taobh a 
stigh dhiot, ort a cho-dhunadh anns a' chor so nach aon do 
chlann Dhè thu; ach bi air t-irioslachadh leis, gu bhi ni's 
mò air t'fhaicill, agus gu tart ni's durachdaiche bhi ort an 
deigh fola Iosa Criosd agus Spioraid : Agus dearbhaidh 
a' cheart ghnè sin gu bheil bith gràis annad a ta 'g iarraidh 
am peacadh a ta buadhachadh co tric a' t'aghaidh, a bhi 
air a sgrios. 

3. Cor. Tha mi mothachadh gluasadan a' pheacaidh ann 
am chridhe ni 's dèine, o na thòisich an Tighearn air oib- 
reachadh air m' anam, na bha iad roimhe sin. An 
urrainn so a bhi co-sheasmhach ri atharrachadh air mo na- 
dur*J Freag. Is uamhasach cor mhòran, eadhon iad sin 
ris an do bhuin Dia gu comharraichte r' an anama, a chum 
an ath-leasachaidh, a thilg dhiubh gach uile cheangal, agus 
a dh' fhàs neo-gheamnuidh agus trnaillidh, mar gu 'm pil- 
leadh an diabhul gu 'n cridheachan, le seachd spiorada ni 's 



221 

miosa na e fdin. 'Se na their mi ris a' mhuinntir sin, gu 
bheil an staid anabharr cunnartach : tha iad ann an cunnart 
peacachadh an aghaidh an Spioraid naoimh ; uime sin, gabh- 
adh iad aithreachas mu'm bi e tuilleadh is anmoch. Ach, 
mur 'eil a' chùis mar so libhse, ged tha truaillidheachd 'ga 
gluasad fèin ni's laidire na rinn i riamh roimhe, mar, gu'm 
biodh uile armailt ifrinn air eirigh a chumail greim teann, 
a thoirt air ais f ogarraiche ; a deir mi gu 'm f eud na gluas- 
ada sin a bhi co-sheasrnhach ri atharrachadh do naduir. 
'Nuair a ta bacadh gràis air tùs air a chur air truaillidheachd, 
cha 'n iongantach ge do dh' oibricheas an truaillidheachd sin 
ni's beothaile na rinn i riamh roimhe, a' cogadh an agh- 
aidh lagh na h-inntinn, Rom. vii. 23. Feudaidh gun amh- 
arus gluasadan a' pheacaidh a bhi ni's dèine, 'nuair a ta bea- 
tha nuadh air a tabhairt a steach gu thilgeadh a mach. Agus 
mar a ta a' ghrian, 'nuair a ta i cur a gathan tre 'n uinneig, 
a' nochdadh nan caimein san tigh, agus an gluasadan, 
nach robh air fhaicinn roimhe; mar sin feudaidh solus a' 
ghrais gluasadan agus gniomhara na truaillidheachd a 
nochdadh air sheol eile na chunnaic an duine riabh riomhe 
iad, ged nach 'eii iad da rireadh ag eiridh no ag oibreach- 
adh ni's dème na rinn iad roimhe. Cha 'n 'eil am peacadh 
gu tur marbh anns an anam ath-nuadhaichte, cha 'n 'eil e 
ach a' bàsachadh ; agus a' bàsachadh bàs f adalach, air dha 
bhi air a cheusadh; cha 'n iongantach ged a bhios geur 
chomhraig 'nuair a ta e tinn aig a chridhe, agus a ta 'm bàs 
aig an dorus. Thuilleadh air so, feudaidh buairidhean a bhi 
ni 's lionmhoire, agus ni 's laidire, am feadh 'sa ta Satan ri 
strì sibhse thabhairt air bhur n-ais, a ta air dol as, no bha e 
'nuar a bha e mhain a' deanamh dìchioll air 'ur cumail ; 
" An deigh dhuibh bhi air bhur soillseachadh, dh' fhuiling 
sibh gleachda mor fulangais," ars' an t-Abstol chum nan 
Eabhruidheach, caib. x. 32. " Ach na tilgibh uaibh bhur 
mumghinn," (r. 35.) Cuimhnichibh gu bheil a ghràs fogh- 
ainteach air bhur son : Agus bruthaidh Dia na siothchainnt 
Satan f o 'ur cosaibh gu h-aithghearr. Cha robh Pharaoh agus 
a chuid Eiphiteach riamh co-uamhasach do na h-Israelich, 
as a bha iad aig an fhairge ruaidh, an deigh dhoibh a bhi 
air an tabhairt a mach as an Eiphit ; ach is ann an sin a 
bha 'n luchd-toiachd ni bu dlùithe do leir sgrios, Ecsod. 
xiv. ISTa tugadh an cor so, uime sin, oirbh a' bhunait 
a thilgeadh ; ach bithibh air bhur falmhachadh dhibh fèin, 



agus bithidh laidir anns an Tighearn, agus ann an cumh- 
achd a neart, agus thig sibh as le buaidh. 

4. Cor. Ach, 'nuair a choimeasas mi mo gràdh do 
Dhia, ri m' ghràdh do chuid do sholasan cruthaichte, tha 
mi mothachadh cuisle m' aignidhean a' bualadh ni's laidire 
chum a' chreutair na chum a' Chruithear. Cionnus air 
an aobhar sin, as urrainn mise m' athair a ghairm dheth ì 
!Ni h-eadh, mo thruaigh ! tha na tionndaidhean cridhe 
so an taobh a stigh dhiom, agus an teas aignidhean 
dha, a bh' agam air uairibh air falbh ; air chor, as gu 
bheil mi fuidh eagal, nach robh anns a' ghràdh uile a bh' 
agam riamh do 'n Tighearna ach boilsge agus lasair a dh' 
aignidhean, a leithid 'sa tha gu tric aig cealgairean 1 
Freag. Cha 'n fheudar aicheadh nach 'eil gràdh an t-saogh- 
ail so, 'nuair a ta e riaghladh san duine, 'na chomhara 
cinnteach air staid neo-iompaichte, 1 Eoin ii. 15. " Ma 
ghradhaicheas neach air bith an saoghal, cha 'n 'eil g'ràdh 
an Athar ann." Gidheadh cha'n iad do ghnath na h-aig- 
nidhean a's treise, a's gluasadaiche. Feudaidh aigne duine 
bhi ni 's mò air gluasad air cuid a dh' uairibh le cuspair, 
air nach 'eil ach beag suim aige, no le cuspair eile, d' am 
bheil mor-ghràdh aige ; ceart mar a ni sruthan beag air 
uairibh tuilleadh fuaim na ni amhainn mhor. Tha neart 
ar n-aignidhean ri bhi air a thomhas le daingneachd 
agus le suidheachadh an fhreumh; cha 'n ann le teas an 
gnlomhara. Saoileamaid gu bheil neach a' coinneachadh 
a charaid, a bha fada as an rioghachd, tha e mothachadh 
a ghaoil ni's dèine d' a charaid anns an àm sin, do d' a 
mhnaoi agus d'a chloinn fèin ; an abair e air an aobhar sin, 
gu bheil tuilleadh gràidh aige d' a charaid no ta aige dhoibh- 
san ? Gu cinnteach cha 'n abair. Eadhon mar sin, ged 
fheud an Criosduidh e fèin fhaotainn air a ghluasad 'na 
ghràdh ni's mò do 'n chreutair no 'na ghràdh do Dhia ; 
gidheadh cha'n fheudar air an aobhar sin a radh, gu bheil 
tuilleadh gràidh aige do 'n chreutair, na ta aige do Dhia, 
do bhrigh gu bheil gradh do Dhia do ghnath ni's daingean 
ann an cridhe grasmhor, na gradh do shòlas sam bith 
cruthaichte, mar a tha soilleir 'nuair a ta strì ag eiridh air 
a leithid do dhoigh, is gur eigin dealachadh ris an dara 
aon diubh. Am b' aill leibh uime sin fios fhaotainn air bhur 
staid, rachaibh a steach d' ur cridheachan fèin agus an sin 
cuiribh an dithis anns a' mheidh, agus feuchaibh co dhiubh, 



223 

a chothromaicheas sìos an aon eile : Feòraich diot ièm, 
mar ann an lathair Dhè, co dhinbh a dhealaicheadh tn ri 
Criosd air son a' chreutair, no ris a' chrentair air son 
Chriosd, nam bitheadh tu air t'fhàgail gu d' roghainn anns 
a' ghnothuch ! Ma gheibh thu mach gu bheil do chridhe 
toileach dealachadh ris an ni as ionmhuinne leat anns an 
t-saoghal air son Chriosd, aig a ghairm, cha 'n 'eil aobhar 
agad a cho-dhunadh gu bheil thu gràdhachadh a' chreut- 
air ni's mò na Dia ; ach, air an laimh eile, gu bheil do 
ghradh do Dhia ni's mò na do 'n chreutair, ged nach 'eil 
thu mothachadh gluasad co dian ann an gràdh do Dhia, as 
a ta ann an gràdh do ni eigin cruthaichte, Mat. x. 37. " Ge 
b'e ghradhaicheas athair no mathair ni 's mò na mise, cha 
'n airidh orm e." Luc. xiv. 26. " Ma thig neach air bith 
do m' ionnsuidhse, agus nach fuathaich e 'athair, agus a 
mhathair, cha 'n 'eil e'n comas da bhi 'na dheisciobul domh- 
sa." " na scriobtuir sin air an coimeas ri chèile, feudaidh 
sinn fhaicinn gu bheil esan a dh' fhuathaicheas ('se sin, a 
ta ullamh gu dealachadh ri) athair agus mathair air son 
Chriosd, ann am meas ar Tighearn, 'na neach a ta 'g an 
gradhachadh ni 's lugha na esan ; agus nach neach e a ta 
gradhachadh athar agus mathar ni 's mò na esan. Thnill- 
eadh air so, tha sibh ri thoirt fa'near, gu bheil gradh dà 
fhillte do Chriosd. (1.) Tha gradh mothachail dha, a ta 
air a mhothachadh mar shaighead anns a' chridhe, agus a' 
deanamh tinneas gràidh naoimh san anam, ag eiridh an 
dara cuid o easbhuidh sòlais, mar ann an cor na ceile, Dàn- 
Shol. v. 8. "Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheana 
Ierusalem, ma gheibh sibh fear mo ghraidh, gu 'n innis 
sibh dha, mar a ta mi tinn le gradh ! " no air an làimh eile 
o'n lanachd a ta ann, mar anns a' chor sin, Dàn-Shol. ii. 5. 
" Cumaibh suas mi le cornaibh, sgapaibh ubhlan mu 'm 
thimchioll, oir a ta mi tinn le gràdh." Tha na teasan 
aignidhean so gu gnathaichte ann am muinntir a ta air an 
ùr iompachadh, a ta toirt orra " seinn ann an laithibh an 
òige," Hos. ii. 15. Am feadh 'sa tha faobhar teine air an 
iompachan òg, tha e ag amharc air muinntir eile, a ta air 
am meas 'nan naoimh, agus nach 'eil a' faicinn annta a 
leithidh do glmè agus do bheothalachd ris fèin, tha e ullamh 
air an coireachadh, agus tha e smuaineachadh gu bheil 
ni 's lugha do dhiadhachd anns ann an t-saoghal, no da rir- 
eadh a ta ann. Ach 'nuair a ta chupan fèin a' teachd gu 



224 

socrachadh fuidh bheul, agus a tha e faotainn sin ann ièin, 
a thug air amharus a bhi aige niu mhuinntir eile, tha e 
ni 's mò air irioslachadh, agus tha e mothachadh an tuill- 
eadh feum air teachd gach là gu fuil Chriosd air son maith- 
eanais, agus gu Spiorad Chriosd air son naomhachaidh ; 
agus mar so fasaidh e sìos ann an irioslachd, ann am fèin- 
ghrain agus ann am fèin-aicheadh. (2.) Tha gràdh reus- 
anta do Chriosd, a ta as eugmhais nan gluasad inntinn sin 
a bha air am mothachadh anns a' cheud chor, 'ga dhearbh- 
aclh fèin le meas dleasdanach do ùghdarras agus aithne Dhè. 
'JSTuair a ta aig neach a leithid do ghràdh do Chriosd, ged 
tha e dh'easbhuidh nan gluasad dian do ghràdh, gidh- 
eadh tha e da rireadh faicilleach roimh oilbheum a thabh- 
airt do Dhia grasmhor; a' deanamh dìchioll air imeachd 
'na lathair chum gach uile thoileachadh ; agus tha doil- 
gheas air aig a chridhe, air son an ni sin a ta mi-thait- 
neach dha, 1 Eoin v. 5. " Oir is e so gràdh Dhè, sinn a 
choimhead àitheanta." A nis, ged nach 'eil an gradh moth- 
achail sin a' mairsinn do ghnath maille ribh, gidheadh cha 
'n 'eil aobhar agaibh a mheas gur ceum cealgach e, am 
feadh a ta 'n gràdh reusanta a mairsinn maille ribh, 
ni 's mò na tha aig mnaoi fhìrinnich agus ionmhuinn, air 
teagamh a chur 'na gràdh g'a fear-posda, 'nuair a ta a teas- 
ghràdh air traoghadh. 

5. Cor. Tha 'n airde gus am bheil cealgairean agus 
muinntir a thuit air falbh o'n chreidimh a' ruigheachd, 'na 
uamhas domh, agus a' teachd mar chrith-ghluasad doinn- 
ion orm, 'nuair tha mi togar a cho-dhunadh o chomh- 
aran a' ghràis a ta choslas orm a bhi faotainn annam f èin, 
gu bheil mi ann an staid gràis. Freag. Bu choir do na 
nithe sin gu cinnteach ar brosnachadh gu ceasnachadh 
fhinneach agus suidhichte dheanamh oirnn fèm ; ach cha 
bu chor dhoibh ar cumail ann an gnath-amharus mu thim- 
chioll ar staid. A chuideachd, tha sibh a' faicinn an taobh 
a mach do chealgairean, an dleasdanais, an gibhtean, agus 
an deoìr ; ach cha 'n 'eil sibh a faicinn an taobh a stigh ; 
cha 'n 'eil sibh a' faicinn an cridheachan, aomadh an 
spiorada. Air na tha sibh a' faicinn annta, tha sibh a' 
tabhairt breith na seirc, a tliaobh an staid ; agus is maith 
a ta sibh a deanamh, a bhi tabhairt breith sheirceil 'na 
leithid sin do chor, do bhrìgh nach urrainn dhuibh aithne 
bhi agaibh air a' ghnè o'm bheil iadsan ag oibeachadh, 



225 

ach tha sihh a' lahhairt, agus bu chòir dhuibh hreithneach- 
adh cinnteach bhi agaibh, a thaobh bhur staid fèin; agus, 
air an aobhar sin, tha sibh ri amharc a steach anns an earr- 
ann sin do'n diadhachd, nach urrainn neach anns an 
t-saoghal ach sibh fèin aithneachadh annaibh, agus is co 
beag is urrainn sibhse aithneachadh ann an dream eile. 
Feudaidh diadhachd a' chealgair a bhi taisbeanadh moran 
ni's mò na ta diadhachd an anama thrèibhdhirich : ach an ni 
sin a ta mor ann am beachd dhaoine, is e gu tric is lugha 
fìach an lathair Dhè. B' fhearr leam aon do na h-osnaich 
sin a luaidh air am bheil an t-abstol a labhairt, Eom. viii. 
26. na deoir Esau a shileadh, no spiorad faisneachd Bha- 
laaim a bhi agam, no aoibhneas luchd-eisdeachd an fhearainn 
chlochaich. An teine a dhearbhas obair gach uile dhuine, 
dearbhaidh e, cha 'n e a meud, ach ciod is gnè dhi, 1 Cor. 
iii. 13. A nis fheudaidh sibh fìos a bhi agaibh ciod e meud 
na diadhachd a ta aig neach eile : agus ciod ged a bhiodh 
e ni 's mò ann an tomhas no ar diadhachd fèin ? Cha'n 
ann air sin a tha meas aig Dia. Ciod uime, air an aobhar 
sin, a ta sibh a' deanamh na h-urrad obair mu thimchioll ? 
Tha e neo chomasach dhuibhse gu cinnteach, as eugmhais 
foillseachadh o Dbia, fìos a bhi agaibh ciod a' ghnè d' am 
bheil diadhachd duine eile ; ach feudaidh sibh gu cinnteach 
fios a bhi agaibh ciod a' ghnè diadhachd a ta agaibh fèin 
as eugmhais foillseachadh araid o neamh, no cha'n earal- 
aicheadh a t-Abstol na naoimh, na h-uile dhìchioll a dhean- 
amh chum an gairm agus an taghadh a dheanamh cinnteach^ 
2 Pead. i. 10. Uime sin, cha bu chòir do'n airde gus 
am bheil cealgairean agus iadsan a thuit o'n creidhimh a 
teachd, mi-shuaimhneas a chur oirbh, 'nur geur-fhiosrach- 
adh mu'r staid f èin : Ach innsidh mi dhuibh dà ni, anns 
an toir an naomh is lugha barrachd air na cealgairean 
is seolta a ta ann. (1.) Ann iad fèin àicheadh, ann an 
cul a chur ris na h-uile earbsa annta fein, agus 'nan ibre 
f èin : ann an aontachadh ri innleachd slainte Dhè tre 
Iosa Criosd, a bhi lan-toilichte leis, agus an anama a 
Thilgeadh air, Mat. v. 3. " Is beannaichte iadsan a ta bochd 
'nan spiorad, oir is leo rioghachd neimh." Agus Caib. xi. 
6. "Is beannaichte an ti nach faigh oilbheum annamsa," 
Philip. iii. 3. Is sinne an timchioll-ghearradh, a ta dean- 
amh aoraidh do Dhia san Spiorad, agus a' deanamh gaird- 
eachais ann an Iosa Criosd, agus nach 'eil a' cur muinghinn 

p 



236 

san flieoil." (2.) Ann am fior fhuath do na h-uile peac- 
adh; air dhoibh a bhi toileach dealachadh ri gach ana- 
miann, gun leth-phairt, agus ag aontachadh ris gach uile 
dhleasdanas a rinn, no ni an Tighearn aithnichte dhoibh, 
Salm cxix. 6. " An sin cha ghabh mi naire, an uair a bheir 
mi speis do t' àitheanta gu leir." Feuchaibh sibh fèin leis 
na nithibh so. 

6. Cor. Tha mi 'gam fhaicinn fèin a' teachd fada 
goirid air na naoimh a ta air an ainmeachadh sna scriob- 
tuir, agus air cuid do dhaoine maith do m' luchd eolais ; 
air chor, as an uair a dh' amhairceas mi orrasan, gur gann 
is urrainn mi amharc orm fein mar neach a ta do'n aon 
teaghlach sin. Freag. Tha e gun amharus 'na aobhar 
irioslachaidh, nach faigh sinn air ar n-aghaidh gus an tomh- 
as gràis agus naomhachd, a ta sinn a' faicinn air am 
feudar ruigheachd anns a' bheatha so. Bu chòir dha so 
a thoirt oirnn an tuille dian-ruith a dheanamh a dh' ionn- 
suidh a' chomhara. Ach is cinnteach gur ann o'n diabh- 
ul a ta e, gu bheil criosduidhean anmhunn a' deanamh pian 
doibh fèin air son na h-inbhe gus am bheil a' mhuinntir 
laidir a' ruigheachd. Agus, tha strìochdadh do'n bhuair- 
eadh so, co mi-reusanta, 'sa bhiodh e do leanabh a dhàimh 
d'a athair a chur an amharus, a chionn nach 'eil e air teachd 
gus a' cheart mheudachd r'a bhràithrean a's sine. Tha 
naoimh do mheudachd fa leth ann an teaghlach Chriosd ; 
cuid 'nan aithriche, cuid 'nan oganaich, agus cuid 'nan 
cloinn bheag, 1 Eoin ii. 13, 14. 

7. Cor. Cha do leugh mi riamh ann am focal Dè, 
is cha b' aithne dhomh gu robh aon do chloinn Dè air a 
bhuaireadh, agus air fhagail da fèin (le Dia) mar tha mise ; 
agus air an aobhar sin do bhrìgh nach robh staig aon do 
na naoimh cosmhuil ri m' staidse, cha'n urrainn mi gun 
bhi meas, nach 'eil mise d' an aireamh. Freag. Tha'n 
t-amharus so ag eiridh an cuid do dhaoine, o'n aineolas 
air na scriobtuir, agus air Criosduidhean a fhuair fìos- 
rachadh. Tha e feumail anns a' chor so, a' chùis a 
leigeadh ris do charaid criosduidh, no do mhinisteir diadh- 
aidh. Bha so 'na mheadhon beannaichte gu sìth a 
thabhairt do chuid, 'nuair a bha'n staid 'nam beachd 
fèin gun choimeas, agus rinn e soilleir dhoibh gu'm b'e 
so corcuid èile do na naomh. Tha'n Scriobtur a' toirt 
doibh eiseimpleir air buairidhean gle uamhasach, leis an 



227 

robh na naoimh air'ah saruchadh. Bha Iob air a bhuair- 
eadh gu toibheum; b' e so an ni mor a bha 'n rùn an 
diabhuil, a thaobh cor an naoimh mhoir sin, Iob i. 11. 
" Mallaichidh e thu as an eudan," Caib. ii. 9. "Mallaich 
Dia agus faigh bàs." Bha Asaph air a buaireadh gu 
smuaineachadh gu 'm bu diomhain a bhi diadhaidh, agus 
b' ionnan sin agus 'gach uile choslas diadhachd a thilgeadh 
air falbh, Salm lxxiii. 13. "Darireadh gu diomhain ghlan 
mi mo chridhe." Seadh, bha Criosd fèin air a bhuaireadh 
gu e fèin a thilgeadh sios o bhinnein an teampuill, agus gu 
aoradh a deanamh do 'n diabhul, Mat. iv. 6, 9. Agus bhà 
nioran do chloinn Dhè, cha 'n e mhain air an feuchainn, 
ach mar an ceudna gheili iad do bhuairidhean mor, car uair. 
Dh' àicheadh Peadair Criosd, agus mhionnaich agus mhall- 
uich e nach b' aithne dha e, Marc. xiv. 71. 'JSTuair a bha 
Pol 'na fhear geur-leanmhuinn, cho-eignich e na naoimh 
gu toibheuni a labhairt, Gniomh. xxvi. 10, 11. Is urrainn 
mòran do na naoimh o 'm fiosrachadh bronach teisteas a 
thabhairt air buairidhean uamhasach, a chuir buaireas air 
an spioraid, a thug air am feoil criothnachadh, agus a rinn 
an cuirp tinn ! Ni saighdean teinnteach Shatain obair uamh- 
asach ; agus costaidh e mor-shaothair am bathadh ; eadhon 
le gnathachadh beothail a dheanamh do sgiath a' chreidimh, 
Eph. vi. 10. Bheir e air uairibh ionnsuidhean co laidir, co 
nach robh neach riamh ni bu mhò air a chur thuige, ann an 
ruith a null agus a nall gun stad, a mhuchadh aithinte 
teine, a ta gun sgur air an tilgeadh d'a thigh le nàmhaid, air 
am bheil a rùn an tigh a losgadh mu thimchioll ; no tha'n 
naomh bochd buairte, air a bhi cur an aghaidh saighdean 
an diabhuil. Ach na saighdean sin, na buairidhean uamh- 
asach sin, ged tha iad 'nan trioblaid eagalach, cha'n iad 
peacadh na muinntir a ta air am buaireadh, mur geill iad 
dhoibh le aontachadh rin. Bithidh iad air an cur as leth a' 
bhuaireadair a mhain, mur aontaichear leo ; agus cha mhò 
chuirear as leth na muinntir a ta air am buaireadh iad, 
na ni leanabh diolain, a bhi air fhàgail aig dorus an 
duine neo-chiontaich, cionta a shuidheachadh airsan. 
Ach, ged nach urrainn Ministeir no Criosduidh dìomhair 
gus an teid thu, innseadh dhuit mu aon neach a bha ann 
ad staidse, gidheadh cha bu chòir dhuit a bhi smuain- 
eachadh gu bheil do chor-sa gun choimeas, no idir do 
dhochas a leigeadh dhiot : oir cha'n fheudar a smuain- 



228 

eachadh, gu bheil aig na h-uile ministeir diadhaidh no 
aig Criosdaidh dìomhair, fiosrachadh airna h-uile cor anns 
am feud leanabh Dhè" a bhi. Agus cha ruig sinn a leas 
amharus a chur, nach robh trioblaidean aig cuid, a bha 
aithnichte mhain do Dhia agus d' an coguisean fèin ; agus 
mar sin, tha na trioblaidean sin do mhuinntir eile, mar nach 
bitheadh iad riamh ann. Seadh, agus ged a ta seolan- 
na iomchuidh anns an Scriobtur air son na h-uile cor anns 
an urrainn leanabh Dhè a bhi ; agus ged tha iad sin air 
an deanamh soilleir le aireamh iomchuidh do eiseimpleire ; 
gidheadh cha 'n fheudar a smuaineachadh, gu bheil an 
scriobtur a' toirt eiseimpleir air na h-uile cor fa leth d' am 
bheil na naoimh buailteach. Air an aobhar sin, ged nach 
urrainn thu eiseimpleir fhaotainn anns an Scriobtuir air 
do chor; thoir, gidheadh do chor d' an ionnsuidh, agus 
gheibh thu leigheas freagarach air a chur sios ann air do 
shon. Agus gu ma fearr leat feum a dheanamh do Chriosd 
air son do chor, aig am bhail iocshlaint air son gach 
eucail, no fios a bhi agad an robh neach riamh ann ad chorsa. 
Ge d' b' urrainn neach eiseimpleir a thoirt dhuìt air do 
chor, ann an aon dhearbhta do na naoimh, gidheadh cha 
b' urrainn neach a ghealltuinn gu tugadh e gu cinnteach 
fois dhuit : oir gheibheadh coguis amharusach a mach 
caileigin do eadar-dhealachadh. Agus mur dean ni 
sam bith do thoileachadh, ach co-fhreagradh iomlain do 
chor neach eile, bithidh e doilich, mur bi e neo-chomas- 
ach do thoileachadh. Oir tha coran muinntir, mac a tha'n 
aghaidhean nàdurra ; ged tha aghaidhean nan uile dhaoine 
do'n aon deanamh, agus ged tha cuid co ro-chosmhuil 
ri muinntir eile, air chor, as, air a' cheud sealladh, gu 
bheil sinn ullamh gu'n gabhail air an son, gidheadh, ma 
ghabhas tu beachd ni's dlùithe dhiubh, chi thu ni-èigin anns 
na h-uile aghaidh, 'ga h-eadar-dhealachadh o mhuinntir eile, 
ged nach urrainn dhuit a bhi comasach air innseadh ciod e : 
Uime sin, co-dhunaidh mi, ma 's e 's gur urrainn dhuibh 
comharan da h-ath-ghineamhuin a ta air an nochdadh anns 
an fhocal, fhaotainn annaibh fèin, gu'm bu chòir dhuibh 
a cho-dhunadh gu bheil sibh ann an staid gràis, ged bhiodh 
bhur cor gun choimeas ; ni a ta ann fèin neo-choslach. 

An cor mu dheireadh, Tha na trioblaidean tha coinn- 
eachadh rium, iongantach, agus neo-ghnàthaichte : Tha e 
'na cheist orm ma bha leanabh le Dia riamh air fheuchainn 



229 

le leithid do nithibh ann an cùrsa freasdail is leis an bheil 
mise. Freag. Feudar mòran do na chaidh a radh anns a' 
chor roimhe so, bhi air a thoirt a steach anns a' chor so : 
Bha Iob naomh air fheuchainn leis a' bhuaireadh so, Iob v. 1. 
" Cia do na naoimhibh ris an tionndaidh thu % " Ach chuir 
e cul ris, agus ghleidh e daingean a thrèibhdhireas. Tha'n 
t-abstol a' saoilsinn gu 'm feud Criosduidhean a bhi air am 
buaireadh gu, "iongantas a bhi orra thaobh na deuchainn 
theinntich,".l Pead. iv. 12. Ach tha feum acasan air tuill- 
eadh fìosrachaidh no bha aig Solamh, a ghabhas orra a radh, 
" Fcuch, tha e so nuadh," Ecles. i. 10. Agus a thaobh frith- 
ealaidh an fhreasdail o'n taobh a mach, ciod ged thachradh 
dhuitse a reir obair an aingidh? Feudaidh tu gidheadh 
a bhi ceart ; a reir mar a thug Solamh fa'near, Ecles. 
viii. 14. Tha sinn air uairibh ag imeachd ann an sligh- 
ibh, far nach urrainn dhuinn lorg coise duine no beathaich 
f haicinn ; gidheadh cha 'n fheud sinn uaith sin a shaoilsinn, 
nach robh a h-aon riamh romhainn an sin ; mar sin, ged 
nach urrainn dhuitse lorg-coise na treud fhaicinn ann 
an slighe do thrioblaid-se ; cha 'n fheud tha uinie sin, 
a cho-dhunadh, gur tusa a' cheud neach a dh' imich 
riamh air an t-slighe sin. Ach, ciod ged bu tu a' cheud 
neach a dh' imich innte? Dh' fheumadh naomh èigin a 
bhi air thoiseach, a dh' òl gach cupan searbh, a dh' òl 
cach. Ciod am barantas a ta agadsa no agamsa, crìoch a 
chur roimh Thi naoimh Israeil 'na rathad gnathaichte, 
'na fhrithealadh d' ar taobhne ? " San fhairge bha do 
shlighe, agus do cheumanna anns na h-uisgibh mora ; 
agus cha d' aithnicheadh luirg do chos," Salm lxxix. 19. 
Nan tugadh an Tighearna thusa gu nèamh air slighe 
dhiomhair araid, agus gu 'n leigeadh e stigh thu air dorus 
cuil (a' labhairt mar sin) cha bhiodh aobhar gearain 
agad. Ionnsaich àit a cheadachadh do ard-uachdranachd 
Dhè ; bi thusa aig do dhleasnas ; agus na leig le amhghar 
sam bith sgàil a chur air comharan a dh' fheudas tu air 
dhoigh eile bhi agad air thu bhi ann an staid a' ghràis ; 
oir " cha 'n aithne da dhuine sam bith aon chuid gràdh, no 
fuath, leis na h-uile nithibh a ta fa 'n comhair," Ecles. ix. 1. 
II. Feum. Sibhse a ta 'nur coigrich do 'n nuadh bhreith 
so, biodh e dearbhta dhuibh am mor-fheum a ta air. Am 
bheil na h-uile a ta ann an staid nan gràs air am breith a 
rìs? Ma tha, cha 'n 'eil cuid no crannchur agaibhse ann, 



230 

nach 'eil air 'ur breith a rìs. Is eigin domh innseadh 
dhuibh ann am briathraibh ar Tighearn agus Slanuigh- 
ir, (agus O gu 'n labhradh e iad ri 'r cridheachan. ) Is 
èigin duibh a bhi air 'ur breith a rìs, Eoin iii. 7. Agus a 
chum dearbhadh a thoirt duibh, thugaibh fa'near na nithe 
a leanas. 

Air tùs, Feumaidh tu bhi air t-ath-ghineamhuin mu'm 
bi thu comasach air ni sam bith a dheanamh, a ta da rìreadh 
maith agus taitneach do Dhia. Am feadh 'sa ta sibh gun 
a bhi air 'ur breith a rìs, cha 'n 'eil 'nnr n-oibre a's fearr 
ach peacaidhean fo dhath sgiamhach : Oir ged fheud iad 
a bhi maith annta fèin, tha iad gu tur air am milleadh 'nan 
deanamh. Thugaibh fa'near. (1.) As eugmhais ath 
ghineamhuin nach 'eil creidimh ; agus " as eugmhais creid- 
imh nach 'eil e comasach Dia a thoileachadh," Eabh. ix. 6. 
Is e creidimh gniomh beo an anama ta air a nuadh-bhreith. 
Air do 'n t-Soisgeulaiche, bhi nochdadh na h-aoidheachdan 
fa leth a fhuair ar Tighearn Iosa o mhuinntir fa leth, 
cuid a' gabhail rìs, cuid 'ga dhiùltadh, tha e comharrach- 
adh a mach gràs na h-ath-ghineamhuin, mar fhìor aobhar 
an eadar-dhealachaidh sin, as eugmhais nach gabhadh aon 
neach gu bràth ris. Tha e ag innseadh dhuinn, gu'm b' 
iad a mheud 'sa ghabh ris, iadsan a bh' air "an gineamhuin 
o Dhia," Eoin i. 11. Feudaidh daoine neo-iompaichte dan- 
adas a bhi aca ; ach creidimh fior cha 'n urrainn dhoibh a 
bhi aca. Tha creidimh 'na lus nach fas ann am machair 
nàduir. Mar nach urrainn a' chraobh fàs a dh' easbh- 
aidh freumh, cha mhò is urrainn do dhuine creidsinn a dh' 
easbhuidh an naduir nuadh, d' am bheil ceud-thoiseachadh 
a' chreidimh 'na earrann. (2.) As eugmhais ath-ghin- 
eamhuin, tha oibre duine 'nan oibre marbh. Mar a tha 'n 
i'hreumh, mar sin is èigin do'n toradh a bhi : Ma tha 'n 
cliabh lobhta, bithidh an anail breun : agus esan, a ta air 
a chuid is fearr marbh ann am peacadh ; cha bhi 'oibre air 
a chuid is fearr, ach 'nan oibre marbh : " Dhoibhsan a ta 
salach agus mi-chreideach, cha 'n 'eil aon ni glan air dhoibh 
bhi graineil, agus eas-umhal, agus a thaobh deadh oibre as 
eugmhais tuigse," Tit. i. 15, 16. Ge do b' urrainn dliuinn 
a radh mu dhuine, gu bheil e ni's neo-chiontaiche 'na 
chaithe-beatha no neach sam bith eile san t-saoghal : gu 
bheil e claoidh a chuirp le trasgadh, gu 'n d' rinn e 'ghluin- 
ibh mar adhaircean, le gnàth-urnuigh : ach nach 'eil e air 



231 

a bhreith a rìs : mhilleadh an aon uireasbhuidh sin a' chùis 
uile. Mar gu 'n abradh neach, is corp sin air a dheadh 
churnadh, ach tha 'n t-anarn air falbh ; cha 'n 'eil ann ach 
meall marbh. Is bronach an ni so ri smuaineachadh ; 
tha thu deanamh mòran do nithibh a ta annta fèin maith, 
ach tha Dia ag radh, cha 'n 'eil eifeachd sam bith sna 
nithibh sin, co fhad 'sa tha mi faicinn an sean nadur a' 
riaghladh anns an duine, Gal. vi. 15. "Oir ann an Iosa 
Criosd cha 'n 'eil eifeachd air bith ann an timchioll-ghear- 
radh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an 
cruthachadh nuadh." 

Mur 'eil thu air do bhreith a rìs, (1.) Tha t' uile 
ath-leasachadh 'na ghraineileachd ann an sealladh Dhè. 
Dhruid thu an dorus, ach tha 'n gaduiche fathast san tigh. 
Theagamh nach 'eil thu mar bha thu aon uair, gidheadh 
cha 'n 'eil thu an ni as èigin duit a bhi, ma chi thu neamh 
gu brath : Oir, " Mur beirear duine a rìs, cha 'n fheud e 
rìoghachd Dhè fhaicinn," Eoin iii. 3. (2.) Tha t-urn- 
uighean 'nan graineileachd do 'n Tighearna, Gnàth-fhoc. 
xv. 8. Theagamh, gu bheil meas aig muinntir eile air do 
dhiadhachd ! tha thu ag eigheach mar air son do bheatha ; 
ach tha Dia a' nieas fosgladh do bheoil, mar a mheasadh 
neach fosgladh uaigh, làn do lobhadh, Rom. iii. 13. " Is 
uaigh fhosgailte an scornach." Tha meas aig muinntir 
eile air t-urnuighean ; a ta 'nam beachdsan, mar gu 'n 
reubadh iad na neamha : Ach tha Dia 'gam meas mar 
dhonnallaich coin ; " Cha do ghlaodh iad ruimsa le 'n cridhe, 
ged rinn iad donnalaich air an leabaichibh," Hos. vii. 14. 
Tha muinntir eile ga d' ghabhail mar ghleachdair agus mar 
fhear-tagraidh ri Dia; ach cha 'n urrainn dhasan tlachd a 
ghabhail aon chuid annad fèin no ann ad urnuighean, Isa. 
lxvi. 3. " Tha esan a mharbhas damh, mar gu 'm mortadh 
e duine, esan a dh' iobras uan, mar gu 'n cuireadh e 'n 
ceann do mhadadh : — esan a loisgeas tuis, mar gu 'm bean- 
naicheadh e iodhol." C' arson, ach a chionn gu bheil thu 
fathast ann an domblas na seirbhe, agus fuidh chuibhreach 
na h-eueorach? (3.) Tha gach ni a rinn thu airson Dhè 
agus airson aobhair anns an t-saoghal, ged a dh' fheudas 
iad bhi air an leantuinn le duaisean aimsireil, gidh- 
eadh ^caillte, thaobh gabhail riu le Dia. Tha so soil- 
leir o chor Iehu ; a bha gun amharus air a dhuaiseachadh 
le rìoghachd, airson e chur an gniomh dioghaltas dligh- 



232 

each air teaghlach Ahaib ; air dhi sin a bhi 'na h-obair 
mhaith innte fèin, a chionn gu robh i air a h-àithne le 
Dia, mar a chi sibh, 2 Righ x. 13. Bha e gidheadh air 
a smachdachadh air a son 'na shliochd, do bhrìgh nach d' 
rinn e i air dhoigh cheart, Hos. i. 4. "Diolaidh mise 
fuil Iesreel air tigh Iehu." Tha dia ag amharc gu h- 
araid ris a' chridhe ; agus ma tha chùis mar sin, gu cinn- 
teach ged bhiodh do choslas o'n taobh a mach ni's 
sgiamhaiche na moran eile, gidheadh tha duine folaichte 
do chridhe graineil : Tha thu a' taisbeanadh gu maith an 
lathair dhaoine, ach cha 'n 'eil thu mar a bha Maois 
sgiamhach do Dhia mar dh'fheudadh na briathra bhi air 
an tionndadh, Gniomh. vii. 20. ciod an t-eadar-dheal- 
achadh a ta eadar Asa agus Amasiah ! " Cha d' atharr- 
aicheadh na h-aite arda, gidheadh bha cridhe Asa iomlan 
leis an Tighearna rè a laithean uile," 1 Righ xv. 14. 
" Rinn Amasiah an ni a bha ceart ann an suilibh an Tigh- 
earn, ach cha b' ann le cridhe iomlan," 2 Eachd. xxv. 2. 
Theagamh gu bheil thu eudmhor an aghaidh peacaidh ann 
am muinntir eile, agus gu bheil thu 'gan comhairleachadh 
chum an dleasnais, agus 'gan cronachadh air son am 
peacaidh; agus tha fuath aca dhuit a chionn gu bheil 
thu deanamh do dhleasdanais : Ach is eigin domh innseadh 
dhuit, gu bheil fuath aig Dia dhuitse mar an ceudna, 
a chionn nach 'eil thu ga 'n deanamh air doigh cheart ; 
agus sin cha 'n urrainn duit gu brath a dheanamh, fhad 's 
nach 'eil thu air do bhreith a rìs. San àite mu dheireadh, 
Tha d' uile strì an aghaidh peacaidh, ann ad chridhe 
agus caithe-beatha 'm ghraineileachd. Sharuich am Phair- 
iseach uaibhreach a chorp le trasgadh, agus bhuail Dia 
'anam aig an am cheudna le binne dìtidh, Luc. xviii. 
Ghleachd Balaan ri inntinn shanntach gu inbhe co ard 
as, ge do ghràdhaich e duais na h-eucorach, nach cosnadh 
e i le Israel a mhallachadh ; ach bhasaich e bàs an aing- 
idh, Aireamh xxx. 8. 'S ann air do shon fèin, a tha thu 
deanamh gach ni, am feadh 'sa tha thu ann ad staid neo- 
iompaichte : agus uime sin tachairidh dhuit, mar a thachras 
do iochdaran, neach air dha luchd na ceannairc a sgapadh, 
a chuireas an crùn air a cheann fèin, uime sin caillidh e 
dheadh sheirbhis uile, agus a cheann mar an ceudna. 

Cunnuil. Ma's ann mar so bhios a' chùis, cha ruig sinn 
a leas aon dleasnas diadhaidh a dheanamh idir. Freag. 



233 

Cha 'n 'eil am beachd sin ceart : Cha'n urrainn do d' neo- 
chomas-sa d'fhusgladh o'n dleasnas a ta lagh Dhè a cean- 
gal ort ; agus tha ni's lugha do chron ann thu dheanamh 
do dhleasnais, no a ta ann an dlchuimhn a dheanamh air. 
Ach tha eadar-dhealachadh eadar dleasnas a dhì-chuimh- 
neachadh, agus a bhi 'ga dheanamh mar a ta thusa dean- 
amh. 'Nuair a bheir duine ordugh do chlachairean tigh 
a thogail : ma ni iad tur dhlchuimhn air an obair, cha 
ghabhar rls sin : ma thoisich iad air togail air an t-seann 
steidh ghrod, cha mhò a thoilicheas sin : ach is èigin doibh 
an t-seann steidh a thoirt air falbh, agus togail air bunait 
dhaingean. Imich thusa agus dean mar sin. Aig an àm 
cheudna, chi ni diomhain dhuitse, eadhon dhuitse, an 
Tighearn iarraidh : oir ged nach 'eil speis aige dhuit, feud- 
aidh e gidheadh speis a bhi aige d'a ordugh fèin agus maith 
a dheanamh dhuit, mar a thubhradh roimhe. 

San dara àite, As eugmhais ath-ghineamhuin, cha 'n 'eil 
co-chomunn ri Dia. Tha cuideachd air an talamh aig am 
bheil an "commun ris an Athair, agus ris a Mhac Iosa 
Criosd," 1 Eoin i. 3. Ach as a' chuideachd sin tha na h- 
uile a ta neo-iompaichte air a dùnadh a mach ; oir tha 
iad uile 'nan naimhde do Dhia, mar a chuala sibh gu fars- 
uinn roimhe. " A nis am feud dithis imeachd le cheile mur 
bi iad reidh ? " Amos iii. 3. Tha iad uile mi-naomha : 
agus " ciod an co-chomunn a ta aig solus ri dorchadas, no 
aig Criosd ri Belial?" 2 Cor. vi. 14, 15. Feudaidh dath 
agus coslas na naomhachd a bhi aca, ach tha iad 'nan 
coigrich do f hior-naomhachd ; agus uime sin tha iad gun 
Dia anns an t-saoghal ! Cia bronach an staid so, a bhi dol 
mu thimchioll dleasnais dhiadhaidh, ach gun cho-chomunn 
ri Dia annta ! Cha bhiodh sibh toilichte le 'ur biadh, mur 
beathaicheadh e sibh ; no le 'ur n-eudaichean mur cumadh 
iad blath sibh : Agus cionnus a dh'fheudas sibh sibh fèin 
a thoileachadh le 'ur dleasnais, fhad 's nach 'eil iad eifeachd- 
ach gu co-chomunn a thabhairt duibh ri Dia ? 

San treas àite, Feumaidh tu bhi air t-ath-ghineamhuin 
mu 'm bi thu comasach air nèamh a mhealtuinn. Cha 
teid neach do neamh ach iadsan a ta air an deanamh iom- 
chuidh air a shon, Col. i. 12. Mar a bha e ann an teampull 
Sholaimh, 1 Righ vi. 7. Mar sin tha e anns an teampull 
a's airde ; " tha e air a thogail do chlachaibh air an cum- 
adh mu 'n toirear d' a ionnsuidh iad," eadhon do chlach- 



234 

aibh beo, 1 Pead. ii. 5. "air an oibreachadh air son an 
ni cheudna," 2 Cor. v. 5. oir cha'n fhend iad a bhi air an 
suidheachadh anns an togail ghlormhoir sin, ceart mar a 
thainig iad à cloich-shlochd an naduir thruaillidh : Cha'n 
'eil seudan òir iomchuidh air son mhuc, agus is ro-lugha 
na sin a tha seudan gloire iomchuidh air son pheacach 
neo-iompaichte. Cha'n 'eil bochdan 'nan luideagaibh iom- 
chuidh air son tighean righrean ; no peacaich iomchuidh air 
dol a stigh " do luchairt an Eigh," a dh' easbhuidh an 
"trusgain do obair ghrèis," Salm xlv. 14, 15. Cò an duine 
glic a bheireadh iasg as an uisge gu bheathachadh air lon ; 
no chuireadh a dhaimh a dh'ionaltradh san f hairge 1 'S co 
neo-iomchuidh as sin a tha na daoine neo-iompaichte air 
son neimh, no neamh iomchuidh air an son-san. Cha 
bhiodh tlachd gu bràth ac' innte. 

Cha bhiodh na daoine neo-iompaichte reidh ri neamh air 
son iomadh aobhar : Mar (1.) Gur duthaich choigrich 
i. Is i nèamh tìr dhùchais an duine iompaichte : tha Ath- 
air ann an neamh ; is i 'n " lerusalem a ta shuas " a mha- 
thair, Gal. iv. 26. Tha e " air a bhreith o'n airde," Eoin 
iii. 3. Is i nèamh a dhachaidh, 2 Cor. v. 1. Tha e air an 
aobhar sin 'ga mheas fèin mar choigreach air an talamh 
so, agus tha 'aghaidh r'a dhachaidh, Eabh. xi. 1 6. " Tha 
deidh aca air duthaich a 's fearr, eadhon, duthaich nèamh- 
aidh." Ach is e an duine neo-iompaichte " duine na 
talmhainn," Salm x. 18. " sgrìobhar ainm anns an talamh." 
Ier. xvii. 13. A nis, is dachaidh an dachaidh, ciod air bith 
co suarach 'sa bhitheas i ; uime sin " tha aire air nithibh 
talmhaidh," Philip. iii. 19. Tha millseachd àraid 'nar fear- 
ann dùchais ; agus is doilich daoine tharruing uaithe, agus 
comhnuidh a dheanamh ann an duthaich choigrich. Cha'n 
'eil ni sam bith anns am mò am bheil so a' tachairt, no 
anns a' chuis so ; oir bheireadh daoine neo-iompaichte 
thairis an coir do nèamh mur faiceadh iad nach ur- 
rainn dhoibh ni 's fearr a dheanamh dheth. (2.) Cha'n 
'eil ni sam bith san àite sin d' am bheil- tlachd aca, mar 
an ni a's taitniche leis a' cliridhe fheolmhor, Taisb. xxi. 
27. " Cha teicl air chor sam bith a steach innte ni air 
bith a shalaicheas." 'JNuair a noclid Mahoinet nòamh mar 
ionad toilinntinne feolmhor, ghabhadh r'a chreidimh le 
mor-chiocras ; oir is i sin an neamh a ta daoine gu nad- 
urra a' roehnàchadh. Nam faigheadh an duine sanntach 



235 

sporain òir an sin, agus nam b' urrainn an duine sòghar a 
thoilinntinne feolmlior a ghealltainn da fèin an sin; dh' 
fheudta an deanamh rèidh ri neamh, agus iomchuidh air a 
shon mar an ceudna : Ach do bhrìgh nach 'eil a' chuis mar 
sin, ged dh' fheudas iad focail mhaith a radh mu tim- 
chioll, gu cinnteach is beag a tha d' an cridhe innte. 
(3.) Tha na h-uile oisinn cìo nèamh, air a lìonadh leis 
an ni sin, d' am bheil beag tlachd aca-san; agus is e sin 
naomhachd, fior-naomhachd, naomhachd iomlan. Nam 
biodh neach aig am bheil fior fhuath do mhuicfheoil air 
a chruireadh gu feisd, far am biobh na h-uile mias don 
t-seorsa bhìdh sin, ach air an deasachadh air doighean fa 
leth; gheibheadh e coire do na h-uile mias air a' bhord, 
ged a chaidh na h-uile innleachd a ghnàthachadh gu'n 
deanamh blasda. Is fior, gu bheil aoibhneas ann an neamh, 
ach is aoibhneas naomh e : tha toilinntinne ann an nèamh, 
ach is toilinntinne naomh iad : tha ionada seasaidh ann 
an neamh, ach is ionada naomh iad. Dheanadh an naomh- 
achd a ta taisbeanadh anns na h-uile aite agus anns na 
h-uile ni an sin, an t-iomlan a mhilleadh do ?n mhuinntir 
neo-iompaichte. (4.) Ged a bhiodh iad air an giulan do 'n 
ionad sin, cha 'n e mhain gu'n atharraicheadh iad an aite, 
a bhiodh 'na bhriseadh cridhe mòr dhoibh, ach dh' athar- 
raicheadh iad an cuideachd mar an ceudna. Gu firinn- 
each cha bhiodh tlachd aca do 'n chuideachd a ta an sin, 
aig nach 'eil tlachd ann an co-chomunn ri Dia an so ; ' no 
aig nach 'eil meas air comunn a luchd muinntir, gu h-araid 
ann am beatha na fior dhiadhachd. Tha moran dhaoine 
gun amharus, gan ceangal fèin ris na daoine diadhaidh air 
thalamh, a dh' fhaotainn dhoibh fèin deadh ainm, agus a 
chomhdachadh graineileachd an cridhe ; ach cha b' urrainn 
dhoibh a' cheird sin a chleachdamh gu ceàrt san àite sin. 
(5.) Cha bhiodh spèis aca do 'n obair a ta ann an neamh 
tha co beag suim aca dhi a nis. Bhiodh obair nan naomh, 
an sin 'na h-uallach clo-ghiulan doibh, do bhrìgh nach 'eil 
i taitneach d' an nàdur. A bhi a' caitheamh an aimsir, ann 
am beachdachadh, ann an gabhail iongantais, agus ann am 
moladh an Ti sin a ta 'na shuiclhe air an righ-chaithir agus 
an Uain, bhiodh sin 'na obair neo-fhreagarach, agus uime 
sin neo-thaitneach clo anam neo-nuadhaichte. San àite mu 
dAeireadh, Gheibheadh iad a' choire so do'n obair, gu bheil 
i a' mairsinn gu sìorruidh. Bhioclh so 'na bhoinne marbh- 



236 

tach innte dhoibh. Cionnus a dheanadh iadsan a ta nis a' 
meas là na Sàbaid 'na h-uallach, cur suas le Sàbaid shiorr- 
uidh a chaithe anns na nèamhaibh 1 

San àite rnu dheireadh, Feumaidh tu a bhi air t-ath- 
ghineamhuin mu'n teid do leigeadh a steach do nèamh, 
Eoin iii. 3. Cha'n 'eil nèamh ann as a h-eugmhais. Ged 
fheudadh daoine feolmhor blas a bhi aca air na nithe sin 
uile, a ta deanamh neamh co neo-fhreagarach dhoibh; 
gidheadh cha'n f huilingeadh Dia dhoibh gu brath teachd 
an sin. Air an aobhar sin is &gin duibh a bhi air bhur 
breith a rìs, no cha 'n fhaic sibh nèamh gu brath ; bithidh 
sibh air bhur sgrios gu siorruidh. Oir (1.) Tha litir 
dhruididh a mach 'nur n-aghaidh ann an cuirt nan nèamh, 
agus an aghaidh na h-uile a ta d' ur gnè : " Mar beirear 
duine a rìs, cha'n fheud e rioghachd Dhè fhaicinn," Eoin 
iii. 3. Ann an so tha bacadh air a chur roimhibh nach 
urrainn daoine agus aingle a ghluasad. Agus a bhi ag 
altrum dochais dol do neamh an aghaidh na binn chumh- 
achdaich so, is e sin a bhi ag altrum dochais gu 'n toir Dia 
'fhocal air ais, agus gu 'n cuir e cùl ri fhirinn agus 
a cheartas gu sibhse a thearnadh; ni gu mor is mo 
na dochas a bhi agaibh gun treigear an talamh air bhur 
sonsa, agus gu'm bi a' charraig air a gluasad as a h-aite. 
(2.) As eugmhais ath-ghineamhuin cha 'n 'eil naomh- 
achd. Is e sin "an nuadh dhuine, a tha air a chruth- 
achadh ann am fior naomhachd," Eph. iv. 24. Agus 
cha'n 'eil nèamh as eugmhais naomhachd : " Oir, as eug- 
mhais naomhachd cha 'n fhaic neach air bith an Tigh- 
earn," Eabh. xii. 14. Am bi geata nan neamhnaide air 
am fosgladh, a leigeadh chon agus mhuc a steach? Cha 
bhi, tha 'n comhnuidh-san an taobh a muigh, Taisb. xxii. 
15. Cha ghabh Dia a steach an leithide sin maille ris gu 
co-chomunn naomh an so ; agus an gabh e steach iad 
do'n ionad as ro-naoimhe 'na dheigh so ? An gabh e clann 
an diabhuil, agus an toir e dhoibh suidhe maille ris 
air a chaithir? ISTo an toir e an neo-ghlan do'n bhaile, 
aig am bheil a shraidean do òr fior-ghlan? Na bithibli 
air bhur mealladh, cha'n 'eil ann an gràs agus glòir ach dà 
thinne do'n aon slabhruidh, a cheaiigail Dia ri cheile, agus 
cha chuir duine sam bith as a cheile iad. Cha'n 'eil neach 
air a shuidheachadh sa' Phàras a ta shuas, ach a mach 
à altrum a ghràis san t-saoghal so. Ma bhios sibh mi- 



237 

naomha am feadh a ta sibli san t-saoghal so, bithidh sibh 
gu sìormidh truagh san t-saoghal a ta ri teachd. (3.) Tha 
na daoine neo-iompaichte uile as engmhais Chriosd, agus 
uime sin air dhoibh a bhi gun dochas, fhad 'sa tha iad anns 
an staid sin, Eph. ii. 12. An ulluich Criosd aite-comh- 
nuidh glòire air an sonsan a dhiult gabhail rìs 'nan cridh- 
eachan? Cha'n ulluich, nach an a ni e gàire ri 'n leir- 
sgrios a ta nis a' cur uile chomhairlean an neo-bhrigh'? 
Gnath-fhocail i. 25, 26. San àite mu dheireadh, Tha 
coimhcheangal neo-atharruichte eadar staid neo-iompaichte 
agus damnadh, ag eirigh o nàdur nan nithe fèm, agus o 
òrdugh neimh, a ta suidhichte agus neo-chaochlaideach, 
mar bheannta ùmha, Eoin iii. 3. Rom. viii. 6. "Oir 
an inntinn fheòlmhor, is bàs i." Is i staid neo-iompaichte, 
ceud-toiseach ifrinn ! Is i sgrios sìorruidh i, 'na ceud-fhàs, 
a' fàs gach là, ged nach 'eil thu ga bhreithneachadh ; tha 
ioma aghaidh mhaiseach anns a' beatha so air am bheil dath 
a' bhais. 

Tha truaillidheachd nàduir a' deanamh daoine iomch- 
uidh air a bhi 'nan luchd co-pairt do oighreachd na muinn- 
tir a ta air an damnadh, an iomall dorchadais ! (1.) Tha'n 
cridhe cloiche an taobh a stigh dhiot, 'na chudthrom a 
chuireas fuidhe thu : Mar a theid clach gu nàdurra le leath- 
ad, mar sin, tha'n cridhe cruaidh cloiche ag aomadh a sìos 
gus an t-slochd gun iochdair. Tha sibh air bhur cruadh- 
achadh an aghaidh achmhasain; ged tha bhur cunnart air 
innseadh dhuibh, gidheadh cha 'n 'eil sibh ga fhaicinn, cha 
chreid sibh e ! Ach cuimhnichibh, air bhi do 'n choguis 
a nis air a losgadh mar le iarrunn, gu bheil e 'na roimh- 
chomhara truagh air losgadh sìorruidh. (2.) Tha bhur 
neo-thorachd fuidh mheadhonna nan gràs, 'gur deanamh 
iomchuidh air son tuadh breitheanais Dhè, Mat. iii. 10. 
" Ge b' e crann nach toir a mach toradh maith, gearrar e, 
agus tilgear san teine e." Tha gheug a ta air crionadh 
'na connadh air son an teine, Eoin xv. 6. Criothnaichibh 
roimhe so, sibhse a ta deanamh tàir air an t-soisgeul. Mur 
bi sibh leis an t-soisgeul air bhur deanamh iomchuidh air 
son neimh, bithidh sibh " cosmhuil ris an talamh fhalamh, 
a tha toirt uaith droighinn agus drisean; fagus do mhal- 
lachadh; d' an deireadh a bhi air a losgadh, (3.) Tha na 
gluasadan ifrionnail inntinn, a ta gan taisbeanadh fèin 
ann am mi-naomhachd caithe-beatha, ag ullachadh a' 



238 

chiontaich air son duthaich an uamhais ! Bithidh aig 
caithe-beatha mi-naomh, crìoch thruagh : " Cha sealbh- 
aich iadsan a ni an leithide sin rioghachd Dhè mar oigh- 
reachd," Gal. v. 21. Smuainichibh air so, sibhse mhuinn- 
tir gun urnuigh, sibhse luchd-fanoid air diadhachcl, sibhse 
luchd-mallachaidh agus mionnachaidh, sibhse luchd na 
neo-ghloine, agus a dhaoine eucorach, aig nach 'eil urrad 
do bheusan na mhodhalachd as a chumas sibh o bhrengan, o 
mhealltaireachd agus o ghadachd ! Ciod an seorsa craoibhe 
a shaoileas sibh i bhi air am bheil na measan sin a' fàs ì 
An craobh fireantachd i, a shuidhich an Tighearna *? No 
nach craobh i, a ta fàsachadh an talmhainn, a spionas Dia 
a nìos gu connadh do theine fheirge ? (4.) Tha bhi marbh 
ann am peacadh, gu'r deanamh iomchuidh air a bhi air 
bhur filleadh suas ann an lasraichean pronnuisc, mar ann 
an eudach mairbh ; agus gu bhi air bhur n-adhlacadh ann 
an slochd gun iochdar, mar ann an uaigh. Bu mhòr an 
èigh a bha san Eiphit, 'nuair a bha cheud-ghin anns na h- 
uile teaghlach marbh ; ach nach iomadh teaghlach, sam 
bheil iacì gu lèir marbh ì jSTì h-eadh, tha moran a tha " clà 
uair marbh, air an spìonadh as am f reumhaibh ! Bha iad 
uair èigin d'am beatha air an.dusgadh le grablian bàis 
agus na tha 'na dheigh, ach tha iad a nis co fad air an 
slighe gu tìr an dorchadais, as gur gann a tha'n leus is lugha 
aca do sholus o nèamh. (5.) Tha dorchadas bhur n-inn- 
tinn 'na roimh-chomhara air dorchadas sìorruidh ! an 
t-aineolas uamhasach fuidh 'm bheil cuid do dhaoine 'nan 
luidhe mar fuidh phlaighibh ! am feadh a ta cuid eile a fhuair 
beagan do dhearsa solus-maidne 'nan cinn, tur-fhalamh do 
sholus spioradail 'nan cridheachan ! 'JSTam b' aithne dhuibh 
bhur staicl, ghlaodhaclh sibh a mach, Och, dorchadas ! 
dorchadas, dorchadas, a ta deanamh rathaid air son cluibh- 
re an dorchadais gu siorruidh ! Tha'n comhdach-aghaidli 
oirbh cheana mar mhuinntir a ta fuidh bhinn bàis ; 's co 
fagus as sin a ta sibh do dhorchadas sìorruidh ! Is e Iosa 
Criosd a mhain a 's urrainn stad a chur air a' bhinn 
o bhi air a cur an gniomh, an neapaicean a spìonadh o 
aghaidh a' chiontaich dhìte, agus maitheanas a chur 'na 
laimh, Isa. xxv. 7. "Agus sgriosaiclh e air a' bheinn so an 
comhdach a chomhdaich aghaidh nan uile shluagh." Is e 
sin, comhclach-aghaidh a ta comhdachadh nan aingidh, mar 
ann an cor Haman, Ester vii. 8. "An uair a chaidh an 



239 

focal a beul an righ, chomhdaich iad aghaidh Hamain." 
San àite, mu dheireadh, Tha na slahhruidhean dorchadais 
leis am bheil sibh air bhur ceangal, ann am prìosan 'ur 
staid thruaillidh (Isa. lxi. 1.) g'ur deanamh iomchuidh 
gu bhi air bhur tilgeadh anns an àmhuinn theinntich dhian- 
loisgich ! Och na daoine truagh ! Tha 'n coguisean air 
uairibh air an gluasad an taobh a stigh dhiubh, agus tòisich- 
idh iad air smuaineachadh air an slighibh ath-leasachadh : 
Ach mo thruaighe : tha iad ann an slabhruidhean, cha 'n 
urrainn iad a dheanamh ! Tha iad air an cuibhreachadh 
le 'n cridhe ; tha 'n ana-mainna a' ceangal co dlù riu as nach 
urrainn dhoibh, seadh cha 'n aill leo, an crathadh dhiubb. 
Mar so feudaidh sibh fhaicinn an dàimh a ta eadar staid 
neo-iompaichte, agus staid na muinntir a ta air an dam- 
nadh; staid truaighe gun leasachadh. Bithibh cinnteach 
air an aobhar sin, gur èigin duibh a bhi air bhur breith a 
rìs. Cuiribh mor-mheas air an nuadh-bhreith, agus iarraibh 
gu durachdach 'na dèigh. 

Tha 'm bonn-teagaisg an innseadh dhuibh, gur e am 
focal an sìol leis am bheil an nuadh-chreutair air a dheilbh : 
Uime sin, thugaibh an aire dha, agus thugaibh aoidheachd 
dha; oir is e bhur beata e. Thugaibh sibh fèin a suas do 
leughadh an Sgriobtuir. Sibhse nach urrainn a leughadh, 
thugaibh air muinntir eile a leughadh dhuibh. Feithibh 
gu dichiollach air searmonachadh an fhocail, mar am 
meadhon araidh a dh' òrduicheadh ]e Dia chum iompach- 
aidh : " Oir — bu toil le Dia, le amaideachd an t-searmon- 
achaidh iadsan a shlannchadh a ta creidsinn," 1 Cor. i. 21. 
Uime sin, na cuiribh sibh fèin à rathad Chriosd ; no cuir 
ibh cùl ri meadhonna nan gràs, air eagal gu 'm faighear 
sibh a' tabhairt breth oirbh fèin nach fiu sibh a' bheatha 
mhaireannach. Thugaibh aire dhurachdach do 'n fhocal 
air a shearmonachadh. Eisdibh ris gach searmoin, mar 
gu 'm biodh sibh ag èisdeachd air son sìorruidheachd ; agus 
thugaibh an aire, nach spion eunlaith an adheir suas 
an sìol so uaibh, mar a ta e air a shìol-chuireadh, Marc. 
iv. 15. Thoir thu fèin gu tur dha, 1 Tim. iv. 15. Na 
gabh ris mar fhocal dhaoine, ach mar is e gu fìrinneach 
focal Dè, 1 Tes. ii. 12. Agus eisd ris le co-chur, ag 
amharc air mar theachdaireachd air a chur o nèamh do d' 
ionnsuidhse ge h-àraidhs ged nach ann do d' ionnsuidhse a 
mhain. Taisb. iii. 32. "An ti aig am bheil cluas, òisd- 



240 

eadh e ris an ni a deir an Spiorad'rìs na h-eaglaisibh." 
Taisgibh a suas e 'nur cridheachan, beachd smuainich- 
ibh air: agus na bithibh mar an beathaichean neo-ghlan 
nach cnamh an.cìr: ach, le urnuigh dhurachdach, guidh- 
ibh gun truit driùchd neimh air bhur cridhibh, a chum gu'm 
fàs an slol a suas an sin. 

Gu h-àraidh, (1.) Gabh ri teisteas focail Dhè, mu thim- 
chioll truaighe na staid neo-iompaichte, peacadh na staid sin, 
agus am fior-fheum a ta air ath-ghineamhuin. (2.) Gabh 
ri teisteas an fhocail, mu thimchioll Dhè, co naomh agus fìor 
'sa ta e. (3.) Rannsaich do shlighibh leis; eadhon smuainte 
do chridhe, briathra do bhile, agus cleachdamh do chaithe- 
beatha. Amhairc air t' ais tre cuairtibh fa leth do chaithe- 
beatha, agus faic do pheacaidh o aitheanta an fhocail ; agus 
ionnsaich a bhragraidhean, ciod d' am bheil thu buailteach, 
air son na'm peacaidhean sin. (4.) Gabh beachd do 
thruaillidheachd do nàduir, leis a' chomhnadh cheudna, 
focal Dè ; mar ann an gloinne, a thaisbeanas ar n-agh 
aidh mhi-mhaiseach air sheòl soilleir. Nam biodh na nithe 
sin air am freumhachadh gu domhain anns a' chridhe, dh' 
fheudadh iad a bhi 'nan siol do 'n eagal agus do 'n bhròn 
sin, mu thimchioll staid t'anama, a ta feumail gu d'ull- 
achadh agus gu d' bhrosnachadh gu amharc an deigh Slan- 
uighir. Suidhich do smuainte airsan a ta air a thairgse dhuit 
san t' soisgeul, mar uile fhreagarach do d' staid; air dha 
le 'umhlachd gus a' bhàs, làn-dìoladh a thabhairt do cheart- 
as Dè, agus firinnteachd shìorruidh a thabhairt a steach. 
Feudaidh so a bhi 'na shìol irioslachaidh, iarrtuis, dòchais, 
agus creidimh ; agus do chur air t' aghaidh gu d' laimh 
sheargta shineadh a mach d'a ionnsuidh air 'àithne fèm. 

Rachadh na nithe so domhain gu'r cridheachan, agus 
deanaibh cleachda durachdach dhiubh. Cuimhnichibh, ciod 
air bith a ta sibh gur èigin duibh a bhi air bhur breith a 
ris ; na mur bi, b' fhearr dhuibh nach robh sibh riamh 
air bhur breith. Air an aobhar sin, ma chaitheas neach 
air bith dhibh bhur beatha, agus mu bhasaicheas sibh ann 
an staid neo-iompaichte, bithidh sibh gun leisgeul, air 
dhuibh rabhadh soilleir fhaotainn air bhur cunnart. 






241 

CEANN II. 

AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS 
CREIDMHICH. 



Is mise an fhìonain, sibhse na geuga. — Eoin xv. 5. 

AiR dhoinh labhairt air an atharrachadh a ta air a dhean- 
amh, le ath-ghineamhuin, orrasan uile a shealbhaicheas a' 
bheatha mhaireannach, o'n staid a thaobh naduir mar staid 
truaillidheachd ; theid mi nis air ni' aghaidh a labhairt 
mu 'n atharrachadh a ta air a dheanamh orra, 'nan aonadh 
ris an Tighearn Iosa Criosd, o'n staid mar chiontàich an 
lathair Dhè — staid truaighe. Tha aonadh nan naomh ri 
Criosd, 'na ni a ta gu ro-shoilleir agus iomlan air a theagasg, 
o thoiseach an dara rann deug do 'n chaibideil so a tha 'na 
earrann do shearmoin mu dheireadh ar Tighearn d' a dheis- 
ciobluibh. Lion do-bhròn a nis an cridheachan ; bha iad 
ullanih air a radh, Och ! ciod a thig oirnn, 'nuair a bheirear 
ar Maighstir o'r ceann 1 Co theagaisgeas an sin sinn % Cò 
dh' fhuasglas ar n-amharusan 1 Cionnus a bhios sinn air ar 
neartachadh fuidh ar deuchainnean agus diobhail-misnich ? 
Cionnus a bhios sinn comasach air a bhi beo, a dh' easbh- 
uidh a' cho-chomuinn bu ghnàth leinn a bhi againn rìs ? 
Air an aobhar sin tha ar Tighearn Iosa a' teagasg dhoibh, 
ann an àm iomchuidh, mu dhlomhaireachd an aonaidh ris, 
ga choimeas fèin ris a' chrann-fhìonain, agus iadsan ris na 
geuga. 

A deiream, tha e (1.) ga choimeas fèin ri crann-fionain, 
" Is mise an fhìonain." Chum e maille r' a dheisciobluibh 
sacrameint na Suipeir, an comhara agus an seula sin air 
aonadh a shluaigh ris fèin ; agus dh' innis e dhoibh, 
"Nach òladh e à sin suas do thoradh na fionain, gus 
an là san òladh e nuadh maille riu ann an rioghachd Ath- 
ar :" Agus a nis tha e nochdadh gur e fèin an fhìonain, 
o'n tigeadh fion 'an comfhurtachd-san. Tha ni 's lugha do 
mhaise ann an crann fionain, np ann am moran do chraobhan 
eile, ach tha i ambarrach torthach ; a' ciallachadh gu ro- 
iomchuidh, an staid iosal san robh ar Tighearna san àm sin, 
gidheadh a' toirt moran mhac gu gloir. Ach is e an ni gu 
h-àraidh ris an robh e 'g amharc, ann e fèin a choimeas ri 

Q 



242 

fionain, gu nochdadh gur e fein fear-cumail suas agus fear- 
altruim a shluaigh, anns am bheil iad beo, agus a' tabhairt 
a mach toraidh. (2.) Tha e gan coimeas-san ris na geuga : 
Sibhse geuga na fionain sin ; is sibh na geuga, a ta cean- 
gailte, agus a ta fàs air an Stoc so ; a' tarruing bhur n-uile 
bheatha agus bhrìgh uaithe. Is maiseach an coimeas e ; 
mar gu 'n abradh e, tha mise mar fhionain ; tha sibhse mar 
gheuga na fionain sin. 

A nis, tha dà sheorsa do gheugaibh ann, (1.) Geuga 
nadurra ; a ta air tùs a' fàs suas as an Stoc : 's iad sin na 
geuga a ta sa' chraoibh, agus nach robh riamh a mach 
aisde. (2.) Tha geuga a ta air a suidheachadh, a tha 'nan 
geuga a bha air am briseadh o'n chraoibh a thug air tùs 
am beatha dhoibh ; agus air an cur ann an craoibh eile 
gu fàs orra. Mar so tha geuga a' teachd bu bhi air craoibh, 
nach robh air tùs orra. Tha na geuga a ta air an ainm- 
eachadh sa' bhonn teagaisg do 'n t-seorsa mu dheireadh ; 
geuga a bha air am briseadh dheth, mar a ta 'm focal sa' 
cheud chainnt a' ciallachadh, eadhon o'n chraoibh a thug 
air tùs beatha dhoibh. Cha 'n 'eil a h-aon do chloinn nan 
daoine' nan geuga nàdurra san dara Adhamh, eadhon losa 
Criosd, an fhìonain fhìor ; is iad uile geuga nadurra a' cheud 
Adhaimh, an fhìonain chrionaich sin. Ach tha na daoine 
taghta, gu leir, luath no mall, air am briseadh, o'n Stoc 
nàdurra, agus air an suidheachadh ann ad Criosd, an 
f hìonain fhìor. 

Teagasg, Tha iadsan a ta ann an staid nan gràs, air an 
suidheachadh ann, agus air an aonadh ris an Tighearn Iosa 
Criosd. Tha iad air an tabhairt a mach as an stoc nadurra, 
air an gearradh uaithe ; agus tha iad a nis air an suidheach- 
adh an nan Criosd mar an stoc nuadh. Ann an laimhseach- 
adh an ni so, labhraidh mi mu 'n aonadh dhìomhair. (1.) 
Ann am beagan do nithe coitchionn. (2.) M's mìne. 

BEACHD COITCHIONN MU'N AONADH DHIOMHAIR. 

Air tùs, Gu coitchionn, chum gu tuigeamaid an ceangal 
a ta eadar an Tighearn Iosa Criosd, agus a' mhuinntir 
thaghta, a ta creidsinn ann, agus airsan. 

1. Is aonadh spioraclail e. Tha duine agus bean le 'n 
ceangal pòsaidh, a' fàs nan aon fheoil : Tha Criosd agus 
fior chreidmhich leis an aonadh so, a' fàs nan aon spiorad, 
2 Cor. vi. 17. Mar tha 'n aon anam na spiorad a.lìonadh 



243 

araon a' chinn agus nani ball anns a' chorp nadurra; niar 
sin tlia 'n aon Spiorad o Dhia a' gabhail comhnuidh ann an 
Criosd agus anns a' chreidmheach : Oir, " Mur 'eil Spior- 
ad Chriosd aig neach, cha bhuin e dha," Eom. viii. 9. 
Tha ceangal corporra air a dheanamh le còrdadh; mar 
sin tha na clachan a ta ann an togail aitreabh, ceangailte 
r' a cheile : ach tha 'n ceangal so do nadur eile. Ged a 
bhiodh e comasach gu 'm b' urrainn dhuinn feoil agus fuil 
Chriosd itheadh agus òl, ann an rathad corporra agus 
f eolmhor ; "cha bhiodh tairbh air bith an," Eoin vi. 63. 
Cha b' e Muire a bhi ga ghiulan 'na broinn, ach a creidimh 
ann, a rinn 'na naomh i, Luc. xi. 27, 28. "Thubhairt 
bean araidh ris, Is beannaichte a' bhru a ghiulain thu agus 
na ciochan a dheoghail thu. Ach a dubhairt esan, is mò 
gur beannaichte iadsan a dh' eisdeas ri focal Dè agus a 
choimhideas e." 

2. Is aonadh fìor e. 'S co mòr ar laigse anns an staid 
sam bheil sin a nis ; 's co mòr a ta sin air ar slugadh 
suas ann am peacadh, as gu bheil sinn ullamh gu iomh- 
aigh a dheilbh ann ar n-inntinn mu na h-uile ni a chuirear 
fa 'r comhair ; agus a thaobh ni air bith a ta air aicheadh 
dhuinn, tha sinn ullamh air a bhi fuidh amharus nach 'eil 
ann ach mealladh, no ni aig nach 'eil brìgh. Ach cha'n 
'eil ni sam bith a 's cinntiche no an ni sin a ta spioradail ; 
mar an ni sin a ta teachd ni 's dluithe do nàdur an Tì sin 
is e tobar na h-uile firinn, eadhon Dia fèin. Cha 'n 'eil 
sinn a' faicinn le 'r suilibh an ceangal a ta eadar ar n-anama 
agus ar cuirp fèin ; 's cha mhò is urrainn dhuinn beachd fior 
a ghabhail deth 'nar n-inntinn mar a ni sinn air nithe 
faicsinneach : gidheadh cha 'n fheudar a chur an teagamh 
nach 'eil e fior. Ca bharail creidimh, ach " brìgh nan 
nithe ri 'm bheil dòchas," Eabh. xi. 1. 'S cha mhò a ta 
'n t-aonadh a ta air a dheanamh leis a' chreidimh eadar 
Criosd agus creidmhich, 'na fhaileas ach 'na ni ro-fhìor : 
"Oir is buill sinn d'a chorp, d'a fheoil, agus d'o chnamha- 
san," Eph. v. 30. 

3. Is aonadh ro-dhluth agus dìleas e. Na creidmhich 
daoine ath-nuadhaichte, a ta le làn dochas ga chreidsinn, 
agus a' leigeadh an taic air, " chuir iad orra Criosd," Gal. 
iii. 27. Mur leoir sin, tha " esan annta-san," (Eoin xvii. 
23.) air a dheilbh annta, mar an leanabh ann am broinn 
na màthar, Gal. iv. 19. Is e esan a' bhunait, 1 Cor. iii. 11. 



244 

'S adsan na clochan beò, a ta air an togail airsan, 1 Phead. 
ii. 15. Is esan an ceann, agus is iadsan an corp, Eph. i. 
22, 23. Ni h-eadh, tha e beo annta, mar an anama 'nan 
cuirp, Gal. ii. 30. Agus, ni a ta ni 's mò na so uile, tha 
iad 'nan aon anns an Athair agus anns a' Mhac, mar a tha 
'n t-Athair ann an Criosd, agus Criosd anns an Athair, 
Eoin xvii. 21. "Chum gu 'm bi iad uile 'nan aon, chum 
mar a ta thusa annamsa, agus mise annadsa, gu 'm bi iad- 
san mar an ceudna 'nan aon anuainne." 

4. Ged nach ceangal san lagh e, gidheadh is cean- 
gal e a sheasas san lagh. Tha Criosd mar an t-urras, agus 
creidmhich mar ard luchd-feich, 'nan aon ann am beachd 
an lagha. 'JSTuair a ruith na daoine taghta iad fèin, leis 
a' chuid eile do 'n chinne-daoine, ann am feich do cheartas 
Dhè ; thainig Criosd a steach 'na urras air an son, agus 
phàigh e na feich. 'Nuair a tha iad a' creidsinn ann, tha iad 
air an aonadh ris ann an ceangal-posaidh spioradail; aig 
am bheil a' bhuaidh so, gu bheil na nithe a rinn agus a dh' 
fhuiling e air an son, air am mèas san lagh, mar gu 'n dean- 
adh, agus gu 'm fulaingeadh iad air an son fèin. Uaith 
so theirear gu bheil iad air an " ceusadh maille ri Criosd," 
Gal. ii. 20. "Adhlaichte maraon ris," Col. ii. 12. Seadh, 
"air an togail suas maraon ris (eadhon rì Criosd,) agus 
cho-shuidhicheadh iad ann an ionadaibh nèamhaidh ann 
an Iosa Criosd," Eph. ii. 6. Anns na h-ionadaibh sin 
cha 'n urrainn dhuinn a radh gu bheil na naoimh air thal- 
amh, mu 'm bheil an t-abstol a' labhairt, 'nan suidhe, ach do 
thaobh meas an lagha. 

5. Is ceangal e nach fheudar a sgaoileadh. Aon uair 
ann an Criosd, 's gu bràth ann. Air dha ionad-comhnuidh 
a chur suas anns a' chridhe, cha 'n atharraich e as gu bràth. 
Cha 'n urrainn neach an t-snaim shona so fhuasgladh. 
Co dh'fhuasgaileas an ceangal so ? Am fuasgail e fèin 
e. Cha 'n fhuasgail idir : tha 'fhocal againn air a shon ; 
"Cha phill mi air falbh uatha," Ier. xxxii. 40. Ach 
theagamh gun dean am peacach an t-olc so dha fèin : cha 
dean, air sheol sam bith. Cha dealaich iad rium, ars' an 
Dia (san àite cheudna.) An urrainn deamhain a dhean- 
amh? Cha 'n urrainn, mur bi iad ni's laidire na, Criosd, 
agus 'Athair mar ar ceudna ; " Cha 'n urrainn neacn air 
bith an spionadh as mo laimh, ars' ar Tighearn," Eoin x. 
28. Agus cha 'n urrainn neach aii bith an spionadh à laimh 



245 

m' Athar, rann 39. Ach ciod a their thu ris a' bhàs, a 
sgaras fear agus bean-phosda; seadh, a sgaras an t-anam 
o 'n chorp? Nach dean bàs e? Cha dean; tha 'n t-abstol, 
(Rom. viii. 38, 39.) " cinnteach nach bi bas," co uamhasach 
as a ta e ; no beatha, ciod air bith co taitneach 'sa ta i, no 
diabhuil, na dorch aingil sin; no muinntir an diabhuil, a 
ta ri geur-leanmhuinn, ged a tha iad 'nan uachdarana no 
'nan cumhachda air thalamh; no droch nithe a làthair, a 
ta cheana 'nan luidhe oirnn, no droch nithe ri teachd; 
no àirde sonais shaoghalta, no doimhne truaighe shaogh- 
alta; no creutair sam bith eile, maith no olc, comasach 
air sinne a sgaradh o ghràidh Dhè' a ta ann an Iosa Criosd 
ar Tighearna. Mar a chuir am bàs sgaradh eadar 
anam agus corp Chriosd, ach nach b' urrainn e aon chuid 
'anam no a chorp a sgaradh o nadur a dhiadhachd ; mar 
sin, ged a bhios na naoimh air an sgaradh o an cairdibh 
is dluithe anns an t-saoghal, agus o an uile sholasan 
saoghalta ; seadh, ged a bhios an anama air an sgarrachdain 
o 'n cuirp agus an cuirp air an toirt as a cheile 'nam mìle 
mìr; an cnamhan air am briseadh, mar a ghearras neach 
fìodh ; gidheadh mairidh anam agus corp, agus na h-uile 
mir do 'n chorp, an duslach as lugha dheth, ceangailte ris 
an Tighearna Criosd : oir eadhon ann am bàs, " coidlidh 
iad ann an Iosa, 1 Tes. iv. 14. agus, gleidhidh e an 
cnàmhan uile, Salm xxxiv. 20. Is e ceangal ri Criosd, an 
gràs anns a' bheil sinn 'nar seasamh, daingean agus suidh- 
ichte, mar shliabh Shioin, nach urrainn bhi air a carrachadh. 
San àite mu dheireadh, Is aonadh dìomhair e. Tha 'n 
soisgeul 'na theagasg dìomhaireachd. Tha e foillseachadh 
dhuinn aonadh thri Pearsa san aon Diadhachd, 1 Eoin 
i. 7. " An triuir sin is aon iad ! " Aonadh naduir Dhia agus 
dhuine, ann am Pearsa an Tighearn Iosa Criosd, 1 Tim. 
iii. 16. " Dh'f hoillsicheadh Dia san fheòil." Agus an 
aonadh dhìomhair a ta eadar Criosd, agus creidmhich : Is 
dìomhaireachd mhòr so ! Eph. v. 32. ciod na doimh- 
aireachdan a tha 'n so ! An Ceann air nèamh, na buill air 
thalamh, gidheadh gu cinnteach air an aonadh r'a cheile ! 
Criosd anns a' chreidmheach, beò ann, ag imeachd ann; 
agus an creidmheach a' gabhail comhnuidh ann an Dia, 
a' cur uime an Tighearn Iosa ag itheadh fhèola, agus ag òl 
fhola ! Tha so a' deanamh nan naoimh 'nan dìomhaireachd 
do 'n t-saop;hal, seadh 'nan dìomhaireachd dhoibh fèin ! 



246 

San dara àite, Tha mi nis air teachd gu labhairt ni 's 
mìne mn'n aonadh so ri Iosa Criosd, agus a bhi air ar 
suidheachadh ann. Agus (1.) Bheir mi fa'near an stoc 
nàdurra, as am bheil na geuga air an tabhairt. (2.) An 
stoc os ceann nàduir, anns am bheil iad air an suidheach- 
adh. (3.) Ciod na geuga a ta air an gearradh o' n t-sean 
stoc, agus air an cur anns an stoc nuadh. (4.) Cionnus 
a ta sin air a dheanamh. Agus, anns an àite mu dheir- 
eadh, Na sochairean a ta sruthadh o 'n aonadh agus o 'n 
t-suidheachadh so. 

MU NA STUIC NADURRA AGUS OSCEANN NADUIR, AGUS 
NA GEUGA, AIR AN TABHAIRT A MACH AS AN DARA 
AON, AGUS AIR AN SUIDHEACHADH SAN AON EILE. 

I. Gabhamaid beachd air an stoc, as am bheil na geuga 
air an tabhairt mach. Is iad an dà Aghamh, 'se sin ri radb, 
Adhamah agus Criosd, an dà stoc : Oir tha 'n Scriobtur a' 
labhairt mu 'n dithis sin, mar nach biodh tuilleadh dhaoine 
riamh air t-saoghal ach iadsan. 1 Cor. xv. 45. Rinn- 
eadh an ceud duine Adhamh 'na anam beò, an t-Adhamh 
deireannach 'na Spiorad a bheothaicheas." Rann 47. 
" Tha 'n ceud duine o'n talamh, talmhaidh : an dara duine, 
is e an Tighearn o nèamh." Agus is e as aobhar da sin, 
nach robh riamh neach, nach robh 'nan geuga o aon do 'n 
dithis sin ; air do na h-uile dhaoine bhi anns an dara aon 
no 'n aon eile do na stuic sin ; oir anns an dithis sin tha 'n 
cinne-daoine uile air an roinn, rann 48. " Mar an duine 
talmhaidh, is amhuil sin iadsan a tha talmhaidh : agus 
mar a ta an duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a ta 
nèamhaidh." Is e'n ceud Adhamh, uime sin, an stoc na- 
durra : 's ann air an stoc so a gheibhear na geuga a' fas an 
toiseach; a ta 'na dheigh sin air an gearradh dheth, agus 
air an suidheachadh ann an Criosd. Mu thimchioll nan 
aingil a thruit, mar nach robh ceangal aca ris a' cheud 
Adhamh, mar sin cha 'n 'eil ceangal aca ris an dara aon. 

Tha ceithir nithe ri bhi air an cuimhneachadh ann an 
so : (1.) Gu bheil an cinne-daoine uile (ach an duine Criosd 
a mhàin) 'nan geuga nadurra do 'n cheud Adhamh, Rom. v. 
12. "Thainig peacadh a steach do 'n t-saoghal tre aon 
duine ; mar sin mar an ceudna thainig bàs air na h-uile 
dhaoinibh." (2.) B' e am bann a cheangail sin ris an stoc 
nadurra, cumhnanta nan gnìomh. Air do Adhamh-a bhi 



247 

mar fhrcunih nàdurra dhuinn, bha e mar an ceudna air a 
dheanamh 'na fhreumh laghail, a' gineamhuin a shliochd 
uile, agus a' seasamh air an son ann an cumhnanta nan 
gnìomh. Oir, " trid eas-umhlachd aon duine rinneadh 
mòran, 'nam peacachaibh," Eom. v. 19. 'JSfis h' fheudar 
gu 'm biodh daìmh àraidh eadar an aon duine sin, agus am 
mòran, mar bhonn air am biodh a pheacadh-san air a mheas 
doibh. Cha d' èirich an dàimh so mhain o'n cheangal 
nàdurra eadar esan agus sinne, mar athair d' a chloinn ; 
oir mar sin tha sinn ann an dàinih ri 'r paranta fein, aig 
nach 'eil am peacanna air am meas duinn air lorg sin 
mar tlia peacadh Adhaimh. B' fheudar dha uime sin eiridh 
o bhann laghail eadar Adhamh agus sinne; bann coimh- 
cheangail, nach robh na ni sani bith eile ach coimhchean- 
gal nan oibre, anns an robh sinn air ar ceangal ris, mar 
gheuga ris an stoc. Uaithe so ged bha Iosa Criosd 'na 
Mhac do Adhamh, (Liic. iii. 23, 38.) cha robh e 'na aon 
do na geuga sin : oir, do bhrìgh nach d' thainig e o Adhamh 
air lorg beannachd a' phòsaidh, a bha air a thabhairt roimh 
an tuiteam, (Gen. i. 28. " Sìolaichibh, agus fàsaibh lion- 
mhor,") ach air lorg a' gheallaidh àraidh a rinneadh an 
dèigh an tuiteam, (Gen. iii. 15. " Bruthaidh sìol na mnà 
ceann na nathrach.") Cha b' urrainn Adhamh seasamh air 
a shon ann an coimhcheangal a rinneadh roimh a thuiteam. 
(3.) Mar a ta e neo-chomasach do ghèig a bhi ann an dà 
stoc aig an aon àm : mar sin cha 'n urrainn duine sam bith, 
a bhi aig an aon àm araon anns a' cheud agns anns an dara 
Adhamh. (4.) Uaithe so chithear gu soilleir, gu bheil na 
h-uile nach 'eil air an suidheachadh ann an Iosa Criosd, 
f athast 'nan geuga do 'n t-seann stoc ; agus mar sin a' co- 
pairteachadh do nàdur an stuic sin. A nis, a thaobh a' 
cheud Adhamh ar stoc nàdurra : thoir fa'near, 

Air tìis, Ciod a' ghnè stuic a bha e'n toiseach. B' fhìon- 
ain e do shuidheachadh an Tighearna, fionain thaghta, 
fìonain uasal, gu h-iomlan 'na shìol ceart. Bha comhairle 
na Trionaid, air suidheachadh na fionain so, Gen. i. 26. 
" Deanamaid duine 'nar dealbh fèin, a reir ar coslais 
fèin." Cha robh lobhadh aig cridhe na fìonain so. Bha 
brìgh agus sùgh gu leoir innte, gus na geuga uile altrum, 
a thoirt a mach meas do Dhia. Is e tha mi ciallachadh, 
gu'n robh Adhamh air a dheanamli comasach air àitheanta 
Dhè a choimhead tra coimhlionta ; ni a choisneadh beatha 



248 

shiorruidh dha fèin agus d' a shliochd uile : oir mar bhàs- 
aich na h-uile tre eas-umhlachd Adhaimh ; bhiodh beatha 
aig na h-uile, tre ùrnhlachd-ran, nam b' e 's gu 'n seasadh e. 
Thoir fa'near, 

San dara àite, Ciod mar a tha 'n stoc sin a nis : Och ! tha 
e ro neo-chosmhuil ris mar bha e, 'nuair bha e air a shuidh- 
eachadh le Ughdar agus Tobar gach uile mhaith. Einn 
osag o ifrinn, agus teumadh le fiacla nimheil na seann nath- 
rach, e 'na stoc crionach, 'na stoc marbh ; seadh, 'na stoc 
marbhtach. 

1. Is stoc crionach, gràineil e. Uime sin thubhairt 
an Tighearna ri Adhamh, anns an là dhubhach sin, " C'ait 
am bheil thu ì " Gen. iii. 9. Ciod an staid 's am bheil thu 
nis ? Cionnus a tha thu air caochladh orm gu gèig 
chrionaich na fìonian coimhich ì No c' ait an robh thu. 
C' arson nach robh thu san ionad-chòmhail riumsa 1 C' 
arson a ta thu co fada gun teachd 1 Ciod is ciall do'n 
chaochladh eagallach so, do'n fholach so dhiot fèin uamsa 1 
Mo thruaighe ! tha 'n stoc air crionadh, air a mhilleadh 
gu tur, air fàs gu h-iomlan olc, agus a' toirt a mach dearca 
fiadhaich. Tha coluadar ris an diabhul air a mheas os ceann 
co-chomunn ri Dia ! Tha Satan a' faotainn creideas, agus 
tha Dia, neach is e 'n fhìrinn fèin, a' faotainn ana-creideas ! 
Tha esan a bha 'na charaid do Dhia, a nis ann an ceann- 
airc 'na aghaidh ! Thainig dorchadas ann an àite soluis ! 
Tha aineolas a' buadhachadh anns an inntinn far an robh 
eolas diadhaidh a dealradh ! Tha'n toil a bha aon uair 
firinneach no riaghailteach, a nis air tionndadh gu ceann- 
airc an aghaidh a Tighearna ! Agus tha 'n duine gu h- 
iomlan ann am mi-riaghailt uamhasach ! 

Mu'n teid mi ni's faide, stadam agus bheiream fa'near 
Ann an so tha sgàthan araon airson naoimh agus peacaich. 
A pheacaich, seasaibh an so, agus smuainichibh ciod tha 
sibh ; agus a naoimhe ; iunnsaichibhse ciod a bha sibh aon 
uair. Tha sibhse, pheacaich, 'nur geuga do'n stoc chrionaich 
so : Feudaidh sibh gun amharus toradh a ghiulan ; ach a 
nis a chionn gu bheil bhur fionain do fhìonain Shodoim, 's 
èigin gu'm bi bhur dearcan 'nan dearcan domblais, Deut. 
xxxii. 32. Tha 'n Scriobtur a' labhairt mu dhà sheorsa 
toraidh, a ta f às air na geuga a ta air an stoc nàdurra : agus 
tha e soilleir gu leoir, gu bheil iad do nàdur an stuic chrion- 
aich. (1.) (t Dearcan fiadhain na h-aingidheachd," (Isa. 



219 

v. 2.) tha iad sin a' fàs gu pailt, le cumhachd o ifrinn; faic 
Gal. v. 19, 20, 21. Aig an geataibh tha gach seorsa do 
na measan so, araon nuadh agus sean. Tha doinionna a' 
teachd o nèamh gu'n cur air an ais ; ach tha iad do ghnàth 
a' fàs. Tha iad air am bualadh le claidheamh an spioraid, 
ni a's è focal Dhè; tha choguis a' toirt iomadh buille 
dìomhair dhoibh, gidheadh tha iad a' soirbheachadh. (2.) 
"Toradh dhoibh fèin," Hos. x. 1. Ciod eile a ta ann an 
uile ghniomhara ùmhlachd an duine neo-iompaichte ; 'na 
ata-leasachadh, 'na ghiulan measarra, 'na urnuighean agus 
'an dheadh oibre? Tha iad uile air an deanamh gu h- 
àraidh air a shon fèin, cha 'n ann a chum glòir Dhè. Tha 
na measan sin cosmhuil ri ubhlan Shodoim, maiseach ri 
amharc orra, ach tuitidh iad 'nan luaithre, 'nuair a tha iad 
air an laimhseachadh agus air am feuchainn. Tha sibh am 
barail nach e mhain gu bheil duilleach na h-aidmheil agaibh, 
ach gu bheil agaibh mar an ceudna toradh caitheamh-beatha 
naomh ; ach mur bi sibh air bhur briseadh o'n t-seann stoc, 
agus air bhur suidheachadh ann an Iosa Criosd ; cha ghabh 
Dia ri 'ur toradh, 's cha bhi meas aig air. 

'S eigin dhomh cothrom a ghabhail ann an so air 
innseadh dhuibh, gu bheil cuig coireanna a gheibhear ann 
an nèamh do 'ur measan a's fearr. (1.) An searbhalachd : 
"Tha bhur bagaidean searbh," Deut. xxxii. 32. Tha 
spiorad searbhais, leis am bheil cuid a' teachd an làthair an 
Tighearn, ann an dleasnais dhiadhaidh, beo ann am mì- 
run agus farmad; agus a ta cuid do luchd-aidmheil ag 
altrum an aghaidh muinntir eile, a chionn gu bheil iad a' 
dol ni 's faide na iad fèin ann an naomhachd beatha, no a 
chionn nach 'eil iad d' am barail no d'an slighe-san. Tha 
so, c' ait air bith am bheil e a' riaghladh, 'na chomh- 
ara eagallach air staid neo-iompaichte. Ach cha 'n e so 
a tha'm bheachd, co mòr as an ni sin a ta cumanta do uile 
gheuga an t-seann stuic, eadhon taois-ghoirt na ceilge, (Luc. 
xii. 1.) a ta gortachadh agus a' searbhalachadh na h-uile 
dleasnas a ta iad a' coimhlionadh. Tha'n gliocas a ta làn do 
dheadh thoradh, gun cheilg, Seum. iii. 17. (2.) An droch 
bhlas. Tha'n oibre gràineil, oir tha iad fèin truaillidh, 
Salm xiv. 1. Tha blas an t-seann stuic dhiubh uile, cha'n 
e blas an stuic nuaidh : Is e sochair àraidh nan naomh, 
"gu bheil iad do Dhia, 'nan àile-cubhraidh Chriosd," 2 
Cor. ii. 15. Air measan an duine neo-iompaichte cha'n 



250 

'eil blas gaoil do Cliriosd, no fuil Chriosd, no tùis eadar- 
ghuidhe ; agus uime sin, cha ghabhar gu bràth riu ann an 
nèamh. (3.) An-abachd ; tha'm fion-dhearc, na "fìon- 
dhearc an-abaich," Iob xv. 33. Cha'n 'eil feartan orra 
o Ghrian na f ìreantachd, gu 'n toirt gu iomlaineachd. Tha 
coslas meas orra, gun ni tuilleadh, tha iad a' cleachdamh 
an dleasnais, ach tha iad as eugmhais gnè agus crìocha 
ceart. Cha 'n 'eil an oibre air an oibreachadh ann an Dia. 
Eoin iii. 2. Tha 'n ùrnuighean a' sruthadh o'm bilibh, 
mu 'm bheil an cridheachan air an lionadh le brìgh bheò o 
Spiorad na h-urnuigh; tha'n deòir a' sruthadh o'n suilibh 
mu 'm bheil an cridheachan air an taiseachadh ; tha'n cos- 
an a tionndadh gu ceumaibh nuadh, agus tha'n slighe air 
atharrachadh, 'nuair nach 'eil fathast an nàdur air a chaoch- 
ladh. (4.) An eutromas. Air dhoibh a bhi air an tomh- 
as • air a' mheigh, tha iad air am " faotainn easbhuidh- 
each," Dan. v. 27. Mar dhearbhadh air so, feudaidh sibh 
a thoirt fa'near, nach 'eil iad ag irioslachadh an anama, 
ach ga thogail suas ann an uabhar : tha measan maith na 
naomhachd a' lubadh sios nan geuga air am bheil iad a' 
fàs, a' toirt orra an talamh a choinneachadh, 1 Cor. xv. 
10. "Shaothraich mi ni's pailte na iad uile ; gidheadh 
cha mhise, ach gràs Dè a bha maille rium." Ach seasaidh 
measan seargta deanadais daoine neo-iompaichte eutrom 
air geuga a ta 'g eirigh suas gu nèamh, Breith. xvii. 13. 
"A nis tha fìos agam gu 'n dean an Tighearna maith 
dhomh, a chionn gu bheil Lebhitheach agam 'na shagart." 
Tha iad gun amharus ag amharc co àrd, as nach urra 
Dia amharc orra : " C' arson a thraisg sinn, deir iad, agus 
nach 'eil thus a' faicinn *? Isa. lviii. 3. Mar is mò tha iad 
a' deanamh do dhleasnais, agus mar is fearr a ta iad a' tais- 
beanadh a bhi, 's ann an sin is lugha tha iad air an irios- 
lachadh, 's ann is mò tha iad air an seideadh suas. Tha 
ghnè so anns a' pheacach an ceart aghaidh na ghnè a ta r'a 
faotainn ann an anam naomh. Do dhaoine. nach 'eil ann 
an Criosd, 's nach 'eil fuidh iomgain a bhi air am faotainn 
ann, tha 'n dhleasnais cosmhuil ri aodramain ghaoithe, leis 
am bheil iad an duil gu 'n snàmh iad gu tìr fearainn Iman- 
ueil ; agus is eigin dhoibh sin briseadh, agus d' a reir sin 's 
eigin dhoibhsan dol fuidh, a chionn nach 'eil iad a' gabhail 
ri Criosd mar fhear-togalach an cinn, Salm iii 4 3. Scm 
àite mu dheireadh, Cha 'n iad " am meas a 's taghta" iad 



251 

Dàn-Shpl. vii. 13. Tha Criosd 'na Righ d' an fheudar iomadh 
gnè seirbhis a thabhairt. Far am bheil Dia a' deanamh 
a' chridhe 'na lios dha fèin, suidhichidh se e mar a shuidh- 
ich Solamli a lios fèin, le craobhan do gach gnè thoraidh, 
Ecles. ii. 5. Agus d' a reir sin, bheir e mach toradh an 
Spioraid anns na h-uile mhaitheas, Eph. v. 9. Ach cha 'n 
'eil na h-aingidh mar sin ; cha 'n 'eil an ùmhlachd iomlan, 
tha do ghnàth ni èigin air fhàgail a mach. Ann an aon 
fhocal, is e'n toradh, toradh droch craoibhe, ris nach gabhar 
gu bràth ann an nèamh. 

2. Tha ar stoc nàdurra 'na stoc marbh, reir a' bhagraidh, 
Gen. ii. 19. "Anns an là da' itheas tu dhith, gu cinnt- 
each bàsaichidh tu." Tha ar freumh a nis 'na lobhadh; 
cha 'n iongantach ged theid am blàth suas mar dhuslach. 
Chaidh am buille dh' ionnsuidh a' chridhe, tha bhrìgh air 
a leigeadh a mach, agus tha chraobh air seargadh : thuit 
mallachd a' cheud choimhcheangail, mar dhealanaich o 
nèamh, oirre agus sgrios e i ! Tha i nis air a mallachadh 
mar a' chraobh-fhige, Mat. xxi. 19. Nar fhàsadh toradh 
o so snas, gu bràth ort ! A nis cha 'n 'eil i maith air son 
ni sam bith, ach a dh' fhasachadh na talmhainn, agus a 
dheanamh suas connaidh air son Thopheit. 

Leudaicheamaid ni's faide ar a so mar an ceudna. Tha 
na h-uile duine neo-iompaichte, 'na ghèig do stoc marbh. 
']S T uair a chi thu, pheacaich ! stoc marbh do chraoibh, air 
call a bhrìgh uile, aig am bheil geuga orra san staid cheud- 
na; amhairc air mar choslas fior air staid d' anamasa. (1.) 
Ear am bheil an stoc marbh, is eigin do na geuga bhi aimrid. 
Mo thruaighe ! Tha aimrideachd moran do luchd-aidmheil 
a' nochdadh gu soilleir co an stoc air am bheil iad a' fàs. Is 
furasda bhi g' aidmheil creidimh, ach nochd dhomhsa do 
chreidimh as eugmhais t'oibre, ma 's urrainn thu Seum. ii. 
17. (2.) Cha 'n urrainn stoc marbh brìgh sam bith a chur a 
dh' ionnsuidh nan geuga, a thoirt orra toradh a ghiulan. 
B'e coimhcheangal nan oibre bann ar ceangail ri an stoc nà- 
durra ; ach a nis dh'f hàs e lag trid na feola : is e sin, trid 
crionaidh agus truaillidheachd nàduir an duine, Eom. vii. 3. 
Tha e làidir gu leor a dh' àithneadh, agus a cheangail uall- 
aiche trom air guaillibh na muinntir nach 'eil ann an Criosd ; 
ach cha 'n 'eil e toirt neart sam bith gu 'n giulan : dh'fhalbh 
a' bhrìgh a bha aon uair san fhreumh ; agus tha 'n lagh, 
mar fhear-fèich an-iochdmhor, a glacadh oighreachan Adh- 



252 

aimh, ag ràdh "ioc dhomh na bheil agam ort!" 'nuair, 
mo thruaighe ! tha a mhaoin air a caitheamh gu struitheil. 
(3.) Tha na h-uile saothair agus costus a chaithear air a' 
chraoibh a chaill a beatha, air an call : is ann an dìomhain 
a shaothraicheas daoine gu toradh fhaotainn air na geuga, 
'nuair nach 'eil brìgh san fhreumh. Air tùs, Tha saothair 
a' gharadair caillte : tha ministeirean a' call an saoth- 
air air geuga an t-seann stuic, f had 'sa mhaireas iad air ; 's 
iomadh searmoin a ta air an searmonachadh gun eifeachd, 
a chionn nach 'eil beatha toirt mothachaidh : f eudar daoine 
tha nan codal a dhusgadh, ach cha 'n urrainn na mairbh a 
bhi air an togail gun mhiorbhuil ; eadhon mar sin, is èigin 
do 'n pheacach mharbh buannachadh sa' chor sin, mur bi e 
air aiseag gu beatha le miorbhuil gràis. San dara àite, Tha 
feartan nan nèamh air an call air a leithid sin do chraoibh : 
'S ann an diomhain a ta 'n t-uisge a' tuiteam orra ; 's ann 
an diomhain a tha i air a fagail fosgailte do fhuachd agus 
do reothadh a' gheamhraidh. Tha Tighearna na fìon- 
ain a' cladhach mu 'n cuairt do iomadh anam marbh, ach 
cha'n 'eil iad ni 's fearr : pronn an t-amadan afin an soith- 
each-pronnaidh, cha dealaich amaideachd ris; ged a choinn- 
icheas e ioma crois, gidheadh tha e gleidheadh ana-mianna : 
Biodh e air a leagail air leaba-tinneis, luidhidh e'n sin cos- 
mhuil ri brùid thinn, ag osnaich, ach cha 'n 'eil e ri bròn air 
son a pheacaidh, no a' tionndadh uaithe : amhairceadh am 
bàs fèin air san aghaidh, gleidhidh e gu ladurna a dhòchas, 
mar gu'n cuireadh e an teachdair uamhasach gu teicheadh. 
Tha air uairibh oibreachadh cumanta an Spioraid air a 
dheanamh air : tha e air a chur dhachaidh le ball-chrith 
cridhe, agus le saighde mothachaidh saighte 'na anam ! ach, 
fa dheireadh, tha e buadhachadh an aghaidh nan nithe sin, 
agus a' tionndadh co socrach as a bha e riamh. 

San treas àite, Tha 'n samhradh agus an geamhradh an 
aon ni do gheuga an stuic mhairibh : 'Nuair a tha muinntir 
eile mu 'n cuairt doibh a' briseadh a mach, agus a' teachd 
fo làn bhlàth, agus a' toirt a mach toraidh, cha ; n 'eil atharr- 
achadh orra-san ; cha 'n 'eil àm fàis idir aig an stoc 
mharbh ! Theagamh nach 'ell e furasda aithneachadh, anns 
a' gheamhradh, co na craobhan a ta marbh, agus co a ta 
beo ; ach nochdaidh an t-earrach gu soilleir e : tha aman- 
na ann, anns nach 'eil ach ro bheagan beatha r'a fhaicinn, 
eadhon am measg nan naomh ; gidheadh tha amanna beoth- 



253 

achaidh a' teachd 'na dheigh: ach eadhon 'nuair a tha 'n 
fhìonain fuidh bhlàth agus na pomgranait a' briseadh a 
mach, ('nuair a ta gràs slàinteil ga nochdadh fein le beò- 
oibreachadh, c' ait sam bith am bheil e,) tha geuga an t- 
seann stuic a ghnàth a' seargadh : 'Nuair a ta na cnàmha 
tioram a' teachd gu chèile, cnàimh ri chnàimh am nieasg 
nan naomh; tha cnàmhan nam peacach a' luidhe mar bha 
iad mu bheul na h-uaighe ! Is craobhan iad a ta fàsachadh 
an fhearainn, a ra dluth do bhi air an gearradh sios, agus a 
bhios air an gearradh sios air son an teine, mur dean Dia 
ann an gràs a bhacadh, le 'n gearradh dheth o 'n stoc sin, 
agus an suidheachadh ann an stoc eile. 

San àite mu dheireadh, Tha ar stoc nàdurra 'na stoc 
marbhtach: ma bhàsaicheas an stoc, cionnus is urrainn do 
na geuga bhi beò? Ma bhios a' bhrlgh air falbh o 'n 
f hreumh agus o 'n chridhe, 's eigin do na geuga seargadh ; 
" Ànn an adhamh a ta na h-uile a' faghail a' bhàis," 1 Cor. 
xv. 22. Bhàsaich an fhreumh ann am Pàras, agus na 
geuga uile ann, agus maille ris : tha 'n fhreumh air a puinn- 
seanach, uaithe sin ghlac am puinnsean na geuga : tha bàs 
anns a' phoit, agus tha na h-uile neach a bhlaiseas do 'n 
pheasair no do 'n bhrochan, air am marbhadh. 

Biodh fhios agaibh, air an aobhar sin, gu bheil na h-uile 
duine nadurra, 'na ghèig do 'n stoc mharbhtach : cha 'n e 
mhain nach 'eil ar freumh nàdurra toirt beatha dhuinn, ach 
tha cumhachd bàsmhor aice a ta ruigheachd a geuga uile. 
Tha ceithir nithe a ta 'n ceud Adhamh a' toirt d' a gheuga 
uile ; agus tha na nithe sin a' fantuinn annta, agus a' 
luidhe air a mheud diubh as nach 'eil air an suidheachadh 
ann an Criosd. 

Air tùs, Nadur truaillidh : Pheacaich esan, agus bha a 
nadur leis a sin air a thruailleadh agus air a shalachadh ; 
agus tha 'n truaillidheachd so a' sruthadh a nuas gu shliochd 
uile, ghabh esan an galar, agus bha 'shliochd uile air am 
bualadh leis. 

San dara àite, Cionta, — is e sin a bhi buailteach do 
pheanas, Kom. v. 12. "Thainig peacadh a steach do 'n t- 
saoghal tre aon duine, agus bàs tre 'n pheacadh; mar sin 
mar an ceudna thainig bàs air na h-uile dhaoinibh, do 
bhrìgh gu 'n do pheacaich iad uile." Tha bagraidhean an 
lagha, mar chuird bais, air an toinneadh mu gheugan an 
t-seann stuic, gu 'n tarruing thar a' ghàradh do 'n teine : agus 



254 

gus am bi iad air an gearradh o 'n stoc so, leis an sgian- 
sgathaidh, tha claidheamh an dioghaltais an crochadh os 
an ceann, gu 'n gearradh sìos. 

San treas àite, Tha 'n stoc marbhtach so a' cur a mhal- 
lachd a mach dh'ionnsuidh nan geuga ; air do'n stoc mar stoc 
(oir cha 'n 'eil mi labhairt mu Adhamh 'na phearsa agus staid 
uaigneach) a bhi air a mhallachadh ; mar sin tha na geuga, 
Gal. iii. 10. " Oir a mheud 's a ta do oibribh an lagha, tha 
iad fuidh 'n mhallachadh." Tha'm mallachd so a' bualadh 
an duine gu h-iomlan, agus gach ni a bhuineas da, gach ni 
a ta e sealbhachadh, agus tha e ag oibreachadh air tri raidibh. 

1. Mar tha puinnsein, Gabhaltach : mar so "tha 'm bean- 
nachdan air am mallachadh," Mal. ii. 2. Ciod air bith a 
tha 'n duine a' sealbhachadh, cha 'n urrainn dha maith a 
dheanamh da, ach olc; air dha bhi mar so air a phuinn- 
seanach leis a' mhallachd. Tha 'shoirbheachadh anns an 
t-saoghal ga mhilleadh, Gnath-Fhoc. i. 32. Tha searmon- 
achadh an t-soisgeil 'na bholtrach bàis a chum bàis dha, 2 
Cor. ii. 16. Tba 'n coslas air an d' rainig e ann an aidmheil 
air a mhallachadh dha : cha 'n 'eil feum 'na eolas ach gu àt' 
a suas, agus 'na dhleasnais, ach gu chumail air ais o Chriosd. 

2. Tha e ag oibreachadh mar leoman, a' sgrios agus a' 
caitheadh a lion beag is beag, Hos. v. 12. "Uime sin 
bithidh mise mar leoman bo Ephraim." Tha cnuimh aig an 
fhreumh, gan sgrios a lion ceum is ceum : mar so lean 
am mallachd Saul, gus an do chnàmh e mach gach sòlas a 
bh' aige, agus gus an do chaith air falbh an coslas a bh' 
aige do dhiadhachd. Tha iad air uairibh a' seargadh air 
falbh mar shaill uan, agus a' leaghadh air falbh mar an 
sneachd ann an dealradh na grèine. 

3. Tha e ag oibreachadh mar leomhann meamnach, Hos. 
v. 14. " Gu deimhin bithidh mise mar leomhann do Eph- 
raim." Frasaidh an Tighearn orra ribeachan, teine agus 
pronnusc, agus doinionn uamhasach, air a leithid do dhòigh, 
as gu bheil iad air an iomain air f albh leis an tnsruth ! Tha 
e reubadh an sòlasan uatha 'na fheirg, 'gan ruagadh le 
uamhasan, a' reubadh an anama o'n cuirp, agus a' tilgeadh 
a' gheug mharbh do 'n teine ! Mar so tha 'm mallachd a' 
sgrios mar theine, nach urrainn neach a mhuchadh. 

San àite mu dheireadh, Tha 'n stoc marbhtach so a' toirt 
a steach bàis do na geugaibh a th' air. Ghabh Adhamh an 
cupan puinnsein agus dh' òl e mach e ! Thug sa bàs air 



255 

fèm agus oirnne. Thainig sinn do 'n t-saoghal marbh gu 
spioradail, leis a sin buailteach do bhàs siorruidh, agus da 
rireadh buailteach do bhàs aimsireil ! Tha 'm freumh so 
dhuinne cosmhuil ri amhainn Scìtia, mu'm bheil iad ag inn- 
seadh dhuinn, gu bheil i gach là a' cur a mach aodramanan 
beaga, as am bheil a' teachd gnè àraid do chuileaga a ta air an 
gineamhuin sa' mhaduinn, sgiathan orra mu mheadhon la, 
agus marbh san oidhche : coimeas a ta gle chosmhuil r' ar 
staid bhàsmhor-ne. 

Ms, a dhaoine, nach 'eil e ro iomchuidh gu biodhamaid 
air ar briseadh o ar stoc nàdurra so ? Ciod am feum a ta 
'nar duilleaga maiseach aidmheil, no 'nar toradh do dhleas- 
nais, ma tha sinn fathast 'nar geuga do 'n stoc chrionaich 
marbh agus mharbhtaich so ? Ach, mo thruaighe ! am 
measg nan iomadh ceisd a ta dol mu'n cuairt 'nar measg, is 
tearc iad air am bheil na ceisdean so. Am bheil mi air mo 
bhriseadh o 'n t-seann stoc no nach 'eil 1 am bheil mi air mo 
shuidheachadh ann an Criosd ! no nach 'eil 1 Och ciod 
uime an caitheadh so uile ? C'arson a tha na h-urrad do 
thoirm mu dhiadhachd am measg mhòran, nach urrainn 
cunntas a thabhairt an do shuidhich iad air deadh steidh, 
air dhoibh a bhi 'nam flor-choigrich do dhiadhachd-cridhe ? 
Tha eagal orm, mur dean Dia ann an tròcair, diadhachd 
mòran 'nar measg a chur bun os ceann ann an tràth, agus 
mur nochd e dhuinn nach 'eil diadhachd idir againn ; gu 'm 
faighear ar freumh 'na bhreothadh, agus ar blàth a' dol saas 
mar dhuslach, aig uair bàis ! Uime ain amhairceamaid ri ar 
staid, chum nach bi sinn air ar faotainn 'nar n-amadain 'nar 
crìch dheireannaich. ^ 

II. Gabhamaid a nis beachd air an stoc os ceann nàduir, 
gus am bheil na geuga, a ghearradh o 'n stoc nàdurra air 
an suidheachadh. Goirear do Iosa Criosd air uairibh am 
Meangan, Sech. iii. 8. Mar sin a ta e do thaobh naduir 
na dhuine ; air dha bhi 'na ghèig, agus ard-gheug tighe 
Dhaibhidh Goirear dheth air uairibh Fteumh, Isa. xi. 
1. Tha iad araon air an ainmeachadh, Taisb. xx. 16. 
"Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh." Freumh 
Dhaibhidh mar Dhia, agus a ghineal mar dhuine. Tha 'm 
bonn-teagaisg ag innseadh dhuinn, gur e 'n Fhionain 
è ; 'se sin ri ràdh, 'S esan mar Eadar-mheadhonair, stoc 
na fionain, d' am bheil creidmhich 'nan geuga. Mar 
tha bhrìgh a' teachd o 'n talamh do 'n fhreumh agus 



256 

do 'n stoc, agus uatha sin air a sgaoileadh air feadh nan 
geuga, mar sin, le Criosd, mar Eadar-mheadhonair, tha 
beatha spioradail air a toirt o 'n tobar, d' an ionnsuidh-san 
a ta air an aonadh ris tre chreidimh, Eoin vi. 57. "Mar 
a ta 'n t-Athair beò a chuir uaith mise, agus ataimse beò 
tre 'n Athair ; is amhuil sin esan a dh' itheas mise, bithidh 
e mar an ceudna beò triomsa." A nis tha Criosd 'na Eadh- 
ar-mheadhonair, cha 'n ann a mhain mar Dhia, mar a ta 
cuid a' cumail a mach; no eadhon mar dhuine mhàin 
mar tha na Papanaich gu coitchionn a' cumail a mach ; 
Ach tha e 'na Eadar-mheadhonair mar Dhia-dhuine, 
Gniomh. xx. 28. " Eaglais Dhè a cheannaich e le 'fhuil 
fèm." Eabh. ix. 28. " Criosd, a thug e fèin suas tre 'n 
Spiorad shiorruidh, gun lochd do Dhia." Tha 'n gniomh- 
ara fa leth aig naduir Dhia agus nàdur an duine, gidheadh 
tha iad ag oibreachadh le cheile ann an so, a' cur an gniomh 
dreuchd Eadar-mheadhonair. Tha so air a mhìneach- 
adh le cosamhlachd claidheimh teinntich, a ghearras 
agus a loisgeas aig an aon àm ! A' gearradh loisgidh e ; 
agus a' losgadh, gearraidh e : Gearradh a' chruaidh, agus 
loisgidh an teine. Air an aobhar sin is e Criosd, mar 
Dhia-dhuine, an stoc d' am bheil creidmhich nan geuga; 
agus tha iad air an aonadh ri Criosd iomlan ; tha iad co- 
cheangailte ris ann an nadur an duine, air dhoibh a bhi 
"'nam buill d' achorp, d 'a fheòil, agus d 'a chnamhaibh- 
san," Eph. v. 30. Agus tha iad co-cheangailte ris ann an 
nadur a dhiadhachd ; oir mar sin tha 'n t-Abstol a' labh- 
airt mu 'n aonadh so, Col. i. 27. " Criosd annaibhse 
muinighin na glòire ! " Agus tridsan tha iad air an aon- 
adh ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, 1 Eoin iv. 
15. "Ge b'e neach a dh' aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, 
tha Dia a chòmhnuidh annsan, agus esan ann an Dia." 
Tha creidimh, .bann a' cheangail so, a' gabhail ri Criosd 
iomlan, an Dia-dhuine ; agus air an dòigh sin tha e 'gar 
n-aonadh ris. 

Eaicibh ann an so, chreidmhiche bhur n-ard-shochair ! 
Bha sibhse aon uair 'nur geuga do 'n stoc chrionaich, eadhon 
mar chach ; ach tha sibh tre ghràs, 'nur geuga do 'n fhion- 
ain f hior, Eoin xv. 1 . Tha sibh air bhur gearradh a mach 
à seann stoc marbh agus marbhtach, agus air bhur suidh- 
eachadh anns an Adhamh dheireannach, a bhi air a dhean- 
amh "'na spiorad a bheothaicheas," 1 Cor. xv. 45. Tha 



257 

bhur call tre 'n cheud Adhamh air a dheanamh suas le 
mor-bhuanachd, trid bhur n-aonadh ris an dara Adh- 
amh. Cha robh Adhamh, 'na staid a b' fhearr, ach 'na 
lus ann an coimeas ri Criosd, Craobh na beatha : Cha 
robh ann ach seirbhiseach ; is e Criosd am mac, an t'- 
oighre, agus tighearna nan uile nithe ; an Tighearn o 
nèamh. Cha 'n fheudar àicheadh, nach robh gràs air a 
thaisbeanaclh anns a' cheud choimhcheangal ; ach tha gràs 
an dara coimhcheangail a' dol co fada thairis air, 'sa tha 
solus meadhon-la air briseadh na fàire. 

III. Co iad na geuga a ta air an tabhairt a mach as an 
stoc nàdurra, agus a ta air an suidheachadh anns an 
Fhionain so 1 Freag. Is iad sin na daoine taghta, 's cha 'n 
neach eile. Is iadsan agus iadsan a mhain, a ta air an 
suidheachadh ann an Criosd ; agus a reir sin, cha 'n 'eil 
neach ach iadsan air an gearradh o 'n stoc mharbhtach. 
'S ann air an sonsan a mhàin, a ta e ag eadar-ghuidhe, 
"chum gu 'm bi iad 'nan aon annsan, agus 'na Athair," 
Eoin xvii. 9, 23. Cha 'n 'eil creidimh, ni is e bann a' 
cheangail so, air a thoirt do neach sam bith eile : Is e 
creidimh dhaoine taghta Dhè e, Tit. i. 1. Chaidh an 
Tighearna seachad air mòran gheuga a dh' fhàs air an stoc 
nàdurra, agus tha e gearradh dheth a mhain aon ann an 
so, agus aon ann an sud agus 'gan suidheachadh anns an 
Fhionain fhior, a rèir mar a rùnaich saor-ghràdh. Is 
tric a tha e socrachadh air a' ghèig as neo-cosmhuile, a' 
fàgail nam meanglan a 's airde ; a' dol seachad air na cumh- 
achdaich, agus air na h-uasail, agus a' gairm an anmhuinn, 
agus nan amaideach, agus nan turcuiseach, 1 Cor. i. 26, 
27. Seadh, tha e gu tric, a' fàgail nan geuga maiseach 
agus min, agus a' gabhail nan geuga garbh agus cnapach ; 
Agus mar sin bha cuid dhibhse ; ach a ta sibh air bhur n- 
ionnlad, 1 Cor. vi. 11. Ma dh' fhiosraicheas sibh c' arson a 
ta chuis mar sin 1 Cha 'n 'eil aobhar eile againn air a shon 
ach a chionn gu 'n robh iad "air an taghadh annsan," 
Eph. i. 4. " Air an roimh-òrduchadh chum uchd-mhacachd 
na cloinne tre Iosa Criosd," rann 5. Mar so tha iad air 
an cruinneachadh r'a cheile ann an Criosd ; 'nuair a ta 
chuid eile air am fàgail a' fàs air an stoc nàduir, gu bhi 
'na dheigh sin air an ceangal a suas 'nan ceanglachanaibh 
air son an teine ! Uime sin, co sam bith a dh' ionnsuidh an 
tig an soisgeul an diomhain, bithidh buaidh bheann- 

R 



258 

aiclite aige air daoine taghta Dhe, Gniomh. xiii. 48. 
" Chreid a mlieud 'sa bha orduichte chum ha beatha mair- 
eannaich." Far am bheil mòran sluaigh aig an Tighearna, 
bithidh niòr-bhuaidh aig an t-soisgeul luath no mall. 
Bithidh a mheud 'sa ta ri bhi air an tearnadh air an cur ri 
corp diomhair Chriosd. 

MAR THA NA GEUGA AIR AN TABHAIRT A MACH AS 
AN STOO NADUIR, AGUS AIR AN SUIDHEACHADH 
ANNS AN STOC SPIORADAIL. 

IV. Tha mi ri nochdadh mar a ta na geuga air an gear- 
radh o 'n stoc naduir, eadhon an ceud Adhamh, agus air 
an snidheachadh anns an Fhionain fhior, an Tighearn 
Iosa Criosd. Buidheachas do 'n Treabhaiche, 's cha 'n ann 
do 'n ghèig, gu bheil i air a gearradh o a stoc naduir, agus 
gu bheil i air a suidheachadh ann an stoc nuadh. Tha 'm 
peacach, 'na theachd o 'n cheud stoc gun làmh sam bith sa' 
ghniomh, 's cha mhò tha comas, no toil aige teachd o 'n 
stoc sin dheth f èm ; ach dluth-leanaidh e ris, gus an dean 
cumhachd neo-chriochnach a thoirt air tuiteam dheth, Eoin 
v. 43. " Cha 'n urrainn neach air bith teachd a m' ionn- 
suidhse, mur tarruing an t-Athair a chuir uaithe mise, è." 
Agus, caib. v. 40. "Cha tig sibh a m' ionnsuidhse chum 
gu faigheadh sibh beatha." 'S iacl na geuga snidhichte 
treabhachas Dhe, 1 Cor. iii. 9. " Suidheachadh an Tigh- 
earna." Isa. lxi. 3. 'S iàd na meadhona gnàthaichte d' 
am bheil e deanamh feum anns an obair so searmonach- 
adh an fhocail, 1 Cor. iii. 9. " Is comh-luchd oibre do 
Dhia sinne." Ach tha eifeachd na h-obair so gu h-iomlan 
uaithe-san, ciod air bith mar tha talann agus diadhachd a 
mhinisteir, rann 7. " Cha 'n ann san ti a shuidhicheas no 
san ti a dh' uisgicheas, a tha brìgh sam bith ; ach ann 
an Dia a ta toirt an fhcàis." Shearmonaich an t-abstol do na 
h-Iudhaich, gidheadh dh' fhan a' chuid mhor do 'n t-sluagh 
sin ann an neo-chreidimh, Rom. ix. 16. " Cò a chreid ar 
n-aithris-ne ? " Seadh, a deir Criosd e fein, a labhair, mar 
nach do labhair duine riamh, a thaobh buaidh a shear- 
monachaidh fein, " Shaothraich mi gu diomhain, air son 
neo-ni chaith mi mo neart," Isa. xlix. 4. Feuclaidh na 
geuga bhi air an sgathadh le searmonachadh an fhocail ; 
ach cha teid am buille gu bràth trompa, gus am bi e air a 
thoirt dhachaidh le làimh uile-chumhachdaich. Gidheadh, 



259 

is e ratliad gnàthaichte Dhè," Le amaideachd an t-sear- 
monachaidh iadsan a thearnadh a ta creidsinn, 1 Cor. i. 21. 

Tha gearradh dheth na gèige o 'n stoc naduir, air a 
dheanamh le sgian-sgathaidh an lagha, ann an làimh Spior- 
aid Dhè, Gal. ii. 19, "Oir a ta mise tre 'n lagh, marbh do 
'n lagh." Is ann le bann coimhcheangail nan oibre mar a 
thubhairt mi roimhe, a tha sinn air ar ceangal ri 'r stoc 
naduir; agus air an aobhar sin, mar tha bean a ta neo- 
thoileach a bhi air a cur air falbh, a' tagar agus a' greim- 
eachadh ris a' cheangal-posaidh : mar sin tha daoine dean- 
amh ri coimhcheangal nan oibre : tha iad a' greimeachadh 
ris, cosmhuil ris an duine a ghreimich ris an luing le làmh- 
aibh ; agus an uair a bha aon làmh air a gearradh dheth, 
ghreimich e leis an làimh eile ; agus an uair a bha iacl a- 
raon air an gearradh dheth, ghreimich e le fhiacla ! Chith- 
ear so, o bheachd soilleir do obair an Tighearn air daoine, 
'nan tabhairt a mach as an t-seann stoc ; a nochdas mi a 
nis anns na nithibh fa leth a leanas. 

Air tùs, 'Nuair tha Spiorad an Tighearn a' teachd a 
bhuntainn ri neach, chum a thabhairt gu Criosd, tha e 
'ga fhaotainn ann an cor Laodicea, ann an codal suaimh- 
neach na seasgaireachd, a' bruadar mu nèamh, agus mu 
dheadh-ghean Dhè, ged tha iad lan do pheacadh an agh- 
aidh aon naoimh Israeil. " Cha 'n 'eil fhios agad gu bheil 
thu doruinneach, agus truagh agus bochd, agus dall, agus 
lomnochd," Taib. iii. 17. Agus air ari aobhar sin tha e 
boilsgeadh a steach dearsaidhean soluis air an anam dhorcha : 
agus a' nochdadh do 'n duine gu bheil e 'na dhuine caillte, 
mur tionndaidh e duilleag nuaclh, agus mur gabh è gu slige 
nuadh 'na chaithe-beatha. Mar so, le Spiorad an Tighearn 
a bhi aig oibreachadh mar spiorad daorsa, tha cuirt chion- 
ta air a cur suas ann an uchd an duine ; far am bheil e air 
a ghlacaclh, air a dhìteadh, agus a bhinn air a toirt a mach, 
air son briseadh lagha Dhè, a' faotainn " dearbh-shoilleir- 
eachd mu pheacadh agus mu bhreitheanas," Eoin xvi. 8. 
Agus a nis cha 'n urrainn dha ni 's faide codal gu socrach 
'na roimh-chaithe beatha. 'Se so a' cheud bhuille tha gheug 
a' faotainn, a chum a gearradh cìheth. 

San dara àit, Air a so tha 'n duine a' trèigsinn a shligh- 
ean mi-naomha san robh e siubhal ; a bhreugan, a mhion- 
nan, a bhriseadh-Sàbaid, a ghadachd, agus an leithide sin 
do chleachdana; ged tha iad taitneach dha, mar shuil 



260 

dlieis, is fearr leis dealachadh riu no 'anam a sgrios. Tha 'n 
long an cunnart dol fuidhe, agus uime sin, tilgidh e mhaoin 
a mach, a chum as nach caillear e fèin. Agus a nis tòisich- 
idh e air e fèiri a bheannachadh 'na chridhe, agus air 
amharc le h-aoibhneas air a chomharan air son neimh ; am 
barail gu bheil e fèin 'na sheirbhiseach na 's fearr do I)hia 
na moran eile, Luc. xviii. 11. " A Dhè tha mi toirt buidh- 
eachais duit nach 'eil mi mar a ta daoin' eile, 'nan luchd 
foireigin, eucorach, adhaltrannach. " Ach tha e gu luath 
a' faotainn buill' eile le tuagh an lagha, a' nochcladh dha 
gur esan e mhàin a ta deanamh na tha sgriobhta ann an 
leabhar an lagha, a 's urrainn bhi air a thearnadh leis ; gu 
bheil an seorsa naomhachd a th' aige tuilleadh is gann gu 
dhion o dhionionn feirge Dhè : Agus mar so, ged bha a 
pheacaidh deanadais a mhain trom air roimhe ; tha pheacaidh 
dearmaid a nis a' teachd a stigh air a smuainte, ann an co- 
chuideachd ri mallachdan agus dioghaltais an lagha : agus 
tha gach aon do na deich àitheanta a' cur a mach tàirnein- 
each feirge 'na aghaidh, air son dearmad a dheanamh aii 
dleasnais a bha air an agraclh air. 

San treas àit, A nis tha e tionndadh gu fior-chaithe- 
beatha naomha. Cha 'n è mhain nach 'eil e mi-naomh, 
ach tha e coi-lionadh dleasnais chràbhaidh ; tha e 'g ur- 
nuigh, ag iarraidh eolais air cinn a' chreidimh, a' coimhead 
là an Tighearna, agus cosmhuil ri Herod, tha e deanamh 
mòran do nithe, agus ag eisdeachd shearmoine gu toileach : 
ann an aon fhocal, tha co-fhreagradh mòr 'na ghiulan 
o 'n taobh a mach, ri riaghailt dà chlàr an lagha. Agus a 
nis tha caochladh co mòr air an duine, is nach urrainn a 
choimhearsnaich gun aire thoirt dha. Uaithe so tha e gu 
h-aoibhneach air a ghabhail a steach le daoine diadhaidh 
d' an comunn mar neach a ta 'g urnuigh, agus is urrainn 
dha co-labhart riu mu nithe diadhaidh : seadh, agus 
mu fhaireachdain anama, nithe air nach 'eil cuid eòlach. 
Agus tba 'n deadh bharailsan uime, a' daingneachadh a 
dheadh bharail uime fèin. Tha 'n ceum so san diadhachd 
millteach do mhòran, nach teid gu bràth ceum ni 's faide : 
ach ann an so tha 'n Tighearn a' toirt buill' eile clo 'n gheig 
thaghta ; Leumaidh a' choguis an eudan an duine, air son 
cuid do cheuma mearachdach 'na chaithe-beatha ; dearmad 
air dleasnas àraid, 110 bhi ciontach do pheacadh àraid, a ta 
'na mhasladh air a chaithe-beatha : agus an sin tha claidh- 



261 

eamh lasarach an lagha 'ga nochdadh fein a rìs os a cheann ; 
agns tha'm mallachd a' seirm 'na chluasaibh, a chionn nach 
'eil a bnannachadh anns na h-uile nithibh a ta sgriobhta ann 
an leabhar an lagha, chum an deanamh, Gal. iii. 10. 

Sa? cheathramh àite, Air an aobbar so, is èigin da leigh- 
eas eile iarraidh air son a thinneis ; tha e dol dh' ionn- 
suidh Dhè, ag aidicheadh a' pheacaidh, ag iarraidh maith- 
eanais air a shon, a' gealltainn faire dheanamh 'na aghaidh 
san àm ri teachd, agus mar sin tha e faotainn fois, agus 
tha e smuaineachadh gu 'm feud e gu maith fois a ghabh- 
ail, do bhrigh gu bheil an Scriobtur ag ràdh, "Ma dh' 
aidicheas sinn ar peacanna, tha esan fìrinneach, agus ceart 
chum ar peacanna a mhaitheadh dhuinn," 1 Eoin i. 9. gun 
a bhi toirt fa'near gu bheil e glacadh greim air sochair a 
bhuineas dhoibhsan a mhain a ta air an suidheachadh ann 
an Criosd, agus a ta fàidh a choimhcheangal nan gràs, agus 
nach urrainn dhoibhsan a ta 'nan geuga a' fàs air an t-seann 
stoc fathast a thagar : agus ann an so, air uairibh tha 
geallanna agus bòidean air an deanamh an aghaidh an 
leithide so agus sin do pheacaidh, agus a' ceangal gu 'n 
leithide so agus sin do dhleasnais àraidh. Mar so tha mòr- 
an a' dol air an aghaidh fad an uile làithean, gun eòlas 
aca air diadhachd sam bith eile ach a bhi coi-lionadh 
dleasnais agus ag aideachadh, agus a' guidhe air son maith- 
eanais air son an ni sam bheil iad a' teachd goirid ; a' 
gealltainn sonas siorruidh dhoibh fèin, ged tha iad 'nan 
tur-choigrich do Chriosd ; ann an so tha moran do'n 
mhuinntir thaghta air an tilgeadh sios leònta, agus moran 
do mhuinntir thilgte air am marbhadh ; an uair nach 'eil 
lota a h-aon diubh domhain gu leòr, gu 'n gearradh o 'n 
stoc nàdurra. Ach tha Spiorad an Tighearn a' toirt fath- 
ast buille eile do'n ghèig a ta ri bhi air a gearradh dheth, 
a' nochdadh dha, nach 'eil e fathast, ach naomh o'n taobh 
a mach, agus tha e foillseachadh dha nan ana-mianna 
gràineil a ta chomhnuidh 'na chridhe, do nach d' thug e 
aire roimhe, E,om. vii. 9. " Air teachd do'n àithne, dh' 
ath-bheothaich am peacadh, agus flmair mise bàs." An 
sin tha e faieinn a chridhe 'na òtrach do mhiannaibh 
ifrionnail, air a lionadh le sannt, uabhar, mì-run, salchair- 
eachd, agns an leithide sin. A nis, co luath as a tha dorsa 
seomraiche iomhaigheachd fèin mar so air am fosgladh 
dha, agus a ta e faicinn ciod a ta iad a' deanamh san dorcha, 



262 

tlia dhiadhachd o'n taobh a'mach, air a sèideadh air falbh 
mar ni nach seas, agus tha e fòghlum nuadh bharail san 
diadhachd : eadhon, " Nach Iudhach esan a tha mar sin o'n 
leth muigh," Eom. ii. 28. 

Sa' chuigeamh aite, Uaith so tha e dol ni 's faide, eadhon 
gu diadhachd an taobh a stigh ; a' dol gu h-obair ni's 
beothail na rinn e riamh, a' deanamh bròin os ceann peac- 
aidh a chridhe, agus a' deanamh strì ris na droch luibhean 
a chumail fòdha, a ta e faotainn a' fàs anns an lios sin a 
bha air a dhi-chuimhneachadh. Tha e saoithreachadh gu 
'ardan agus a droch nadur a cheannsachadh, agus a smuainte 
neoghlan fhogradh air falbh : tha e 'g urnuigh ni's dùrachd- 
aiche, ag eisdeachd gu furachair, agus a' deanamh spairn 
gu chridhe fhaotainn eudmhor anns na h-uile dleasnas 
diadhaidh a tha e coi-lionadh; agus mar so tha e teachd 
gu smuaineachadh gu bheil e fèin, cha 'n e mhain 'na 
Chriosdaidh o'n taobh a mach, ach o'n taobh a stigh mar 
an ceudna. Ka gabh iongantas dheth so, oir cha'n 'eil ni 
sam bith ann os ceann cumhachd nàduir no nithe air am 
feud neach ruigheachd a ta fuidh ghluasadan cumhachdach 
coimhcheangail nan oibre : air an aobhar sin tha buille ni's 
doimhne fathast air a thabhairt ; tha'n lagh a' sparradh 
dhachaidh air coguis an duine, gu'n robh e 'na chiontach 
o'n bhroinn ; gu 'n d' thainig e do'n t-saoghal 'na chreutair 
ciontach ; agus gu 'n robh e, ann an àm aineolais, agus 
eadhon o na chaidh a shuilean fhosgladh, ciontach do 
iomadh peacadh gniomh, a bha aon chuid gu leir gun a bhi 
air am faicinn leis, no gun bhròn gu leòir a dheanamh air 
an son : (Oir tha lotan spioradail, nach 'eil air an leigheas 
le fuil Chriosd, ach a tha air an leigheas gu faoin air sheol 
èigin eile, gu h-ullamh air an cur as an riaghailt, agus co 
ullamh a' briseadh a mach a rìs :) Agus air an aobhar sin, 
tha'n lagh 'ga ghlacadh air sgornan ag radh " Ioc dhomh na 
bheil agam ort 1 ?" 

San t-seathadh àite, An sin thcir am peacach 'na chridhe, 
"Dean foighidin rium, agus iocaidh mi dhuit an t-iom- 
lan : " agus mar sin theid e air obair, a dheanamh suas 
sìtli ris an Dia d' an d' thug e oilbheum, agus gu rèitc 
dlieanamh air son a pheacanna ; ath-nuadhaichidh e aith- 
re'achas a leithid 'sa tha e ; giulainidh e gu foighidneach 
na trioblaidean a chuirear air, seadh, buinidh, e gu cruaidh 
ris fèin, aicheadhaidh e dha fòin comhfhurtachdan laghail, ni 



263 

e osnaicli throni dhomhain, ni e bròn searbh, glaodhaidh 
e le deoir air son maitheanais, gus an oibrich e chridhe gu 
barail gu 'n d' fhuair se e ; air dha mar so dioladh a dhean- 
amh air son na chaidh seachad, agus a' cur roimhe a bhi 
'na sheirbhiseach maith do Dhia, agus gu cuniail air agh- 
aidh ann an ùmhlachd o 'n taobh a mach agus o 'n taobh a 
steach san àm ri teachd : ach is èigin gu 'n teid a bhuille 
fathast ni's dluithe do 'n chridhe, mu 'n tuit a gheug 
dheth ; nochdaidh an Tighearna dha, ann an sgathan an 
lagha, mar a tha e peacachadh anns gach ni a ta e dean- 
amh, eadhon an uair a tha e deanamh mar is fearr" is urr- 
ainn da; agus uime sin tha 'n fhuaim uamhasach a' pill- 
eadh g'a chluasaibh, Gal. iii. 10. " Is malluichte gach 
neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta 
ann an leabhar an lagha, chum an deanamh — 'Nuair a 
thraisg agus a ghuil sibh, a deir an Tighearna, an do 
thraisg sibh idir air mo shonsa, eadhon air mo shonsa'?' , 
An dean uisge salach eudach glan? An diol thu air son 
aon pheacadh le peacadh eile? Nach deachaidh bhur 
smuainte air seacharan 'na leithid so do dhleasnas ì Nach 
robh bhur n-aignidhean fuar ann an dleasnas eile ? Nach 
d' thug bhur cridhe sealladh stiìopachail air a leithid so 
do iodhol? Agus nach d' eirich e ann am braise do mhi- 
fhoighidin fuidh leithid so do thrioblaid ì " An gabh mise 
sin o 'r laimh 1 Mallaichte gu robh am mealltair a dh' 
ìobras ni truaillidh do 'n Tighearn," Mal. i. 13. Agus mar 
so tha e air teachd gu bhi co fada air a ghearradh dheth, 
as gu bheil e faicinn nach 'eil e comasach air agartasan an 
lagha choi-lionadh. 

San t-seachdamh àite, Uaith so, mar dhuine, briste, a ta 
faicinn nach urrainn dha fhiaclia uile iocadh, theid e mu 'n 
cuairt a chordadh ri fhear-feich : agus air dha bhi 'n tòir 
air fois agus sòlas, tha e deanamh na's urrainn dha a 
choi-lionadh an lagha ; agus anns na bheil e failneach, tha 
e 'g amharc gu 'n gabh Dia an toil an àit a' ghniomh ! Mar 
so a' deanamh a dhleasnais, agus air dha bhi toileach dean- 
amh ni 's fearr, tha e 'ga mhealladh fèin gu barail mu 
mhaitheas a staid, agus le so tha na nrìltean air an sgrios ! 
Ach gheibh na daoine taghta buille eile, a dh' fhuas- 
gaileas an greim anns a' chor so : tha teagasg ati lagha 
air a chur a stigh air an coguisean, a' taisbeanadh dhoibh gu 
bheil ùmhlachd choi-lionta acms fhoirfidh air iarraidh leis 



264 

fuidh phein a' mliallaclid ; agus gur e deanadas, agus nach 
e dùrachd maith a dheanamh, a ni gnothuch. Cha'n f hogh- 
ain dùrachd deanamh ni 's fearr, do iarrtuis an lagha ; agus 
air an aobhar sin tha 'm mallachd a' seirm a rìs, "Ismal- 
laichte gach neach nach buanaich " — chum an deanamh ! 
Is e sin; da rireadh an deanamh; is ann an diombanas 
air an aobhar sin a ta dùrachd. 

San ochdamh àite, Air dha bhi air a ghearradh as o 
dhochas cordadh ris an lagh, toisichidh e air iasachd : tha 
e faicinn nach dean gach ni a 's urrainn da dheanamh, gu 
ùmhlachd a thoirt do 'n lagh, agus uile iarrtuis gu bhi agus 
gu deanamh ni's f earr, anam a thearnadh ; uime sin tha e dol 
a dh' ionnsuidh Chriosd, a' ghuidhe gu dean fhìreantachd- 
san suas na tha dh' uireasbhuidh 'na fìreantachd fèin, agus 
gu'm folaich e gach uireasbhuidh a ta 'na dheanadais agus 
'na fhulangais, chum as mar sin gu 'n dean Dia, air son 
Chriosd, gabhail riu, agus air a sin gu 'm bi an rèite air a 
deanamh. Mar so a' deanamh na's urrainn dha a choi-lion- 
adh an lagha, agus ag amharc ri Criosd, gu uireasbhuidhean 
a dheanamh suas, tha e teachd mu dheireadh gu codal ann 
an craicionn slan ! 'S iomadh neach a ta air an sgrios air an 
dòigh so : B'e so mearachd nan Galatianach, mu 'm bheil 
Pòl 'na litir d' an ionnsuidh, a deasboireachd ; ach tha 
Spiorad Dhè a' briseadh a' pheacaich o 'n ghreim so mar 
an ceudna, leis an fhirinn mhor sin a thoirt a steach air 
a choguis, Gal. iii. 12. " Cha 'n 'eil an lagh o chreidimh ; 
ach, an duine a ni iad gheibh e beatha annta." Cha'n 
fheudar an lagh agus creidimh a choimeasga anns a' 
ghnothuch so ; 's èigin do'n pheacach greim a dheanamh 
air aon diubh, agus an aon eile leigeadh uaithe : tha slighe 
an lagha agus slighe a' chreidimh, co fad o cheile, is nach 
'eil e comasach do pheacach imeachd anns an aon, gun 
teachd (mach) o'n aon eile ; agus ma bhios e air son deanamh, 
is èigin da an t-iomlan a dheanamh 'na aonar : cha dean 
Criosd cuid air a shon, mur dean e an t-iomlan : trusgan 
a ta air a dheanamh suas do iomadh gnè fhireantachd, 
cha trusgan e a ta iomchuidh air son cuirt neimh. Mar 
so tha'n duine bha ann am bruadar, agus a shaoil gun robh 
e 'g itheadh, air a dhusgadh leis a' bhuille, agus feuch tha 
'anam f ann ; tha 'chridhe dol sios ann mar chloich, 'nuair 
tha e mothachadh nach urrainn e 'uallach a ghiùlan leis fèin 
's nach mo is urrainn dha comhnadh fhaotainn fuidhe ! 



265 

San naothadh àite, Ciod as urrainn neach a dheanamh, 
d' an eigin paigheadh, agus aig nach 'eil aan chuid urr- 
ad da chuid fèin as a bheir a mach à fhiachaibh e, mi mò is 
urrainn dha fhaotainn an iasachd, agus is nà leis an dèirc 
iarraidh ; ciod is urrainn a leithid sin do neach a dhean- 
amh a deiream, ach e fèin a reic, mar an duine fo 'n lagh 
a dh' fhas bochd? Lebh. xxv. 47. Uinie sin air do 'n 
pheacach a bhi air a bhualaclh o na greimannaibh sin uile, 
theid e mu'n cuirt a dheanamh cumhnanta ri Criosd, 
agus gu e fèin a reic ri Mac Dhè, (ma dh' fheudas mi 
labhairt mar sin) gu cinnteach a' gealltainn agus a' bòid- 
eachadh, gu bi e 'na sheirbhiseach do Chriosd, co fàd 
's as beò e, ma thearnas e 'anam ! Agus ann an so, 
gu tric, ni am peacach cumhnanta air a shon fèin ri 
Criosd, ga thoirt fèin thairis dha air na cumhacha sin : 
seadh, agus gabhaidh e an Sàcrameint a dheanamh a 
chumhnanta cinnteach. Le so is e curam mòr an duine, 
cionnus a bheir e ùmhlachd do Chriosd, a choimhideas 
a aitheanta, agus mar sin a chumhnant' a choi-lionadh : 
agus ann an so gheibh an t-anam sìth bhrèige mhi- 
fhallain car tamuill, gus an toir Spiorad an Tighearn 
buille eile, gus an duine ghearradh o'n dìdein bhrèige so 
mar an ceudna ; agus tha sin a' tachairt air an doigh so : 
'ISTuair a dh' fhaillnicheas e anns na dleasnais a gheall e, 
agus a thuiteas e rìs a' pheacadh an aghaidh an d' 
rinn e cumhnanta, tha sin gu cumhachdach air a chur 
dhachaidh gu 'choguis, gu bheil a chumhnant air a bhris- 
eadh. Mar sin tha uile chomhfhurtachdan ag dol air 
falbh, agus tha uamhasan as ùr a' glacadh 'anama, mar 
neach a bhris. cumhnanta ri Criosd ; agus gu coitchionn 
tha'n duine, chum e fèin a chuideachadh, ag ath-nuadh- 
achaclh a chumhnanta, ach tha e'ga bhriseadh a rìs mar a 
rinn e roimhe ! Agus cionnus a tha e comasach gu'm 
bitheadh e air dhòigh eile, a chionn gu bheil e fathast air 
an t-seann stoc 1 Mar so cha'n 'eil ann an obair mòran do 
dhaoine, fad an uile làithean a thaobh an anama, ach a 
deanamh agus a' briseadh an leithide sin do chumhnantan 
a rìs agus a rìs. 

Ceisd. Theagamh gun abair cuid, cò a ta beò, agus nach 
peacaich 1 ? Cò an neach nach tig goirid anns na clleas- 
na is a ta e cuairteachaclh 1 Ma tha thu tilgeadh an doigh so 
mar ni mi-fhallain, cò ma seadh an neach a dh' fheudas 



266 

a bhi air a thearnadh 1 ? Freag. Bithidh fior-chreidich 
air an tearnadh; eadhon, iadsan uile a ta tre chreidimh 
a' deanamh greim air coimhcheangal Dhè. Ach is e 'n 
seorsa coimhcheangail so, coimhcheangail dhaoine fèin, air 
a dhealbh o'n cridhe fèin : cha'n e coimhcheangal Dhè, a 
ta air fhoillseachadh ann an soisgeul a ghrais : agus cha'n 
'eil ni sam bith eile 'na dheanamh, ach a bhi deanamh 
coimhcheangal oibre ri Criosd, a ta cur an lagh agus an 
t-soisgeil troimh a cheile ; coimhcheangal ris nach cuir e a 
lamh sgrìobhaidh gu bràth, ged a shèulaicheadh sinne e le 
fuil ar cridhe, Eom. iv. 14, " Oir ma ta iadsan a bhuineas 
do'n lagh 'nan oighreachaibh, tha creidimh, air a dheanamh 
diomhain, agus an gealladh gun bhrìgh." Rann 16. 
"Uime sin is ann o chreidimh a ta 'n oighreachd, ionnus 
gu 'm biodh an gealladh tre ghràs : chum gu 'm biodh an 
gealladh daingean do'n t-sìol uile." Caib. xi. 6. "Agus, 
ma 's ann tre ghràs, cha'n ann o oibribh ni 's mò : no cha 
ghràs gràs ni 's mò : ach ma's ann o oibribh, cha'n ann o 
ghràs à sin suas ; no cha 'n obair à sin suas obair." Tha 
coimhcheangal Dhè siorruidh : aon uair ann, cha bhithear 
gu bràth a mach as a ris : agus tha 'thròcairè an 'nan', trò- 
cairean cinnteach, Isa. lv. 3. Ach tha'n coimhcheangal 
sin agaibhse 'na choimhcheangal neo-sheasmhach : cha 'n 
'eil e uair sam bith cinnteach, ach tha e air a bhriseadh 
gach là. Cha 'n 'eil ann ach a mhain coimhcheangal 
tràileil, a ta toirt seirbhis do Chriosd air son slainte : ach 
tha coimhcheangal Dhè 'na choimhcheangal-cloinne, anns 
am bheil am peacach a' gabhail Chriosd, agus à shlainte 
gu saor air an tairgse, agus mar sin a' fàs 'na mhac, Eoin 
i. 12. " Ach a mheud 'sa ghabh ris, thug e dhoibh cumh- 
achd a bhi 'nan cloinn do Dhia." Agus air dha bhi 'na 
mhac, tha e deanamh seirbhis d'a Athair, cha'n ann a chum 
gu 'm faigheadh e an oighreachd, ach a chionn gur leis i, 
tre Iosa Criosd. Faic Gal. iv. 24. agus na rannan a leanas. 
Is e bhi ceannach o Chriosd le h-airgiod, a bhi dol a steach 
sa' choimhcheangal mhealltach sin ; ach is e bhi deanamh 
greim air coimhcheangal De, a bhi ceannach uaithe gun 
airgiod agus gun luach, iv. 1. 'se sin ri radh, a bhi gaiarr- 
aidh mar dheirc uaithe. Ann sa' choimhcheangal sin, tha 
daoine 'g oibreachadh air son beatha ; ann an coimhcheang- 
al Dhè, tha iad a' teachd a dh' ionnsuidh Chriosd air son 
beatha, agus tha iad ag oibreachadh o bheatha. An uair 



267 

a ta neach a' fàillneachadh 'na dhleasnas fuidh 'n choimh- 
cheangal sin, dh' fhalbh gach ni ; is èigin do 'n choimh- 
cheangal a bhi air a dheanamh a rìs ! Ach fuidh choimh- 
cheangal Dhè ged fhàillnicheas neach 'na dhleasnas, agus 
ged a thuiteas an duine fuidh smachdachadh a' choimh- 
cheangail, agus ged a luigheas e fuidh chudthrom, gus 
an tig e as ùr a dh' ionnsuidh fola Chriosd air son 
maitheanais, agus gun ath-nuadhaich e aithreachas : gidh- 
eadh tha gach ni ris an d' earb e, air son beatha agus 
slàinte, eaclhon, fìreantachd Chriosd, a ghnàth a' seasamh 
slàn, agus tha'n coimhcheangail e 'mairsinn daingean, 
Rom. vii. 24, 25. agus viii. 1. A nis, ged chaitheas 
caid do dhaoine am beatha a' deanamh agus a' briseaclh 
an leithide sin do choimhcheangail d'an deanadas fèin; 
air bhi do uamhas am brisidh a' fàs ni's laige agus ni's laige, 
ceum air cheum, gus mu dheireadh nach 'eil iad fo 
mhi-shuaimhneas sam bith air an son : gidheadh tha'n 
duine, anns am bheil an deadh obair air a toirt air a h- 
aghaidh, gus am bi i air a coilionadh 'na ghearradh 
as o 'n t-seann stoc, a' mothachadh gu bheil na coimh- 
cheangail sin mar chùird ghrod, air am briseadh leis na 
h-uile tarruing; agus air do uamhasan Dhè a bhi teachd 
ath-clhubailte air a spiorad, agus na h-uisgeachan aig gach 
tionndadh a' dol a stigh 'na anam, is èigin da sgur o bhi 
glacadh greim d' an leithide sin do choimhcheangail, agus 
cabhair iarraidh air doigh eigin eile. 

San deicheamh àite, Uime sin tha'n duine teachd mu 
dheireadh a dh' ionnsuidh doruis Chrioscl a ghuidhe tròc- 
air : ach fathast is bochd uaibhreach e, a' seasamh air 
fhiùbhalachd fèin : oir, mar a ta eadar-mheadhonairean 
aig na Pàpanich gu tagar air an son, ris an aon Eadar- 
mheadhonair a mhain ; mar sin tha do ghnàth aig geug- 
an an t-seann stuic ni-eigin ri thaisbeanadh, a tha iad 
a' smuaineachadh a dh' fheudas am moladh do Chriosd, 
agus a thoirt air an cùis a ghabhail 'na làimh : cha 'n urr- 
ainn dhoibh smuaineachadh air teachd a dh' ionnsuidh na 
feille spioradail gun airgiod 'nan laimh. Tha iad cosmhuil 
ri claoine aig an robh aon uair oighreachd, ach a ta nis 
air an toirt gu fior airc, agus air an èigneachadh gu deirc 
iarraidh. 'JS T uair a ta iacl a' teachd a dh' iarraidh na deirc, 
tha iad fathasd a cuimhneachadh an staid san robh iad 
roimhe ; agus ged a chaill iad am maoin, gidheadli tha 



268 

iad fathast a' cumail d' an seann spiorad; air an aobhar 
sin, cha'n urrainn dhoibli a smuaineachadh gu'm bu 
chòir buntuinn riusan, mar fheumaich choitchionn, ach 
gu bheil iadsan a' toilltinn aire fa leth ; agus mar 'eil sin air 
a thabhairt doibh, tha'n spiorad ag èirigh 'na aghaidhsan 
o'm bheil iad ag iarraidh còmhnaidh. Mar so tha Dia 
a' tabhairt do'n pheacach neo-irioslaichte iomadh trocair 
choitchionn, agus cha'n eil e ga dhruideadh s stigh anns 
an t-slochd a reir a thoillteanais : ach tha so uile mar neo- 
ni 'na shuilean, is eigin ga bhi air a chur 'na shuidhe aig 
bòrd na cloinne : no mur bi, tha e meas gu'n do bhuin- 
eadh gu cruaidh ris, agus gu 'n d' rinneadh eucoir air; 
oir cha'n 'eil e fathast air a thabhairt co ìosal, as gu 
smuaineachadh, gu'm feud Dia bhi air fhìreanachadh 
'nuair tha e labhairt 'na aghaidh; agus saor o na h-uile 
eucoir, 'nuair a tha e toirt breith air, a rèir fhior-dhroch- 
thoillteanais, Salm li. 4. Tha e smuaineachadh gu'n robh 
e, eadhon mu'n robh e air a shoillseachadh, ni b' fhearr 
na moran eile ; tha e smuaineachadh air ath-leasachadh 
beatha, aithreachas, na cloilghios agus na deoir a chost a 
pheacaidh dha, 'iarrtuis dhurachdach an dèigh Chriosd 
urnuighean, agus ghleachd air son tròcair ; agus tha e 
gan gnàthachadh sin uile a nis, mar dhuais air son tròcair, 
a' cur cudthrom 'mòr orra, 'na theachd gu caithir nan 
gràs. Ach ann an so tha Spiorad an Tighearn a' tilgeadh 
fras shaighdean gu cridhe an duine, leis am bheil earbsa 
's na nithe sin air tuiteam agus air a sgrios ; agus ann an 
àite bhi smuaineachadh gu bheil e ni's fearr na mòran, 
tha e air a thoirt gu e fèin fhaicinn ni's miosa na neach 
sam bith. Tha gràineileachd ath-leasachaidh a chaithe- 
beatha air fhoillseachadh dha ; cha'n 'eil aithreachas 'na 
bheachd fèin ni 's fearr na bha aithreachas Iudais, a dheòir 
mar dheòir Esau, agus 'iarrtuis an dèigh Chriosd feineil 
agus suarrach, cosmhuil riusan a dh' iarr an dèigh Chriosd 
air son nam buillionna, Eoin vi. 26. Tha e nis a' meas gu 
bheil Dia ag radh, imich uam f heumaich uaibhrich ! 
Cionnus a chuìreas mi thu am measg na cloinne 1 Tha e 
meas gu bheil e ag amharc gruamach air, air son a dhi- 
meas air Iosa Criosd tre neo-chreidimh, peacadh do nach 
d' thug e ach beag aire roimhe. Ach a nis, air a' cheann 
mu dheireadh, tha e ga fhaicinn 'na dhath dearg; agus 
tha e air a throimh-lotadh gus a chridhe, mar le mile 



269 

saighead, am feaclh a ta e faicinn mar a bha e dol air 
aghaidh gu dall, a' peacachadh an aghaidh an leigheis 
air son peacaidh, agus, fad uile chursa a hheatha a' salt- 
airt fo chois air fuil Mhic Dhè ! Agus a nis tha e 'na 
shealladh fèin 'na chuspair truagh, toilteanach air diogh- 
altas an lagha, seadh, agus air dioghaltas an t-soisgeil mar 
an ceudna. 

San aon àite deug, Air do 'n cluine hhi an fhacl so air 
irioslachadh, cha tagair e ni 's mò "gur airidh e gu'n 
deanadh Criosd so dha ; " ach air an làimh eile, tha e ga 
• fhaicinn fèin neo-airidh air Criosd, neo-airidh air deadh- 
ghean Dè. Feudaidh sinn a choimeas anns a' chor so, 
rìs an òganach a lean Criosd, aig an robh an lìon-eudach 
air a chur m' a chorp lomnochcl ; neach an uair a rug na 
h-oganaich air, a dh' fhàg an lìon-eudach, agus a theich 
lomnochd uatha, Marc. xiv. 51, 52. Eadhon mar sin, 
bha'n duine a' leantuinn Chriosd, ann an èididh, tana fuar 
a dheadh-dheanaclais f èin ; ach leis an èididh, eadhon 
leis an èididh sin, anns an do chuir e urracl do earbsa, 
tha 'n lagh ga ghlacadh, ga dheanamh 'na phriosanach ; 
agus an sin bu mhaith leis fhàgail, agus teicheadh air falbh 
lomnochd : gidheadh cha 'n ann a chum Chriosd, ach 
uaithe. Ma dh' innseas tu nis dha, gu 'n toir Criosd fàilte 
dha, ma thig e d' a ionnsuidh ; tha e ullamh gu radh, an 
urrainn a leithid clo thruaghan gràineil 'sa tha mise ann, 
fàilte fhaotainn gu teachd a dh' ionnsuidh an Iosa naoimh 1 
Ma chuirear plasda r' a anam leònta, cha cheangail e ris : 
their e, " Imich uamsa, a Thighearn, oir is duine peac- 
ach mi," Luc. v. 8. Cha ruig duine sam bith a leas labh- 
airt ris mu aithreachas, a chum a chomhfhurtachd ; is 
urrainn dha gu h-ealamh a leithid do choireanna fhaicinn 
ann, as a ta ga dheanamh gràineil : no mu dheòir, oir tha 
e cinnteach nach d' thainig iad riamh gu buideal an Tigh- 
earna. Tha e ga dheasboireachd fèin air falbh o Chrioscl, 
agus a' smuaineachadh air dha a nis a leithid do dhìmeas 
a dheanamh air Criosd, agus air dha bhi 'na chreutair co 
mi-naomha graineil, agus nach urrainn dha, 's nach fheud 
e, is nach còir dha, teachd a chuni Chriosd : agus gur 
eigin da bhi aon chuid ann an cor a 's fearr, no cha 
chreid e gu bràth. Agus uaith so, tha e nis a' deanamh 
spairn làidir gus na nithe a bha mearachclach roimhe a 
leasachadh : tha e ag urnuigh ni 's durachdaiche na rinn 



270 

e riamh, a' deanamh bròin ni's geire, a' deanamh spairn 
ana ghaidh a' pheacaidh, ann an criclhe, agus beatha, ni 's 
beothaile, agus a' deanamh faire ni 's durachdaiche ; a 
dh' fheuchainn, ma dh' fheudas e air sheòl sam bith mu 
dheireadh a bhi iomchuidh air teachd gu Criosd. Shaoil- 
eadh neach gu bheil an duine a nis air irioslachadh gu 
leor ; ach, mo thruaighe ! tha uabhar diabhluidh a' luidhe 
gu diomhair fo 'n sgàil irioslachaidh so : cosmhuil ri geug 
dhàimheil an t-seann stuic, tha e fathast a' leantuinn ris ; 
agus cha striochd e do fhìreantachd Dhè, Rom. x. 3. 
Cha tig e dh' ionnsuidh fèill an t-saor-ghràis, gun airg- 
iod. Tha e air a chuireadh gu pòsadh Mhic an Righ, far 
am bheil am fear-nuadh-pòsda fèin ag uidheamachadh nan 
aoidhean le trusganaibh bainnse, a' tabhairt an trusgain 
fèin diubh; ach cha tig esan, a chionn nach 'eil trusg- 
an bainnse aige : gidheadh tha e gu dichiollach ag ullach- 
adh aon. Is obair chianallach so, agus uime sin is èigin 
da buille as doimhne fhaotainn fathast, no bithidh e air a 
sgrios. Tha 'm buille so air a thoirt da le tuadh an lagha, 
ann a chumhachd brosnùchaidh. Mar so air do 'n lagh an 
t-anam a chrioslachadh le cùird bàis, agus a bhi ga chum- 
ail le àitheantaibh cruaidh na h-ùmhlachd, fuidh phèin a' 
mhallachd ; agus air do Dhia 'na ghliocas naomh, a' ghràs 
bacaidh a tharruing air falbh; tha truaillidheachd air a 
brosnuchadh, tha ana-mianna a' fàs làidir, agus mar is mò 
a nithear stri 'nan aghaidh, 's ann is mò a ta iad ag àta suas, 
cosmhuil ri each fìaclhaich rìs an cuirear srian ! An sin 
togaidh truaillidheachdan nach fhac e riamh roimhe, suas 
an cinn ! Anns a' chor so, èiridh, gu tric Dia-aicheadh, 
Dia-thoibheum, agus ann an aon fhocal, eiridh nithe 
uamhasach mu thimchioll Dhè, smuainte uamhasach mu 
thimchioll chreidimh, suas 'na uchd : air chor as gu bheil 
a chridhe 'na ifrinn fein an taobh a stigh dheth. Mar 
so am feaclh a ta e sguabadh tighe a chridhe, nach 'eil 
fathast air uisgeachadh le gràs an t-soisgeil, tha na truail- 
lidheachdan sin a' luidh roimhe gu samhach ann an cearn- 
aibhe folaichte, ag itealaich sios agus suas ann mar dhus- 
lach. Tha e cosmhuil ri neach a ta càradh linne-uisge, 
agus an uair a tha e deanamh suas nam bearna innte, 
agus a' neartachadh na h-uile earrann dith, tha tuil chumli- 
achdach a' teachd a nuas, a' cur 'obair bun os ceann, agus 
a' sguabadh air falbh gach ni roimpe, eadhon an ni a 



271 

chuireadh ris as ùr co maith as na bha air a chur ris roimhe. 
Leugh Rom. vii. 8, 9, 10, 13. Is buille so, a ruigeas an 
cridhe ; agus leis a' bhuille so tha dhoclias air e fèin a 
dheanamh ni 's iomchuidh air teachd gu Criosd air a cur 
air chùl. 

San àite mu dheireadh, A nis tha 'n t-àm air teachd, 
anns am bheil an duine, eudar dochas agus eu-dochas,= a' 
cur roimhe dol a dh' ionnsuidh Chriosd mar a tha e ; agus 
uime sin, cosmhuil ri duine dol gu bàs a fa ga shìneadh 
fèin, direach mu 'n teid an anail a mach, tha e ag ath-chruin- 
neachadh na tha do neart a lathair san anam, a dh' fheuch- 
ain ri creidsinn, agus air dhoigh èigin a' deanamh greim 
air Iosa Criosd. Agus a nis tha gheug an crochadh ris 
an t-seann stoc, le aon snaithean caol do chreidimh nàd- 
urra, air a chumail suas le oidhirpean nàdurra, fo theinn 
ro chruaidh, Salm lxviii. 34, 35. "'Nuair a mharbh e iad,. 
an sin dh' iarr iad e, agus phill iad, agus bha iad gu moch 
ag iarraidh Dhè : Agus chuimhnich iad gu 'm b' e Dia an 
carraig, agus an Dia a's airde am fear-saoraidh." Hos. 
viii. 2. " Riunisa glaodhaidh iad, Dhia Israeil, is aithne 
dhuinn thu ! " Ach air do 'n Tighearna rùnachadh obair 
fein a dheanamh iomlan, tha e fathast a' tabhairt buille 
eile, leis am bheil a' gheug a' tuiteam dheth gu tur. Tha 
spiorad an Tighearn a' soilleireachadh gu mothachail do 'n 
pheacach, gu bheil e gu tur neo-chomasach air ni sam 
bith a dheanamh a ta maith; agus mar sin tha e basach- 
adh, Eom. vii. 9. Tha'n guth sin a' bualadh gu cumhachd- 
ach troimh anam, " Cionnus a dh' fheudas sibh creidsinn?" 
Eoin v. 44. " Cha mhò as urrainn dhuit creidsinn, na 's 
urrainn do d' làimh ruigheachd gu nèamh, agus Criosd 
thoirt a nuas à sin. Agus mar so tha e mu dheireadh a' 
faicinn, nach urrainn dha e fèin a chobhair aon chuid le 
oibreachadh, no le creidimh ; agus do bhrìgh nach 'eil ni 
tuilleadh aige gu crochadh ris, air an t-seann stoc, tha e 
uime sin a' tuiteam dheth. Agus am feadh a tha e mar 
so air a theannachadh, ga fhaicinn fèin an cunnart a bhi 
air a sguabadh air falbh le tuil feirge Dhè, agus gidheadh 
fathast neo-chomasach air urrad as lànih a shìneadh a 
mach a dheanamh greim air meangan do Chraoibh na 
beatha, a ta fàs air bruachaibh na h-aimhne ; tha e air a 
thogail suas, agus air a shuiclheachadh anns an fhior- 
Fhìonain, air do 'n Tighearn Iosa Criosd spiorad a' chreid- 
imh a thabhairt dha. 



272 

Leis na chaidh a ràdh air a' cheann so cha 'n e mo rùn 
cradh no teinn a chur air coguisean anmhimn ; oir ged 
nach 'eil an leithide sin ach tearc san là so, gidheadh 
nar leigeadh Dia gun tugainn oilbheum do neach do 
mhuinntir bheag Chriosd. Ach, mo thruaighe ! thuit 
cadal trom air a' ghinealach so ; cha bhi iad air an dusg- 
adh, ged rachamaid co fagus do 'n bheò 's as urrainn dhuinn : 
agus air an aobhar sin, tha eagal orm gu bheil seòl dusg" 
aidh eile a' feitheamh air a' ghinealach rag-mhuinealach 
so, a bheìr gaoir air cluasaibh na muinntir a chluinneas 
e ! Gidheadh, cha b' aill leam gu 'n smuainicheadh neach 
gur e so a mhain an aon rathad a ta aig ard-uachdran- 
achd Dhè air peacaich a ghearradh o 'n t-seann stoc ; ach so 
chumail a mach mar fhirinn chinntich, gu 'n robh na h- 
uile a ta ann an Criosd, air am briseadh air falbh o na 
dochasaibh fa leth sin ; agus gu bheil iadsan nach robh 
riamh air am briseadh uatha, fathast 'nan stoc nàdurra. 
Gidheadh ma tha 'n tigh air a leagadh sios, agus an t-seann 
steidh air a thabhairt air falbh ; is e 'n aon ni, co dhiubh a 
bha i air a toirt a nuas a lion clach is clach, no co dhiubh 
bha i air tolladh fuipe, agus gu'n do thuit an t-iomlan an 
aon àm. 

Is ann a nis, a ta gheug air a suidheachadh ann an Iosa 
Criosd. Agus mar bha 'n lagh, ann an làimh Spioraid 
Dhe, 'na mheadhon a ghearradh na geige o'n stoc naduir ; 
mar sin 's e 'n soisgeul an làimh an Spiorad cheudna, 
am meadhon a ta air a ghnathachadh a chum suidheachadh 
anns an stoc Spioradail, 1 Eoin i. 3. " An ni a chunnaic 
agus a chuala sinn, tha sinn a' cur an ceille duibhse, chum 
gu 'm bi agaibhse mar an ceudna comunn ruinne : agus gu 
firinneach tha ar comunn-ne ris an Athair, agus r'a Mhac 
Iosa Criosd." Faic Isa. xli. 1, 2, 3. 'Se 'n soisgeul an 
cord airgid a ta air a leigeadh a nuas o nèamh, a tharruing 
pheacach caillto gu tir : agus, ged is e searmonachadh an 
lagha a ta 'g ullachadh slighe an Tighearna, gidheadh is 
ann am focal an t-soisgeul a ta Criosd agus am peacach a' 
coinneachadh. A nis, mar anns an t-suidheachadh nàd- 
urra tha 'gheug, air dhith a bhi air, a glacadh, air a cur 
anns an stoc : agus air dhith a bhi air a cur ann, tha i 
gabhail rìs, agus mar sin tha iad co-cheangailte ; eadhon 
mar sin, anns an t-suidheachadh spioradail, tha Criosd a' 
deanamh greim air a' pheacach ; agus air do 'n pheacach a 



273 

bbi air a ghlacadh le Criosd, tha e deanamh greim dheth- 
san ; agus mar sin tha iad a' fàs 'nan aon, Phil. iii. 12. 

Air tùs, Tha Criosd a' deanamh greim air a' pheacach le 
a Spiorad, agus ga tharruing d'a ionnsuidh fèin, 1 Cor. xii. 
13. "'Qir trid aon Spioraid bhaisteadh sinn uile do aon 
chòrp." An ceart Spiorad a ta san Eadar-mheadhonair 
fèin, tha e a' co-pairteachadh ri a dhaoine taghta ann 
an àm iomchuidh ; gun dealachadh riu gu brath ; ach gu 
mairsinn annta, mor thobar beatha. Mar sin tha e gabh- 
ail greim dhiubh le a Spiorad fèin air a chur annta ; agus 
mar sin tha gheug sheargta a' faotainn beatha. Tha 'n t- 
anam a nis ann an laimh Tighearna na beatha, agus ghabh 
Spiorad na beatha sealbh air ; cionnus uime sin nach bi 
e beo 1 Tha 'n duine faotainn sealladh a tha sàsuchadh a 
chridhe le oirdheirceas Chriosd, ann an sgàthan an t-sois- 
geil ; tha e ga fhaicinn 'na Shlanuighear iomlan, freagar- 
ach agus toileach, agus tha e faotainn cridhe gu gabhail 
ris air son an uile, agus gach uile. Tha Spiorad a' chreid- 
imh a' toirt chasan da gu teachd a chum Chriosd, agus làmh- 
an gu gabhail ris. An ni nach b' urrainn da dheanamh 
a thaobh naduir ; tre ghras is urrainn da dheanamh ; 
air do 'n Spiorad naomh a bhi ag oibreachadh ann, obair a' 
chreidimh le cumhachd. 

San dara àite, Air do'n pheacach a bhi mar so air a 
ghlacadh, tha e deanamh greim air Criosd le creidimh, agus 
mar sin tha e gabhail ris an stoc bheannaichte, Eph. iii. 
17. " Ionnus gu'n gabh Criosd comhnuidh ann bur cridhe 
tre chreidimh." An t-anam a dh'fheuch roimhe iomadh 
rathad gu dol as, ach gu leir an diomhain, tha e nis ag 
amharc a rìs le suil a' chreidimh ; a ta dearbhadh bhi 'na 
shealladh slainteil. Mar a bha slat Aaroin, a bhi air a 
cur anns a' phàilliun, a' briseadh a niach agus a' teachd 
fo bhlàth, (Air. xvii. 8.) mar sin tha gheug mharbh, 
air a glacadh le Tighearna na beatha, air a cur ann, agus 
air a ceangal suas leis an stoc ath-bheothachaidh ghlor- 
mhoir, le Spiorad na beatha, a' briseadh a mach fo bhlath 
ann am beo-chreidimh air Iosa Criosd, leis am bheil an 
t-aonadh air a dheanamh iomlan. Air dhuinn an Spiorad 
creidimh sin fèin a bhi againn — tha sinn a' creidsinn, 2 Cor. 
iv. 13. Mar so tha 'n stoc agus a' gheug air an deanamh 
'nan aon, tha Criosd agus an creideach posda ; air do 
chreidimh a bhi 'na aonta an anama do 'n choimhcheangal- 



274 

phosaidli spioradail, ni a ta, mar a tha e air a thairgse 
anns an t-soisgenl do pheacaich a' chinne-daoine gu fars- 
uinn, mar sin tha e air a làn-dhearbhadh, air a sheulach- 
adh, agus air a thabhairt dhachaidh dh'ionnsuidh an 
duine mar neach fa leth, leis an Spiorad Naomh: agus 
mar sin air dhasan a bhi air aonadh ris an Tighearna, tha 
e 'na aon spiorad ris. Leis a so tha 'n creideach beo 
ann an Criosd, agus air son Chriosd, agus tha Criosd beo 
anns a' chreideach agus air a shon, Gal. ii. 20. " Tha 
mi air mo cheusadh maille ri Criosd ! Gidheadh a ti mi 
beo, ach, cha mhise, ach Criosd a ta beo annam." Hos. 
iii. 3. "M mò bhios tu aig fear eile, mar sin bithidh mise 
mar an ceudna agadsa." Is iad uime sin ceanglaichean an 
aonaidh bheannaichte so, an Spiorad air taobh Chriosd, 
agus creidimh air taobh a' chreidich. 

A nis tha araon anama agus cuirp nan creideach air an 
ceangal ri Criosd : "Ach an ti a tha ceangailte ris an 
Tighearn, is aon spiorad ris e," 1 Cor. vi. 17. Tha'n on- 
oir^so eadhon aig cuirp nan creideach, gur iad teamp- 
uill an Spioraid Naoimh, iad rann 19. Agus buill Chriosd, 
rann 15. 'Nuair tha iad a' codal san duslach, tha iad 
a' codal ann an Iosa, ] Tes. iv. 14. Agus is ann do 
thaobh an aonaidh so, a bhios iad a rìs air an togail o'n 
duslach. Eom. viii. 11. " Beothaichidh e mar an ceudna 
bhur cuirp bhàsmhor-sa, tre a Spioradsan a ta chòmhnuidh 
annaibh." Mar chomhara air a' cheangal dhìomhair so, tha 
eaglais nan creideach air a gairm le ainm a Cinn agus a 
Fir-phòsda, 1 Cor, xii. 12. "Oir mar is aon an corp, agus 
moran do bhuill aige, — mar sin a ta Criosd." 

Feum. na chaidh a ràdh, feudaidh sin na nithe a lean- 
as a tharruing. 

1. Tha searmonachadh on lagha ro-fheumail. Is eigin 
dasan a shuidhicheas, feum a dheanamh do'n sgian sgath- 
aidh. Tha iomadh leithsgeul aig peacaich g'an cumail o 
Chriosd; iomadh ni leis am bheil iad a' cumail an greim 
do 'n stoc nàdurra : air an aobhar sin, tha feum aca bhi air 
an dian-ruagadh, agus air an sealg a mach o'n tuill folaich 
agus o'n dideinne brèige. Gidheadh, is e 'n soisgeul 
a chrùnas an obair, cha dean an lagh ni sam bith foirfe. 
Tha'n lagh a' fosgladh an lot ach is e'n soisgeul a leighis- 
eas. Tha'n lagh a' rusgadh duine, 'ga leon, agus 'ga fhàg- 
ail leth-marbh : Tha'n soisgeul a' ceangal suas a lotan, a' 



275 

taomadh a stigh fìon agus ola, gu 'n leigheas. Leis an lagh, 
tha sinn air ar briseadh clheth ; ach is ann leis an t-soisg- 
eul a tha sinn air ar togail suas agus air ar suiclheachadh 
ann an Criosd. 

2. " Mur 'eil Spiorad Chriosd aig neach, cha bhuin e 
dha," Eom. viii. 9. Tha iomradh againn air Uaibheist 
am measg nan creutairean, aig an robh dà chorp, le dà 
sheorsa beatha, mar a bha soilleir o ghnèibh a bha 'n agh- 
aidh a cheile, aig an aon àm ; ach bha iad co ceangailte ri 
cheile as gu d'fhoghainn na h-aon chosan doibh ; eaclhon 
mar sin, ciod sam bith mar tha daoine a' ceangal ri Criosd, 
g'an ainmeachadh fèin air a' bhaile naomh, agus g'an taice 
ri Dia Israeil, Isa. xlviii. 2. agus feudaidh iad a bhi air 
an ceangal a suas mar gheuga annsan, (Eoin xv. 2.) le 
ceanglaichean nan sàcramaintean o 'n taobh a mach ; gidh- 
eadh, mur 'eil an Spiorad a tha gabhail comhnuidh ann 
an Criosd, a' gabhail comhnuidh annta-san cha 'n aon 
ris iad. Tha eadar-clhealachadh mor eadar ceangal agus 
suidheachadh. Ceangiaidh agus toinnidh an eighionn i 
fein mu 'n darach, ach cha'n aon ris i, oir tha i a' fàs air a 
freumh fèin : mar sin, a reir Isa. iv. 1. tha mòran do 
luchd-aidmheil a' glacadh greim do Chriosd, agus ag ith- 
eadh an arain fèin, agus a' caitheadh an eudaich fèin, a 
mhain air an ainmeachadh air-san; tha iad gan taiceadh 
f èin ris-san, ach tha iad a' f às air am freumh f èin : tha iad 
a' gabhail ris a chumail suas an dochais ach tha 'n tlachd 
ann an nithibh eile. 

3. Tha 'n ceangal eaclar Criosd agus a bhuill dhiomhair, 
daingean agus neo-sgaoiiteach. 'Nam b'e 's gu 'm b'e an 
creideach a mhain a ghabh greim do Chriosd, ach nach do 
ghabh Criosd greim dheth-san ; cha b'urrainn sinn ach 
ro bheag a ghealltuinn air seasmhachd a leithid do cheang- 
al ; dh'fheudaclh e gu h-ealamh a bhi air a sgaoileadh : ach, 
mar a tha'n creicleach a' deanamh greim air Criosd le creid- 
imh, mar sin tha Criosd a' deanamh greim air a' chreideach 
le a Spiorad, agus cha spion neach air bith as a làimh e. 
Nan deanadh an leanabh a mhàin greim air a' bhan-altrum, 
dh'flieudadh e mu dheireadh sgìtheachadh, agus a ghreim 
a leigeadh as, agus mar sin tuiteam ; ach ma tha a gaircl- 
eine mu thimchioll an leinibh, cha'n 'eil e 'n cunnart tuiteam 
air falbh, eadhon ged nach 'eil i cumail greim fa letli dheth : 
mar sin ciod air bith claonadh peacadh a dh'fheudas tach 



276 

airt ann an cleachdamh a' chreidimh, gidheadh tha 'n ceangal 
a' mairsinn ciimteach, a chionn gu bheil an Spiorad a ghnàth 
a chomhnuidh san taobh a stigh. Iosa bheannaichte ! 
"Tha naoimh uile a' d' làimh," Deut. xxxiii. 3. Thugadh 
fa'near le cuid, gur e an aon ni, am focal Abba co dhiubh 
a leughas tu air ais no air aghaidh e ; ciod air bith cor a' 
chreidich, tlia 'n Tighearna dhasan 'na Abba, Athair. 

San àite mu dheireadh, Cha 'n 'eil ach greim neo-chinn 
teachd do Chriosd acasan, air nach d' rinn esan greim, le a 
Spiorad; tha mòran do leth-phòsaidhean ann an so, far 
am bheil an t-anam a' deanamh greim air Criosd, ach air 
nach do ghabhadh greim leis-san : Uaith so, tha mòran a' 
tuiteam air falbh, agus nach 'eil ag eirigh gu bràth tuille ; 
tha iad a' leigeadh as an greim do Chriosd, agus 'nuair a 
tha sin air falbh, dh'falbh na h-uile ni ! 'S iad sin na 
geuga sin ann an Criosd, nach 'eil a' giulan toraidh, a ta 'n 
tuathanach a' tabhairt air falbh, Eoin xv. 2. 

Ceisd. Cionnus a dh'fheudas sin a bhi? Freag. Tha 
na geuga sin air an cur anns an stoc le aidmheil, no le 
creidimh cealgach neo-f hallain ; tha iad air an ceangal 
suas ris ann an gnàthachadh nan sacrameinte o 'n taobh a 
mach : ach cha robh iadsan agus an stoc riamh dluth- 
cheangailte r'a cheile, uime sin cha 'n urrainn dhoibh toradh 
a ghiulan ; agus cha ruigear a leis an gearradh, no am 
briseadh dheth, tha iad leis an treabhaiche a mhàin air an 
tabhairt air falbh, no, mar a tha 'm foca] a' ciallachadh sa' 
cheud chainnt, air an togail suas, agus mar sin air an toirt 
air falbh, a chionn nach 'eil ni sam bith leis am bheil iad air 
an cumail : tha iad gun amharus air an ceangal suas ris an 
stoc, ach cha robh iad riamh, air an aonadh ris. 

Ceisd. Cionnus a bhios fios agam mu rinneadh greim orm 
le Criosd ? Freag. Feudaidh tu dearbhachd a bhi agad air 
so, ma bheir thu fa'near, agus ma chàireas tu an dà ni so 
a leanas riut fèin. 

Air tùs, 'Nuair a ta Criosd a' deanamh greim air duine 
le 'Spiorad, tha e air a tharruing, air chor as gu bheil e 
teachcl a dh'ionnsuidh Chriosd le uile chridhe ; oir is e fior 
chreidimh a bhi creidsinn leis an uile chridhe. Gnìomh. 
viii. 37. Tha luchd leanmhuinn ar Tighearna cosmhuil riu- 
san a lean Saul air tùs, "Daoine ris an do bhean Dia r'an 
cridhe," 1 Sam. x. 26. 'Nuair a tha 'n Spiorad a' dòrtadh 
a steach gràs buadhachaidh, tha iaclsan a' dòrtadh a mach 



277 

an cridhcachan mar uisge, 'na làthair-san, Salm lxii. 8. Tha 
iad a' sruthadh d' a ionnsuidh, mar shruth aimhne, Isa. ii. 2 
" Sruthaidh na h-uile chinnich d'a ionnsuidh ; " eadhon, gu 
"sliabh tighe an Tighearna." Tha e ciallachadh cha'n e 
mhàin am mòr-phailteas do mhuinntir a ta air an iompach- 
adh, ach gnè an anama, ann an teachd gu Criosd; tha iad 
a' teachd gu cridheil agus gu saor, mar air an tarruing le 
caoimhneas gràidh, Ier. xxxi. 3. "Bithiclh do shluagh ro- 
thoileach ann an la do chumhachd," 'se sin, saor, ullamh, le 
cridhe fosgailte, 'gan toirt fèin duit mar shaor-thabhartais. 
'Nuair a tha cridhe bean na bainnse aig fear na bainnse, 
is pòsadh ceart e ; ach tha cuid a ta tabhairt an làimhe do 
Chriosd, nach 'eil a' tabhairt an cridhe dha. Iadsan nach 
'eil ach a mhàin air an ruagadh a dh' ionnsuidh Chriosd 
le h-eagail, fàgadh iad a rìs gu cinnteach e, 'nuair a dh' 
fhalbhas na h-eagail sin. Feudaidh eagal, cridhe cloiche 
a bhriseadh, ach tha na mioran gus am bheil e air a bhris- 
eadh, a' mairsinn do ghnàth 'na chloich : cha'n urrainn do 
na h-eagail a thaiseachadh gu cridhe feola ; gidhedh 
feudaidh eagal a bhi an ceud-thoiseach na h-oibre a, 
chrìmar le gràdh. Feudaidh a' ghaoth laidir, a' chrath, 
thalmhainn, agus an teine, dol air thoiseach ; an guth ciùin 
caol, anns am bheil an Tighearna, teachd 'nan dèigh. 
'Nuair a ta 'n t-Iosa beannaichte ag iarraidh pheacach gu 
còrdadh ris, tha iad dàn agus ceannairceach, cha labhair 
iad ris, gus an lot e iad gus an dean e 'nam braighdean 
iad, agus gus an ceangail e iad le cuird bàis. 'JSTuair a tha 
so deanta is ann an sin, a tha e tairgse a ghraidh dhoibh, 
agus a' cosnadh an cridheachan. Tha'n Tighearn ag inn- 
seadh dhuinn, Hos. ii. 16 — 20. gu 'm bi Israel thaghta 
air am pòsadh ris fèin. Ach cionnus a choisnear aonta 
bean na bainnse ì Eadhon mar so, anns a' cheud àite, 
bheir e do'n fhàsach i, mar a rinn e air na h-Isiaelich, 
'nuair a thug e mach as an Eiphit iad, rann 14. Ann an 
sin buinnear gu cruaidh rithe, bithidh i air a tiormachadh 
le tart, agus air a lotadh le nathraichean : agus an sin 
labhraidh e briathra solasach rithe, so mar a tha'm focal 
a' ciallachadh labhraidh e ri a cridhe. Tha'rn peacach 
air tùs air a ruagadh agus an deigh sin air a tharruing 
gu Crioscl. Tha cor an anama an sin mar a bha columan 
Noah : bha e air eigneachadh air ais a ris do 'n airc, a 
chionn nach d' fhuair e ionad sam bith eile sam faigh- 



278 

eadh e f ois : acli, an uair a phill e, ghabliadli e foisaira 
taobh a mach, mur cuireadh jSToah niach a làmh, agus mur 
tarruingeadh e stigh e, Gen. viii. 9. Cuiridh an Tighearna 
fear-diolaidh na fola an tòir air a' chiontach; agus fàgaidh 
esan, le cridhe bronach, a bhaile fèin, agus le deòir air a 
shuilibh dealaichidh e r' a sheann luchd-eolais, a chionn nach 
'eil a chridhe aige fantuinn maille riu : agus tha e teich- 
eadh air son a bheatha gus a' bhaile dhìdein so. Cha'n e 
so idir a roghainn, is obair eigin e ; cha gheill èigin do 
lagh. Ach, an uair a tha e teachd a dh' ionnsuidh nan 
geatachan, agus a tha e faicinn maise an àite sin, tha'n oir- 
dheirceas agus an t-ard-aoibhneas a ta ann co taitneach dha, 
as gu bheil e a' dol a sbigh le uile chridhe agus le deadh- 
thoil, ag radh, " Is i so mo shuaimhneas, an so gabhaidh 
mi comhnuidh ; " agus mur a thabhairt neach ann an cor 
eile, " Gheibhinn bàs mur faighinn bàs !" 

San dara àite, 'Nuair a tha Criosd a' glacadh anama, 
tha 'n cridhe air fhuasgladh o 'n pheacadh, agus air tionn- 
dadh 'na aghaidh. Mar ann an gearradh na gèige o'n t- 
seann stoc, tha fèin, an iodhol, mhòr sin, air a toirt a nuas, 
tha'n duine air a theagasg gu cumhachdach e fèin aich- 
eadh ; mar sin, ann an greim a dheanamh air a' pheacach 
le Spiorad Chriosd, tha 'n ceangal sin air fhuasgiadh, a 
bha eadar an duine agus 'ana-mianna, am feadh a bha 
e san fheoil, mar tha 'n t-abstol ga chur an cèill, Eom. 
viii. 15. Tha chridhe air fhuasgiadh uatha ged bha iad 
roimhe co ionmhuinn leis as a bha buill a' chuirp, mar 
shuilibh, mar chosaibh, no mar ghairdeinibh ; agus an àite 
dha bhi gabhail tlachd annta, mar a rinn e aon uair, tha 
fadal air gus am bi e saor uatha. 'Nuair a tha'n Tighearn 
Iosa teachd a dh' ionnsuidh anama, ann an la gràis an 
iompachaidh, tha e ga fhaotainn cosmhuil ri Ierusalem ann 
an la a breith, (Esec. xv, 4.) le iomlaig gun ghearradh, a 
tarruing a bheathachaidh ghràineil agus a thoil-inntinn o 
ana-miannaibh ; ach, tha e gearradh a mach a' chomuinn 
so, chum gu 'n socraicli e'n t-anam air ciochaibh a shòlais 
fèin, agus gu 'n toir e dha fois ann fèin. Agus mar so tha'n 
Tighearn a' lot cinn agus cridhe a' pheacaidh, agus thig an 
t-anam d'a ionnsuidh, ag ràdh, "Gu deimhin shealbhaich 
ar n-aithriche ni gun bhrìgh ; diomhanas, agus nithe gun 
tairbhe." Ier. xvi. 19. 



279 

MU NA SOCHAIREAN A TA SRUTHADH DO CHREIDICH, 
O AN AONADH RI CRIOSD. 

V. Agus, San àite mu dheireadh, Tha mi air teachd gu 
labliairt mu na sochairean a ta sruthadh do chreidich 
o an aonadh ri Criosd. Is iad na sochairean àraidh a ta 
aig creidich o an aonadh so, fìreanachadh, sìth, uchd- 
mhacachd, naomhachadh, fàs ann an gràs, tearbhachd ann 
an deadh oibre, na deadh oibre sin air an deanamh tait- 
neach, daingneachadh ann an staid gràis, cònihnadh agus 
stiùradh àraidh freasdail m' an timchioll. Do thaobh co- 
chomunn ri Criosd, air dha bhi air ball a co-leanmhuinn 
aonadh ris ; is sochair e, a ta gabhail air ball a steach 
chaich uile. Oir amhairc, mar tha gheug, air ball air dhi 
bhi air a ceangal ris an stoc, ann an co-chomunn ris an 
stoc, anns gach ni a ta ann : mar sin air do'n chreideach a 
bhi air a cho-cheangal ri Criosd, tha co-chomunn aige 
ris : anns am bheil e dol a mach gu cuan do shonas, 
air a threorachadh gu Pàras do thoilinntinne, agus còir 
shlàinteil aig anns an ionmhas a ta folaichte ann an raon 
an t-soisgeil, eadhon saoibhreas do-rannsaichte Chriosd. 
Co luath 'sa tha'n creideach air a cho-cheangal ri Criosd, 
is leis Criosd fèin, anns am bheil gach iomlaineachd a' 
gabhail comhnuidh, Dàn Shol. ii. 16. "Is leamsa mo 
ghràdh, agus is leis-san mise !" Agus, " Cionnus maille ris- 
san nach tabhair e mar an ceudna clhuinn gu saor na h-uile 
nithe 1 ?" Eom. viii. 32. "Ma 'se Pòl, no Apollos, no Ce- 
phas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithe a ta lathair, 
no nithe a ta ri teachd ; is leibhse iacl uile," 1 Cor. iii. 22. 
Is e an co-chomunn so ri Criosd am beannachd mòr agus 
farsuinn, a ta sruthadh o ar n-aonadh ris. Thugamaid a nis 
fa'near na sochairean àraid a ta sruthadh uaithe, mar a chaidh 
ainmeachadh roimhe. 

Is e cheud shochair a th' aig a' pheacach le aonadh ri 
Criosd, fireanachadh : Oir, air dha bhi air aonadh ri Criosd, 
tha co-chomunn aige ris 'na fhìreantachd, 1 Cor. i. 30. " Ach 
uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd, neach a rinneadh 
dhuinne le Dia 'na ghliocas agus 'na fhìreantachd." Cha 'n 
'eil e ni 's faide air a dhìteadh, ach air fhìreanachadh an là- 
thair Dhè, air dha bhi ann an Criosd, Rom. viii. 1. "Air 
an aobhar sin cha 'n 'eil dìteadh sam bith do 'n dream sin a 
tha ann an Iosa Criosd." Is iad meòir na sochair so, 
maitheanas peacaidh, agus gabhail r' am pearsa. 



280 

1. Tha pheacaidhean air am maitbeadh, an cionta air 
a thoirt air falbh : tha'n làmh-sgrìobhaidh a bha ga cheang- 
al gus na fèich a phaigheadh, air a dubhadh a mach ; tha 
Dia an t-Athair a' glacadh a phinn, 'ga thumadh ann am 
fuil a Mhic, a' dubhadh a mach fiachan a' pheacaich, agus 
gan cur gu h-iomlan a mach à leabhar nam fiach. Tha 'ni 
peacach a ta mach à Criosd, air a cheangal thairie do 
fheirg Dhè; tha e fuidh cheangal do'n lagh, gu dol do 
phriosan ifrinn, agus gu luidhe an sin gus an ioc e an 
fheoirling dheireanach ! Tha so ag eirigh o 'n phèin 
uamhasach leis am bheil an lagh air adhaingneachadli 
eadhon le ni nach lugha na bàs ! Gen. ii. 17. Air ehor 
as gu bheil am peacach, air dha dol thar na crìochaibh a 
chomharraicheadh dha, mar a bha Simei, ann an cor eile, 
'na dhuine bàis, 1 Bigh ii. 42. Ach a nis, air dha bhi air 
aonadh ri Criosd, tha Dia ag radh, " Saor e o dhol sios 
do 'n t-slòchd fhuair nii èiric," Iob xxxiii. 24. Tha 
binn an ditidh air a h-atharrachadh, tha 'n creideach air 
fhuasgladh, agus air a chur far nach ruig diteadh an lagha 
air : a pheacanna, a bha aon uair "air an cur am fiaijuix 
an Tighearna," Salm xc. 8. air chor as nach b' urrainn 
dhoibh a bhi air am folach, tha Dia a nis gan gabhail agus 
gan tilgeadh gu h-iomlan air a chulaobh, Isa. xxxviii. 17. 
seadh, tilgidh e iad ann an doimhneachdan na fairge. Mic. 
vii. 19. An ni a thuiteas ann an smthan, feudar fhaotainn a 
ris; ach an ni a thilgear anns an fhairge, cha 'n fheudar 
fhaotainn air ais. Tha sin fior, ach tha cuid do àitibh 
eu-domhain anns an fhairge : 'S fior gu bheil, ach cha 'n 
'eil an euceartan-san air an tilgeadh an sin, ach aun an 
doimhne na fairge : agus tha doimhneachdan na fairge 'nan 
doimhneachda slugaidh, o nacli tig iad a mach gu bràth 
a ris ! Ach ciod mar tuit iad sios dha'n iochdar ì Tilgidh 
e steach iad le neart, air chor as gu teid iad do 'n doimhne, 
's gun teid iad fodha mar luaidh ann an uiegeachaibh 
cumhachdach fola an FJiir-shaoraidh ! Cha'n e mhain gu 
}>]jeil iad air am maitheadh, ach tha iad air an di-cljuimli- 
neacliadlj, \cr. xxxi. 34. u Maithidh mise an aingidljcaclid, 
agus cha cliuimhnich mi ni 's mò an cionta." Agus geà 
tlja'iu peaeanna o tlia iad a' cur an gniomh an dcigh sin, 
annta f'ein, a' toiiltinn fcirg siorruidh, agus ged tha iad 
da rireadh gam fògail buailteaclj do bhuiHean aimsii'oil agu« 
do suiachdachadh athaireil, a reir modh cho cheangail nan 



281 

gràs, Salm lxxxix. 30 — 33. Gidheadh cha'n urrainn dhoibh 
gu bràth a bhi buailteach do fheirg shiorruidh, no do 
mhallachd an lagha; oir tha iad marbh do 'n lagh ann an 
Criosd, Roni. vii. 5. Agns cha 'n urrainn dhoibh gu bràth 
tuiteam o 'n aonadh ri Criosd ; 's cha mhò as urrainn dhoibh 
a bhi ann an Criosd, agus a bhi fathast fuidh dhìteadh 
Rom. viii. 1. "Airan aobhar sin cha 'n 'eil a nis diteadh 
sam bith do 'n dream sin, a tha ann an Iosa Criosd." Is nri 
so a ta aif a tharruing o na labhair an t-Àbstol mu thim- 
chioll a' chreidich a bhi marbh do 'n lagh, Caib. vii. 1 — 6. 
Mar tha soilleir o 'n 2, 3, agus -i, rann do 'n viii. Caibideil 
so. Agus, a thaobh so, is e 'n duine iìrinniehte "an duine 
beannaichte, nach cuir an Tighearn euceart as a leth," 
Salm xxxii. 2. Mar neach aig nach 'eil run fiach agradh 
air neach eile, cah chuir e sios 'na leabhar-cunntais e. 

San dara àite t Tlia 'n creideach air a ghabhail mar fhlrein 
ann am fianuis Dhè, 2 Cor, v. 21. Oir tha e air "fhaot- 
aiim annsan gun fhìreantachd tein aige, a ta o 'n lagh, 
ach an fhireantachd a ta tre chreidimh, M PhiL iii. 9. Cha 
b' urrainn dha gu bràth a bhi aÌT a ghabhail ris le Dia 
mar fhirein, air son fhireantachd fèin ; do bhrìgh, nach 'eil 
i air a chuid as fearr ach neo-iomlan ; agus tha na h-uile 
fireantachd ris an abrar fireantachd a sheasas an deuch- 
niii aig righ-chaithir Dhè, Lomlan. Tha ceart nadur na 
lireantachd so a' ciallachadh iomlaineachd ; oii mtìr bi obair 
gu li-ioinlaii freagarrach do 'n lagh, cha 'n 'eil i ceart, ach 
mearachdach ; agus mar sin cha 'n urrainn dhi dhuine fhir- 
eanachadh am fianuis Dhè^ aig am bheil a bhreitheanas a 
ceir liriini. Gidheadh ma dh' agras ceartas fireantachd o 
neach a ta ann an Criosd, leis an gabhar ris mar fhirean am 
fianuis an Tighearna ; gu cinnteach a deir a leithid sin do 
neach anns an Tighearn ta agam fireantachd, Esa. xlv. 24. 
Tha 'n lagh air a choimhlionadh, thugadh umhlachd d'a aith- 
eantaibh, thugadh làn-riarachadh d'a ughdarraa Dh' loc 
Fear-urrais a' chreidich na fiacha: Dh' iarraidh e, agus 
fhreagair esan air a Bhon. 

M.ir bo tha 'u neach a ta air aonadh ri Criosd, aii fliir- 
eanachadh. ETeudaidh sibh beachd a ghabhai] air an iom- 
Lan deth air an doigh so ; tha Eear-dìolaidh na fola a' ruag- 
adh a' chiòntaich, tha Criosd, mar Shlànuighear pheacach 
chaillte, 1«' a Spiorad, a' glacadh greim deth, agus ga tharr- 
aing d'a ionnsuidh fèin ; agus tha esan Le creidìmh, a 



282 

deanamh greim air Criosd ; Mar sin tlia 'n Tighearn ra 
fireantachd, agus an creutair neo-fhireanach ag aonadh 
ri cheile. 'n aonadh so ri Criosd, tha sruthaclh co-chom- 
unn air, 'na shaoibhreas do-rannsuichte ; agus a rèir sin, 
; na fhireantachd an trusgan geal sin, a th' aige chum an 
lomnochduidh a chòmhdachadh, Taisb iii. 18. Mar so is 
leis fìreantachd Chriosd ; agus a chionn gur leis le còir 
dhligheach i, tha i air a meas dha ; tha i air a meas mar 
a chuid-san ann am breitheanas Dhè, a tha do ghnàth a reir 
firinn. Agus mar so air do 'n pheacach chreideach fireant- 
achd a bhi aige a làn fhreagras uil' iarrtuis an lagha, tha 
pheacaidh air am maitheadh, agus "gabhadh ris mar 
fhirean." Faic Isa xlv. 22, 24, 25. Rom. iii. 24. agus 
Caib. v. 1. A nis is duine saor e; cò chuireas coire sam 
bith a leth na muinntir sin a tha Dia a' fìreanachadh ? An 
urrainn, ceartas ni sam bith a churas an leth 1 Cha 'n 
urrainn, oir tha e riaraichte. An urrainn an lagh ; Cha 'n 
urrainn, oir fhuair e gach ni bha e ag iarraidh uathasan 
ann an Iosa Criosd, Gal. ii. 20. " Tha mi air mo cheusadh 
maille ri Criosd." Ciod is urrainn an lagh iarraidh tuilleadh, 
an dèigh dha an ceann a lot ; fearg a dhortadh a steach, 
ann an làn-thomhas, d' an anani ; agus am beatha ghearr- 
adh as, agus a thabhairt gu h-ùir a' bhàis; anns gu 'n d' 
rinn e so uile do Iosa Criosd, neach as e an Ceann, Eph. i. 
22. an Anam, Gniomh. ii. 25, 27, agus am Beatha? Col. 
iii. 4. Ciod a thainig ri làmh-sgriobhaidh a' pheacaich fèin, 
ni a dhearbhadh ni fìacha 'na aghaidh-san ì Dhubh Criosd 
a mach i, Col. ii. 14. Ach, theagamh, gu'm faigli ceartas 
a suil air a rìs : cha 'n fhaigh, thug e as an t-slighe i. Ach 
nach robh i air a reubadh 'na bloighdibh ! feudaidh am 
peacach a ràdh : seadh, tha i mar sin : tha na tairngean a 
lot làmhan agus cosan Chriosd, air am bualadh troimhe, 
tha iad air an sparradh. Ach ciod ma 's e 's gum cuirear 
na miora briste r'a cheile ris ? Cha 'n fheud sin a bhi, oir 
sparr e ri a chrann-ceusaidhsan i; agus bha chrann-ceus- 
aidh air adhlacadh maille ris fèin, ach cha 'n èirich e ris gu 
bràth, a chionn nàch bàsaich Criosd ni's mò. C' ait am 
bheil an còmhdach-aghaidh, a bha air an duine dhìte 1 
Sgrios Criosd e, Isa. xxv. 7. C' ait am bheil bàs, a sheas fa 
chomhair a' pheacaich le aghaidh uamhasach, agus le beul 
fosgailte, ullamh gu a sgrios 1 ? Shluig Chriosd suas e le 
buaidh ! rann 8. Glòir, glòir, glòir dhasan a ghràdhaich mar 



283 

so sinn, agus a dh' ionnlaid sinn o ar peacaibh 'n fhuil fèm ! 
Si an dara sochair a ta sruthadh o'n tobar cheudna, eadh- 
on, o aonadh ri Criosd, agus a ta teachd tre fhireanach- 
aidh, Sith ; sìth ri Dia, agus sìth coguis, a reir tomliais 
a' mhothachaidh a th' aig an dream a ta air am fìreanach- 
adh, air an sìth ri Dia, Eom. v. 1. " Uime sin air dhuinne 
bhi air ar fìreanachadh tre chreidimh, tha sith againn 
ri Dia." Caib. xiv. 17. " Oir cha bhiadh agus deoch 
rioghachd Dhè, ach fireantachd agus sith, agus aoibh- 
neas san Spiorad naomh." A mheud 's gu 'n robh Dia 
'na nàmhaid dhoibh roimh, tha e nis ann an rèite riu 
tre Chriosd ; tha iad ann an coimhcheangal sith ris ; agus 
mar a bha Abraham, mar sin tha iadsan 'nan càirdean do 
Dhia. Tha mòr-thlachd aig annta, 'na Mhac gràdhach. 
Tha fhocal a bha roimhe a' labhairt uamhais riu, a nis a' 
labhairt sith, ma tha iad gu ceart a' tuigsinn ciod a tha e 
ciallachadh. Agus tha gràdh ann an uile fhrithealadh a 
fhreasdail d' an taobh : a ta tabhairt air gach ni oibreach- 
adh le cheile chum am maith. Tha 'n cogaisean air an 
glanadh o'n chionta agus o'n t-salachar sin a bha aon uak a' 
luidhe orra : tha fhuilsan a ghlanas a' choguis a' sruthadh 
tre 'n anamaibh, do bhrigh an aonaidh ris, Eabh. ix. 14. 
" Cia mòr is mò ni fuil Chriosd, bhur coguis-se ghlanadh o 
oibribh marbh a chum seirbhis a dheanamh do 'n Dia bheò 1 " 
Tha na cuibhrichean a bh' air an cur aii coguisean, le 
Spiorad Dhè, a bha 'g oibreachadh mar Spiorad daorsa, 
air an toirt dhiubh, gun a bhi gu bràth tuilleadh ri bhi air 
an cur orra leis an làimh sin, Rom. viii. 15. " Oir cha d' 
fhuair sibh Spiorad na daorsa a ris chum eagail." Leis a 
so tha choguis air a ciùineachadh, co luath 'sa tha 'n t-anam 
a' mothachadh na fola sin air a crathadh air ; ni a ta tach- 
airt luath no mall, a reir tomhas a chreidimh, agus mar a 
tha 'n Dia uile-ghlic a' faicinn iomchuidh a thabhairt. 
Feudaidh neo-chreidich coguisean trioblaideach a bhi 
aca, a dh' f heudas iad a chur gu tosd a ris ; ach mo thru- 
aighe tha 'n coguisean a' fàs siochail mu 'm bheil iad a' 
f às glan, mar sin cha 'n 'eil an t-sith acasan ach 'na siol do 
uamhasan agus do amhluadh as mò. Feudaidh neo-chur- 
am fois a thabhairt car tamuill do choguis thinn : air do 
dhaoine bhi di-chuimhneachadh a lotan, tha iad a' driud- 
eadh suas a ris dhiubh fèin, mu 'm bheil an salachar air a 
ghlanadh a mach ; tha moran ag adhlacadh an cionta ann 



284 

an uaigh na droch cuimhne : tha choguis a' fulang car 
tamuill ; tha 'n duine fa dheoidh a' di-chuimhneachadh 
a pheacaidh, agus cha 'n 'eil tuilleadh uime. Ach cha'n 'eil 
an sin ach fois roimh 'n bhàs. Bheir obair no gnothuiche, 
na beatha gu tric fois anns a' chor so : 'Nuair a tha Cain 
air fhogradh o làthair an Tighearna, tha e tòiseachadh air 
togail, bhailtean. 'lSTuair a thàinig an droch spiorad air 
Saul, cha do ghairm e air son a' Bhiobuil, no air son nan 
sagart a labhairt ris mu thimchioll a chor ; ach ghairm 
e air ceol, gu chluiche air falbh : mar sin tha moran, 
'nuair tha 'n coguisean a' tòiseachadh air bhi an-shocrach, 
a' lionadh an cinn agus an làmhan le gnothuichean, gu 
iad fèin a thionndadh air falbh, agus gu fois aiseag dhoibh 
fèin air aon chor no cor eile. Seadh, peacaichaidh cuid thar 
broinn mothachadh an coguisean, agus mar sin gheibh 
iad fois d' an coguisean, mar a thug Hasael d' a mhaigh- 
stir, le thachdamh. A rìs, feudaidh coimhlionadh dhleas- 
nais cuid fhois a thabhairt do choguis mhi-sliuaimhneach : 
agus is e so uile na tha aig luchd-aidmheil laghail, air son 
an coguisean a chur nan tosd. 'Nuair a tha choguis air a 
lot, ni iad urnuigh, aidmheil bròn, agus cuiridh iad rompa 
nach dean iad mar sin tuilleadh ; agus mar sin tha iad a' 
fàs slàn a rìs, gun teachd idir a dh' ionnsuidh fuil Chriosd 
le creidimh. Ach iadsan aig am bheil an coguisean gu 
ceart air an ciùineachadh, thig iad air son sìth agus glanaiclh 
gu fuil a chrathaidh. Tha peacadh 'na ghreim milis, a 
tha deanamh muinntir thaghta Dhè 'nan anamaibh tinn 
mu'm faigh iad a sgeith a mach. Tha e fàgail gath 'na 
dhèigh, a bheir uair-eigin pian mhòr dhoibh. 

Tha Elihu a' nochdadh dhuinn araon an galar agus an 
leigheas, Iob xxxiii. Feuch an staid anns am feud neach 
a bhi, mu am bheil smuainte gràidh aig Dia. Tha e 
tilgeadh saighdean mothachaidh 'na choguis ! agus bheir 
e orra ceangal ris co teann, as nach urrainn dha e fèin 
fhuasgladh uatha, rann 16. "Fosgailidh e cluasan dhaoine 
agus seulaichidh e an teagasg." Fàsaidh eadon a chorp 
tinn, rann 19. Oir smachdaichear e le pèin air a leabaidh 
agus lionmhoireachd a chnàmh le pèin laidir." Caillidh 
e chàil, rann 20. "Gabhaidh a bheatha gràin do aran, 
agus 'anam do bhiadh dheadh-bhlasda." Caithidh a chorp 
air falbh, air chor as nach 'eil ni air ach croicionn agus 
cnamha, rann 21. " Caithear 'fheoil air chor as nach 



285 

faicear i, agus a cnnàmha nach facas, seasaiclh a mach." 
Ged nach 'eil e ulluichte air son bàis, cha 'n 'eil dòchas 
beatha aige, rann 22. "Tairngidh 'anam do 'n naigh, agus 
ni as e meud a thruaighe, a bheatha do na milltearaibh." 
Amhaircidh e na h-uile mionaid c'uin' a thig diabhuil, an 
luchd-millidh sin, Kom. ix. 11. na mortairean, no luchd- 
folachd, Eoin viii. 44. chum 'anam a ghiùlan air falbh do 
if rinn ! cor uamhasach ! Gidheadh tha dochas ann ; tha 
Dia a' rùnachadh "anani a chumail o 'n t-slochd," rann 18, 
ged a bheir e air aghaidh chum na bruaich e. A nis, faic 
mar tha 'n duine tinn air a leigheas. Cha 'n urra innleachd 
an leighiche feum a dheanamh sa' chor so ; tha 'n eucail 
ni 's faide stigh na gu 'n ruig a cungaidhèan orra : Is 
trioblaid anama a thug an corp gus an staid so, agus uime 
sin is èigin do na cungaidhean-leigheis a bhi air an càr- 
adh ri anam agus coguis an duine thinn. Is èigin do 'n 
leighiche air son a' chor so, bhi 'na leighiche spioradail : 
Is eigin do na leigheasan a bhi spioradail, eadhon firean- 
teachd, èiric, no rèite. Air dhoibh sin a bhi air an cur ris, 
tha'n t-anam air a leigheas ; a' choguis air ac ur 'na tosd, agus 
tha 'n corp air aiseag gu slainte, rann 23 — 26. " Ma bhios 
teachdair aige, eadar-theangair, aon am measg mìle, a' 
nochdadh ionracais do dhuine ; an sin gabhaidh e truas 
deth, agus their e, saor e o dhol sios do 'n t-slochd, fhuair 
mi eiric. Bithidh 'fheoil ni 's ùire na feoil leinibh, thig e 
air ais gu laithibh òige. Ni e urnuigh ri Dia, agus gabh- 
aidh e gu caoimhneil ris, agus chi e 'ghnuis le gàirdeach- 
as." Se 'n leighiche iomchuidh air son an duine thinn so, 
"teachdair, eadar-theangair," rann 25. Is e sin, mar a 
tha cuid do-luchd-mìneachaidh, 's cha 'n ann gun deadh 
aobhar, ga thuigsinn, an Leighiche mor Iosa Criosd, mu 'n 
dubhairt Iob gu 'm b'e Fhear-saoraidh e, caib. xix. 25. Is 
Teachdair esan, Teachdair coimhcheangail na sìth, Mal. 
iii. 1, a tha teachd ann an deadh àm, a dh' ionnsuidh an 
duine thinn. Is Eadar-theangair e ; an t-Eadar theangair 
mòr air rù naibh gràidh Dhè do pheacaich, Eoin i. 28. 
"Aon am measg mile ! eadhon ceannard am measg dheich 
mìle." Dàn Shol. v. 10. Aon taghta as an t-sluagh, Salm 
lxxxix. 19. Aon d' an d' thng an Tighearna teanga nan 
daoine fòghluimte, a' labhairt ann an deadh àm ris an 
neach a ta airsnealach, Isa. l. 4, 5, 6. Is esan a tha 
maille ris a nis le a spiorad, a thabhairt mothachaidh dha 



286 

mu fhireantachd, Eoin xvi. 8. mar a bha e maille ris 
roimhe, a thabhairt mothachaidh dha mu pheacadh agus 
mu bhreitheanas. Is e obair a nis a bhi nochdadh dha 
fhirinn no f hireantachd ; is e sin, an t-Eadar-theangair 
Criosd fhireantachd, an fhireantachd sin a mhàin a 'sa 'g 
eirigh o dhioladh na h-eiric ; agus air "son am bheil am 
peacach air a shaoradh o dhol sios do 'n t-slochd, rann 24. 
Agus mar so theirear gu bheil Criosd a' cur an ceill ainm 
Dhè, Salm xxii. 22, agus a deanamh sgeil air fhireantachd, 
Salm xl. 9. Tha 'm focal comharraichte ! Cha 'n e bhi 
nochdadh do 'n duine, ach do dhuine, fhireantachd-san. 
A ta deanamh soilleir, gu bheil esan ni 's mò na duine a 
tha nochdadh, no a' cur an cèill na fireantachd so. Coim- 
eas Amos iv. 13. " Esan a dhealbhas na sleibhtean, agus a 
chruthaicheas a' ghaoth, agus a dh'fhoillsicheas de dhuine 
ciod is smuainte dha." Tha a rèir coslais sùil thaitneach 
aige so ri ceud fhoillseachadh na flreantachd so do dhuine, 
no mar a tha 'm focal a' ciallachadh da Adhamh an deigh 
an tuiteam, am feadh a bha e fuidh uamhas feirge Dhè. 
Bha 'm foillseachadh so air a dheanamh leis an Teachdair, 
an t-Eadar-theangair, eadhon focal siorruidh Mhic Dhè, 
ris an abrar, " Guth an Tighearna Dia," Gen. iii. 8. agus 
leis-san a reir coslais, a' taisbeanadh ann an cruth duine 
A nis, am feadh a ta e, le a Spiorad 'na shearmonaiche 
fireantachd do 'n duine, tha air fhilleadh a steach ann, gu 
bheil an duine a' deanamh greim air an fhirèantachd a th' 
air a thairgse ; Uime sin tha 'n ^eiric air a co-chur ris, agus 
tha e air a shaoradh o dhol sios do 'n t-slochd, oir fhuair 
Dia eiric air a shon. Tha so air innseadh ; tha Dia 
ag radh, Saor e, rann 24. Air an aobhar sin, air d'a chog- 
uis a bhi air a glanadh le fuil na rèite, tha i air a deanamh 
reidh, agus air a cur gu samhchair thaitneach : "Ni e 
urnuigh ri Dia — agus chi e 'ghnuis le gairdeachais ; " gnuis 
air an do bheachdaich e roimhe le h-uamhunn, rann 26. 
Sin ri radh an cainnt an Tiomnaidh nuadh, "Air dha 
Ard-Shagart a bhi aige os ceann tighe Dhè, thig e am fag- 
us le fior-chreidimh, ann an lan dearbh-beachd a' chreidimh, 
air dha chridhe bhi air a chrath-ghlanadh o dhroch cog- 
uis," Eabh. x. 21, 22. Acli an sin, eiod a thig ris a' chorp, 
ris an fheoil lag agus sgith 1 ? " Bithidh 'fheoil ni 's ùire an 
feoil leinibh ; thig e air ais gu laithibh ò-ige," rann 25. 
Seadh, their a clmàmhan uile (a bha air an smachdachadh 



287 

le pian laidir, (a Thighearna, cò is cosmhuil riutsa ! Salm 
xxxv. 10. 

'Si 'n treas sochair a tha smthadh o aonadh ri Criosd, 
Uchdmhacachd. Air do chreidich a bhi air an aonadh 
ri Criosd, tha iad a' fàs nan cloinn do Dhia, agus nam 
buill do theaghlach neimh. Tre 'n aonadh rìs-san, a ta 'na 
Mhac do Dhia a thaobh naduir, tha iad a' teachd gu bhi 
'nan cloinn do Dhia tre gràs, Eoin i. 22. Ceart mar an 
uair a tha geug air a gearradh o aon chraoibh, agus air 
a suidheachadh ann an geug craoibh eile ; tha 'gheug a bha 
air a suidheachadh, a thaobh a h-aonaidh ris a' ghèig 
a ghabh a steach i, (mar a deir cuid gu ceart,) air a dean- 
amh 'na gèig do 'n stoc sin anns an robh i air a snidheach- 
adh : mar sin, air do pheacaich a bhi air an suidheachadh 
ann an Iosa Criosd, d' an ainm am Meangan, no a' Gheug, 
" Is e' Athair an Athair-san, is e Dhia an Dia-san." Eoin 
xx. 17. Agus mar so tha iadsan, a bha a thaobh nàd- 
uir 'nan cloinn do 'n diabhul, a' teachd gu bhi 'nan cloinn 
do Dhia. Tha Spiorad na h-uchdmhacachd aca, Eom. viii. 
15, eadhon, Spiorad a' Mhic, a tha 'gan tabhairt gu Dia, 
mar chloinn a chum athar ; a dhòrtadh a mach an gearain 
'na uchd, agus a dh' iarraidh leasachadh iomchuidh air, 
Gal. iv. 6. "Do bhrìgh gur mic sibh, chuir Dia Spiorad 
a Mhic ann bhur cridhibh, ag eigheach, Abba, Athair," 
Euidh 'd uile anmhuinneachclan, tha truacantas agus iochd 
athaireil air a nochdadh dhoibh, Salm ciii. 3, " Mar a 
ghabhas athair truas d' a chloinn, gabhaidh an Tighearna 
truas dhiubhsan d' an eagal e." Ged nach robh iad ach 
mar chloinn gun athair, air am faotainn ann am fearann 
fàsaich ; gidheadh air bhi dhoibh 'nan cloinn na h-uchd- 
mhacachd, tha e 'gan gleidheadh mar ubhal a shùl, Deut. 
xxxii. 10. Cò sam bith a tha gan ruagadh, tha didean 
aca, Gnath-fhoc. xiv. 26. "Aig a chloinn bithidh dìdean." 
Ann an aimsir trioblaid choitchionn, tha seomraichean 
aca, far am feud iad a bhi air am folach, gus an gabh a' 
chorruich thairis, Isa. xxvi. 20. Agus cha 'n e mhàin gu 
bheil e mar thearmunn air son an dion, ach 'na chuibhrionn 
air son loin, anns an dìdean sin, Salm cxlii. 5. " Is tu mo 
thearmunn, agus mo chuibhrionn ann an tìr nam beò." 
Tha ulluchadh air a dheanamh dhoibh, air son siorruidh- 
eachd. Eabh. xi. 16, " Dh' ulluich e dhoibh baile." Agus 
na tha e faicinn feumail air an son, car na h-aimsir so, 



288 

cha blii sin a dhìth orra, Matt. xi. 31, 32. " Na bithidh 
làn do churam, ag radh, ciod a dh' itheas sinn 1 Ho, ciod 
a dh' òlas sinn 1 No, ciod a chuireas sinn umainn ? Oir 
a ta fios aig bhur n-Athair nèamhaidh gu bheil feum ag- 
aibhse air na nithibh sin uile." Tha smachdachadh an 
àm iomchuidh mar an ceudna 'na shochair a ta aca mar 
mhic : mar sin cha 'n fhuilingear dhoibhsan dol as le 'n 
lochdan mar a thachras do dhream eile nach 'eil 'nan cloinn 
ach 'nan seirbhisich an teaghlaich, agus a bhitheas air an 
tionndadh a mach air na dorsa mu dheireadh air son an 
droch ghiulan, Eabh. xii. 7. " Ma ghiulaineas sibh smach- 
dachadh, tha Dia a' buntuinn ribh mar ri cloinn : air cò 
am mac nach smachdaich an t-Athair %" Tha iad 'nan 
oighreachan, agus sealbhaichidh iad na geallanna, Eabh. vi. 
12. Seadh, tha iad 'nan oighreachan air Dia, an Ti as e fèin 
cuibhrionn an oighreachd, Salm xvi. 5. " agus 'nan comh- 
oighreachan maille ri Criosd," Eom. xiii. 17. Agus a 
chionn gur iad clann an Kigh mhòir iad, agus gu bheil iad 
'nan oighreachan òg air gloir, tha aingle aca mar luchd 
coimheadachd, a ta air an cur a mach a chum frithealaidh 
dhoibhsan a bhios 'nan oighreachan air slàinte, Eabh. i. 14. 

Is i an ceathramh sochair, ISTaomhachadh, 1 Cor. i. 30. 
" Ach uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd neach a 
rinneadh dhuinne le Dia, 'na ghliocas 'na fhireantachd, 
agus 'na ISTaomhachd." Air dhoibh a bhi air an aonadh ri 
Crioscl, tha iad a' comh-pàirteachadh d' a Spiorad, an Ti 
is e Spiorad na naomhachd. Tha lànachd an Spioraid 
ann an Criosd, agus cha 'n 'eil e cosmhuil ri lànachd soith- 
ich, a chumas a mhàin na dhoirtear ann ; ach is lànachd 
tobair e, air son sgaoilidh agus comh-pairteachaidh, a ta a 
ghnàth a' cur a mach uisge, agus gidheadh a ta a ghnàth 
làn. Spiorad Chriosd, a' bhrìgh spioradail sin, a ta anns 
an stoc, agus o 'm bheil e air a chomh-pairteachadh ris na 
geuga, is Spiorad a' ghràis e, Sech. xii. 10. Agus far 
am bheil Spiorad nan gras a' gabhail comhnuidh, gheibhear 
an sin chomh-chruinneachadh nan uile ghràsan. Cha 'n aon 
ghras a mhain Naomhachd, ach uile ghràsan an Spioraid : 
Is i coimh-shoillse nan uile ghràsan i ! Is i gach uile gras 
i 'nan siol agus 'nan freumh. Agus mar theid a bhrìgh 
o 'n stoc do ; n ghèig, a' dol air a feadh uile, agus tre na 
h-uile cuid dith ; mar sin tha Spiorad Dhè a' naomhach- 
adh an duine gu h-iomlan. Bha puinnsein a' pheacaidh 



289 

air a sgaoileadh air feadh spioraid an duine gu h-iomlan, 
eadar anam agus chorp : agus tha gràs an naomhachaidh ga 
leantuinn gus na h-uile h-oisinn, 1 Tes. v. 23. Tha na 
h-uile earrann do'n duine air a naomhachadh, ged nach 'eil 
earran sam bith gu h-iomlan mar sin. Cha 'n 'eil an fhirinn 
leis am bheil sinn air ar naomhachadh, air a cumail sa' 
cheann, mar ann am prìosan ; ach tha i ruith le a buaidh 
naomhachaidh, tre 'n chridhe agus a' chaithe-beatha. Tha 
gun amharus grasan anns na h-uile creideach fa leth, a tha 
'gan nochdadh fèin mar gheuga mullaich os ceann chaich ; 
mar bha macantas ann am Maois, agus foighidin ann an 
Iob : ach a chionn gu bheil ann an uile leanabaibh Dhè, 
gin naomh, a ta dol an co-chuideachd an lagh naomh anns 
gach earrann deth, ga ghradhachadh, ga roghnachadh, agus 
a' gabhail ris, mar tha soilleir o 'n mheas iomlan a th' aea 
air uile aitheantaibh Dhè ; tha e soilleir gu bheil uile ghra- 
san an Spioraid aca, do bhrìgh nach urrainn tuilleadh a 
bhi anns an t-sruthain na th' anns an tobar. 

A nis, tha 'n Spiorad naomhachaidh so d' am bheil 
creidich 'nan luchd co-pairt, dhoibhsan, (1.) 'Na Spiorad 
claoidh. Tre 'n Spiorad tha iad a' marbhadh gniomh- 
ara na colla, Rom. viii. 13. Tha peacadh air a cheus- 
adh annta, Gal. v. 24. Tha iad air an suidheachadh le 
cheile (eadhon maille ri Criosd) ann an coslas a bhais ; a 
bha 'na bhas fadalach, Kom. vi. 5. Am peacadh a ta anns 
na naoimh, ged nach 'eil e gu tur marbh, gidheadh tha e 
bàsachadh : nam biodh e marbh, bhitheadh e air a thabh- 
airt a nuas o 'n chrann-cheusaidh agus air adhlacadh as a 
shealladh ; ach tha e an crochadh an sin fathast, ag oib- 
reachadh agus a' gleachd fuidh lotaibh basmhor. Thoir 
fa'near, mar an uair a gheibh craobh a leithid do bhuille 
as a ruigeas a cridhe, gu bheil a duilleach uile agus a 
geuga a' toiseachadh air caitheadh agus air seargadh ; mar 
sin, far am bheil Spiorad an naomhachaidh a' teachd, agus 
a' briseadh cumhachd a' pheacaidh, tha sgur o cheum gu 
ceum uaithe, agus basachadh dha anns an duine gu h-iom- 
lan ; air chor as nach 'eil e ni 's faide a' caitheadh a bhea- 
tha anns an fheoil a reir ana-mianna dhaoine. Cha 'n 
'eil e deanamh a' pheacaidh mar cheird no mar ghnothuch 
dha : Cha 'n e àrd-rùn e fein iarraidh, agus a mhianna 
truaillidh a shasuchadh ; ach tha uidheam air tìr Imman- 
uel, agus tha e ag imeachd air an rathad mhor da h-ionn- 

T 



290 

suidh. An t-sligho ris an abrar, slighe na naomhachd ; 
ged tlia a' ghaoth o ifrinn, a bha seideaclh air a chul 
roimhe, a' seicleadh a nis 'na làn aghaiclh, a' deanamh a 
shlighe doilghiosach, agus ga thilgeadh gu tric thar an 
rathad mhor. (2.) An Spiorad so is Spiorad beothachaidh 
e dhoibh ; oir is e Spiorad na beatha e, agus bheir e orra 
bhi beò chum fireantachd, Esec. xxxvi. 27. " Agus cuiridh 
mi mo Spiorad àn taobh a stigh dhibh, agus bheir mi 
oirbh gluasad ann am reachdaibh." Bithidh iadsan a bha 
air an suiclheachadh le cheile, maille ri Criosd, ann an cos- 
las a bhais, mar an ceudna ann an coslas aiseirich, Eom. 
vi. 5. Aig aiseirigh Chriosd, 'nuair a bha 'anam air a cho- 
cheangal a rìs r'a chorp, bha na h-uile ball do 'n chorp 
bheannaichte sin air a neartachaclh a rìs gu gniomharra na 
beatha choilionadh : mar sin, air do Spiorad naomhachaidh 
Chriosd bhi 'g oibreachadh air an anam, tha e air a neartach- 
adh ni 's mò agus ni 's mò, gu uile ghniomhara na beatha 
spioradail a choilionadh. Agus mar tha 'n lagh gu h-iom- 
lan, 's cha 'n e mìora beag dheth a mhain a ta sgriobhta air 
a' chridhe naomha ; mar sin tha creidich air an neartach- 
adh gus an lagh sin ath-sgriobhadh 'nan caithe-beatha. 
Agus ged nach urrainn dhoibh litir dheth a sgriobhadh gun 
bhall dubh ; gidheadh tha Dia air son Chriosd, a' gabhail 
r'an deanaclais, a thaobh naomhachaidh, air dhoibh a bhi 'nan 
deisciobuil d' a Mhac fèin, agus air an treorachadh le a 
Spiorad f èin. 

Is e an Spiorad naomhachaidh so, a ta air a cho-pairt- 
eachadh leis an Tighearna Iosa Criosd d' a bhuill, an t- 
àrach spioradail a th' aig na geuga o 'n stoc bheannaichte 
anns am bheil iad air an suidheachadh ; leis am bheil 
beatha nan gràs a ta air a tabhairt dhoibh anns an ath- 
ghineamhuin, air a gleidheadh, air a deanamh maireannach, 
agus gniomhach. Is i a' bheariia leis am bheil an creutair 
nuadh beo, agus leis am bheil e air àrach suas a chum 
foirfeachd. 'S eigin clo 'n bheatha spioradail a bhi air a h- 
àrach, agus is eigin dith bhi faotainn leasachadh lòin : agus 
tha creidich a' faotainn sin o Chriosd an ceann, neach a 
shuidhich an t-Athair 'na cheann feartain d' a bhuill uile, 
Col. ii. 19. " Agus gun an ceann a chumail, o 'm bheil an 
corp uile, air dha bhi air a bheathachadh trid altan agus 
bhannan, agus air a dhluth-cheangal r'a cheile, a' fàs le 
fàs Dè," A nis, is e 'n comh-leasachadh so, comh-leasacli- 



291 

adh Spiorad Iosa Criosd, Phil. i. 19. Tha na naoimh a 
beathachadh gu saoibhir, ag itheadh teola Chriosd agus 
ag òl 'fhola, air son an àrachaidh spioradail : gidheadh tha 
ar Tighearn e fèin a' teagasg dhuinn, gur e 'n Spiorad a 
bheothaicheas, eadhon, an Spiorad sin a ta chòmhnuidh 
'na chorp beannaichte, Eoin vi. 63. Tha nàdur an duine 
air a cheangal ri nàdur na diadhachd ann am pearsa a' 
Mhic ; agus mar sin (cosmhuil ris a' chopan ann an coinn- 
leir Shachariah, Sech. iv.) 'na luidhe aig ceann an tobair, 
mar am meadhon glòrmhor tre'm bheil feartan grasmhor 
a' sruthadh, o thobar na diadhachd ; agus a' faotainn an 
Spioraid cha 'n ann a reir tomhais, ach a' sealbhachadh do 
ghnàth lànachd an Spioraid, do thaobh an aonaidh phear- 
santa so. Uaith so, air do chreidich a bhi air an ceangal 
ris an duine Criosd, (mar bha na seachd lochrain ris a' 
chopan, le 'n seachd feadain, Sech. iv. 2.) Tha 'fheoil 
dhoibhsan 'na biadh da rireadh, agus 'fhuil 'na deoch da 
rireadh ; oir, air dhoibh a bhi beathachadh air a' chorp 
bheannaichte sin, (is e sin ri ràdh, a bhi co-chur Chriosd 
gu h-eifeachdach r' an anama tre chreidimh,) tha iad a' co- 
pairteachadh ni's mò 's ni's niò do 'n Spiorad sin, a ta chomh- 
nuidh an taobh a stigh, a chum an altrum spioradail. 
Cha b' urrainn naomhachd Dhè co-cheangal lathaireil a bhi 
aige ri creutair peacach, no reir, sin co-chomunn a bhi aige 
ris : gidheadh cha b' urrainn do 'n chreutair a bhi beo an 
am beatha ghràis, as eugmhais co-chomunn ri tobar na 
beatha. A chum air an aobhar sin gu 'm biodh ullachadh 
air a dheanamh araon air son urraim naomhachd Dhè, 
agus slainte pheacach ; ghabh dara Pearsa na Trionaid 
ghlòrmhoir, gu aonachd phearsanta ris fèin nàdur dhaoine 
as eugmhais peacaidh ; a clmm gu faigheadh an daoineachd 
naomha, neo-lochdach, agus neo-thruaillidh so, lànachd 
clo 'n Spiorad, d' an co-pairticheadh e d'a bhuill le cumli- 
achd agus le eifeachd a dhiadhachd. Agus cosmhuil ris 
mar a bhitheadh craobh, aig am biodh a freumh anns an 
talamh, agus a geugan a' ruidheachd gu neamh ; cha chum- 
adh an t 7 astar mòr a ta eadar an fhreumh agus na geuga 
bacadh air a eho-pairteachadh a ta eatorra. Ciod ged 
nach 'eil buill Chriosd dhiomhair, (eadhon an ceann agus 
na buill) dluth, mar ceangailte r' a cheile ann an rathad 
aonadh corporra? Cha 'n 'eil an t-aonadh uime sin 
ni's mi-chinntiche no ni's neo-eifeachdaiche. Seadh tha 



292 

ar Tighearna fèin a nochdadh dhuinn, ged a dh' itheas 
sinn 'fheoil air dhòigh chorporra agus fheòlmhor, gidheadh 
nach deanadh e buanachd sam bith dhuinn, cha bhìthea- 
maid leud an ròine na bu naoimhe leis a sin, Eoin vi. 63. 
Ach tha buill Chriosd air thalamh, air an aonadh r' an 
Ceann air neamh, le bann neo-fhaicsinneach a cheairt 
Spioraid a ta gabhail comhnuidh annt' araon ; annsan 
mar an ceann, agus annta-san mar na buill, eadhon mar 
na rothan ann an aisling Esecieil, nach robh dluth do na 
h-ainmhidhean beò, ach gidheadh bha comh-cheangailte 
riu le bann neo-f haicsinneach aon Spioraid annta araon ; 
air chor, " Agus an uair a ghluais na h-ainmhidhean, 
ghluais na rothan làimh riu ; agus an uair a thogadh na 
h-ainmhidhean suas o 'n talamh, thogadh, na rothan." Esec. 
i. 19. " Oir, (ars' am Fàidh,) bha Spiorad nan ainmhidh 
beo anns na rothaibh," rann 20. 

Uaith so chi sinn an t-eadar-dhealachadh a ta eadar fior 
Naomhachd, agus am faileas, a ta ri fhaotainn am measg 
teann-luchd aideachaidh a' chreidimh Chriosdaidh, nach 
'eil fathast 'nam fìor Chriosdaidhean, nach 'eil air an ath 
ghineamhuin le Spiorad Chriosd, agus a tha do 'n cheart 
ghnè a chunncas anns na Cinnich stuama. Is e fìor-naomh- 
achadh an ni sin a ta 'g èirigh o aonadh an anama ris 
an Iòsa naomh, an ti is e an ceud àite còmhnuidh do 
Spiorad an naomhachaidh ; agus as a lànachd-san tha 
bhuill a' faotainn, do bhrìgh an aonaidh risan, feartan 
naomhachaidh. 'S 'm faileas, an ni sin a sa mhain a' 
sruthadh o spiorad an duine fèin ; ni, ciod air bith a ta 
aige, no a ta e taisbeanadh bhi aige do chruth na fior 
naomhachd, gidheadh nach 'eil ag èirigh o nàdur air 
a naomhachadh, no gu àrd iarrtuis agus gu criochaibh na 
naomhachd : Oir, mar a ta e ag eirigh o fhèineileachd ; 
mar sin, tha e ruith a mach gu cuan marbh na fèineileachd 
a rìs ; agus tha e co falamh do fhior-naomhachd, as a tha 
nàdur do ghràs. Tha iadsan aig am bheil an naomhachd 
dhiolain so, cosmhuil ri luchd-bàta, a ta deanamh an gnoth- 
uich le 'n ràimh fèin ; 'uair tha 'n long a ta dol a dh' ionn- 
suidh tir Immanuel a' seòladh le sèideadh an Spioraid 
naoimh. Cionnus a ta e comasach gu'm biodh fior naomhachd 
as eugmhais Chriosd ì Am feud fior-naomhachadh a bhi 
as eugmhais co-pairteachadh do Spiorad na naomhachd ì 
Am feud sinn co-pàirteachadh do 'n Spiorad sin, ach tre 



293 

Iosa Criosd, an t-slighe, an fbirinn, àgùs s' bheathal 
Feudaidh an driuchd a thuiteas, slighe dheanamh co luadh 
tre 'n charraig ailbhinn, as a thig feartan grais o Dhia gu 
peacaich, air slighe sam bith eile, ach troimhe-san a dh' 
orduich an t-Athair 'na cheann nam feartan, Col. i. 19. 
"Oir b'e deadh-thoil an Athar gu 'n comhnuicheadh gach 
uile iomlaineachd annsan." Agus, caib. ii. 19. "Agus 
gun an ceann a chumail, o 'm bheil an corp uile, air dha 
bhi air a bheathachadh trid altan agus bhannan, agus air 
a dhlnth-cheangal r'a cheile, a' fàs le fàs Dè." Uaith so 
faic mar tha teachd gu crich, gu bheil mòran a' tuiteam 
air falbh, o an coslas naomhachd, agus cha 'n 'eil iad pill- 
tinn tuilleadh : 'S ann a chionn nach 'eil iad 'nan geuga a 
ta gu fior air an ceangal ris an Fhionain fhior. Anns an 
àm ceudna tha dream eile air an leigheas o 'm fàilingean ; 
do bhrìgh an aonadh ris an stoc a ta tabhairt beatha, le Spior- 
ad a' bheothachaidh, 1 Eoin ii. 19. " Chaidh iad a mach 
uainne, ach cha robh iad dhinn : Oir nam biodh iad dhinn, 
gu deimhin dh'fhanadh iad maille ruinn." 

'Se 'n cuigeadh sochair, fàs ann an gràs : Air do 
bheatha bhi air a frithealadh dhoibh, tha iad a' fàs le fàs 
Dhè, Col. ii. 19. "Thig am firean fo bhlàth mar chrann- 
pailme : Fasaidh e suas mar sheudar air Lebanon," Salm 
xcii. 12. Tha gràs'do nàdur fais : anns an t-slighe clium 
Shioin, imichidh iad o neart gu neart. Ged tha 'n duine 
naomh air tùs 'na leànabh beag ann an gràs, gidheadh, 
mu dheireadh tha e fàs 'na dhuine òg, 'na athair, 1 Eoin ii. 
13. Ged nach 'eil e ach air uairibh a' snàgadh anns an 
t-slighe gu neamh ; gidheadh, an deigh sin tha e " a' 
siubhal, a' ruith, ag eirigh suas mar iolair air a sgiath- 
aibh," Isa. xl. 31. Mur fàs geug a ta air a suidheach- 
adh ann an stoc, is comhara soilleir e nach robh i riamh 
air a ceangal ris an stoc. 

Ach feudaidh cuid a radh, ma tha na h-uile fìor-Chrioscl- 
aidh a'fàs, ciod a deirear riusan, ann an aite fàis a ta dol 
air an ais 1 Freagram, Air tàs, Tha eadar-dhealachadh 
mòr eadar fàs, a' Chriosdaidh aig aon àm, agus 'fhas aig 
gach uile àm. Tha na h-uile fior Chriosdaidh a' fas, ach 
cha 'n 'eil mi ag radh gu bheil iad a' fas aig gach uile àm. 
Fasaidh craobh aig am bheil beatha, agus altrum gu h- 
iomlaineachd, gidheadh cha 'n 'eil i a ghnath a' fàs ; cha 'n 
'eil i fàs sa' gheamhradh. Tha 'n geamhraidhean mar an 



294 

ceudna aig Criosdaidhean, anns am bheil stad air feartan 
a' ghràis,. Dan-Shol. v. 2. Tha mi 'ni chodal. Is an trid 
creidimh a ta 'n creideach a' tarruing feartan gràsmhor 
o Tosa Criosd ; cosmhuil ris gach lòchran anns a' choinnleir 
a fhuair ola o'n chopan, leis an fheudan a bha dol eatorra, 
Sech. iv. 2. A nis ma thèid am feudan a dhùnadh, ma 
luidheas creidimh an naoimh 'na thamh, agus neo-ghniomh- 
ach; an sin fàsaidh na gràsan eile mall, agus bithidh iad 
cosmhuil ri bhi ullamh air dol as. Agus a reir sin, cruinn- 
ichidh nàdur truaillidh neart, agus fasaidh e gniomhach. 
Ciod an sin a thig ris an anam ? Ciod ; tha f athast aon 
bhonn cinnteach dochais. Cha 'n 'eil creidimh an naoimh 
mar tha creidimh a' chealgoir, cosmhuil ri feudan nach 'eil 
a ruigsinn an tobar, tre nach 'eil ni sam bith a' sruth- 
adh : tha e do ghnath a' mairsinn 'na bhann a' choimh- 
cheangail eadar Criosd agus an t-anam ; agus air an aobh- 
ar sin, do bhrìgh gu bheil Criosd beò, bithidh an creid 
each beò mar an ceudna, Eoin xiv. 19. Cuiridh an 
Tighearn Iosa a stigh a lamh troimh tholl an doruis, agus 
rèitichidh e cladhanna an treòrachaidh ; agus an sin sruth- 
aidh feartan fàis, agus seallaidh gràsan a' chreidich 
ùr agus gorm a rìs, Hos. xiv. 7. " Pillidh iadsan a ta 
chòmhnuidh fo a sgàile : mar an t-arbhar bithidh iad air an 
ath-bheothachadh ; agus fàsaidh iad mar an fhionain." 
Anns na h-amannaibh a's miosa, tha aig na naoimh gnè- 
fàis annta, 1 Eoin iii. 9. " Tha shiolsan a' fantuinn 
ann." Agus uime sin, an deigh seargaidhean, tha iad ag 
ath-bheothachadh a rìs : eadhon, 'nuair tha 'n geamhradh 
aìr dol seachad, agus a ta Grian na fireantachd a' pilleadh 
le a feartan blàtha. Feudaidh meall salachair a thilgear 
ann an lochan, luidhe an sin gu sàmhach ; ach ma thilgear 
ann an tobar e, oibrichidh an sruth a mach mu dheireadli 
e, agus ruithidh e co glan 'sa b' abhaist dha. 

San dara àite, Feudaidh Criosdaidhean dol mear- 
achd mu 'm fàs, agus sin air dà dhòigh. (1.) Le breth 
a thoirt air an staid a reir am mothachaidh aig an àiu. 
Tha iad a' toirt fa'near iad ièin, agus cha 'n urrainn 
dhoibh a mhothachadh gu bheil iad a' fàs ; ach cha 'n 'eil 
aobhar aca uaith sin, a cho-dhùnadh nach 'eil iad a' fàs 
Marc. iv. 27. " Tha 'n siol a' gineadh agus a' fàs suas, air 
dòigh nach fhios da." Ged shocraicheadh duine a shuil 
car aimsir fhada gu daingean air a' ghrein a' ruith a rèis 



295 

no air craoibh a' fàs ; cha'n aithnicheadh e ghrain a' gluas- 
ad no a' chraobh a' fàs : ach, mu choirneasas e a' chraobh 
mar a tha i nis, ris mar bha i bliaclhnachan roimlie sin ; 
agus mu bheir e fa'near an t-aite anns na neamhaibh far 
an robh a' ghrian sa' mhaduinn ; aithnichidh e gu chm- 
teach gu 'n d' fhàs a' chraobh, agus gu 'n do ghluais a' 
ghrian. Air an doigh cheuclna, feudaidh aithne bhi ag a' 
Chriosdaidh, co dhiubh a ta e ann an staid fàis no claon- 
aidh, le a staid a choimeas san àm so, ris mar a bha i san 
aimsir a chaidh seachad. (2.) Eeudaidh Criosdaidhean 
dol mearachd mu 'n staid, le bhi tomhas am fàis le àirde a' 
mhullaich a mhain, gun bhi beachdachadh air an fhreumh. 
Ged nach 'eil duine a' fas ni's airde, feudaidh e bhi fas ni's 
laidire. Ma tha craobh a' gabhail ris an talamh, 'ga daing- 
neachadh fèin anns an talamh, agus a' sgaoileadh a mach 
a freumhan ; tha i gu cinnteach a' fas, ged nach 'eil i fas 
nis àirde na bha i roimhe. Mar sin, ged nach bi aig a' 
Chriosdaidh an sòlas milis agus na plathan do ghradh a bha 
uaireigin aige, gidheadh ma tha e fàs ann an irioslachd, 
fèin-aicheadh, agus ann am mothachadh air fheum air a 
thaic a bhi air Iosa Criosd, is Criosdaidh e a ta fas, Hos. 
xiv. 5. " Bithidh mi mar. an druchd do Israel, cuiridh e 
mach a fhreuma mar Lebanon." 

Ceisd. Ach am bheil cealgairean a' fas idir 1 Agus ma 
tha iad a' fas, cionnus a chuireas sinn eadar-dhealachadh 
eadar am fas-san, agus fìor-fhas a' Chriosdaiclh 1 Freag. 
Mar fhreagradh do 'n cheud chuid do 'n cheisd, tha Cealg- 
airean a' fàs. Tha fhàs fèin ag a' chogul, co maith ris 
a' chruithneachd : agus dh'fhas an sìol a chuireadh am 
measg dhroighionn suas, a mhain cha d' thug e toradh 
uaith gu h-iomlaineachd, Luc. viii. 14. Seadh, feudaidh 
fas mealltach a bhi aig an fhìor Chriosdaidh. Bha coslas 
ais Seumas agus Eoin a bhi fàs an gràs an èud naoimh, 
'nuair a dh'fhàs an spiorad co teith ann an aobhar Chriosd, 
as gun cuireadh iad teine ri bailtean iomlan, air son nach 
gabhaclh iacl ri'n Tighearn agus am Maighstir, Luc. ix. 54. 
"A dubhairt iad, a Thighearn, an àill lèat gu'n abramaid 
teine a theachd a nuas o neamh, agus an losgaclh, eadhon, 
mar a rinn Elias % " Ach cha b'e 'm fàs ceart idir a bh' 
ann : Agus, uime sin, thionndaidh esan agus chronaich e iad 
agus a clubhairt e, " Cha'n 'eil fhios agaibh ciod a' ghnè 
spiorad d' am bheil sibh," rann 55. Mar fhreagradh do'n 



296 

dara cuid do 'n clieisd blieir sinn fa'near, gu bheil maise 
shònraichte ann am fàs an fhior Chriosdaidh, a ta ga ead- 
ar-dhealachadh o gach fàs mealltach : tha e farsuinn, riagh- 
ailteach, agus co-fhreagarach. Is " fàs suas annsan e. 
anns na h-uile nithibh, a 's e an ceaun," Eph. ix. 15. 
Tha'n Criosdaidh a ta fàs, a' fàs co-fhreagarach anns 
na h-uile earrann do'n duine nuadh. Fo fheartan caoimh- 
eil grian na fireantachd, fàsaidh creidich suas mar laoigh- 
bhiadhta, Mal. iv. 2. Shaoileadh sibh gu 'm b' uabheisteil 
am fàs anns na h-ainmhidhean sin, nam faiceadh sibh an 
cinn a' fàs, agus gun an cuirp a' fàs ; no nam faiceadh 
sibh aon chos a' fàs, agus gun a chas eile a' fàs ; mur 'eil 
na h-uile ball a' fàs co-fhreagarach. Tha sin fior, ach is 
ann mar sin tha nioran a' fàs ann an diadhachd : tha iad 
a' fàs cosmhuil ri cloinn ghalarach, aig am bheil ceann mòr, 
ach corp caol ; tha iad a' faotainn tuilleadh eòlais 'nan 
cinn, ach cha 'n 'eil tuilleadh naomhachd 'nan cridhe agus 
'nan caithe-beatha : Fasaidh iad gle theith o'n taobh a 
mach, ach gle fhuar o'n taobh a stigh, cosmhuil ri daoine 
ann am braise do'n fhiabhrus chritheanach : tha iad ni's 
mò air an togail le diadliachd an taobh a mach na bha iad 
roimhe, gidheadh tha iad 'nan coigrich co mòr do chumh- 
achd na diadhachd 'sa bha iad riamh. Ma bhios lios air 
uisgeachadh leis an laimh, gheibh cuid do na lusan mòran, 
cuid beagan, agus cuid diubh nach faigh uisg' idir ; agus air 
an aobhar sin seargaidh cuid, am feadh a ta cuid eile teachd 
air an aghaidh : ach an dèigh fràs o na neòil, thig iad 
uile air an aghaidh le cheile. Air an dòigh cheudna, fàs- 
aidh uile ghrasan an Spioraid co-fhreagarach, le feart- 
an araidh grais Dhè. Air do na geuga a ta air an suidh- 
eachadh ann an Criosd, a bhi fàs gu ceart, tha iad a' fàs 
anns na h-uile rathad fàis aig aon àm. Fasaidh iad san 
taobh a stigh, a' fàs ann an Criosd, Eph. iv. 15. a' dluth- 
achadh ni 's dluithe ris, agus a' dluth-leantuinn ni's dain- 
gean ris, mar cheann nam feartan, a ta 'na thobar do 
gach uile fhàs Criosdaidh. Fasaidh iad o'n taobh a mach, 
ann an deadh oibre 'nan caithe-beatha, agus 'nan coluadar. 
Cha'n e mhain, maille ri Naphtali, gu 'n toir e focail thait- 
neach uaith ; ach cosmhuil ri Ioseph, tha iad 'nan geug- 
thorraich. Fasaidh iad suas, ann an inntinnibh neamh- 
aidh, agus ann an dimeas air an t-saoghal : Oir " tha'n 
caitheadh-beatha air neamh," Phil. iii. 20. agus fadheòidh 



297 

tha iacl a' fàs sios, ann an irioslachd agus fèin-ghraineach- 
adh : tha na genga a 's mò fàs ann an Criosd, 'nam beachd 
fèin, " ni 's lugha na 'n ti a's lugha do na naomhaibh uile," 
Eph. iii. 8. " Ceann-feadhna nam peacach, 1 Tim. i. 15. 
"M 's brùideile na duine air bith," Gnath-Fhoc. xxx. 2. 
Tha iad a' faicinn nach urra dhoibh ni sam bith a dhean- 
amh, cha 'n urra dhoibh urrad agus " aon ni a smuaineach- 
adh, mar uatha fèin," 2 Cor. iii. 5. jSTach 'eil iad a' toill- 
tinn ni sam bith, air dhoibh a bhi " neo-airidh air a chuid 
is lugha do na tròcairibh a nochd e dhoibh," Gen. xxxii. 10. 
Agus gu bheil iad 'nan neo-ni, 2 Cor. xii. 2. 

'Se 'n seathadh sochair, torrachd. Cha'n 'eil a' gheug a 
ta air a suidheachadh ann an Criosd mi-thorrach, ach 
bheir iad toradh uatha, Eoin xv. 5. "An ti a dh' fhanas 
annamsa, agus mise annsan bheir esan mòr-thoradh uaith." 
'S ann air son na ceart chriche sin a ta anama air am pòs- 
adh ri Criosd, chum gun d' thugadh iad "toradh a niach 
do Dhia," Rom. vii. 4. Feudaidh cuid a ta 'nan geuga 
neo-thorrach a bhi ann an Criosd, le aidmheil ach cha 'n 
ann le fior-shuidheachadh. Co sam bith a ta air an coimh- 
cheangal ri Criosd, bheir iad a mach toraidh umhlachd an 
t-soisgeil, agus fior-naomhachd. Tha deadh oibre do ghnath 
a' leantuinn Creidimh. Tha'n creideach cha'n e mhain 
air teachd a mach à uaigh a staid nàduir, ach chuir e dheth 
eudach mairbh, eadhon, ana-mianna a bha rioghachadh, 
anns an do ghluais e uaireigin, mar thanasg; air dha bhi 
marbh 'nuair a bha e caitheadh a bheatha annta, Col. iii. 7, 
8. Oir thubhairt Criosd uime mar a thubhairt e mu La- 
sarus, fuasgiaibh e, agus leigibh leis -imeachd. Agus a nis 
air dha Criosd a chur uime, tha e cosmhuil ris, mar tha 
duine bochd, ann an deis iasachd cosmhuil ri righ air àite 
cluich, ag imeachd mar a dh' imich esan mar an ceudna. 
A nis tha toradh an Spioraid annsan san uile mhaitheas, 
Eph. v. 9. Bithidh toradh na naomhachd ri fhaotainn ann 
an cridheachaibh, ann am bilibh, agus ann an caithe-beatha 
na muinntir a ta air an aonadh ri Criosd. Tha duine 
foluicht' a' chridhe, cha 'n e mhain 'na theampull air a 
thogail air son Dhè, agus air a choisrigeadh dha ; ach tha 
feum air a dheanamh dheth, agus tha e air a ghnàthachadh 
air a shon ; anns am faicear gràdh, eagal, earbsa, agus 
na h-uile earrann eile do'n diadhachd fholaichte air an 
cumail ann am beò chleachda, Phil. iii. 3. " Oir is sinne 



298 

an tiomchioll-ghearradh a ta deanamh aoraidh do Dhia 
san Spiorad. Cha'n 'eil an cridhe ni 's mò na àite coit- 
chionn do 'n diabhul, far am bheil smuaintean a' ruith 
gu saor, oir eadhon an sin tha smuainte diomhan air am 
fuathachadhj Salni cxix. 113. Ach is ionad sonruichte 
le Dia e, air a dhruideadh mu 'n cuairt mar lios dha, 
Dan-Shol. iv. 6. Is fìor, gu bheil luibhean truail- 
lidheachd an sin, a chionn nach 'eil am fearann fathast 
gu h-iomlan air a leigheas : ach tha 'n duine, ann an là 
a nuadh-chruthachaidh, air a chur g'a dheasachadh agus 
g'a ghleidheadh. Bhean eibhle bheò o'n altair ri bhilibh, 
agus tha iad air an glanadh, Salm xv. 1, 2, 3. " A Thigh- 
earn, cò dh' fhanas ann ad phàilliun? Ca chomhnuicheas 
air do shliabh naomh? Esan a ghluaiseas gu h-ionraic, 
agus a ni ceartas, agus a labhras an fhirinn 'na chridhe ; 
nach dean cùl-chaineadh le 'theangaidh, nach dean olc 
d' a charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhears- 
nach." Feudaidh gun amharus teanga mhìn a bhi far am 
bheil cridhe mealltach : Feudaidh gur e an guth, guth 
Iacoib, 'nuair a 's iad na lamhan, lamhan Esau : ach, 
" Ma shaoileas neach air bith 'nur measg gu bheil e diadh- 
aidh, gun a bhi cur srein r' a theangaidh, ach a' mealladh 
a chridhe fèin, is diomhain diadhachd an duine so," Seum. 
i. 26. Bithidh uachdranachd aig cumhachd, na diadhaidh- 
eachd air an teangaidh, ged tha i 'na saoghal do aingidh- 
eachd. Ma bhios neach 'na Ghalileach, brathaidh a thean- 
ga e, cha labhair e cainnt Ashdoid, ach cainnt Chanaain. 
Cha bhi e balbh anns an diadhaidheachd, 's cha mhò a 
shiubhlas a theanga gun smuaineachadh, do bhrìgh, ris an 
fhreiceadan dùbailte a chuir nàdur mu 'n teangaidh gun 
do chuir gràs an treas aon rithe. Gheibhear toradh na 
naomhachd 'na chaithe-beatha o'n taobh a mach ; oir tha 
lamhan neo-chiontach aige, co maith ri cridhe glan, Salm 
xxiv. 4. Tha e 'na dhuine diadhaidh, agus coilionaidh e 
dleasnais ceud chlàir an lagha gu diadhaidh : Tha e 'na 
dhuine fireanach, agus coilionaidh e gu cubhaidh dleasnais 
an dara clair. 'Èa, chaithe-beatha tha e 'na dheadh Chriosd- 
aidh, agus 'na dheadh choimhearsnach mar an ceudna : tha 
e ga ghiulan fèm an lathair Dliè mar gu 'm biodh suilean 
dliaoine air; agus an lathair dhaoine, mar a' creidsinn gu 
bheil suil Dhè" air. Na nithe sin a chuir Dia ri cheile 'na 
lagh, cha 'n fheud e, 'na chleachdamh, an cur o cheile. 



299 

Mar so tlia geuga Chriosd, lan do dheadh mheasan : 
Agus tha na measan sin 'nam bagaid do ghniomhara 
beothail, d' am bheil Iosa Criosd 'na thùs agus 'na chrioch ; 
is e an tùs e, oir tha e beò annta agus " a' bheatha a ta 
iad a' caitheadh, is ann tre chreidimh Mhic Dhè," Gal. ii. 
20. A' chrioch, oir tha iad beò dhasan ; agus dhoibhsan 
a " bhi beò, is e sin Criosd," Philip. i. 21. Tha dleasnais 
na diadhachd, anns an t-saoghal, cosmhuil ri clann gun 
athair, ann an luideagaibh ; cha ghabh cuid a stigh iad, a 
chionn nach robh gràdh riamh aca dhoibhsan no d' an 
Athair ; gabhaidh cuid a stigh iad a chionn gu 'm feud 
iad a bhi feumail dhoibh : ach tha na naoimh gun gabh- 
ail a stigh air son an Athar ; 'se sin, air son Chriosd ; agus 
tha iad ionmhuinn 'nan suilibh, a chionn gu bheil iad cos- 
mhuil risan. ! cia as a ta beatha nuadh nan naomh ! 
Gu cinnteach cha b' urrainn dhi bhi air a fàsgadh a mach 
à cumhachd nàdurra an anama, le neart gach uile chumh- 
achd cruthaichte an ceann a cheile. Ann an aimrideachd 
shiorruidh, bhiodh am bolg air a dhruideadh suas, ach, air 
bhi dhoidh air am posadh ri Criosd, bheir iad a mach tor- 
adh do Dhia, Eom. vii. 4. 

Ma dh' fheoraicheas sibh dhiom, Cionnus a dh' fheudas 
bhur beathachadh, bhur fàs, agus bhur toradh, a bhi air an 
toirt air %m aghaidh ? Bheirinn am beagan chomhairlean 
so. (1.) Dean obajr chinnteach dheth do cheangail ris 
an stoc, le creidimh* neo-chealgach, agus bi air t' fhaicill 
o 'chealgaireachd : A'* gheug nach 'eil fallain 'na cridhe, 
seargaidh i gu cinnteach. Tha craobhan suidheachaidh 
an Tighearna, 'nan craobhan fireantachd, Isa. Ixi. 3. Mar 
sin, an uair a tha muinntir eile a' seargadh, bheir iadsan a 
mach toradh. Tha cealgaireachd 'na galar ann am beatha 
na diadhaidheachd, a chaitheas air falbh an t-iomlan mu 
dheireadh : Is toll air an t-soitheach i, a chuireas gu cinn- 
teach fodha i. Ni treibhdhireas ann an gràs maireannach 
i, air co lag as gu 'm bi i : mar am meangan a's caoile a ta 
fallain aig a' chridhe, tarruingidh e beathachadh o 'n stoc, 
agus fàsaidh e, 'nuair nach urrainn a gheug ghrod as airde, 
gu brath i fèin a leasachadh, a chionn nach 'eil i a' 
faotainn beathachaidh. (2.) Saothraichibh gu bhi seas- 
mhach ann am firinnibh agus slighibh Dhè. Tha inntinn 
neo-shuidhichte agus iomlaideach 'na namhaid mhor do 
fhas agus do thoradh Chriosdaidh, mar tha 'n t-abstol a' 



300 

teagasg, Eph. iv. 14, 15. " Chnm as nach bi sinn à so 
suas 'nar leanabaibh, air ar tonn-luasgadh, agus air a' giulan 
mu 'n cuairt leis gach uile ghaoith-teagaisg ; ach a' labh- 
airt na firinn ann an gradh, gu 'm fas sinn suas anns na 
h-uile nithibh chuige-san a's e an ceann, eadhon Criosd." 
Cha chruinnich clach chuairteig coinneach, agus ni inntinn 
mi-sheasmhach beatha neo-thorrach. Ged a bhios craobh 
fallain gidheadh cionnus a dh'fheudas i f as no bhi . tor- 
ach, ma bhios i a ghnath air a h-atharrachadh o aon àite 
gu àit eile? (3.) Dean dìchioll air na meangain a ghear- 
radh dheth, mar ni garadairean chum gu 'm fas an craobh- 
an. Is iad sin ana-mianna neo-cheannsuichte : " Uime 
sin, claoidhibh bhur buill a ta air an talamh," Col. iii. 5. 
'Euair a fhuair na h-Israeilich biadh d'an ana-miannaibh 
fhuair iad caoile d'an anamaibh. Ise aig am bheil mor- 
an do chloinn ocraich m' a laimh, agus d'an èigin a bhi 
a ghnath a' cur nam beoil, bithidh gu leoir aice r'a dhean- 
amh mìr a chur 'na beul fèin. Is eigin doibhsan le 'm bu 
mhaith an anama a shoirbheachadh, iarrtuis agus an-togradh 
na colla a dhiultadh. 

San àite mu dheireadh, Deanaibh cleachdamh, do òr- 
duighean Dè, chum gu 'n ruig sibh air na nithibh sin. Is 
iad cuirte ar Du, an t-àite anns an tig craobhan na 
fireantachd fo bhlàth, Salm xcii. 13. 'S iad uisgeachan an 
ionaid naoimh na meadhonna a chaidh orduchadh le Dia, 
a thoirt air a shluagh fàs suas mar gheugaibh seilich ri 
taobh nan sruth-chlaisean. Uime sin òlaibh a stigh le 
" h-iarrtus bainne fior-ghlan an fhocail a chum as gu fas sibh 
leis," 1 Phead. ii. 2. Thigibh a dh'ionnsuidh tobraiche 
na slainte ; cha 'n ann a mhàin a dh'amharc orra, ach a 
tharruing uisge asda. Tha sacrameint suipeir an Tigh- 
earna, air dhoigh araidh, air a comharrachadh chum na 
criche sin : cha'n e mhàin gu bheil i 'na h-aidmheil fhol- 
laiseach, agus 'na seula air ar n-aonadh agus co-chom- 
unn ri Criosd ; ach tha i 'na mheadhon a chum co-chomunn 
dluth ris, agus a neartachadh ar n-aonadh ris, ar creidimh, 
ar graidh, ar n-aithreachas, agus grasari eile, 1 Cor. x. 16. 
" Cupan 'a bheannachaidh a ta sinne beannachadh, nach e 
comunn fola Chriosd e % An t-aran a ta sinn a' briseadh, 
nach e comunn cuirp Chriosd e ì " Agus caib. xii. 13. 
" Thugadh d(;och r' a h-òl duinn uile chum aoin Spioraid." 
Thugaibh sibh fèin gu-h-urnuigh ; f osglaibh bhur beoil 



301 

gu farsaing, agus lionaidh e iad : leis na meadhonna sin 
feuclaidh na geuga a ta ann an Criosd a bhi ni 's mò air am 
beathachadh, fàs suas, agus mor-thoradh a thoirt a mach. 

'Si 'n seachdamh sochair, Measan na naomhachd aca bhi 
air an deanamh taitneach am fianuis an Tighearna. Ged 
tha iad neo-iomlan, tha iad air an deanamh taitneach, 
a choinn gu bheil aileadh Chriosd diubh, an stoc beannaichte 
sin air am bheil na geuga a' fàs ; 'nuair a tha measan dream 
eile air an cur air cul le Dia, Gen. iv. i, 5. " Agus bha 
meas aig an Tighearn air Abel, agus air a thabhartas : 
ach air Cain, agus air a thabhartas, cha robh meas aige." 
Coimeas, Eabh. xi. 4. " Tre chreidimh, thug Abel suas do 
Dhia iobairt ni b' fhearr na Cain." cia co-fada 'sa ta 
dleasnais nan naomh goirid an suil an lagna ! Tha 'n 
creideach è" fèin a' toirt fa'near iomadh peacadh 'na 
dhleasnais a's fearr, gidheadh tha 'n Tighearn a' gabhail 
gu gràsmhor riu. Cha'n 'eil gràs a ta air a shuidheachadh 
anns a' chridhe, aig nach 'eil luibh do thruaillidheachd 
dluth dhi, fhad 'sa tha na naoimh san t-saoghal iosal .so: 
cha'n 'eil am fior threibhdhireas gun choimeasga do mheall- 
taireachd no do cheilg, Gal. ii. 13. Uaith so tha failinn 
ann an cleachduinn na h-uile gràis, ann an coilionadh gach 
uile dleasnais : Tha nàdur truaillidh a ghnath a' sileadh 
ni-eigin a ta cur smal air an oibre a's fearr. Tha fath- 
ast coimeasga do dhorchadas an cois an soluis a's deal- 
ruichte : gidheadh cha'n ; eil so 'na bhacadh ann an gabhail 
riu, Dan-Shol. vi. 10. " Co ise a chithear mar a' mhad- 
uinn ì " no mar bhriseadh na fàire ? Feuch mar a ta ceile 
Chriosd measail agus taitneach le a Tighearn, eadhon na 
uair a ta i 'g amharc a mach mar a' mhaduinn, aig am 
bheil a maise air a choimeasga le duibhre na h-oidhche ! 
'JSTuair a bha mhaduinn ag amharc a mach, mar tha'm 
focal a' ciallachadh, Breith. xix. 26. Sin ri radh, ann an 
sgarthanaich an la, mar a tha sinn a' leughadh. Mar sin 
tha ceud-thoiseach a' ghràis, agus deadh-ghean do Chriosd, 
an gràs a ta dearsadh a mach tre mheall dorchadais, ann 
an creidich, tha i ionmhuinn agus taitneach dhasan, 
mar a ta briseadh na fàire do'n fhear-turuis sgith. Ged 
tha fuìgheaìl an ana-creidimh a' toirt air laimh a' chreid- 
imh aca crith agus criothnachadh, gidheadh tha'n Tigh- 
earna co toilichte leatha, as gu bheil e deanamh feum d.hi 



302 

a ghiulan maitheanais agus comhnadh gràis, o chaithir nan 
gràs agus o thobar nan gràs. Bha 'chreidimh-san eifeach- 
dach, a ghlaodh a mach agus a thubhairt, le deoir. " A ta 
mi creidsinn a Thighearn ; cuidich thusa le m' mhi-chreid- 
imh," Marc. ix. 24. Ged tha fuigheall nan aignidhean 
feolmhor a' deanamh lasair a' ghaoil aca anmhunn agus 
ceothach, tha e tionndadh a shuilean o 'n cheò, agus ag 
amharc air an lasair, cia co sgiamhach as a ta i, Dan Shol. 
iv. 10. Cia aille a ta do ghràdh, a phiuthar a cheile ! 
Tha faile an trusgian naomhachd san taobh a stigh, ged 
tha e neo-iomlan, mar fhàile cubhraidh Lebanoin, rann 
11. agas sin do bhrìgh gu bheil iad air an comhdach- 
adh le eididh am Bràthar a's sine, a ta toirt air cloinn 
Dè a bhi cur faile cubhraidh dhiubh, mar fhaile fearainn 
a bheannaich an Tighearna. Tha 'n deadh-oibre air an 
deanamh taitneach : an cupain do uisge fuar, a bheir 
iad seachad de dheisciobuil ann an ainm deisciobuil, cha 
bhi gun dua'iS. Ged nach urrainn dhoibh, or, airgiod, agus 
umha, agus clachan onics, a thoirt leo mar thabhartas 
chum an teampuill, thigeadh iad air an aghaìdh leis na th' 
aca, ged nach bitheadh ann ach fìonna-ghabhar, cha dean- 
ar tàir air ; ged nach bitheadh ann ach croicinn ritheach- 
an, gabhar gu caoimhneil riu, oir tha dath dearg orra, air 
dhoibh a bhi tre chreidimh, air an tumadh ann am fuil an 
Eadar-mheadhonair, agus mar sin air an tabhairt suas an 
lathair Dhè. Obair bheag air a deanamh ann an creidimh, 
agus o chreidimh, ged nach biodh innte ach togail balla 
mu 'n bhaile " is obair mhor i," Neh. vi. 3. Ged nach 
bitheadh ann ach bocsa do ola ungaidh air a bhuileachadh 
air Criosd, cha teid gu brath a dhi-chuimhneachadh, 
Mat. xxvi. 13. Eadhon, " cupan a dh' uisge fuar a mhain 
r'a òl a thabhairt a dh' aon do mhuinntir bheaga Chriosd, 
ann an ainm deisciobuil, gheibh e dhuais," Mat. x. 42. 
Seadh, cha'n 'eil focal maith a thig o'm beòil air son Chriosd, 
nach bi air a chur sios ann an leabhar-cuimhne Dhè, Mal. 
iii. 16. 'S cha mhò a shileas deur o'n suilibh air a shonsan, 
" nach cuir e 'na bhuideal," Salm lvi. 8. Gabhar r' an toil 
an àite a ghniomh ; r' am bròn air son uireasbhuidh na 
toile, an àite na toile fèin. 2 Cor. viii. 12. " Oir ma bhios 
air tùs inntinn thoileaeh ann, gabhar ris a reir mar a ta 
aig neach, agus ni h-ann a reir nan nithe nach 'eil aige." 
Tlia 'n osna, 'nuair nach urrainn dhoibh cainnt a clmr 



303 

air an iarrtuis, air an eisdeachd ann an neamh ; tha aithne 
mhaith air suim an osna an sin, agus bithidh iad air am 
pilleadh cosmhuil ris a' choluman le duilleach do chraoibh 
ola na slth, 'na beul. Faic Rom. viii. 26, 27. 'S fearr am 
peghinn acasan, no talanna muinntir eile ; tha 'm mabair- 
eachd agus am briathran briste, ni 's taifcnichne, d' an Athaii 
air neamh, no na briathra a 's aluinne agus a 's deas-fhoc 
laiche a ta aca-san nach 'eil ann an Criosd. Tha 'n guth 
binn, eadhon an uair a tha nair orra gu 'm biodh e air a 
chluinntinn ; tha 'n aogas maiseach, eadhon an uair a tha 
iad fo ruidheadh gruaidh, agus a' cur sgaile air, Dan Shol. 
ii. 14. Tha 'n t-Eadar-mheadhonair a' gabhail an ath 
chuinge, a' dubhadh a mach cuid diubh, a' cur cuid eih 
dhiubh ceart, 'gan cur an làthair an Athair ; an lorg sin, 
gabhar riu ann an cuirt neimh. 

Tha na h-uile fior Chriosdaidh 'na theampull do Dhia. 
Ma sheallas sibh airson iobairtean cha 'n 'eil iad folamh dhiu 
an sin ; tha iad ag iobradh iobairt molaidh, agus tha iad a' 
deanamh maith ; a ta an leithidesin do iobairtibh taitneach 
do Dhia," Eab. xiii. 15, 16. 'Se Criosd fèin an altair a 
ta naomhachaidh an tiodhlaic, rann 10, ach ciod a thig 
ris na croicinn agus ri aolach an iobairtean 1 Tha iad 
air an giulan air falbh an taobh a mach do 'n champ. 
Ma sheallas sinn air son tùise, tha e an sin mar an ceudna : 
tha grasan an Spioraid air am faotainn 'nan cridheachan ; 
agus lasaidh Spiorad Chriosd air a cheusadh iad, agus cuir- 
idh e an cleachdamh iad, cosmhuil ris an teine a thugadh 
o altair na h-iobairt loisgte, a chur na tùise 'ria lasair ; an 
sin tha iad ag eirigh suas gu neamh, mar stuadhaibh cleath- 
aich, Dan Shol. iii. 6. Ach fagaidh an tùis a's fearr luaith 
'na deigh : Fagaidh gun amharns ; ach, mar a thug an 
sagart air falbh luaith na tùise ann an soitheach òir, agus 
a thilg e mach i ; mar sin tha ar n-Ard-shagart mòr a' 
thabhairt air falbh na luaithre, agus gach ni taireil do sheir- 
bhis naoimh le eadar-mheadhonaireachd as an leth. 

'Si 'n t-ochdamh sochair a ta sruthadh o aonadli ri Criosd, 
daingneachadh, (no buan-mhaireannachadh.) Cha'n urr- 
ainn do'n Chriosdaidh tuiteam air falbh, ach is eigin da 
buanachadh gus a' chrioch, Eoin x. 28. " Cha sgriosar 
iad am feasd, ni mò a spionas neach air bith as mo 
laimh iad." Gun amharus mur bi geug ceangailte 
ris an stoc, tuitidh i air falbh, 'nuair a dh' eireas gaothan 



304 

cratliaìdh ; ach seasaidh na geugan a ta ceangailte ris an stoc 
daingean, ciod sam bith gaothan a sheideas. Air nairibh 
eiridh gaoth dhoinionnach buairidh o ifrinn, agns luaisgidh 
i na geugan ann an Criosd, an fhionain fhior ; ach 's e 'n 
aonadh risan an tearuinnteachd : feudaidh iad a bhi air an 
gluasad, ach bhi air an gluasad air falbh cha'n fheud iad ; " ni 
an Tighearna maille ris an deuchainn, slighe dol as mar an 
ceudna," 1 Cor. x. 13. Cha mhair ciune fada, tha gaoth 
eigin a' seideadh gach uair ; agus, air an aobhar sin, is 
ainmic a tha geuga gu h-uile aig fois. Ach, tha air uairibh, 
gaothan ainneartach ag eirigh, a ta bagradh an reubadh o'n 
stoc ; 's ann eadhon mar sin a ta chuis maille ris na naoimh ; 
tha iad gach la air an cur chuige, a chumail an ceuma an 
aghaidh buairidh. Ach,, tha air uairibh, gaoth o ifrinn ag 
eirigh co ard, agus a' seideadh co ro gharg, as gu bheil i 
tabhairt eadhon air na geuga-mullaich a bhi sguabadh an 
talmhainn ; gidheadh, air dhoibh a bhi ceangailte ri Criosd 
an stoc, tha iad ag eirigh an àird a rìs, a dh' aindeoin uile 
ionnsuidhean gairg uachdarain cumhachd an athair, Salm 
xciv. 18. " 'Nuair a thubhairt mi, tha mo chos air sleamh- 
nachadh uam, chuni do throcair, a Tighearna, suas mi." 
Ach tha 'n Criosdaidh a' deanamh feum maith do 'n 
deuchainn so ; agus tha e co fada o challdach fhaotainn uaith, 
as gu bheil buannachd aige leis, co fad as a tha e nochdadh 
ciod an greim a th' aig an anam do Chriosd, agus ciod an 
greim a th' aig Criosd do 'n anam. Agus amhairc, mar tha 
ghaoth a th' anns an builg-sheididh a chuireadh as a' 
choinneal, a' fadadh suas an teine ; 's ann mar sin eadhon 
a ta e gu tric a' tachairt, gu bheil an leithide sin do 
bhuairidhean a' beothachadh an fhior Chriosdaidh, a' 
dusgadh gràsan an Spioraid ann ; agus, leis a' mheadhon 
sin, a' nochdadh dha araon cinnt agus neart a' ghràis ann. 
Agus uaith so, tha Luter, an duine mòr sin le Dia, ag ràdh, 
" gur fearr aon Chriosdaidh a fhuair faireachdain air 
buaireadh, no mile do mhuinntir eile." 

Tha air uairibh gaoth dhoinionnach do thrioblaid agus 
do gheur-leanmhuinn o dhaoine an t-saoghail, a' seideadh 
air an fhionain, se sin Criosd diomhair : ach tha aonadh 
ris an stoc, 'na dhion gu leòr do na geugaibh. Ann an àm 
sith agus soirbheachaidh o'n taobh a mach san eaglais, 
fhad 'sa tha na h-aingle a' cumail nan gaotha a chum 
nach sèid iad, tha mòran do gheugaibh air an gabhail 



305 

agus air an cur san stoc nach 'eil idir air an aonadh ris, 
no air am beathachadh leis, ged tha iad air an cean- 
gal ris, ceanglaichibh orduighean o 'n taobh a mach. 
A nis, feudaidh iad sin seasamh car aimsir air an stoc, 
agus- seasaidh iad le socair mhòr, fhad 'sa mhaireas a 
chiùne : ach, an uair a dh' eireas an doinionn, agus a 
sheideas na gaotha ; tòisichidh iad air tuiteam dheth, aon 
an deigh a chèile ; agus mar is àirde dh' eireas a' ghaoth, 
's ann is mò bhios an t-aireamh a thuiteas. Seadh, bheir 
cuid do na geuga laidir a ta do 'n t-seorsa sin, le 'n cudthrom, 
'nuair a thuiteas iad, air geuga eile, a ta d' an seorsa fèin, 
tuiteam sios chuni na talmhainn maille riu ; agus bruth- 
aidh agus pronnaidh iad sios cuid do fhior gheugaibh air 
a leithid do dhoigh, as gu 'n tuiteadh iadsan dheth mar an 
ceudna, mur bitheadh iad dluth-cheangailte ris an stoc ; ach 
do bhrìgh, gu bheil iad dluth-cheangailte ris, togaidh iad an 
cinn a rìs, agus cha 'n urrainn dhoibh tuiteam dheth, a chionn 
a ghreim f eann a th' aig an stoc dhiubh. 'S ann an sin a tha 
e tachairt, gu bheil moran gheuga, a ta air uairibh àrd agus 
uachdrach air am faotainn air an talamh seargta, agus iom- 
chuidh air a' bhi air an cruinneachadh suas agus a bhi air 
an tilgeadh do 'n teine, Mat. xiii. 6. " Agus air èirigh do'n 
ghrèin dhothadh e, agus do bhrìgh nach robh freumh aca, 
shearg iad as." Eoin xv. 6. " Mur fan neach annamsa, 
tha e air a thilgeadh a mach mar ghèig, agus a' crionadh ; 
agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad san teine iad, 
agus loisgear iad." Ach, ciod air bith co doinionnach 'sa 
shèideas na gaotha, cha bhi aon do na geugaibh a chaidh a 
shuidheachadh da rireadh, eadhon iadsan a tha dluth-chean- 
gailte ris an stoc air chall, 'nuair a bhios an doinionn air a 
tionndadh gu ciùine, Eoin xvii. 12. " Ghleidh mi a' mhuinntir 
a thug thu dhomh, agus cha d~ chailleadh a h-aon diubh." 
Seasaidh am meangan a 's lugha ta fàs ann an Criosd ris, 
agus beathaichear e, 'nuair a bhios na Seudair a 's àirde, a 
ta fàs air am freumh fèin, air an leagail co iosal ris an 
talamh, Rom. viii. 35. "Cò sgaras sinn a ghràdh Chriosd ? 
an dean trioblaid, no àmhghar, no geur-]eanmhuinn, no 
gorta, no lomnochduigh, no cunnart no claidheamh ? " 
Faic rann 36 — 39. Ciod air bith co teann 'sa dh' fheudas 
Israel a bhi air a chriathradh, gidheadh cha tuit an grainne 
as lugha, no mar a ta e sa' cheud chainnt, clach bheag air 
an talamh, Amos ix. 9. Tha sùil aige so ri bhi criathradh 

u 



306 

mìn-chlacha luachmhor o mheasg meall do dhuslach agus 
do ghaineamh ; ged thuiteas a' ghainmheach agus an 
duslach air an talamh, ged bhios iad air an sèideadh air 
falbh leis a' ghaoith, agus air an saltairt fo chosaibh ; gidh- 
eadh cha tuit urrad agus clach bheag air an talamh 's co 
chuimseach a tha 'n criathar, agus curam an fhir-chriath- 
raidh. Cha 'n 'eil ni as luaith a thuiteas air an talamh no 
clach; gidheadh ma tha luchd-aidmheil a' chreidimh 'nan 
clachaibh beò, air an togail air Criosd, an àrd-chlach- 
oisinn, ged tha iad 'nan clachaibh beaga, cha tuit iad a dh'- 
ionnsuidh na talmhainn, ciod air bith an doinionn a bhuail- 
eas orra, Faic 1 Phead. ii. 4, 5, 6. Tha na h-uile siol maith 
a ta ann an eaglais Chriosd, do 'n ghnè so : is clachan iad, 
a thaobh an daingeannachd ; agus is clacha beo iad, 
a thaobh an beothalachd. Ma bhios daoine 'nan Criosd- 
aidhean daingean, bunaiteach, cha bhi iad mar mholl, air 
an luasgadh chuige agus uaithe leis na h-uile gaoith ; air 
dhoibh urrad do 'n bheothalachd a bhi aca 's nach 'eil a bheag 
sam bith do 'n chloich annta. Agus ma tha iad 'nan Criosd- 
aidhean beothail, aig am bheil an spioraid gam brosnuch- 
adh, mar a rinn spiorad Phoil. " 'Nuair a chunnaic e am 
baile làn iodhol-aoraidh," Gniomh. xvii. 16. cha luigh iad 
cosmhuil ri clachan, gu bhi air an tionndadh thairis, a 
null agus a nall, gu bhi air an gearradh agus air an snaigh- 
eadh, a reir mianna dhaoine, air dhoibh urrad do'n chloicli 
a bhi annta, as nach fàg ni sam bith do 'n bheothalachd aca. 
Tha tigh ar Dè-ne 'na thigh mòr, anns am bheil cha 'n e 
mhàin soithichean òir, ach mar an ceudna talmhainn, 2 
Tim. ii. 27. Tha iad araon ullamh air salachar a ghlacadh ; 
agus uime sin, an uair tha Dia a' tabhairt trioblaid air an 
eaglais, tha sùil aige riu araon. A thaobh nan soithichean 
òir, cha 'n 'eil iad air an sgrios, ach air an glanadh le deuch- 
ainn theinntich ann an amhuinn na trioblaid, mar a ghlanas 
òr-chearda an òr, Isa. i. 25. "Agus pillidh mi mò làmh 
ort, agus glanaidh mi uait do shalachar." Ach thig milleadh 
air na soithichean criatha, bithidh iad air am briseadh 'nam 
bloighdibh, mar shoitheach criadhadair, rann 28. " Agus 
bithidh claoidh no briseadh do luchd-eusaontais, agus 
pheacaich, maraon." Tha suil aig ris an lagh sin, a bhi 
airson briseadh shoithichean creadha, 'nuair a bha iad neo- 
ghlan; am feadh a bha soithichean fìodha, agus mar an 
ceudna soithichean òir a mhain air an glanadh, Lebh. xv. 1 2. 



307 

'Si 'n naothadh sochair cumail suas no taice. Ma tha 
thusa ann ad gheig air do shuidheachadh ann an Criosd, 
giùlainidh an f hrèumh thu. Leigidh an creideach a thaice 
air Criosd, mar leigeas hean lag air turus, a taice air a 
fear gràdhach, Dan Shol. viii. 5. Taicidh se e fèin ris mar 
a ni seann duine fann air a bhata, Isa. l. 10. Leagaidh se 
e fein air, mar a leagas neach eallach nach urrainn dha 
ghiulan bharr a dhroma fèin air neach eile a ta comasach air 
a giulan, Salm xxii. 8. Tha iomadh cudthrom an croch- 
adh ris na geuga a ta ann an Criosd an Fhior-fhionain agus 
gan cumail sios, ach tha fios agaibh, ciod air bith cud- 
throm a ta 'n crochadh air geugaibh, gu 'n giulain an stoc 
an t-iomlan ; giulainidh e a' gheug, agus an cudthrom a ta 
oirre mar an ceudna. 

1. Cumaidh Criosd suas iadsan a ta creidsinn ann fo 
chudthrom trioblaidean o 'n taobh a mach. Is farsuing an 
gealladh sin, Isa. xliii. 2. "An uair a shiubhlas tu trid 
nan aimhnichean, cha tig iad tharad." Faic mar a fhuair 
Daibhidh cobhair fo uallach trom, 1 Sam. xxx. 6. Bha 
bhaile Siclag aig air a losgadh, a mhnai air an toirt air 
falbh 'nam braighdibh, labhair a dhaoine air a chlachadh ; 
cha robh ni air fhagail aige ach a Dhia agus a chreidimh : 
ach, le chreidimh, ghabh e misneach dha fèin 'na Dhia. 
Tha 'n Tighearn a' teachd agus a' cur a chrann-cèusaidh 
air guaillibh a shluaigh, tha sin 'gam bruthadh sios, tha 
iad cosmhuil ri bhi air an slugadh suas fuidhe, agns air an 
aobhar sin, tha iadsan ag eigheach, A Mhaighstir tearuinn 
sinn, tha sinn caillte ! Ach tha e tabhairt cobhair dhoibh, 
fo 'n uallach, tha e 'gan cumail suas, agus giulainidh iad 
an crann-cèusaidh. Mar so air do 'n Chriosdaidh, cudthrom 
a bhi aige do thrioblaidean o 'n taobh a mach, theid e gu h- 
eutrorn fo 'n uallach ; air dha leis a sin na gàirdeana siorr- 
uidh a bhi fuidhe. Tha tobar do shòlas aig a' Chriosdaidh, 
nach urrainn da chall; agus uime sin cha 'n 'eil e uair 
sam bith gun ni-eigin aige ga chumail suas. Ma tha 
aig neach a bheartas uile ann an airgiod, feudaidh na 
creachadairean a thoirt air falbh, agus an sin ciod tuilleadh 
a th' aige? Ach ged chreachar fear-fearainn d'a chuid 
airgid, gidheadh tha fhearann aige gu chumail suas; feud- 
aidh iadsan a tha togail an comhfhurtachd air nithibh 
maith an t-saoghail, a bhi gu h-ealamh gun chomhfhur- 
tachd : ach bithidh comhfhurtachd acasan, a ta ann an 



308 

Criosd, 'nuair a bhios uile shruthan nan solasan saoghalta 
air tiormachadh suas, Iob vi. 13. "Nach 'eil mo chabhair 
annam fèin'? Agus an d' fhuadaicheadh gliocas uaml" 
Mar gu'n abradh e, ged dh'fhalbh mo mhaoin ; ged dh'- 
imich mo sheirbhisich, mo chlaim, mo shlainte agus fallain- 
eachd mo chuirp, uile uani; gidheadh cha d' imich mo 
ghràs uam : ged dh' ioniain na Sabeanaich air falbh mo 
dhaimh agus m' asailean, agus ged dh' iomain na Caldean- 
aich air falbh mo chàmhalaibh ; cha d' fhògair iad air falbh 
mo chreidimh agus mo dhòchas mar an ceudna : tha iad sin 
f athast annam, cha d' iomaineadh uam iad ; air chor as leo sin 
gur urrainn dhomh comhfhurtachd a thoirt o neamh, 'nuair 
nach urrainn dhomh comhfhurtaehd a thoirt o'n talamh. 

2. Bheir Criosd cobhair d'a shluagh fo uallach do thriob- 
laidean agus do mhi-mhisnich o'n taobh a stigh. Is iom- 
adh uair a ta 'n cridhe agus am feoil a' failneachadh, ach 
an sin is e Dia neart an cridhe, Salm lxxiii. 26. Feud- 
aidh iad cudthrom cionta bhi aca gan sàruchadh : is eal- 
lach so a bheir air an druim cromadh, agus air an spiorad 
dol fodha. Àch bheir e dhiubh i, agus cuiridh e maitheanas 
'nan laimh, am feadh a ta iad a' tilgeadh an eallaich air- 
san. Gabhaidh Criosd an t-anam, mar a phòsas neach 
bantrach fuidh uallach do fhiachaibh, agus mar sin, 'nuair 
a ta 'n luchd-fiach a' teachd a dh' ionnsuidh cèile Chriosd, 
bheir i dh' ionnsuidh a fir iad, aidichidh i na fiacha, cuir- 
idh i an ceill nach 'eil i comasach air an iocadh, agus cuir- 
idh i an t-iomlan airsan. Caillidh an Criosdaidh air uair- 
idh, tre neo-churam, an litir-fhuasglaidh ; cha 'n urrainn dha 
faotainn, ciod sam bith mar a rannsaicheas e air a son. 
Gabhaidh an lagh an cothrom sin, agus togaidh e suas 
cuis-thagraidh 'na aghaidh air son fiacha a chaidh a dhiol- 
adh cheana. Folaichidh Dia a ghnuis, agus tha 'n t-anam 
ann an trioblaid. Theid iomadh saighead a nis tre 'n an- 
am ; tha iomadh cunntas fada an aghaibh an duine, a ta 
e leughadh agus ag aideachadh. 'S tric a chi e na maoir 
a' teachd gu ghlacadh ; agus dorus a' phriosain fosgailte gu 
ghabhail a steach. Ciod eile a chumas e o dhol fodha gu 
tur fuidh leithid so do mhi-mhisnich anns an staid so, ach 
gu bheil gairdeine siorruidh an Eadar-mheadhonair fuidhe, 
agus gu bheil e a' taice ris an Urras mhòr? A thuill- 
eadh air so, feudaidh iad cudthrom do ana-miannaibh 
làidir a bhi gan cumail sios; tha corp bàis aca: is eallach 



309 

am bàs a tha fàsgadh an anama mach as a' chorp : Bhith- 
eadh cos no laimh bàis, ma dh'fheudas mi labhairt mar 
sin, 'na h-eallaich uamhasach dhoibh ! Luidhidh air uair- 
ibh aon ana-miann beothail co trom air leanabh Dhè, as 
nach mò as urrainn dha gluasad, na b-urra do leanaban, 
famhair a chur uaith fèin : cionnus uime sin a ta iad air an 
cumail a suas fuidh chorp iomlan bàis? Is ann, a chionn 
gu bheil an còmhnadh o an fhreumh a ta 'gan giùlan, o 
na gàirdeinibh siorruidh a ta fodhpa : tha ghràs foghain- 
teach air an son, 2 Cor. xii. 9. Cha 'n e gràs Dè san 
taobh a stigh cul-taic a' chreidich ; is tobar sin, a dh' 
fheudas air uairibh ruith tioram ; ach is e gràs Dè an 
taobh a mach dheth, an gràs a ta ann an Iosa Criosd; a 
ta 'na thobar a ta do ghnàth a' sruthadh, gus nach urrainn 
do 'n chreideach teachd uair sam bith an diomhain. Oir 
tha 'n t-abstol ag innseadh dhuinn san rann sin fèin, gur 
e cumhachd Chriosd e. " Is ro thoiliche, uime sin, deir e, 
a ni mi uaill à m' anmhuinneachdaibh, chum gu 'n gabh 
cumhachd Chriosd còmhnuidh orm," no, gu 'n gabh e 
còmhnuidh os mo cheann ; mar a rinn nèul na glòire air na 
h-Israelich, a sgaoil Dia mar chòmhdach, no mar fhasg- 
adh dhoibh anns an fhàsach, Salm cv. 39. Coimeas Isa. 
iv. 5, 6. Air chor as gu bheil an creideach, anns a' 
chòmhrag so, cosmhuil ri iolair, a' dh'itealaicheas air tùs 
suas, le creidimh, agus an sin a thig a nuas air a' chreich, 
Salm xxxiv. 5. "Dh'amhairc iad air, agus shoillsicheadh 
iad." Agus, fadheòidh, tha cudthrom anmhuinneachd agus 
uireasbhuidh orra, ach tilgidh iad an eallach sin air an 
Tighearn, an neart agus cumaidh esan suas iad, Salm lv. 22, 
Le 'n uile uireasbhuidhean agus anmhuinneachda, tha iad air 
an tilgeadh airsan ; mar tha 'n leanabh bochd, lag agus lom- 
nochduigh, a' teachd a mach as a' bhroinn, air a thilgeadh 
ann an uchd neach a chuireadh air leth gu curam a ghabh- 
ail deth, Salm xxii. 10. Ged bhios iad gun dion mar phreas 
anns an fhàsach, air am feud cos na h-uile beathaich saltairt 
sios, bheir an Tighearna aire orra, Salm cii. 17. Cha 'n 
iongantach, ged bhitheas an lus a's maoithe tearuinte ann 
an lios ; ach tha ar Tighearn Iosa Criosd 'na ghàradh dìdein 
d' a mhuinntir lag agus uireasach, eadhon ann am fàsach. 

Ceisd. Ach, ma tha na naoimh air an cumail suas, cion- 
nus a ta iad a' tuiteam co tric ann am buaireadh agus fo 
dhiobliail misnich 1 ? Freag. (1.) Ciod air bith co fada 



310 

'sa tha iad a' tuiteam aig aon àm, cha tuit iad gu bràth gu 
tur air falbh ; agus is ni mòr sin : tha iad air an gleidh- 
eadh le cumhachd Dhd, tre chreidimh, chum slainte, 
1 Pead. i. 5. Feudaidh cealgairean tuiteam, air chor as 
gu 'n tuit iad air falbh, agus taiteam ann an slochd, mar a 
thuiteas soitheach-uisge ann an tobar, 'nuair a bhriseas an 
t-slabhraidh : ach ged dh'fheudas leanabh Dhè tuiteam, 
agus sin co-iosal as gu teid an t-uisge thar a cheann ; 
gidheadh tha fathast bann-cheangail eadar Criosd agus 
esan, cha 'n 'eil an t-slabhraidh air a briseadh, cha teid 
e dh'ionnsuidh na talmhainn, bithidh e air a tharruing 
suas a rìs, Luc. xxii. 31, 32. "Agus a dubhairt an Tigh- 
earn, a Shimoin, a Shimoin, feuch, dh'iarr Satan sibhse, 
chum bhur criaradh mar chruineachd ; ach ghuidh mise 
air do shonsa, nach diobradh do chreidimh thu." (2.) Tha 
leagaidhean nan naomh, a sruthadh o 'n mhi-fhèum a ta 
iad a' deanamh d' an aonadh ri Criosd, gun a bhi deanamh 
fèum dheth le creidimh, gu 'n neartachadh no gu 'n cumail 
suas, Salm xxvii. 13. " Rachadh mo mhisneach air cùl, 
mur creidinn." Fhad 'sa chumas a' bhanaltrum an lean- 
abh 'na gàirdeinibh, cha tuit e dh'ionnsuidh na talmhainn : 
gidheadh, mur cum an leanabh neo-fhaicilleach a ghreim 
dise, feudaidh e tuiteam air ais 'na gàirdeinibh gu dhoch- 
air mhòr. Mar so bhris leagadh Dhaibhidh a chnàmhan, 
Salm li. 8. ach cha do bhris e bann a' cheangail eadar Criosd 
agus esaii ; cha robh an Spiorad naomh, bann a cheangail 
sin, air a thabhairt uaith, rann 11. 

'Si'ri t-sochair mu dheireadh, a dh'ainmicheas mi, cur- 
am àraidh an Treabhaiche, Eoin xv. 1, 2. " Is mise an 
Fhionain fhior, agus is e m' Athair an Treabhaiche. — 
Gach uile gheug a ta toirt toraidh, glanaidh e i, chum as 
gu 'n giùlain i tuilleadh toraidh." Tha creidich a thaobh 
an aonaidh ri Criosd, 'nan cuspairean air curam àraid Dhè 
agus a fhreasdail. Is e Criosd diomhair, fionain De ; cha'n 
'eil cuideachdan eile anns an t-saoghal, ach mar chroinn 
ola fiadhaich. Cha 'n 'eil daoine an t-saoghail, maille ri 
Dia ach mar fhearann iomallach, 's iad na naoimh fhionain, 
anns am bheil còir àraidh aige, agus curam àraidh mu 'n 
tiomchioll, Dan Shol. viii. 12. "Tha 'm fion-lios a's leamsa, 
fa m' chomhair." Is esan air nach tuit clò codail no suain, 
a fear-coimhid : Coimliididh e i, air eagal gu 'n dean neach 
coire dhi ; coimhididh e i dh'oidhche 's a là : ni esan aig 



311 

am bheil druchd neimh 'na laimh a h-uisgeachadh gach 
tiota, Isa. xxvii. 3. Deasaichidh agus glanaidh e i, chum 
gu 'n ghìlain i tuilleadh toraidh, Eoin xv. 2. Gearraidh e 
dheth na meangana draghail, a ta bacadh toradh na geigè : 
tha so air a dheanamh, gu h-àraid, leis an fhocal, agus le 
crann-ceusaidh nan trioblaidean, Feumaidh na naoimh 
ministrealachd an fhocail, co mòr 'sa dh'fheumas am fìon- 
lios neach a dheasachadh agus a bhearradh na fìon-chraobh- 
an, 1 Cor. iii. 9. " Is comh-luchd-oibre do Dhia sinn : Is 
sibhse treabhachas Dhè, is sibh aitreabh Dhè." Agus tha 
fèuni ac' air a chrann-ceusaidh mar an ceudna, 1 Pead. i. 
6. Agus, uime sin ged mheasamaid an crann-ceusaidh am 
measg nan sochairean a ta sruthadh do chreidich, tre 'n 
aonadh ri Criosd, tha mi am barail nach measamaid gu 
mearachdach. 'S cinnteach mi, gu bheil iad 'nam fulan- 
gais a' fulang maille ris-san, Kom. viii. 17. Agus tha na 
dearbh-chinnte a ta aca air a' chrann-cheusaidh, do nàdur 
geallaidh ni 's mò no bagradh, Salm lxxxix. 30 — 33, "Ma 
thrèigeas a chlann mo lagh, — An sin fiosraichidh mi le slait 
an eusaontas, agus le buillibh an euceart. Gidheadh, cha 
bhuin mi gu tur mo chaoimhneas gràidh uaith ; agus cha 
bhreugaich mi mo ghealladh." Tha so cosmhuil ri fear- 
teagaisg a ta gabhail os laimh d' a athair aig uair a' bhàis, 
gu 'n gabh e curam do 'n chloinn a th' air an earbadh ris ; 
agus gu 'n toir e dhoibh araon oilean agus teagasg, chum 
am maith. Tha coimhcheangal nan gràs gu cinnteach ag 
atharrachadh sleaghan na trioblaid gu coronaibh sgathaidh, 
dhoibhsan a ta ann an Criosd, Isa. xxvii. 9. "Le so, air 
an aobhar sin glanar aingidheachd Iacoib air falbh." C' ar 
son ma ta bhiodh sinn an corruich r' ar crann-ceusaidh ; 
c'arson a bhiodh eagal oirnn roimhe 1 Is eigin do 'n chreid- 
each a chrann-ceusaidh a thogail, agus a cheann feadhna, 
an Tighearn Iosa Criosd a leantuinn. Is eigin da crann- 
cèusaidh gach la a ghabhail air, Luc. ix. 23. " Ma 's àill le 
neach air bith teachd a' m' dheighsa, àicheadhadh se e fèin, 
agus togadh e 'chrann-ceusaidh gach la." Seadh, is eigin 
da crann-cèusaidh a laithean naomha thogail mar an ceud- 
na, Tuir. ii. 22. "Ghairm thu, mar air là suidhichte m' 
uamhasan air gach taobh." Bha aig eaglais na Iudhach, 
car ùin' fhada, iomadh coinneamh thaitneach anns an 
teampull, air laithibh suidhichte, air son seirbhis Dè; ach 
fhuair iad làithean suidhichte do sheorsa eile, 'nuair a 



312 

ghairm Dia feachd nan Caldeanach an ceann a cheile, mu'n 
teampull, agus mu 'n bhaile, a loisg an teampull, agus a 
dh'fhag Ierusalem 'na tòrr ! Agus a nis, air do eaglais 
Dhè a bhi fathast ann an staid dèuchainn anns an duthaich 
iosal so, cionnus nach pill na neòil an dèigh an uisgè? 
Ach tha crann-ceusaidh Chriosd (ni is e as ainm do thriob- 
laidean nan naomh,) 'na ainm caomh do 'n chreideach : Is 
crann-ceusaidh gun amharus i, ach cha 'n ann do ghràsan 
a' chreidich, ach d'a thruaillidheachdan. Feudaidh gun 
amharus an coslas ghrasan a ta sa' chealgoir, an anail dheir 
inneach chur a mach air crann-ceusaidh, mar a rinn coslas 
grais luchd-eisdeachd an fhearain chlochaich, Mat. xiii. 6. 
" Agus air do ghrian (na geur-leanmhuinn, rann 26.) èirigh, 
dhothadh e : agus do bhrìgh nach robh freumh aige shearg 
e as." Ach riamh fathast cha do bhàsaich aon do ghràsan 
a chreidich air a' chrann-ceusaidh so. Cha do bhàsaich, oir 
mar tha choinneal a' soillseachadh ni 's soilleire anns an 
oidhche, agus mar tha 'n teine a' losgadh ni 's dèine ann an 
reothadh teann ; mar sin tha gràsan a' chreidich, air a chuid 
is trice, ni 's beothaile ann an trioblaid. 

Tha taitneas agus mìllseachd àraid anns a' chrann-chèus- 
aidh, dhoibhsan aig am bheil an ceudfaidh air an cleach- 
damh gu breithneachadh, agus gu faotainn a mach. Tha 
millseachd àraidh ann an neach a bhi ga fhaicinn fèin ann 
an staid dearbhaidh air son neimh, agus ag iarraidh an 
deigh a ghuil air son glòir. Tha tlachd ann a bhi 'g imeachd 
thar na beanntaibh sin, far am faic an Criosdaidh lorg coise 
Chriosd fèin, agus cos-cheuma an trèud, a bha 'n taobh sin 
roimhe. Cia taitneach a tha e do naomh, ann an cleachd- 
adh gràis, a bhi faicinn mar tha Dia uile mhaith a' cur an 
aghaidh aomaidhean truaillidh, agus a' bacadh amaideachd ! 
Cia taitneach dha bhi faicinn nan gaduichean sin air a 
chrann-cheusaidh ! Cia mòr an tlachd a ta ann a bhi toirt 
fa'near, mar tha Dia a' tarruing air falbh lòin o ana-miann- 
aibh do-cheannsuichte, agus a' cur a leithid go ghainne 
orra, as gu 'm faigh an Criosdaidh fo uachdranachd iad. 
Gu firinneach, tha Pàrras an taobh a stigh do 'n ghàradh 
dhroighionn so. 'Stric a tha pobull Dè ann an ceang- 
laichibh, nach 'eil air am fuasgladh gus am bi iad air an 
ceangal le cuird na trioblaid. Tha Dia gan glacadh, agus 
gan tilgeadh ann an àmhuinn theinntich, a loisgeas dhiubh 
an cuibhrichean ; agus an sin, cosmhuil ris an triuir chloin- 



313 

ne, Dan. iii. 25. tha iad fuasgailte, a' coiseachd ann am 
meadhon an teine ! Bheir Dia d' a chloinn deoch-leighis 
le aon chungaidh shearbh ; mur oibrich sin orra, cuiridh 
e ann an dara àgus an treas cuingidh, agus mar sin, mar 
a bhios feum air, chum gun oibrich iad le cheile chum am 
maith, Eom. viii. 28. Le gaothan tarsuing greasaidh e iad 
d' an caladh. Gheibhear gu tric iad ann an leithid do 
shlighibh, as gur i an crann-ceusaidh an ceum a 's sona ris 
an coinnich iad : agus is maith a dh'fheudas iad failte chur 
orra mar a rinn Daidhidh air Abigail, ag radh, " Beann- 
aichte gu robh an Tighearna Dia Israeil, a chuir thusa an 
diugh a' m' choinneamh-sa ! " 1 Sam. xxv. 32. Tha nithe 
saoghalta gu tric 'nan eallaich co mòr do 'n Chriosd 
uidh, as gu bheil e ag imeachd gle mhall air an 
t-slighe gu nèamh. Tha Dia a' cur gaoth na trioblaid, a 
sheideas an eallach o ghuaillibh an duine : agus an sin 
siubhlaidh e ni 's luaithe air an shlighe ; an deigh do Dhia 
cuid do nithe breagha an t-saoghail a thabhairt uaith, a 
bha tarruing air falbh a chridhe o Dhia, Seph. iii. 12. 
"Fagaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an-shocrach 
agus diblidh : agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an 
Tighearna." Thugadh fa'near le Cinneach beusach, nach 
'eil eachdraidh a' deanamh iomradh air duine sam bith, a 
bha air a dheanamh ni b' fhearr le beartas. Tha mi an 
teagamh nach dean ar n-eachdraiclh sna h-amaibh am 
bheil sinne ann, a suas uireasbhuidh na sean eachd- 
raidh air a' cheann so : ach is cinnteach mi, gur iomadh 
iad a ta ni 's miosa le beartas ; bha na milltean air an 
suaimhneachadh gu bàs an glacaibh saoghail a bha gàire 
riu ; agus fhuair iomadh duine maith lota o shoirbh- 
eachadh saoghalta o 'n taobh a mach, d' am b' èigin a bhi 
air an leigheas leis a' chrann-cheusaidh. Is cuimhne leam 
leughadh mu neach air an robh neasgaid 'na uchd, a chaidh 
dh'ionnsuidh leighichean ann an dìomhain airson comhnadh ; 
ach air dha bhi air a leònadh le claidheamh, bhris an eas- 
gaid ; agus bha bheatha air a tearnadh leis an ni sin a bhagair 
a bhàs. 'S tric a chruinnich neasgaide spioradail ann am 
brollaich pobuill Dè, an àm soirbheachaidh o 'n taobh a mach, 
agus a bha iad mar so air am briseadh agus air an glanadh 
as leis an trioblaid. Is caoimhneas do chreiclich a bhi air 
an leigheas le buillibh ; ged tha iad gu bitheanta co lag as 
gu 'n glaodh iad a mach tre eagal, le sealladh do na corrain- 



314 

sgathaidh, mar gum b' e an tuadh-sgriosadh a bhiodh 
ann ; agus a bhi smuaineachadh gu bheil an Tighearn 
a' teachd g' am marbhadh, 'nuair a tha e da rireadh a' teachd 
g'an leigheas. 

Comh-dhuinidh mi nis, le labhairt ann am beagan do 
bhriathraibh, air tùs ri naoimh, agus a rìs ri peacaich. 

1. Eibhse a ta 'nur naoimh, a deiream, 

Air tùs, Deanaibh stri air comh-luadar agus co-chomunn 
fhaotainn agus a chumail suas ri Iosa Criosd ; 'se sin a bhi 
tarruing còmhnadh nuadh gràis, o thobar a' ghràis a ta ann- 
san, le creidimh ; agus deanaibh fèum iomchuidh dhiubh ann 
an cleachdamh a' ghràis agus na h-umhlachd naoimh. 
Bithidh air 'ur faicill o sgarachduinn a bhi eadar Criosd 
agus bhur n-anama : Ma fhuair sin a steach cheana, 
(ni air am bheil a choslas a bhi air moran anns an là so,) 
deanaibh dichioll air atharrachadh air falbh. Tha na 
h-iomada anns an t-saoghal a ta deanamh tàir air Criosd, 
ged nach deanadh sibhse tàir air : Is lionmhor iad a thionn- 
daidh an cul ris, a bha uair-eigin a' taisbeanadh a bhi air 
an t-slighe gu nèamh. Thug grian bhlath na sìthe agus 
an t-soirbheachaidh shaoghalta air cuid brat na diadhachd 
a thilgeadh dhiubh, eadhon iadsan a ghleidh greim daingean 
dheth 'nuair a bha gaoth na trioblaid a' seideadh orra : 
agus, " An àill leibhse falbh cuideachd 1 " Eoin vi. 67. Tha 
mhi-thaingealachd as mò air a sgriobhadh air bhur tarcuis- 
se air co-chomunn ri Criosd, Ier. ii. 31. "An robh mise 
a' m' fhàsach do Israel ; a' m' fhearann dorchadais 1 
C'uim' an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn 
f èin ; cha tig sinn ni 's mò thugadsa 1 " ! mhuinntir ion- 
mhuinn, "an e so bhur caoimhneas d' ur caraid?" Tha 
e mi-chiatach do mhnaoi sam bith tàir a dheanamh air 
co-chomunn ri a fear-pòsda, ach dh'ise gu h-àraid a 
bha air a tabhairt o phriosan na o 'n òtrach, mar bha sibh- 
se, le 'ur Tighearn. Ach cuimhnichibh, guidheam oirbh, 
gur olc an t-àm so gu bhi beò fad as o Dhia : — is àm e 
anns am bheil freasdal Dè ann an gruaim ris an fhearann 
sam bheil 'ur còmlmuidh ! tha neòil na feirge a' tional, 
agus tha iad tiugh os 'ur cinn ! Cha 'n àm dhuibhse bhi 
mach as 'ur seòmraichean, Isa. xxvi. 20. Feudaidh iadsan 
a ta nis ag imeachd ro dhlùth ri Dia, gu leoir a bhi aca r'a 
dheanamh gu seasamh, 'nuair a thig an deuchainn ; cia 
cruaidh a bhios e do mhuinntir eile an sin, a ta coslach 



315 

ri bhi air an glacadh le trioblaidean, 'nuair a ta cionnt 
gun atharrachadh a' luidhe air an coguisean. A bhi 
air an dùsgadh o chodal suaimhneach, agus a bhi air an 
tilgeadh gu cuan doinnionach mar a bha Ionah, bithidh sin 
'na dheuchainn eagalach. A bhi mothachadh trioblaid, 
mu 'm bheil sinn ga faicinn a' teachd, a bhi an taobh thall 
do dhòchas, mu 'm bheil eagal againn, is cor ro bhronach e. 
Air an aobhar sin brisibh sìos iodholan 'ur n-eud, claoidh- 
ibh na h-ana-mianna sin, agus na h-an-tograidh mhi- 
riaghailteach sin, a ghoid air falbh bhur cridheachan, agus 
a dh' fhag sibh cosmhuil ri Samson, gun fholt, agus abraibh, 
" Siubhlaidh mi agus pillidh mi gu m' cheud fhear, oir 
bha mi ni b' fhearr dheth an sin na 'n trà-sa." Hos. ii. 7. 

San dara àite, Imichibh mar a bhuineas doibhsan a ta 
air an aonadh ri Criosd. Dearbhaibh 'ur n-aonadh ris, le 
" giuasad mar a ghluais esan," 1 Eoin ii. 6. Ma tha sibh 
air bhur tabhairt o bhi fo chumhachd an dorchadais, deal- 
raicibh 'nur solus am fìanuis dhaoine. Dealraichibh, 
mar sholusaibh san t-saoghal, a' cumail a mach focal na 
beatha, mar a chumas na lòchrain a choinneal, a ta annta, 
a' dealrachadh trompa, Philip. ii. 15, 16. A nis air dhuibh 
aidmheil gu bheil Criosd annaibh, bitheadh iomhaigh a' 
dealradh a mach 'nur caithe-beatha ; agus cuimhnichibh, 
gur e gnothuch bhur beatha bhi dearbhadh le 'ur ghnìomh- 
aran agus 'ur giulan, na nithe a ta sibh ag aidmheil. 

1. 'S aithne dhuibh deadh-chliù mna. Bithidh cùram 
air a' mhnaoi a ta pòsda, cionnus a dh' fheudas i toil a fir 
a dheanamh. Imich thusa agus dean mar an ceudna : 
Gluaisibh gu cubhaidh do 'n Tighearn chum gach uile 
thoileachaidh, Col. i. 10. Is e so gnothuch mòr na beatha; 
's èigin duibh esan a thoileachadh, ged a chuireadh e cor- 
ruich air an t-saoghal uile : Is èigin do na nithibh a ta 
fuathach dhasan, a bhi fuathach dhuitse, do bhrìgh gu 
bheil iad fuathach dhasan \ ciod air bith ana-mianna a 
thig a shuiridheadh air bhur cridheachan, àicheadhaibh iad, 
do bhrìgh gu 'n do nochdadh gràs Dè, a' teagasg dhuibh 
sin a dheanamh, agus gu bheil sibh air bhur ceangal ris 
an Tighearna. Biodh e 'na chomhdach d 'ur suilibh : oir 
cha 'n 'eil bhur roghainn agaibh ri dheanamh, tha e air a 
dheanamh cheana, agus cha 'n fheud sibh eas-onoir a thabh- 
airt d' ur Ceann. Bheir duine an aire d' a chosaibh, a 
chionn, ma gheibh e trioblaid an sin, gu 'n eirich i suas g'a 



316 

cheann : " An gabh mise buill Chriosd, agus an dean mi 
buill striopaiche dhiubh'? Nar leigeadh Dia!" ars an t- 
abstol, 1 Cor. vi. 15. An gabh thusa an cridhe sin agad, 
a 's e aite-comhnuidh Chriosd, agus an toir thu aoidheachd 
d' a naimhdibh an sin'? An gabh thu an corp sin a 's 
teampull da, agus an truaill thu e, le fèum a dheanamh d'a 
bhuill, mar inneil peacaidh 1 

2. Bithidh cùramach toradh a thoirt a mach, agus mòr- 
thoradh. 'S e gheug a ta luchdaichte le toradh, glòir na 
Fìonain, agus an treabhaiche mar an ceudna, Eoin xv. 
8. "An so tha m' Athair-se air a ghlòrachadh, gu 'n toir 
sibhse mor-thoradh uaibh ; agus bithidh sibh 'nur deisciob- 
uil dhomhsa." Seasaidh craobh neo-thorach ni 's teaminte 
ann an coille, no ann an gàradh-ubhal ; agus bithidh geuga 
ann an Criosd, nach 'eil a tabhairt a mach toraidh, air an 
tabhairt air falbh agus air an tilgeadh do 'n teine. 

3. Bitheadh inntinn nèamhaidh agaibh, agus cumaibh 
suas dimeas naomh air an t-saoghal. Tha sibh air bhur 
n-aonadh ri Criosd, is esan bhur Ceann agus Eear-pòsda, 
agus tha e air nèamh : uime sin, bu choir d' ur cridheach- 
an-sa a bhi an sin mar an ceudna, Col. iii. 1. "Uime sin 
ma dh' eirich sibh maille ri Criosd, iarraibh na nithe a 
ta shuas, far am bheil Criosd 'na shuidhe aig deas làimh 
Dhè." Imicheadh sìol na nathrach air am broinn, agus 
itheadh iad duslach na talmhainn : ach bitheadh nàir' air 
buill Chriosd cromadh sios agus beathachadh maille riu. 

4. Bithidh beò, agus gniomhaichibh le bhur taice do 
ghnàth air Iosa Criosd tre chreidimh. An ni sin a dh' 
fhàsas air a fhreumh fein, is craobh e, agus cha gheug. 
Is e nàdur na geige, a bhi an taice ris an stoc air son gach 
uile ; agus a bhi tarruing a brìgh uile uaith sin. Leig- 
ibh bhur taic' airsan air son beatha, soluis, neirt, agus 
gach uile shochairean spioradail, Gal. ii. 20. "A ta mi 
beò, ach cha mise, ach Criosd a ta beò anam : agus a" 
bhoatha a ta mi uis a' caitheadh san fheoil, caitheam i 
tre chreidimh Mhic DheV' 'S ann air an aobhar so, anns 
an aonadh dhiomhair, a tha neart ri anmhuinneachd, 
beatha ri bàs, agus nèamh ri talamh; chum gu 'n eireadh 
anmhuinneachd, bàs agus talmh suas air sgiathaibh iasaid. 
Earbaibh ris air son sochairean aimsireil mar an ceudna 
Mat. vi. 11. "Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran laith- 



317 

eil." Ma dh' earb sinn ris air cùram siorruidh bitheadh 
nàir' oirnn mur earb sinn ris air son air lòin san t-saoghal. 

San àite mu dheireadh, Bithibh do spiorad rnacanta, 
agus do ghnè aonaidh ri comh-bhuill cuirp Chriosd, air 
dhuibh a bhi ceangailte ris an Iosa mhacanta, an Tì anns 
am bheil na h-uile a ta air an aonadh ris, a' coinn- 
eachadh a cheile. Tha faidheadaireachd mu 'n ni so, do 
thaobh rìoghachd Chriosd, Isa. xi. 6. "Gabhaidh am 
madadh-alluidh còmhnuidh maille ris an uan, agus luidh- 
idh an liopard sìos maille ris a' mheann." Tha so ann an 
cosamhlachd ri beathaichean Noah : Beathaichean a' chobh- 
artaich, le 'm bu ghnàth beathaichean eile mharbhadh, aon 
uair 's gu 'n d' thainig iad a steach do 'n airc, luidh iad sios 
ann an sìth riu ; cha robh an t-uan ann an cunnart o 'n 
mhadadh-alluidh an sin ; no am meann o 'n liopard. Bha 
coimhlionadh maiseach air anns a' cheud eaglais, Gniomh. iv. 
32. "Agus bha aig a' chuideachd a chreid aon chridhe, 
agus aon anam." Agus tha 'n sporaid so a' buadhachadh 
ann an uile bhuill Chriosd, a rèir tomhais gràis Dhè ann- 
ta. Tha 'n duine air a bhreith lomnochd, tha e teachd 
lomnochd do 'n t-saoghal so, mar gu 'n rìmaicheadh Dia e 
a bhi 'na iomhaigh sìth : agus gu cinnteach 'nuair a ta 
e air a bhreith a rìs, cha 'n 'eil e teachd do shaoghal nuadh 
nan gràs, le spuirean gu reubadh, le claidheamh gu.lotadh, 
agus le teine 'na làinih, a losgadh a chomh-bhuill ann an 
Criosd, a chionn nach faic iad le sholus-san. Och ! is 
brònach a bhi faicinn lilighean Chriosd mar dhroighionn 
ann an cliadhaichean a cheile, uain Chriosd a' sgrios aon 
a cheile mar leòmhain, agus daoimean Chriosd a' gear- 
radh aon a chèile ! Gidheadh, is èigin duinn cuimhneach- 
adh, nach dean peacadh buill Chriosd a thàladh ri cheile, 
ged dh'fheudas Herod agus Pontius Pilat a bhi air an 
deanamh 'nan càirdibh air an rathad sin. Tha riaghailt 
an abstoil soilleir, Eabh. xii. 14. "Leanabh sìth maille 
ris na h-uile dhaoinibh, agus naomhachd." Gun bhi 
leantuinn sith ni 's faide na leigeas ar toil, ar creideas, 
no an leithide sin leinn a dheanamh, tha so a' teachd ro 
ghoirid ; a bhi 'ga leantuinn ni 's f aide no • cheudaicheas 
naomhachd dhuinn, is e sin, comh-fhreagaradh do thoil 
Dhè; tha sin a' dol ro-fhad. Tha 'n t-sith luachmhor, 
ach feudar a ceannach tuilleadh is daor ; uime sin gu ma 
fearr leinn a bhi d' a h-easbhuidh, no a ceannach, air chost 



318 

firinn no naomhachd ; ach air dhbigh eile, cha 'n urrainn 
dhi bhi tuilleadh as daor air a ceannach ; agus bithidh i do 
ghnàth luachmhor ann an suilibh mhic na sìthe. 

II. Agus a nis a pheacaich, ciod a their mi ribhse'? 
Thug mi cuid do bheachd dhuibh air sochairean na mhuinn- 
tir a ta ann an staid gràis : Chunnaic sibh iad fada uaibh ; 
ach mo thruaighe ! cha leibhse iad, a chiorm nach le Criosd 
sibhse. Is leibhse peacadh na staid neo-iompaichte ; agus 
is leibh a truaighe mar an ceudna : ach, cha 'n 'eil cuid no 
crannchur agaibh sa' chùis so. Tha cionnt bhur n-uile 
pheacanna 'nan luidhe gu trom oirbh ; cha 'n 'eil cuid 
sam bith agaibh ann am fireantachd Chriosd ! Cha 'n 'eil 
sìth dhuibhse ; cha 'n 'eil sìth ri Dia ; cha 'n 'eil fior shìtli 
choguis ; oir cha 'n 'eil agaibh còir-shlàinteil anns a' Mhòr- 
Fhear deanamh na sìth. Cha bhuin sibh do theaghlach 
Dhè : Cha bhuin an uachd-mhacachd air an robh sinn a' 
labhairt dhuibhse. Cha 'n 'eil còir agaibh ann an spiorad 
an naomhachaidh. Agus ann an aon fhocal, cha 'n 'eil 
oighreachd sam bith agaibh am measg na muinntir a ta 
air an naomhachadh. Is e na h-uile a 's urrainn dhomh a 
ràdh ribh, anns a' chuis, nach 'eil bhur staid gun dòchas ; 
feud aidhi ad a bhi agaibh fathast, Taisb. iii. 20. " Feuch 
tha mi a' m' sheasamh aig an dorus, agus a' bualadh : ma 
dh' èisdeas neach sam bith ri m' ghuth, agus gu 'm fosgail 
e 'n dorus, thig mi steach d'a ionnsuidh, agus gabhaidh 
mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille riumsa." Tha 
nèamh fathast a' tairgse coimh-cheangal ri talamh ! Tha 'n 
criadhair a' deanamh suiridheadh air a' chriadh fèin ! Agus 
cha 'n 'eil geatachan caithir na dìdein fathast dùinte. O ! 
nach b' urrainn dhuinn bhur comh-èigneachadh gu teachd 
a steach. 

An fhad so mu staid a' ghràis. 



319 



STAID IV. 



EADHON, 

AN STAID SHIOBMIDH: NO, STAID SONAIS, 
NO TBUAIGHE IOMLAN. 



CEANN I. 

MU BHAS. 

" Oir a ta fliios agam gu 'n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a 
dh' òrduicheadh do gach uile bheò." — Iob xxx. 23. 

Tha nii nis gu labhairt rnu staid shìorruiclh an duine, d' am 
bheil e dol a steach aig a' bhas. Tha Iob a' gabhail 
beachd glè chudthromach do'n dol a steach so, ann am 
briathraibh an teagaisg ; briathra a ta nochdadh firinn 
choitchionu, agus 'gan comh-chur gu h-àraid. Tha'n fhìr- 
inn choitchionn air a ciallachadh ann ; eadhon, gur èigin do 
na h-uile neach a bhi le bàs -air an gluasad as an t-saoghal 
so : is eigin doibh bàsachadh. Ach c' ait an èigin doibh dol ì 
Is èigin doibh dol " a chum an tighe a dh' orduicheadh do 
gach uile bheò;" do'n uaigh, do'n tigh dhorcha, ghruamacb, 
aonaranach sin, ann an tìr na dì-chuimhn. Ciod sam bith 
àite anns am bi an corp air a thasgaidh suas gus an ais- 
eirigh, gus an àite sin, mar do thigh còmhnuidh, bheir am 
bàs dhachaidh sinn. Fhad 'sa tha sinn anns a' chorp, cha'n 
'eil sinn ach ann an tigh fìr-turuis, ann an tigh-òsda, air 
ar slighe dhachaidh : 'nuair tha sinn a' teachd a chum na 
h-uaighe, tha sinn a' teachd gu 'r dachaidh, gu 'r dachaidh 
fhada, Ecles. xii. 5. Is èigin do gach uile bheò a bhi 'nan 
luchd-àiteachaidh an tighe so, maith agus olc, sean agus 
òg. Tha beatha an duine 'na sruth, a ta ruith gu doimh- 
neachda sgriosach a' bhàis : Is èigin doibhsan a ta nis a 
chòmhnuidh ann an luchairtibh, am fàgail, agns dol dhach- 
aidh do'n tigh so ; agus iadsan aig nach 'eil ionad anns an 



320 

cuir iad an cinn, gheibh iad mar so tigh fa dheoidh. Tha 
e air òrduchadh do na h-uile, leis an Tì sin gu seas a chomh- 
airle. Cha 'n fheudar an t-òrduchadh so atharrachadh ; is 
lagh e nach urrainn do dhaoine bàsmhor a bhriseadh. Air do 
Iob a bhi caradh co-chur na firinn choitchionn so ris f èin, tha 
e labhairt anns na briathraibh sin ; " Tha fhios agam gu 'n 
toir thu mi gu bàs." Bha fios aige, gu'm b' èigin da 
coinneadh a thoirt do 'n bhàs, gu 'm b' èigin d'a anam agus 
d' a chorp dealachadh; gu 'n deanadh Dia, a shuidhich a 
choinneamh, gu cinnteach a cumail. Bha Iob air uairibh 
a' toirt cuireadh do 'n bhàs teachd d' a ionnsuidh, agus a 
thoirt dhachaidh d' a thigh ; seadh bha e an cunnart ruith 
d' a ionnsuidh roimh an àm, Iob vii. 15. "Is fearr le 
m' anam tachdadh, agus bàs no beatha." Ach an so tha 
e toirt fa'near gu 'n tugadh Dia esan a dh' ionnsuidh 
a' bhàis ; seadh, gu 'n tugadh e air ais e d' a ionnsuidh, 
mar tha 'm focal a' ciallachadh. Leis a sin tha e cumail a 
mach, nach 'eil beatha againn anns an t-saoghal so, ach 
gu bheil sinn mar gu 'm bitheamaid a' ruith air falbh o'n 
bhàs, a ta sìnneadh a mach a ghàirdeine fuar, gu 'r glacadh 
o 'n bhroinn. Ach, ged is caol an tearnadh a ta againn an 
sin a dhol as o a spagan, cha'n urrainn dhuinn dol as fada : 
bithidh sinn a rìs air ar toirt air ar n-ais d' a ionnsuidh. 
Bha fìos aig Iob air so, bha e cinnteach as, agas bha e 
sealltuinn air a shon. 

TEAGASGr. — Is èigin do na h-uile basachadh. 

Ged tha'n teagasg so air a dhearbhadh le flosrachadh 
nan uile ghinealach a bha riarnh ann, o chaidh Abel a stigh 
do'n tigh a dh' òrduicheadh do gach uile bheò ; agus ged 
tha fìos aig na beothaibh ga'm faigh iad bàs ; gidheadh tha 
e fèumail labhairt mu chinnteachd a' bhais, chum as gu bi 
e air a cheangal air an inntinn, agus air a ghabhail gu 
h-iomchuidh gu cridhe. 

Uime sin thugaibh fainear, air tus, Gu bheil lagh neo- 
atharraichte bàis ann, fuidh am bheil daoine air an druid 
eadh suas : " Tha e air òrduchadh do dhaoinibh bàs fhaot- 
ainn, Eabh. ix. 27. Tha e air a thasgaidh suas air an son, 
mar a thaisgeas parantan air son an cloinne : Feudaidh iad 
sealltuinn air a shon, agus cha'n urrainn dhoibh a sheach- 
nadh a chionn gu 'n do comharraich agus gu 'n do ghlèidh 
Dia air an son e; cha 'n 'eil teagamh anns a' ghnothuch ; 



321 

"Bàsaichidh sinn gu deimhin, 2 Sam. xiv. 14. Ged nach 
cluinn cuid do dhaoine mu bhàs, gidheadh is èigin do na 
h-uile duine bàs fhaicinn, Salm Ixxxix. 48. Is gaisgeach 
am bàs ris an èigin do gach uile gleachda : is èigin duinn 
dol sa' chath ris, agus gheibh e bhuaidh, Ecles. viii. 8. 
" Cha 'n 'eil duine sam bith aig am bheil cumhachd os ceann 
an spioraid a chumail an spioraid, no cumhachd ann an la 
a' bhais." Bithidh iadsan, gun amharus, a gheibhear beò 
aig teachcl Chriosd, "air an caochladh," 1 Cor. xv. 51. ach 
bithidh an caochladh sin comh-ionnan ri bàs, freagraidh e 
'na àite. Is èigin do na h : uile neach eile imeachd air an 
rathad choitchionn "air slighe gach uile fheòil." 

San dara àite, Gabhamaid beachd air fiosrachadh gach 
la. Chi na h-uile duine gu bheil "daoine glice a' faghail 
a' bhàis, mar an ceudna an t-amadan agus an t-umaidh," 
Salm xlix. 10. Tha farsuinneachd gu leoir air an talamh 
so air ar soinne, ged is mor an sluagh a bh' air romhainn ; 
dh' imich iadsan a dheanamh àite air ar son, mar as èigin 
duinne imeachd a dh' fhagail aite air son muinntir eile. Is 
fada o na thòisich am bàs air daoine iomchar air falbh do 
shaoghal eile, agus tha sluagh mòr agus gun aireamh air 
dol an sin cheana ; gidheadh tha cheaird a' dol a ghnàth air 
a h-aghaidh, tha 'm bàs a' giulan air falbh luchd-àiteachaidh 
ùr gach la, do 'n tigh a dh' òrduicheadh clo gach uile bheo ! 
Co rianih a chual an uaigh ag radh, Is leor el 'S fada 
tha i faotainn, ach fathast tha i ag iarruidh. Tha 'n saogh- 
al so cosmhuil ri fèill mhòr no margadh, far am bheil cuid 
a' teachd a steach, cuid eile dol a mach, am feadh a ta 'n 
comh-chruinneachaclh a ta ann troimh a cheile, agus cha 'n 
'eil fhios aig a' chuid mhor clhiubh ciod a thug an ceann a 
cheile iad : JNo, cosmhuil ri baile suidhichte air an rathad 
gu baile mor, tre 'n deachaidh cuid do 'n luchd-astair seach- 
ad, cuid aig imeachd troimhe, am feadh a ta cuid eile, 
a mhain teachd a steach. Ecles. i. 4. " Tha aon ghineal- 
ach a' siubhal, agus ginealach eile a' teachd, ach fanaidh an 
talamh gu bràth." Tha 'm bàs 'na theachdair an-iochdmhor 
laidir nach feudar a bhacaclh o chur òrduigh an gniomh, le 
neart a' chumhachdaich, le duais a' bheartaich, no le ath- 
chuinge a' bhochd. Cha toir e urram do 'n cheann liath, is 
cha bhi iochd aige ri ciochran maoth. Cha 'n urrainn do 'n 
dàn agus do 'n trèun cur 'na aghaidh ; 's cha 'n 'eil dol as 
aig an lag-chridheach anns a' chath so. 



322 

San treas àite, Tha corp an duine air a dheanamh suas 
do nithibh truaillidh, Gen. iii. 19. " Is duslach thu, agus 
gu duslach pillidh thu." Cha 'n 'eil sna daoine as làidire 
ach soithichean bristeach creadha, a ta gu h-ealamh air 
am briseadh 'nam bloighdibh. Cha 'n 'eil an t-anam ach 
ann an tigh-comhnuidh iosal, am feadh a ta e sa' chorp 
bhàsmhor so ; ni nach 'eil 'na thigh cloiche, ach tigh 
creadha : Cha 'n fheud na ballachan creadha gun chaith- 
eadh air falbh, gu h-araidh a chionn nach 'eil an stèidh air 
carraig, ach anns an duslach. Bruthar iad roimh an leo- 
mann ; ged tha bhiasdag so co maoth, as gu cuir bean- 
tuinn a mheoir as dith, Iob iv. 19. tha na nithe sin cos- 
mhuil ri fudar; cuiridh sradag bheag a thuiteas orra, ri 
theine iad, agus loisgidh i suas an tigh. Ni chlach, no fìon- 
dhearc, fuiltean ann am bainne, daoine a thachdamh, agus 
an tigh creadha a chur 'na dhuslach. Ma bheir sinn fainear 
dealbh agus cruth ar cuirp, cia eagallach agus iongantach 
a ta sinn air ar deanamh ! agus cia lag agus anmhuinn 'sa 
tha na nithe ris am bheil ar beatha an crochadh, agus cia 
co riaghailteach 'sa dh' fheumas iad a bhith : agus gu 
bheil aig a bhàs choimhlion dorus gu teachd a stigh air, 'sa 
tha do mhìn-thuill do-fhaicinn anns a' chorp ; agus ma 
choimeasas sinn an t-anam agus an corp ri cheile, feud- 
aidh sinn a mheas gu ceart gu bheil ni èigin ni 's iongan- 
taiche 'nar beatha, no a ta 'nar bàs ; agus gur e is iongan- 
taiche, bhi faicinn duslach a' siubhal sios agus suas air an 
duslach, no e bhi luidhe sìos ann ! Ged nach 'eil lochran 
ar beatha air a seideadh gu grad as, gidheadh is fheudar 
do 'n lasair dol as mu dheireadh, do bhrìgh easbhuidh ola. 
Agus ciod a ta sna h-èucailean agus na galairean sin uile, 
d' am bheil sinn buailteach, ach teachdairean a' bhàis, a ta 
teachd a dh' ulluchadh a shlighe? Tha iad 'gar coinn- 
eachadh, co luath 'sa chuireas sinn ar cos air an talamh, 
a dh' innseadh dhuinn ann ar teachd a steach, nach 'eil 
sinn a' teachd a chum an t-saoghail ach gu dol a mach as 
a rìs. Gidheadh, tha cuid air an gearradh air falbh ann 
an tiota, gun rabhadh fhaotainn le tinneas no le eu-slainte. 

Sa' cheathramh àite, Tha anama peacach againn, agus uime 
sin cuirp bhàsmhor. Tha 'm bàs a' leantuinn a pheacaidh, 
mar tha 'n sgàile a' leantuinn a' chuirp. Is èigin do na 
h-aingidh bàsachadh, a thaobh bagraidh coimhcheangail 
nan gniomh, Gen. ii. 27. "Anns an là a dh' itheas tu dhith, 



323 

gu cinnteach bàsaichidh tu." Agus is èigin do na naoimh 
bàsachadh mar an ceuclna ; chum, as mar a thainig bàs a 
steach le peacadh, gu 'n rachadh peacadh a mach le bàs. 
Thug Criosd an gath as a bhàs, air an son-san, ged nach 
d' thug e air falbh am bàs fèin. Uime sin, ged a shàthas 
e annta, mar a rinn an nathair nimhe ann an làimh Phoil, 
cha dean e an dochann. Ach a chionn gu bheil luibhre 
a' pheacaidh ann am ballachan an tighe, is èigin a bhris- 
eadh sios, agus an airneis uile bhi air a giulan air falbh. 
San àite mu dheireadh, Cha 'n 'eil beatha an duine, anns 
an t-saoghal so, a rèir meas nan Sgriobtuir ach 'na cheum 
goirid o'n bhàs. Tha 'n Sgriobtuir ga nochdadh, mar ni 
dìomhain agus falamh ; goirid ann am mairsinn, agus luath 
'na imeachd air falbh. 

Air tùs, Tha beatha an duine 'na ni diomhain agus fal- 
amh am feadh a mhaireas i : tha i dol as, agus feuch ! cha'n 
'eil i, Iob vii. 16. "Is dìomhanas mo laithean." Ea bhios 
amharus agaibh mu chlaon bhreth a bhi ann an Iob 
mu 'n ni so, èisdibh ciod an t-iomradh a ta Solamh 'na 
shoirbheachadh a' toirt air laithibh a' bheatha, Ecles. vii. 
15. "Chunnaic mi na h-uile nithe ann an làithibh mo 
dhìomhanais; is e sin, mo laithibh dìomhain." Tha Maois 
a bha 'na dhuine gnionhach a' coimeas ar laithe ri codal, 
Salm xc. 5. " Mar chodal tha iad ; " ni nach toirear fainear 
gus am bi e air a chrìochnachadh. Tha 'n coimeas deas ; 
cha 'n 'eil ach aireamh ro bheag do dhaoine aig am bheil 
mothachadh ceart mu bheatha, gus am bheil am bàs gan 
dusgadh; an sin tòisichidh sinn air aithneachadh gu 'n 
robh sinn beò. " Chaith sinn bliadhnacha mar sgeul a 
dh' innseadh neach," rann 9. '^N"uair a ta neach ag inn- 
seadh sgeula faoine, feudaidh e druthadh gu beag ; ach 
'nuair a ta e air a chrìochnachadh, tha e air a dhì-chuimh- 
neachadh : agus mar sin tha duine air a dhi-chuimhneach- 
adh, 'nuair a ta sgeulachd na beatha air a crìochnachadh. 
Tha e mar bhruadar, no mar aisling na h-oidhche, anns 
nach 'eil tairbhe sam bith ; 'nuair a ta neach a' dusgadh, 
tha 'n t-iomlan air dol as. Iob xx. 8. " Mar aisling grad- 
shiubhlaidh e, agus cha 'n f haighear e ; agus teichidh e mar 
shealladh na h-oidhche." Cha 'n 'eil ann ach samhladh 
dìomhain no dealbh, Salm xxxix. 6. " Gu deimhin tha 
gach duine a' siubhal ann an samhladh dìomhain." Cha 'n 
'eil duine san t-saoghal so, ach mar dhealbh, a bhiodh ag 



324 

imeachd ; cha 'n 'eil a bheatha ach 'na clealbh beatha, a 
chionn gn bheil nrracl do bhàs innte. 

Ma dh' amhairceas sinn air ar beatha, 'n cuairtibh fa 
leth, chi sinn gur meall dìomhanais i : " Is dìomhanas 
leanabachd agns òige," Ecles. xi. 10. Tha sinn a' teachd 
a dh'ionnsuidh an t-saoghail, ni 's anmhuinne no na h-uile 
creutair : 'S urrainn eoin agus beathaichean eile, ni èigin 
a dheanamh air an son fèin, ach tha leanabh neo-chomasach 
air e fèin a chòmhnadh. Tha ar leanabaidheachd air a 
caitheadh ann an subhachas faoin agus suarach, ni a bhios 
'na cùis mhagaidh d'ar smuaintibh an dèidh làimh. Tha 'n 
òige 'na lus a sheargas gu luath, 'na blàth a thuiteas gu 
h-ealamh air f albh ; is aimsir i anns am bheil sinn bràs, 
amaideach, agus air bheag smuaineachaidh, gar toileach- 
adli fèin le iomadh diomhanas, agus mar gu b' ann a' 
snàmh tre thuilte dhiubh : ach, mu 'm bheil sinn air ar 
faicill, tha i seachad, agus tha sinn ann am meadhon aois, 
air ar cuaixteachadh le neoil do chùrama, tre 'n èigin duinn 
smagairt ; agus air dhuinn sinn fèin fhaotainn air ar cuairt- 
eachadh le dealgan droighneach nan cruaidh-chas, tre 'n 
èigin duinn ar rathan a dheanamh, a choimhlionadh nan 
dealbhan agus nan innleachdan a bha sinn a' dealbh 'nar 
smuaintibh roimhe sin. Agus mar is niò a ghabhas sinn do 
shòlas ann an comhfhurtachd saoghalta sam bith gus an 
rnig sinn, 's ann is mò a mhothaicheas sinn do shearbh- 
alachd ann an dealachadh ris. An sin tha sean aois a' 
teachd, le h-anmhuinneachda fèin 'na co-chuideachd, eadhon 
" saothair agus doilgheas," Salm xc. 10. agus cuiridh i 'nar 
suidhe sinn aig an dorus a's faigse do'n uaigh. An aon 
fhocal, "Is fèur gach uile fheoil," Isa. xl. 6. Tha gach 
ceum, sa' bheatha, 'na dhiomhanas. Tha gach duine, d'a 
fheabhas, (am meadhon aois, 'nuair a ta teas na h-òige air a 
caitheadh, agus nach d' rug trioblaidean na sean aois fathast 
air,) gu cleimhin 'na dhiomhanas, Salm xxxix. 5. Tha'm 
bàs a' toirt air falbh cuid ann am blàth na leanabaidheachd, 
cuid eile ann am blàth na h-òige, agus cuid eile 'nuair a ta 
iad a' teachd gu'n toradh ; is tearc iad a ta air am fagail 
'nan seasamh, gus am bi iad, cosmhuil ri arbhar abuich, a' 
fàgail an talaimh : tha gach uile a' basachadh aig aon àm 
no àm eile. 

San dara àite, Tha beatha an duine 'na ni goirid : cha 'n 
e mhain gur dìomhanas i, ach is diomhanas gearr-shaogh- 



325 

alach i. Thoir fainear, air tùs, Mar tha beatha an duine 
air a meas san Sgriobtuir. Bha i aon uair air a meas le 
ceudaibh do bhliadhnacha : ach cha d' rainig aon duine 
rianih air mìle, ged nach 'eil eadhon sin dad an coimeas 
ri siorruidheach. A nis, tha ceudan air an toirt a nuas 
gu fìcheadan ; tri fìchead 'sa deich, no ceithir fìchead is e 
sin am feadh is mò, Salm xc. 10. Ach is tearc iad a ta 
ruigheachd am feadh sin fèin do bheatha. 'S ainmig a 
tha 'm bàs a' fantuinn air falbh gus am bi daoine cromadh 
sios, le aios, a choinneachadh na h-uaighe. Gidheadh, 
mar gu 'ni biodh bliadhnacha 'na fhocal tuilleadh is mòr 
air son ni co beag 's a ta beatha an duine air an talamh ; 
tha sinn a' faicinn gu bheil i air a h-àireamh le miosan, 
Iob xiv. 5. " Tha àireamh a mhios agadsa." Tha ar reis, 
cosmhuil ris a' ghealaich, a' ruith ann an ùime bhig ; tha 
sinn do ghnàth a' fàs no a' lughdachadh, gus an teicl sinn 
as an t-sealladh. Ach tha i gu tric air a h-àireamh le 
laithean, agus iad sin ach tearc, Iob xiv. 1. " Tha'n duine 
a rugadh o mhnaoi gearr-shaoghalach." Ni h-eadh, cha'n 
'eil i ach mar aon la ann am meas an Sgriobtuir ; agus sin 
mar la fir-tuarasdail, a bheir gu h-aithghearr fainear 'nuair 
a ta 'n la a' criochnachaidh, agus a sguireas d'a obair, rann 
6. " Gus an coimhlion e mar fhear-tuarasdail a la." Seadh 
tha na Sgriobtuir 'ga toirt a nuas gu aimsir ro-ghoirid, agus 
a' gairm dhith mionaid, 2 Cor. iv. 17. " Cha'n 'eil ar n-amh- 
ghar eutrom (ged mhaireas i uile laithean ar beatha) ach rè 
tiota." Ach ann an àite eile tha i air a toirt a nuas gu 
ceum ni 's isle, is ni 's isle gus an urrainn neach a toirt, 
Salm xxxix. 5. " Tha m' aois mar neo-ni a' d' fhianuis." 
A rèir so, tha Solamh ag innseadh dhuinn, Ecles. iii. 2. 
" Tha àm gu bhi air breith, agus àm gu bas fhaotainn." 
Ach cha 'n 'eil iomradh air àm gu bhi ceò : Mar gu'm biodh 
ar beatha mar leum o'n bhroinn gus an uaigh. San dara 
àite, Thoir fainear na h-iomaidh cosmhalachda leis am 
bheil na Sgriobtuir a' taisbeanaclh co goirid 's a ta beatha 
an duine ; Eisd ri Heseciah, Isa. xxxviii. 12. " Tha m' aois 
air dealachadh rium, agus dh' atharraicheadh i air falbh 
mar phailliun buachaill ; ghearradh as mo bheatha, mar 
gu 'm b' ann, leis an fhigheadair." Tha bothan a' bhuach- 
aill gu h-ealamh air atharrachadh, oir cha 'n fheucl an 
treud a bhi fada 'g ionaltradh an aon àite : 'S ann mar 
sin a ta beatha an duine air an talamh so, gu h-ealamh 



326 

a' dol as ! Is deilbh e, ta gun sgur ag oibreachadh : cha 'n 
'eil e diomhain urrad as aon mhionaid : Ann an ùine 
ghoirid tha e air oibreachadh, agus an sin tha e air a 
ghearradh air falbh. Tha na h-uile anail a tharruing- 
eas e, 'na snathainn san deilbh so ; 'nuair tha 'n anail 
mu dheireadh air a tarruing, tha 'n deilbh air a figheadh a 
mach tha'n deò dol as ! agus an sin tha e air a ghearradh 
as, cha tarruing e anail tuilleadh ! Tha'n duine mar fheur, 
agus mar bhlàth an fheòir, Isa. xl. 6. " Is feur gach uile 
fheòil, (eadhon an fheòil, a 's làidire agus is neartmhoire,) 
agus ta a h-oirdeirceas uile mar bhlàth na macharach." 
Tha 'm feur a' fàs suas sa' mhaduinn, ach san fheasgar, air 
dha bhi air a ghearradh sios leis na buanaichean tha e air 
seargadh : Mar sin tha 'n duine ag imeachd sios agus suas 
sa' mhaduinn, agus mu fheasgar tha e luidhe 'na chorp 
marbh, air dha bhi air a bhualadh sios le buille cas, le aon 
no aon eile do innealaibh a' bhàis. Cha 'n 'eil ann ach 
blàth air a chuid a 's fearr, ach ni maoth agus lag, ni nach 
mair ach goirid, ciod sam bith iònad sam fàs e ; ach 
thoir fainear, nach 'eil an duine air a choimeas ri blàth 
an lios, ach ri blath na macharach, a dh'fheudas cas na h- 
uile beathaich a shaltairt fuidhe aig àm sam bith. Mar so 
tha ar beatha buailteach do mhìle cunnart na h-uile la, is 
aon sam bith dhiubh gu leòir gu ar gearradh as ! Ach ged 
dh' fheudamaid dol as uathasan uile, gidheadh mu 
dheireadh seargaidh am feur, caithidh am blath so dheth 
fèin ! Tha e air a ghiùlan air falbh, mar tha'n neul air 
a chaitheadh, is mar theid e as, Iob vii. 9. Tha e seall- 
tuinn mòr, mar neul na maidne, a ta gealltuinn nithe mòr, 
agus a' meudachadh dòchais an treabhaiche ; ach tha 
ghrian ag èmgh, agus tha 'n neul air sgaoileadh : Tha 'm 
bàs a' teachd, agus tha'n duine dol as an t-sealladh ! Tha 'n 
t-abstol Seumas a' cur na ceiste, " Ciod i bhur beatha ? " 
Caib. iv. 14. Cluinnibh a fhreagradh fèin, " Is teatach i 
a chithear rè ùine bhig agus an dèigh sin a theid as an t- 
sealladh." Tha i anmhunn, neo-chinnteach, agus cha 
mhair i. Tha i mar dheatach a ta dol o 'n t-simileir, mar 
gu 'n dorchaicheadh e aghaidh nan speur ; ach tha e gu h- 
ealamh air a sgaoileadh, agus cha 'n fhaicear ni 's mò e : 
Mar so tha beatha an duine a' dol, agus c' àit am bheil i ì 
Is gaoth i, Iob vii. 7. "0 cuimhnich gur gaoth mo bheatha." 
Cha 'n 'eil ann ach osag a ta dol seachad, sèideag ghoirid, 



32? 

osag gaoithe a sbiubhlas, agus nach pill a rìs, Salm lxxviii. 
39. Tha ar n-anail 'nar cuineinibh, mur gum biodh i do 
ghnàth air sgiathaibh gu dol air falbh : do ghnàth a' dol 
's teachd, mar fhear-turuis, gus an siubhail i air falbh gu 
tur gun philleadh gus nach bi na neamha ann ni 's mò ! 

San àite mu dheireadk, Is ni luath beatha an duine ; 
cha 'n e mhain gu bheil i siùbhlach, ach tha i mar an ceud- 
na 'na dìomhanas a ta 'g itealaich. Nach d' thug sibh 
fainear cia luath a ta sgàile a' ruith air aghaidh na 
talmhainn, an la neulach agus gaoith, gu h-obann a' 
dorchachadh nan aiteachan a bha roimhe air an deanamh 
maiseach le gathanna na greine, ach gu h-obann a' dol as 
an t-sealladh? 'S ann mar sin a tha beatha an duine air 
thalamh ; oir " teichidh e mar sgàile, agus cha 'n fhan e," 
Iob xiv. 2. Tha spàl figheadair 'na ni-siubhlach 'na 
gluasad ; tha i ann am mionaid air a tilgeadh o aon taobh 
do 'n deilbh gus an taobh eile : Gidheadh, "Tha ar làith- 
ean ni 's luaithe na spàl figheadair ! " Iob vii. 6. Cia aith- 
ghearr a tha duine air fhuadach tre 'n aimsir so ta làthair 
gu sìorruidheachd ! Faic mar tha Iob a' nochdadh co siubh- 
lach 'sa tha beatha, Caib. ix. 25. "Bha mo laithean ni bu 
luaithe na gille-ruithe : theich iad air falbh, cha'n fhaic 
iad maith," rann 26. " Ghabh iad seachad mar na longaibh 
luatha, mar an iolaire a' dol air iteig a chum tobhartaich." 
Tha e coimeas a làithean ri gille-ruithe, gille-coise ; f ear- 
ruithe, a ruitheas siubhlach a ghiulan nuaidheachd, agus 
nach dean moille. Ach ged bhiodh an gille-ruithe cos- 
mhuil ri Ahimaas, a chaidh seachad air Cusi ; bhiodh ar 
laithean-ne ni bu luaithe na esan, oir tha iad a' teicheadh 
air falbh, cosmhuil ri duine a ta teicheadh air son a bheatha, 
roimh an namhaid a ta ga ruagadh ; ruithidh e le uile 
neart, gidheadh tha ar làithean-ne a' ruith co luath ris-san. 
Ach cha 'n e sin an t-iomlan ; Cha'n urrainn dhasan a ta 
eadhon a' ruith air son a bheatha, ruith a ghnàth ; is 
eigin da, air uairibh, seasamh, luidhe sìos, no ruith a stigh 
a dh' àit eigin, mar a rinn Sisera do bhùth Iael, a ghabh- 
ail fois dha fèin : Ach cha'n 'eil stad air ar n-aimsir-ne. 
Uime sin tha i air a coimeas ri longaibh, a sheòlas a là 
agus a dh' oidhche, gun stad, gus am bi iad aig an cala ; 
agus ri longaibh luatha, longa greadhnach, anns an ruig 
daoine gu h-ealamh gus a' chala as miannach leo ; no, cos- 
mhuil ri soithiche toii-inntinn, a sheòlas ni 's luaithe na 



328 

soithiche luchdaichte. Gidheadh air fàilneachadh clo 'n 
ghaoith, tha a' triall a' fàs mall : Ach tha ar n-aimsir-ne a' 
ruith le triall chabhagach. Air an aobhar sin tha i air a 
coimeas ris an iolair ag itealaich ; cha 'n ann ri itealaich 
ghnàthaichte, oir cha leòr sin a nochdadh luaithead ar 
làithean-na ; ach 'nuair a ta i 'g itealaich air a cobhartach, 
a ta 'na luathas ro dhian. Agus mar so, eadhon mar so, 
tha ar làithean ag itealaich air falbh. 

Air dhuinn mar so labhairt mu bhàs, deanamaid cleach- 
damh dheth, ann a bhi toirt fainear diomhanas an t- 
saoghail ; ann an giùlan le toil-inntinn Criosduidh agus 
foighidinn, leis na h-uile thrioblaidean agus cruaidh-chàs 
ann; ann a bhi claoidh ar n-ana-niianna ; ann a bhi lean- 
tuinn ris an Tighearna le rùn cridhe, air gach uile chunn- 
art ; agus ann a bhi ag ulluchadh air son dlùthachadh a' 
bhàis. 

Agus, air tùs, Faiceamaid uaithe so, mar ann an sgath- 
an, dìomhanas an t-saoghail, agus na nithe sin uile a ta 
ann, air am bheil meas agus urram mòr aig daoine, 
agus uime sin a' suidheachadh an cridhe orra. Tha 
mhuinntir shaoibhir agus bhochd co-ionnan dèidheil air 
an t-saoghal so; tha iad a' lùbadh an glùn da; gidheadh 
cha'n 'eil ann ach dia creadha : Tha iad gu clèidheil ag 
iarraidh an diomhanais mhòir, agus a' ruith gu dian gu 
greim a dheanamh do 'n sgàile. Tha'n duine saoibhir . air 
a chaidreadh gu bàs 'na ghlacaibh ; agus tha 'n duine bochd 
ga sgìtheachadh fein ga dhian-leantuinn. (Ciod an t- 
ioghnadh ged a bhuadhaicheas gaire an t-saoghail oirnn 
'nuair a tha sinn ga ruagadh co ciocrach, eadhon an uair 
a ta e'n gruaim ruinn 1) Ach seall do'n uaigh, dhuine ! 
Smuainich, agus bi glic : Eisd ri teagasg a' bhàis, agus 
iunnsaich, (1.) Ged ni thu greim co teann agus is urr- 
ainn dhuit, gur èigin duit do ghreim do'n t-saoghal a leig- 
eadh as mu dheireadh. Ged luchdaicheas tu thu fèin le 
measan na talmhainn so, gidheadh tuitidh iad uile air 
falbh, 'nuair a shnaigeas tu sios do d' tholl, an tigh fuidh 
'n talamh, "a ta air òrduchadh do na h-uile bheò." 
: jSTuair a thig am bàs, 's eigin duit cead siorruidh a ghabh- 
ail do d' shòlasaibh anns an t-saoghal so ! 'S èigin duit clo 
mhaon fhàgail aig neach eile : Agus " co dha bhuineas, 
na nithe sin a dh' ulluich thu?" Luc. xii. 20. (2.) Cha 
bhi do chuibhrionn do na nithibh sin ach ro bheag an ùine 



329 

ghoirid. Ma luidheas tu sios air an fheur, agus gu 'n sin 
thu thu fèin air, agus gu 'n toir thu fainear lorg do 
chuirp air an fheur, 'nuair a dh' eireas tu dheth, feudaidh 
tu fhaicinn, a mheud do 'n talamh so 'sa thuiteas ort mar 
chrannchur mu dheireadh. Feudaidh gu faigh thu ciste 
agus anart mairbh, ach cha 'n 'eil thu cinnteach as a sin : 
Tha mòran aig an robh pailteas do shaoibhreas, aig nach 
robh an urrad sin fèin, 'nuair a ghabh iad an tigh nuadh 
ann an tìr na tosdachd. Ach ciod sam bith mar a bhith- 
eas sin, cha 'n fheud dùil a bhi agaibh ri tuilleadh. B' 
iriosal an t-ordugh, a thug Saladin d'a shaighdeara, 'nuair 
a bha e dol a dh' ionnsuidh a' bhàis : Ghairm e air fear- 
iomchair na brataich, agus dh' òrduch e dha anart- 
mairbh a chur air bata na brataich, agus dol a mach do 'n 
champ leis, agus innseadh dhoibh, nach robh a nis aige 
do na h-uile blar, is cath, is buaidh, ni sam bith ach am 
mir anairt sin gu chorp a phasgadh ann a chum adhlac- 
aidh. San àite mu dheireadh, Tha 'n saoghal so 'na charaid 
mealltach; a dh' fhàgas duine an àm a mhòr-fheum, agus 
a theicheas uaithe, 'nuair is mò ta aige ri dheanamh. 
'ISTuair a ta thu a' d' luidhe air leabaiclh bàis, cha 'n urrainn 
'do d' chairdibh agus do d' luchd-daimh uile do thearnadh, 
cha 'n urrainn do mhaoin uile do cheannach air t'ais, no 
dàìl a chosnadh air do shon car aon la, cha 'n urrainn car 
aon uair: Seadh, mar is mò a th' agad do mhaoin an 
t-saoghail 's ann is coslaiche gur mò bhitheas do thriob- 
laid agad aig a' bbas; oir, ged dh' fheudas neach a bhea- 
tha chaitheamh ni 's comh-dheise ann an luchairt no ann 
am bothan, gidheadh feudaidh e bàsachadh ni's socraiche 
ann am bothan, far nach 'eil aige ach beagan gu dheanamh 
deidheil air beatha. 

San dara àite, Feudaidh e freagairt mar thigh-tasgaidh 
toil-inntinn agus foighidinn Criosduidh, fo challaibh agus 
thrioblaidhean an t-saoghail. Tha bhi deanamh cleachdamh 
dluth air teagasg a' bhais 'na leigheas buadhach an aghaidh 
monmhoir; agus bheir e tomhas fois do chridhe aimhreit- 
each. 'Nuair a dh' fhuiling Iob calldach gle mhor, shuidh 
e sios gu toilichte leis na smuaintean so, " Lomnochd thainig 
mi à broinn mo mhathar, agus lomnochd pillidh mi an sin ; 
thng an Tighearn uaith, agus thug an Tighearn leis : beann- 
aichte gu robh ainm an Tighearna, caib. i. 21. 'Tsuair a 
bheir Freasdal, bàs no eucail am measg do spreidhe, cia eal- 



330 

amh a ta thu air monmhor agus gearan a dheanamh % Ach 
fendaidh beachd cudthromach air do bhàs fèin (gus am 
bheil agad comhnadh comharraichte, o'n leithide sin do nithe 
san fhreasdal) a bhi feumail a chur tosd air do ghearain, 
agus sìth air do spiorad aimhreiteach. Amhairc air an tigh 
a dh' òrduicheadh do gach uile bheò, agus iunnsaich, (1.) 
Gur èigin duit buille a's goirte fhulang, na calldach maoin 
shaoghalta. Ni bi glaodhaich gu h-àrd air son buille san 
luirg no sa' ghàirdein; oir mu 'n tig ùin' fhada bithidh 
buille ni's dluithe aig a' chridhe. Feudaidh tu do chairdean 
is dilse chall : Feudaidh a' bhean a fear-posda chall, agus 
am fear a bhean phosda ; feudaidh na parantan an clann 
ghràdhach a chall, agus a' chlann am parantan: Ach ma 
thachras aon do na deuchainnean sin dhuitse, cuimhnich 
gur èigin duit do bheatha f èin a chall mu dheireadh ; agus, 
" C' uim' an dean duine beo gearan ? " Tuir. iii. 39. Tha e 
a ghnàth feumail thoirt fainear, ann an trioblaid, gu 'm feu- 
dadh ar cor a bhi ni 's miosa na a ta i. Ciod sam bith a 
bhios air a chaitheadh, no air a thoirt nainn, "Is ann do 
throcairibh an Tighearna nach 'eil sinn (fèin) air ar caith- 
eadh," rann 22. (2.) Cha 'n 'eil ach ùime ro ghoirid a ta 
sinn ri bhi anns an t-saoghal so. Is beag na dh' fheumas 
sinn a dheanamh suas ar n-uireasbhuidhean anns an uine 
ghoirid so ; 'nuair thig am bàs cha bhi feum againn air aon 
do na nithibh sin. C'arson a chuireadh daoine an cinn thar 
a cheile le curam, cionnus a ni iad ulluchadh air son an là 
maireach; 'nuair nach 'eil fhios aca, co dhiubh a dh' 
f heumas iad aon ni am maireach 1 Ged bhios lòn a ta aig 
duine air son a thuruis, fagus air teireachduinn, cha 'n 
'eil e fo iomagain, ma tha e smuaineachadh gu bheil e 
dluth d'a dhachaidh. Am bheil thu ag oibreachadh le 
solus coinnle, agus am bheil ach beagan do d' choinnil 
air a fàgail? Theagamh, gu bheil co beag gaineamh 
ann ad ghloinne : Agus ma tha chuis mar sin, cha 'n 'eil 
ach beag feum agad orra. (3.) Tha gnothuiche is mò 
cudthrom ag agairt bhur curam. Tha 'm bas aig an dorus, 
bithibh air bhur faicill nach caill sibh bhur n-anama. 
Ma bhriseas fuil a mach ann an aon àite do 'n chorp, 's 
tric leo cuisle fhosgiadh ann an earrann eile dheth, chum 
sruth na fola thionndadh ; agus mar so casg a chur oirre. 
Mar so tha Spiorad Dhè air uairibh a' leigheas dhaoine o 
bhron air son nithe talmhaidh; le cnisle a' chridhe fhosg- 



331 

ladh a shileadh air son peacaidh. Nan leanamaid nithe 
nèamhaidh leis an tuilleadh dùrachd, 'nuair nach 'eil gnoth- 
uiche na beatha so a' soirbheachadh leinn, bhuannaicheam- 
aid feum dubailte : Bhitheadh ar bròn saoghalta air a 
thionndadh uainn, agus ar n-ionmhas is fearr air a mheud- 
achadh. (4.) Cha mhair trioblaidean do 'n t-seorsa so 
fada, bithidh gaire agus gruaim an t-saoghail air an adh- 
lacadh le cheile gu h-aithghearr ann an dichuimhn shior- 
ruidh. Theid a ghairean air falbh mar chobhar air an 
uisge ; agus tha a ghruaime mar ghreim-siubhlach ann 
an cliadhaich duine. Bha aimsir ag itealaich air falbh le 
sgiathaibh luatha, agus ag iomchor air falbh ar sòlasan 
saoghalta, agus ar trioblaidean mar an ceudna maille rithe : 
's cha mhò a theid aon diubh leinn do 'n tigh a th' air òr- 
duchadh do gach uile bheò. " An sin sguiridh na h-ain- 
gidh do bhuaireas, agus an sin gheibh iadsan a ta sgìth le 
saothair fois. An sin bithidh tàmh aig na priosanaich ; 
cha chluinn iad guth an fhir-shàruchaidh. Tha am beag 
agus am mor an sin ; agus an seirbhiseach saor o mhaigh- 
stir," Iob iii. 17, 18, 19. Tilgibh bhur suilean air sior- 
ruidheachd, agus chi sibh, nach 'eil trioblaid ann an so 
ach rè tiota. Is i an fhirinn, gu bheil ar n-aimsir co ro- 
ghoirid, as nach fulaing i aon chuid d' ar n-aoibhneis no 
d' ar doilgheasan teachd gu h-iomlaineachd. Uime sin, 
biodh iadsan a ta ri caoidh, mar nach biodh iad ri caoidh, 
agus iadsan a ta ri gairdeachas mar mhuinntir nach 'eil 
ri gairdeachas. — 1 Cor. vii. 29, 30, 31. (5.) Cuiridh bàs 
gach uile neach san aon inbhe. 'S eigin do 'n righ agus 
do 'n deirceach comhnuidh a ghabhail ann an aon tigh, 'nuair 
a thig iad a chum ceann an turuis ; ged bha 'n aoidheachd 
air an t-slighe eadar-dhealaichte. "Tha am beag agus 
am mòr an sin," Iob iii. 19. Tha sinn anns an t-saoghal 
so mar air ionad-cluiche : cha chùis mhòr, co dhiubh a dh' 
iomaireas duine mar phrionnsa no mar threabhaiche. 
Oir, an uair a choimhlionas iad na bh' aca ri dheanamh, is 
èigin doibh dol araon air cul a' sgail, gun taisbeanadh tuil- 
eadh. San àite mu dheireadh, Mur 'eil thu ann an Criosd, 
ciod air bith do thrioblaidean a nis, tha trioblaidean mìle 
uair ni's miosa, a feitheamh ort ann an saoghal eile ! Tionn- 
daidh am bas do dheuchainnean gu mallachnan neo-choimh- 
measgta ! Agus an sin cia toileach a philleadh tu gu d' staid 
thrioblaidich san robh thu roimhe, agus a cheannaicheadh 



332 

tu i air luach sam bith, nam biodh e comasach dhuit mar 
sin pilleadh. Ma tha thu ann an Criosd, 's maith a dh' 
fheudas tu do chrann-ceusaidh a ghiulan; cuiridh am hàs 
crìoch air t'uile thrioblaidean. Mur 'eil duine a ta air turus, 
air a chur suas gu h-iomchuidh far nach 'eil e ach ri comh- 
nuidh a ghabhail car aon oidhche, cha chuir e mor-thrioblaìd 
air fèin mu thimchioll, a chionn nach 'eil e ri fuireach an 
sin ; cha 'n e a dhachaidh e : Tha sibhse air an t-slighe gu 
siorruidheachd ; na cuireadh e mi-shuaimhneas oirbh, gu 
bheil sibh a' coinneachadh cuid do dheuchainnean ann an 
tigh-òsda an t-saoghail so. Na biodh fearg ort, a chionn 
nach 'eil cùisean co maith leatsa 's a ta iad le muinntir eile. 
Tha aon duine ag imeachd le cuilc ; theagamh, nach 'eil aig 
a chomh-fhear-turuis ach bata no maide suarach : ni aon 
chuid diubh an gnothuch. Cha 'n 'eil umhail co aca dhiubh 
a bhios agadsa, theid an cur seachad araon 'nuair a thig thu 
gu ceann do thuruis. 

San treas àite, Feudaidh e bhi mar shrian, a chur bac- 
aidh air na h-uile seorsa ann-mianna ; gu h-àraid iad sin a 
bhuineas do'n chorp. Dh' feudadh sealladh suidhichte 
air a' bhàs fhuar, agus air an talla aonaranach sin an uaigh 
a bhi ro-fheumail gu 'n claoidh. 

Air tùs, Feudaidh e bhi feumail gu thoirt air daoine bhi 
gabhail ni 's lugha do churam neo-mheasarra air son a' chuirp; 
ni a ta do mhoran 'na mheadhon sgrios d' an anamaibh ! 
Is tric leis na ceistean sin, " Ciod a dh' itheas sinn 1 Ciod a 
dh' òlas sinn ? Agus ciod a chuireas sinn umainn ? " gun aite 
fhàgail aig ceist eile a's cudthromaiche, eadhon, " Ciod leis 
an tig mi am fianuis an Tighearna 1 " Tha 'n t-anam air a 
chur gu piau, a fhreagairt nan ceistean beaga sin, as leth a' 
chuirp ; am feadh a ta leas siorruidh fèin air a dhearmad ! 
Ach, ah ì cia uime a ta daoine co gniomhach a charadh a' 
bhothain bhriste ; a' fagail an fhir-chomhnuidh a' call fhola 
gu bàs d'a chreuchdan, gun aire, gun suim. C' arson na h- 
• urrad do chùram mu 'n chorp, agus a' dearmad nan nithe 
bhuineas do 'n anam neo-bhasmhor ? ! na bithibh co chur- 
amach mu'n ni a mhain a dh'fheumas bhur cuirp : a chionn, 
ann an uine ghoirid, gu 'm foghainn foidean fuar na talmh- 
ainn air son druim agus brù mar an ceudna. 

San dara àite, Feudaidh so bhur n-ardan a thaobh 
maise a' chuirp o lughdachadh, as an bheil duine diomhain 
ulamh aii' uaill a dheanamh. Na measaibh sibh fèin air 



333 

blàth na b-oige ; oir, am feadh 'sa ta sibh 'rmr bliadhnachan 
fais, cha 'n 'eil sibh ach ag abuchadh air aon na h-uaighe : 
agus bheir am bàs am buille bàsmhor, gun fheitheamh ri 
aois neach sam bith fheòraich. Na deanaibh uaill as bhur 
neart, theid e gu h-ealamh air falbh. Thig an t-àm gu 
goirid, 'nuair nach urrainn dhuibh sibh fèin a thionn- 
dadh air an leabaidh ; agus is èigin duibh a bhi air bhur 
giùlan le 'r cairdibh mualadach do'r dachaidh fhada ! Agus 
ciod am feum a ta 'nur pearsa shlainteil 1 ? Cha 'n 'eil 
am bàs a ghnath a' teachd a steach air tùs, air an dorus aig 
am bheil e 'n toiseach a' bualadh ; ach gearraidh e cuid as 
le urrad do chabhaig ann am beagan a dh' uairibh, 'sa 
ghearras e cuid eile ann am moran no bhliadhnaibh. Na 
measaibh sibh fèin air bhur "maise, a sheargas anns an 
uaigh," Salm xlix. 14. Cuimhnichibh an caochladh a ta 
'm bàs a' deanamh air an aghaidh a's maisiche ! Iob xiv. 
20. Caochailidh tu a ghnuis agus cuiridh tu air falbh e ! 
Ni am bàs a' mhaise is mo co graineil, as gur eigin adh- 
lacadh as an t-sealladh ! Nam feudadh sgathan a bhi air 
a ghnathachadh anns an tigh a ta air òrduchadh do gach 
uile bheò, bhitheadh e 'na uamhas dhoibhsan a ta nis ag 
amharc ni 's trice 'nan sgathain na tha iad ag amharc 'nam 
Biobuil ! Agus ciod ged bhios an corp air a sgeudachadh 
gu riomhach 1 Cha 'n 'eil an sgeudachadh a's grinne ach 'na 
chomhara air ar peacadh agus nàire ; agus, a bhitheas ann 
an uine ghoirid, air a mhalairt air son annart-mairbh ; 'nuair 
a dh' fhàsas an corp 'na chuirm do na cnuimhibh ! 

San treas àite, Feudaidh e bhi 'na bhacadh mòr air 
feòlmhoireachd agus ana-mianna feolmhor, 1 Phead. ii. 
11. " Guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt 5 
sibh a sheachnach ana-mianna feolmhor, a tha cogadh an 
aghaidh an anama." Is doilich a thoirt air fiodh fliucb 
gabhail ri teine ; agus an uair a tha 'n teine a' deanamh 
greim air, tha e gu h-ullamh air a chur as. Tha feol- 
mhoireachd a' deanamh dhaoine ro neo-iomchuidh air son 
co-chomunn diadhaidh, agus tha i 'na meadhon eifeach- 
dach a mhuchadh an Spioraid. Bheir neo-mheasarrachd 
ann an ithe agus òl, sgrios air an anam agus air a' chorp 
an aon uair ; agus greasaidh iad bàs, am feadh a ta iad a' 
deanamh an duine na 's ro mhi-iomchuidh air a shon. Uime 
sin, " Thugaibh an aire dhuibh fein, air eagal uair air 
bith gu 'm bi bhur cridhe fo uallaich le geocaireachd, 



334 

agns le misg; agus gu'n tig an là sin oirbh gu h-ob- 
ann," Luc. xxi. 34. Ach ! cia tric a tha'n t-anam air 
a bhualadh troimh le saighead ann an sàsuchadh na col. 
ladh ! Tha sgrios a' dol a steach air na dorsaibh sin. 
Air an aobhar sin, rinn Iob coimhcheangal r' a shuilibh, 
Caib. xxxi. 1. "Is slochd domhain beul bhan coimheach ; 
an ti a's gràineil leis an Tighearn, tuitidh e ann," Gnath- 
fhoc. xxii. 14. "An ti a ta 'na sheasamh, thugadh e aire 
nach tuit e," 1 Cor. x. 12. Bithibh air bhur faicill o 
mhacnus; deanaibh dichioll air bhi stuama 'nur sgeudach- 
adh, 'nur briathraibh agus gniomharaibh. Spionaidh fìth- 
ich glinne a' bhàis a mach fadheòidh an t-suil ana-miannach ; 
Bithidh an teanga ghràineil neo-ghlan, mu dheireadh, 'na 
tosd ann an tìr na tosdachd ! Agus air do'n bhàs choimh- 
each an corp a ghlacadh 'na ghairdeinibh fuar, caisgidh e 
gu h-eifeachdach teas na h-uile ana-miann feòlmhor. 

San àite mu dheireadh, An aon fhocal feudaidh e, casg 
a chur air ar n-inntinn talmhaidh ; agus a dh' aon uair, 
"ana-miann nan sul, ana-miann na feòla, agus uabhar na 
beatha " bhualadh sios, Ah ! ma's eigin duinn bàsachadh, 
c' airson a tha sinn mar so 1 C' airson a tha sinn co deidh- 
eil air nithibh aimsireil ; co churamach gu'm fagail, co 
ciocrach 'nan glacaibh, co mòr air ar bualadh le 'n call- 
dach? Labhram, le beachd a ghabhail air an tigh a dh' 
òrduicheadh do gach uile bheò, ris an duine shaoghalta, 
ann am briathraibh Sholaimh, Gnath-fhoc. xxiii. 5. " An 
cuir thu do shùilean air an ni nach 'eil ann ; oir gu cinn- 
teach ni saoibhreas sgiathan dha fèin, mar iolaire a dh' 
itealaicheas chum nan nèamh." Cha 'n 'eil ann an saoibh- 
reas, agus anns gach uile nithibh saoghalta ach neo-ni 
sgiamhach ! 's iad an ni sin nach 'eil. Cha 'n 'eil iad an 
ni a ta iad a' taisbeanadh a bhi. Cha 'n 'eil annta ach 
diomhanas air am bheil dath sgiamhach a ta mealladh nan 
sul. Ann an coimeas, cha'n 'eil iad idir ; tha ni 's mò 
gu mòr na do neo-nitheachd 's do neo-bhith, na do bhrigh, 
anns a' chuid a 's fearr dhiubh. Ciod e an saoghal, agus 
gach ni a ta ann, ach cruth, no taisbean sgiamhach 1 ? 
mar a ni daoine air ionad-cluiche, taisbean siubhlach? 
1 Cor. vii. 31. Cha 'n 'eil ann an greadhnachas riogh- 
ail ach taisbean breagha, no coslas ann am meas Dhè, 
Gniomh. xxv. 93. 'Se 'n t-ainm a 's fearr a gheibh 
iad, nithe maithe ! ach thoir an aire, 's iad a mhain 



335 

nithe maithe an droch dhuine, Luc. xvi. 25. "Fhuair 
thusa do nithe maithe rè àm dhuit a bhi beò," ars' 
Abraham, anns a' chosamhlachd ris an duine shaoibhir, ann 
an ifrinn. Agus is maith a dh'fheudas daoine an t-saogh- 
ail a radh ris na nithe sin am maoin ; oir cha 'n 'eil maith 
sam bith eile annta, mu 'n cuairt doibh, no 'nan co-chuid- 
eachd. A nis an suidhich thu do shuilean air taisbean- 
aidh falamh agus sgàilean? An toir thu air do shuil- 
ibh itealach orra, mar tha 'ni focal a' ciallachadh *? An 
itealaich cridheachan dhaoine a mach air an suilibh orra, 
mar fhiadh-bheathach millteach air a chreach? Ma ni 
iad sin, bitheadh fhios aca, gu 'n itealaich iad mu dheir- 
eadh, co luath uatha, as a dh'itealaich an sùilean riamh 
orra : Cosmhuil ri treud eun, le itean sgiamhach, a ta 
luidhe air fearann amadain ; muinntir, an uair a ruith- 
eas e gan glacadh mar a' chuid fèin, a ghabhas an sgiath- 
an air ball, a dh' itealaicheas air falbh, agus air luidhe sios 
dhoibh air fearann a choimhearsnaich, tha 'dhòchas air a 
mhealladh : Luc. xii. 10. Amadain, air an oidhche so 
fèin iarrar t'anam uait ! an sin co dha bhuineas na nithe 
sin a dh'ulluich thu 1 ? Ged nach dean thusa sgiathan 
dhoibh, mar a ni mòran ; " ni iad sgiathan dhoibh f èin, 
agus iteallachaidh iad air falbh : " cha 'n ann mar eun ceann- 
saichte tighe, a dh'fheudar a ghlacadh a rìs; no mar an 
t-seabhag a nochdas c' ait am bheil i le a cluig, agus a 
ghairmear a rìs le f eall : ach cosmhuil ris an iolair, a dh' 
itealaichais gu luath as an t-sealladh, agus nach fheudar a 
ghairm air a h-ais. Sguir thusa do bhi ag amharc air na 
nithe sin, O dhuine bhasmhoir ! Cha 'n 'eil aobhar agad 
"do shùilean a shuidheachadh orra." Tha 'n saoghal so mar 
thigh-òsda mor, air an rathad gu sìorruidheachd, gus am 
bheil thusa air thurus ; tha na nithe sin a frithealadh dhuit, 
mar sheirbhisich a bhuineas do 'n tigh-òsda far am bheil thu 
tamh ; f eithidh iad ort, am f eadh a ta thu 'n sin ; agus an 
uair a tha thu falbh, bheir iad coimheadachd dhuit gus an 
dorus ; ach cha leatsa iad, cha 'n fhalbh iad leat ; ach pillidh 
iad a dh'fheitheamh air coigrich eile, mar a rinn iad ortsa. 

Sa' chuigeadh àite, Feudaidh e bhi mar bhrosnuchadh 
do rùn durachdach Criosduidh, gu dluth-leantuinn ri 
Criosd, agus gu seasamh gu daingean r'a fhirinnibh, agus 
gu buannachadh 'na shlighibh; ciod sam bith a dh'fhuil- 
ingeas e air son sin a dheanamh. Lushdaicheadh e easal 



336 

duine, a bheir ribe leis : " Cò thusa gu 'm bioclh eagal ort 
roimh dhuine a geibh bas?" Isa. li. 12. Amhairc air 
luchd na geur-leanmhuinn mar mhìribh do chreadh 
bhriste, a bhios air a pronnadh 'na miribh ; oir an sin 
ni sibh tarcuis orra mar naimhde a ta bàsmhor, agus gu 
faigh an uamhasan do mhuinntir eile ann am fearann nam' 
beò, bàs gu h-aithghearr leo fèin. Teagaisgidh smuaint- 
ean cudthromach mu ghiorrad ar n-aimsir agus mu chinn- 
teachd a' bhàis dhuinn, nach airidh na h-uile buannachd 
a dh'fheudas sinn fhaotainn le tuiteam o 'n chreidimh ann 
an àm na deuchainn, a bhi air a h-ainmeachadh ; cha 'n 
fhiù e dol as an rathad gù fhaotainn : agus feudaidh na nithe 
sin a dhiultas sinn a chaìl air son Chriosd a bhi air an 
toirt uainn aig a' bhas : Ach cha 'n urrainn dhuinn gu 
brath an call air mhodh co urramach, as air son aobhair 
Chriosd agus a shoisgeil ; oir, ciod an t-aobhar uaill a ta 
agaibh, ann an toirt seachad na th' agaibh anns an t- 
saoghal 'nuair a bheir Dia uaibh e le bas, ca dhiubh a's àill 
i)o nach àill leibh'? Feudaidh an smuain so teagasg dhuinn 
beag meas a bhi againn aìr beatha fein, agus roghnachadh 
a call, roimh pheacachadh. 'S e ann i a's miosa as urrainn 
daoine dheanamh, a' bheatha sin a thoirt air falbh nach 
urrainn dhuinne a ghlèidheadh fada, ged a chuidicheadh an 
saoghal uile leinn an spiorad a chumail. Agus ma dhiul- 
tas sinn a toirt suas do Dhia, 'nuair a ghairmeas e air a 
son, ann an dìon aobhar a ghlòir, feuclaidh e a toirt uainn 
air rathad eile; mar a dh'eirich dhasan, nach fulaingeadh 
loisgeadh air son Chriosd, ach a bha 'na dhèigh sin air a 
losgadh le teine thachair 'na thigh ! 

San àite mu dheireadh, Feudaidh e fòghnadh mar mhead- 
on greasaid, gu 'r brosnuchadh gu ulluchadh air son bàis. 
Thoir fa'near, (1.) Gu 'm bi do staid shiorruidh a rèir na 
staid anns am faigh bàs thu ! Fosgailidh am bàs dorsa 
neimh no ifrinn dhuit. Mar a thuiteas a' chraobh, mar 
sin luidhidh i tre shiorruiclheachd. Ma bhios an naoidh- 
ean air a bhreth marbh, cha tog an saoghal uile e gu 
beatha a rìs ! agus ma bhàsaicheas neach a mach à Criosd, 
ann an staid neo-iompaichte, cha 'n 'eil dòchas air a shon 
gu bràth. (2.) Smuainich gu durachdach, ciod sin clol 
do shaoghal eile ; saoghal nan spiorad, air am bheil againn 
ro-bheag eòlais ! Cia uamhasach a ta co-labhairt ri spior- 
acla, do chreuthiribh bàsmhor anns a bheatha so ! Agus 



337 

cia uamhasach an staid, 'nuair a ta daoine air an greasadh 
air falbh do shaoghail eile, gun i'hios aca nach iad diabhuil 
a 's companaich dhoibh gu bràth ! Deanamaid air an 
aobhar sin gach uile dhìchioll gu eòlas a ghabhail air 
Tighearn an t-saoghal sin, agus meudachadh ann. (2.) 
Cha 'n 'eil ach ùine ghoirid againn a dh' ulluchadh air son 
bàis, uime sin, deanamaid a nis e, no cha dean sinn gu bràth 
e ; a chionn gu bi an ùine a ta air a comharachadh air son 
ùlluchaidh, seachad gu luath, Ecles. ix. 10. " Ge b' e ni 
a gheibh do làmh r 'a dheanamh, dean e le d' dhichioll : 
oir cha 'n 'eil obair, no innleachd, no eòlas, no gliocas anns 
an uaigh, d' am bheil thu a' dol." Cionnus a dh' fheudas 
sinn a bhi diomhanach, air dhuinn obair co mòr a bhi 
againn ri dheanamh, agus co beag aimsir gu a deanamh 1 
Ach, ma tha 'n uine goirid, ged tha obair ulluchaidh air 
son bàis, 'na h-obair chruaidh, cha mhair i fada. Bheir 
sgàile na h-oidhche air an fhear-oibre oibreachadh gu mis- 
neachail, air dha fios a bhi aige gu bheil an t-àm aig laimh, 
sani bi e air a ghairm a steach o shaothair. (4.) Tha 
mòran d' ar n-ùine ghoirid seachad cheana; agus cha 'a 
urrainn do 'n neach a 's òige 'nar measg e f èin a dheanamh 
cinnteach, bu bheil uiread d'a aimsir ri teachd, as a 
chaidh seachad. Cha 'n 'eil 'nar beatha san t-saoghal ach 
mar gum biodh roimh-ràdh ghoirid do shiorruidheachd 
fhada ; agus moran do 'n sgeul air innseadh. ! nach 
dùblaich sinn ar dìchioll, 'nuair a ta na h-uiread d' ar n- 
aimsir air a caitheamh, agus co beag d' ar n-obair mhòr 
deanta 1 (5.) Tha 'n aimsir a ta làthair a' teicheadh air 
falbh ; agus cha 'n urrainn dhuinn an aimsir a chaidh 
seachad a thoirt air a h-ais ; ghabh i cead gu siorruidh 
dhinn : Cha 'n 'eil seòl air an teine fhadadh a ris a ta air 
a losgadh gu luaithre. Cha leinne an aimsir ri teachd : 
agus cha 'n 'eil cinnte againn air cuibhrionn a bhi againn 
innte, 'nuair a thig i. Cha 'n 'eil ni againn a dh' fheudas 
sinn a ràdh a 's leinn fèin, ach a' mhionaid a ta làthair ; agus 
tha i sin a' teicheadh air falbh : Cia luath a bhios crìoch air 
ar n-uine, cha 'n fhios duinn ; bàsachadh 's èigin duinn, 
ach co as urrainn innseadh, c'uin' 1 Nan cumadh bàs aon 
àm suidhichte air son gach uile, cha bhitheamaid ann an 
cunnart a bhi air ar glacadh gun fhios, ach tha fìosrachadh 
gach là a' nochdadh dhuinn, nach 'eil a' chuis mar sin. 
A nis cha 'n fhuiling sgàile iteagach ar beatha uine dhuinn 

Y 



338 

gu leisg. Tha na h-aimhnichean a' ruith gu luath do 'n 
fhairge, o 'n d' thainig iad ; ach cha ruith iad co luath ri 
duine gus an duslach, as an d' thàinig e. 'S i sruth na h- 
aimsir, an smth a 's luaithe, agus ruithidh i gu luath a 
steach do 'n t-siorruidheachd. San àite mu dheireadh, Ma 
bheir am bàs aon uair air falbh sinn, cha 'n 'eil teachd air 
ais a rìs a leasachadh ar gnothuiche, Iob xiv. 14. " Ma 
bhàsaicheas duine, an tig e beò a rìs ì " Cha 'n fheud 
sinn deuchainn fhaotainn do bhàsachadh ; is ni e nach 
'eil air a dheanamh ach aon uair a mhàin, Eabh. ix. 27. 
Tha e air òrduchadh do dhaoinibh bàs fhaotainn aon uair. 
Agus an ni sin nach fheud a bhi air a dheanamh ach aon 
uair, agus gidheadh a ta co cudthromach, is gu bheil ar 
n-uile an crochadh r'a dheanamh gu ceart ; tha feum ag- 
ainn air an dìchioll is mò a ghnàthachadh, chum a dhean- 
amh gu ceart. Air an aobhar sin ùlluichibh air son bàis, 
agus deanaibh ann an àm e. 

Ma dh'fheòraicheas sibhse, a ta neo-iompaichte, dhiom, 
ciod a ni sibh chum ulluchaidh air son bàis, a chum gu 
faigh sibh bàs gu tèaruinte ? Freagram, Dh' innis mi 
dhuibh cheana, ciod is èigin a bhi deanta ; agus is e sin, 
gur èigin d' ur nàdur agus d' ur staid a bhi air an athar- 
rachadh ; 's èigin duibh a bhi air bhur breth a rìs ; 's 
èigin dhuibh a bhi air bhur n-aonadh ri Iosa Criosd tre 
chreidimh. Agus gus am bi so deanta, cha 'n 'eil" sibh 
comasach air seòlanaibh eìle fhaotainn a bhuineas do 
neach a ta faotainn bàis le comhfhurtachd : mu 'm feud 
sinn labhairt an deidi so anns an àite iomchuidh. 



CEANN II. 

AN T-EADAK-DHEALACHADH A TA EADAR AM 
FiKEAN AGUS AN T-AINGIDH 'NAM BAS. 

" 'Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t-aingidh, ach bithidh 
dòchas aig am fhìrean 'na bhàs." — Gnath-fhocail xiv. 32. 

Tha 'm bonn-teagaisg so a' sealltuinn cosmhuil ris an neul 
a bha eadar na h-Israelich agus na h-Eiphitich ; aig an 
robh taobh dorcha ris na h-Eiphitich, agus taobh soilleir 



339 

ris na h-Israelich. Tha e cumail a' mach a' bhais mar ni 
a tha cosmhuil ri fear-coimhid priosain Pharaoh, a' tabh- 
airt an ard-bhuidealair agus an ard-fhuineaclair a mach as 
an aon phrìosan ; fear dhuibh gu bhi air aiseag gu dhreuchcl, 
agus am fear eile gu bhi air a chrochadh. Tha e nochd- 
adh an t-eadar-clhealachadh a ta eadar an duine diadhaidh 
agus an t-an-diadhaidh 'nam bàs ; muinntir, air dhoibh 
giùlan eadar-dhealaichte bhi aca 'nam beatha, mar sin, ann 
am bas, tha eadar-dhealachadh mòr 'nan crioch. 

Air tùs, A thaobh bàis an aingidh, ann an so tha, 
(1.) An dòigh air an teid e mach as an t-saoghal, Tha e 
air fhuadachadh air falbh ; sin ri radh, 'na bhàis : mar tha 
soilleir o'n earrainn eile do'n roinn. Tha e air a thilgeadh 
air falbh a dh' aindeoin a mach as àite san t-saoghal so; 
air fhuadachadh air falbh, mar mholl roimh 'n ghaoith. 
(2.) An staid anns an imich e air falbh. Tha e bàsachadh 
ann an staid peacaidh agus gun dochas. Air tàs, Ann an staid 
peacaidh; tha e air fhuadachaclh air falbh 'na aingidh- 
eachd. Chaith e bheatha innte, agus tha e bàsachadh 
innte; 'S iad na culaidhean salach a' pheacaidh, anns an 
d' fhill e suas e fèin 'na bheatha, a chulaiclh phriosain, anns 
an luidh e air fhilleadh suas gu bràth. San dara àite, Ann 
an staid gun dòchas : — Ach bithidh dòchas aig anfhìrein 'na 
bhàs. Ni a ta gu soilleir a' cumail a mach an-dòchas nan 
aingidh 'nam bàs. Cha'n 'eil sin a' ciallachadh, uach bi 
dòchas air bith aig aon duine aingidh, 'nuair a ta e faghail 
bàis, ach gu 'm f aigh e bàs ann an an-dòchas, cha'n 'eil idir ; 
Tha chùis mar sin air uairibh gun amharus, ach gu tric 
tha e air dhòigh eile : feudaidh òighean amaideach dòchas 
a bhi aca, agus is tric a tha sin aca, gus an anail mu dheir- 
eadh : Ach aig an duine aingidh cha'n 'eil dòchas bhunait- 
each ; agus air son an dòchaisean mealltach a th' aige uime 
fein, spionaidh am bàs as am bun iad, agus bithidh e gu 
bràth truagh, gun leasachadh. 

San dara àite, A thaobh bàis an fhirein : Tha dòchas 
aige 'na bhàs. Tha 'm focal so air a thoirt a stigh le ach, 
a' ciallachadh gu bheil nithe uamhasach ann an staid an 
duine aingidh aig a' bhàs, a ta air fhuadach air falbh 'na 
aingidheachd ; ach cha'n 'eil na daoine diadhaidh mar sin. 
Cha 'n 'eil iad mar sin, (1.) Anns an dòigh anns am bheil 
iad ag imeachd a mach as an t-saoghal. Cha 'n 'eil am 
firean air fhuadachadh air falbh, mar mholl roimh 'n 



340 

ghaoith ; ach air a threòrachadh air falbh, mar bhean- 
bainnse gus an t-seònmr phòsaidh ; "air a ghiulan leis 
na h-ainglibh gu uchd Abrabaim," Luc. xvi. 22. (2.) 
Cha 'n 'eil iad cosmhuil riu a thaobh an staid 'nuair a tha 
iad a' dol a mach as a' bheatha so. Tha'm firean a' faotainn 
bàis, (1.) Cha'n ann an staid pheacach, ach ann an staid 
naomh : Cha'n 'eil e dol air falbh 'na pheacadh, ach air 
falbh uaith. 'Na, chaithe-beatha bha e cur dheth an 
t-seann duine, a' malairt a chulaidh-phriosain : Agus a 
nis tha na luideagan a dh' fhàgadh air an toirt air falbh, 
agus tha e air a sgeudachadh le falluinn glòire. (2.) Cha'n 
ann gun dòchas, ach ann an staid dòchais : Tha dòchas 
aige 'na bhàs. Tha gràs an dòchais aige, agus an deadh 
bhunait dòchais air nithibh a 's fearr na bha riamh aige anns 
an t-saoghal so. Agus ged dh' iheudas sruth a dòchais, 
aig a' bhàs, ruith eu-domhain ; gidheadh tha fathast aige 
uirread dheth, as a bheir air a chòir shiorruidh earbsa ris an 
Tighearn Iosa Criosd. 

BONN-TEAGASGr I. — Air do na h-aingidh, a bhi faghail bais, tha 
iad air am fuadachadh air falbh 'nan aingidheachd ; agus ann an 
staid gun dochas. 

Ann an labhairt mu 'n teagasg so, (1.) Nochdaidh mi 
cionnus, agus ciod an seadh, anns am bheil na h-aingidh 
air am fuaclachadh air falbh 'nan airjgidheachd, aig a' bhàs. 
(2.) Nochdaidh mi an-dòchas an staid aig a' bhàs ; agus, 
mu dheireadh, Ni mi comh-chur do 'n iomlan. 

1. Cionnus, agus ciod an seadh sam bheil na h-aingidh 
"air am fuadachadh air falbh 'nan aingidheachd." Ann 
an labhairt mu 'n ni so, Fiosraichidh mi gu h-aithghearr, 
(1.) Ciod a ta air a chiallachadh le iad a bhi air am fuad- 
achadh air falbh. (2.) Cia uaith a dh' fhuadaichear, agus 
c' ait am fuadaichear iad. (3.) Ciod na dòighean sam 
feudar a ràdh, gu bheil iad air am fuaclachadh air falbh 
'nan aingidheachd. Ach, mu 'n teid mi air m' aghaidh, 
leigibh leam rabhadh a thoirt dhuibh ! gu bheil sibh am 
mearachd, mu smuainicheas sibh, nach 'eil neach air a 
ghairm aingidh, ach iadsan a ta gu follaiseach olc agus mi 
naomha ; mar nach b' urrainn an diabhul còmhnuidh a 
ghabhail ann aon sam bith ach annta san cl' an ainm legion. 
Ann am beachd an Sgriobtuir, tha na h-uile nach 'eil 
fireanta air an dòigh a mhìnichear an dèigh sa, air am 



341 

meas aingidh. Agus air an aobliar sin tha 'm bonn-teagaisg 
a roinn an t-saoghail uile gu clà sheòrsa, am fìrean agus 
an t-aingidh. Agus chi sibh an ni ceudna, san earrann 
eile sin do 'n Sgriobtur. Mal. iii. 18. "An sin pillidh 
sibhse, agus chi sibh an dealachadh eadar am firean agus 
an t-aingidh." Uime sin mur 'eil sibh 'nur fìreanaich, tha 
sibh aingidh. Mur 'eil agaibh fireantachd air a nieas duibh, 
agus mar an ceudna fìreantachd air a suidheachadh annaibh, 
no naomhachd; ma tha sibh fathast 'nur staid nàduir, 
neo-iompaichte, gun a bhi air bhur n-aonadh ri Criosd tre 
chreidimh; ciod sam bith co beusach agus neo-choireach 
ann an sùilibh dhaoine, a dh' fheudas bhur caithe-beatha 
a bhi ; is sibh na h-aingidh, a bhitheas air bhur fuadachadh 
air falbh 'nan aingidheachd, ma gheibh am bàs anns an 
staid sin sibh. Nis, 

Air tùs, A thaobh seadh nam briathra so, fuadachadh 
aìrfalbh; tha trì nithe ann : Bithidh na h-aingidh air an 
toirt air falbh gu h-obann, gu h-ainneartach, agus gun 
chomas cur 'na aghaidh. 

Air tùs, Bithidh daoine neo-nuadhaichte air an toirt 
air falbh gu h-obann, aig a' bhas. Cha 'n e gu bheil na h- 
uile dhroch dhaoine a' faotainn bàis gu h-obann ; no gu 
bheil iad uile aingidh, a tha bàsachadh mar sin : nar leig- 
eadh Dia! Ach (1.) Tha'm bàs gu cumanta teachd orra gun 
fhios, agus mar sin a' glacadh greim dhiubh ; mar a thainig 
an dìle air an t-seann saoghal gun fhios dhoibh, ged fhuair 
iad rabhadh uimpe fada mu 'n d' thainig i; mar a thig 
saothair air mnaoi thorraich, le h-obann iongantach, ged 
a bha i ag amharc air a shon, agus dùil aice ris, 1 Tes. v. 
4. Glacaidh am bàs iad mar a ni fear-feich air an fhear 
a th' ann am fiacha dha, gu tharruing gu prìosan, Saìm 
Iv. 15. agus sin 'nuair nach 'eil iad air am faicill ! Tha 'm 
bàs a' teachd a steach, mar ghaduiche, air an uinneig, agus 
tha e g'am faotainn làn do smuainte curamach mu nithe 
na beatha so, a theid am mugha air a' cheart la sin fèin. 
(2.) Tha 'm bàs a ghnàth 'gan glacadh neo-uidheamaichte 
air a shon : tha 'n seann tigh a' tuiteam mu'n cluasan, mu'm 
bheil tigh eile aca-air ulluchadh ! 'JSTuair tha ; m. bàs 'gan 
tilgeadh a dh' ionnsuidh an doruis, cha 'n 'eil ionad aca far 
an cuir iad an cinn fodha ; mur ann air leabaidh teine 
agus pronnuisc ! Tha 'n t-anam agus an corp, mar gu b' 
ann, a' failteachadh aon a cheile an glacadh a cheile, 'nuair 



342 

tha 'm bàs a' teachd, cosmhuil ri iom-ghaoith, agus 'gan 
dealachadh. (3.) Tha 'm bàs 'gan greasadh air falbh ann 
am mionaid gu sgrios, agus a' deanamh atharrachaidh ro 
uamhasach ! 'S gann a tha fhios aig an duine c' ait am 
bheil e, " bus ann an ifrinn an tog e suas a shuilean ! " 
Luc. xvi. 23. Tha tuiltean na feirge gu h-obann a' dol 
thar 'anam ! agus, mu 'm bheil e air fhaicill, tha e air a 
shlugadh suas anns an t-slochd gun iochdar ! 

San dara àite, Tha 'n duine neo-nuadhaichte air a thabh- 
airt air falbh as an t-saoghal le h-ainneart. Is ainneart- 
ach an ni fuadachadh : Tha e " air a ruagadh a mach as 
an t-saoghal," Iob xviii. 18. Bu mhiann leis fuireach, 
nam b' urrainn e ; ach tha 'm bàs 'ga shlaodadh air falbh, 
mar fhear droch-bheirt, chum na croiche. Cha d' iarr e 
cuibhrionn sam bith eile, ach buannachd agus toil-inntinn- 
an t-saoghail so ; cha 'n 'eil tuilleadh aige ; cha 'n 'eil e da 
rireadh ag iarraidh ni eile. Cionnus uime sin a dh' fheudas 
e dol a mach as, mur bi e air f huadachadh 1 

Ceist. Ach nach feud droch dhuine bhi toileach bàs 
fhaotainn ? Freag. Feudaidh e gun amharus a bhi toil- 
each bàsachadh; ach, thoir fainear, gur ann a mhain ann 
an aon do thri choraibh. (1.) Ann an lasan inntinn, air 
son trioblaid o 'm bheil e ag iarraidh a bhi air a shaoradh. 
Mar so tha iomadh neach 'nuair a gheibh an inntinn las- 
anach an lamh-uachdair air an reuson, agus an uair, air 
an aobhar sin a tha iad, ro neo-iomchuidh air bàsachadh, 
bithidh iad ullamh air eigheach, a bhi air falbh ! Ach, 
nam biodh an iarrtus air a dheònachadh, agus gu 'n tig- 
eadh am bàs air an gairm, nochdadh iad gu h-ealamh nach 
robh iad da rìreadh ; agus ma thèid iad air falbh, gur 
èigin dhoibh a bhi air am fuadachadh air falbh an aghaidh 
an toile. (2.) 'JSTuair a tha iad làn an-dòchais, feudaidh 
iad a bha toileach bàsachadh. Mar so mhort Saul e fèin ; 
agus dh' iarr Spira bhi ann an ifrinn, chum gu 'm bitheadh 
fios aige air a chuid bu fhaide do na bha e creidsinn a bh' 
aige ri fhulang. Air an doigh so feudaidh daoine bhi 'g 
iarruidh air son a' bhàis, 'nuair a tha e teicheadh uatha. 
Ach is eagallach an t-ainneart a tha iad sin a' fulang, a ta 
uamhasan an Tighearn mar so a' ruagadh. (3.) 'Nuair a 
tha iad a' bruadar mu shonas an dèigh bàis. Feudaidh 
òighean amaideach, fuidh chumhachd meallaidh, a thaobh 
an staid, a bhi toileach air bàs fhaghail, air dhoibh a bhi 



343 

gun eagal luidhe sios ann an amhghar. Cia lionmhor iad, 
nach urrainn steidh Scriobtuir a thoirt air son an dòchais, 
aig nach 'eil fathast cnibhrichean 'nam bàs ! Tha mòran air 
am fuadachadh gu dorchadas 'nan codal ; tha iadsan a' dol 
air falbh mar uain ; a bheucadh mar leòmhain, nam biodh 
fìos aca c' ait am bheil iad a' dol ! Ged tha 'n carbad, anns 
am bheil iad, a' siubhal gu dian gu doimhneachdan ifrinn ; 
gidheadh cha 'n 'eil eagal orra, choinn gu bheil iacl 'nan trom 
chodal. 

San àite mu dheireadh, Tha 'n duine neo-nuadhaichte air 
a thoirt air falbh gun chomas cur 'na aghaidh. Is èigin da 
dol, ged is ann gu goirt an aghaidh a thoile. Cha ghabh 
am bàs diùltadh, 's cha 'n fhuiling e dàil sam bith ; ged nach 
robh an duine beò leth a laithean, a reir a mheas fèin. Mar 
lub e, brisidh se e. Mur tig e mach, bheir e nuas an tigh 
m' a chluasan ; oir an sin cha 'n fheud e fuireach. Ged a 
bhitheas an leighiche a' cuideachadh, cairdein ag osnaich, a 
bhean 'sa chlann a' gul, agus ged ni an duine uile spairn 
a chumail a spioraid, tha 'anam air iarruidh uaithe ; is èigin 
da striochdadh, agus imeachd far nach faic e solus ni 's mò. 

San dara àite, Thugamaid fainear, cia uaith a ta iad air 
am fuadachadh, agus c' àite. 'Nuair tha na h-aingidh a' 
faghail bàis, (1.) Tha iad' air am fuadachadh a mach as 
an t-saoghal so, far an do pheacaich iad, gus an t-saoghal 
eile, far an èigin breth a thoirt' orra, agus sam faigh iad 
am binne fa leth, Eabh. ix. 27. " Tha e air òrduchadh 
do dhaoinibh bàs fhaotainn aon uair, ach 'na dheigh so 
breitheanas." Cha phill iad tuilleadh gus an talamh ion- 
mhuinn aca. Ged tha 'n cridheachan ceangailte ri sòlas- 
an talmhaidh, is èigin doibh am fàgail ; cha'n urrainn 
dhoibh ni sam bith a thoirt leo as a so. Cia bronach 
is èigin d' an imeachd a bhi, 'nuair nach 'eil ni sam bith 
aca 'nan sealladh, co maith ris na nithibh a dh' fhàg iad 
'nan dèigh? (2.) Tha iad air am fuadachadh o chomunn 
nan naomh air thalamh, gu comunn na muinntir dhìte 
ann an ifrinn ! " Fhuair an duine saoibhir bàs mar an 
ceudna, agus dh' adhlaiceadh e. Agus ann an ifrinn thog 
e suas a shuilean ! " Ciod an treud mòr do ghabhair an 
diabhuil a ta nis am measg caoraich Chriosd ! Ach, aig 
a' bhàs, "ioniainear iad a mach le luchd-deanamh an 
uilc," Salm cxxv. 5. Tha sluagh measgta san t-saoghal 
so, ach cha 'n 'eil measgadh sad t-saoghal eile ; tha gach 



344 

cuideachd an sin air an cur leo fèin. Ged dli' fhasas iia 
ceagairean ann an so, mar chogul am measg a' chruith- 
neachd, spionaidh am bàs a nios iad : agus bithidh iad air 
an ceangal 'nan trusaichibh air son an teine. (3.) Tha 
iad air am fuadachadh a mach o'n aimsir a tha làthair gu 
siorruidheachd. Fhad 'sa mhaireas aimsir dhoibh, tha 
clòchas; ach 'nuair a dh' fhalbhas aimsir, falbhaidh gach 
uile dhochas leatha, tha 'n aimsir luach mhor a nis air a 
caitheamh gu struidheil ; tha i luidhe co trom air lamhan 
mòran, is gur èigin dhoibh iomadh rathad a ghabhail gu 
a fogaradh air falbh. Ach bithibh air bhur faicill o bhi 
ann an teagamh ciod mar a chaitheas sibh bhur beatha ; 
Cleachdaibh an aimsir a tha làthair air son siorruidheachd, 
fhad 'sa mhaireas i dhuibh ; oir, mu 'n tig ach uine 
ghoirid, fuadaichidh am bàs uaibh i, agus sibhse uaipe-sa, 
air chor is nach coinnich sibh gu bràth a ris. (4.) Tha 
iad air am fuadachadh a mach o choslas diadhachd a bha 
iad a' gabhail orra bhi aca. Tha 'm bàs 'gan rùsgadh d' an 
culaidhibh dealrach do clh' aidmheil sgiamhach, leis an 
robh cuid diubh air an sgeudachadh ; agus tionndaidh e 
iad air falbh o'n aite-cluiche, ann an luideagan droch cridhe 
agus droch chaithe-beatha. Tha 'm focal cealgair a' cial- 
lachadh gu ceart fear-ionaid cluiche, a tha taisbeanadh a bhi 
an ni ann am fìrinn nach 'eil e. 'Se 'n saoghal so an t-ionad 
cluiche, air am bheil clann so on diabhuil g'an cur fèin an 
riochd clann Dè. 'Se 'n coslas diadhachd còta an fhir- 
chluiche, fo 'n èigin do neach amharc, a bheir breth cheart 
orra, A nis tha 'm bàs 'gan tionndadh a mach as an cota, 
agus an sin tha iad a' taisbeanadh 'nan trusgain fèin; 
bheir e am brat-foluich dhuibh, agus bheir e air falbh an 
sgaile brèige dhiubh. Cha'n 'eil neach anns an t-saoghal 
eile, a ta gabhail orra bhi ni's fearr na da rireadh a tha 
iad. Oibrichidh nàdur truaillidh ann an tìr na h-uamhais, 
gun bhacadh agus gun sgàil na ceilge. San aite, mu dheir- 
eadh, Tha iad air am fuadachadh air falbh o uile mheadh- 
onna nan gràs ; agus tha iad air an cur an taobh thall do 'n 
chrìch, gu tùr an taobh a mach do na h-uile dùil ri trocair. 
Cha'n 'eil cothrom tuilleadh a cheannach ola air son an 
lòchrain ; chaidh e as aig a' bhàs, agus cha 'n f heucì e bhi 
air a shoillseachadh tuilleadh. Feuclaidh tairgsean trocair 
agus sith a bhi, an deigh dhoibhsan f albh ; ach tha ìacl sin 
do mhuinntir eile, cha 'n ann dhoibh-san ; cha 'n 'eil an 



345 

leithide sin cla thairgsean san àite gus ani bheil iad air ani 
f uadachadli : Tha na tairgsean sin a mhàin air an toirt anns 
an aite o 'm bheil iad air am fuadachadh air falbh. 

San àite mu dheireadh, Ciod an dòigh air am feudar a 
ràdh gu bheil iad air am fuadachadh air falbh 'nan aingidh- 
eachd? Freag. (1.) A thaobh iad a bhi air an tabhaiit 
air falbh 'nan staid pheacach neo-iompaichte. Air dhoibh 
am beatha chaitheadh 'nan naimhdibh do Dhia, tha iad a' 
faotainn bàis ann an staid naimhdeis 'na aghaidh : Oir 
cha 'n 'eil neach air a thoirt do staid sonais siorruidh, 
ach air rathad staid nan gràs, no toiseach leasach- 
aidh sa' bheatha so. Tha 'n leanabh a ta marbh sa' 
bhroinn, air a bhreith marbh, agus tha e air a thilgeadh 
as a' bhroinn do 'n uaigh : Mar so tha esan a ta marbh an 
feadh a bha e beò, no tha marbh gu spioradail air a thilg- 
eadh a mach o bhroinn na h-aimsir a ta làthair, ann an 
staid cheudna a' bhàis, do shlochd truaighe iomlain. 
bàs truagh, bàsachadh ann an domblas na seirbhe, agus 
fuidh chuibhreach na h-eucorach ! B' fhearr gu mòr do 
leithid 'sa gheibh bàs mar sin, nach robh iad riamh air am 
breth. (2.) A chionn gu bheil iad a' dol a dh'ionnsuidh 
a' bhàis a' peacachadh, ag oibreachadh gu h-aingidh an 
aghaidh Dhè, calg dhireach an aghaidh lagha Dhè ! Oir 
cha 'n urrainn dhoibh ni a dheanamh ach peacadh fhad 
sa tha iad sa' bheatha so. Mar sin tha 'm bàs 'gan glac- 
adh ann an dearbh-ghniomh a' pheacaidh; gu h-ainneart- 
ach 'gan tarruing o chaidreamh an ana-mianna, agus 
'gam fuadachadh air falbh gu caithir a' bhreitheanais a clh' 
fhaotainn am binne. Is comharraichte na briathra a ta 
air an labhairt le Iob xxxvi. 14. "Gheibh iad bàs 'nan 
òige ! " ISTo mar dh'fheudar na briathra a thionndadh, 
"Gheibh an anama bàs 'nan òige!" Air d' an ana-mian- 
naibh a bhi beothail, an iarrtuis neartmhor agus an dòch- 
as mòr; mar a tha cleachdta leis an òige. "Agus am 
beatha am measg nan neo-ghlan ! " (No, "Agus tha a' 
chuideachd, no 'n treud, dhiubh a' faotainn bàis am measg 
nan Sodomach.") Is e sin ri radh, tha iad air an toirt 
air falbh an teas am peacaidh agus an aingidheachd, mar 
a bha na Sodomaich, Gen. xix. ; Luc. xvii. 27, 28. (3.) 
Ann a' mheud as gu bheil iad air am fuadachadh air falbh, 
luchdaichte le cionta an uile pheacaidh : Is i so an t-ann- 
art-mairbh a luidheas leo anns an duslach ! Iob xx. 11, 



346 

Leanaidh an oibre iad gus an t-saoghal eile ! Tha iad a' 
dol air falbh le cuing an cionta toinnte m' am muineiì. 
Tha cionta 'na dhroch companach ann am beatha, 
ach cia h-uamhasach a bhitheas e ann am bàs ! Theag- 
amh gu bheil e nis, a' luidh mar phronnusc fuar air an 
coguisean neo-mhothachail ; ach, 'nuair tha 'm bàs a' fosg- 
ladh an rathaid do shradagan dioghaltais Dhè, cosmhuil ri 
teine, a thuiteam air, ni e lasraichean uamhasach sa' chog- 
uis ; anns am bi an t-anam, mar gu b' ann air f hilleadh a 
suas gu bràth ! San àite mu dheireadh, Tha na h-aingidh 
air am fuadachadh air falbh 'nan aingidheachd, ann a 
mheud as gu bheil iad a' faotainn bàis fuidh lan-chumh- 
achd an aingidheachd. Fhad 'sa tha dòchas, tha bacadh 
èigin air a' chuid is miosa do dhaoine ; agus tha na gnèibh 
beusach a tha Dia a' toirt do chuid do dhaoine, a chum 
maith a' chinne-daòine anns a' bheatha so, 'nam bacaidhean 
agus 'nan casgaidhean air eingidheachd bhorb nàdur an 
duine : Ach air do na h-uile dhòchas a bhi air a ghearradh 
air falbh, agus na gibhtean sin air an toirt uatha, thig 
aingidheachd an aingidh gu iomlaineachd ! Mar a thig sìol 
nan gràs a ta air a chur ann an cridheachaibh nan daoine 
taghta, a dh'ionnsuidh a làn abachaidh aig a' bhàs; mar 
sin thig a ghnè aingidh agas ifrinneil e th' anns na droch 
dhaoine gus an airde a 's mo. Bìthidh an urnuighean ri 
Dia, an sin air an tionndadh gu mallachadh uamhasach, 
agus am molaidhean gu toibheuma oillteil ! An sin bithidh 
gul, agus giosgan fhiacal ! Mat. xxii. 13. Tha na nithe 
so a' toirt beachd uamhasach, ach fìrinneach, air staid nan 
aingidh ann an saoghal eile ! 

II. Nochdaidh mi co an-dòchasach 'sa tha staid nan 
daoine neo-nuadhaichte aig a' bhàs. Chithear gu bheil i 
gun dòchas, ma bheir sinn fainear na ceithir nithe so. 

Air tùs, Tha 'm bàs a' gearradh gach dòchais agus duil' a 
bh' aca ri sìth agus toil-inntinn anns a' bheatha so. "Anam, 
a ta agad mòran do nithibh maithe air an tasgaidh fa chomh- 
air morain bhliadhna ; gabh fois, ith, òl, is bi subhach. 
Ach a dubhairt D.ia. ris, Amadain, air an oidhche so fèin 
iarrar t'anam uait ; an sin co dha bhuineas na nithe sin a 
dh'ulluich thu?" Luc. xii. 19, 20. Tha iad ag amharc 
air son nithe mor san t-saoghal so; tha iad an dùil gu 
meudaich iad am maoin, gu faic iad an teaghlaichean a' 
soirbheachadh, agus gu 'n caith iad am beatha ann an 



347 

suaimhneas : Ach tha 'm bàs a' teachd, cosmhuil ri gaoith 
dhoinnionaich, agus crathaidh e air falbh an dochais thait- 
neach, cosmhuil ri meas an-abuich o chraoibh ! " An 
uair a bhios e gus a' bhru a lionadh, tilgidh Dia fraoch- 
fheirge air," Iob xx. 23. Feudaidh e tòiseachadh air 
innleachdan a dheilbh, a chum a buannachd shaoghalta 
mheudachadh; ach mu 'n urrainn dha an deilbh oibreach- 
adh a mach, tha 'm bàs a' teachd agus gearraidh e mach 
i ! " Theid 'anail as, pillidh e g' a ùir : san là sin fèin theid 
as d'a smuaintibh," Salm cxlvi. 4. 

San dara àite, 'Nuair a thig am bàs cha 'n 'eil steidh 
bhunaiteach dhochais aca air son sonais shiorruidh : " Oir 
ciod e dochas a chealgair, ged bhuannaich e, 'nuair a 
bheir Dia air falbh 'anam ? " Iob xxvii. 8. Ciod air bith 
dòchas a th' aca umpa fèin, cha 'n 'eil e air a steidheachadh 
air focal Dè, ni is e an fhior steidh dòchais ; nam biodh 
fios aca air an staid, chitheadh iad iad fèin a mhain sona 
ann am bruadar. Agus gun amharus, ciod am dochas a 
dh' fheudas a bhi aca ? Tha 'n lagh gu soilleir 'nan agh- 
aidh, agus g' an dìteadh : tha' mhallachdan, na cuibhrich- 
ean bàis sin, mu 'n timchioll cheana. 'S 'n Slanuighear, 
air an d' rinn iad tarcuis, a nis am breitheamh ; agus is 
e 'm breitheamh an nàmhaid ! Cionnus ma ta a d' fheud- 
as dòchas a bhi aca *? Dhruid iad dorus na tròcair 'nan 
aghaidh fèin le 'm mi-chreidimh : Rinn iad dì-meas air an 
leigheas agus uime sin is èigin doibh bàs fhaotainn gun 
tròcair ! Cha 'n 'eil còir shlàinteil aca ann an Iosa Criosd, 
an aon chladhan a mhàin troimh am bheil tròcair a' sruth- 
adh ; agus uime sin cha 'n urrainn doibh gu bràth blasad 
dheth ! Tha claidheamh ceartais a' dion doruis na-tròcair, 
air chor as nach urrainn do neach dol a stigh, ach 
buill cuirp dhìomhair Chriosd : aig am bheil os an ceann 
còmhdach do fhuil rèite, fuil an Eadar-Mheadhonair. 
Feudaidh iadsan gun amharus dol a steach gun dochann, 
oir cha 'n 'eil ni sam bith aig ceartas ri agradh dhiubh : 
Ach cha 'n urrainn do mhuinntir eile dol a steach, a chionn 
nach 'eil iad ann an Criosd : thig am bàs d' an ionnsuidh- 
san le gath ann, gath cionta gun mhaitheadh. Tha e 
air armachadh 'nan aghaidh leis an uile neart agus ughdar- 
as a's urrainn an lagh naomh a thoirt dha, 1 Cor. xv. 
56. " Is e am peacadh gath a' bhàis, agus is - neart a' 
pheacaidh an lagh." 'Nuair a bha 'n lagh sin air a thoirt 



348 

air sliabh Shinai, chriothnuich an sliabh uile gu mòr ! 
Ecsod. xix. 18. 'ISTuair a bha 'm Fear-saoraidh a' dean- 
amh diolaidh air son briseadh nan daoine taghta air an 
lagh, chriothnuich an talamh, agus sgoilt an creagan 
Mat. xxvii. 51. Ciod an steidh-dhòchais air an aobhar 
sin, a dh'fheudas a bhi aig an aingidh 'nuair thigam bàs 
air, armaichte le neart an lagha so ? Cionnus a dh' fheud- 
as e dol as o 'n teine sin, a loisg gu meadhon nèimh 1 
Deut. iv. 11. Cionnus a bhios e comasach air seasamh 
anns an deataich sin, a dh' eirich suas mar dheatach àmh- 
uinn? Ecsod. xix. 18. Cionnus a dh' fhulaingeas e na 
tairneinich agus na dealanaich uamhasach, rann 16, agus 
còmhnachadh ann an duibhre, neòil, agus tiugh-dhorch- 
adas ? Deut. iv. 11. Cha 'n 'eil anns na coimeasan sin uile 
air muin a cheile ach beachd fann air an doinionn uamh- 
asach sin do fheirg agus do dhiomh, a leanas na h-aingidh 
gus an ifrinn a's iochdaraiche ; agus a mhaireas gu bràth 
orra-san, a ta air am fuadachadh gu dorchadas aig a' bhàs ! 

San treas àite, Spionaidh am bàs nìos an earbsaidhean 
mealltach mu shonas siorruidh. 'S ann an sin a tha 'n 
coimhcheangal ris a' bhàs, agus an còrdadh ri ifrinn, air a 
bhriseadh. Tha iad air an dùsgadh o 'm bruadair milis, 
agus mu dheireadh a' togail suas an sùilean, Iob viii. 14. 
" Aig an gearrar a dhòchas as, oir is e lion an damhan- 
allaidh earbsa." Tha earbsa aca gu'm bi na h-uile ni ceart 
maille riu an dèigh a' bhàis ; ach eha 11 'eil 'nan e^rbsa so 
ach lion air fhigheadh as an com fein, le mor-innleachd 
agus dichioll. Tha iad 'gam fìlleadh fèin sujs anns an 
dòchas so, mar a dh' fhilleas damhan-allaidh e fèin 'na lion : 
Ach cha 'n 'eil ann ach dìdein lag agus anmhunn ; oir coid 
sam bith mar a dh' fheudas e seasamh an aghaidh bagraiah- 
ean focail Dè, sguabaidh am bàs, sguab sin an leir-sgrios, 
iadsan agus an dòchas araon air falbh, air chor as nach bi 
am mìr as lugha dheth air fhàgail dhoibh ; esan nach leig 
air a' mhionaid so le dhòchas imeachd uaithe, bithidh e 
an ath-mhionaid gu tur gun dòchas ! Cuiridh am bàs an 
tigh a thogadh air a' ghaineamh bun os ceann ; cha 'n fhàg 
e duine sam bith fuidh chumhachd meallaidh. 

San àite mit dheireadh, Fàgaidh bàs an staid gu h-iom- 
lan agus gu siorruidh gun dòchas. Cha 'n fheud gnoth- 
uiche bhi air an leasachadh no air an atharrachadh an dergh 
a' bhàis. Oir (1.) Air do 'n aimsir dol seachad aon uair, 



349 

cha'n fheudar gu bràth a' toirt air a h-ais. Nam b' urrainn 
èigh no deòir, luach no saothair, aimsir a thoirt air a h- 
ais a rìs, dh' fheudadh an duine aingidh dòchas a bhi aige 
'na bhas : Ach cha bhuadhaich deoir f hola ; 's cha mhò a 
bheir a screadail car mhuillionaibh do linnibh, air a h-ais 
i. Cha stad a' ghrian gus an duisg an lundair, agus an 
imich e air a thurus ; agus aon uair 's gu 'n teid i fodha, 
cha ruig e leas duil a bhi aige gu 'n tionndar an oidhche 
gu la air a shonsan; 's èigin dha còmhnuidh a ghabh- 
ail tre oidhche fhada na siorruidheachd, far an d' fhag 
'aimsir e ! (2.) Cha'n fheudar pilleadh do'n bheatha so, 
a leasachadh an ni a tha 'm mearachd : Is staid dearbhaiclh 
agus deuchainn i, a chriocìrnaicheas aig a' bhas ; agus 
air an aobhar sin cha 'n urrainn dhuinn pilleadh d'a h-ionn- 
suidh a rìs ; Cha 'n 'eil sinn mar so beo ach aon uair, agus 
cha 'n fhaigh sinn bas ach aon uair. Giulainidh am bàs 
an duine aingidh g'a aite fèin, Gniomh. i. 25. 'Si bheatha, 
ar la oibre ; criochnaichidh am bas ar là agus ar n-obair le 
chèile. Is ceart a dh' fheudas sinn a smuaineachadh, 
gu 'm feudadli càileigin do dhòchas a bhi aig na h-aingidh 
aig am bàs, nam b' e, 'san deigh do 'n bhas an sùilean 
fhosgladh, gu 'm b' urrainn doibh pilleadh gu beatha, agus 
ged nach faigheadh iad ach deuchainn a dh' aon Sabaicl, 
a dh' aon tairgse do Chriosd, aon la, aon uair tuilleadh, 
a dheanamh an sìth ri Dia : " Ach luidhidh an duine sios, 
agus cha 'n eirich e ; gus nach bi nan nèamha ann ; cha 
mhosgail iad, agùs cha duisgear as an codal iad," Iob xiv. 
12. San àite mu dheireadh, Anns an t-saoghal eile, cha 'n 
'eil rathad aig daoine air an staid chaillte agus mhillte a 
leasachadh, ged sam bith mar bu mhiann leo a dheanamh : 
" Oir cha 'n 'eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas, 
anns an uaigh, d' am bheil thu a' dol," Ecles. ix. 10. A 
nis f eudaidh duine teicheadh o 'n fheirg ri teachd ; a nis 
feudaidh e faotainn gu dìdein : Ach aon uair is gu 'n dean 
am bàs 'obair, druidear an dorus ; cha 'n 'eil tuilleadh 
tairgsean gràis, cha'n 'eil tuilleadh maitheanais : Far an do 
thuit a' chraobh, an sin is èigin di luidhe. 

Biodh na chaiclh a radh gu cùramach air a ghabhail gu 
cridhe : agus a chum gu 'm bithcadh e gu feum, fuilingibh 
cthomh earalachadh oirbh. 

Air tùs, Gu 'n toir sibh an aire gun dòchas a ghabhai 
mu nèamh, achs in a ta air a thogail air stèidh shuidhichte, 



350 

Bitlieadh crith oirbh smuaineachadh, ciod na dòchais thait- 
neach mu shonas nan nèamh a sguabas am bas air falbh, 
cosmhuil ri lion an damhain-alluidh ! Ciod mar tha dòch- 
ais nihòran air an gearradh air falbh, 'nuair a ta iad a 
saoilsinn, 'nam beachd fèin, a bhi air fior stairsnich neimh ! 
Ciod mar, anns a' mhionaid, a tha dùil aca bhi air an giù- 
lan le ainglibh gu uchd Abrahaim, gu ionadaibh a' bheann- 
achaidh agus na sìth ; tha iad air an giùlan le diabhluibh 
gu comunn na muinntir dhìte ann an ifrinn, gu ionad na 
pèin, agus gu tìr an uamhais : Guidheam oirbh a bhi air 
bhur faicill, (1.) Eoimh dhòchas a bhi air a thogail suas, 
far nach robh a' bhunait riamh air a suidheachadh. Chladh- 
aich an fear-togail glic domhain, Luc. vi. 48. Àn robh 
bhur dòchas mu nèamh riamh air a chrathadh ; ach gu 'n 
robh deadh dhòchas agaibh fad bhur laithean'? Mo 
thruaighe air a shon ! feudaidh sibh diomhaireachd bhur cor 
fhaicinn air a mhìneachadh, Luc. xi. 21. " 'Nuair a 
ghleidheas duine laidir fo armaibh a thalla fèin, tha na 
bhuineas da ann an sìth." Ach ma bha do dhòchais air 
an crathadh, thoir an aire air eagal nach robh ach cuid do 
bhrisean air an deanamh anns an t-sean aitreabh, a fhuair 
thu charadh a rìs, le rathadaibh agus meadhonaibh 
a fhuair thu fèin. Bi cinnteach, nach 'eil do dhòchas, 
ciod sam bith co sgiamhach 'sa ta an aitreabh, ri earbsa 
ris; mur robh do sheann dochais air an leagadh sìos gu 
làr, agus gu 'n do thog thu air steidh gu lèir nuadh. (2.) 
Bi air t'faicill o 'n dòchas sin a thaisbeanas soilleir anns an 
dorcha, ach a chailleas a shoillse 'nuair a ta e air a chui 
ann an solus focail Dè, 'nuair a ta e air a rannsachadh agus 
air fheuchainn le teisteas an fhocail fhoillsichte : " Oir 
gach neach a ta deanamh uilc, tha e toirt fuath do 'n t- 
solus, agus cba 'n 'eil e teachd chum an t-soluis, air eagal 
gu 'm biodh 'oibre air an cronachadh. Ach an ti a ni'n 
fhirinn, thig e chum an t-soluis, chum 's gu 'm bi 'oibre 
follaiseach gur ann an Dia a rinneadh iad," Eoin iii. 20, 
21. Cha 'n 'eil san dòchas sin, nach seas ri deuchainn 
nan Scriobtuir, ach a dh' fhaillnicheas 'nuair theid a rann- 
sachadh leis an fhirinn naomh, ach mealladh, agus cha 'n 
fhìor-dhòchas e ; oir tha focal Dè do ghnàth 'na charaid 
do ghràsan Spioraid Dè, agus 'na namhaid do mhealladh, 
(3.) Bi air t'faicill o'n dòchas sin, a sheasas gun a bhi air 
a dhaingneachadh le teisteas nan Scriobtuir. Mo thruaighe ! 



351 

tha mòran àrd le dochais, nach urrainn reuson a thoirt, a 
chionn da rireadh nach 'eil stèidh Scriohtuir aca air an 
son. Tha thusa an dòchas gu 'm bi na h-uile ni gu maith 
leat an deigh a' bhàis ; ach ciod am focal o Dia air an d' 
thugadh ort earbsadh % Salni cxix. 49. Ciod an dearbhadh 
Scriobtuir a th' agad, a dhearbhadh nach e do dhòchas-sa 
dòchas a' chealgair 1 Ciod, an dèigh fèin rannsachaidh, 
gun leth-bhreth mar ann am fìanuis Dhè, a fhuair thu 
annad fèin, a tha focal Dè a' dearbhadh a bhi 'na chomh- 
ara cinnteach air a chòir-san, aig am bheil è, air beatha 
mhaireannaich 1 Tha mòran do dhaoine air an sgrios le 
dòchais nach 'eil a' seasamh air dearbhadh an Scriobtuir. 
Tha daoine dèidheil air na dòchais sin, agus a' cumail greim 
teann dhiubh ; ach tilgidh am bàs sìos iad, agus fàgaidh e am 
fèin-mhealltair gun dòchas. San àite mu dheireadh, Bi air t' 
faicill roimh an dòchas sin mu nèamh, nach 'eil ga d' ulluch 
adh agus ga d' uidheimeachadh air son neimh ; nach 'eil idii 
a' deanamh t' anama ni 's naoimhe : " Gach neach aig am 
bheil an dòchas so ann, gianaidh se e fèin, mar a ta esan 
glan," 1 Eoin iii. 3. 'Se 'n dòchas a th' aig a' chuid as mo 
do dhaoine, dòchas a bhi saor o phien agus cràdh ann an 
saoghal eile ; ni 's mò na dòchas fior shonais, aig nach 'eil a 
nàdur air a tuigsinn no air a h-aithneachaidh : Agus uime 
sin tha e cumail sios ann an leisg agus lundaireachd, agus 
cha 'n 'eil e brosnuchadh gu claoidh peacadh agus gu beatha 
nèamhaidh. 'S co fada tha iad o dhòchas ceart mu nèamh, 
is gur èigin doibh aideachadh, ma labhras iad dearbh 
smuainte an cridhe, gur e bhi ag atharrachadh as an t- 
saoghal so, a dh' aite sam bith eile, an eagal, na 's mò nan 
dòchas. Cha 'n 'eil glòir na caithreach nèamhaidh idir a' 
tarruing an cridheachan suas d'a h-ionnsuidh ; 's cha mhò 
thogas iad an cinn le h-aoibhneas, ann am beachd teachd 
an sin. Nam biodh fior-dhòchas là na bainnse aca, bhith- 
eadh iad, mar bhean na bainnse, bean an Uain, gan dean- 
amh fèin ullamh air a shon, Taisb. xix. 7. Ach tha 'n 
dòchais ag èiridh o 'n leisg, agus an leisg air a h-aìtrum le 
an dòchais. ! Chuideachd, mar nach b' àill leibh a bhi 
ar bhur fuadachadh air falbh gun dòchas 'nur bàs, bithibh 
air bhur faicill o na dòchasan so. Lom-sgriosaibh iad a 
nis, agus togaibh air stèidh nuadh ; air eagal nach fàg 
bàs cloch air muin cloiche, agus nach bi sibh comasach air 
dòchas a bhi aoaibh tuilleadh. 



352 

San dara àite, Greasaibh, pheacacha a mach as 
bhur n-aingidheachd ; a inach as bhur staid pheacaich, 
agus a mach as-' bhur droch chaithe-beatha ; mur b' àill 
leibh, aig a' bhàs, a bhi air bhur fuadachadh air falbh 
'nur n-aingidheachd. Cuimhnichibh crìoch thruagh an 
cluine aingidh, mar tha 'm bonn-teagaisg g'a nochdadh : 
Tha fhios agam gu bheil eadar-dhealachadh mòr ann am 
bàs nan aingidh a thaobh cuid 'no nithe àraidh ; ach tha 
gach aon dhiubh, 'nam bàs, a' còrdadh anns an ni so, gu 
bheil iad " air am fuadachadh air falbh 'nan aingidheachd." 
Tha cuid diubh a' dol a dh' ionnsuidh a' bhàis le spiorad 
treubhantais, mar gu 'n deanadh iad tarcuis air a bhi fo 
eagal : Cuid ann am boile an-dòchais, air an lìonadh le 
leithid a dh' uamhunn, is gu bheil iad a' glaodhaich mar 
gum bitheadh iad cheana ànn an ifrinn ! Cuid eile fo 
thruime dhith misnich fo chuibhreach le h-eagail, air 
chor as gu bheil an cridheachean air dol fodha an taobh o 
stigh dhiubh, air dhoibh a bhi cuimhneachadh air mi-bhuil- 
eachadh na h-aimsir, agus an sealladh a th' aca air sìorr- 
uidheachd ! air dhoibh a bhi gun chrìch no ceann gu aon 
ni dheanamh air son an cobhair f èin : Agus tha cuid eile 
a' bàsachadh gu neo-mhothachail, chaith iad ani beatha 
mar ainmhidhean 's mar ainmhidhean tha iad a' faghail 
bàis gun churam air an spioraid mu thimchioll an staid 
shiorruidh ! tha iad ag osnaich fo thrioblaid an cuirp, 
ach cha 'n 'eil mothachadh sam bith aca mu chunnart an 
anama : Cha mhòr nach co maith do neach labhairt ri doich 
le urrad duil ri buadhachadh 'so labhras e riu-san ; is diomh- 
ain an oidheirp feuchainn r' an teagasg, cha ghluais aon ni 
a theirear iad ! À bhi labhairt riu, aon chuid mu aoibh- 
neis neimh, no mu phiantaibh ifrinn, is e sin a bhi treabh- 
adh air carraig, no bualadh an aiclheir. Tha cuid a' faot- 
ainn a' bhàis cosmhuil ris na h-òighean amaideach, a' bruacl- 
ar mu nèamh ; tha clàr an eucìain air an cruadhacbadh 
an aghaidh eagail ifrinn, ]e dòchais laclurna mu nèamh. 
'Se 'n gnothuch-san, le 'm bu mhaith a bhi feumail cl' an 
anamaibh, cha 'n e bhi freagradh amharusan mu chor an 
anama ; ach a bhi 'gan cur a mach as an dòchais mheall- 
tach. Ach ciod sam bith clòigh air am faigh an duine neo- 
iompaichte bàs, tha e " air fhuadachaclh air falbh 'na ain- 
gidheachcl." staid uamhasach ! ! gluaiseadh beachd 
air imeachd co oillteil a mach as an t-eaoghal so sibh gu 



353 

teicheadh gu Iosa Criosd, mar Shlanuighear uile-fhogh- 
ainteach, mar Fhear-saoraiclh uile-chumhachdach. Buadh- 
aicheadh e gu bhur ruagadh a mach as bhur n-aingidh- 
eachd, gu naomhachd criclhe agus beatha. Ged tha sibh 
a meas gur taitneach a bhi caitheadh bhur beatha ann an 
aingidheachd, cha 'n f heucl sibh gun aideachadh gur searbh ' 
bàs fhaotainn san staid sin. Agus mur sguir sibh deth 
ann an àm, theid sibh 'nur n-aingidheachd a dh'ifrinn, 
an t-ionad iomchuidh air son aingidheachd, chum gu 'm bi 
i an sin air a cur air a bonn fèin. Oir an uair a ta sibh a' 
dol a mach as an t-saoghal so, cruinnichiclh bhur peacanna 
uile, o'n aon a's sine gus an aon a's òige mu 'n cuairt cluibh, 
crochaidh iad ribh, theid iad 'nur comh-chuideachd gus 
an saoghal eile, agus, mar na h-urrad do clhroch spioraid, 
cuairtichidh iad sibh an sin gu bràth. 

San àite mu dheireadh, bithibh fo churam mu mhuinn- 
tir eile gu h-àraid m'ur luchd-dàimh, chum nach buanaich 
iad 'nan staid pheacach nadurra, ach gu 'm bi iad air an 
toirt gu staid slainte ; air eagal gu bi iad air am fuadachadh 
air falbh 'nan aingidheachd aig a' bhàs. Ciod nàch deanadh 
sibh a chumail bhur cairclean o bhàs oban agus ainneartach 1 
Ach, mo thruaighe ! nach 'eil sibh 'gam faicinn an cunnart 
a bhi air am fuadachadh air falbh 'nan aingidheachd ì Nach 
'eil am bas a' tarruing dlùth dhoibh, eadhon do 'n chuid a 's 
òige dhiubh? Agus nach 'eil iad 'nan coigrich do fhior 
dhiadhachcì, a' mairsinn anns an staid sin anns an cl' thain- 
ig iad do 'n t-saoghal % Oh ! deanaibh cabhag air an aith- 
inne spìonadh as an teine, mu 'm bi air a losgadh gu 
luaithre ! Tha bàs luchd-clàimh gu tric a' fàgail gath ann an 
cridheachan na muinntir a dh'fhag iad 'nan deigh, a chionn 
nach d'rinn iad air son an anama marabha cothrom aca ; agus 
gu bheil e nis an cothrom air a thoirt gu bràth as an lamhan. 

BONN-TEAGASG ,11. — Tha staid nan daoine diadhaidh 'nam 
bas, 'na staid dochais. 

Chunnaic sinn taodh dorcha an neòil ag amharc ris na 
daoine an-diadhaidh, 'nan dol a niach as an t-saoghal : Gabh- 
amaid a nis beachd air an taobh shoilleir dheth, a' dealradh 
air na daoine diadhaidh, mar a tha iadsan a' dol a steach d' an 
staid shìorruiclh. Ann an labhairt mu 'n earrann so ; daing 
nichidh mi an teagasg so ; freagraidh mi ni a ta air a chur 'na 
aghaidh; agus ansin ni micleachdamh iomchuidh air an iomlan. 

Chuni Daingneachadh, Biodh e air a thoirt fainear, ged 



354 

tha a bhi dol a mach as an t-saoghal so le bàs, 'na shealladh 
eagallach do dhaoine bàsmhor : agus ged tha teachd gearr 
anns a' bhàs a' tarruing truaighe eagallach 'na chois ; Gidh- 
eadh ni na nithe a leanas staid nan naornh 'nam bàs, sona 
agns dòchasach. 

Air tùs, Tha fior charaid maith aca rompa san t-saoghal 
eile; 'Se Iosa Criosd, an caraid a 's fearr, Tighearn an 
fhearainn sin gus am bheil am bàs 'gan giùlan. 'Nuair 
a chuir Ioseph fios air 'athair, teachd a nuas d' a ionnsuidh 
do 'n Eiphit, ag innseadh dha gu d'rinn Dia e 'na uachdar 
an air an Eiphit uile ! agus a chunnaic Iacob na carbadan 
a chuir Ioseph g' a ghiùlan dh' ath-bheothaich spiorad 
Iacoib ; rùnaich e gu suilbhir dol air an turus, Gen. xlv. 
9, 27. Tha mi smuaineachadh, 'nuair a tha 'n Tighearn 
a' gairm duine diadhaidh a mach as an t-saoghal so, gu 
bheil e cur a leithid do nuaidheachd d'a ionnsuidh, agus a 
leithid do chuireadh caoimhneil do 'n t-saoghal eile, as nam 
bitheadh creidimh aige gu chreidsinn, gur eigin d'a spiorad 
ath-bheothachadh, 'nuair a chi e carbad a' bhàis, a ta 
teachd gu ghìùlan an sin. Is fior, gun amharus, gu bheil 
deuchainn chudthromach aige ri dhol troimhe ! " An deigli 
bàis, am breitheanas ! " Ach tha staid nan daoine diadh- 
aidh gu h-uile dòchasach oir is e Tighearn am fhearainn 
am fear-pòsda, agus is e 'm fear-pòsda am Breitheamh : 
"Thug an t-Athair gach uile bhreitheanas do 'n Mhac." 
Eoin v. 22. Agus gu cinnteach tha staid na mnà dòch 
asach, 'nuair is e fear-pòsda fein a breitheamh; eadhon a 
leithid a dh'fhear pòsda as leis am fuath cur air falbh. 
Cha 'n 'eil fear-pòsda sam bith co gràdhach agus co caomh 
r'a chèile, sa tha 'n Tigheam Iosa Criosd r' a chèile-san. 
Shaoileaclh neach, gu 'm bu ro olc am fearann do nach 
rachadh bean gu toileach, far an e a fear-pòsda is uach- 
daran agus is breitheamh ann. Thuilleadh air so, Is e am 
Breitheamh am Fear-tagraidh, 1 Eoin ii. 1. " Tha fear- 
tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am fir- 
ean." Agus, uime sin, cha ruig iad a leas eagal a bhi orra 
gu 'n cuirear air an ais iad, agus gu 'n tuit iad ann an dit- 
eadh. Ciod a dh'fheudas a bhi ni 's fabhoraiche air an 
son? An urrainn dhoibh smuaineachadh, gu 'n toir 
esan a tha tagradh an cùise, binn a mach 'nan agh- 
aidh ì Gidheach, a thuilleadh air so, is e 'm Fear-tagraidh 
am Fear-saoraidh ; tha iad air an saoradh le fuil luach- 



355 

mhoir Chriosd, 1 Pheacl. i. 18, 19. Mar sin, nuair tha e 
tagradh air an son, tha e tagradh 'aobhair fèin. Ged dh' 
fheudas fear-tagraidh a bhi neo-churamach mu chòir an ti 
a bheir gnothuch dha r'a dheanamh, gu cinnteach ni e na 
dh' fheudas e a dhion a choir fèin, a cheannaich e le air- 
giod ; agus nach dion am Fear-tagraidh aca-san ceannach 
'fhola f èin ? Ach a thuilleadh air sin uile, is e 'm Fear- 
saoraidh an ceann, agus is iadsan a bhuill, Eph. v. 23, 30. 
Ged a bhiodh aon co-socharach is gu 'n leigheadh e as d'a 
cheannach fèin, gun seasadh suas gu choir a' dhoin ; gidh- 
eadh gu cinnteach, cha dealaich e ri ball d'a chorp fèin. 
Nach 'eil air an aobhar sin an staidsan dochasach ann am 
bàs, a ta co dlùth so air an ceangal agus ann an dàimh ri 
Tighearn an t-saoghail eile, " aig am bheil iuchraiche ifrinn 
agus a' bhàis ? " 

San dara àite, Bithidh aiseag tearuinte aca do shaoghal 
eile. Is èigin doibh gun amharus, dol tre ghleann sgàile 
a' bhàis ; ach ged tha e, ann fèin, 'na ghleann dorcha agus 
duibhreach, bithidh e 'na ghleann dochais dhoibhsan ; cha 
bhi iad air am fuadachadh troimhe, ach coisichidh iad 
troimhe mar dhaoine ann an tearuinteachd iomlan, aig 
nach 'eil eagal roimh olc sam bith, Salm xxiii. 4. C' arson 
a bhiodh eagal orra 1 Tha stiuradh tearuinte Tigheam 
na tìre aca, tha chead aca, air a sheulachadh le 'fhuil fèin ; 
eadhon an coimhcheangal beannaichte, ni as e comh- 
fhurtachd leabaidh-bàis an naoimh, 2 Sam. xxiii. 5. " Ged 
nach 'eil mo thigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coimh- 
cheangal siorruidh riumsa air a shuidheachadh anns gach 
ni, agus a choimhidear : oir is e so mo shlàinte uile, agus 
mo mhiann uile, ged nach 'eil e toirt air fàs." Cò ma ta dh' 
fheudas coire dheanamh orra 1 Is tearuinte an ni, marc- 
achd ann an carbad Chriosd araon tre bheatha agus bàs, 
Dan-Shol. iii. 9. Tha luchd-coimheadachd maith agus 
urramach aca ; freiceadan, eadhon freiceadan a dh' aing- 
libh : tha iad sin a' càmpachadh mu 'n cuairt doibh, ann 
an àm beatha ; agus gu cinnteach cha 'n fhagar leo iad 
ann an là am bàis. Tha na spioraid frithealaidh sona sin 
'nan luchd-feithidh air bean-bainnse an Tigheàrn, agus 
o'un teaGramh bheir iad coimheadachd thearuinte dhoibh 

O o 

dhachaidh d' a thigh. 'Nuair tha cairdean, gu bronach, a' 
seasamh ri taobh leabaidh an naoimh, a' feitheamh gu 
fhaicinn a' tarruing na h-anail mu dheireadh, tha aingle 



356 

naomh a' feitheamh air 'anam, gu ghiiilan air falbh gu 
uchd Abrahaim, Luc. xvi. 22. 'Se ceannard slainte 'nan 
naomh, Ceannard an fhreiceadain naoimh so : Bha e maille 
riu, eadhon gu bàs : agus bithidh e maille riu troimhe mar 
an ceudna, Salm xxiii. 4. " Seadh, ge do shiubhail mi tre 
ghleann sgàile a' bhais, cha bhi eagal uilc orm ; oir a ta thusa 
maille rium." Feudaidh iad gun eagal dol troimh amhainn 
sin, air dhoibh a bhi cinnteach nach tig i thairis orra, agus 
feudaidh iad siubhal tre 'n teine sin, air dhoibh a bhi cinn- 
teach nach bi iad air an losgadh leis. 

Cha 'n urrainn am bàs coire dheanamh orra : cha 'n urr- 
ainn dha eadhon cron a dheanamh air an cuirp : Oir, ged 
a sgaras e an t-anam o 'n chorp, cha 'n urrainn dha an corp 
a sgarachduinn o'n Tighearna Crioscl. Cha 'n 'eil eadhon am 
bas dhoibhsan ach 'na " chodal ann an Iosa," 1 Tes. iv. 14. 
Tha iad a' mairsinn 'nam buill do Chriosd, ged tha iad ann 
an uaigh. Is duslach luachmhor an duslach, air a thas- 
gaidh suas ann an uaìgh, mar ann an Ciste-thasgaidh an 
Tighearna. Tha iad a' luidhe ann an uaigh ag abuchadh, 
mar mhèas luachmhor air a thasgaidh suas, gu bhi air a 
thoirt a mach dhasan aig an aiseirigh. Tha arbhar aig an 
treabhaiche anns an t-sabhal, agus arbhar anns an fhearann : 
Tha 'n t-arbhar a ta san fhearann moran ni 's luachmhoire 
no sin a ta san t-sabhal, do bhrìgh gu bheil e ag amharc 
air son e bhi air a philleadh d' a ionnsuidh le tuilleadh 
cinneis : eadhon mar sin, tha cuirp nan naomh air am nieas 
le 'n Slanuighear. Tha iad air an cur ann an truaillidh- 
eachd, gu bhi air an togail ann an neo-thruaillidheachd ; 
air an cur ann eas-urram, gu bhi air an togail ann an 
gloir, 1 Cor. xv. 42, 43. Cha 'n urrainn am bas coire dhean- 
amh do 'n anamaibh ; tha chùis maille ri anamaibh 'nan 
naomh aig bàs, mar a bha e maille ri Paul agus ri chuicl- 
eachd, 'nan turus, air am bheil eachdraidh againn, Gnìomh. 
xxviii. Bha'n long air a briseadh 'na bloighdibh, ach fhuair 
an luchd turuis eile tearuinte gu tìr. 'Nuair a ta cainnt an 
naoimh a ta faghail a' bhais air a' cur 'na tosd a shuilean 
air an dìmadh, agus 'anail mu dheireadh air a tarruing, 
tha 'n t-anam a' faotainn tearuinte air falbh, gus am Paras 
nèamhaidh a' fagail a' chuirp gu pilleadh gu ùir ; ach 
anns an dochas aoibhneach air ath-cheangal aig aiseirigh 
ghlormhoir. Cionnus is urrainn am bàs coire dheanamh do 
na naomhaibh 1 Is namhaid claoiclhte e. Ma tha e 'g an 



357 

tilgeadh sios, 's ann a mhain a chnm gu 'n èirich iad suas 
ni 's glormhoire ! Chuir ar Slanuighear, Iosa Criosd, as do 'n 
bhàs, 2 Tim. i. 10. Dh' fhalbh anam agus beatha a' bhais : 
Cha 'n 'eil ann ach sgàile shiùbhlach, a dh' fheudas eagal a 
chur, ach nach urrainn coire dheanamh do naoimh. Cha 'n 
'eil ann ach a mhain sgàile a bhàis dhoibhsan • cha 'n e am 
bàs fèin e, cha 'n 'eil am bas-san ach mar bhàsachadh, no 
ni-eigin cosmhuil ri basachadh. Tha 'n t-Abstol ag inn- 
seadh dhuinn, "Gur e Criosd a fhuair bas," Eom. viii. 34. 
Stephen, a' cheud fhianuis air son a' chreidimh Chriosdaidh 
ged chaidh a chlochadh gu bàs, gidheadh cha d' rinn e ach 
codal, Gniomh. vii. 60. Gu cinnteach tha nàdur a' bhàis air 
atharrachadh gu tur, thaobh nan naomh ; cha 'n 'eil- e dhoibh- 
san mar a bha e do Iosa Criosd, an ceann ; cha 'n e an ni 
uimheil, sgriosach sin*e, a bha air fhilleadh suas ann an 
ùghdarras a' cheud choimhcheangail, Gen. ii. 17. "Anns 
an la dh' itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu." Tha 
e teachd a dh' ionnsuidh nan naomh gun ghath ; feudaidh 
iad a choinneachadh leis an fhàilte sin, bhàis ! c' àit am 
bheil do ghath 1 An e so Mara ? An e so bàs searbh ? Chaidh 
e mach lan do 'n t-saoghal, 'nuair a dh' fhosgail an ceud 
Adhamh an dorus dha ; ach thug an dara Adhamh air ais 
a ris e falamh, d' a shluagh f èin. Tha mi mothachadh gath, 
f eudaidh an naomh a ta bàsachadh a' ràdh ; gidheadh cha 'n 
'eil ann ach gath beachainn, a' sathadh a mhàin tre 'n 
chroicionn : "Ach, bhais ! c' àit am bheil do ghath'?" 
do shean ghath, gath na nathrach, a shàthas gus a' chridhe 
agus anam 1 "Is e am peac'adh gath a' bhais ; ach tha 
sin air a thoirt air falbh." Ma ghlacas am bàs an naomh, 
agus gu 'n giùlain se e gu lathair a' Bhreitheamh, gu freag- 
airt air son nam fìach san robh e, gheibhear am fiach air 
a phaigheadh leis an Urras ghlormhoir : agus tha 'n litir- 
phaighidh aige ri nochdadh. Tha 'n droighionn cionta 
air a spionadh a mach à coguis an duine, agus tha 'ainni 
air a dhubhadh a mach as an leabhar dhubh, agus air a 
sgriobhadh am measg nam beò ann an Ierusalem. Is fior, 
gur fada an t-àsdar, a dhol tre ghleann sgàile a' bhàis ; ach 
tha eallach an naoimh air a toirt air falbh o dhruim, tha 
pheacadh air a mhaitheadh, feudaidh e siubhal gu socrach : 
" Cha bhi leomhan an sin, ni mò thig fiadh-bheathach mill- 
teach suas ann : " Feudaidh a' mhuinntir shaorta imeachd gu 
socrach ann-san, saor o na h-uile eagal cunnairt. 



358 

San àite mu dheireadh, Bithidh dol a steach aoibhneach 
aca do 'n t-saoghal eile ! Bithidh an ruigheachd gu ionad- 
aibh a' bheannachaidh, air a sheirm gu follaiseach le 
laoidhibh àrd-mholaidh d' am Fear-saoraidh glormhor ! Is 
la maith la a' bhais do dhuine diadhaidh : Seadh, is e a la 
a 's fearr ; 's f earr dhasan e no là a bhreith, no an la a 's 
aoibhniche a bha aige riamh air thalamh. "Is fearr 
deadh ainm, ars' an duine glic na ola-ungaidh luachmhor, 
agus la bàis no la breith neach." Ecles. vii. 1. Bha 
bheachd dhorcha bh' aig cuid do na cinnich mu neo-bhas- 
mhoireachd an anama, agus mu shonas ri teachd, ag oib- 
reachadh gu h-iongantach orra. Bha cuid diubh 'nuair a 
rinn iad bròn air son nam marbh, a rinn e ann an eudach 
ban ; chum, air dhoibh a bhi air an gluasad air son mi- 
mhaise an sgeudachaidh, gu 'm bu luathaide chuireadh iad 
am bròn air chul. Dh' adhlaic dream eile dhiubh iad, gun 
tuireadh no bròn sam bith ; ach bha iobairt agus fèisd aca, 
air son chàirdean air an àm sin. Bu ghnàth le cuid diubh 
bròn a dheanamh aig breith, agus aoibhneas ri'n adhlacadh. 
Ach tha cleachdamh cuid do chinnich nan Inseanach, 
fathast ni 's iongantaiche mu 'm bheil iomradh, aig bàs 
an fhìr, gu 'm bu ghnath le mhnaibh fa leth a bhi stri an 
lathair nam breitheamhna, co dhiubh a b' ionmhuinne leis ; 
agus ise air an do dhearbhadh a bhi 'na dheadh-ghean thar 
chach, thilg si i fèm le gnuis aoibhneach anns na lasraich- 
ibh a dh' ulluicheadh air son cuirp a fir, loisgeadh annta sin 
i, agus bha i air a meas sona, am feadh a bha cach beò ann 
an doilghios agus air am meas truagh ! Ach, ciod sam 
bith mar a dh' fheudas barailean dorch air staid an deìgh 
so, a bha air an cumail suas le h-ardan, le fèin-ghlòir, le 
eagal cruadhchais sa' bheatha so, agus le 'n leithide sin do 
chriochaibh a ta freagarrach do nadur truaillidh an duine, 
buadhachadh air inntinne brùideil aineolach, 'nuair a ta 
iad air an neartachadh le innleachdan ifrinn ; ! ciod an 
t-aoibhneas agus a' chomhfhurtach laidir a dh' fheudas a 
bhi acasan, a ta 'nam fior Chriosduidhean, air dhoibh " a 
bhi ann an Criosd, a thug beatha agus neo-bhasmhorachd 
chum soluis tre an t-soisgeul ! " 2 Tim. i. 10. Is e am bas 
aon do'n uile nithibh sin, a ta comh-oibreachadh chum 
maith, do'n dream aig am bheil gradh do Dhia, Rom. viii. 
28. 'Nuair a ta 'n corp a' basachadh, tha'n t-anam air a 
dheanamh iomlan; theid corp a bhais thairis aig bas a' 



359 

cuirp. Ciod an cron a rinn fear-cosmhead a' phriosain 
air buidealair Pharaoh, 'nuair a dh' fhosgal e dorus a' 
phriosain dha, agus a leig e mach e? Am bheil an t-eun 
ann an staid a's miosa, 'nuair a ta e aig saorsa, no 'n uair 
a ta e air a chumail a stigh ann an cliabh? 'S ann mar 
sin, agus cha 'n ann ni's miosa, a ta anama nan naomh 
aig a' bhas : Thig e dh' ionnsuidh an duine dhiadhaidh, 
mar a thainig Haman gu Mordecai, leis a' chulaidh riogh- 
ail agus leis an each, le òrdugh urram a dheanamh dha : 
ciod sam bith co neo-thoileach 'sa tha e air a dheanamh, 
Ester vi. 11. Cha 'n 'eil teagamh agam, nach d' rinn Ham- 
an an t-seirbhis so gu h-agach, le aghaidh-neulaich, sùil- 
chrom, agus le gnùis ghruaimich ; agus cosmhuil ri neach 
a thainig gu crochadh, 's cha 'n ann a thoirt urram dha : 
Ach b' èigin dhasan air am bu toil leis an righ urram a 
chur, urram fhaotainn ; agus b' èigin gu 'm b' e Haman, 
nàmhaid mhòr Mhordecai, an duine a gheibheadh an obair 
so r'a dheanamh. Glòir, glòir, glòir, beannachd agus mol- 
adh, d' ar Fear-saoraidh, d' ar Slànuighear, d' ar n-Eadar- 
mheadhonair, a thug tre bhas, air a' bhas uamhara sgrios- 
ach a leithid do dheadh ghniomh a dheanamh dhoibhsan, 
a dh' fheudadh e ann an dòigh eile a ghreasad air falbh 
'nan aingidheachd, gu sgrios iomlan agus siorruidh ! Tha 
la a' bhais, ann fèin 'na la aoibhneach do na naoimh : 
is e là 'n saorsa e, 'nuair a bhitheas na braighdean air an 
leigeadh as, 'nuair a bhitheas na phriosanaich air an cur fo 
sgaoil : Is e an là san tig na h-eilthirich dhachaidh o'n cuairt : 
an la sam pill oighreachan na glòire o an turuis gu 'n duth- 
aich fèin, agus gu tigh an Athar, agus anns an teid iad a 
steach gu fior sheilbh a ghabhail air an oighreachd ghlor- 
mhor ! Is e'n la bainnse e ; is e nis àm posaidh, ach an sin 
tha bhanais air a crùnadh, agus tha cuirm bhainnse air 
toiseachadh, aig nach 'eil crioch ! Ma 's ann mar sin tha 
chùis, nach 'eil staid nan naomh dochasach aig a' bhas *? 

Ceist. Ach ma tha staid nan naomh 'nam bàs co dòch- 
asach ; cionnus a tha e tachairt, gu bheil mòran diubh, 
'nuair a ta iad a' faghail a' bhais, lan do eagallan, agus 
gu 'n ach beagan dòchais aca 1 Freag. Is èigin aideach- 
adh, nach 'eil na naoimh uile a' basachadh air an aon 
doigh; tha eadar-dhealachadh 'nam measg, co maith 'sa 
ta measg nan aingidh : gidheadh tha 'n staid a's miosa 
sam bi naomh air leabaidh a' bhais, gu cinnteach 'na staid 



360 

dhòchasaich. Tha cuid diubh a' dol gu bàs le buaidh-chait- 
ream, ann an làg dearbhachd a' chreidimh : " Tha àm 
mo shiubhail am fagus : Chòmhraig mi an deadh chbmh- 
rag, chriochnaich mi mo thurus, ghleidh mi an creidimh. 
so a mach taisgear fa 'm chomhair crùn fìreantachd ! " 
2 Tim. iv. 6, 7, 8. Tha iad a' faotainn blas air aoibhneas 
neimh, am f eadh a ta iad an so air thalamh ; agus a' tois- 
eachadh air Orain Shioin, am feadh a ta iad fathast ann 
an tìr coigrich. Tha cuid eile a' faotainn bàis ann an 
earbsa shuidhichte air an Tighearn agus an Slanuighear ; 
ged nach urrainn doibh seinn le buaidh-chaithream, gidh- 
eadh is urrainn doibh, agus their iad gu dòchasach gur e 
an Tighearn an Dia. Ged nach urrainn doibh uaill a 
dheanamh os ceann a' bhàis, le seann Simeon, air dha Criosd 
fhaotainn 'na ghàirdeinibh, agus ag ràdh, " A nis, a 
Thighearn, a ta thu leigeadh do d' sheirbhiseach siubhal 
an sìth, a rèir t' fhocail ; oir chunnaic mo shuile do shlàin- 
te ! " Luc. ii. 29, 30. gidheadh is urrainn doibh a ràdh le 
Iacob a' faghail a' bhàis, "Ri d' shlainte dh' fheith mise, 
O Thighearna ! " Gen. xlix. 18. Tha làmh chli fo 'n ceann 
gu 'n còmhnadh ; ged nach 'eil a lamh dheis mu 'n cuairt 
doibh: tha iad a' creidsinn gu daingean, ged nach 'eil 
iad air an lionadh le h-aoibhneas ann an creidsinn. Is 
urrainn doibh an coimhcheangal a thagar, agus taice ris a' 
ghealladh ged nach 'eil an tigh mar sin aig Dia, mar 
bu mhaith leo. Ach feudaidh la bàis aig cuid do 
naoimh, a bhi cosmhuil ris an là sin a ta air, ainmeachadh, 
Sech. xiv. 7. " Cha là, agus cha 'n oidhche bhios ann." 
Feudaidh iad bàs fhaotainn fuidh amharusan agus eagail 
mhor, a' dol fuidh mar gu b' ann an neul, agus a' dol do 
neamh ann an ceò. Feudaidh iad a bhi ag imeachd gu 
brònach as eugmhais na grèine, agus gun spiorad an airsneil 
a chur gu bràth dhiubh, gus an ruisg am bàs dhiubh e. 
Feudaidh iad a bhi air an giùlan gu neamh tre chriochaibh 
na h-ifrinn ; agus feudaidh iad a bhi air an ruagadh leis an 
leomhan sgriosach, eadhon gu geatachan an Nuaidh Ierusa- 
lcim ; agus feudar an coimeas ri long as beag nach 'eil air a 
briseadh ann an sealladh a' chala, ach a ta faotainn fathast a 
stigh d' a caladh : ma loisgear obair neach sam bith, fuilgidh 
e call : ach saorar e fèin ; gidheadh mar tre theine, 1 Cor. 
iii. 15. Tha tearuinteachd am meadhon an eagallan, ach 
tha cunnart anns an dochas a's laidire a th' aig na h-ain.q;- 



361 

idh ; agus tha siol beannaichte an aoibhneis, 'nan doilgh- 
easan a's mò ; " Dh' eirich solus do 'n fhìrean, agus aoibh- 
neas dhoibhsan a ta ionraic 'nan cridhe," Salm xcvii. 11. 

A nis, a ta naoimh buailteach do leithide sin do imcheist 
'nam bàs, a chionn ged tha iad 'nan Criosdaidhean do 
rìreadh, gidheadh is daoine iad do chomh-aigne ri muinn- 
tir eile ; agus tha 'm bàs 'na chuspair eagallach ann fèin, 
ciod sam bith cruth san taisbeanar e ; tha 'n sealladh 
gruamach leis an amhairc e air daoine bàsmhor, a' toirt 
orra crùbadh air an ais. Os barr, is iad na naoimh do na 
h-uile dhaoine a' mhuinntir is amharusaiche umpa fèin. 
Tha iad a' smuaineachadh mu shìorruidheachd, agus mu 
chaithir-breitheanais, ni 's doimhne na tha muinntir eile 
a' deanamh : Tha dol a dh' ionnsuidh bàis, ni 's cudthrom- 
aiche leosan, na a ta chuid eile do 'n t-saoghal a' breith- 
neachadh. 'S aithne dhoibh mealltaireachd a' chridhe, 
anns cealgaireachd nàduir truaillidh an duine, n' 's fearr 
na 's aithne do mhuinntir eile : Agus uime sin feudaidh 
iad gu leòir a bhi aca r'a dheanamh an dòchas a chumail 
suas air leabaidh bàis ; 'nuair a ta muinntir eile dol as gu 
samhach, mar chaoraich chum a' mharbhaidh ; a chionn 
gu 'n dean Satan, a ta gnàthachadh uile innleachda a 
chumail suas dòchas a' chealgair, na dh' fheudas e a mhil- 
leadh sìth, agus a mheudachadh eagail an naoimh. Fadh- 
eoidh, Feudaidh an droch fhonn spioraid, agus an droch 
staid, anns an glac bàs air uairibh fior Chriosdaidh, a bhi 
'na aobhar do 'n imcheist so. Le e bhi ann an staid nan 
gràs, tha e gun amharus a ghnàth ann an gnè ulluichte 
air son bàis, agus tha bhàsachadh gu tearuinte cinnteach ; 
ach tha tuilleadh iomchuidh chum ulluchaidh, gu bàs- 
achaidh le comfhurtachd ; is èigin d'a spiorad a bhi ann 
an staid mhaith mar an ceudna. 

Air an aobhar sin tha trì choran, anns nach feud am bàs 
gun a bhi neo-shòlasach do leanabh Dhè. (1.) Ma ghlac- 
as se e aig àm a ta cionta peacaidh àraidh èigin do nach 
do ghabh e aithreachas 'na luidhe air a' choguis ; agus 
tha 'm bàs a' teachd air son a' cheart aobhair sin, ga thoirt 
a mach à fearann nam beò ; mar a bha cor mhoran do na 
Corintianaich chreideach. 1 Cor. xi. 30. " Air a shon 
so (eadhon, air son comh-pàirteachaidh neo-iomchnidh) 
tha ìnòran 'nur measg lag, agus tinn, agus tha mòran 'nan 



362 

codal." Ma tlia neach air a ghlacadh leis a' bhàs a 
theachd dlùth dha, am feadh a ta e 'na luidhe fo chion- 
ta peacaidh àraidh nach deachaidh a mhaitheadh, cha 'n 
fheud e gun amhluadh mòr a thoirt air ! (2.) 'Nuair a 
ghlacas am bàs e ann an dùsail codail. Is èigin do 'n èign 
mhòir a bhi eagallach do òighean codalach ! Feudaidh an 
duine tha 'na luidhe ann an tigh briste, agus nach 'eil a' 
dusgadh gus am bheil am fiodh a' toiseachadh air sgoltadh, 
agus na clochan air tuiteam mu chluasaibh, faotainn a 
mach as an tigh tearuinte, ach cha bhi e gun eagal a bhi 
air a bhruthadh le thuiteam. 'Nuair a ta Criosdaidh a' 
dol air aghaidh ann an slighe na fèin-shocair agus a' chul- 
sleamhnachaidh, agus nach 'eil e dusgadh gus am bheil am 
bàs aig taobh a leabach ; cha'n iongantach, ge do gheibh e 
dusgadh eagallach ! San àite mu dheireadh, 'JSuair a ta e 
call seallaidh air a chòir shlàinteil ann an Criosd, agus 
nach urrainn dha dearbhadh a thoirt air a chòir air nèamh. 
Is cruaidh an ni am bàs a choinneachadh as eugmhais 
dearbhadh èigin air coir air beatha mhaireannaich a bhi 
aig làimh ; is cruaidh dol tre 'n ghleann dorcha, as eugmhais 
coinneal an Tighearn a bhi dealradh air a' cheann. Is 
uamhasach an cunnart dol gu siorruidheachd, 'nuair nach 
urrainn duine deanamh ni 's fearr dheth, no leum anns an 
dorcha ; gu 'n fhios aige c' ait am bheil e dol, co dhiubh is 
ann do nèamh no do ifrinn ! Gidheadh, tha staid nan 
naomh innte fèin ann am bàs, a ghnàth 'na staid dhòch- 
asaich. Cha 'n urrainn do dhòchas an-dana nan daoine mi- 
dhiadhaidh, 'nam bàs, an staid a dheanamh dòchasach ; is 
cha mhò is urrainn do an-dò-chas nan naomh an staid a 
dheanamh an-dòchasach : Oir tha Dia a' toirt breith a 
rèir an ni ann fèin, cha 'n ann a rèir breithneachaidh 
dhaoine mu thimchioll. Gidheadh, cha mhò is urrainn 
do na naoimh a bhi gu h-iomlan a dh' easbhuidh dòchais, 
no is urrainn dhoibh a bhi gu h-iomlan a dh' easbhuidh 
creidimh : Feudaidh an creidimh a bhi gle lag, ach cha 'n 
fhàillnich e ; agus feudaidh an dòchas a bhi gle iosal gidh- 
eadh bithidh, agus tha dòchas aca, gus a' chrìoch. Eadh- 
on 'nuair a tha na naoimh cosmhuil ri bhi air an giùlan 
air falbh le sruth nan amharusan agus eagallan, tha fathast 
maille riu urrad do dhòchas as a bheir orra greim a ghabh- 
ail do chraoibh na beatha, a ta fàs air bruaich na h-aimh- 
ne : " An sin thubhairt mi, tha mi air mo thilgeadh a 



363 

mach o fhradharc do shùl ; gidheadh seallaidh mi a rìs ri do 
theanipull naonih," Ionah ii. 4. 

Feum, Tha so a' labhairt comhfhurtachd ris na naoimh 
an aghaidh eagail a' bhàis. Feudar duine sona a ràdh ris 
an duine dhiadhaidh, roimh bhàs, a chionn, ciod air bith a 
thachras dha 'sa bheatha, bithidh e gu cinnteach sona aig 
bàs. Sibhse a ta ann an Criosd, a ta 'nur fior Chriosd- 
aidhean, tha dòchas agaibh 'nur crìch; agus a leithid do 
dhòchas, as a dh' fheudas comhfhurtachd a thoirt dhuibh 
an aghaidh gach uile eagail a dh' eireas o smuaineach- 
adh air uair bàis. Air so leudaichidh mi, ann am freag- 
airt cuid do choraibh gu h-aithghearr. 

Cor I. Tha smuaineachadh air teachd a' bhàis, their 
cuid do na naoimh, trioblaideach dhomh, gun fhios agam 
ciod a thig ri m' theaghlach, 'nuair a dh' fhàgas mi iad. 
Freag. Tha dòchas aig an fhìrean 'na bhàs, a thaobh a 
theaghlaich, co maith as d' a thaobh fèin: Ged nach 'eil 
agad ach beagan san àm so gu teachd beò air, mar a bha 
cor moran do mhuinntir thaghta Dhè, (Tha sinne, eadh- 
on na h-Abstoil, "araon ocrach, agus ìotmhor, agus lom- 
nochd, agus air ar bualadh le dornaibh, agus gun aon 
àite còmhnuidh againn," 1 Cor. iv. 9, 11.) agus ged nach 
'eil ni agaibh ri fhàgail aca, mar a dha cor mhic sin an 
fhàidh, air an robh eagal an Tighearn, agus gidheadh a 
fhuair bàs fuidh fhiacha nach robh e comasach air a dhiol- 
adh, mar tha a bhantrach bhochd a' taisbeanadh, 2 Righ. 
iv. 1. gidheadh tha caraid maith agadsa d' am fàg thu 
iad; Dia ann an cumhnanta, ris am feud thu gu muin- 
ghinneach an earbsa, Ier. xlix. 11. "Fàg do dhìlleachdain, 
gleidhidh mise beò iad ; agus cuireadh do bhantraichean 
an dòchas annamsa." Is urrainn an saoghal teisteas a 
thoirt air fabhoran comharraichte a rinneadh do chloinn 
freasdail, a bha le 'm parantaibh diadhaidh air am fàgail 
air curam freasdail Dè; is tric a thugadh fa'near nach 
robh aon chuid easbhuidh lòin no fòghluim orra : tha 
Maois 'na dhearbhadh soilleir air so, bha esan, ged bha 
e 'na naoidhean air a thilgeadh a niach, (Ecsod. ii. 3.) gidh- 
eadh dh' fhoghlumadh e ann an uile ghliocas nan Eiphit- 
each, (Gniomh. vii. 22.) agus bha e 'na righ ann an Iesurun, 
Deut. xxxiii. 5. ! nach feud sinn a bhi fo nàire, nach 
'eil sinn gu muinghinneach ag earbsa gnothuiche ar teagh- 
laiche ris-san, ris an d' earb sinn, mar ar Slànuighear agus 
Fear-saoraidh, ar sonas sìorruidh ! 



364 

Cor II. Bheir am bàs air falbh sinn o ar cairclean ion- 
mhuinn; seadh, cha 'n fhaic sinn an Tighearn ann am 
fearrann nan beo, 'na òrduighean beannaichte. Freag. 
Bheir e sibh gu 'r caraid a's fearr, an Tighearn Iosa Criosd ; 
agus na cairdean a dh' fhàgas sibh 'nur dèigh, ma tha iad 
da rìreadh 'nan daoine is fiach, coinnichidh sibh iad a rìs 
'nuair a thig iad gu nèamh; agus cha bhi sibh gu bràth 
tuille air bhur dealachadh. Ma bheir am bàs air falbh 
sibh o 'n teampull shios, giulainidh e sibh gus an teampull 
shuas. Bheir e gun amharus o na sruthain sibh, ach cuir- 
idh e 'nur suidhe aig an tobar sibh. Mar chuireas e mach 
bhur coinneal, giulainidh e sibh far nach 'eil oidhche sam 
bith, far am bheil là siorruidh. 

Cor III. Tha urrad agam ri dheanamh, aun an àm 
slainte gu 'm choir ann an Criosd fhaotainn a mach, mu 
thimchioll mi bhi a'm' fhior Chriosclaidh, a'm dhuine ath- 
nuadhaichte, as gu bheil mi a' breithneachadh, gur gann 
a ta e comasach dhomh bàs fhaotainn gu sòlasach. Freag. 
Ma tha thu mar sin, thoir dichioll dhùbailte air an 
aobhar sin, chum do ghairm agus do thagadh a dheanamh 
cinnteach. Dean dìchioll air fàs ann an eòlas, agus imich 
gu dluth le Dia. Bi geur ann am fèin-cheasnachadh ; agus 
guidh gu dùrachdadh air son an Spioraid naoimh, leis am 
feud thu fios a bhi agad air na nithibh a ta gu saor air 
an toirt dhuit le Dia. Ma tha thu air do neartachadh 
le cumhachd agus le Spiorad Chriosd, a bhi mar so gu 
dìchiollach a' leantuinn do churamaibh spioradail; ged 
nach 'eil aimsir do bheatha 'na'la no 'na h-oidhche, gidh- 
eadh, aig àm an fheasgaìr, feudaidh e bhi 'na sholus. Tha 
mòran do Chriosdaidhean anmhunn a' toirt caidreimh do 
amharusan agus do eagallan mu 'n staid spioradail; mar 
gu 'm biodh iad, air a' chuid is lugha, a' meas gur e 'n 
cleachdadh neo-ghlic so earrann do 'n fhior-dhiadhachd ; 
ach, 'nuair a tha iad a' tarruing dluth ri crioch na beatha, 
is eigin doibh a chaochladh do bharail agus do chleachd- 
an a bhi aca. Feudaidh am fear-astair a ta meas gu bheil 
uine aige ri chaitheamh, seasamh 'na thamh, a' connsachadh 
ris fèin co dhiubh is e so no sud an t-slighe cheart ; ach 
'nuair a ta ghrian a' toiseachadh air dol fuidhe, is èigin 
da amharusan a chur air cul, agus dol gu misneachail air 
aghaidh air an t-slighe tha e breithneachadh a bhi ceart, 
air eagal gun luidh e fad na h-oidhche sa' mhachair 



365 

fhosgailte. Mar so tha cuid clo Chriosduiclhean a ta gan 
cur fèin ann ani mòr-imcheist fad am beatha, le amharusan 
agus eagail, 'gan toileachadh fèin 'nuair a tha iad a' teachd 
gu bàsachadh, le dearbhaidhean mu thearuinteachd an staid, 
leis nach b' urrainn doibh a bhi toilichte roimhe ; agus, le 
deasboireachd ni 's lugha 'nan aghaidh fèin, agus le tuilleadh 
creidimh, tha iad ag iarraiclh na sìth ris nach gabhadh iad 
roimhe, agus tha iad a' ruigheachd oirre mar an ceuclna. 

Cor IV. Tha mi fo chlaonadh eagallach a thaobh 
staid m' anama. Freag. Feudaidh seargadh cuirp bàs a 
dheanamh socrach, ach cha 'n 'eil e mar sin ann an searg- 
adh anama. Cha 'n abair mi nach feucl duine diadhaidh 
bhi 'na leithid sin do chor 'nuair a ta e faotainn bàis ; ach 
tha mi creidsinn gur ainmic a ta chùis mar sin. Tha mi 
smuaineachadh, gu bheil air a chuid is trice èigh a' teachd, 
a dhusgadh oighean codalach, mu 'n tig am bàs. Tha 
Samson air a chur a bhleth anns a' phriosan, gus am fàs, 
duail a chinn a' rìs. Thuit Daibhidh agus Solamh fo 
sheargaidhean mòr spioradail ; ach mu 'n d' fhuair iad bàs, 
dh' aisigeadh an neart agus an spionadh spioradail. Gidh- 
eadh, brosnuichibh sibh fèin gun dail, gus na nithe a ta 
làthair a neartachadh : Bithidh bhur n-eagal ni 's lugha, 
mar is mò dhuisgeas sibh o 'ur codal spioradail, mu 'n 
tig am bàs gu taobh bhur leabach. Agus cha bu chòir 
dliuibh aimsir a chall, a chionn nach 'eil fhios agaibh cia 
luath a ghlacas am bàs sibh. 

Cor V. Is uamhasach smuaineachadh air an t-saoghal 
eile, saoghal sin nan spiorad, air am bheil co beag eòlais 
agam. Freag. Is e do charaid a 's fearr Tighearn an t- 
saoghail sin eile. Tha uchd Abrahaim caoimhneil, eadhon 
dhoibhsan nach faca riamh aghaidh. An dèigh a bhàis, 
bithidh t'anam comasach air comhluadar a chumail ri luchd 
aiteachaidh beannaichte an t-saoghail sin eile. Bha spior- 
ada nam fìrean a ta air an deanamh foirfe, aon uair mar a 
tha do spioradsa nis : Agus a thaobh nan aingle, ciod 
sam bith co ard is a ta 'n nàdur ann an inbhe chreutair- 
ean, gidheaclh tha ar nàdurne air àrclachadh os an ceann- 
san, anns an duine Criosd,.; agus tha iadsan uile, 'nan 
seirbhisich do d' Thighearn agus mar sin 'nan comh- 
sheirbhisich dhuit-sa. 

Cor YI. Tha piannta a' bhàis uamhasach ! Freag. 
Gidheadh cha 'n 'eil iad co uamhasach ri pianntaibh na 



366 

coguis, a ta 'g eirigh o gheur-mhothachadh cionta, agus 
o shealladh air feirg Dhè, nithe a ta mi smuaineachadh 
air nach 'eil thu aineolach. Ach co nach fuilingeadh tinn- 
eas cuirp, chum gu biodh an t-anam air a leigheas, agus gu 
h-iomlan slàn ? Cuiridh gach aon phian bàis, peacadh ceum 
ni's dluithe do 'n dorus ; agus leis an anail mu dheireadh, 
cuiridh corp a' pheacaidh a mach anail dheireannach-san. 
Cha 'n fhad a mhaireas piannta a' bhàis ; agus cha'n fhag an 
Tighearna do Dhia thu, ach cumaidh e suas thu fodhpa. 

Cor VII. Ach tha mi cosmhuil ri bhi air mo ghearr- 
adh an ann am meadhon mo laithean. Freag. Na dean 
gearan, bithidh tu ni 's luaithe aig do dhachaidh : Tha 
leis a sin agad an toiseach air do chomh-luchd obair 
a bha saoithreachadh romhad, anns an fhìonain. Tha 
Dia, ann an curs' a fhreasdail, a' folach cuid d'a naoimh 
gu moch anns an uaigh, chum gu biodh iad air an 
toirt air falbh o 'n olc ri teachd. Tha mòr-pheacadh agus 
truaighe air an seachnadh, le gluasad gu moch as an t- 
saoghal so : Agus cha 'n 'eil aobhar gearain aca-san a ta 
caitheadh fuigheall am bliadhna ann an tìr Imanueil. 
Gu cinnteach mairidh tu beò co fhad 'sa tha obair agad 
air a cumadh a mach air do shon, leis a' Mhaighstir mhòr, 
gu bhi air deanamh air a shonsan anns an t-saoghal so : 
agus an uair a theid crìoch air sin, is mithich falbh. 

Gor VIII. Tha eagal orm roimh bhàs obann. Freag. 
Feudaidh tu gun amharus bàsachadh mar sin : Fhuair 
Eli maith bàs obann, 1 Salm iv. 18. Gidheadh fhuair bàs 
e ri faire, rann 12. " Uime sin deanaibhse faire, oir 
cha 'n 'eil fhios agaibh cia an uair an tig bhur Tigh- 
earna," Mat. xxiv. 42. Ach na biodh eagal ort, is comh- 
fhurtachd do-labhairt dhuit, thigeadh am bàs an uair is àill 
leis, cha 'n urrainn da do ghlacadh a mach 4 Criosd ; agus 
uime sin, cha 'n urrainn da do ghlacadh, mar fhear-coimhid 
priosain, gu d* ghreasad do phriosan ifrinn. Feudaidh 
bàs cabhagach do shlighè a ghreasad agus a dheanamh soc- 
rach do neamh, ach cha 'n urrainn da dochair sam bith a 
dheanamh dhuit. 

Cor IX. Tha eagal orm gu 'm feud e tachairt dhomh gu 
faigh mi bàs a dh'easbhuidh cleachda mo rèusain. Freag. 
Cha 'n 'eil teagamh agam nach feud leanabh Dhè, fìor 
Chriosclaidh bàs fhaotainn anns a' chor so. Ach ciod an 
call 1 Cha 'n 'cil cunnart ann, thaobh a staicl shiorruidh : 



367 

Feudaidh tinneas, aig bàs, a reusan a thoirt uaithe, ach 
cha J n urrainn dha dhiadhachd a thoirt uaithe. 'Nuair a tha 
duine a ta dol air asdar fada cuain, a' cur a ghnothuichean 
ann an òrdugh, agus a' cur a mhaoin uile air bord an t-soith- 
ich ; feudaidh e fèin a bhi air a ghiulan do'n luing 'na chodal : 
tha na h-uile ni tearuinte leis, ged nach 'eil fhios aig c' àit am 
bheil e gus an dùisg e san luing. Eadhon mar san, feudaidh 
an duine diadhaidh, a ta faotainn bàis anns a' chor sin, bàs 
fhaotainn gun chomhfhurtachd, ach cha 'n 'eil e gun tear- 
uinteachd. 

An cor mu dheireadh, Tha mi e thaobh nàduir gealtach, 
agus tha dearbh smuainte a' bhàis uamhasach dhomh ! 
Freag. Mar is lugha a smuainicheas tu air a' bhàs, 's ann 
is ro-eagallaiche a bhitheas smuaineachadh uime ! Ach 
dean thu fèin eòlach uime, le smuaineachadh gu tric 
uime, agus feudaidh tu le sin, t' eagalan a chumail fodha. 
Amhairc air taobh soilleir agus dealrach an neoil : gabh 
beachd a' chreidimh air a' bhaile aig am bheil bunaite ; mar 
sin chi thu dòchas ann an bhàs. Smuainich gu dùrachdach 
air corp a' pheacaidh agus a' bhàis, agus air a' ghrabadh 
thric a ta chòmhnuidh air taobh thall a' bhàis ; cuidichidh 
so gu mòr gu eagal tràileil a ghluasad air falbh. 

ìs bochd an ni gu 'm biodh naoimh co dèigheil air beatha 
is a tha iad gu tric : bu chòir dhoibh a ghnàth a bhi ann 
an staid rèite ris a' bhàs. 'Nuair a ta nithe air an toirt 
gu ceart fainear, is maith a dh'fhèudta bhi 'n duil gu 'n aid- 
icheadh uile leanaba Dhè, na h-uile duine ath-nuadhaichte, 
a thaobh na beatha so, mar a rinn Iob, "Tha mi gabhail 
grain dith, cha b' àill leam bhi beo gu bràth," Caib. vii. 16. 
Chum an cridhe fhaotainn gus an fhonn thaitneach so, bheir 
mi seachad na nithe a leanas maille ris na chaidh a labhairt. 

Air tùs, Thugaibh fainear gu bheil peacadh a' leantuinn 'ur 
beatha, anns an t-saoghal so. Fhad 'sa bhios sibh beò an so, 
tha sibh a' peacachadh, agus a' faicinn muinntir eile a' peac- 
achadh; tha sibh a' tarruing anail ghalarach, tha sibh a 
chòmhnuidh ann an tigh na plàigh. Am bheil e idir ion- 
gantach gu 'n gabhadh sibh grain d' a leithid sin do bheatha 1 
(1.) Tha 'ur creuchdan fèin mar luchd-turuis a' dol tharuibh. 
Kach 'eil peacadh 'ur nàduir a' toirt oirbh a bhi ag osnaich 
gach la 1 Nach 'eil sibh fiosrach, ged thoisich an leigheas, gu 
bheil e f athast fada o bhi air a dheanamh iomlan 1 JSTach d' 
fhuair an luibhre a steach do bhallachan an tighe, is cha 'n 



368 

urrainn di bhi air a gluasad as, gus am bi e air a tliilgeadh 
sios ? Nach 'eil bhur nàdur co truaillidh, is nach urrainn do 
ni is lugha na sgarachduinn an anama o 'n chorp an galar a 
sgathadh as 1 Nach 'eil bhur creuchdan agaibh o 'n taobh a 
mach, co maith agus bhur tinneas san taobh a stigh 1 Nach 
'eil sibh a' fàgail comharran bhur salachair, air ciod air bith 
a theid tre bhur lamhan 1 Nach 'eil bhur n-uile ghniomhara 
air an salachadh agus air an truailleadh le teachd gearr agus 
le mi-fhoirfeachd ? co eile uime sin, d' am bu chòir a bhi 
am mòr dhèigh air beatha, ach iadsan d'an slainte an 
tinneas, agus a ta deanamh uaill 'nan nàire 1 ? (2.) Tha 
crèuchdan graineil muinntir eile a ghnàth mu choinneamh 
bhur sul, ciod sam bith aite an teid sibh. Tha amaid- 
eachd agus aingidheachd muinntir eile follaiseach, agus a' 
toirt seallaidh neo-thaitneich. Cha'n 'eil san t-saoghal pheac- 
ach ach cuideachd gun sgèimh, comunn neo-thaitneach, 
anns an iad a' mhuinntir a 's graineile a chuideachd a's lion- 
mhoire. (3.) JSTach 'eil bhur crèuchdan fèin gu tric a' bris- 
eadh a mach a rìs an deigh dhoibh a bhi air an leigheas 1 
Is maith a dh'fheudas ar cùl-sleamhnuichean lionmhor a 
thoirt oirnn a bhi fàs fuasgailte do ghradh na beatha so. 
Ni bhi a ghnath a' gleachd, agus an deigh sin a' tuiteam 
san t-salachar a rìs, obair sgith. Nach 'eil sibh idir ag iarr- 
aiclh gu 'n tigeadh am bàs fuar, a dh'fhuarachadh gu h- 
èifeachdach teas nan an-mianna sin, a ta co tric a' lasadh a 
rìs, eadhon an dèigh tuillte do bhròn diadhaidh a dol thairis 
orra 1 ? (4.) "Nach 'eil sibh air uairibh a' salachadh muinntir 
eile, agus muinntir eile gur salachadh-sa ì Cha 'n 'eil comunn 
anns an t-saoghal, anns nach 'eil na h-uile ball deth air 
uairibh a' cur ceap-tuislidh mu choinneamh chaich. Tha 
chuid is fearr a' giulan mu 'n cuairt leo srad an nàduir 
thruaillidh, clo nach faigh iad saor fhad 'sa bhitheas iad 
beò, agus a ta ullamh gu beothachadh aig gach uile àm, 
agus anns gach uile àite ; seadh, tha iad ullamh gu muinn- 
tir eile a lasadh, agus a bhi g' am brosnuchadh gu peac- 
achadh. Tha na nithe sin gu cinnteach ullamh air a 
bheatha so dheanamh searbh do na naoimh. 

San dara àite, Smuainichibh air an truaighe agus air an 
trioblaid a ta 'na co-chuicleachd. Tha fois taitneach, ach 
cha 'n 'eil i ri faotainn air an taobh so do 'n uaigh. Tho 
trioblaidean saoghalta feitheamh air na h-uile dhaoine so 
bheatha so. Tha 'n saoghal so, 'na chuan trioblaid, far air 



369 

bheil aon tonn a clol thar tonn eile. Tha iadsan a tha 'm 
barail gn bheil iad fèin an taobh thall do Lhrioblaid am 
mearachd ; cha 'n 'eil staid, cha 'n 'eil ceum do bheatha saor 
uaipe : Tha 'n ceann air am bheil an crim air a chuairt- 
eachadh le curàmaibh geur. Tha onoir, iomadh uair a' 
fosgladh an rathaid gu nàire mhòr. Tha saoibhreas anns a' 
chuid is mò air a ghleidheadh d'a shealbhadairibh, chum an 
aimhlèis. Cha 'n 'eil an ròs a's maisiche gun bhioran 'na dhàil ; 
agus gheibhear air uairibh na trioblaidean a 's truime air 
am filleadh suas anns a' chomhfhurtachd shaoghalta a 's mò. 
Tha trioblaidean spioradail a' co-leanmhuinn nan naomh 
sa' bheatha so. Tha iad cosmhuil n luchd-turuis ag as- 
trachadh ann an oidhche dhorcha, anns am bheil a' ghealach 
air uairibh a' briseadh a mach fuidh aon neul, ach a ta gu 
h-ealamh a rìs a' folach a cinn fuidh neul eile ; cha 'n iogh- 
nadh ged tha fadachd orra gu bhi aig ceann an turuis. 
Is èigin do na caochlaidhean obann, d'am bheil am fonn 
spioraid a' 's fearr buaillteach, na h-amharusan imcheisteach, 
na h-eagail amhluadhach, na h-aoibhneis ghoirid, agus na 
trioblaidean fada, tha ceangailte ris a' bheatha so a ta 
làthair, iarrtuis a ghineamhuin anns na naoimh gu bhi maille 
ri Criosd, an ni is fearr uile. 

San àite mu dheireadh, Smuainich air a' mhi-fhoirfeachd 
mhòr a ta 'n co-chuideachd na beatha so. Fhad 'sa tha 'n 
t-anam a chomhnuidh 'sa bhothan chriadha so, tha uaireas- 
bhuidhean a' chuirp lionmhor ; tha e a ghnàth ag iarr- 
aidh. Is eigin do na ballachan criadha bhi air an leasach- 
adh agus air an càramh suas gach la, gus an tuit am both- 
an crìadha sios gun eiridh tuilleadh. Cha 'n 'eil ann an 
ithe, ann an ol, ann an codal, agus 'nan leithide sin, annta 
fèin, ach gnothuiche suarach air son creutair reusanta, agus 
bithidh iad air am meas mar sin leis an anam a ta air a 
bhreith o nèamh ; tha iad 'nan comharra air neo-iomlain- 
eachd, agus mar sin, neo-thaitneach do 'n inntinn a . ta 'n 
geall air a' bheatha agus air an neo-bhasmhoireachd sin a 
ta air an toirt gu solus tre 'n t-soisgeul ; agus bhitheadh iad 
gle dhoilghiosach, nam maireadh an siaid so fada. Nach 
'eil an t-anam gràsmhor gu fhaotainn fein gu tric fo chuing 
leis a' chorp, mar chompanach air turus, neo-chomasach 
air coiseachd a chumail ris ì 'ISTuair a ta 'n spiorad tog- 
arrach, tha 'n fheoil anmhunn. 'Euair a b' aill leis an 
anam èirigh suas, tha 'n corp mar èire throm air, agus mar 

2a 



370 

chloich. ceangailte ri cas eòin a ta 'g oirpeachadh dol air 
iteig. Is fìor, chreidich ! nach 'eil t' anam, aig an uair is 
fearr, ach cosmhuil ri daoimein ann am fainne, far am bheil 
moran deth as an t-sealladh : Tha e fada fuidhe anns a' 
chriadh shuarach, gus am bheil e air fhuasgladh le bàs. 

Co-dhùnaidh mi am bonn-teagaisg so le beagan do sheol, 
aidhean, Cionnus a dh' ulluichear air son bàis, chum is gu 
feudar bàs fhaotainn le comhfhurtachd. Cha 'n 'eil mi 
labhairt an so mu ulluchadh sa' ghnè air son bàis, nach 'eil 
fìor Chriosdaidh, a thaobh a staid ghrasmhoir, a chaoidh a 
dh' easbhuidh, o 'n àm am bheil e air a bhreith a ris agus air 
aonadh ri Criosd ; ach mu f hior-ulluchadh no deasachadh, 
a thaobh a chor, fonn, agus suidheachadh inntinn agus 
spioraid ; nithe, as eugmhais am bheil an duine naomh 
fèin ro neo-iomchuidh air son bàis. 

Air tùs, Biodh e 'na ghnàth-churam dhuit, coguis ghlan 
a ghleidheadh ; coguis neo-lochdach a thaobh Dhe, agus 
a thaobh dhaoine, Gniomh. xxiv. 16. Bi air t' fhaicill o 
chomh-stri sheasmhach a bhi eadar Dia agus thusa, air son 
aingidheachd èigin air am bheil meas anns a' chridhe. 
'Nuair a ta duine còir a' dol a dh' fhàgail dhùthcha, agns 
gun e ri pilleadh, cuiridh e ceart a chunntais riusan rìs an 
robh gnothuch aige, agus suidhichidh e riaghailtean chum 
fhiacha iocadh ann an àm iomchuidh ; air eagal gu 'm bi e 
air a mheas briste 'na chreideas, agus gu 'm bi e air a 
ghlacadh le maor 'nuair a ta e dol air falbh. Tha cionta 
a ta luidhe air a choguis, 'na tobar eagallan ; agus bithidh i 
ullamh air lot gu geur, 'nuair a ta 'm bàs a' bualadh a' chion- 
taich san aghaidh. Is ann uaith so a ta e, gu bheil moran, 
eadhon do chloinn Dhè, 'nuair a ta iad a' teachd a dh' ionn- 
suidh a' bhàis, a' guidhe gu dian, agus ag iarraidh gu dur- 
achdach gu 'm faigheadh iad a bhi beò a dheanamh nan nithe 
bu chòir dhoibh a dheanamh, roimh an àm sin. Uime sin, 
siubhlaibh gu dluth le Dia ; bithibh dichiollach, dlutli agus 
dìreach, 'nur slighibh; bithibh air bhur faicill o chaithe-beatha 
fuasgailte, neo-churamach, agus searbhalachd spiorad a thas- 
gaidh air bhur son fèin aig uair bàis. Agus a chionn, tre 'n 
anmhuinneachd a ta leantuinn ruinn, 'nar staid neo-iomlan 
a ta làthair, tha sinn ann am moran do nithibh uile ciont- 
ach ; ath-nuadhaichibh bhur n-aithreachas gach la, agus 
bithibh a ghnath ag ionnlad ann am fuil an Fhir-shaoraidh. 
Bithidh feum agaibh air bhur cosan a ghlanadh fhad 'sa 



371 

bhitheas sibh san t-saoghal, Eoin xiii. 10. Se sin, a bhi 
teachd as ùr gu fuil Chriosd, chum bhur coguisean a ghlan- 
adh o chionta fàilneachaidh gach la. Faigheadh am bàs 
aig an tobar thu ; agus ma gheibh e mar sin thu, gheibh e 
ullamh thu a fhreagairt air a ghairm. 

San dara àite, Bithibh do ghnàth ri faire, a' feitheamh 
air bhur caochladh : " Cosmhuil ri daoinibh a ta feith- 
eamh an Tighearna, chum air dha teachd agus bualadh, 
gu 'n grad-fhosgail iad dha," Luc. xii. 36. Bithibh air 
bhur faicill o dhùsal agus o chodal, am feadh a ta 'm Fear- 
nuadh-pòsda deanamh moille : Is eagallach an ni dusg- 
adh o dhùsal spioradail, le gairm chabhagach, gu dol do 
shaoghal eile ; ach gabhaidh esan a ta feitheamh gach là 
air son teachd a Thighearn, ris an teachdar ghruamach 
gu sòlasach, am feadh a ta e 'ga fhaicinn ga threòrachadh- 
san a steach da ionnsuidh-san, mu 'm feud e ràdh gu 
muinghinneach, "Is e so mo Dhia-sa, agus dh' fheith mi 
ris." Is e bhi bàsachadh gach la, an rathad air bàs fhaot- 
ainn gu sòlasach. Bithibh gu tric ag oirpeachadh, mar 
gu b' ann, a bhi bàsachadh. Thugaibh sibh fèin gu bhi 
eòlach air a' bhàs, le bhi dol gu tric chum na h-uaighe, a' 
smuaineachadh gu cudthromach orra. B' e so cleachd- 
adh Iob, "Is i 'n uaigh mo thigh, san dorchadas rinn 
mi mo leabadh," Caib. xvii. 13. Imich thusa, agus dean 
mar an ceudna; agus 'nuair a thig am bàs, cha bhi ni 
agad ri dheanamh ach luidhe sìos. Ki truaillidheachd 
thubhairt mi, Is tu m' athair; rìs a' chnuimh, Is tu mo 
mhathair agus mo "phiuthar," Iob xvii. 14. Abair thusa 
mar sin mar an ceudna, agus bithidh tu ni 's iomchuidh 
gu dol dhachaidh d' an tigh. Gabh beachd tric air do 
ghiùlan, agus bi tabhairt fa'near ciod a ghnè chaithe- 
beatha sam bu mhaith leat a bhi air t' fhaotainn, 'nuair 
a ghlacas am bàs thu ; agus dean d' a rèir sin. 'Nuair a 
ni sibh dleasnais bhur n-inbhe sa' bheatha, no 'nuair a ta 
sibh an sàs ann an dleasnais-aoraidh, smuainichibh annaibh 
fèin, theagamh, gur e so an cothrom mu dheireadh; agus 
uime sin deanaibh mar nach biodh sibh ri ni sam bith do 'n 
t-seorsa sin a dheanamh 1 gu bràth tuilleadh. 'Nuair a 
luigheas sibh sìos san oidhche, socraichibh bhur spioraid, 
mar nach biodh sibh ri dusgadh, gus nach bi na nèamha 
ann ni 's mò. Agus an uair a dhuisgeas sibh sa' mhaduinn, 
measaibh an la nuadh sin mar bhur la deireannach ; agus 



372 

caitlribh mar sin e. Tha 'n oidhche sin gu cinnteach a' 
teachd. an dèigh nach faic sibh gu bràth a' mhaduinn; 
na mhaduinn sin, an deigh nach faic sibh gu bràth an 
oidhche ! Ach cia aca d' ur maduinne no do'r n-oidhchean 
a bhitheas mar sin, cha 'n aithne dhuibh. 

San treas dite, Cleachdaibh sibh fèin gu mòr ann am 
fuasgladh bhur cridheachan o'n t-saoghal. Bithidh an cluine 
a ta deanamh ullamh gu dol air astar, saoithreach ann an 
cead a ghabhaii d'a chardaibh. Leigibh le falluinn nan 
suaimhneasan talmhaidh crochaclh gu fuasgailte umaibh, 
chum gu tuit e gu socrach dhibh, 'nuair a thig am bàs gu 'r 
toirt air falbh gu saoghal eile. Bitheadh bhur gaol meas- 
arra a thaobh solasan laghail bhur beatha; agus na biodh 
bhur cridheachan gu mòr air an togail leo. 'S amaideach 
a tha 'm fear-turuis a' deanamh, a dh' fhuilingeas dha fèin a 
bhi co mòr air a thogail le nithibh deas an tighe-osda far 
am bheil e air aoidheachcl, is gu'm bi a clhol air falbh uapa 
doilgheasach dha. Beathaichibh le h-eagal, agus siubh- 
laibh tre 'n t-saoghal mar eilthirich agus mar choigrich. 
Cosmhuil ris, mar tha 'n coirce a' treigsinn na talmhainn, 
tha e ullamh air son a' chorain ; 'nuair tha 'm meas abuich, 
tuitidh e gu saoirbh bhàrr na craoibhe ; Mar sin 'nuair tha 
cridhe a' Chriosdaidh da rireadh air fhuasglaclh o'n t-saogh- 
al, tha e ulluichte air son bàis, agus bithidh e nis ro-shoirbhe 
dha. An cridhe a ta fuasgailte o 'n t-saoghal, is criclhe 
nèamhaidh e ; agus 's ann an sinn a ta sin ullamh air son 
neimh, 'nuair a tha ar cridheachan an sin air thoiseach 
oirn, Mat. vi. 21. 

Sa' clieaiìiramh àite, Bithibh dichiollach ann an cruin- 
neachadh agus an tasgaidh suas dearbhaidhean air bhur 
cò-ir air nèamh, chum bhur cumail suas agus sòlas a thoirt 
duibh aig uair a' bhàis. Tha dearmad air na nithibh so, 
a' milleadh an aoibhneis agus an t-sòlais à dh' fheudadh a 
bhi aig cuid do Chriosdaidhean aig àm bàis. Uime sin ceas- 
naichibh sibh fèin gu tric, a thaobh bhur staid spiorad- 
ail ; chum gu bi na dearbhaiclhean sin, a ta 'nan luidhe 
folaichte agus gun aire thoirt dhoibh, air an toirt gu sol- 
us, agus air an toirt fa'near. Agus nam bu mhaith leibh 
an obair so a thoirt air a h-aghaidh gu ceart, deanaibh 
obair shuidhichte chudthromach dhith : Cuiribh cuid a 
dh' aimsir air leth air a son ; agus an dèigh urnuigh dhur 
achdach r Dia, tre Iosa Crioscl, air son feartan soillsich 



373 

aiclh a spioraid, leis am bi sibh air bhur neartachadh gu 
fhocal a thuigsinn, gu obair fèin a bhreithneachadh ann bhur 
n-anamaibh ; cuiribh sibh f èin 'nur seasamh mu choinneamh 
caithir-breitheanais bhur coguisean, chum gu'n toir sibh 
breth oirbh fèin sa' ghnothuch chudthromach so. 

Agus anns a' cheud àite, Bitheadh comharran na staid 
ath-nuadhaichte air an daingneachadh o fhocal an Tigh- 
earna; agus tionndaidh a dh'ionnsuidh earrann araid do'n 
Sgriobtur a chum na crìche sin ; mar a ta Gnàth-Fhoc. viii. 
17. " Iadsan aig am bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi." 
Coimeas Luc. xiv. 26. "Ma thig neach air bith do m' 
ionnsuidh-sa, agus nach fuathaich e 'athair, agus a mhathair, 
agus a bhean-phòsda, agus a chlann, agus a bhràithrean, 
agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceud- 
na, cha 'n 'eil e 'n comas da bhi 'na dheisciobul domhsa." 
Salm cxix. 6. "An sin cha ghabh mi nàire, an uair a 
bheir mi spèis do t' àitheantaibh gu lèir." Salm xviii. 23. 
"Agus bha mi ionraic 'na fhianuis, agus ghleidh mi mi 
fèin o m' aingidheachd." Coimeas Eom. vii. 22, 23. "Oir 
a ta tlachd agam an lagh Dhè a reir an duine an taobh 
a stigh : Ach tha mi faicinn lagha eile a' m' bhallaibh a' 
cogadh an aghaidh lagha m' inntinn." 1 Eoin iii. " Agus 
gach neach aig am bheil an dòchas so ann, glanaidh se e 
fèin, mar a ta esan glan." Mat. v. 3. "Is beannaichte 
iadsan a ta bochd 'nan spioraid ; oi'r is leo rioghachd 
nèimh." Phil. iii. 3. " Oir is sinne an timchioll-ghearradh, 
a ta deanamh aoraidh (no seirbhis) do Dhia san spiorad ; 
agus a' deanamh gàirdeachais ann an Iosa Criosd, agus 
nach 'eil a' cur muinghin san fheoil." Tha Suim an 
dearbhaidh a ta 'g eirigh o na h-earrannaibh sin do 'n Sgriob- 
tur, a' luidhe ann an so : Am fior Chriosdaidh is aon e a ta 
gradhachadh Dhè air a shon fèin, co maith is air son a shoch- 
airean; agus sin le ard-ghaol, os ceann gach uile neach 
agus gach uile nithe : Tha meas mòr agus fìor aige air 
aitheanta Dhè : Tha e cur an aghaidh agus a' gleachd an 
aghaidh a' pheacaidh sin, a ta os ceann gach uile pheacaidh 
gu furas ag iadhadh uime : Tha e moladh agus a' gràdh- 
achadh an lagha naoimh, eadhon anns a' cheart phuinc, 
sam bheil e bualadh an aghaidh an ana-miann is gràdhaiche 
leis : Tha dhòchas mu nèamh a' toirt air dichioll a dhean- 
amh gu ruigsinn air naomhachd iomlan, anns am bheil e ag 



374 

iaraaidh ruigheachd air foirfeachd, ged nach urrainn e 
ruigheachd air anns a' bheatha so : The e deanamh seir- 
bhis do 'n Tighearna, cha 'n ann a mhain an gniomhara an 
aoraidh, ach anns na h-uile ceum d' a chaithe-beatha : agus 
d'an taobh sin araon, tha e spioradail 'na ghnè, 'na rùn, 'na 
iarrtuis, agus 'na chrioch ann a sheirbhis : Gidheadh, cha'n 
'eil e faicinn ni sam bith ann fèin, as am feud e earbsa dhean- 
amh, am fianuis an Tigheam : Is e Criosd agus a lànachd 
taic 'anama ; agus tha mhuinghin air a gearradh as o na 
h-uile ni nach e Criosd, no nach 'eil ann an Criosd, a 
thaobh fìreanachaidh, no bhi air a ghabhail ris le Dia; 
agus a thaobh naomhachaidh mar an ceudna. Tha aig 
na h-uile neach sam bheil na nithe sin ri fhaotainn, còir 
air nèamh, a rèir an fhocail. Tha e iomchuidh agus 
tarbhach, an leithide sin do earrannaibh do 'n Sgriobtuir a 
chomharrachadh, air son an fheum àraidh so, mar a thilg- 
eas iad an àird ; am feadh a ta sibh a' leughadh nan Sgriob- 
tuir, no ag eisdeachd searmoin. Air do chomharan na 
staid ath-nuadhaichte bhi mar so air an suidheachadh ; 
anns an ait a 's faigse, rannsaichibh agus feuchaibh bhur 
cridheachan fèin leo sin, mar ann an lathair Dhè, le sùil 
ris-san air son aithne spioradail, chum gu 'm bi fios agaibh 
am bheil no nach 'eil iad annaibh. Agus 'nuair a gheibh 
sibh a mach iad, feudaidh sibh co-dhunadh gu suidhichte 
agus gu soilleir ; eadhon, gu bheil sibh air bhur n-ath- 
nuadhachadh, agus gu bheil còir agaibh air nèamh. Mar 
so feudaidh sibh dearbhaidhean a thional. Ach bithibh 
cinnteach gu 'n tig sibh gu Dia ann an Criosd le ùrnuigh 
dhùrachdach, air son teisteis an Spioraid, d' an oifig a 
bhi deanamh fianuis le 'r spiorad-ne, gus sinn clann Dhè, 
Rom. viii. 16. Os barr, thugaibh fainear gu cùramach 
slighe agus riaghailt freasdail d' ur taobh; agus mar 
an ceudna ciod am feum a tha bhur n-anama a faotainn 
dheth, 'na cheumaibh fa leth : coimhneas an dà chuid 
ri teagasgan, geallaidhean, bagraidhean agus eiseimpleire, 
nan Sgriobtuir ; mar sin breithnichidh sibh ma tha'n Tigh- 
earn a' buntuinn ribhse mar is gnàth leis riu-san le'n ion- 
mhuinn 'ainm : Agus ma tha sibh ag imeachd a mach air 
luirg an treud, feudaidh so dearbhadh solasach a thoirt 
duibh. Gluaisibh gu caomh agus gu faicilleach; agus 
foillsichidh an Tighearn e fèin cluibh, a reir a gheallaidh, 



375 

Eoin xiv. 21. " An tì aig am bheil m' aitheanta-sa, agus a 
ta 'gan coimhead, is esan aig am bheil gràdh dhomhsa : 
agus an tì aig am bheil gràdh dhomhsa, gràdhaichear le 
m' athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi 
mi fèin da." Ach is diomhain a bhi smuaineachadh gu bi 
bhur fèin-cheasnachadh feumail, ma bhios sibh neo-chur- 
amach agus neo-riaghailteach 'nur caithe-beatha. 

San àite mu dheireadh, Cuiribh thairis obair bhur là agus 
bhur ginealaich le cabhaig agus le dichioll. Air do 
Dhaibhidh, an dèigh dha ghinealach fèin a riarachadh, a 
reir toil Dhè, codal, Gniomh. xiii. 36. Dh' orduich 
Dia dhuinn earrann a dh'obair àraidh do 'n t-seorsa so, 
bu chòir a bhi air a cur seachad mu 'm bi aimsir na h-obair 
thairis, Ecles. ix. 10. "Ge b'e ni a gheibh do làmh r' a 
dheanamh, dean e le d' dhìchioll ; oir cha 'n 'eil ooair, no 
innleachd, no eòlas no giiocas anns an uaigh, d'am bheil 
thu dol." Gal. vi. 10. " Uime sin a rèir mar a ta fàth 
againn, deanamaid maith do na h-uile dhaoinibh; ach gu 
h-araidh dhoibhsan a ta do theaghlach a' chreidimh." Ma 
tha fear siubhail, an deigh dha dol air bbrd do 'n luing, 
agus an long a' faotainn fo sheòl, a' cuimhneachadh gu 'n 
do dhi-chuimhnich e gnothuch àraidh a chriochnachadh 
'nuair a bha e air tìr, is èigin da sin a bhi neo-shocrach dha : 
Eadhon mar so, aig uair a' bhàis a bhi cuimhneachadh 
aimsire a chaidh agus a leigeadh thairis gun fheum, agus 
cothroman a chaidh a chall, cha 'n fheud so gun bhi doil- 
gheasach do 'n Chriosdaidh. Uime sin, ciod sam bith a ta 
mar fhiachaibh ort a dheanamh air son urraim Dhè, agus 
maith muinntir eile, aon chuid mar dhleasdanas t'inbhe, no 
le cothrom àraidh air a chur ann ad làimh, dean e ann an 
tràth, nam bu mhaith leat bàs fhaotainn gu solasach. 



376 

CEANN III. 

AN AISEIRIGH. 



Na gabhctibh iongantas deth so ; oir a ta 'nuair a' teachd, anns an cluinn 
iadsan uile a ta sna h-uaigliibh a ghuth-san .- Agus theid iad a niach, 
iadsan a rinn maitli, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn olc, 
clium aiseirigh an damnaidh.- — Eoin v. 28, 29. 

Tha na briathra sin 'nan cuid do 'n dion a ta ar Tigh- 
earn a' deanamh air a shon fèin, 'nuair a bha e air a gheur- 
leanmhuinn leis na h-Iudhaich air son an duine euslan a 
leigheas, agus òrduchadh dha a leaba a ghiùlan air falbh air 
an t-sàbaid ; agus air son a chuis f èin a sheasainh, 'nuair 
a rinneadh casaid leo gu 'n ròbh an là sin air a mhi-naomh- 
achadh leis a' ghnìomh sin a dheanamh. Air an àm so 
dhearbh e gu 'm b'e fèin cha'n e mhain Tighearna na Sàb- 
aid, ach mar an ceudna Tighearna beatha agus a' bhàis; 
a' foillseachadh, ann am briathraibh an teagaisg, gu 'm bi 
aiseirigh nam marbh, air a toirt mu 'n cuairt le chumhachd- 
san. Tha e toirt so a steach leis na briathraibh sin, mar 
le roimh-radh chudthromach, na gabhaibh iongantas deth 
so ; sin ri radh, do 'n teagasg iongantach so tha mi cur 
an cèill ; na biodh iongantas oirbh mise air am bheil coslas 
co suarach 'nur seallaibhse chluinntinn a' labhairt mar so : 
oir a ta 'n la a' teachd, anns am bi na mairbh air an togail 
le m' chumhachd-sa. 

Thugaibh fainear anns an teagasg so, (1.) Gu bheil 
teagasg na h-aiseirigh air a chur an cèill mar ni cinnteach ; 
" Cluinnidh iadsan uile a ta sna h-uaighibh a ghuth-san ; 
agus thig iad a mach." Ath-bheothaichidh na cuirp 
mharbh, a ta air an deanamh nan duslach, agus dearbh- 
aidh iad a bhi beò le cluinntinn agus le gluasad. (2.) 
Ughdar na h-aiseirigh, Iosa Criosd, mac an duine, rann 
27. Cluinnidh na mairbh a ghuth-san, agus bithidh iad air 
an togail leis. (3.) An t-aireamh a bhios air an togail ; 
"Iadsan uile a ta sna h-uaighibh." 'S sin, uile chorpa 
marbh dhaoine, ciod sam bith mar a chuireadh sios 
iad, mar gu b' ann ann an uaighibh fa leth ; no na mairbh 
uile, maith no olc. Cha'n 'eil iad uile air an adhlacadh 
ann an uaighibh no ann an ait-adhlacaidh ; tha cuid air 



377 

an losgadh gu mìn-luaithreadh, cuid air am bàthadh agus 
air an adhlacadh am broinn iasga : seadh tha cuid air 
an itheadh suas le luchd-ithìdh dhaoine, ris an abrar Can- 
ibala : Ach ciod sam bith àite am faighear am brìgh 
no an stugh d' an robh an corp air dheanamh suas, as a 
sin thig iad a mach. (4.) An t-eadar-dhealachadh mòr a 
bhios eadar na daoine diadhaidh agus na h-aingidh : Eir- 
idh iad gu 'n amharus a rìs le chèile, anns an aiseirigh ; 
cha bhi aon do na daoine diadhaidh air chall, ged is maith 
a dh' fheudta, nach robh adhlachadh aca, no ma bha, gu 'n 
robh e gle shuarach; agus thig na h-aingidh uile a mach 
cha chum an tuama cloiche iad ni 's faide na bhios an 
guth a' labhairt : Ach bithidh aig a' cheud mhuinntir ais- 
eirigh ghlòrmhor gu beatha, am feadh a bhios aig cach 
aiseirigh uamhasach gu dìteadh. San àite mu dheireadh, 
An t-àm suidhichte air son a' ghnothuich mhòir so : Tha 
uair, no crioch àraidh aimsir air òrduchadh le Dia air a 
shon. Cha 'n 'eil e air innseadh dhuinn c'uin a bhios an 
uair sin, ach gu bheil i teachd ; a chum air a shon so, am 
measg reusona eile, gu 'm bitheamaid a ghnàth ullamh. 

TEAGASG. — Bithidh Aiseirigh nam marbh ann. 

Ann an labhairt o 'n bhonn-teagaisg so, Nochdaidh mi 
air tùs, cinnteachd na h-aiseirigh. San dara àite, Feor- 
aichidh mi mu nàdur na h-aiseirigh. Agus, San àite mu 
dheireadh, ni mi cleachdamh iomchuidh do 'n iomlan. 

I. Ann an nochdadh cinnteachd na h-aiseirigh, dearbh- 
aidh mi, (1.) Gur urrainn do Dhia na mairbh a thogail : 
Agus (2.) Gu 'n dean se e ; na nithe a ta air an cuir sìos, 
mar bhonn argumaid le Criosd fèin, 'nuair a bha e 
deasboireachd ris na Sadusaich, Mat. xxii. 29. "Fhreag- 
air Iosa agus thubhairt e riu, A ta sibh air seacharan gun 
eòlas agaibh air na scriobtuiridh, no air cumhachd Dhè." 

Air tùs, Do bhrìgh gu bheil Dia Uile-chumhachdach, gu 
cinnteach is urrainn dha na mairbh a thogail. Tha comh- 
arraidhean againn air obair chumhachdach so Dhè, araon 
anns an t-Seann-tiomnadh agus anns an Tiomnadh-nuadh. 
Bha mac banntraich Sharepta air a thogail o na mairbh, 
1 Eigh xvii. 22. Mac na 'ban-Sunamich, 2 Eigh iv. 35. 
Agus an duine a thilgeadh ann an àit-adhlacaidh Elisa, 
Caib. xiii. 21. Anns am feud sinn air thabhairt do cheum- 
aibh fa leth anns na miorbhuilibh sin, air do 'n dara aon a 



378 

bhi ni bu shoilleire na cheud aon, agus an treas aon ni bu 
shoilleire na 'n dara aon. Bha cheud neach dhiubh sin air 
a thogail air ball 'nuair a fhuair e bàs ; air do 'n fhaidh, 
Elisa a thog e bhi làthair aig a bhàs. An dara aon, an 
dèigh dha luidhe car uine ; eadhon, am feadh a bha mhath- 
air a' siubhal o Shunem gu sliabh Charmeil, (air a mheas 
mu 'n cuairt do shè mile deug,) gus an do phill i uaith 
sin d'a tigh le Elisa a thog e. Cha robh an aon mu dheir- 
eadh dhiubh air a thogail gus an robh iad 'ga adhlacadh, 
agus gus an robh an corp air a thilgeadh ann an uaigh an 
Fhàidh. Air an dòigh cheudna san Tiomnadh-nuadh, 
bha nighean Iairuis, Marc v. 41. agus Dorcas, Gniomh. 
ix. 40. araon air an togail gu beatha, goirid an' deigh am 
bàis ; mac bantraich Nain, 'nuair a bha iad ga ghiulan a 
mach chum adhlacaidh, Luc. vii. 11, 15. agus Lasarus 
'nuair a bha e a' lobhadh anns an uaigh, Eoin xi. 39, 44. 

An urrainn do dhaoine gloinneachan riomhach a dhean- 
amh à luaithre ; luaithre a dheanamh à lusan, an togail 
a rìs as an luaithre sin, gan aiseag gu 'n ceud mhaise ; 
agus nach urrainn do'n Chruithear mhor, a rinn na h-uile 
nithe do neo-ni, corp an duine thogai], an dèigh dha 
ruith 'na dhuslach ì Ma dh' fheoraichear, Cionnus a 
dh' fheudas cuirp dhaoine bhi air an togail suas an dèigh 
dhoibh bhi air an leaghadh gu h-ùir, agus an dèigh do 
dhuslach iomadh ginealaich bhi air an coimeasgadh le 
chèile ? Bheir Scriobtuir agus cha'n e reusan am freag- 
radh ; do dhaoinibh a ta so eu-comasach, ach cha'n 'eil e 
do Dhia. Is mi-reusanta do dhaoine bhi ag àicheadh gùr 
urrainn Dia ni a dheanamh, a chionn nach urrainn dhoibh- 
san fhaicinn cionnus a dh' fheudas e bhi air a dheanamh. 
Cia beag an earrann d'a shlighibh air am bheil èolas againn ! 
Cia co iomlan neo-chomasach a ta sinne air beachd soilleir 
a ghabhail air meud uile-chumhachd, agus gu mòr ni 's 
neo-chomasaiche air tuigsinn an rathaid air am bheil e ag 
oibreachadh, agus an t-òrdngh leis am bheil e dol air agh- 
aidh ! Cha 'n 'eil teagamh agam, nach 'eil mòran do 
dhaoinibh neo-fliòghluimte co ana-creideach mu thim- 
chioll iomadh ni anns an t-saoghal nàdurra, a tha daoine 
foghluimte a' faotainn a mach agus a' tuigsinn, 'sa tha cuid 
do dhaoine fòghluimte mu thimchioll firinn na h-aiseir- 
igh : agus mar a tha iadsan a' fanoid air na daoine neo- 
fhòghluimte, mar sin ni an Tighearna fochaid orra-san. 



379 

Nach bu mhòr an dionihaireachd do na h-Innsianaich, 
gu'm b' urrainn do mhuinntir na Eoinn-eorpa le mìr do 
phaipeir, comhradh ri cheile, ag astar cheudna mìle o cheile ! 
Agus cia mò gu mòr a bha dh' iongantas orra a bhi gam 
faicinn le'n gunnachan, a' deanamh mar gu 'm bu tairnean- 
ach agus tein-aidheir ann an tiota, agus mar a b' àill leo 
a' marbhadh dhaoine fada uatha % An clean cuid do 
dhaoine nithe mar so a ta 'nan iongantais an suilibh dhaoine 
eile, a chionn nach urrainn doibh an tuigsinn'? Agus an 
dean daoine cumhachd neo-chrìochnach Dhè a chumadh ri 
an comasan criochnaichte fein, ann an gnothuch nach 'eil 
idir an aghaidh rèusain 1 Cha 'n 'eil aig nàdur iosal ach 
beachd neo-iomlan air cumhachd nàduir àird. Cha 'n 'eil 
ainmhidhean a' toirt fainear na gniomhara rèusain a ta 'g 
oibreachadh ann an daoinibh ; agus cha 'n 'eil aig daoine 
ach breàthnachadh lag mu chumhachd aingle : Cia iosal 
agus neo-fhoirfe am beachd air an aobhar sin, is èigin a 
bhi aig nàdur crìochnaichte air a' chumhachd sin a ta neo- 
Chriochnaichte ! Ged nach urrainn duinn tuigsinn ciomius 
a ta Dia ag oibreachadh, gidheadh bu chòir dhuinn a 
chreidsinn gur urrainn da deanamh os ceann na's urrainn 
dhuinn a smuaineachadh no bhreithneachadh. 

Uime sin, biodh cuirp dhaoine air an càradh san uàigh ; 
lothadh iad an sin, agus biodh iad air an caitheadh as gus 
na smuirneanan a 's lugha; no biodh iad air an losgadh, 
agus an luaithre air a tilgeadh sna h-aimhnichibh, no air 
a thilgeadh suas san aidhear, gu bhi air a sgaoileadh leis a' 
ghaoith ; biodh duslach mhìltean ginealach air an coimeas- 
gadh, agus deatach nan corpa marbh air a h-iomain 
thuig agus uaith san aidhear; itheadh eoin no beathaiche 
fiathaich na cuirp mharbh, no sluigeadh eisg na mara suas 
iad, air chor as gu 'n teid miora do chuirp dhaoine a 
ta mar so air an gearradh as, gu bhi 'nam pàirt no eunlaith, 
do bheathaichibh no do iasgaibh ; no ni a's mò na sin, 
slugadh luchd-itheadh dhaoine, d' an èigin bàsachadh agus 
èirigh a rìs, cuirp dhaoine ; agus slugadh muinntir 
eile iadsan a rìs : Agus an sin cuireadh ar Sadusaich sna 
làithean so a' cheist anns na nithibh sin, anns an do chuir 
na Sadusaich o shean i, ann an cùis na mna bha pòsda air 
seachdnar fhear an deigh a cheile, Mat. xxii. 28. Freag- 
raidh sinn mar a rinn ar Tighearn agus Slànuighear, rann 
29. "A ta sibh air seacharan, gun eòlas agaibh air na 



380 

scriobtuiribh, no air cumhachd Dhè." Tha sinn a' creid- 
sinn gu bheil Dia uile-fhiosrach, agus uile-chumhachdach ; 
neo-chrìochnach ann an eòlas agus ann an cumhachd ; 
agus uaithe sin, a rèir soluis reusain fèin, tha sinn a' dearbh- 
adh so-dheantachd na h-aiseirigh, eadhon anns na nithibh, 
a thug sinn fainear. 

Feudar cruth agus dealbh nithe corporra atharrachadh, 
agus an cur as a chèile air chor as gun toirear air an ais 
iad gu 'n ceud ghnè ; ach cha 'n 'eil iad air an caitheamh as 
gu h-iomlan, no air an toirt gu neonidheachd, 's cha mhò is 
urrainn doibh, le cumhachd cruthaichte sam bith. Tha Dia 
nile-fhiosrach, tha a thuigse neo-chrìochnach ; uime sin is 
aithne dha na h-uile nithe, ciod a bha iad aig àm sam 
bith, ciod a ta iad, agus c' ait am faighear iad. Ged nach 
faigh an tuathanach, a thig gu buth an leigh, a mach a' 
chungaidh-leighis a ta e ag iarraidh; gidheadh is aithne 
do 'n leighiche fèin ciod a th' aige 'na bhùth, cia as a thain- 
ig e, agus c' àit am faighear e. Agus, am measg iomadh 
seorsa sìl,. is urrainn do 'n gharadair eòlach eadar-dhealach- 
adh a chur eadar sìol agus sìol : Cia uime, air àn aobhar 
sin, nach feud uile-fhiosrach eadar-dhealachadh a chur 
eadar duslach agus duslach? Am feud Esan, aig am bheil 
iomlaineachd eolais air gach uile nithibh a bhi buailteach 
do mhearachd sam bith mu 'chreutairibh fèinl Co air 
bith a chreideas ann an tuigse neo-chrìochnach, is eigin da 
aideachadh, nach feud torr duslaich a bhi co mòr air a 
choimeasgadh, is nach 'eil Dia gu h-iomlan a' tuigsinn, agus 
gu neo-mhearachdach ag aithneachadh cionnus a chuirear 
an smuirnean a's lugha agus gach aon diubh r'a cheile. Agus 
uìme sin, is aithne dha far am bheil miora gach aon 
chorp marbh ; co clhiubh is ann san talamh, san f hairge, no 
san aidhear, ciod air bith an troimh a cheile sam bheil 
iad 'nan luidhe. Agus gu h-àraidh is aithne dha c' ait am 
f aighear ceud bhrìgh an f hir-ithidh dhaoine ; ciod sam bith 
mar a leagh e as, no mar a ta e air atharrachadh mar gu 
b' ann gu gaoith no ceò, le fallas no le braona fallais : 
Agus cionnus a dhealaichear miora a' chuirp a bha air 
itheadh o chorp an fhir-ithidh, ciod sam bith mar a chuir- 
eadh r'a cheile iad no air an deanamh 'nan aon chord leis ; 
agus mar sin a' tuigsinn cha 'n e cionnus, ach cia uaithe a 
bheir e air ais ceud bhrìgh an fhir-ithidh gu cheart staid 
fèin : agus mar an ceudna ('s aithne dha) ciod mar a dheal- 



381 

aicheas e o cliorp an fhir-ithidh dhaoine, an earrann sin 
do 'n chorp a shluigeadh leis a ta dol gu bhrigh fèin, agus 
nach 'eil da rireadh ach 'na earrann bheag dheth. Is ni 
cinnteach gu bheil cuirp dhaoine, mar chuirp gach ain- 
mhidh no creutair beò eile, ann an staid ghnàth-atharrach- 
aidh ; tha iad a' fàs, agus air an cumail suas le lòn laith- 
eil, d' am bheil earrann co beag 'na bheathachadh as gu 
bheil a' chuid a's mò air a chur a mach a rìs. Agus tha e 
air a mheas gu bheil air a' chuid a's lugha, urrad do 'n lòn 
air dol a mach ann am follas, 's a tha dol a mach gu faic- 
sinneach air rathad sam bith eile. Seadh, tha chuid sin 
do 'n lòn a ta beathachadh, 'nuair a ta e air choimeasga, agus 
leis a sin a' fàs 'na chuid do 'n chorp, air a chaitheadh air 
falbh le fallas a' dol tre mhin-thuill a' chroicinn, agus a ris 
air a chumail suas le gnàthachadh an lòin; gidheadh 's e 
an corp do ghnàth an aon chorp a bha e. 

Uaith so feudaidh sinn fhaicinn, nach 'eil feum, ann an 
aiseirigh a' chuirp, gu 'm biodh na h-uile smuirnein, a bha 
aig àm sam bith 'na earrann do chorp an duine, air aiseag a 
ris d' a ionnsuidh, 'nuair tha e air a thogail o bhàs ; gu 
beatha. Nam biodh e mar sin, dh' fhàsadh cuirp dhaoine 
gu meud co mòr, as nach biodh iad idir cosmhuil ri 'm pear- 
sa. Is leòir gu 'm bi 'n corp air a thogail a ris ; ma bhios 
an corp a ta air a thogail, air a chumadh anns a' cheart 
mheudachd do 'n cheart duslach, d' an robh e air a dhean- 
amh suas aig àm sam bith roimhe, ciod sam bith co finealta 
'sa bhitheas e : Cosmhuil, ris mar a mheasas sinn gur e 
cheart chorp a bha seargadh as le tinneas fada, a ta ris a 
fàs reamhar agus maiseach an tìèigh leighis. 

A nis, ris an tuigse neo-chriochnaichte so, ceangail 
cumhachd neo-chriochnach, leis am bheil e comasach air 
na h-uile nithibh a chur fuidhe fèm, agus chithear an obair 
ghlòrmhor mhòr so ro reusanta. Ma gheibh Uile-fhios- 
rachd a mach na h-uile smuirnein beag do dhuslach, far 
am bheil e ; agus cionnus a chuirear ri cheile e : nach urr- 
ainn Uile-chumhachd an toirt, agus an cur ri cheile 'nan 
òrdugh f èin 1 An urrainn fear-deanamh an uaireadair miora 
fa leth an uaireadair a thosgail, a ta 'nan luidhe ann am meall 
troimh cheile ma choinneamh, agus gach mìr a chur 'na 
cheart àite fèinj agus nach urrainn do Dhia corp an duine 
chur an òrdugh, an deigh dha bhi air a chur as a chèile ? 
An do labhair e an saoghal so gu bith o neo-ni ; agus nach 



382 

urrainn dha corp an duine a dhealbh a mach as a cheud 
bhrìgh. Ma ghairmeas e na nithe nach 'eil mar gu biodh 
iad ann ; gu cinnteach is urrainn da na nithe a ta air ann 
cur as a cheile a ghairm gu bhi mar a bha iad mu 'n robh 
an earrann an agus an ceud bhrìgh air an cur as a cheile. 
Uime sin, is urrainn do Dia na mairbh a thogail. Agus, 
"C'ar son a mheasar leibhse mar ni do-chreidsinn, gu 'n 
dùisgeadh Dia na mairbh % " Gniomh. xxvi. 8. 

San dara àite, Ni Dia na mairbh a thogail. Cha 'n e 
mhain gur urrainn da dheanamh, ach ni e gu cinnteach 
e, a chionn gu 'n dubhairt se e. Tha ar bonn-teagaisg gle 
shoilleir air a' cheann so : " Cluinnidh iadsan uile a ta sna 
h-uaighibh a ghuth-san, agus theid iad a mach ; iadsan a 
rinn maith, chum aiseirigh na beatha ; agus iadsan a rinn 
olc, chum aiseirigh an damnaidh." Tha na briathra sin 
freagarrach ris an earrann sin do fhàideadaireachd Dhaniel, 
agus nam mìneachadh orra, Dan. xii. 2. " Agus dùisgidh 
moran dhiubhsan a ta 'nan cadal ann an duslach na talmh- 
ainn, cuid gu beatha shiorruidh, agus cuid gu nàire agus 
maslaclh bith-bhuan." Tha iad freagarrach gu cur an agh- 
aidh teagaisg nan Sadusach, air an robh flos aig an Spiorad 
Naomh a bha gu teachd gu h-àirde mhòr anns an eagiais 
Iudhaich, fuidh gheur-leanmhuinn Antiochuis. Tha iom- 
adh bonn-teagaisg eile san t-Seann-Tiomnadh agus anns an 
Tiomnadh-nuadh a dh' fheudadh a bhi air an ainmeach- 
adh; mar, Gniomh. xxiv. 15. "Agus a ta dòchas againn 
an Dia, ris am bheil sùil mar an ceudna aca fèin, gu'n tig 
aiseirigh nam marbh, uam firean araon agus nan neo-fhir- 
ean." Agus Iob xix. 26, 27. " Agus an dèigh dhoibh so 
mo chroicionn a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gu 'm 
faic mi Dia : JNeach a chi mise air mo shon fèin, agus air an 
amhairc mo shuilean, agus cha'n e neach eile : ged chaith- 
ear m' airnean an taobh a stigh dhiom." Ach cha ruig mi leas 
dearbhaidhean a mheudachadh, mu ni a ta co soilleir agus 
co tric air a theagasg san Scriobtuir naomha. Tha ar 
Tighearn agus Slanuighear fèin ga dhearbhadh, an aghaidh 
nan Sadusach, anns an teagasg chomharraichte sin, Luc. 
xx. 36, 38. "Ach gu 'n èirich na mairbh, nochd Maois 
fèin aig a' phreas, an uair a ta e gairm do 'n Tighearn, 
Dia Abrahaim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iacoib : A nis 
cha 'n e Dia nam marbh e, ach nam beò : oir a ta iad uile 
beò dhasan." Bha na h-Aithriche naomha sin aig an àm so 



383 

marbh, gidheadh goirear cìo 'n Tighearna, Iehobhah an Dia, 
eadhon, a thaobh eifeachd, agus seach choimcheangail nan 
gràs ; anns an t-seadh sin, tha na f ocail a' ciallachadh 
gach uile bheannachd, mar an ni sin a ta troimh a' choimh- 
cheangal air a dheanamh cinnteach dhoibhsan a ta ann 
Eabh. xi. 16. " Cha nàr le Dia, gu 'n goirear an Dia- 
san dheth, oir dh' ulluich e dhoibh baile." Cha 'n 'eil e air 
a ghairm 'na Dhia an anama a mhain, ach an Dia-san ; Dia 
am pearsa, an anama agus an cuirp ; ni a thaobh fhirinn 
agus fhireantachd, a dh' fheumas làn-choimhlionadh fhao- 
tainn : A nis, cha 'n urrainn da bhi air a làn-choimhlionadh 
air na mairbh, a ta, anns gu bheil iad marbh, fada o na 
h-uile beannachadh ; ach air na beothaibh, a ta mhain com- 
asach air an sealbhachadh. Uime sin, a chionn gu 'n goirear 
fathast do Dhia an Dia-san, tha iad beò a thaobh Dhè, 
ged tha 'n cuirp f athast anns an uaigh ; oir d' a thaobh- 
san, d' an urrainn le 'chumhachd an aiseag gu beatha, agus 
'na choimhcheangal a chuir an cèill a thoil agus a rùn sin 
a dheanamh ; agus cha 'n urrainn d' a ghealladh fàillneach- 
adh, tha iad uile gu bhi air am meas beò : Agus, a rèir a' 
choimhcheangail cha 'n 'eil 'nam bàs ach codal, as an eigin 
doibh a bhi agus as am bi iad, gu cinnteach air an dùsgadh, 
a thaobh a' choimhcheangail cheudna, a ta daingneachadh 
gach uile bheannachadh d' am pearsaibh, do 'n duine gu h- 
iomlan. Tha 'n t-Abstol Pol a' dearbhadh na h-aiseirigh 
gu farsuinn, 1 Cor. xv. agus a' nochdadh gur earrann bhun- 
aiteach do 'n chreidimh i ; gu bheil a bhi ga h-aicheadh a' 
cur a' chreidimh Chriosdaidh bun os ceann. " Ach mur 'eil 
aiseirigh nam marbh ann, ni mò a dh' èirich Criosd. Agus 
mur d' èirich Criosd, gu deimhin is dìomhain ar searmoin-ne, 
agus is dìomhain bhur creidimh-se mar an ceudna." 

Gu 'r comhnadh gu breithneachadh uime, tha na Scriob- 
tuir a' toirt samhladh dhuinn mu aiseirigh nam marbh ; 
mar tha na cnàmhan tioram, a bhi beò, Esec. xxxvii. teachd 
Ionah a mach à broinn na muice-mara, Mat. xii. 40. Agus 
tha obair nàduir a' toirt cosamhlachda agus coimeasan 
dhuinn uime ; mar tha ghrian ag eirigh agus a' luidhe 
a rìs ; oidhche agus la, geamhradh agus samhradh, codal 
agus dùsgadh ; na golain-ghaoith sa' gheamhradh, a' luidhe 
gun choslas sam bith beatha ann an seann làraichean, agus 
an uamhaibh fo thalamh, agus a' teachd beò a rìs an àm an 
earraich; an sìol a' bàsachadh fo 'n fhòid, agus an dèigh 



384 

sin a' fàs snas a rìs : Feudaidh sinn na nithe sin nile agns 
an leithide sin a ghabhail, mar air òrdnchadh le Dia an 
nàduir, ged nach ann mar dhearbhaidhean, gidheadh mar 
chomharran, air an aiseirigh ; mn'm bheil cinnteachd againn 
o na Scriobtnir. " Amadain, an ni sin a chnireas tu, cha 
bheothaichear e, mur bàsaich e ais tùs." 1 Cor. xv. 36. 

II. Feòraichidh mi mn nàdur na h-aiseirigh, ann a bhi 
nochdadh air tùs, Co bhios air an togail. San dara àite, 
Ciod a bhios air a thogail. San treas àite, Cionnus a bhios 
na mairbh air an togail. 

Air tùs, Co bhios air an togail : Tha ar bonn-teagaisg 
ag innseadh dhuinn cò iad ; eadhon, Iadsan uile a ta sna 
h-uaighibh. 'S e sin, an cinne-daoine uile, a ta marbh. 
A thaobh na muinntir sin a gheibhear beò aig ath-theachd 
Chriosd, cha 'n fhaigh iad bàs, agus an dèigh sin a bhi gu 
luath air an togail suas a rìs ; ach thig a leithid a dh' ath- 
arrachadh orra, 'sa bhios dhoibhsan, co-ionnan ri bàsachadh 
agus èirigh a rìs ; air chor as gu 'm fàs an cuirp cosmhuil 
ris na cuirp sin a thogar o na h-uaighibh, 1 Cor. xv. 51, 52. 
" Cha choidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile, ann na 
tiota, am priobadh na sul." Uaithe so tha iadsan air an 
toirear breth aig an là mhòr, air an eadar-dhealachadh gu 
" beothaibh agus marbhaibh," Gnìomh. x. 42. Eiridh na 
mairbh uile, co dhiubh diadhaidh no an-diadhaidh ; " firean 
no neo-fhirean," Gnìomh. xxiv. 15. òg no sean ; an cinne- 
daoine uile, eadhon iadsan nach fhaca riamh a' ghrian, ach 
a bhàsaich am broinn am mathar, Taisb. xx. 12. " Agus 
chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, 'nan seasamh am 
fianuis Dè." Bheir an fhairge agus an talamh suar am mairbh 
gun aon a ghlèidheadh, cha bhi aon air a chumail air ais. 

San dara àite, Ciod a bhios air a thogail? Cuirp na 
chinne-daoine. Theirear gn bheil duine a' faotainn bàis 
'nuair a tha 'n t-anam air a dhealachadh o 'n chorp, agus a' 
pilleadh chum Dhè a thug uaith e, Ecles. xii. 7. Ach 
is e an corp a mhàin a ta air a chur san uaigh, agus mu'm 
feudar a radh gu ceart gu 'm bi e air a thogail ; uime sin 's 
an do 'n chorp a mhàin bhuineas an aiseirigh. Os barr, 
is e an clearbh chorp a bhasaich, a dh' eireas a rìs. Aig 
an aiseirigh, cha taisbeanar daoine ]e cuirp eile, a thaobh 
brìgh, ach na cuirp sin a ta nis aca, agus a ta air an cur 
san uaigh ; ach leis na cuirp cheudna, air an togail 
suas le buaghaibh eile. Tha dearbh chiall an fhocail ais- 



385 

eirigh, a' ciallachadh so, a chionn nach fheudar a ràdh 
gu 'n eirich ni a ris, ach an ni sin a thuiteas. Ach gu 
dheanamh beagan ni 's soilleire, Air tùs, Tha e soilleir o 
theisteas an Scriobtuir : Tha 'n t-Abstol ag innseadh, gur 
e "'n corp bàsmhor so" d' an èigin " neo-bhàsrohorachd a 
chur uime," 1 Cor. xv. 53. Agus gu 'n " cruth-atharraich " 
Crioscl "ar corp diblidh, chum gu 'n deanar e comh-chos- 
mhuil r' a chorp glormhor fèin," Philip. iii. 21. Tha 'm bàs, 
ann an cainnt Scriobtuir, 'na chodal, agus an aiseirigh 'na 
dusgadh as a' chodal sin, Iob xiv. 12. a ta nochdadh gur 
e 'n corp air a thogail suas, an dearbh chorp a bhàsaich. 
San dara àite, Tha ceartas oibre Dhè, araon a thaobh nan 
naomh agus nan aingidh a' dearbhadh so. Cha 'n 'eil e air 
a mheas cothromach am measg dhaoine, gu 'n deanadh aon 
neach an obair, agus gu 'm faigheadh neach eile an duais. 
Ged nach e glòrachadh cuirp nan naomh, an cluais a ta air 
a thabhairt doibh air son an seirbhis no am fulangais air 
thalamh ; gidheadh tha e soilleir nach 'eil e idir freagarrach 
ri rathad raighlaidh Dhè, gu 'n seirbhisicheadh aon chorp e, 
agus gu 'm biodh corp eile air a ghlòrachadh ; gu 'n cuireadh 
aon an cath, agus gu 'm faigheadh aon eile an crùn. Cionn- 
us a dh' fheudar a smuaineachadh gu 'm feud teampuill 
an Spioraicl naoimh, (mar a deirear mu chuirp nan creid- 
each, 1 Cor. vi. 19.) a bhi do ghnàth 'nan luidhe an 
luaithre, agus dream eile bhi air an togail suas 'nan àite ; 
gu 'm biodh buill sin Chriosd (rann 15.) air an call gu tur, 
agus cuirp eile teachd 'nan àite 1 Cha 'n fheud gu cihn- 
teach, oir mar a tha cuirp sin nan naomh a nis a' gabhail 
am pàirt ann an Dia a ghlòrachadh, agus a tha cuid diubh 
a' f ulang 'na aobhar ; bithiclh iacl mar an ceudna mar sin 
'nan luchd-comhpairt clo 'n ghlòir a ta gu bhi air a foill- 
seachaclh. Agus bithidh cuirp sin nan aingidh, a ta air 
an càradh san duslach, air an togail a rìs; a chum gu 
fulaingeadh a' cheart chorp a pheacaich. Am peacaich 
aon chorp an so, agus am fuiling corp eile ann an ifrinn 
air son a' pheacaidh sin 1 An luidh an corp sin a bha 'na 
chompanach do 'n anam sa' pheacadh, gu bràth am folach 
san duslach ; agus am bi corp eile, aig nach robh aon 
phàirt sa' pheacadh, 'na chompanach dha ann an dòruinn? 
Cha bhi, cha bhi ; is e an dearbh chorp sin a ta nis a' 
togail an uile smuainte gu ulluchaclh air son a clhruim agus 
a bhronn, a bhios air a thogail suas' a dh' fhnlang ann an 

2b 



386 

ifrinn. Is i an teanga sin a ta nis a' mioimachadh, an teanga 
bhrengach, aig am bi fenm air uisge 'ga fuarachadh, ann 
an lasraichibh siorruidh. Seasaidh na dearbh chasan, a ta 
nis a' seasamh ann an slighe nam peacach, agus a ta giulan 
dhaoine gu 'n slighean neo-dhiadhaidh, anns an loch theinnt- 
each. Agus gabhaidh, na suilean so a ta nis sanntach agus 
macnusach, am pàìrt ann an teine agus deataich an t-sluic. 
San treas àite, Cionnus a bhios na mairbh air an togail. 
Bithidh an t-Iosa sin fèin a bha air a cheusadh an taobh 
a mach do gheata Ierusaleim, aig an là dheireannach, le 
dearbh-fhios nan uile air fhoillseachadh araon 'na Thigh- 
earn agus 'na Chriosd ; a' teachd mar Bhreitheamh an t- 
saoghail le ainglibh cumhachdach à' feitheamh air, 2 Tes. 
i. 7. " Thig e nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an 
ard-aingeil agus le trompaid Dhè," 1 Tes. iv. 16. "Sèid- 
idh an trompaid, agus eiridh na mairbh, agus caochlaidhear 
iad sin a ta beò," 1 Cor. xv. 52. Co dhiubh a ta 'n iolach, 
an guth agus an trompaid so a' ciallachadh guth ard eigin, 
no a nihàin oibreachadh cumhachd Dhè, gus na mairbh a 
dhusgadh, agus air son oibre uamhasach eile an là sin, (ged 
is e a' cheud ni a 's cosluiche,) cha ghabh mi orm fèin a 
dhearbhadh. Cha 'n 'eil teagamh nach bi teachd so Breith- 
eamh an t-saoghail, ann am morachd agus ann an uamhas 
ni 's mò na 's urrainn dhuinne a smuaineachadh ! Gidheadh 
a' ghloir, a' mhorachd, agus an taisbeanadh uamhasach sin, 
a bha air am foillseachadh aig tabhairt an lagha, eadhon, 
tairneanaich air an cluinntinn ! dealanaich agus neul tiugh 
air an t-sliabh air am faicinn ! an Tighearn a' teachd a 
nuas ann an teine, an sliabh uile a' criothnachadh gu mòr, 
agus fuam na triompaid a' fàs ro laidir ! (Ecsod. xix. 16, 
18, 19.) feudaidh iad smuainte iomchuidh a bhrosnuch- 
adh uime. Gidheadh, cluinnear fuaim na trompaid feadh 
an t-saoghail uile ! Ruigidh a fuaim gu doimhneachdan 
na fairge, agus gu iochdar na talmhainn ! Aig an fhuaim 
laidir so, thig cnàmha chum a cheile, cnàimh a chum a 
chnàmha ! Cruinnichear r' a cheile duslach nam marbh uile, 
duslach chum a dhuslaich ! " Ni mò theannaicheas aon air 
aon eile ; coisichidh iad gach aon 'na cheum fèin." Agus 
air dhoibh cruinneachadh chum a cheile a rìs ; ni iad suas an 
corp ceudna a ruith 'na duslach san uaigh ! Agus aig fuaim 
a' ghuth sin, thig na h-uile anam a rìs chum a chuirp fèin 
gun a bhi air an dealachadh gu bràth tuilleadh ! Cha 'n 



387 

fheud na mairbh fùireach ni 's faide 'nan uaighibh, aeh is 
èigin doibh an cead a ghabhail gu siorruidh d' an dachaidh 
fhada ! Cluinnidh iad a ghuth, agus is eigin doibh teachd 
a inach a dh'fhaotainn am binne deireannaich ! 

A nis mar a tha eadar-dhealachadh mòr eadar na naoimh 
agus na h-aingidh 'nan beatha agus 'nam bàs : mar sin 
bithidh mar an ceudna 'nan aiseirigh. 

Bithidh na daoine diadhaidh air an togail a mach as an 
uaighibh tre eifeachd Spioraid Chriosd, bann bheannaichte 
an aonaidh ris, Rom. viii. 11. "An ti a thog Criosd o na 
marbhaibh, beothaichidh e mar an ceudna bhur cuirp 
bhàsmhor-sa, tre a Spiorad-san a ta chòmhnuidh annaibh." 
Dh' èirich Iosa Criosd o na marbhaibh, mar cheud thor- 
adh na muinntir a choidil, 1 Cor. xv. 20. Mar sin iadsan 
a 's le Criosd aig a theachd, rann 23. Air do 'n Cheann 
dhiomhair faotainn os ceann uisgeachan a' bhais, cha 'n 
fheud e gun na buill a thoirt a mach 'na dhèigh ann an àm 
iomchuidh. Thig iad a mach le aoibhneas do-labhairt ; oir 
an sin bithidh an earrann sin do 'n Scriobtuir, aig an robh 
air tùs suil ri braighdeanas Bhabiloin, gu h-iomlan air a 
choimhlionadh 'na sheadh farsuinn spioradail, Isa. xxvi. 19. 
"Duisgibh agus seinnibh, sibhse tha chòmhnuidh anns an 
duslach ! " Mar bhean-bainnse, air a h-uimeachadh air 
son a fir, a theid a mach as a seomar-coidil chum a' phòs- 
aidh ; mar sin theid na naoimh a mach as an uaighibh, gu 
suipeir bainnse an Uain. Bha dol a mach aoibhneach aig 
Ioseph as a' phriosan ; aig Daniel à gairidh nan leòmh- 
ann, agus aig Ionah à broinn na muice-mara : Gidheadh 
cha 'n 'eil annta sin ach samhluchaidhean fann air dol a mach 
nan naomh as an uaigh aig an aiseirigh. An sin seinnidh 
iad laoidh Mhaois agus an Uain, leis an luathghair a 's inò, 
air do'n bhàs a bhi air a shlugadh suas le buaidh ! Sheinn 
iad air uairibh am feadh a bha iad sa' bheatha so, le creid- 
imh, an laoidh bhuadhach os ceann a' bhàis agus na h- 
uaighe, " bhàis ! c' ait am bheil do ghath ì uaigh ! c' ait 
am bheil do bhuaidh?" 1 Cor. xv. 55. ach 'nuair a sheinn- 
eas iad an laoidh cheudna o shealladh agus o fhaireachdain, 
bithidh a' chuideachd dhubh a dh' amharusan agus a dh' 
eagail a chuir gu tric mi-shuaimhneas orra, agus a chuir 
doilghios air an inntinn, gu bràth air an cur a thaobh. 

Nach feud sinn a' smuaineachadh gu 'm bi anam agus 
corp gach naoimh, mar ann an glacaibh a cheile, a' dean- 



amh gàirdeachais ann a cheile agus air an àrdachadh le 
buaidh 'nan coinneachadh son a rìs'? Agus nach feud 
aon smuaineachadh gu 'n labhair an corp ris an anam mar 
so % m' anam ! an d'fhuair sinn le cheile rìs, an deigh 
dealachaiclh co f hada 1 An d' thainig thu air t' ais do d' 
shean àite-còmhnuidh, gun dol air falbh gu bràth tuill- 
eadh 1 a chòdhail aoibhneach ! cia neo-chosmhuil 'sa ta 
ar staid an is ris mar bha i 'nuair a rinneadh dealachadh 
eadaruinn leis a' bhàs ì A nis tha ar bròn air a thionndadh 
gu h-aoibhneas ! Tha 'n'solus agus an t-aoibhneas a bha 
uaireign air a chur mar phòr, a nis air fàs suas ; agus tha 
fàs buan ann an tir Imanueil ! Beannaichte gu 'n robh 
an la san robh mi air mo cheangal riutsa, d' am b' 
ard chùram Criosd fhaotainn annainn dòchas na gloire, 
agus mise dheanamh am theampull d' a Spiorad naomh. 
O anam bheannaichte ! a rinn ann an àm ar cuairte, do 
shuil a chumail air an tìr a bha aig an uair sin fad as, ach 
a ta nis dluth do làimh ; thug thu suas mi gu ionadaibh 
uaigneach, agus thug thu orm an sin na . gluine so a 
lubadh an làthair an Tighearn, a chum gu 'n giùlaininn 
pairt ann ar n-irioslachadh 'na làthair; agus is e nis an t- 
àm iomchuidh, agus tha mi air mo thogail suas. Ghnàth- 
aich thu an teanga so ann an aidmheil, athchuinge, agus 
breith-buidheachais ; a bhitheas o so a mach air a gnàth- 
achaclh ann am moladh gu sìorruidh ! Thug thu air na 
suilibh so, na suilibh so bha deurach air uairibh, a bhi cur 
siol nan cleoir sin, a ta nis a' fas suas ann an aoibhneas 
air nach tig crìoch gu bràth ! Bha mi gu sona air mo 
bhualadh sios leat, agus air mo chumail iosal, 'nuair a bha 
dream eile a' toileachadh na feòla, agus a' deanamh an dia 
d' am broinn, chum an sgrios fèin ; agus a nis tha mi ag 
eiiigh gu glòrmhor, a ghabhail m' àite an ionada-còmh- 
nuidh na glòire, 'nuair tha iadsan air an tarruing a mach 
as an uaighibh gu bhi air an tilgeadh chum nan lasraich- 
ean teinnteach ! A nis m' anam cha ghearain thu tuilleadh 
air corp tinn agus cràiteach ; cha bhi thu tuilleadh air do 
thromachadh le feoil lag agus sglth : cumaidh mi nis ceum 
riut ann am moladh ar Dè gu brath tuilleadh? Agus 
nach feud an t-anam a radh? la sona, anns am bheil 
mi pilleadh a ghabhail còmhuiclh sa' chorp bheannaichte 
sin, a bha, agus a ta, agus a bhitheas gu bràth, 'na bhall 
do Chriosd, 'na theampull do'n Spiorad naomh ! A nis 



389 

bithidh mi gu sìorruidh ceangailte riut ! Cha bhi an eòrd 
airgid air fhuasgladh tuilleadh gu bràth ; cha dean bàs 
tuille dealachadh eile eadaruinn. Eirich uime sin, a 
chuirp, agus thig air falbh ; agus biodh na suilean sin, a 
rinn gul os ceann mo pheacanna, a nis ag amharc, le 
h-aoibhneas air aghaidh ar Eear-saoraidh glormhoir ! Feuch, 
a 's e so ar Dia, agus dh' fheith sin ris ! Thigeadh na 
cluasan, a dh' èisd ri briathraibh na beatha, anns an team- 
pull shios, agus cluinneadh iad a nis na h-alleluia anns an 
teampull shuas. Gabhadh na cosan sin, a ghiulain mise 
do choimhthional nan naomh air thalamh, an àite am measg 
na muinntir a ta 'nan seasamh a lathair. Agus ceangladh 
an teanga sin a dh' aidich Criosd am fianuis dhaoine, agus 
le 'm bu ghnàth a bhi labhairt ni-eigin chum a mholaidh 
i fèin ri ceol an tighe a 's airde 'na mholadh gu brath. 
Cha traisg thu tuilleadh, ach cumaidh tu f eisd shiorruidh : 
cha ghuil thu tuilleadh, 's cha mhò bhios nèul dorcha air do 
ghnuis ; ach dealraidh tu gu bràth mar reult anns an athar ! 
Ghabh sinn pairt le cheile sa' chath, thig a nis rachamaid 
le cheile a shealbhachadh agus a chaitheadh a' chrùin'. 

Ach air an làimh eile, togar na h-aingidh suas le cumh- 
achd Chriosd, mar Bhreitheamh ceart a bheir dìoghaltas 
air a naimhdibh ! Bheir dearbh-chumhachd Dhe a dhruid 
suas an anama ann an ifrinn, agus a ghleidh an cuirp ann 
an uaigh, mar ann am priosan, a mach iad, chum gu 
faigheadh an t-anam agus an corp le chèile a bhinn 
uamhasach an damnaidh shiorruidh, agus gum bitheadh 
iad le cheile air an druideadh suas ann am priosan ifrinn ! 
Thig iad a mach as an uaighibh le h-uamhas do-labhairt 
agus le mor amhluadh ! Bithìdh iad air an tarruing mar 
chiontaich fo bhinn bàis a mach as a' phriosan, gu bhi 
air an cur gu dìth, a' glaodhaich ris na sleibhtibh agus ris 
na creagaibh tuiteam orra, agus am folach o aghaidh an 
Uain ! B' eagalach an eigh bha san Eiphit, air an oidh- 
che sin san deachaidh an t-aingeal sgriosach troimpe, agus 
san do mharbh e an ceud-ghin ! B' uamhasach na h- 
iolaich a bha 'nuair a dh' fhosgail an talamh a bheul, agus 
a shluig e suas Datan agus Abiram, agus gach uile buin- 
eadh dhoibh ! Ciod an eigheach a bhios an sin ann, an 
uair, aig fuaim na trompaid deireannaich, a dh' fhosglas 
a talamh agus an fhairge am beoil, agus a thilgeas iad 
a mach asda an saoghal aingidh uile, gan toirt suas 



390 

do 'n Bhreitheamh uamhasach ! Dia mar a dh' eigheas, a 
bheucas agus a reubas iad iad fèin ! Cia mar ghuileas 
agus mar chaoidheas, mar d' a cheile, na companaich a bha 
aon uair subhach ! Cia mar a bhios an talamh air a lion- 
adh le 'n screadail agus le 'n tuiridhean brònach, am feadh 
a ta iad air an spìonadh a mach mar chaoraich air son a' 
mharbhaidh ! Bithidh iadsan a bha, am feadh a bha iad 
beò san t-saoghal, 'nan geocaich mi-naomha, 'nan daoine 
saoghalta sanntach, no 'nan cealgairean riaghailteach, an 
sin, ann an cràdh inntinn, a' fàsgadh an làmh, a' bualadh 
air an uchd, agus gu searbh a' caoidh an staid, a' beucaich 
a mach an gearain, agus a' gairm dhiubh fèin brùidean, 
amadain, agus daoine cuthaich, a chionn gu 'n robh iad co 
mi-chiallach anns a' bheatha so, agus nach do chreid iad 
na nithe a ta iad an sin a' faicinn. Bha iad air am fuad- 
achadh air falbh 'nan aingidheachd aig a' bhàs, agus a nis 
tha 'm peacanna uile aig eiridh maille riu, agus cosmhuil ri 
nathraichean, tha iad 'gan toinneadh f èin mu 'n cuairt d'an 
anamaibh truagh, agus mu 'n cuairt d' an cuirp mar an 
ceudna, aig am bheil a nis coinneadh eagallach, an dèigh 
dealachaidh co fhada ! 

An sin feudaidh sinn a shaoilsinn gu'n labhair an corp 
truagh ris an anam air an doigh so, " An d' fhuair thu ris 
mi mo nàmhaid, mo nàmhaid a 's miosa ! anam bhuirb, 
ni 's an-iochdmhoire gu mòr na mìle do fhiadh-bheathaich- 
ibh ! Malluichte bitheadh an là san do choinnich sinn riamh ! 
nach do mhair mi a' m' mheall gun bheatha a' lothadh 
ann am broinn mo mhàthar; agus nach robh mi gun 
tuigse, gun bheatha, no gun ghluasad fhaotainn riamh ! 
O nach robh mi a' m' chorp do losgainn no nathair mu 'n 
robh mi a' m' chorp dhuitse ; oir an sin luidhinn sàmhach, 
agus cha 'n fhaicinn an là uamhasach so ! !Nam b' èigin 
domh a bhi agadsa, nach ann a bha mi a' m' asail, no a' 
m' mhadadh dhuit, mu 'n robh mi a' m' chorp dhuit : oir an 
sin ghabhadh tu tuilleadh a dh' fhìor-churam dhiom no a 
rinn thu ! caoimhneas an-iochdmhor ! an do chaidir 
thu mar so gu bàs mi, an d' àraich thu mar so chum a' 
mharbhaidh mi 1 An e so toraidh do chaomhalachd dhomh 1 
An e so na bhuaineas mi do d' shaothair agus do d' chur- 
am mu 'm thimchioll? Ciod am feum a ta nis ann an 
saoibhreas agus toilinntinn, 'nuair a tha 'n cunntas eagallach 
so air teachd, mu 'n robh rabhadh iomchuidh air a thoirt 



391 

duit ! uaigh an iochdmhor, c' arson nach do dhruid thu 
do bheul gu bràth orm ; c' arson nach do chum thu greim 
teann do d' phriosanach ; c' arson a chrath thu mach mi, 
'nuair a bha mi am luidhe sàmhach, agus a bha mi aig 
f ois ! Anam mhalluichte ! c' arson nach d' fhuirich thu 
ann ad àite, air t' fhilleadh suas ann an lasraichibh teine ! 
C' arson a thainig thu air t' ais 'gam thabhairt-sa sios mar 
an ceuda do gheimhlichibh an t-sluic*? Rinn thu mi a'm 
arm neo-fhìreantachd, agus a nis is èigin domh bhi air mo 
thilgeadh do 'n teine ! Bha 'n teanga so air a gnàthachadh 
leatsa ann am fanoid air diadhachd, ann am mallachadh, 
mionnachadh, ann am breugan, an cul-chaineadh, agus 
ann an uaill. agus air a cumail air a h-ais o Dhia a 
ghlòrachadh ; agus a nis cha 'n f heud i urrad agus 
boinne do uisge fhaotainn gu a fionnarachadh sna las- 
raichibh ; Chum thu mo chluasan o eisdeachd nan 
searmoinean a thug rabhadh mu 'n là so ; fhùair thu sligh- 
eanna agus rathaide gu 'n cumail o fheitheamh air earail- 
ean, comhairlean, agus achmhasain thrathail ; ach c' arson 
nach do chum thu iad o eisdeachd na triompaid uamhas- 
aich so 1 ? C' arson nach 'eil thu nis ag itealaich air falbh 
air sgiathaibh nan ana-mianna, mar gu b' ann, 'gam 
thoirtam briaghdeanas, leis na nithibh oillteil sin, mar bu 
ghnàth leat dheanamh, 'nuair a shuidh mi aig searmoinean, 
aig òrduighean, aig urnuighean, agus aig coluadair dhiadh- 
aidh ; chuni gu biodh a nis agam co beag mothachaidh air 
an dara aon, as a bha roimhe agam air an aon eile 1 Ach, ah, 
is èigin domh bhi losgadh gu siorruidh, air son do ghràidh 
do t'ana-miannaibh, do d' mhi-naomhachd, do d' fheol- 
mhoireachd, do d' ana-creidimh agus do d' chealgaireachd." 
Ach nach feud an t-anam freagairt " A chlosaich thruaigh 
agus ghràineil, am bheil mi nis air m' iomain air m' ais 
a d' ionnsuidh ! nach ann a bha thu a' d' luidhe gu 
bràth a' lothadh ann ad uaigh ! Nach robh pian gu leor 
agam roimhe 1 An èigin domh a bhi air mo cheangal 
riut a rìs, chuni air dhuinn a bhi air ceangal r'a cheile 
mar dha mhaide thioram air son an teine, gu 'm bi fearg 
Dhè 'gar losgadh suas ni 's deine? Is ann le curam air 
do shonsa, a chaill mise mi fèin. B' e do dhruim agus do 
bhru, agus sàsuchadh do mhianna a sgrios mi ! Cia 
tric a bha mi air mo ribeadh le d' chluasan; cia tric a 
bha mi air mo bhràth le d' shuilean ì B' ann gu thusa 



392 

chaomhnadh, a dhi-chuimhnich mi cothroma gu 'm shìth a 
dheanamh ri Dia, a chaith mi sàbaide ann an leisg, a 
chaith mi mo bheatha ann an di-chuimhn air urnnigh, a 
chaidh mi do thigh an t-sùgraidh, roimh thigh a' bhròin ; 
agus gu 'n do roghnaich mi Criosd àicheadh, agus gu 'n do 
threig mi aobhar agus obair san t-saoghal ; agus mar sin 
tha mi air tuiteam a' m' iobairt do d' fhios mhalluichte-sa. 
An uair aig àm sam bith a thòisich mo choguis air dùsg- 
adh, agus a bha mi 'gam shuidheachadh fèin gu smuain- 
eachadh air mo pheacanna, agus air an truaighe a 
mhothaich mi o na dheallaich sinn r'a cheile agus a ta 
sinn a nis a' mothachadh ; is tusa thug a thaobh mi o na 
smuaintibh sin, agus a tharruing air falbh mi a dh' 
ulluchadh lòin air do shonsa, fheoil thruaigh ! Le d' 
chùird shioda do ana-mianna feolmhor bha mise air mo 
tharruing gu sgrios, thar broin mo sholuis agus mo cho- 
guis; ach a nis tha iad air an atharrachadh gu cuibhrich- 
ean iaruinn, le 'm bheil mise gu bhi air mo chumail fuidh 
fheirg gu bràth ! buannachd thruagh ! toilinntinn 
mhalluichte air son an èigin domh luidhe gu bràth ann an 
dorchadas iomallach ! " Ach cha clean gearainean feum an 
sin. " gu'm biodh daoine glic, gu 'n tuigeadh iad so, gu'n 
tugadh iad fa 'near an crioch dheireannach 1 " Do thaobh 
na Buaidhean leas am bheil cuirp nan naomh ri bhi air an 
deanamh suas aìg an aiseirigh, tha 'n t-Abstol ag innseadh 
dhuinn, gu 'm bi iad air an togail neo-thruaillidh, glòir- 
mhor, cumhachdach, agus spioradail, 1 Cor. xv. 42 — 44. 
"Cuirear ann an truaillidheachd e, togar ann an neo- 
thruaillidheachd e. Cuirear e ann an eas-urram, togar ann 
an gloir e. Cuirear e 'na chorp nadurra, eirigh e 'na chorp 
spioradail." 

Air tùs, Bithidh cuirp nan naomh air an togail neo- 
thruaillidh. Tha iad a nis, mar chuirp muinntir eile, 
'nam meall do thruaillidheachd, làn do shìol eugailean 
agus bàis ; agus an uair a tha iad marbh, tha iad a' fàs co 
mi-thaitneach, eadhon d' an cairdean a's dilse, 's ghu eigin 
clhoibh a bhi air an adhlacadh as an sealladh ann an uaigh, 
an sin gu lothadh agus gu bhi air an caitheadh as ; seadh, 
tha creuchdan graineil agus euslaintean a' deanamh cuid 
dhiubh mi-dhreachail, eadhon an uair a tha iad beo. Ach 
aig an aiseirigh fàgaidh iad siol an truailliclheachd 'nan 
dèigh anns an uaigh, agus eiridh iad neo-thruaillidh, neo- 



393 

chomasach air tinneas, air galar no air eu-slainte a 's lugha 
ghabhail, no hasachadh ni 's mò. Sguiridh ainneartan o'n 
taohh a mach agus aobhar pein o 'n taobh a steach gu 
bràth tuille ; cha mhothaich iad ni 's mò e : seadh, bithidh 
oige shiorruidh agus neart aca, air dhoibh gun a bhi ni 's 
mò buailteach do 'n laigse thug aois orra sa' bheatha so. 

San dara àite, Bithidh iad 'nan cuirp glòrmhor ! cha 'n 
e mhàin sgiamhach, maiseach, agus air deadh chumadh, 
ach bithidh iad lan glòir agus dealraidh ! Cha 'n fheud- 
ar an aghaidh a 's maisiche, no 'n corp a 's deise cumadh a 
ta nis anns an t-saoghal, a choimeas ri corp an naoimh a 's 
isle aig an aiseirigh ; oir, " An sin dealraichidh na fireana 
mar a' ghrian," Mata xiii. 43. Ma bha glòir dhealrach 
air aghaidh Mhaois, 'nuair thainig e nuas o 'n t-sliabh ; 
agus ma bha aghaidh Stephain mar aghaidh aingil, 'nuair 
a sheas e an làthair na comhairle ; cia mò gu mòr a bhios 
aghaidhean nan naomh maiseach agus glormhor, lan do 
mhòrachd aoibhneach thaitneach, 'nuair a chuireas iad 
gach uile thruaillidheachd dhiubh, agus a dhealraicheas 
iad mar a' ghrian? Ach thugaibh fa'near, nach 'eil mais- 
ealachd so nan naomh air an aghaidhean a mhàin, ach tha 
i 'ga sgaoileadh f èin air f eadh an cuirp uile ; oir tha 'n corp 
uile air a thogail ann an glòir, agus bithidh e air a chnm- 
adh cosmhuil ri corp glòrmhor an Tighearna agus an 
t-Slànuighir ; an ti 'na chruth-atharrachadh, cha 'n e mhain 
gu 'n do dhealraich aghaidh mar a' ghrian, ach bha mar an 
ceudna eudach geal mar sholus, Mata xvii. 2. Ciod air 
bith uireasbhuidhean no mi-sgeumh a bha air cuirp nan 
naomh, 'nuair a bha iad air an cur san uaigh, air an toirt 
orra le nithibh a thachair dhoibh sa' bheatha so, no a dh' 
èirich o aobhair dhìomhair 'nan cumadh anns a' bhroinn, 
eiridh iad as an uaigh saor dhiubh sin uile. Ach ged 
mhaireadh comharran an Tighearn Iosa, na h-aillean 
no luirg nan lotan a fhuair cuid do na naoimh air a shon- 
san am feadh a bha iad air thalamh, air an cuirp, an dèigh 
na h-aiseirigh ; cosmhuil ris mar mhair lorg nan tairn- 
gean ann an corp an Tighearn Iosa ; an dèigh aiseirigh-san 
mheudaicheadh so an glòir, an àite a' maise lughdachadh. 
Ach ciod sam bith mar bhios sin, gu cinnteach cha bhi 
suilean Isaaic an sin dall, 's cha bhi bacaich ann an Iacob ; 
cha bhi suilean Leah anmhuinn, 's cha bhi Mephiboset 
bacach 'na chasaibh. Oir mar a leaghas an t-òr-cheard an 



394 

seann soitheach amnhunn, agus a thilgeas e thairis ann an 
soitheach-cumadh nuadh e, 'ga thoirt a mach le maise nuadh ; 
mar sin bithidh an corp diblidh, a luidh a' sgaoileadh as a 
chèile anns an uaigh, a' teachd a mach aig an aiseirigh ann 
am maise iomlan, agus ann an cumadh sgiamhach. 

San treas àite, Bithidh iad 'nan cuirp neartmhor agus 
làidir. Feudar gu ceart a mheas gu bheil na daoine a 's 
laidire air thalamh, air dhoibh a bhi gearr-shaoghalach agus 
bàsmhor, lag agus anmhunn ; a chionn gu bheil an neart, 
ciod sam bith co mòr a 's a ta e, gu h-ealamh air a chaith- 
eamh air falbh agus air a chlaoidh. Tha mòran do na 
naoimh a nis aig am bheil cuirp ni 's anmhuinne na 
muinntir eile; ach bithidh a' mhuinntir lag 'nam measg 
(gu coimeas ri Sech. xii. 8.) anns an là sin mar Dhaibh- 
idh, agus tigh Dhaibhidh mar Dhia. Tha diadhair 
àraidh ag ràdh, gu 'm bi aon ni 's laidire aig an aiseirigh 
na ceud, seadh, na tha mìlte a nis : Gu cinnteach 
is mòr, is anbhar raòr, a 's èigin do neart nan cuirp 
ghlormhor a bhi, do bhrìgh gu 'n giulain iad trom-chucl- 
throm glòire a ta ni 's ro anabharrach agus sìor-mhair- 
eannach ! Cha 'n 'eil an corp bàsmhor idir freagarrach d' 
a leithid sin do staid. Am bheil aoibhneas os ceann tomh- 
ais a' toirt bàs neach, co maith a 's doilghios os ceann 
tomhais ; agus an urrainn da giùlan ri cudthrom gloire ; 
an urrainn da mairsinn ann an coimhcheangal ri anam a 
ta air a lìonadh le mor-aoibhneas neimh ? Gu cinnteach 
cha 'n urrainn. Thuiteadh an corp bàsmhor sios fuidh'n 
uallaich sin, agus bheireadh a leithid sin do làn air an t- 
soitheach chreadha briseadh 'na mhioraibh. Dh' innis an 
Scriobtuir gu soilleir dhuinn, nach fheud, " feoil agus fuil 
(sin ri ràdh, 'nan staid anmhuinn ; sa' bheatha so ged b' 
fheoil agus fuil famhar i,) rìoghachd Dhè a shealbhach- 
adh," 1 Cor. xv. 50. Cia làidir is èigin do na suilean 
corporra a bhi, a bhitheas, gu comhfhurtachd shiorruidh 
an anama, ag amharc air gloir dhealrach agus greadlmach- 
as an nuaidh Ierusaleim, agus a bhios a' geur-amharc air 
àrd-ghlòir agus dealradh an duine Criosd, an t-Uan, a 's e 
is solus do 'n chaithir sin, aig am bheil a luchd-àiteachaidh 
a' dealradh mar a' ghrian ! Tha Tighearna neimh a nis, 
ann an tròcair, a' cumail air a h-ais aghaidh a chaithreach, 
agus a' sgaoileadh a neòil orra, chum nach biodh daoine 
bàsmhor air an cur gu h-amhluadh le soillse na gloire, a ta 



395 

dealradh a mach uaipe, Iob xxvi. 9. Ach an san bithidh 
an sgàile air atharrachadh, agus iadsan air an deanamh 
comasach air amharc orra, chum an aoibhneis do-labhairt. 
Cia laidir is èigin d' an cuirp-san a bhi, nach sguir a la 
no dh' oidhche, ach d' an obair gun sgur, gu bràth anns 
an teampull nèamhaidh, a bhi seinn agus a' deanamh iom- 
radh air moladh Dhè, gun sgios, ni a ta 'na laigse d' am 
bheil an corp anmhunn buailteach, ach a ta neo-fhreagarr- 
ach do 'n chorp ghlormhor ! 

San àite mu dheireadh, Bithidh iad 'nan cuirp spioradail. 
Cha 'n e gu 'm bi iad air an atharrachadh gu spioradaibh, 
ach bithidh iad spioradail a thaobh am buaighean agus an 
gnèithean spioradail. Bithidh an corp fuidh làn uachdran- 
achd an anama, bithidh e ùmhal dha, agus fuidh a chumh- 
achd ; agus uime sin cha bhi e tuilieadh 'na dheireadh d' a 
bheothalachd 's cha bhi mianna a' chuirp ni's mò 'nan rib- 
eadh dha. Cha bhi feum air a chumail fuidhe, no bhi air 
a tharruing gu seirbhis Dhè. Tha 'n t-anam anns a' 
bheatha so, co mòr fuidh chumhachd a' chuirp, a 's gu bheil 
e ann an cunntas Scriobtuir, air a mheas feòlmhor : 
Ach an sin bithidh an corp spioradail, gu h-ealamh a' seirbh- 
iseachadh an anama ann an gnothuch neimh; agus anns 
an t-seirbhis sin a mhàin, mar nach biodh tuilleadh dàimh 
aige ris an talamh no th' aig spiorad rìs. Cha bhi feum 
ni's faide air na nithe sin a ta nis a' cumail suas na beatha, 
eadhon, lòn agus èididh, agus an leithide sin : Cha bhi 
ocras orra tuilleadh, no tart ni's mò, Taisb. vii. 16. " Oir 
anns an aiseirigh cha phòs iad, ni mò bheirear am pòsadh 
iad, ach a ta iad mar na h-aingil a ta air nèamh." An sin 
bithidh na naomh laidir gun bhiadh no dèoch, blàth gun 
eudach, gu bràth ann an slàinte iomlan gun chungaidh 
leigheis, agus a ghnàth ealamh agus beothail, ged nach coidil 
iad gu bràth, ach a' deanamh seirbhis dha a dh' oidhche agus 
a la 'na theampull. Taisb. vii. 15. Cha bhi fèum ac' air 
aon do na nithibh sin ni's mò na th' aig spioradaibh. Bithidh 
iad luath agus beothail mar spioradaibh, agus do chail fior- 
ghlan. Bithidh an corp a tha nis dumhail agus trom, an 
sin ro-bheothail. Cha bhi ni dubhach ri fhaotainn an sin 
a ni an cridhe trom, agus na spioraid tuirseach agus trom- 
inntinneach. Far am bi a' chairbh, is ann an sin a bhios 
na naoimb, mar iomadh iolairean, air an cruinneachadh 



396 

r'a clièile. Clia teid mi ni's doimhne sa' ghnothuch so, 
nochdaidh an la e. 

A thaobh gnèithean cuirp nan aingidh aig an aiseirigh, 
tha mi faicinn nach 'eil an Scriobtur a' labhairt ach beag- 
an umpa. Ciod air bith air am bi feum aca, cha 'n fhaigh 
iad boinne do uisge a dh' fhuarachadh an teangaidh, Luc. 
xvi. 24, 25. Ciod sam bith a dh' fheudar a radh mu 'n 
laigse, is ni cinnteach gu bi iad gu bràth air an cumail 
beo, chum gu bi iad gu siorruidh a' bàsachadh : Giulain- 
idh iad suas, ciod air bith co neo-thoileach, fuidh eallach 
do fheirg Dhè, agus cha chaith iad as fuidhpe ; " Bithidh 
deatach am pèine-san ag èirigh suas gu saoghal nan saogh- 
al, agus cha 'n 'eil fois sam bith a la no dh' oidhche aca-san." 
Gu cinnteach cha bhi comhpairt sam bith do ghlòir agus 
do mhaisd nan naomh aca. Bàsaichidh an glòir uile maille 
riu, agus cha 'n èirich iad gu bràth tuilleadh. Tha Dan- 
iel ag innseadh dhuinn gu 'n duisg iad gu naire agus mas- 
ladh bith-bhuan, caib. xii. 2. Tha naire leantuinn a' 
pheacaidh, mar a leanas a sgàile an corp ; ach tha na h- 
aingidh anns an t-saoghal so ag siubhal san dorcha, agus 
gu tric ann an riochd eile : gidheadh 'nuair a thig am Breith- 
eamh ann an teine lasarach, aig an là dheireannach, bheirear 
gus an solus iad ; Bheirear an sgàile brèige an sin diubh, 
agus taisbeinear naire an lomnochduidh gu soilleir doibh 
fèin agus do mhuinntir eile, agus lionaidh i an aghaidhean 
le masladh. Bithidh an nàire tuilleadh is domhain air son 
ruigheadh gruaidh; ach cruinnichidh an uile aghaidhean 
duibheadas aig an là sin 'nuair a theid iad a mach as an 
uaighibh, mar mhuinntir fo bhinn bàis a mach as am prios- 
ain, gu bhi air an cur gu dìth ; oir is i an aiseirigh-san ais- 
eirigh an damnaidh. Taisbeanar ann an sin a' mhuinntir 
a 's maisiche, a ta nis a' deanamh uaill 'nam maise cuirp, 
gun suini aca do mhi-mllaise an anama, le aghaidhean 
oillteil, agus le cruth-bàis uamhasach; Bithiclh an seall- 
aidhean eagallach, agus bithidh iad 'nan seallaidhean uamh- 
asach, a' teachd a mach as an uaighibh cosmhuil ri spiorad- 
aibh ifrionnail a mach as an t-slochd ! Eiridh iad mar 
an ceudna gu masladh bith-bhuan ! Bithidh iad an sin 
'nan creutairean anabharr suarach, air an lionadh le tarcuis 
o Dhia, mar shoithichean eas-urrainn,- ciod air bith na h- 
oibre urramach ris an robh iad air an cleachdamh san 
t-saoghal so, agus bithidh iad mar an ceudna air an lion- 



397 

adli le tarcuis o dhaoinibh. Bithidh iad anabarr tàireil ann 
an suilibh nan naomh, eadhon na naoimh sin, a thug urram 
dhoibh an so, aon chuid air son an àrd-inbhe, tioclhlacaidh 
Dhè annta, no a chionn gu 'n robh iad do 'n cheart nàdur 
dhaoine riu fèin. Ach an sin bithidh an cuirp mar chomh- 
lion do chlosaichean gràineil, a theid a mach agus air an 
amhairc iad le gràin : "Seadh bithidh iad 'nan gràineileachd 
do na h-uile fheòil," Isa. lxvi. 24. I e am focal an so ris 
an abrar gràineileachd, an aon ni ris an abrar sa' bhonn- 
teagaisg eile masladh ; agus tha Isaiah agus Daniel ag amh- 
arc ris an ni cheudna, eadhon, graineileaclid nan aingidh air 
an aiseirigh. Bithidh iad fuathach ann an sùilibh aoin a 
cheile : Cha robh na truaighean neo-ghlan riamh co gràdh- 
ach a dh' aon a chèile, as a bhitheas iad gràineil an sin ! 
Bithidh na companaich ghràdhach sa' pheacadh, an sin 
'nan gràin gach aon r'a chompanach ; agus cha mhò bhios a 
mheas air na daoine mòr aingidh le 'n droch iochdarain, 
le 'n seirbhisich, le 'n tràillibh, na tha air inneir na sràide. 

Feum I. Air son comhfhurtachd do phobull Dhè. Tha 
teagasg na h-aiseirigh 'na thobar sblais agus aoibhneis 
dhuibhse. Smuainichibh air, chreidiche, 'nuair a ta 
sibh ann an tigh a bhròin, air son call bhur luchd-dàimh no 
bhur càirclean diaclhaidh, "Nach dean sibh bròn, eadhon 
mar dhaoine eile aig nach 'eil dòchas ; " oir coinnichidh 
sibh a rìs, 1 Tes. iv. 13, 14. Cha'n 'eil iad ach air luiclh 
sìos a ghabhail fois 'nan leabaichibh car uine bheag, Isa. 
lvii. 2. ach ann am maduinn na h-aiseirigh dùisgidh iad a 
rìs, agus thig iad a mach as an uaighibh. Cha robh soith- 
each na h-urrainn ach suarach, bha mòran do choimeasga 
do dhroch mhiotailtean ; bha e ro lag, ro dhorcha, agus 
ro shuarach, air son an tighe a 's àircle, ciod air bith dear- 
ladh a bh' aige san tigh a's isle. Bha e sgoilte, bha e 
truaillidh; agus uime sin b' fheudar dha bhi air a leagh- 
adh sìos, chum as gu bitheadh e air a ghlanaclh agus air a 
chumadh ni 's glòrmhoire. Feith ach ùine bheag, agus 
chi thu e teachd a mach as an àmhuinn thalmhaidh, ionnan 
ris na reulta ann an dealradh; ni h-eadh, mar a' ghrian 
'nuair theid i mach 'na neart. An clo chuir sibh sìos bhur 
leanaba maoth anns an uaigh? Cha sibh a rìs iad. Tha 
bhur Dia 'ga ghairm fèin Dia bhur sliochd; a ta, a reir 
mmeachaidh ar Slànuighear, a' deanamh cinnteach aiseir- 
igh ghlòrmhoir a' chuirp. Uime sin, thugadh an coimh- 



398 

cheangal ris an do ghabh sibli, air bhur son fèin, agus air 
son bhur leanabaidh a ta nis anns an duslach comhfhur- 
tachd d' ur cridheachaibh, anns an dòchas aoibhneach gu'm 
bi iad tre èifeachd a' choimhcheangail sin, air an togail suas 
ann an glòir ; agus air dhoibh gun bhi ni 's mò 'nan naoidli- 
eanaibh gearr-shaoghalach, ach air an tabhairt gu tomhas 
àrd agus iomlan, mar a tha iomadh a' saoilsinn. JSTa 
bithibh fuidh mhi-nhisnich a thaobh laigse agus tinneas 
cuirp ; tha là a' teachd anns am bi thu slan gu h-iomlan : 
Aig an aiseirigh, cha bhi Timoteus ni 's mò buailteach 
d' a anmhuinneachd mhinic; bithidh a chorp a bha lag 
agus tinn, eadhon 'na òige, air a thogail ann an cumh- 
achd : bithidh Lasarus slàn agus fallain, air d' a chorp a 
bhi air a thogal neo-thruaillidh. Agus ged dh' fheudas, 
theagamh nach leig anmhuinneachd do chuirp dhuit dol 
aon stàide a choinneachadh an Tighearn ann an òrduighean 
follaiseach ; gidheadh tha 'n là a' teachd, anns nach bi do 
chorp ni 's mò 'na eallaich dhuit, ach coinnichidh tu an 
Tighearn anns an athar, 1 Tes. iv. 17. Bithidh na 
naoimh a' teachd as na h-uaighibh mar a bha na h- 
Israelich, 'nuair thàinig iad a mach as an Eiphit. "Nan 
treubhaibh uile cha robh aon neach lag," Salm cv. 37. 
Am bheil corp neo-sgiamhach no mi-chumta agad? Tha 
glòir san taobh a stigh, a chuireas an sin na h-uile ni ceart 
san taobh a mach, a reir uil' iarrtuis do chridhe ; èiridh e 
'na chorp glòrnihor, maiseach, àluinn, agus air a dheadh- 
chumadh. Feudaidh a mhi-mhaise no a mi-chumachd 
dol leis do 'n uaigh, ach cha tig iad air an ais leis. 
gu 'm biodh orrasan a ta nis co-dhèigheil air a bhi maiseach 
agus àluinn, ni bu lugha do chabhaig gu sin a dhean- 
amh le'n innleachdaibh amaideach agus peacach ; ach gu 'm- 
feitheadh iad, agus gu 'n smuainicheadh iad air an deilbh 
'nèamhaidh, a bhi deanamh a' chuirp maiseach, le dìchioll 
a dheanamh a nis air fàs uile glòrmhor o'n taobh a stigh, 
le gràsan Spioraid Dhè : Dheanadh so fadheoidh iad 'nam 
maise iongantach agus buan-mhaireannach. 'S èigin duit 
gun teagamh, chreidich, gleachd ris a' bhàs, agus 
gheibh thusa an ceud leagadh ; ach èiridh tu a rìs, agus 
thig thu dheth le buaidh mu dheireadh. 'S èigin duit dol 
sios do 'n uaigh, ach ged is i do dhachaidh fhada i, cha 'n 
i do dhachaidh shìorruidh i. Cha chluinn thu guth do 
chàirdean an sin ; ach cluinnidh tu guth Chriosd an sin, 



399 

Feudaidh tu bhi air do ghiulan an sin le bròn, ach thig 
thu nios aisde le h-aoibhneas. Fàgaidh do chairdean gun 
amharus an sin thu, ach cha 'n fhàg do Dhia thu. An ni 
thubhairt Dia ri Iacob mu dhol sìos do 'n Eiphit, tha e 'g 
ràdh riutsa, mu d' dhol sios do 'n uaigh, " Na biodh eagal 
ort dol sior — Theid mise maille riut — agus bheir mi gu 
cinnteach a nios thu a ris," Gen. xlvi. 3, 4. an sòlas 
bunaiteach ! na dòchais ghlòrmhoir ! " Uime sin, thug- 
aibh comhfhurtachd d' a chèile leis na briathraibh so," 1 
Tes. iv. 18. 

Feum II. Uamhas do na h-uile dhaoine neo-iompaichte. 
Sibhse a ta fathast 'nur staid nàduir, amhaircibh air a' 
chuid so do 'n staid shiorruidh ; agus smuainichibh ciod a' 
chuibhrionn a bhios agaibhse ann, mur bi sibh ann an tràth 
air bhur toirt gu staid a' ghràis ! Smuainich, pheacaich, 
air an là sin 'nuair a shèideas an trompaid ! aig a guthsa, 
bithidh croinn-dhruididh an t-sluic air am briseadh as a 
chèile, leumaidh dorsan na h-uaighe fosgailte, tilgidh na 
doimhneachda sgriosach suas am mairbh, tilgidh an talamh 
a mach a chuidsa, agus leigidh bàs, sna h-uile àite, ann am 
mòr ioghnadh, air falbh a phriosanaich, agus bithidh t' 
anam truagh agus do chorp-sa air an ath-cheangal, gu bhi 
air an toirt gu caithir-breitheanais Dhè : An sin, ged 
bhitheadh mìle saoghail agad fo t'uachdranachd, bheireadh 
tu gu toileach air falbh uile iad, nam faigheadh tu cead 
luidhe sàmhach ann ad uaigh, leis a' cheud earrann do 'n 
fhois sin, leis an do luidh thu air uairibh aig an tigh, air 
là an Tighearna ; no, mur feud sin a bhi air fhaotainn, 
gu 'm biodh tu ach ad fhear-amhairc air gnìomharaibh an 
là sin, mar a bha thu aig cuid do amanna sòleimnte agus 
aig fèisdean saoibhir an t-soisgeil : no, mur feudar sin 
a chosnadh, gu 'n tuiteadh beinn no carraig ort, agus gu 'n 
còmhdaicheadh iad thu o aghaidh an Uain ! Ah ! cionn- 
us a tha daoine mar so fo dhruidheachd, mar so a' cluich 
air falbh aimsir luachmhor na beatha, co beag cùrani mu 
bhàs, as mar gu 'm biodh iad cosmhuil ris na brùidean a 
theid a dhìth ! Bithidh cuid ag innseadh c' ait an èigin 
d' an cuirp a bhi air an cur, 'nuair nach do ghabh iad fath- 
ast gu cùramach gu cridhe co dhiubh is i an uaigh an leaba, 
far an duisg iad le h-aoibhneas aig maduinn na h-aiseir- 
igh ; no 'n i am priosan i, as am bhi iad air an toirt a mach 
a dh' fhaotainn am binne uamhasaich ! Cuimhnichibh 



400 

gur e nis àm cur an t-sìl ; agus mar a chuireas sibh, gur 
ann mar sin a bhuaineas sibh. Tòisichidh àm cur sìl 
Dhè aig bàs, agus aig an aiseirigh eiridh cuirp nan aingidh 
a bha air an cùr làn clo pheacaidh, a ta luidhe sìos maille 
riu san duslach, (Iob xx. 11.) suas a rìs, peacach, truail- 
lidh agus gràineil ! Bhur cuirp, a ta nis 'nan inneil peac- 
aidh, cuiridh an Tighearn air leth air son an teine aig a' 
bhàs, agus bheir e mach iad air son an teine aig an aiseir- 
igh. Bithidh an corp, nach 'eil a nis air a chleachdadh 
ann an seirbhis Dhè, ach a ta air a mhi-ghnàthachadh le 
neo-ghloine agus macnus, an sin air a thoirt a mach 'na 
uile ghràineileachd, gu bràth tuilleadh chum còmhnuidh a 
glìabhail le spioradaibh neò-ghlan ! Bithidh corp a'jnhisgeir 
an sin a' tuisleachadh a chionn gu 'm bi fion feirge Dhè, 
air a thaomadh a mach dha, agus air a dhòrtadh ann gun 
choimeasgadh ! Bithidh iadsan a ta nis gan toileachadh 
fèin ann an ruiteireachd, a' dol thuige agus uaithe air 
dhòigh eile ; an uair an àit an òrain agus an ciuil, a 
chluinneas iad fuaim na trompaid deireannaich ! Tha 
mòran a' saruchadh an cuirp air son buannachd shaoghalta, 
a bhios neo-thoileach an saruchadh air son maith an anama ; 
le saoithreachadh, gu neo-reusanach, ni iad neo-iomchuidh 
air son seirbhis Dhè iad ; agus 'nuair a tha 'n saothair thair- 
is, measaidh iad gur leithsgeul maith air son an dleasnais a 
sheachnadh, gu bheil iad cheana sgìth le gnothuiche eile : 
ach tha 'n là a' teachd, 'nuair a 's èigin doibh tuilleadh 
saothair a ghiùlan ! Theid iadsan iomadh mìle air son 
druim agus brù, nach teid leth an rathaid air son maith an 
anama neo-bhasmhor : Bithidh iadsan tinn agus neo-chom- 
asach air la an Tighearn, a bhios gu fior mhaith feadh a 
chuid eile do 'n t-seachduin : ach 'nuair a shèideas an trom- 
paid sin, gheibh na mairbh an cosan, agus cha bhi a h-aon 
air chall sa' choimhthional mhòr sin ! 'Nuair a dhealraicheas 
cuirp nan naomh mar a' ghrian is eagallach a bhios agh- 
aidhean an luchd geur-leanmhuinn ! 'S eagallach a bhios 
an staid-san, a rinn aon uair na naoimh a ghlasadh suas 
ann am priosan salach, a naraich, a loisg gu luaithre 
iad, a chroch iad, agus a chuir suas an cinn agus an lamhan 
ann an aitibh follaiseach, a chur eagail air muinntir eile o 
shlighe na fìreantachd, air son an d' fhuiling iad. 'S iom- 
adh aghaidh a ta maiseach a nis, a ghlacas duibheadas an 
sin ! cha bhi iad ni 's mò air am moladh agas air an gràdhach- 



401 

adh air son na maise sin, aig am bheil cnuimh aig a freumh, 
a bheir orra crìochnachadh ann an grainèileachd agus mi- 
chruth. Ah ! ciod i a' mhaise sin, fuidh am bheil 'na luidhe 
cridhe oillteil, gràineil, agus gun ghràs? Cha 'n 'eil ann 
ach dath suarach, còmhdachadh tana ; a dh' fhàgas an corp 
ni 's gràineil, fa chomhair an teine dhian-lasaraich sin, 
anns am bi am Breitheamh air fhoillseachadh o nèamh, 
a' deanamh dioghaltais orrasan aig nach 'eil eòlas air Dia, 
agus nach 'eil ùmhal do 'n t-soisgeul, 2 Tes. i. 7, 8. Bith 
idh iad air an rùsgadh d' an sgeimh uile, agus cha bhi 
luideag ac' a chomhdach an lomnochduidh ; ach bithibb 
an closaichean 'nan graineileachd do gach uile fheòil, agus 
foghnaidh e gu bhi nachdadh a mach maise agus giòir nan 
naomh, agus gu deanamh ni 's soilleire. 

Is e nis an t-àm gu sibh fèin a dheanamh cinnteach a 
cuibhrionn ann an aiseirigh nam firean : Nam bu mhaith 
leibh sin a dheanamh, ceanglaibh ri Iosa Criosd le creid- 
imh, ag eirigh gu spioradail o pheacadh, agus a' glòrach- 
adh Dhè le bhur cuirp. Is esan "an aiseirigh agus a' 
bheatha," Eoin xi. 25. Ma bhios bhur cuirp 'nam buill do 
Chriosd, 'nan teampuill do' spiorad naomh, eiridh iad gu 
cinnteach ann an glòir. Faighibh do 'n airce so a nis, agus 
thig sibh a mach le h-aoibhneas do 5 n t-saoghal nuadh. Eiribh 
o bhur peacaibh ; tilgibh air falbh na h-eudaich-mairbh sin ; 
a' cur dhibh bhur seann ana-mianna. Cionnus is uarrainn 
aon smuaineachadh, gu 'm feud iadsan a ta mairsinn marbh 
am feadh a ta iad beò, teachd a mach, aig an là dheirean- 
nach, gu aiseirigh na beatha? Ach is e sin sochair na 
muinntir sin uile, a rinn air tùs an anama agus an cuirp 
a choisrigeadh do'n Tighearna le creidimh, a ta 'ga ghlòir- 
achadh le 'n cuirp, co maith a's le 'n anamaibh a ta beò 
dha, agus air a shon, seadh, agus a' fulang air a shon mar 
an ceudna, 'nuair a ta e 'gan gairm gu sin a dheanamh. 



CEANN IV. 

AM BREITHEANAS DEIREANNACH. 

Mata xxv. 31—34, 41, 46. 

An uair a thig Mac an Duine 'na ghlòir, agus na h-aingil naomha 
uile maiLle ris, an sin suidhidh e air caithir rioghail a ghloire. Agus 

2c 



402 

cruinnichear 'na lathair na h-uile chinnich ; agus sgaraiclh e iad o 
chcile, amhuil a sgaras buachaill na caoraich o na gabhraibh. Agus 
cuiridh e na caoraich air a laimh dheis, ach na gabhair air a 
laimh chli. An sin a deir a Righ riusan air a dheis, Thigibh a 
dhaoine beannuichte. — Riusan air a laimh chli, Imichibh uam, a 
shluagh malluichte — Agus imichidh iadsan chum peanais shiorr- 
uidh ; ach na fireana chum na beatha maireannaich. 

Air do na mairbh a bhi air an togail, agus air dhoibh- 
san a gheibhear beò ag teachd a' Bhreitheamh a bhi air an 
atharrachadh, an sin thig am breitheanas deireannach, a 
ta gu soilleir agus gu cudthromach air a chuir sìos anns 
an earrainn so do 'n Sgriobtur : O'n toir sin fa'near 
na nithe fa leth a leanas. (1.) Teachd a' Bhreitheamh : 
"Anuair a thig Mac an Duine 'na ghlòir." 'Se'm Breith- 
eamh Iosa Criosd, Mac an duine; esan leis am bi na. 
mairbh air an togail, le neart cumhachdach, mar Dhia. A 
deirear mar an ceudna an Kigh ris, (rann 34.) air do 
bhreitheanas an t-saoghail a bhi 'na ghnìomh a bhuineas do 
3Ìfig rioghail an Eadar-mheadhonair. Thig e ann an glòir 
rlòmihor 'na phearsa fèin, agus coimheadachd ghlòrmhor 
iiige, eadhon " na h-aingil naomha uile maille ris," a fhrith- 
ealadh dha aig an àm sholeimnte so. (2.) Am breitheamh 
a' suidhe air caithir a bhreitheanais : Is Eigh e, agus uime 
sin, is righ-chaithir i, righ-chaithir ghlòrmhor ; suidhidh e 
air caithir-rioghail a ghlòire, rann 31. (3.) Taisbeanadh 
nan slòigh. 'S iad sin na h-uile chinnich; na h-uile agus 
gach aon, beag agus mòr, ciod sam bith cinneach, d' am 
bheil iad a bha, a ta, no bhitheas air aghaidh na talmhainn ; 
bithidh iad uile air an cruinneachadh 'na làthair, air an 
cur 'nan seasamh an làthair caithir a bhreitheanais. (4.) Ar 
roinn a nithear orra : sgaraidh e na caoraich thaghta o na 
gabhraibh malluichte : a' cur gach buidheann air leth leo 
fèin, mar bhuachaill a ta 'g ionaltradh a chaoraich agus a 
ghabhair le cheile feadh an là uile, 'gan sgarachduinn san 
oidhche, rann 31. Cuiridh e na naoimh air a laimh dheis, 
mar an t-aite a's ro urramaiche ; na h-aingidh air an laimh 
chli, rann 33. Gidheadh air dòigh as gu 'm bi iad uile 
'na làthair, rann 32. Tha a reir coslais sùil aige so ris 
a' chleachdamh a bha anns na cùirtibh Iudhach, anns an 
do shuidh aon aig laimh dheis a' Bhreitheimh, a sgriobh 
binn an t-saoraidh ; aon eile aig an laimh chli, a sgriobh 
binn an dìtidh. (5.) Binne gach cuideachd fa leth, agus 



403 

sin a rèir an gnìomhara ; air clo na fireanaieh a bhi air 
an saoradh, agus na h-aingidh air an dìteadh, rann 34, 41. 
San àite mu dheireadh, Cur an gnìomh gach binn, anns an 
h-aingidh fhuadachadh air falbh do ifrinn, agus ann an 
giulan nan naomh gu nèamh, rann 49. 

TEAGASG. — Bithidh Breitheanas Deireannach ann. 

A Teagasg so ni mi, (1.) a Dhaingneachadh. (2.) A 
Mhìneachadh. Agus, (3.) A Chomh-chur. 

1. Chum an fhìrinn mhòr so a dhaingneachadh gu 'm bi 
breitheanas deireannach ann. 

Air tùs, Tha e soilleir o theisteas nan Sgriobtuir. Dh' 
innseadh do 'n t-saoghal anns na h-uile linn uime. Theag- 
aisg Enoch, roimh'n dìle e, 'na fhàidheadaireachd air aith- 
ris, Iude 14, 15. "Feuch tha 'n Tighearn a' teachd le 
dheich mìltibh naomha, a dheanamh breitheanais air na 
h-uile." Tha Daniel 'ga chur an ceill, Caib. vii. 9, 10. 
" Dh' amhairc mi gus an robh na righ-chaithrichean air an 
suidheachadh, agus shuidh Aosda nan laithean, aig an robh 
a thrusgan geal mar shneachda, agus folt a chinn mar 
olainn ghlan ! Bha chaithir-rìoghail mar lasair theine, 
agus a rothan mar theine loisgeach ! Bhruchd sruth teinn- 
teach, agus thainig e mach o làthair ! Bha mìle do mhìl- 
tibh a' frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich 
mìle 'na fhianuis ! Shuidhicheadh am breitheanas, agus 
dh' fhosgladh na leabhraichean ! " Tha 'n t-Abstol gle 
shoilleir, Gnìomh. xv. 31. " Shuidhich e là anns an toir 
e breth air an t-saoghal am fireantachd, tre 'n duine sin a 
dh' òrduich e." Faic Mat. xvi. 27; 2 Cor. v. 10; 2 Tes. 
i. 7 — 10; Taisb. xx. 11 — 15. Cha 'n e mhain gu 'n 
dubhairt Dia e, ach mhionnaich se e, Eom. xiv. 10, 11. 
" Seasaidh sinn gu leir am fianuis caithir-breitheanais 
Chriosd. Oir a ta e sgriobhta Mar is beò mise, deir an 
Tighearn, lubaidh gach glùn dhomhsa, agus aidichidh gach 
teanga do Dhia." Mar so tha firinn Dhè air mhodh sol- 
eimneite ceangailte air a shon. 

San dara àite, Tha ceart-riaghladh agus maitheas -Dhe, 
àrd-Uachdaran an t-saoghail, gu h-iomchuidh ag agar 
so, a mheud 's gu bheil iad ag iarraidh gu 'm biodh e gu 
"maith leis an fhirean, agus gu h-olc leis an aingidh." 
Gidheadh, tha sinn a' faicinn a nis gu tric aingidheachd 
air a h-àrdachadh, am feadh a ta firinn agus ceartas a' 



404 

tuiteam anns na sraidibh; diadhachd fuidh fhoirneart, am 
feadh a ta mi-naomhachd agus ain-diadhachd a' buadhaeh- 
adh. Tha so co ro-chumanta, as gur èigin do na h-uile 
neach a ghabhas da rìreadh ri slighe na naomhachd seal- 
tuinn ri calldach gach ni a ta aige, a's urrainn an saoghal 
a thoirt uaithe. Luc. xiv. 26. "Ma thig neach air bith 
a m' ionnsuidh-sa, agus nach fuathaich e 'athair, agus a 
mhàthair, agus a bhean phòsda, agus a chlann, agus a 
bhraithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha 
mar an ceudna, cha 'n 'eil e'n comas da bhi 'na dheisciobul 
clomhsa." Ach tha e neo-fhreagarach ri ceartas agus 
maitheas Dè, gu 'm maireadh gnothuiche dhaoine a ghnàth 
san staid so anns am bheil iad, o aon ghinealach gu gin- 
ealach eile ; ach gum biodh na h-uile aon air a dhìoladh 
a reir oibre : Agus a chionn nach 'eil sin air a dhean- 
amh anns a' bheatha so, is èigin gu 'm bi breitheanas ri 
teachd; "Do bhrìgh gur ceart an ni clo Dhia, amhghar 
iocadh dhoibhsan a ta cur amhghair oirbh; agus dhuibhse 
a ta fo àmhghar, fois maraon ruinne, 'nuair a dh' fhoill- 
sichear an Tighearn Iosa o nèamh," 2 Tes. i. 6, 7. Bith- 
idh la san teid na bùird a thionndadh, agus gairmear 
na h-aingidh gu cunntas air son am peacanna uile, agus 
fuilgidh iad an ceart pheanas air an son, agus is iad na 
naoimh a shoirbhicheas : Oir, mar a ta 'n t-Abstol a' reus- 
anachadh mu aiseirigh shona nan naomh, " Ma 's ann sa' 
bheatha so a mhain a tha dòchas againn ann an Criosd, is 
sinn a 's truaighe do na h-uile dhaoinibh," 1 Cor. xv. 19. 
Is fìor gu bheil Dia air uairibh a' cur peanais an gniomh 
air na h-aingidh anns a' bheatha so, chum gu 'm bioclh 
fios aig daoine gu bheil "Dia ann a tha toirt breth 
air an talamh ; " ach tha fathast mòran aingidheachd gun 
dìoladh, agus follaichte, gu bhi 'na gheall air a' bhreith- 
eanas ri teachd. Mur biodh a h-aon do na h-aingidh 
a' fulang peanais an so, smuainicheadh iad gu 'n do 
threig Dia gu tur an talamh; nam biodh iad uile a' ful- 
ang peanais anns a' bheatha so, bhiodh daoine ullamh gu 
smuaineachadh nach 'eil cunntas ann an dèigh so : TJime 
sin, ann an gliocas Dhè, tha cuid a' faotainn peanais a nis, 
agus tha cuid nach 'eil. Tha 'n Tighearn air uairibh a' 
bualadh pheacach ann an dearbh ghnìomh a' pheacaidh, 
chum a nochdadh do 'n t-saoghal gu bheil e 'na fhianuis air 
an uile aingidheachd, agus gu 'n gairm e gu cimntas iad air 



405 

a shon. Tha e air uairibh a' cur clàil fhada, mu 'm buail 
e ; chum gu 'n nochdadh e do 'n t-saoghal, nach 'eil e a' dì- 
chuimhneachadh droch ghnìomhara dhaoine, ged nach 'eil 
e air ball a' deanamh peanais orra. Thuilleadh air so uile, 
tha peacanna morain beò 'nan dèigh; agus tha 'n tobar 
salach a dh' fhosgail iad, a' ruith fada an dèigh dhoibh a 
bhi marbh agus air falbh : Màr an cor Ieroboaim, ceud righ 
nan deich treubhan; aig an robh a pheacadh a' ruith air 
aghaidh fad na h-aimsir gu crìoch na rioghachd thruaigh 
sin, 2 Righ xvii. 22, 23. "Dh' imich clann Israeil ann an 
uile pheacaibh Ieroboaim a rinn e : cha do dhealaich iad riu : 
Gus an d' atharraich an Tighearn Israel as a shealladh." 

San treas àite, Tha aiseirigh Chriosd 'na dhearbhadh 
cinnteach, gu 'm bi là breitheanais ann. Tha Paul a' gnath- 
achadh an reusoin so a thoirt mothachaidh do mhuinn- 
tir na h-Aithne : Deir e, " Thug e dearbhadh do no h-uile 
dhaoinibh, le esan a thogail suas o na rnarbhaidh," Gniomh. 
xvii. 31. Tha 'm Breitheamh cheana air ainmeachadh, tha 
òrdugh an righ air a sgriobhadh agus air a sheulachadh, 
seadh, agus air a leughadh am fianuis nan uile dhaoine, 
'na èirigh a rìs o na marbhaibh. Le so thug Dia cinnte 
air, (no thairg e creidimh mar tha 'm focal a' ciallachadh.) 
Nochd e, le Criosd a thogail o na marbhaibh a theisteas 
mar Bhreitheamh an t-saoghail. An uair, ann an làithibh 
'irioslachaidh, a bha e air a thoirt an làthair caithir breith- 
eanais, air a chur fuidh bhinn, air a chasaid, air a dhìteadh 
le daoine; dh' innis e gu soilleir mu 'n bhreitheanas so, 
agus gu 'm b'e f èin am Breitheamh, Mat. xxvi. 64. " !Na 
dhèigh chi sibh Mac an duine 'na shuidhe air deas, 
laimh cumhachd Dhè, agus a' teachd air neulaibh neimh ! " 
Agus a nis gu 'n robh e air a thogail o na mairbhaibh, ged 
bha e air a dhitheadh mar fhear toibheum air son a' cheart 
aobhar so fèin; nach dearbhadh cinnteach so o nèamh air 
an f hirinn a chuir e an cèill 1 Os barr, b'i so aon do chrìoch- 
aibh mòr bàis agus aiseirigh Chriosd : " Oir is ann chum 
so a fhuair Criosd bàs, agus a dh' èirich, e, agus a tha e beò 
a rìs, chum gu 'm biodh e 'na Thighearn (is e sin, an 
Tighearn am Breitheamh, mar tha soilleir o 'n cho-theagasg) 
air na beothaibh agus air na marbhaibh," Rom. xiv. 7. 

San àite mu dheireadh, Tha na h-uile duine a' giulan 
mu 'n cuairt leis fianuis do 'n fhirinn so 'na uchd fèin, Rom. 
ii. 15. "Muinntir a ta nochdadh obair an lagha sgrìobh ta 



406 

nan cridheachaibh, air bhi d' an coguis a' deananih fian- 
uis leo, agus an smuaintean eatorra fèin 'gan agairt, no a' 
gabhail an leithsgeil." Tha caithir breitheanais air a cur 
suas an taobh a stigh do na h-uile duine, far an ni a cho- 
guis am fear-casaid, an fhianuis, agus am breitheamh, a' 
ceangal thairis a' pheacaich gu breitheanas Dhè. Tha so 
a' lìonadh nan creutairean truagh le h-uamhunn, agus 'gan 
sàthadb san taobh a stigh, 'nuair a tha iad a' cur peacanna 
garbh an gnìomh ! mar so a' toirt gairm dhoibh freag- 
airt air a shon, an lathair Breitheimh nam beò agus nam 
marbh. Agus so tha i deanamh, eadhon an uair a ta 'n 
cionta uaigneach, agus folaichte o shùilibh an t-saoghail. 
Ruigidh i orra sin, air nach urrainn do lagh dhaoine ruigh- 
eachcl, do bhrìgh an cumhachd agus an ceilg. 'Nuair a 
theicheas daoine o bhreitheanas an comh-chreutairean, 
gidheadh rachaclh iad far an àill leò, cumaidh a' choguis ma 
mhaor an àrd-Bhreitheimh, a ghnàth greim dhiubh 'gan 
gleidheadh 'na cuibhrichibh gu breitheanas an la mhoir ! 
Agus co dhiubh a theid iad as o dhìoghaltas o dhaoine, no 
a thuiteas iad le laimh a' cheartais fhollaisich, 'nuair a mho- 
thaicheas iad am bàs a' tarruing cllìith, cluinnidh iad o'n 
taobh a stigh mu 'n chunntas dheireannach so, air dhoibh a 
bhi air an èigneachadh gu eisdeachd rithe, anns na mion- 
aidibh a's cudthromaiche d' am beatha. Ma bhios cuid ann, 
anns nach faighear ni dheth so, cha 'n 'eil againn uaithe sin 
ni's niò a dh' aobhar a bhi co-dhunadh 'na aghaidh, na th' 
againn ann a bhi a' co-dhunadh, a chionn nach 'eil cuid do 
dhaoine ag osnaich, air an aobhar sin nach 'eil pian aca : no 
nach 'eil anns a' bhàs ach spòrs, a chionn gu robh cuid ann, 
nach do chuir tuilleadh suim air. Feudar aghaidh mhaith 
a chur air droch coguis; agus mar a's lugha tha dòchas 
ann an cor dhaoine, tha iad 'ga mheas gur tèaruinte dhoibh 
gun ath-smuaineachadh a dheanamh air an staid agus an cor. 
Ach gheibh na h-uile neach a rannsuicheas e fèin gu dur- 
achdach, an fhianuis ann fein mu 'n bhreitheanas ri teachd. 
Cha robh eadhon na Cinnich gun am barail ac' uime, ged 
bha i sin air a coimeasgadh le dealbhaibh d' am beachd fèin. 
Uaith so, ged rinn cuicl do mhuinntir na h-Aithne, 'nuair a 
chual iad mu aiseirigh nam marbh, fanoid, Gniomh. xvii. 
32. gidheadh cha'n 'eil cunntas gu'n d' rinn iad fanoid 'nuair 
a chual iacl mu'n bhreitheanas dheireannach, rann 31. 

II. Air son mìneachaidh, fòghnaiclh na nithe fa leth a 



407 

leanas gu cuid do bheachd a thabhairt mu nàdur agus 
gniomhara an là mhòir sin ! 

Air tùs, Bheir Dia breth air an t-saoghal le h-Iosa 
Criosd. Bheir e breth air an t-saoghal ann am firean- 
taehd, tre 'n duine sin a dh' òrduich e, Gniomh. xvii. 31. 
Tha 'n Salmadair ag innseadh dhuinn, gur e, "Dia fèin as 
Breitheamh ann," Salm l. 6. 'Si 'n Trionaid naomh, an 
t-Athair, am Mac, agus an Spiorad naomh, is Breitheamh 
ann a thaobh ùghdarrais dhligheach, uachdaranachd, agus 
cumhachd; ach is e am Mac anns an fheòil a 's Breith- 
eamh, a thaobh cur an gniomh, agus cleachdamh àraidh a' 
chumhachd sin : Bithidh am breitheanas air a chur an 
gniomh leis-san, mar an t-Eadar-mheadhonair rìoghail : oir 
tha cumhachd breitheanais o 'n Athair air earbsa ris mar 
a Sheirbhiseach, a " Righ, a chuir e air a shliabh naomh 
Sion." Salm ii. 6. agus d' an d' " thug e gach uile bhreith- 
eanais," Eoin v. 22. Is e so earrann do àrdachadh an 
Eadar-mheadhonair, air a thoirt da a chionn gu 'n d' irios- 
laich se e fèin gu toileach, Philip. ii. 8 — 10. "Dh' irioslaich 
se e fèin, agus bha e limhal do bhàs, eadhon bàs a' chroinn- 
eheusaidh. Air an aobhar sin dh' àrdaich Dia e gu ro àrd 
mar an ceudna, agus thug e dha ainm os ceann gach uile 
ainme ('se sin, cumhachd agus ùghdarras thar gach uile) 
chum aig (no ann an) ainm Iosa ; (cha 'n e an t-ainm Iosa, 
cha 'ne sin an t-ainm os ceann gach ainm, air dha sin a bhi 
coitchiorm do mhuinntir eile, mar Iustus, Col. iv. 11. agus 
Iosuah, Eabh. iv. 8.) gun lubadh gach glùn." Ni a ta air 
a mhìneaehadh leis an Abstol fèin, mu " sheasamh am 
fianuis caithir-breitheanais Chriosd," Rom. xiv. 11. Mar 
sin is esan air an tugadh breth agus a chaidh a dhìteadh le 
daoine, a bhios 'na Bhreitheamh air daoinibh agus ainglibh. 

San dara àite, Iosa Criosd, am Breitheamh, a' teachd 
a nuas o nèamh do 'n athar, 1 Tes. iv. 16, 17. thig e " air 
neulaibh nèimh, le cumhachd agus glòir ro nihòir ! Mat. 
xxiv. 30. Bithidh a theachd mar so 'na mhor-iongantas do 'n 
t-saoghal, a gheibhear ann an seasgaireachd dhomhain ! 
Oighean amaideach 'nan codal, agus a' mhuinntir ghlic ri 
tàmh-neult. Bithidh moran sòigh agus geòcaireachd anns an 
t-saoghal aig an àm sin ; beag measarrachd agus faire ; paiìt- 
eas do dhrip-ghnothuiche, ach gainne mhòr do chreidimh 
agus do naomhachd : " Mar a bha e ann an làithibh Noe, 
mar sin mar an ceudna bithidh e ann an laithibh Mhic an 



408 

duine ; Bha iad ag itheadh agus ag òl, a' posadh agus air 
an toirt am pòsadh gus an là an deachaidh Noe a steach 
do 'n àirc : agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile ; 
Amhuil fòs mar a thachair ann an laithibh Lot: bha iad 
ag itheadh agus ag òl a' ceannach agus a' reiceadh, a' 
planndachadh agus a' togail aitreabh : — -Is ann mar sin a 
bhitheas anns an là am foillsichear Mac an duine ! Luc. 
xvii. 26 — 30. Glacaidh teachd a' Bhreitheimh gun fhios 
dhoibh, cuid aig fèillibh, a' ceannach agus a' reic ; cuid 
eile ag a' bhòrd, ag itheadh agus ag bl, agus a' clheanamh 
subhach ; cuid a' bith-dheanamh le 'm planndachadh nuadh ; 
cuid a' togail aitreabh nuadh; ni h-eadh, Bithidh là pos- 
aidh cuid 'na là breitheanais dhoibh fèin agus do 'n t-saogh- 
al ! Ach tha 'm Breitheamh a' teachd ! Tha na fèillean air 
am milleadh ; tilgidh an ceannuiche air falbh na cheann- 
uich e; tilgidh am fear-reiceadh sios 'airgiod; èiridh 
iad o'n bhòrd, agus tha 'n subhachas a' dol as ann an tiota. 
Ged bhios a' chraobh air a suidheachadh anns an talamh, 
cha 'n fheud an garadair stad chur na talmhainn mu tim- 
chioll ; tilgidh an luchd-oibre air f albh an acf huinn, 'nuair 
tha 'n tigh leth-dheanta agus cha bhi suim aig a shealbh- 
adair dheth ni 's mò ; 's èigin do fhear na bainnse do 'n 
mhnaoi agus do na h-oighean, cuilm na bainnse fhàg- 
ail, agus taisbeanadh an làthair caithir a' bhreitheanais ! 
oir, " Feuch, tha e teachd le neulaibh ; agus chi gach sùil 
e!" Taisb. i. 7. "Thig e ro ghlòrmhor ! oir thig e ann 
an glòir 'Athair, maille ris na h-ainglibh naomha ! " Marc. 
viii. 38. 'JSTuair a thainig e anns an fheòil, a bhàsachadh 
air son pheacach, chuir e thaobh trusgain a ghlòire, agus 
rinneadh dìmeas air agus cul a chur ris le daoinibh ; ach 
'nuair a thig e rìs a thoirt breth air an t-saoghal, bithidh 
a ghlòir agus a mhòrachd co mòr, as gu 'n tilgear sgail 
shìorruidh thar gach glòir thalmhaidh, agus lionair a naimhde 
le h-eagal agus uamhunn ! Cha robh riamh aig prionnsa no 
aig righ san t-saoghal, a leithid do chomunn 'sa bhitheas an 
co-chuideachd a' Bhreitheimh so ! Thig na h-aingle naomha 
uile maille ris, chum 'urraim agus a sheirbhis ! An sin bithidh 
esan, a bha air a threòrachadh gus a' chann-cheusaidh le 
cuideachd do shaighdearaibh, air a choimheadachd gu glor- 
mhor gu àite breitheanais, (cha 'n ann le cuideachd do 'n 
t-sluagh nèamhaidh ach) le sluagh nan aingle uile ! 
Aincrie naomha uile ! deir an teao;as£. 



409 

Sa' clieathramh àite, Suidhidh am Breitheamh sios air 
caithir a bhreitheanais : Suiclhidh e air caithir a ghlòire ! 
Sheas e uaireigin an laithir caithir hreitheanais air thal- 
amh, agus bha e air a dhìteadh mar chiontach; an sin 
suidhidh e air a chaithir bhreitheanais fèin, agus bheir e 
breth air an t-saoghal ! Chrochadh e aon uair air a' 
chrann-cheusaidh, air a chòmhdachadh le nàir; ann an 
sin suidhidh e air caithir glòire ! Ciod a' ghnè chaithir 
a bhitheas an so, co dhiubh is neul dealrach, no ciod eile, 
cha 'n fhiosraich mi ; bheir ar suilean freagradh, do 'n cheist 
sin mu dheireadh. Chunnaic Eoin caithir mhòr dheal- 
rach, Taisb. xx. 11. "Bha chaithir rioghail (arsa Daniel) 
mar lasair theine, agus a rothan mar theine loisgeach," 
Caib. vii. 9. Ciod air bith a bhitheas i, gun teagamh 
bithidh i 'na caithir glormhoir os ceann cainnte ; agus ann 
an coimeas rithe, cha 'n 'eil sa' chaithir a 's glormhoire air 
thalamh ach suidheachan air an otrach : agus cuiridh 
sealladh dhi urrad ioghnaidh air righribh a ta suidhe air 
caithrichibh rioghail sa' beatha so agus a chuireas i air a' 
mhuinntir dhiblidh a shuidh air na dùin-aolaich. Bithidh 
i 'na caithir, ann am niòrachd agus glòir, freagarach do 
bhuaighibh an ti a shuidheas oirre. Cha robh riamli aig 
breitheamh a leithid do chaithir, agus cha robh riamh ajs 
caithir a leithid do Bhreitheamh a' suidhe oirre ! 

A' fàgail foillseachaidh nàdur na caithreach gus an la sin, 
buinidh e ni 's dluithe dhuinne smuaineachadh co am Breith- 
eamh a shuidhe as orra; puinc anns nach 'eil sinn air ar 
fàgail ann am barailean neo-chinnteach. Bithidh am 
Breitheamh air a' chaithir. (1.) 'Na Bhreitheamh faic- 
sinneach, faicsinneach d' ar suilibh corporra : Chi gach 
suil e ! Taisb. i. 7. 'Xuair a thug Dia an lagh air sliabh 
Shinai, cha 'n fhac' an sluagh coslas, a mhàin chual iad 
guth ! ach 'nuair a ghairmeas e an saoghal gu cunntas, 
cionnus a thug iad fa'near a lagh ; air do 'n duine Criosd a 
bhi 'na Bhreitheamh, chi sinn ar Breitheamh le 'r suilibh, 
aon chuid gu ar comhfhurtachd no ar nàire shiorruidh, a 
reir na h-aoidheachd a bheir sinn a nis dha. Bithidh a' 
cheart chorp sin a bha air cheusadh an taobh a mach do 
gheatachan Ierusaleim, eadar dà ghaduiche, an sin air 
fhaicinn air an righ-chaithir a' dealradh ann an glòir ! 
Tha sinn a nis 'ga fhaicinn le comharaibh ann an Sàcra- 
meint a shuipeir ; tha na naoimh 'ga fhaicinn le suil a' 



410 

chreidimli : Ann an sin, chi gach uile e leis na suilibh sin 
a ta nis 'nan cinn. (2.) Breitheamh aig am bheil làn ùgh- 
darras agus cumhachd, gu iocadh do gach aon a rèir 'oibre. 
Tha aig Criosd, mar Dhia, ughdarras uaithe fèin ; agus 
mar Eadar-mheadhonair, tha ughdarras laghail agus cumh- 
achd aige, a thug 'Athair dha, a reir a' choimhcheangail 
eadar 'an t-Athair agus am Mac, air son saoraidh pheacach 
agus bithidh glòir a dhiadhachd 'na solus, anns am faic na 
h-uile dhaoine gu soilleir, 's gu 'm feud iad a leughadh, an 
ughdarras a tha aige-san chum an obair mhòr agus urramach 
so. "Tha gach uile chumhachd air neamh agus air 
thalamh air a thoirt dhasan," Mat. xxviii 18. "Tha 
iuchraicheann ifrinn agus a' bhàis aige," Taisb. i. 18. Cha'n 
fheudar cùis a thogail o 'chaithir-san, air do bhinne dol 
thairis aon uair an sin, 's èigin di seasamh gu brath ; cha'n 
'eil atharrachadh ri dheanamh orra. Tha gach uile chùis a 
tha r' a togail air an tabhairt o 'n chuirt a 's isle gu cuirt a's 
àirde; ach an uair a bheir Dia binn an aghaidh duine, c' 
ait am faigh e cuirt a's àirde gus an toir e chùis 1 Se am 
breitheanas so, breitheanas, an Eadar-mheadhonair, agus 
uime sin am breitheanas deireannach. Ma bhios am fear- 
Eadar-ghuidhe 'nar n-aghaidh, co bhios air ar son ! Ma 
dhìteas Criosd sinn, co a shaoras sinn? (3.) Breitheamh 
aig am bheil gliocas neo-chriochnach. Eannsaichidh a shuil 
agus bheir i gu soilleir fa'near, na cùisean a 's doirche. Tha 
uile-fhiosrachd ga dheanamh comasach gu breth a thabh- 
airt air na smuaintibh a 's diomhaire, co maith as air briath- 
raibh agus air oibribh. Cha bhi am pecach a's cuilbheart- 
aiche, comasach air a mhealladh, 's cha bhi e comasach, le 
innleachd sheòlta sam bith, a chionta lughdachadh. Is esan 
fear-rannsachaidh nan cridheachan, do nach urrainn ni bhi 
folaichte no do-thuigsinn, " ach a ta na h-uile nithe lomnochd 
agus fosgailte d' a shùilibh-san," Eabh. iv. 13. (4.) Breith- 
eamh ro-chothromach ; Breitheamh aig am bheil treibh- 
dhireas iomlan. Is esan am Breitheamh cothromach, 
(2 Tim. iv. 8.) agus tha righ-chaithir 'na righ-chaithir 
mhòr gheal (Taisb. xx. 11.) o nach tig breitheanas a 
mach, ach sin a ta fior-ghlan agus gun smal. Tharruing 
na Tebaich clealbh do cheartas gun sùilean, agus gun 
lamhan : oir cha bu choir do Bhreitheamh na meas bhi aca 
air pearsa, no duais a ghabhail. Thug na h-Areopagaich 
breitheanas anns an dorcha; chum nach biodh speis aca 



411 

clo 'n neach a labhair, ach clo'n ni a chaidh a labhairt. Aig 
a' Bhreitheamh so air an righ chaithir, cha bhi meas air 
pearsa seach a cheile ; cha bhi suim aig clo phearsa nam 
beartach, no nam bochcl : ach theid breth chearta a mach 
ann an cìiis na h-nile neach. San àite mu dheireadh, Breith- 
eamh uile-cumhachdach ! comasach air a bhinne chnr an 
gnìomh. Cha bhi uile neart clhiabhuil agus dhroch 
dhaoine comasach air cur 'na aghaibh. Cha 'n urrainn 
dhoibh moille a chur car aon mhionaid air a' bhinn o bhi air 
a' cur an gniomh 'nan aghaidh ; is ro-lugha na sin a 's urr- 
ainn dhoibh bacadh iomlan a chur air. " Tha mìle do mhil- 
tibh (do ainglibh) a' frithealadh dha," Dan. vii. 10. Agus 
le anail a bheòil is urrainn clha an treud malluichte fhuad- 
achadh far an àill leis. 

Sa' chuigeadh dite, Taisbeanaidh gach cuideachd 'na làth 
air. Is iad sin daoine agus diabhuil. Gecl bha na 
cliabhuil, na h-aingle a thuit, o 'n cheucl àm san do pheac- 
aich iad, buailteach clo fhearg Dhè, agus a bha iad air 
an tilgeadh sios do if rinn ; agus c' ait sam bith an 
teid iad, tha iad a' giùlan an ifrinn mu 'n cuairt leo ; 
Gidheadh, tha e soilleir gu bheil iad air an coimhead air 
son breitheanais, (2 Pead. ii. 14.) eadhon, " f a, chomh- 
air breitheanais an là mhòir," Iude 6. Agus ann an sin 
bheirear gu suidhichte agus gu follaiseach breth orra, 
1 Cor. vi. 3. " Nach. 'eil fhios agaibh gu 'n toir sinne breth 
air ainglibh 1 ?" Air an là sin freagraidh iad air son an 
ceaird pheacachaidh agus air son buaireadh gu peacadh; 
a bha iad a' cleachdamh o thoiseach. Ann an sin bithidh 
iomadh leanabh ifrinneil, a chuir Satan aig dorsaibh nan 
naomh, ach ris nach do ghabh iad, air an cur a sios aig 
dorus am fior athar, is e sin, an diabhul : Agus gheibh e 
ceart dhuais na h-uile eas-urrainn a rinn e air Dia, agus gach 
uile olc a rinn e do dhaoine. Na droch spioraicl sin a ta 
nis ann an slabhraidhibh' (ged nach 'eil iad ann an ceangal 
co teann, ach a' dol mu 'n cuairt, mar leòmhain bheucach, 
ag iarraidh co dh' fheudas iacl a sgrios,) gheibh iad an 
sin am binne dheireannach, agus bithiclh iad air an 
glasadh suas 'nan slochd, eadhon ann am priosan ifrinn ; 
far am bi iad air an cumail ann am pian ro mhòr agus do- 
labhairt fad uile-shiorruidheachd ! Taisb. xx. 10. "Agus 
thilgeadh an diabhul a mheall iad, san loch theine agus 
phronnuisc, far am bheil am fiadh-bheathach, agus am 



412 

fàidh-breige, agus bithidh iad air am pianadh a là agus a 
dh' oidhche *'gu saoghal nan saoghal ! " Ann an roimh- 
bheachd air so, thubhairt na diabhuil ri Criosd, an d' 
thainig thu an so g' ar pianadh roimh an am? Mat. viii. 29. 

Ach is e an ni àraidh d' am buin dhuinne aire a thabh- 
airt, staid dhaoine aig an là sin. ; S eigin do na h-uile 
dhaoine taisbeanadh an làthair caithir a' bhreitheanais so. 
Ka h-uile do gach seòrsa, agus do gach aois, do gach gnè 
agus staid, mor agus beag, uasal agus iosal ; cha 'n 'eil neach 
air fhàgail. Adhamh agus Eubha, le 'n uile mhic agus 
nigheana; na h-uile aon aig an robh, no, gu crioch an t- 
saoghail aig am bi anam beo ceangailte ri corp, ni iad 
suas an coimhthional mòr so. Bithidh eadhon iadsan, a 
dhìult teachd gu caithir nan gràs, air an èigineachadh gu 
teachd gu caithir a' cheartais, oir cha bhi folach o 'n 
Bhreitheamh uile-lèirsinneach, no teicheadh uaithe-san a 
ta làthair sna h-uile aite, cha bhi cur 'na aghaidh-san a ta 
sgeudaichte le cumhachd neo-chriochnach ! " Is èigin 
duinn uile bhi air ar nochdadh an lathair caithir-breithean- 
ais Chriosd," " Cruinnichear 'na làthair na h-uile chinn- 
ieh," deir an teagasg. Tha so ri bhi air a deanamh le 
frithealadh aingle : Is ann leo-san a bhitheas na daoine 
taghta air an cruinneachadh, Marc. xiii. 27. " An sin 
cuiridh e aingil a mach, agus crùinnichidh e r'a chèile a 
dhaoine taghta fèin o na ceithir gaothaibh." Agus cruinn- 
ichidh iad mar an ceudna na h-aingidh, Mat. xiii. 40, 41. 
"Is ann mar sin a bhitheas ann an deireadh an t-saoghail 
so. Cuiridh Mac an duine aingiluaith, agus tionailidh iad 
as a rioghachd na h-uile nithe a bheir oilbheum, agus iad- 
san a ta deanamh aingidheachd." uile iomallaibh an t- 
saoghail bithidh an luchd-aiteachaidh air an tional gus an 
àite san suidhich e a righ-chaithir chum breitheanais. 

San t-seathamh àite, Bithidhsgarachdainn air a dhean- 
amh eadar na fìreana agus na h-aingidh ; air clo chuid- 
eachd sgiamhach nan caorach thaghta bhi air an cur air 
deas laimh Chriosd, agus na gabhair a chuireadh air cul 
air a laimh chlì. Cha bhi feum air feitheamh air an sgar- 
achdainn so gus an teid an deuchainn thairis, a chionn 
gu 'n èirich gach seorsa as an uaighibh, le comharaibh 
soilleir sgarachdainn o 'n taobh a mach, mar a rinneadh 
soilleir roimhe. Tha e coslach gu 'm bi an sgarachdainn 
air a dheanamh leis a' chruinneachadh dhubailte sin a dh' 



413 

ainmicheadh roimhe ; aon cliubh do na daoine " taghta," 
Marc. xiii. 27. an aon eile " dhiubhsan a ta deanamh 
aingidheachd," Mat. xiii. 41. Air do na daoine taghta, 
bhi air an togail suas le cheile anns na neulaibh, an còdh- 
ail an Tighearna san athar ! 1 Tes. iv. 17. ; agus mar 
sin a tha air an cur air a laimh dheis ; agus na h-aingidh 
air am fagail air an talamh, Mat. xxv. 40. air laimh chlì 
a' Bhreitheamh. Ann an so a nis tha sgarachdainn iomlan 
eadar dà chuideachd, a bha a ghnàth an aghaidh a cheile, 
'nan ard-chrioch, 'nan rùin, agus 'nan gnè chaithe-beatha ; 
muinntir, an uair a bha iad an comunn a cheile, a bha 'nan 
uallaich do aon a cheile, fuidh an robh aon ag osnaich, 
agus an aon eile gabhail boile ; ach a nis tha iad gu tur 
air an sgarachdainn, gun teachd le cheile gu bràth tuilleadh ! 
Tha 'n t-iarunn agus a' chrè (a ta air an ainmeachadh le 
Daniel ii. 41, 43.) nach b' urrainn bhi air am measgadb, 
air an tur sgarachdainn ; air do 'n aon a bhi air a thogail 
suas do 'n athar, le tarruing èifeachdach " na Cloiche air a 
gearradh a mach as an t-slìabh," eadhon Iosa Criosd ; an 
aon eile air am fagail air an talamh, gu bhi air an saltairt 
fo chosaibh. 

A nis amhairceamaid ris an laimh dheis, agus ann an sin 
chi sin cuideachd ghlòrmhor do naoimh, a' dealradh mar 
choimhlion reulta 'nan cùrsa, agus le gnuis aoibhnich a' dear- 
cadh airsan a ta 'na shuidhe air an righ-chaithir ! Ann an 
so bithidh dà shealladh iongantach nach bu ghnàth leis an 
t-saoghal f haicinn : (1.) Coimhthional mòr do naoimh, 
anns nach 'eil urrad a 's aon chealgair ! Bha Cain fuillteach 
ann an teaghlach Adhaimh, Ham malluichte ann an 
teaghlach JSToah, san airc : Iudas cealgach ann an teagh- 
lach Chriosd f èin : ach anns a' chuideachd sin cha bhi a 
h-aon ach muinntir sheulaichte, buill Chriosd, aig am 
bheil uile aon Athair ! Agus is sealladh so a tha air a 
ghlèidheadh fa chomhair an la sin. (2.) Na daoine diadh- 
aidh uile air aon taobh. Is tearc a gheibhear na naoimh 
air thalamh a' deanamh a leithid do cheòl, as nach bi 
cuid do na teudan as am fonn 'nam measg. Cha 'n fheudar 
a smuaineachadh, gu 'n coird daoine nach 'eil a' faicinn ach 
ann an cuid, ged tha iad uile dol a dh' aon bhaile mu na 
h-uile ceum anns an t-slighe ; cha 'n fheud, cha ruig sinn 
a leas suil a bhi againn ris ann an staid na neo-iomlain- 
eachd so : Ach aig an la sin coinnichidh Paul agus Bar- 



414 

nabas ann an sith agus aonachd, ged bha a' chonspaid co 
dian eatorra, a 's gun do sgaradh o cheile iacì, Gniomh. xv. 
39. Cha bhi ni 's mò roinnean, cha bhi ni's mò seasadh 
air leth, am measg na muinntir sin a bhuinneas do Chriosd. 
Bithidh na daoine diadhaidh do na pairtidhean fa leth, an 
sin air aon taobh, do bhrìgh ciod air bith eadar-dhealachadh 
a bh' aca ann an nithibh a 's lugha, am feadh a ta iad san 
t-saoghal, gidlieadh, eadhon an sin, choinnich, agus chean- 
gail iad uile ri cheile ann an aon Tighearn Iosa Criosd, le 
creidimh fior agus beo, agus anns an aon rathad naomh- 
achd, no cleachdamh na diadhachd. Agus bithidh na 
cealgairean truagh, ciod air bith comunn d' am bheil 
iad, air an treòrachadh a mach le luchd deanamh na h- 
aingidheachd. 

Amhaircibh air an laimh chlì, agus an sin chi sibh na 
gabhair mhalluichte, (na h-aingidh uile o Chain gus an 
aingidh mu dheireadh a bhitheas anns an t-saoghal,) air an 
cruinneachadh r' a cheile ann an aon chiomhthional ro 
thruagh ! Tha iomadh co-chruinneachadh ann do na h-ain- 
gidh a nis ; ann an sin cha bhi ann ach aon. Ach bithidh 
iad uile a làthair an sin, air an toirt le cheile mur threud 
air son marbhaidh, a' buirich agus a' beucaich, a' gul agus 
a' caoidh air son nan truaighean a thàinig, agus a ta gu 
teachd orra. (Agus cuimhnich thusa, nach bi thu a' d' 
fhear-amhairc a mhain air an dà chuicleachd fa leth sin ; 
ach gur eigin duit fein t' àite ghabhail anns an dara aon 
diubh sin, agus gu 'm bi do chuibhrionn agad maille ris a' 
chuideachd cia air bith làmh air am bi thu.) Bitheadh 
iaclsan aig nach 'eil gràin a nis do chomunn sam bith co 
mbr 'sa th' aca do chomunn nan naomh, aoibhneach ann 
an sin ceucl fhaotainn clol a stigh 'nam measg, ged nach 1)' 
ann ach a luidhe aig an cosaibh. Ach ann an sin cha 'n 
fhaighear aon chogul am measg "a' chruithneachd ; 
Glanaidh c gu ro bhaileach ùrlar bualaidh." Bithidh mòr- 
an do dhaoine na laimhe deise an t-saoghail so, 'nan daoine 
na làimhe cli air an la sin ! Bithiclh mòran cl' an èigin 
an dorus agus an làmh dheas fhaotainn o 'n mhuinntir a 's 
fearr na iad fein, (ma tha 'm firean ni's fearr na a choimh- 
earsnach,) air an tionndadh gus an laimh chlì, mar chreut- 
airean ro-shuarach ! cia uamhasach a bhitheas an sgar- 
achclainn so do na h-an-diadhaidh ! cia eagalach a bhitheas 
an cruinneachadh so r' a cheile do aon chuideachd ! An m 



415 

nach 'eil iad a nis a' creidsinn, chi iad an sin, eadhon, 
nach 'eil ach beag air an tearnadh. Tha iad a' smnain- 
eachadh a nis, gur leoir a bhi eosmhuil r' an coimhears- 
naich, agus is urrainn doibh gu socrach a' mhòr-chuid- 
eachd a leantuinn, ach cha toir a' nihòr-chuideachd air 
an laimh chli comhfhurtachd sam bith dhoibh. Cionnus 
a lotas e am fear-aidmheil an-diadhaidh, a bhi 'ga fhaicinn 
fèin air an aon laimh ri Turcaich agus Paganaich ! Cion- 
nus a chuireas e domblas air daoinibh a bhi 'gam faotainn 
fèin 'nan seasamh, Protestanaich mi-naomha maille ri 
Papanaich an iodhol-aoraidh ; sluagh urnuigh maille ri 
an coimhearsnaich mi-naomha, a rinn fanoid air dleasnais 
na diadhachd ; luchd-aidmheil le coslas na diadhachd, a ta 
'nan coigrich do 'n nuadh-bhreith agus do chumhachd na 
diadhachd, maille ri luchd na geur-leanmhuinn ! A nis 
tha niò-ran do chuideachdan a ta 'n aghaidh a cheile anns 
an t-saoghal, ach ann an sin bithidh na h-an-diadhaidh 
uile ann an aon chuideachd ! Agus cia uamhasach a bhith- 
eas aghaidhean nan companach sa' pheacadh do aon a 
cheile an sin ! Cia uamhasach an screadail, 'nuair a 
choinnicheas am fear-striopachais agus a striopach a cheile ! 
'nuair a chi na misgeireau, aig an robh iomadh là gjjeadh- 
nach le cheile, aghaidh a cheile ! 'nuair a rìs a choin- 
nicheas fear agus bean, na parantan agus a' chlann, am 
maighstir agus na seirbhisich, agus na coimhearsnaich, a 
bha 'nan ribeachaibh agus 'nan ceapa-tiìislidh d' a cheile, gu 
sgrios an anama fèin, agus anama an luchd-daimh, anns a' 
chomunn thruagh sin ! An sin bithibh mallachdan an 
àite failltean ; agus iad gan reubadh fèin, agus ag las- 
adh le corruich an aghaidh a cheile, an àite mar bu ghnàth 
leo bhi pògadh agus a' crathadh lamh ri cheile. 

San t-seachdamh àite, Eithidh gach cuideachd air am 
feuchainn. Cha 'n fheud an deuchainn a bhi doilich, a 
chionn gu 'm bheil am Breitheamh uile-fhiosrach, agus 
cha 'n fheud ni sam bith a bhi air fholach uaithe. Ach, a 
chum gu 'm biodh a bhreitheanas air a dheanamh follais- 
each do gach uile, cuiridh e nithe an dorachadais anns an 
t-solus a 's soilleire aig an deuchainn sin, 1 Cor. iv. 5. 

Feuchar daoine, Air tùs, air an oibribh ; oir "bheir 
Dia gach obair chuni breitheanais, maille ris gach ni diomh- 
air, ma 's maith, no ma 's olc e," Ecles. xii. 14. Feuch- 
aidh am Breitheamh caithe-beatha gach neach, agus cuir- 



416 

idh e ghniomhara a rinn e anns a' chorp, leis na h- 
nile nithibh a bha 'nan co-chuideachd, ann an solus fior. 
An sin bithidh iomadh gniomhara bha air an cliùdh- 
achadh agus air am moladh le daoinibh, mar ghniomhara 
maith agus cothromach, air an nochdadh gu 'n robh iad 
olc agus graineil ann an sealladh Dhè ; agus iomadh oibre 
a ta nis air an dìteadh leis an t-saoghal, bithidh iad an sin 
air an aideachadh agus air cliùdhachadh leis a' Bhreitheamh 
mhòr, mar ghniomhara maith agus ceart. Bheirear nithe 
diomhair gu solus; agus bithidh na nithe a bha fol- 
aichte o shealladh an t-saoghail, air an deanamh follais- 
each. Bithidh ann an sin an aingidheachd, a ghleidh a 
h-àite folaich, a dh' aindeoin uile rannsachaidh dhaoine, 
air a dheanamh follaiseach a chum glòir Dhè, agus nàire 
pheacach neo-aithreachail a dh' fholaich i. Tha 'n saogh- 
al a nis a' taisbeanadh gle ghraineil, ann an sùilibh na 
muinntir a ta air an cleachdamh ri diadhachd ; ach an 
sin taisbeanar e mìle uair ni 's graineile, 'nuair a bhitheas 
na nithe sin a ta air an deanamh le daoine ann an uaig- 
neas, air teachd gu bhi air am foillseachadh ! Bithidh na 
h-uile gniomh maith ann an sin air a chuimhneachadh ; 
agus cha bhi an diadhachd fholaichte agus na deadh oibre, 
a bha gu ro-dhichiollach air an cleth leis na naoimh o shùil- 
ibh dhaoine, ni 's mò 'nan luidhe am folach : Oir, ged nach 
'eil an Tighearn a' ceadachadh do dhaoinibh a bhi deanamh 
follaiseach am maitheas fein ; gidheadh ni e fèin ann an àm 
iomchuidh e. San dara àite, Bheirear breth air am briath- 
raibh, Mat. xii. 37. " Oir, is ann à t' fhoclaibh a shaorar 
thu, agus is ann à t' fhoclaibh a dhìtear thu." Cha 'n 'eil 
aon fhocal a chaidh a labhairt air son Dhè, agus air son 
aobhair anns an t-saoghal, o ghaol da fèin a bhitheas air 
a dhì-chuimhneachach : Tha iad uile air an cumail air 
chuimhne, agus bithidh iad air an taisbeanadh mar dhear- 
bhaidhean air creidimh, agus air coir ann an Criosd, Mal. 
iii. 16, 17. " An sin labhair iadsan air robh eagal an 
Tighearn, gach aon gu tric ri cheile, agus dh' eisd an 
Tighearna agus chual e, agus bha leabhar cuimhne air a 
sgriobhadh 'na làthair. Bithidh iad leamsa,, deir Tighearna 
nan sluagh anns an là sin anns an dean mi suas mo sheud- 
an." Agus an teanga, a labhair gun srian, aidichidh i an 
sin do Dhia ; agus mothaichidh am fear-labhairt gu 'n robh 



417 

i air a leantuinn, agus gu' robh na h-uile focal a thuit 
o bilibh mi-naomha air an cur sios : " Bheir daoine 
cunntas ann an la a' bhreitheanais air son gach focail 
dhiomhain a labhras iad," Mat. xii. 36. Agus ma bheir 
iad cunntas air son gach focail dhiomhain, is e sin, focail 
nach do labhradh gu feum maith, nach robh aon chuid chum 
glòir Dhè, maith neach f èin, no maith a choimhearsnaich ; 
cia mò gu mòr a bhios briathra aingidh dhaoine, am 
mionna peacach, am mallachadh, am breugan, an cainnt 
shalach, agus am focail shearbh, air an aithris a rìs air an 
la sin'? Tuitidh teanga mhòran orra fèin, agus sgriosaidh 
siad iad. San treas àite, Bheirear smuaintean dhaoine 
chum bhreitheanais : Ni am Breitheamh soilleir rùin nan 
cridheachan, 2 Cor. iv. 5. Theid smuaintean as saor o 
breitheanas duine, ach cha teid iad as o bhreitheanas 
an Dia a rannsuicheas an cridhe, d' an aithne smuainte 
dhaoine, gun chòmhnadh o chomharain chum am faicinn. 
Bithidh na criocha dìomhair o an do shruth gnìomh- 
ara dhaoine air an tabhairt gu soillse an sin ; agus na 
peacanna nach d' thainig riamh ni b' fhaidena 'n cridhe 
an sin air an deanamh follaiseach. ciod an taisbean a 
ni nàdur truaillidh an duine, 'nuair a bhitheas a thaobh a 
stigh air a thionndadh a mach, agus uile neoghloin a 
chridhe air an rusgadh ! Bithidh iomaidh uaigh ghealaichte, 
do neoghloine agus do ana-miannaibh feòlmhor, am mort 
agus an naimhdeas a ta nis air an cleith ann an cridheachan 
dhaoine, mar ann an seòrnar na h-iomhaigheachd, air an 
tabhairt an sin gu solus ; agus cha bhi maith sam bith a 
bha ann an cridhe aon neach ni 's faìdhe 'na luidhe an cleith. 
Ma bha e 'nan cridheachaibh tigh a thogail do 'n Tighearna, 
cluinnidh iad, gu 'n d' rinn iad gu maith gun robh e 'nan 
cridhe. 

Bithidh an deuchainn so firinneach agus gun leth-bhreth 
ceart agus mìn, soilleir agus dearbhta. Is e am Breith- 
eamh am Breitheamh firinneach, agus ni e ceartas ris na 
h-uile neach. Tha meidh chothromach aige airson ghniomh- 
ara maith agus olc, agus air son chridheachan trèibhdhir- 
each agus mealltach. Bithidh comhdach duilleach fìge na 
cealgaireachd an sin air a sèideadh a thaobh, agus taisbean- 
aidh lomnochduidh a' chealgair; mar an uair a thàinig an 
Tighearna a thoirt breth air Adhamh agus Eeuba, ann am 
fionnuaireachd (no, mar a tha 'm focal a' ciallachadh, ann 

2d 



418 

an gaoitli) an là, Gen. iii. 8. "Dearbhaidh an teine (a 
dhearbhàs nitlie gu ro gheur) obair gach aon, ciod is gnè 
dhi," 1 Cor. iii. 13. Tha breitheanas duine gu tric iom- 
cheisteach troimh chèile ; an so bithidh a' chùis gu leir 
soilleir agus dearbhta, mar gu'm biodh e air a sgriobhadh 
le gath-grèine. Bithidh e soilleir do 'n Ehreitheamh, do 
nach f eud cùis sam bith a bhi dorcha ; do na cuideachdan 
a bhios air am fagail ris, Iude 15. Agus chi na slòigh, 
air an dà thaobh, gu bheil am Breitheamh "glan an uair a 
bheir e breth : " oir, an sin " cuiridh na nèamhan an cèill a 
cheartas," ann an èisdeachd an t-saoghail uile ! agus mar 
sin bithidh e air aithneachadh leis gach uile, Salm L. 6. 

Is ann air na h-aobhair sin a ta e, gu bheil an deuchainn 
so air a cumail a mach anns na Sgriobtuir fuidh bheachd 
fosglaidh leabhraichean ; agus a deirear mu dhaoine ' gu 
toirear "breth orra as na nithibh sin a bha sgriòbhta sna 
leabhraichean," Taisb. xx. 12. Cha 'n 'eil feum aig Breith- 
eamh an t-saoghail, d' an aithne gu firinneach na h-uile 
nithe gu 'n biodh leabhraichean air an cur 'na làthair air 
eagal mearachd ann am puinc sam bith do lagh no do 
ghnìomh ; ach tha 'm focal a' nochdadh gu 'm bi a dhean- 
adasan, mar ni bhios ro-dheas, soilleir, ceart, agus air a 
dheadh stèidheachaclh, anns gach ceum dheth. A nis, tha 
ceithir leabhraichean a bhios air am fosgladh air an là sin. 

Air tùs, Leabhar cuimhneachan, no uil'fhiosrachd Dhè, 
Mal. iii. 19. 'Se so cuimhne bheachdaidh a chumail air 
staid gach duine, air smuaintibh, briathraibh agus gnìomh- 
araibh, maith agus olc : Tha e mar gu b' ann, 'na leabh- 
ar, anns am bheil an Tighearna a' cur sìos gach ni a 
theid thairis ann an cridheachaibh, ann am bilibh, agus ann 
an caithe-beatha dhaoine ; agus tha e a' lìonadh suas na h- 
uile la do bheatha an duine. Anns an leabhar so tha air 
a chur sios peacanna dhaoine, agus an oibre maithe, uaig- 
neach agus follaiseach leis gach ni bha 'nan comh-chuid- 
eachd. Ann an so tha cuimhne air a cumail air an uile 
shochairean, tròcairean, aimsireil agus spioradail, a bha 
uaireigin, air an cur 'nan laimh, gach bacadh, gach comh- 
airle, agus gach achmhasan, a bh' air an tabhairt le luchd- 
teagaisg, le coimhearsnach, le trioblaidibh, agus le cog- 
uisibh dhaoine fèin ; gach ni 'na òrdugh fèin. Bithidh an 
leabhar so 'na chùis chasaid a mhàin, an aghaidh nan ain- 
gidh; ach bithidh feum eile ann, a thaobh nan naomh, 



419 

eaclhon mar chuimhneachan air am maith. Is e bhi 'ga 
fhosgladh, am Breitheamh a bhi toirt gu solus na nithe a ta 
sgriobhta ann; a bhi leughadh, mar gu b' ann a' chùis- 
chasaid agus an cuimhneachan fa leth, 'nan eisdeachd. 

San dara àite, Theid leabhar na coguis fhosgladh, agus 
bithidh e mar mhìle fianuis a dhearbhadh a' ghniomh, Rom. 
ii. 15. "A ta nochdadh obair an lagha sgriobhta 'nan 
cridheachaibh, air bhi d' an coguis a dheanamh fìanuis leo." 
Tha choguis 'na fear-cunntais a' dol leis na h-uile duine 
ciod air bith àit an teid e, a gabhail cunntais d'a ghniomh- 
araibh a rinn e anns a' chorpa, agus, mar gu b' ann, 'gan 
cur sios ann an leabhar ; ni air dha bhi air fhosgladh, 
gheibhear comh-fhreagarach ris an leabhar eile, co 
fad 'sa tha e deanamh iomradh air staid agus cor neach 
fèin. Tha moran air a sgriobhadh anu, nach fheudar 
a leughadh san àm so ; air do sgriobhadh na coguis a bhi 
ann an iomadh cor, cosmhuil ris a sin a ta air a sgriobhadh 
le sùgh mheasan, cha leughar e gus an cuirear mu choinn- 
eadh an teine e ; ach ann an sin leughaidh daoine gu 
soilleir agus gu deas e : Ni an teine a dhearbhas obair 
gach duine, leabhar na coguis so-leughadh anns na h-uile 
puinc. Ged tha 'n leabhar air a sheulachadh a nis, (air 
do 'n choguis a bhi dall, balbh, agus bodhar,) bithidh na 
seulachan ann an sin air am briseadh, agus fosgailear an 
leabhar. Cha bhi ni 's mò coguis lag no aineolach 'nam 
measg-san a ta air an laimh dheis, no iadsan a ta air an 
laimh chlì. Cha bhi coguis thosdach, no idir coguis loisgte 
measg na cuideachd an-diadhaidh ; ach bithidh an coguis ro 
gheur-shuileach, agus ro bheothail, anns an là sin. Cha 'n 
abair neach an sin maith ri olc, no olc ri maith. Cha bhi 
aig aineolas mu ciod a ta 'na pheacadh, agus mu na nithibh 
a ta 'nam peacadh, àite 'nam measg : agus bithidh reuson- 
achadh carthach dhaoine, ann an leithsgeul an ana-mianna, 
ann an sin gu bràth air an cur gu h-amhluadh le'n coguis- 
ean fèin. Cha bhi cead aig neach luidh, (ma dh' fheudas 
mi sin a ràdh,) fo chomhdach mìn a' mheallaidh; ach 
bithidh iad uile air an leigeadh ris le 'n coguisibh fein. Co 
achd is àill, no nach àill leò, amhaircidh iad air an leabhar 
so, leughaidh agus bithidh iad air an nàrachadh, agus seas- 
aiclh iad tosdach, air dhoibh fios a bhi aca nach 'eil ni air a 
chur as an leth gu mearachclach ; a chionn gur leabhar 
so a bha a ghnàth air an siubhàl fèin. Mar so bheir am 



420 

Breitheamli air na h-uile duine e fèin fhaicinn ann an 
sgàthan a' choguis, a ni obair aithgearr. 

San treas àite, Fosgailear leabhar an lagha. 'Se an 
leabhar an t-ughdarras agus an riaghailt, leis an aithnich- 
ear ciod a ta ceart, agus ciod a ta mearachdach ; is mar an 
ceudna ciod a bhinn da rèir sin a bheirear orrasan a ta 
fuidhe. A thaobh fosglaidh an leabhair so, sa' chuid 
deth sam bheil an lagh air a chur sios, a ta nochdadh ciod 
e peacadh, agus ciod e dleasnas; tha e teachd a steach le 
fosgladh leabhair na coguis. Oir tha coguis air a cur suas 
le àrd Fhear-tabhairt an iagha, ann an uchd na h-uile 
duine, gu bhi 'na fear-teagaisg diomhair, a cho-chur an 
lagha dha; anns na buachaille diomhair, a cho-chur an 
lagha cheudna ris : agus, aig an là sin, bithidh i làn chomas- 
ach air son a dreuchd ; air chor as gun leugh a' choguis a's 
neo-mhothachaile a nis, an sin do 'n duine, searmoine ro 
shoilleir ach ro uamhasach air an lagh ! Ach is e an ni 
a ta gu ro àiridh air a chomharrachadh a mach le fosgladh 
na cuid sin do'n leabhar so, an ni sin a chomharraicheas duais 
oibre dhaoine. Nis, tha 'n lagh a' gealltuinn beatha, air son 
ùmhlachd iomlan : ach cha 'n f haighear aon, air an laimh 
dheis no chlì, a ghabhas sin orra fèin, aon uair is gu bheil 
leabhar na coguis air fhosgiadh. Tha e bagradh bàis air 
son eas-ùmhlachd ; agus bheir e gu h-eifeachdach e air na 
h-uile a ta fuidh uachdaranachd. Agus tha chuid so do 
leabhar an lagha, a ta 'g òrduchadh duais an oibre do 
dhaoine, a mhàin air fhosgladh a nochdadh ciod a' chuibh- 
roinn a's èigin a bhi aig na h-an-diadhaidh ; agus a chum 
ann an sin gu 'm feud iad am binn a leughadh mu 'n 
toirear a mach ì. Ach cha 'n 'eil e air fhosgladh air son 
binn nan naomh; oir cha 'n fheudadh binn shaoraidh a' 
pheacaich, a bhi gu bràth air a tharruing a mach as an 
leabhar sin. Tha 'n lagh a' gealltuinn beatha, cha 'n ann 
mar a tha e 'na riaghailt do ghniomhara, ach mar choimh- 
cheangal ; agus air an aobhar sin, cha b' urrainn duine 
neochiontach beatha agradh air son, umhlachd, gus am 
biodh an lagh a rìs air a chur mar a nochdadh roimhe. 
Ach air don a naoimh, a bhi anns a' bheatha so, air an 
toirt fuidh nuadh choimhcheangal, eadhon coimhchean- 
gal nan gràs, bha iad marbh do 'n lagh, mar choimhchean- 
gal oibre, agus bha 'n lagh sin marbh dhoibhsan. Air 
an aobhar sin, mar nach bi eagal bàis aca uaithe, a chionn 



421 

nach 'eil iad fuidh 'n lagh, ach fuidh ghràs, Kom. vi. 14. 
Ach, air son ani binne, fosgailear leabhar eile ; mu 'n 
labhair sinn san àite a 's faigse. 

Mar so tba leabhar an lagha air fhosgladh air son na 
binne a ta 'n aghaidh na muinntir sin uile a ta air an laimh 
chlì: Agus le sin chi iad gu soilleir ceartas a' bhreith- 
eanais 'nan aghaidh, agus mar tha 'm Breitheamh a' dol air 
aghaidh ann a reir lagha. Gidheadh bithidh ann t-eadar- 
dhealachadh so ann, eadhon, gu 'n teid breth a thoirt 
orra-san aig nach robh ach lagh an nàduir, agus nach robh 
fuidh fhoillseachadh àraidh sam bith, leis an lagh nàduir 
sin a bh' aca 'nan cridheachaibh : Lagh a tha taisbeanadh, 
"Gu 'm bheil iadsan a ni an leithide sin do nithibh" (mar 
a sheasas iad air an leigeadh ris) " toillteanach air bàs." 
Eom. i. 32. Ach bheirear breth orra-san, aig an robh an 
lagh sgrìobhta, chum an d' thainig focal Dhè, mar a chaidh 
fhuaim a mach san eaglais fhaicsinnich, leis an lagh 
sgriobhta sin. Mar sin a deir an t-Abstol, Eom. ii. 12. 
" Oir a mheud 'sa pheacaich gun an lagh (sgriobhta,) 
sgriosar iad gun an lagh (sgrìobhta ;) agus a mheud 'sa 
pheacaich fuidh 'n lagh, (is e sin, fuidh 'n lagh sgrìobhta,) 
dìtear iad leis an lagh," (sgrìobhta.) 

San àite mu dheireadh, "Eosgailear leabhar eile, eadhon 
leabhar na beatha," Taisb. xx. 12. Anns an leabhar so, 
tha ainmean nan daoine taghta uile sgrìobhta, mar a